[209]

[Vol . 8. No. 27. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 12, 1900. No. 27.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. II.

An uair a thug an sgiobair mun cuairt am bàta, bfheudar dha tuilleadh aodaich a chur rithe. Bha aobhar aige air son so a dheanamh. Bhan fhairge ag éirigh cho àrds gu robh tonn is tonn an dràstas a rithist astealladh a steach air an deireadh aice, agus le tuilleadh aodaich a thoirt dhi bha fhios aig an sgiobair gum biodh a dhastar aice na bheireadh oirre ruith roimhn ghaoith cho luaths nach biodh uiread de chothrom aig na tuinn gu bristeadh a steach air an deireadh aice. A bharrachd air sin, thug e an aire gu robh an tuim afas ni bàirde na bu chòir dhi bhith, a dhaindeoin cho dichiollachs cho cunnabhallachs a bha iadg a taomadh, agus thuig e gu robh i air fàs ao-dionach an àiteiginn. Cha do leig e dad air ri neach a bhair bòrd; oir bha fhios aige gu rachadh iadn am boil, agus gum biodh iad gun fheum, nam biodh mothachadh aca air achunnart anns an robh iad.

Cha robh duine seach duine de na bhair bòrd ag ràdh facal. Bha fuaim na gaoithes gàir na mara acur eagail orra. Cha robh Canaidh ri fhaicinn idir; oir bha siabach throm uisge air sileadh. Bha eagal air cuid diubh nach amaiseadh an sgiobair air beul na h-acarsaid. Ach is beag a ruigeadh iad a leas. Is gann nach deanadh e am mach an acarsaid air dubh amheadhain oidhche. Bha e anabarrach beachdaidh, agus cha robh bogha, no sgeir, no gob rudha, no bàgh, no sruth, no seolaid a chunnaic e riamh, on lathathoisich e ri falbh le bàta, nach robh fa chomhair sùil na h-inntinn aige acheart cho soilleirs ged a bhiodh iad muchoinneamh anns achairt-iùil. Bha feum aige air sin iomadh uair, ach gu h-araidh air an fheasgar fhliuch, ghruamach, dhòrchud. Ach ma bha e beachdaidh, geur-chuiseach, bha fhios aige fhein air glé mhath, agus bha moit gu leòr air air a shon.

Bha iad gu math dhlùth air cladach Chanaidh mun dthug iad an aire dha. Agus bha iad adeanamh cho dìreach air beul na h-acarsaids ged a bhiodh an latha geal, grianach ann. Aig an àm bhaghaoth ateannadh ri sìoladh sios gu math. Agus an uair a chaidh iad don fhasgadhs a rinn am bàta air a socair thoisich an aodein ri fas ni bu mhòs ni bu mhò. Thachair gu robh am fear abarta, a bha cho deas gu bruidhinns a mhaduinn, aig an àm gu trangga taomadh. “Is annna uair a ràinig sinn an acarsaid; tha mifaicinn gu bheil i air fas cho ao-dionach ris achiathrar,” arsesan.

Ge be air bith mar a tham bàta, tha do bheul-sa ao-dionach gu leor. Cuir am mach an tuim sin gu h-ealamh. Chan e cabaireachd bhruidhne a tha dhith oirnn an dràsta ach obair. Cha robh rath riamh air na daoine luath-bheulach. Eachainn, bi deas gus an seol-toisich a thoirt a nuas an uair a dhiarras mise ort,” arsan sgiobair.

Abair thusa na thogras tu, ach tha mise ag innseadh dhut gu bheil am bàta air sgaoileadh o a druim dìreach. Than t-uisge abruchdadh a steach mu mlamhan mar gum biodh suil-chritheach ann,” arsa Seumas Ban; oir be so ainm an duine òig a bha bruidhinn ris an sgiobair.

Ma chluinneas mi an ath fhacal agad, a Sheumais, ni mi bogadh-feannaig ort anns an tuim. An uair a gheibh thu do chas air tir faodaidh tu, ma thogras tu, a bhith bruidhinn gus an tùch ort,” arsan sgiobair.

