[201]

[Vol . 8. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 5, 1900. No. 26.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. I.

O chionn iomadh bliadhna bha bàta beag air a turus as na h-Eileanan an Iar, le luchd uighean, gu ruige Glasacho. Air feasgar Diardaoin, rainig i Canaidh, agus on a bhan oidhche coltach ri bhith dorcha, agus aghaoth an ceann, chan fhaca an sgiobadh agus an luchd-turuis a bhair bòrd dad a biomchuidhe na fuireach ann an acarsaid Chanaidh gus an rachadh an t-sìde ni bfhearr.

Gu math mochs amhadainn Di-sathairne, on a bhan iarmailt glan, agus an t-sìde ciùin, briagha, rinn an sgiobadh deiseil gu falbh; oir bha iad an dùil aig an àm gu ruigeadh iad Tobar Mhuire mum fàsadh am feasgar dorcha. Ged a bha gach aon a bhair bòrd glé thoileach falbh á Canaidh, bha car de dhamhrus air cuid diubh nach seasadh an latha aig sìde bhriagha gu h-oidhche. Bha ceathrar de luchd-turuis air bòrd, agus o nach robh aca so ach fìor bheagan eòlais air seòladaireachd, agus air na cunnartan troimh an robh aig luchd-falbh na mara ri dhol, be dhol air aghart a bfhearr leotha; ach air a shon sin, cha do ghabh iad orra fhein comhairle sam bith a thoirt air an sgiobair, no air an sgiobadh.

An uair a bha iad afuasgladh o thir, thàinig dithis de mhuinntir Chanaidh a nuas thun achladaich far an robh iad, agus thuirt fear dhiubh, “Is e mo chomhairle dhuibh, ’fheara, nan gabhadh sibh i, gun charachadh as an acarsaid an diugh fhathast. Thamhadainn ciùin, briagha, gun teagamh; ach chan ann mar sin as fhearr mo bharail fhein air an latha. Cha chuimhne leam madainn cho fìor shoilleir so fhaicinn riamh gun tuaireapachd fhaicinn mun dorchnaicheadh an oidhche. Chaneil barail sam bith agam gu seas an latha, agus cha mhò a tha mòr-earbsadh agam as abhàta. Tha i tuilleadh is trom agaibh. Ma thig a bheag as fhiach de ghluasad air an fhairge, tha eagal orm gun teid am bàta don ghrunnd for casan. Nan robh tunna ni bu lugha de luchd agaibh innte, sheasadh i gu math ann an droch fhairge; ach tha i tuilleadh is trom agaibh. A bharrachd air sin, than seòl-mòr ag amharc glé bhreoite. Bheireadh aon oiteag mhath a thigeadh o Sgurr Eigen a stiallan as a chéile e. Ma shracas an seòl-mòr oirbh ann an droch fhairge, cha toir sibh tìr am mach beò gu bràth. Gabhaibh mo chomhairle, agus fanaibh far am bheil sibh gu Diluain.”

Cha do chòrd achomhairle so ri duine de na bhair bòrd. Bha an sgiobair agus an sgiobadh asmaointean gum baithne dhaibh fhein comharraidhean na sìde mhath agus na droch shìde cho math ri mac màthar a rugadhs a thogadh riamh ann an Canaidh. Car son idir, bha iad asmaointean, a ghabhadh iad comhairle duine sam bith, an uair a bha iad fhein a cheart cho eòlach air gach a bhuineadh do sheoladh ri duine sam bith? Nach robh iad afalbh as an Eilean Fhada, air a chuid bu lugha, aon uairs abhliadhna, agus a ruighinn Ghlasacho gu sabhailte? Cha robh port no acarsaid anns an astar gu léir [ ? ] robh iad cho eòlachs [ ? ] iad a steach ann air dubh [ ? ] mheadhon oidhche. Car son a bhiodh de dhànadas aig duine sam bith a radh riutha nach baithne dhaibh cia mar bu chòir dhaibh an gnothuichean a dheanamh?

Cha dubhairt duine riutha nach baithne dhaibh cia mar bu chòir dhaibh an gnothaichean a dheanamh. Ach thug an duine còir, tuigseach a bhabruidhinn riutha comhairle na còrach orra; agus mar is minic a thachair, cha be taghadh na tainge a fhuair e.

Bha an luchd-turuis a cheart cho mi thoilichte ris an sgiobair, agus ris an sgiobadh; ach cha bann air son an aon aobhair. Cha do ghabh a h-aon aca riamh turuis-cuain do Ghlasacho, no do dhaite eile, air bàta beag no mòr; agus mar sin, cha robh eòlas sam bith aca air na cunnartan a bha daoine aruith, an uair a bha iad afalbh á Eileanan iomallach na Gàidhealtachd gu ruige Grianaig is Glasacho, ann am bàtaichean beaga fosgailte nach tugadh leotha de luchd ach eadar còig is deich tunna. An uair a chuala iad gun tugadh aon oiteag mhath a thigeadh o Sgurr Eige, an seòl-mòrn a stiallan as a chéile, ghabh iad an t-eagal. Cha robh de mhisnich aca na theireadh aon fhacal ris an sgiobair, an uair a chunnaic iad mar a chuir comhairle an duine chòir eile cho mòr bhar a shiùil e. Mur be gu robh iad an déis a dhol air bòrd mun cuala iad na briathran a thuirt an duine còir a thàinig thun achladaich a dhaon ghnothach a thoirt comhairle air an sgiobair, is dòcha gu robh iad gun dol air bòrd fhathast.

Mar a tha am facal ag ràdh, “An rud a bhiossan dàn, tachraidh e.” Thog iad na siùil gun dàil, agus dhfhalbh iad á acarsaid Chanaidh, le soirbheas cho fàbharrachs a dhiarradh iad. Bha aghaoth on iar, agus ged nach robh i làidir aig an àm, bha i cunnabhallach gu leòr. Bhan iarmailt gu math soilleir, ach beagan den àird-an-iar, far an robh staca de neòil thiugha, dhlùtha, dhorcha, a bha glé fhadair falbh.

Bha Niall Ruadhbe sin ainm an sgiobair— ’n a shuidhe aig an stiùirs a chùl ri marannan; agus on a bha e gu nàdarra cho fadan a bharail fhein ri mac màthar a sheas riamh ann am bròig leathar, thog e a cheann agus thuirt e:— “A dhaindeoin co theireadh e, bidh sinn ann an Tobar Mhuire mun tuit an oidhche, ma sheasas an soirbheas mar a tha e. Ged nacheil an soirbheas laidir, tha e glé chunnabhallach.”

Mol an latha math air a dheireadh,” arsa fear den sgiobadh.

Faodar a radh an so, nach robh ach triuir aseoladh a bhàtaan sgiobair, am fear leis am bu leis am bàta, agus dithis eile.

Na bi thusa acur facail a steach ann an nach buin duit,” arsa Niall Ruadh. “Ciod e an t-eòlas a thagadsa air marachd; duine nach deachaidh ni bfhaide o thir na na boghannan dearga? Chaneil fhios agam an dràinig thu na boghannan dearga fhein riamh. Na gabh ort fhein teannadh ri bruidhinn riumsa, a chaidh deich uairean timchioll an Rudha Mhurchannaich. Chaneil fhios agam nach deachaidh mi uair no dhà seachad air an Rudha Mhurchannach mun drugadh tu.”

Tha mi coma co dhiubh, no co aca,” arsam fear den sgiobadh a labhair. “Tha shùil agamsa cho maths a thagad fhein, agus faodaidh mi beachd a ghabhail air gach a chì agus a chluinneas mi cho math riut fhein, no ri fear sam bith eile.”

Gabh mo chomhairle, a laochain, agus na abair an corr riumsa. Ma chluinneas mise fhacal eile as do bheul, bheir mi dhut am falmadair ann an toll na cluaise, agus bidh cuimhne agad air, lathas fhaide am mach nan lathan diugh,” arsan sgiobair.

An uair a chuala na bhair bòrd na briathran so a labhair an sgiobair, bha iad uilenan tosd. Bha fhios aca, ged a bhan sgiobairna dheadh sheoladair, nach robh ann ach am fìor bhuamastair, an uair a bhiodh a nàdar air a bhrosnachadh. Air an aobhar sin, cha dubhairt fear seach fear de na bhair bòrd aon fhacal gu ceann greis mhath.

Anns an àm, thoisich aghaoth ri tuiteam. An ceann ùine ghoirid, is gann gu robh deò ann. Bha am bun tiugh, dubh, a bhanns an àird-an-iar asìor fhàs mòr, agus bha buaile afàs timchioll air a ghréin. Thug an sgiobair an aire glé mhath do na nithean so; ach cha do leig e dad air. Mu dheireadh, cha robh en comas dhaibh a dheanamh am mach con taobh a bhaghaoth. Bha gluasad mòr air an fhairge, agus [ ? ] na siùil a glagadaich ris a’ ch[ ? ] gus bham bàtaturraman anns an fhairge.

An dean sibh am mach con taobh a thaghaoth?” arsan sgiobair.

An uair a bhios aghaoth air chall, iarr a deas i,” arsam fear a labhair roimhe.

Bha e aig an àmn a shuidhe ann an toiseach abhàta, agus bha fhios aige, ged a theireadh e facail nach còrdadh ris an sgiobair, nach robh ena chomas cron sam bith a dheanamh air. Thug so air a bhith ni bu dàine gu labhairt na bhiodh e, nan do thachair dhabhithn a shuidhe faisge air deireadh abhàta.

Dùin thusa do bheul,” arsan sgiobair. “Ma shéideas i on deas, cha bhi againn ach tilleadh don challa as an dfhalbh sinn.”

Sin ri ràdh, ma bheir sinn am mach an calla as an dfhalbh sinn. Chi sinn cia mar a bhios cùisean eadar so is tràth suipearach. Mar a than seanfhacal ag ràdh, ‘Is math an sgiobair a bheir am mach an calla as an dfhalbh e, ’” arsam fear abarta a bhalabhairt.

Nach dubhairt mi riut,” arsan sgiobair, “gum bfhearr dhut do bheul a chumail samhach? Ge be air bith co a bhàthar cha bhàthar thusa. Mureil mise air mo mhealladh, gheibh thusa co dhiubh bàs as nàire agus masladh na bhith air do bhàthadh. Am fear don dual achroich, cha bhàthar gu bràth e.”



[202]

[Vol . 8. No. 26. p. 2]

Cha robh fear seach fear de na fir eile a bha air bòrd atuigsinn car son a bhan sgiobair cho frithir ris an fhear a bhana shuidhe ann an toiseach abhàta. Mar bu mhò a smaoinicheadh iad air na briathran a labhair e, is ann bu mho a bha iad afaicinn nach robh aobhar air an t-saoghal aig an sgiobair a bhith cho cas agus cho frithir riss a bha e. Ach ged nach do thuig iadsan e, chuir am fear a thug comhairle orra gun falbh á acarsaid Chanaidh inntinn an sgiobair car beag air aimhreit; agus an uair a thuig e gu robh an latha air thuar fàs glé fhiadhaich, dhfhas e cas. Dhfheumadh e a dhroch nàdar a leigeadh ris air aon dòigh no dòigh elle. Tha so atachairt gu tric air muirs air tir.

Ann an ùine ghoirid, bheothaich aghaoth gu math on deass on earra-dheas. Bha am bàta aig an àm corr is leitheach astair eadar Canaidh is Rùm. Bha i gu math gu seòladh, agus ged a bha iad abeiteadh an aghaidh na gaoithe, bha icur deagh astarna déigh. Bha iad uile ann an rud-eiginn de dhòchas gu rachadh aca air Eige no Arasaig a thoirt am mach mun dorchnaicheadh an oidhche. Ach bhaghaoth abeothachadh gus mu dheireadh am bfheudar dhaibh beagadh air an aodach.

A dhaindeoin cho maths gu robh an sgiobair gu stiùireadhagus feumar a ràdh gun robh ena stiùireamaiche cho math [ ? ] gheibhteadh rilathas rilinn anns na h-eileananbha corra thonn abristeadh a steach air guala an fhuaraidh aice. Bhaghaoth atighinnna h-osnaichean, agus gu math tric an uair a laidheadh i thairis leis an oiteig, bhiodh an fhairge as cionn abheoil aice air taobh an fhasgaidh. Mu dheireadh, bfheudar tòiseachadh ri taomadh. Cha robh sin furasda; oir cha robh àite na tuime ach cumhang gu leòr.

Bhaghaoth, mar a bha i beothachadh, asìor theannadh suas ris an earra-dheas. Bha i cho direach an ceanns nach robh am bàta adeanamh aghartas mòr sam bith. Ged a bha toil aig an sgiobair tilleadh air ais gu ruige Canaidh, bha eagal air gun tigeadh muir-cùil orra an àm dha bhithg a toirt mun cuairt. Mu dheireadh, an uair a thainig rud beag de bhalbhadh air aghaoith, thug e mun cuairt i; ach ma thug cha bann gun chunnart.

(Ri leantuinn.)


Is e an t-Athair neamhaidh moran as mo curam umad na thu fhein, agus cha chum e ni sam bith uat ach ni a dheanamh cron dut nam faigheadh tu e.

Tha Dia anochdadh a ghraidh dhuinn le bhith diultadh cuid do nithean dhuinn a cheart cho maths a tha eg a nochdadh le bhithtoirt dhuinn nithean eile.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XLVIII.

AR TURUS GU DEMERARA.

Dhfhalbh sinn ann an soilleireachadh an latha, agus sinn lan armaichte. Bha biodag air cliathaich gach fir dhinn, agus bha daga am fear againn am falach fo ar sgiorplach. A bharrachd air so, bha gunna aig gach fear dhinn a mharbhadh creutair sam bith le peilleir ann an ceud slat a dhastar. Bha deadh each am fear againn, agus bha earran mhath dhe ar cuid oir againn ann am pocannan an crochadh air ar beulaobh air gach taobh dhen diollaid. Bhachuid eile dheth air fhuaghalnar cuid aodaich; oir cha robh fhios againn ciod a thachradh dhuinn air ar turus.

Bha sinn ann gu leir, coignear air fhichead. Bha coltas garg gu leor oirnn, agus tha micreidsinn nach biomaid fadacur aireamh mhath de dhaoine calma gu talamh, nas lugha na bhiodh iad gu math armaichte. Bha sinn uile air ar cruadhachadh leis na bha sinn afaicinns achluinntinn fad iomadh latha. Cha robh guth no iomradh ri chluinntinn mu thimchioll an ath shaoghail. Bha sinn uile air ar lionadh le ro-churam an t-saoghail so, agus mealltaireachd beairteis. Agus bu mho gu mor a bha na bhagainn a dhor acur a dhiminidh oirnn na bha staid n-anamannan.

Chuir sinn astar mhathnar deigh an lathud. Agus an uair a thainig an oidhche oirnn, chuir sinn romhainn, on a bhaghealach na h-airde agus an iarmailt gun aon sgoth, gun gabhamaid air ar n-aghart, cho luaths a leigeamaid ar n-anail gu math.

Fhads a bha sinn a leigeadh ar n-analach, bha sinn a cur ar comhairle ri cheile mu dheidhinn an rathad bu choir dhuinn a ghabhail. Be an rathad a bhadol troimhn Bhealach Gharbh, eadar an da bheinn, moran bu fhreagarraiche oirnn anns gach doigh. Bha e na bfhasa choiseachd, agus bha e na baithghearra. Cha robh eolas sam bith againn air an rathad ud; ach bha Daniel agus na fir a bhana chuideachd eolach gu leor air. An deigh dhuinn a bhith greis mhath acomhradh mun chuis, shuidhich sinn nach gabhamaid rathad a Bhealaich Ghairbh idir. Bha amhrus laidir againn gum faodadh buidheann dhe na dhfhag sinnnar deigh torachd a dheanamh oirnn, agus ar cur gu bas anns aBhealach. Agus, air eagal an cothrom so a thoirt dhaibh, chuir sinn ar n-aghaidh air an aird adeas.

Ged a bhan oidhche gle shoilleir cha robh sinn a deanamh moran astair. Bha eagal oirnn gun tachradh nathraichean ruinn, no creutairean eile a dhfhaodadh eagal a chur oirnn fhein, no air na h-eich. Nan gabhadh feadhainn dhe na h-eich sgaoim anns an aite ud, dhfhaodadh iad ar leagadh; agus ge be fear dhinn a gheibheadh leagadh anns an aite ud, bu mhath an ni dha mur rachadh a chnamhan a bhristeadh. Mu dheireadh, an uair a thachair aite freagarrach ruinn, leig sinn as na h-eich air di-leum, agus chuir sinn seachad anns an aite ud na bha romhainn dhe an oidhchecuid dhinnnar cadal, agus cuid dhinnnar dusgadhmar a bha cuisean afreagairt dhuinn.

Ann an soilleireachadh an latha rinn sinn deiseil gu gabhail air ar n-aghart. An uair a dheirich a ghrian gu math ard, rinn sinn stad aig iomall na coille far an robh sinn gus teas an latha chur seachad, agus biadh is tamh a ghabhail a chum gum biomaid gu laidir, urail air son astar math a churnar deigh an uair a thigeadh fionnarachd an fheasgair. An aite fois a ghabhail mar a rinn cach, thog Balso air, agus fear mor, colgarra dhe na daoine a bha ann an cuideachd Dhaniel, agus dhfhalbh iad a ghabhail seallaidh air an aite a bha romhainn, a chum gum biodh e na bu chomasaiche dhuinn ar rathad a dheanamh troimhn fhasach. Bha iad cho fada gun tilleadhs gur ann a bha eagal oirnn guu deirich beud dhaibh. Mu dheireadh thainig iad, agus dhinnis Balso dhuinn gun robh e lan chinnteach nach rachamaid ceum iomrall air an t-slighe dhachaidh, nan leigeamaid leisan a bhithgar treorachadh. Dhinnis e dhuinn mar an ceudna [ ? ] an leis an robh e ag ai[ ? ] cur an fhearainn troimhn dthainig sinn air ar turus a Demerara? Bha fhios againne gun robh Balsona duine cho geurchuiseach, agus beachdaidhs a thachair riamh ruinn; agus an uair a chuir sinn ar comhairle richeile, smaoinich sinn gum biodh e pailt cho sabhailte dhuinn gabhail troimhn fhasach air achoischeum air an dthainig sinn ri oidhirp a thoirt air ar rathad a dheanamh gu ruige na bailtean a bfhaisge dhuinn ann am Brasil. Bha fhios againn nach tachradh daoine ruinn a chuireadh dragh mor sam bith oirnn; agus on a bha eich mhathagainn, agus sinn gu math armaichte, cha bhiodh e furasda beud a dheanamh oirnn.

Ben t-eagal bu mho a bhoirnn gun teirgeadh am biadh dhuinn, agus gum faodamaid a bhith aireamh laithean gun chothrom fhaotainn air sealg a dheanamh. Ach mar is tric a thachair, bha eagal oirnn roimh nithean nach fhacas nach dfhairich sinn riamh.

Bha na daoine a bhan cuideachd Dhaniel an toiseach car aindeonach air a dhol gu ruige Demerara comhladh ruinne ged a bha Daniel acomhairleachadh dhaibh a dhol ann. Bfhearr leotha gu mormar a bha nadarra gu leor dhaibhtilleadh don duthaich as an dfhalbh iad na dhol do dhaite anns nach robh iad riamh roimhe. Ach an uair a shoilleiricheadh dhaibh gum bann an Demerara bu shabhailte dhaibh a dhol, agus gum bann bu luaithe gheibheadh iad an t-or bhar an lamhan dheonaich iad falbh comhladh ruinn.

Lean sinn romhainn lathan deigh latha, agus bha dol againn, mar bu trice, air an rathad air an dthainig sinn a dheanamh am mach. Cha do thachair cunnart sam bith ruinn, agus chaidh againn, le bhith sealgaireachd an uair a gheibheamaid an cothrom, air sinn fhein a chumail ann am biadh gu leor.

Mu dheireadh rainig sinn an amhainn thairis air an dthainig sinn air achraoibh a leag sinn, an uair a bha sinn air an turus gu ruige fearann an oir. Bhachraobh gun charachadh as an aites an dfhag sinn i. Thuig sinn gun rachadh aig gach fear dhinn a dhol thairis air an amhainn; ach cha robh e an comas dhuinn na h-eich fhaotainn thairis oirre. Cha robh sinn deonach dealachadh ris na h-eich air chor sam bith, agus chuir sinn romhainn gun gabhamaid suas ri taobh na h-aimhne ann an dchas gun tachradh ath ruinn thairis air am faigheamaid leis na h-eich. Ach on a bha am feasgar ann, chuir sinn seachad an oidhche far an robh sinn. Gu math traths amhadainn, dhfhalbh sinn agus mun dthainig am feasgar thachair aite comhnard ruinn; agus bhan amhainn gu math leithinn, agus a reir choltais, aodain gu leor. Thug am fear a bfhearr misneach, agus a bfhearr gu snamh a bhanar measg oidhirp air a dhol thairis oirre, agus rainig e an taobh thall gu sabhailte. ’Na dheigh sid chaidh sinn a null oirrenar buidhnichean. Bha sinn a cumail nan each bu treise ri aghaidh an t-sruth, agus bha iad mar sin a bristeadh neart an t-sruth air na h-eich bu laige.

Bha sinn gle thoilichte an uair a fhuair sinn thairis air an amhainn. Cha robh duiligheadas mor sam bith romhainn tuilleadh gus an ruigeamaid an t-aite as an dfhalbh sinn.

Mu dheireadh thall rainig sinn e, agus sinn air ar claoidh gu h-anabarrach. Bham fear a dhfhag mise agus Tomas air cheann an fhearainn, agus nan daoine a bhaga oibreachadh an deigh an fearann a reic, agus falbh as an duthaich. O nach robh e cluinntinn guth uainn, smaoinich e gun deachaidh ar mort no ar marbhadh leis na daoine garga, fiadhaich a bha far an robhas abuinig an oir. Ged a bha sinne car mi-thoilichte anns an am a chionn nach robh e romhainn, cha do chaill sinn dad sam bith air e dhfhalbh. Bha sinn uile ann an comunn mu bhuanachd an fhearainn agus mu bhuinig an oir; agus nan robh esan air fuireach aig an fhearann gus an dthainig sinne, bha e, a reir achordaidh a bha eadrainn, air suim mhath fhaighinn dhen or a bhuinig



[203]

[Vol . 8. No. 26. p. 3]

sinne. Fhuair sinn am mach o na daoine a cheannaich uaithe am fearann, agus gach ni eile a bhuineadh dhuinn, gun do phaigh iad aireamh mhiltean punnd sasunnach dha air son a h-uile dad a bhann. Cha dfhag e fios aig neach sam bith co an taobh a thug eaghaidh, agus tha amhrus laidir agam gun robh e coma ged nach fhaigheadh duine sam bith fios air caite an deachaidh e.

(Ri leantuinn.)


TIRITHE.

(Air a leantuinn.)

CREIDIMH DIADHAIDH AN T-SLUAIGH.

Tha chuid as motha don t-sluagh a leantuinn na h-eaglais Steadhaichte, ged tha cuid ann tha don eaglais Shaor, agus don eaglais Bhaisteach. Ged is e creidimh Prostanach a tha ann a diugh air fad tha e coltach gum be an creidimh Caitliceach a bha ann uair eiginn don t-saoghal. Tha iomadh comhara air sean chlachan na lic a tha leigeil fhaicinn dhuinn, gu robh an creidimh sin a dol ag pairt co dhiu. Mar tha fhios agaibh se an creidimh Prostanach tha ann on as fhiosaraich duine. Agus be an eaglais Steidhichte a bha ann air fad gus an deachaidh an dealachadh unnta sa sin dhfhag moran i agus chaidh iad leis an eaglais Shaoir, a chionn gu robh iad a smaointeachadh gum be a bfhearr a bha iad a deanadh agus co aige tha fhios nach e sin a rinn iad. Chan eil fhios ach aig a h-aon co dhiu rinn ceart no cearr.

UACHDARAN AGUS BAILI.

Se Diuc Earraghaidheal an uachdaran air fad, agus is e Eoghan MacDhiarmaid as baili air. Chan eil an Diuc a tiginn uair sam bith don eilean; se Mac Dhiarmaid fhein a tha sealltainn air gach ni. Tha am mal ga phaidheach dha da uairsa bhliadhna, aig a Bhealtuinn agus aig an t-Samhuinn. Gach ni a bhitheas cearr air an eilean se an dara cuid am Baili no Maor a bhitheas a sealltuinn orra, agus gach duine air am bi eucoir air a dheanadh sann dhionnsuidh a Bhaili a thig e airson ceartas.

SGOILEAN.

Mun deachaidh an t-Achd ionnsachaidh air son Albainn a thuirt a mach, cha robh moran suim aig daoine do sgoil. Bha iad a smaointean nach robh ann ach cur seachad uine mar bu choir dhaibh a bhi deanadh nithean eile a bfheumalaiche. An deigh an t-achd so thuirt a mach dhfheumadh iad a bhisa sgoil cho dhiu agus sann a sin a thoisich iad ri feum na sgoil fhaicinn. Tha aig an am so cuig sgoilean an Tirithe agus mu cheithir cheud agus tri fichead sgoilear. Tha na sgoilean air a cumail suas nis fearr na bha iad riamh roimhe, agus ma choimhnidh sin tha na sgoilearan nis fearr. Chan fhaigh iad an diugh an sgoil fhagail mar a thoilicheas iad ach gus am bi iad an aois, agus leis a sins urrainn dhaibh am bitheandas sgriobhadh agus leughadh. Tha nis sgoil oidhche ga cumailsa gheamhradh cho math ri sgoil la, agus tha so a deanadh feum mor dhaibhsan a dhfhag a sgoil gun mhoran ionnsachadh. Tha sgoil Hinnipol air a radh gur i a sgoil oidhche dutcha as motha an Albainn. Anns a sgoil so cho math agus a bhi ag ionnsachadh leughadh, sgriobhadh, cunntas, tuathnachas, agus saorsa baille mhoir tha na gillean air an ionnseachadh ann a sgoil na fairge leis a Mhaighstir-sgoil Mr. MDonald. Ni so feum mor dhaibhsan a tha smaointean air bhi na seoladairean cha leig iad a leas a bhi uiread uine ag ionnseachadh mu faigh iad na sgiobair air bata, agus ged nach bi iad na seoladairean idir chan eil fhios aca cuin a chuireas iad feum orra. Tha cuideachd Mrs. Macdonald, a ghleidheadh sgoil oidhche ag ionnseachadh don a h-igheanan fuaghal agus grinneas bhan. Agussa sgoil la tha ig ionnsachadh nan caileagan ann an cocaireachd, airidh, agus iarnachadh. Cuidichidh so na caileagan gu aite math fhaotuinn mar theid iad deas gan cosnadh.

EOLAS CRUINNE.

Chaneil ach ceithir beinnean ann agus is iad so iad, Beinn Hough, Beinn Heinish, Beinn Chionnamhara, agus Beinn Ghot. Se Beinn Heinish as airde, tha i mo chuig ceud troigh a dhairde. Tha [ ? ] bheag ann, Loch Phuil, Loch-an- [ ? ] agus Loch aMhuileann. Chaneil amhuinn idir ann ach struthain bheag agus feudaidh mi dithis ainmichadh, an amhuinn Mhi agus an amhuinn Bhan. Chan eil aite taimh aig bata an aite ri sid dhoirbh, agus na bataichean beaga feumaidh iad an tarruing gu braigh achladaich.

FURASDACHD BHATAICHEAN SMUID.

Tha an t-eilean air a mhilleadh gu mor nach eil aite taimh aig bataichean; se sin nacheil acarsaid ann. Ged a bha iad a bruidhinn air a so a chur ann o chionn uine ghoirid, cha deachaidh e ann fathast, ach co dhiu dhfhaoite gun teid e ann agus ma theid ni e feum mor don eilean oir tha e feumach air. Nis motha tha gu chumail asse sin gu bheil an t-uachdran cho mor na aghaidh a chionn gu bheil e deanadh a mach gum mill e an grunnd. Ri am crodh chuir air falbh as an duthaich, tha na daoine dol ro chunnart mor ma faigh iad a stigh don bhata. Le muil-traigh sann shios aig air creaga a bhitheas iad ga cursa gheolaich. ’S ann a sinn a bhitheas a mhualanaich aig na bruidean bochd, agus na daoine ga slaiseadhs ga budhadhs na creatairean bochd gun cuireadh iad truas air gach duine, oir leis an eagal chan eil fhios aca co as fearr dhoibh leum a mach air a mhuir no dol don gheolaich. Tha iomadh uair an t-sid cho mhosachs gu feum daoine a bhitheas a tighinn don duthaich a bhi air a tuirt ma thuath leis abhata agus ma dhdhaoite mar a thig iad a ris gur thann am Bunessan a gheibh iad gu tir.

CUR A MACH AGUS TIGHINN A STIGH AN EILEAN.

Chaneil moran sam bith ga chuir air falbh as an eilean. ’S e so na nithean as prionspalaiche: pibhean, crodh, caorich, eich, iasg, cloimh agus craicionn. Tha na h-eich daonan ga cur air falbh aig am na faigheir Mhuilich agus is ann aig an am so tha daoine faireachgain dith a cheithe. Tha fada barrachd do nithean a tighinn don eilean na tha falbh as. Tha moran guail, min, ti agus siucar a tighinn daonnan cho math ri nithean eile nach leig mi leas ainmeachadh. ’Se gual agus min an da ni as motha tha tighinn agus gual gu sonruichte; oirs iomadh uair a bitheas cho math ri ceithir bataichean a cur a mach air aon traigh.

OBRAICHEAN.

Chaneil obraichean mor a dol air aghaidh daonan, ach ged nach eil tha gach duine og ag obair air ni eigin, oir gun obair cha bhi biadh no doigh an Tirithe nis mo non aiteanan eile. Bithidh cuid aig iasgachse sin mar a bhitheas iasgach ann ra dheanadh, oir mar tha fhios agaibh cha bhi e ann ach aig uaireanan. An obair as fearr a tha ann faodaidh mi radh gur eceilpagusStamhan.” Ged nacheil gach duine ag obair orra tha feum gu leoir aig daoine bochd orra, oir gheibh iad mins guals gach ni a bhitheas a dhi orra o Mr. Sleven. A chuid nach big obair air a so bithidh iad aig ni eigin eile agus faodaich mi radh gu bheil an dara duine a cumail beo an duine eile.

AITICHEAN COMHNUIDH.

Chan e aitichean comhnuidh beaga dubha mar a bha aig ar seanairaichean a tha ann a nis. Ged a tha cuid ann nach eil boidheach on taobh a mach agus ged nach carstealan mor a tha ann a gin dhiubh faodaich mi a radh mu bheil iad briatha, gu bheil iad glan. Tha ni ann a cuid dhiu ris an abair iad dresair agus dhfheudadh duine air bith a bhrochan ithidh dheth. Am bitheandas anns na tighean chaneil ach tri rumaichean, seomair, closaid agus ceann an teine. ’Sefelta nis as trice bhann no tugha agus tha iad nis fearr as a h-uile doigh.

SEAN TOGALAICHEAN.

Chaidh iomadh ni fhaotuinn agus fhaicinn mun cuairt air na seann togalaichean a tha leigeil fhaicinn dhuinn gur e an creidimh Caitliceach a bha ann uair eigin don t-saoghal. Tha teampul Pharig an Chionnamharas gu bheil e coltach gur thann ri am Chalum Chille a chaidh a thogail. Tha e nis air tuiteam ach tha iomadh ni ri fhaicinn fhathast ann. Tha da shean eaglais anns a cheann sear don eilean a chaidh thogail le Calum Cille. Tha iad so cuideaehd air falbh as a cheile. Bha e air a radh uair gu robh tigh-falaich anns a cheann siar don eilean ach a nis tha am beul aige air druideadh suas leis a ghaineamh. —AM BALACH MOR, ’saHighland News.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXV.

Leis a h-uile duiligheadas a bhatighinn an rathad Amgiaid, thoisich e ri gabhail aithreachais. Be so a thug air an fhreagairt ud a thoirt air amhnaoi-uasail. Bha e an duil gun tuigeadh i nach robh e ag iarraidh a cuideachd na bfhaide, agus mar sin gun gabhadh i mialachd, agus gum fagadh i ann an sid e, ach bha e gu mor air a mhealladh.

Nach e an seirbhiseach a tha aleigeadh leinn a bhith cho fada soga fheitheamh. Mur gabh thusa gu math air an uair a thilleas e, gabhaidh mise mi-fhein air gu maths gu ro mhath. Chaneil e coltach dhomh a bhith mar sonam shuidhe aig geata comhladh ri firionnach,” arsise.

An uair a thuirt i so, dheirich i, agus thog i clach gus glas a gheata a bhristeadh. Cha robh anns aghlais ach fiodh, agus bha e furasda gu leor dhi a bhristeadh.

Rinn Amgiad na burrainn e gu stad a chur oirre. “Ciod a tha thudol a dheanamh? An ainm an aigh stad beagan uine!” arsesan.

Ciod an t-eagal a thort? ”, arsise. “Nach e do thaigh fhein a thann? Cha chall mor glas fhiodha a bhristeadh. Is fhurasda te eile fhaighinn.”

Bhrist i aghlas, agus cho luaths a dhfhosgail i an dorus, ghabh i steach don taigh.

Bha Amgiad asmaointean gun robh ceann a shaoghail air tighinn, an uair a chunnaic e an dorus airfhosgladh. Sheas e far an robh e, agus gun fhios aige gu ro mhath co dhiubh a rachadh e steachna deigh no ghrad theicheadh e air falbh cho luaths a leigeadh a chasan leis, a chum gun seachnadh e an cunnart mor anns an robh ega fhaicinn fhein. Agus an uair a bha edol a theicheadh, thill ise am mach. An uair a chunnaic i nach robh edol a steach, thuirt i, “Car son nacheil thudol a steach do dthaigh fhein?”

Tha misealltainn feuch am faic mi mo sheirbhiseach atighinn. Tha eagal orm nacheil dad deiseil air ar coinneamh,” arsAmgiad.

Thig a steach, thig a steach, is fhearr dhuinnfheitheamh an taobh a staigh dhe na dorsan na an taobh am muigh,” arsise.

(Air a leantuinn air taobh 206.)



[204]

[Vol . 8. No. 26. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, IANUARAIDH 5, 1900.

Litir o Mhurchadh Cam.

FHIR-DEASACHAIDH GHASDA, —Gheall mo nabaidh math, C. C. gu sgriobhainn rud-eigin gu MAC-TALLAnuair a chuirinn crioch air na drochaidean, “Am fear a bhios gu h-olc mun fhardaich, bidh e gu math mun rathad-mhor.” Bha mise corrus leth-cheud bliadhna leagailsa togail dhrochaidean; agus an uair a bhios esan leth-cheud bliadhnastrachdadh na cubaid is docha gum bi crith na laimh, agus, mar a dheirich dhomh fhin, gum bi droch mhaterial aig air uairibh. Ach cha choir a bhi trom air; tha ena dheagh charaide dhan MHAC-TALLA.

Tha min comainSheumais A.” airson iomradh caoimhneil orm. Cha chreid e gu bheil mi cam; ’s mi tha; achGed a tha mo leth-shuil cam chi mi leis an t-suil a thagam.” Thug Bodachan aGharaidh orm nach leig an t-eagal dhomh mo lethsgeul fhin a ghabhail gu brath. Ach tha mig iarraidh mathanais air a Ghaidheal Uasal, an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair; gheall mi bhi oidhche na thaigh; cha dfhuair mi sin a dheanamh fhathast; achnuair thig rathad math chi e gum bi mi cho math ri mfhacal, ’s mur bi, ’s ann orm fhin a bhios an call; leigeadh e staigh mi ged a bhiodh ceann duinair mo mhuin. Nach sinn a tha na chomain airson an orain ur a thug e dhuinn? Nach ceart a thuirt e

Co e a bhiodh cho fuar-chridheach,
S gun sealladh e le suarachas,
Air cainnt na mathair shuairce sin
A thog a suas na phaisde?

Bfhearr leam gun dthugadh an Cuairtear sgriob an taobh-sa. Thug e gaire orm, ged nach baobhar gaire, ag innse mun fhear a dhiarr air a bhean bhochd i dhol don droch ait’. Ach fhuair e bearnachur na rasar.

Bha bean araid ann an aite sonruichte. Bha creidimh laidir aice; ach bha ismaoineachadh nach rachadh neach sam bith do neamh nach robh air an t-slighe air an robh i-fhein; ’s bha h-uile duine dham baithne ismaoineachadh nach ruigeadh ise neamh gu siorruidh air an t-slighe air an robh i. Chuireadh i na h-itean as na h-eiteiran. Thainig ministeir og don aite. Chaidh esan a chur blar rithe le Biobull mor na laimh. “Seadh, a bhean, ’s cinnteach gum bi sibhse leughadh na Firinn.” “Bithidh, agus nam breugan,” arsise. Chuimhnich esan mar a thuirt Sgonnan, “Foghnaidh sid fhein dheth; foghnaidh, foghnaidh!”

Nise, chaneil sannt truid orm idir, co-dhiu chaneil mi dol a throd ri MAC-TALLA; oir tha h-uile car a tha e cur dheth a cordadh rium. Mar a thuirt am fear a bha moladh na mnatha, nach dthainig guth eadar e-fheinsa bhean riamh ach airson sgriobadh na poite. Ach gu de dheirich dha na Raidhean airson an dthugCaraid na Gailigna duaisean. Feumaidh gu bheil smear na Gailig annta, agus gum biodh luchd-leughaidh MHIC-TALLA uile taingeil airson am faicinn. Cha chreid mi gu bheil e ceart an cumail am falach fo luideig. Cha lasar coinneal gus a cur fo shoitheach; agus tha min dochas nach toisich sibh ri cur nanduthan air na dathan,” ach gum faic sinnsa MHAC-TALLA iad.

S i seo oidhche Nollaig. Tha i gle uaine, ’s tha iad ag radh gu fag sin an cladh miath.

Bfhearr leam gu robh a h-uile duine tha sgriobhadh gu MAC-TALLA comhladh riumsan taigh-sa nochd. Thigeadh an latha gun fhios duinn; ’s iomadh fearus te a dhordaicheadh a bhi maille ruinn.

Tha eagal orm gu bheil Conan deigh dhol ophutadh na claiche,” chan fhaic mi sgriob uaithe; is docha gun deach en arm.

O, tha mo chridhe goirt! a leughadh mun sgrios a tha na Boers atoirt air na Gaidheil bhochda, agus sin le coire an ceannardan. Ach ged tha na naimhdean ag iathadh lamh mu laimh, cha teid iad as gun pheanas. “Cha bhi fhios ciod a bhiossan truaill gus an tairgeir e.”

Tha uisge tighn mu mfhiaclan gus an toisich naigheachd Iain.

Huth!” arsa tusa, “ ’s gun fhiacail na dcheann.”

On a chunnaic misa cholainn sibh, tha min dochas gu seall sibh thairis (cha chan milethsgeul”) air mearachdan a thasan litir so.

Ma bhios mi beo, bheir mi dhuibh oranBlair-theaban uine gun bhi fada.

Bliadhna Mhath Ur dhuibh fhein, ’s do luchd-gabhail MHIC-TALLA uile.

Ur caraid,
MURCHADH CAM.

Bailan Tobair, E. P. I.,
Oidhche Nollaig, 1899.


LITIRUS ORAN.

A MHIC-TALLA RUNAICH, —Tha na rainn a leanas a toirt iomradh air ceud luchd-aitich oisean beag de Shiorrachd Victoria, an Ceap Breatunn. Thainig mu dhusan teaghlach a caochladh aitean den Ghaidhealtachd, mun bhliadhna 1840cuid dhiubh roimhe sins cuid eile beagan as a dheighagus thuinich iad aig Beinn-a- Mhaoir, no mar a their cuid, Beinn-Mhic- ’Ill-Andrais. Biad sud, Domhnull Moireastan, Iain Caimbeul, Iain Mac Leoid, agus Iainus Ruairi MacIll-fhinnean, (Gillean Sine), a thainig a caochladh aitean de na h-Earradh; Tormad Mac- ’Ill-fhinnein, (Tormad mor), Domhnull MacIll-Andrais agus Mac Rath, (a maor mor), a thainig, mas math mo bheachd, as a Chomraich; Iain Mac Coinnich, a Gearrloch; agus a cheathrar a leanas as an Eilean Sgiathanach: Aonghas D[ ? ] (an Gael), agus Iain Caimbeul a [ ? ]eathbost , Aonghas Domhnullach (beag) a Cille-Mhoire, Domhnull Martuinn a Uige, agus Niall Mac Farlain as an Eudanbhan.

Thog gach aon diu sud teaghlach. Bhan cuid cloinne a tighinn don aon tigh beag sgoile aig Bruach-Gaistine-Bhan. Bha iad cairdeil, caoimhneil ri cheile, mar gum a chlann aon teaghlaich a bhiodh annta. Cha bannasach sin; bu chaoimhneil a mhuinntir bhon dthainig iad ri cach a cheile mar choimhearsnaich. Is sgaipte bho cheile a chlann ud an diugh. Ach chan ann mun chlann ach mu na parantan a tha na rainn so a labhairt.

AM BRUADAR.

Air fonn:— “Tha mo bhreacan-sa fon dile.”

Caite an diugh a bheil mo dhilsean?
S fadus cian mi-fhin bho mchairdean.

Thug mi ruaig a raoir am bruadar
Measg nam bruach farn deache marach.
Caite an diugh, &c .

Bha min duil gun drinn mi triall
Gu Abhuinn Mheadhonach nan armunn.

Mi, ar leam, a measg nan eolach
A bhiodh geanail, coir mun fhardaich.

Seachad suas gu Beinn-a- Mhaoir mi,
Bha mo dhaoine roimhe tamh ann.

Sud an drasta toirt gu minntinn
Comnnn grinn nacheil a lathair.

S maith mo chuimhne air na bha fuireach
Mu na mulaich ud ri m-sa.

Gheibhte ann Domhnullaich an uair ud
Dham bu dualach a bhi baigheil.

Gheibhte Caimbeulaich mo ruin ann,
Dham bu duthchas Earraghael.

Chite, an uair ud, Tormod Mor ann,
Iain Mac Leoid, us Niall MacFarlain.

Cloinn- ’Ill-Fhinnein eile chite ann,
Gillean Sine, nach robh taireil.

Tacan suas ri taobh nam beann
Bha MacIll-Andrais, fear gun ardan.

Bha Mac Rath ann, a Maor Mor,
Ach bha mi og nuair rinn e fhagail.

A measg chaich bu tric a choinnich mi
Mac Coinnich ann an Gearrloch.

Bha fear eile ann, dheanainn luaidh air,
Domhnull Ruadh Mac Ille-Mhartuinn.

Na than diugh a tamh fon fhod dhiubh
Fa mo bhroin a bhi ga aireamh.

Thriall an linn ud mar bu duth,
S tha sinne ruith air cul a sailtean.

Biodh gach anam beo fon ghrein
A deanamh feum den latha ghearr so.

Nuair, an sin, thig am ar caochlaidh
Chi sinn luchd ar gaoil a dhfhag sinn.


Is ann air a chainnt is fhearr a dhaithnichear gnè agus nadar duine.

Tham fior ghradh ag amharc fada roimhe. Is e ar math anns an am ri teachd, agus ar math siorruidh bu choir a bhith anns an amharc againn fhein.

Na bigearain ged nach biodh a h-uile rud bu mhiann leat agad; oir tha iomadh rud ann bu mhiann leat a bhith agad a bfhearr dhut gu mor a bhith uat.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.



[205]

[Vol . 8. No. 26. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha crith-thalmhainnn throm aca ann an ceann a deas Chalifornia latha Nollaig.

Chaidh cuirp nan daoine chaill am beatha a Mhaine, a thoirt dhachaidh do na Staidean air an t-seachdain sa chaidh. Bha iad air an tiodhlacadh ann a Washington.

Chaidh sabhal le fear Uilleam Young, ann an Kingsboro, E. P. I., a losgadh aon oidhche air an t-seachdain sa chaidh, agus bhan crodhs na h-eich, am fiars gach ni eile bhana bhroinn air an call.

Tha luchd riaghlaidh Banca Montreal an deigh tri mile gini a thoirt seachad air son cuideachadh a dheanamh le mnathana le cloinn nan saighdearan Breatunnach a tha anns a chogadh an Africa.

Tha e air a radh gu bheil an luchd-obrach air an rathad-iaruinn an deigh ardachadh tuarasdail fhaotainn. Chan eil an t-ardachadh gle mhor, coig senticheansan latha, ach thig sin fhein gu suim mhath an ruith na bliadhna.

Than cogadh a nise dol leis an arm Bhreatunnach nas fhearr na bha e; agus tha daoine tighinn gu bhi dhen bharail gu bheil a chuid as miosa thairis. Tha na Breatunnaichgan sior neartachadh fein, ’s a reir coltais tha na Boers a lagachadh gach latha.

Tha buidheann bheag de naFeniansanns na Staidean aig an am so bruidhinn air bristeadh a stigh air Canada, ach chan eilear a cur suim sam bith nan cuid boilich. Ma thig iad thar criochan Chanada, cha bhi fada gus an till iad air an ais, nas glice agus nas goirte na bha iad a tighinn.

Than ard-pharlamaid ri bhi cruinn air a cheud latha dhen ath mhios. Tha sin nas traithe nas abhaist dhi bhi cruinn, agus bidh sin nas fhearr, oir gheibhear gnothuichean na duthcha chur air doigh mun tig teas an t-samhraidh. Tha duil ri parlamaid Nobha Scotia bhi cruinn air an treas latha fichead dhen mhios so.

Gabhaidh luchd-leughaidh MHIC-TALLA a leisgeul air son a bhi latha air deireadh agus car gann de naigheachdan air an t-seachdain sos air an t-seachdain sa chaidh. ’Ses aobhar dha sin gu bheil am fear-deasachaidh tinn, agus nacheil ena chomasobair a dheanamh cho riaghailteachs is abhaist. Tha sinn ag innse so a chum gum bi fhios aig gach aon ciod a chur maille air a phaipeir an da sheachdain so.

Nuair a thig deigh laidir air an acarsaid air a gheamhradh so, tha bat’ -aiseig de sheorsur gu bhi ruith eadar an da bhaile. ’Se sin bata deighe air a ghiulan le neart smuide. Bidh e deich air fhichead troigh a dhfhad, agus ochd troighean a leud. Bidh cuidhlichean-taoibh air mar a thair na seann bhataichean-smuide, agus stuib annta leis an greimich iad air an deigh, mar sin a cur a bhatair adhart. Giulainidh an uidheam annasach so deich duine fichead. Thatar ga thogail an Sidni Tuath, ’s cosgaidh e corr us mile dolair.

Chaidh nighean og dam bainm Hilda Blake, a chrochadh ann am Brandon, Manitoba, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, air son mort a bana-mhaighstir, Mrs. Lane. Chaidh tagradh a chur dhionnsuidh an ard-riaghlaidh air son a beatha leigeil leatha, ach cha dfhuair e eisdeachd sam bithni a tha ceart gu leor.

Thug luchd na Cusbuinn anns a phort so, a stigh fichead mile dolair ann an cisean air a mhios a chaidh seachad. Air a mhios cheudna a bhliadhna roimhe sin, cha dthugadh a stigh ach gann tri cheud gu leth dolair. Tha so ag innse ann am beagan fhacal, an atharrachadh a tha air tighnn air seana bhaile Shidni.

Chaidh sabhal le fear Seumas Wood, ann am Brechin, Ont., a losgadh aon latha air an t-seachdain sa chaidh. Cha robh duine aig an tigh aig an am ach Iain Wood, athair an fhir leism bu leis an sabhal, agus chaill esan a bheatha anns an teine. Thatar a deanamh a mach gur ann a feuchainn ris na h-eichs an crodh a shabhaladh a bha enuair a fhuair an teine greim air.


POSAIDHEAN.

Ann an Truro, air an 19mh latha de Desember, leis an Urr. Iain Mac-an-Toisich, a Hopewell, an t-Urr Alastair S. MacNeill, a Orwell, E. P. I., agus Anna Dhonnelly, a Bhaile- ’n-Righ, Ontario.

Ann am Belfast, E. P. I., air an 27mh latha de Desember, leis an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, Alasdair Mac Leoid, a Orwell, agus Ida Dixon a Belfast.


BAS.

Ann an Orwell, E. P. I., air an 23mh latha de Desember, Iain D. Mac Leoid, da fhichead us da bhliadhna dhaois.


Nithean gu Bhi[ ? ] [ ? ]an Teagasg don Oigridh.

Ulluich do mhac air son teagasg trathail, agus cleachdinntinn ri briathran na firinn. Dean faire thairis air aomadh agus air runinntinn. Cuir ceart e an amoige, agus na ceadaich do dhroch cleachdadh sam bith fas agus neartachadh lebhliadhnaibh. Mar so cinnidh e mar ghallan aluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri uine os cionn uile chraobhan na coille. Tha mac aingidhna chulaidh-mhaslaidh da athair; ach esan a ghiulaineas e fhein gu ceart, tha e na urram da cheann liath. Teagaisg umhlachd do dmhac, agus beannaichidh e thu. Teagaisg macantas dha, agus cha bhi naire air. Teagaisg taingealachd dha, agus builichear sochairean air. Teagaisg seirc dha, agus coisnidh e gradh. Teagaisg measarrachd dha, agus bidh slainte aige; teagaisg gliocas dha, agus bidh agh agus cinneas air. Teagaisg ceartas dha, agus coisnidh so dha meas an t-saoghail. Teagaisg treibhdhireas dha, agus chan agair a chridhe fein e. Teagaisg dha bhith aghartach, agus meudaichidh a mhaoin. Teagaisg dha fiughantachd, agus bithidhinntinn air a h-ardachadh. Teagaisg dha ard-ealain agus fod, agus bidh a bheatha feumail. Teagisg dha diadhachd, agus bidh a bhas sona.


A Dhaoinagus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an Creic,

Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na thagainn dhiubh gu math nas isle na na prisean.
J . C. MILLS.

Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc as mothas as fhearr seorsachaidh a thanns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.



[206]

[Vol . 8. No. 26. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 203.)

Lean Amgiad i gle aindeonach a steach don taigh, agus ghabh iad air an aghart gus an drainig iad seomar mor, maiseach lan innsridh far an robh bord mor air an robh a h-uile seorsa bidh. Air abhord-taoibh bha measan dhe gach seorsa, agus botuil lan fiona.

An uair a chunnaic Amgiad na nithean so bha e cinnteach nach robh am bas fada uaithe. “Amgiad bhochd,” arsesan ris fhein, “chan fhada gus an eirich dhuit mar a dheirich do dbhrathair Asad!”

Ach bha aoibhneas gu leor air amhnaoi-uasail an uair a chunnaic i na bha roimpes an t-seomar. “Mo thighearna,” arsise, “car son a bha eagal ort nach robh deisealachd gu leoir air a dheanamh air do choinneamh? Rinn do sheirbhiseach barrachd air na bha thu an duil. Ach mureil mise air mo mhealladh rinneadh an deisealachd so air son te eile, agus cha bann air mo shon-sa. Coma co dhiubh, thigeadh i. Cha bhi eud sam bith ormsa rithe. Chaneil mi ag iarraidh ort a dhfhabhar ach gun leig thu dhomhsa a bhithfrithealadh dhut fhein agus dhise.”

Ged a bha Amgiad fo mhor dhragh inntinn aig an am, cha burrainn e gun ghaire a dheanamh an uair a chuale mar a labhair i. Ged a bha esmaointean air iomadh rud eile aig an am, thuirt e, “A bhain tighearna, chaneil cuisean idir mar a tha thusmaointean. Is e so an seorsa dinnearach a thagamsa an comhnuidh. Creid mise, cha drinneadh ullachadh mor sam bith.”

O nach burrainn e toirt air fhein suidhe aig bord nach dulluicheadh air a shon, bha edol a shuidhe air langsaid, ach cha leigeadh abhean-uasal leis. Thuirt i ris, “Suidh aig abhord; feumaidh gum bheil an t-acras ort an deigh tighinn as an taigh-fharagaidh. Gabhamaid ar biadh, agus cuireamaid seachad an uine le toileachas inntinn cho mathsa dh fhaodas sinn.”

Ghabh Amgiad a comhairle, ach cha bann le thoil. Shuidh iad le cheile aig a bhord, agus thoisich iad rim biadh. An uair a dhith abhean-uasal beagan, thug i lamh air botul fiona agus air glaine, agus an uair a lion i nghlaine, dhol i air slainte Amgiaid. An sin lion i glaine eile dhasan, agus dhol e air a slainte-se.

Mar bu mho a bha Amgiad asmaointean air an dol a mach a bhaca le cheile aig abhord, is ann bu mho a bha dhioghnadh air nach robh fear an taighetighinn. A bharrachd air so, bha ioghnadh mor air gum biodh taigh mor, briagha le pailteas innsridh is bidh is dibhe gun uiread is aon seirbhiseach ann. “Is e gnothach fortanach a bhios ann ma dhfhanas fear an taighe gun tighinn gus am faigh mise as na clibistean so,” arsAmgiad ris fhein.

Am feadhs a bha esan air a lionadh le iomadh smaointean mun ghnothach amaideach a rinn e, agus mun chumail anns an robh e aig an am, bha ise gu trang ag itheadhs ag ol, agus bha iga bhrosnachadh-san gus a chuid dhen bhiadhs dhen deoch a ghabhail cho math rithe fhein. Bha iad gus a bhith ullamh dhem biadh an uair a thainig fear an taighe thun an doruis.

Thachair gum buineadh an taigh do Bhahadar, am maighstir a bhair eich an righ. Bha taigh eile aige anns am bu ghnath leis a bhithgabhail comhnuidh. Bhan taigh so aige gus a bhith cur seachad corra fheasgar ann maille ri cuid dhe dhluth chairdean. An uair a bhiodh toil aige am feasgar a chur seachad anns an taigh so, bheireadh e fa near biadh is deoch, agus gach ni feumail eile, a chur don taigh. Agus an lathud fhein bha na seirbhisich an deigh a h-uile deisealachd a dheanamh air son am maighstir agus nan cairdean a bha gus am feasgar a chur seachad comhladh ris, anns an ams an deachaidh abhean-uasal agus Amgiad a steach.

Thainig Bahadar mar bu mhath leis ann an deise duine chumanta, a chum nach aithnichteadh e, agus cha robh aon seirbhiseach comhladh ris. Rainig e an taigh beagan uine mun robh duil aige richairdean; agus bha ioghnadh gu leor air an uair a fhuair e aghlas air a bhristeadh, agus sluagh anns an taigh. Chaidh e steach cho failidhs a burrainn e. Agus an uair a chuale an comhradh taitneach agus an ceol-spors a bhaig an fheadhain a bhanan suidhe aig abhord, ghabh e suas gus an drainig e an talla. Chuir e a cheann a steach air an dorus feuch am faiceadh e co bh ann. An uair a chunnaic e duine og agus boirionnach ognan suidhe aig abhord ag itheadh abhidh a dhulluicheaidh air a shon fhein agus air son a chairdean, agus nach robh mor chron deanteadh, chuir e roimhe gnm feuchadh e ris aghnothach a bhann a thionndadh gu ceol spors dha fhein.

Bha culaobh na mna-uaisle ris, agus chan fhaca i idir e; ach chunnaic Amgiad anns amhionaid e. Anns an am bhaghlaine aigena laimh, agus e dol ga h-ol. An nair a thug e an aire do Bhahadar, thainig atharr-


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Ma tha thu air sliabh nan orduidhean, na seallna ddheigh air na nithean truaillidh a dhfhag thu anns achomhnard, mar a rinn bean Lot.

Ma tha thu anns an airc, na falbh am mach mar a rinn am fitheach, a chum a bhithtighinn beo air na nithean truaillidh a gheibh thu anns an t-saoghal.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.



[207]

[Vol . 8. No. 26. p. 7]

achadh dath air. Ach smeid Bahadar air gus e thighinn far an robh e, agus gun guth a radh. An uair a dhol Amgiad na bhanns aghlaine dheirich e. “Caitam bheil thudol?” arsabhean-uasal.

Dean stad far am bheil thu. Tha gnothach beag agam am mach as an t-seomar. Bidh mi air ais ann an tiotadh,” arsAmgiad.

Bha Bahadar. ’ga fheitheamh an taobh am muigh dhen dorus, agus thug e leis e do sheomar eile far nach cluinneadh ise ciod a bhiodh iad ag radh.

Dhfheoraich Bahadar dheth cia mar a thainig abhean-uasal don taigh, agus car son a bhrist iad an dorus.

Mo thighearna,” arsAmgiad, “tha e reusanta gu leor dhut a smaointean gum bheil mise ciontach de ghniomh gle mhi-iomchuidh; ach ma dheisdeas tu gu foighidneach riumsa, tha dochas agam gun leig mi ris dhut gum bheil mi neo-chiontach.” An sin dhinnis e dha gu saor, soilleir a h-uile car mar a thachair. Agus gus a dhearbhadh dha nach bfhiach leis gniomh cho suarach a dheanamh ri bristeadh a steach do thaigh sam bith, dhinnis e dha gum bu mhac righ e, agus an t-aobhar air son an dthainig e do bhaile nan draoidhean.

(Ri leantuinn.)


Am Feillire.

DESEMBER, 1899.

1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768.
2 Di-satharna
3 DI-DONAICH I. Donaich dhen Teachd.
4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Monc, 1608.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542.
9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685.
10 DI-DONAICH
11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718.
12 Di-mairt
13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784
14 Dior-daoin
15 Di-haoine
16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718.
17 DI-DONAICH III. Donaich dhen Teachd.
18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689,
19 Di-mairt
20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836.
21 Dior-daoin
22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH IV. Donaich dhen Teachd.
25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870.
26 Di-mairt
27 Di-ciaduin An fheill Eoin.
28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734.
29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766
30 Di-satharna
31 DIDONAICH

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F.
A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F.
An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.



[208]

[Vol . 8. No. 26. p. 8]

Air Dhomh Deoch de Dhroch Uisge Fhaotainn.

LE MAIRI NIC EALAIR.

SEISD.—
O hi-ri ho raill o,
Raill o, ho raill o,
O hi-ri, ho ralll o,
Mo chridhe trom, ’s cha neònach.

S echuir misa dheanamh duain.
Mheuds a chuireadh orm de ghruaim,
Leis an deoch de uisge ruadh
A fhuair mi an Hanobhar.
O hi-ri, &c .

S ainneamhchaochail sruth os cionn
Achlabair a bha ann an grunnd
Na h-aibhne a bha ruith gun sunnd
Le burn nach tugadh solas.

Coma leam an t-uisge glas,
Coma leam a dhreachs a bhlas,
S mor gum bfhearr na feadhain bhras
A thig bho chais nam mor-bheann!

Cha robh fionnarachd ann riamh
Mar bhan sruthanan nan sliabh,
Chuireadh fallaineachd an cliabh
Gach iotmhor a ni ol asd’.

S i mo run-sa tir nam beaun
Abhainn fhior-uisganns gach gleann;
Torman binn aig mile allt,
S iad mar bhean-bainnsan ordugh!

Comhdach min-fheoir air gach bruaich,
Laistle rosans boiche snuadh;
S gur h-ioschlainteach a sruthain fhuar,
Nach cruadhaich aghaoth-reoite.

A thir an fhior-uisg’, ’thir mo chridh,
S beag an t-ioghnadh ged a bhiodh
An ross an lili acur strith
An gruaidhean mine-t- oigridh!

S neartmhor t-osag leam, ’s is ur,
Ag eirigh luchdaichte le tuis,
N uair tha ghrian ag ol an druchd
Bho dthrusgan flurach, boidheach.

Cha bioghnadh Deorsabhi an diomb
Ris an og dan dthug thu run;
Bu tun neamhnaid ann na chrun,
As cha bi duthaich oige.

S ged tha misan so air chuairt,
ThanGleann-Comhanneutrom luath;
Sn uair a theid a siuil a suas,
S ann tuath a ni mi seoladh.

Sn uair ruigeas mise tir an aigh,
Tir mo dhaimh, as luchd mo ghraidh,
Naille! theid mi fhein gun dail,
A dhol mo shath a Lochaidh!


Breacan Mairi Uisdein.

LE IAIN MAC ILLEATHAIN.

[An uair a thainig muinntir tigh-soluis na Sgeire-moire an toiseach do Thirithe. ’se feadhainn Ghallda a bhannta, nach fhaca breacan riamh. Bha Mairi Uisdeinn a nighinn ghloin, speisealta, math air deilbhs air sniomh, ’s rinn i dhoibh am breacan, don deachaidh an t-oran a leanas a dheanamh.)

SEISD.—
S em breacan lurach, fasanda
Nach fhaighear anns na buithean;
Tha dubh, tha geal, tha sgarlaid
Ann am breacan Mairi Uisdean,

Tham breacan measail, ainmeil so,
Measg gharbh-chrioch agus stuc-bheann,
S on dhealbhadh dhuinn le Mairi e,
Chaidh feadh gach aite cliu air,

Bhon chuala Clann nan Gaidheal e,
Na chunnaic cach len suilean,
Tha Clann nan Gall gam boradh leis,
Am baile mors air duthaich.

Man cumur annsan fhasan e
Gu deisemhac an Diuca,
Bidh obair mhor aig taileirean,
Air breacan Mairi Uisdein.

N uair theid gach sreath air fhiaradh dheth,
Le sioda liath ri chul-thaobh,
Bi earradh ur don Bhan-righ
Ann am breacan Mairi Uisdein.

S lionmhor laoch, le brogan fraochain,
Thig gu faoilidh, sunndach,
Fo earraidh sgeanail Gaidhealach
De bhreacan Mairi Uisdein.

Gach teaghlach rioghail bhannsna glinn
Fad tim roi linn aPhrionnsa,
S an clannn an deigh, tha gradh aca
Air breacan Mairi Uisdean.

Tha leoghann, bradan tarragheal glas,
Lamh dhearg, as dealbh achruin air,
Ceann tuirc as feidh, mar sgathan,
Leightair breacan Mairi Uisdein.

Bidh glaodh crois-tarr as piob dhos ard
S claidheamhan stailinn ruisgte;
S es comhdach-blair do Chlann nan Gaidheal,
Breacan Mairi Uisdein.

Chaidh naigheachdan do dhIle air,
Do Cheann-tire, Ghigha, Dhiura;
Tha Muil’, tha Collair bhainidh
Air son breacan Mairi Uisdein.

Tha Comhal, Bod as Arainn,
Tha Braid-Albann, Lathurn, Muideart,
S Morairne nam beann arda
Cluich mu bhreacan Mairi Uisdein,

Bho chriochaibh garbh taobh tuath na h-Alb
Thig fir chalma, lughar,
Atagradh coir air pairt bhi ac
De bhreacan Mairi Uisdean.

Achs coir dhainn crioch le reitthoirt dha,
Man dean Prionns Tearlach dusgadh,
S man tog e spiorad ardnach,
Mu bhreacan Mairi Uisdein.


Piobaireachd Dhomhnuill Duibh.

Piobrachd Dhomhnuill Duibh, piobrachd Dhomhnuill.
Duisg do ghuth borb as ur, gairm Clann nam Morbheann,
Tionailibh, tiugainnibh, eisdibh an t-ordugh!
Thigibhnur cath-uidheam, ceathairnes mor-dhaoin’.

Thall bho gach gleannangach monadh is sgorbheann,
Tha phiob-mhors abhratach air faichInbhir-Lochaidh.
Thigeadh fon bhreacan gach cridh fior gu sunndach,
Gach cruaidh-lann, is lamhann bhios laidir gun giulain.

Fag gun bhuachaill aghreigh, na treudan gun fhasgadh,
Fag gun adhlac na mairbh, bean-na-bainnsaig an altair.
Fag am fiadh, ’s an t-og-dhamh, gach lion agus bata!
Thigibh leur cath-airm, gach claidheamh-mors targaid.

Thigibh mar ghaoiththign uair reubar na coilltean,
Thigibh mar thuinnn uair bhios feachd-mara claoidhte,
Greasaibh, is tiugainnibh, thigibh nas luaidhe.
Gach uachdaran, iochdaran, tighearnas tuathanach,

Nach luath iad ational nach faic sibh a chomhdhail,
S mor luasg iten fhir-eun, ’s i measgte le fraoch cro-dhearg.
Tilgibh gach breacan, gach lann biodh an ordugh.
Piobaireachd Dhomhnuill Duibh triall thun na comhraig.


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.

titleIssue 26
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 26. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page