Ach anns an fhacal thoisich am bàta ri sìoladh fon casan. Gu fortanach cha robh i fad o thìr, agus chaidh aca air a toirt gu àite grunnachaidh mun do bhuail i an grunnd.

Leum iad uile am mach aisde, agus thoisich iad ri toirt nan cisteachan uighean aisde; ach on a bha e tabhairt lionaidh aig an àm bfheudar dhaibh leigeadh leatha mar a bha i, ged a bha fhios aca gum biodh earrann de na h-uighean air a dhol o fheum nam biodh iad fon mhuir gu Di-luain.

Tha e coltach gun do thoisich am bàta ri sgaoileadh an uair a bha iad abeiteadh air an aghaidh eadar Canaidh is Rùm. Ach bha cudthrom agus neart na mara acumail nam bòrd cho dlùth ri chéiles nach robh iad amothachadh gu robh i cho ao-dionachs a bha i. Cha robh ena ioghnadh ged a dhfhàs i ao-dionach; oir bhan luchd car trom. Nan do thachair sìde mhath riutha cha beagal daibh. Ach an uair asheid aghaoths a dhéirich an fhairge, chriothnaich na fiodhanna cho mòrs gun dfhuasgail cuid de na tairneann-barraidh a bhanns an fhliuch-bhord aice. An uair a chuir iad mu cuairt is a thug iad an aghaidh air Canaidh, bha leithid a dhastar aicega dheanamhs gu robh neart na marag a cumail richeile. Ach cha bu luaithe a ràinig iad fasgadh na h-acarsaid na thòisich i ri lionadh. Nan do lean iad air a taomadh, is dòcha gu rachadh aca air an laimhrig a thoirt am mach. Ach bha iad toilichte gu leòr aon uairs gun dfhuair iad greim air leud am buinn de thìr.

Nochd muinntir Chanaidh caoimhneas mòr dhaibh. Chunnaic cuid diubh am bàta atighinn a steach don acarsaid, agus dhaithnich iad air cho troms a bha i, gu robh i ann an cunnart a dhol fodha mun ruigeadh i tìr. Ghrad chaidh àireamh mhath dhiubh sìos thun achladaich far an robh iad, agus thug iad dhaibh gach cuideachadh aburrainn dhaibh. An uair a chunnaic iad gu robh na daoine bochda fliuch, fuar, thug iad orra a dhol comhladh riutha a dhionnsuidh nan taighean, far an dfhuair iad aodach tioram, agus biadh is blàths. Agus gu dearbh bha iad uile glé fheumach air a h-uile cuid diubh. Bha biadh gu leor acas abhàta, ach ged a bha, cha robh sunnd orra gu biadh a ghabhail, agus ged a bhitheadh, chan fhaigheadh iad ùine air a dholna dhàil. An uair a bhios daoine a h-uile mionaid ann an cunnart bathaidh, is e teannadh ri gabhail bìdh an obair mu dheireadh air an smaoinich iad.

Ged a bha sgiobadh abhàta, agus an luchd-turuis a bha maille riutha glé thaingeil do Dhia, araon air son gun dfhuair iad an cas air tìr, agus air son a chaoimhneis a nochd na daoine còire dhaibh, gidheadh bha iad trom-inntinneach a chionn gu robh earrann mhòr den cuid den t-saoghal air thuar a bhith dhith orra. Bu leis acheathrar de luchd-turuis an luchd a bhanns abhàta. Be uighean achuid mhòr den luchd, agus be ìm is càise an corr dheth. Anns an àm ud, ged a bha uighean pailt anns na h-Eileanan an Iar, cha robh orra ach prìs bheag. Be trì sgillinn an dùsan aphrìs a bàirde a gheibhteadh orras an dùthaich. Bha na marsantang an gabhail air aphrìs so air son bathair, agus gu math tric bhiodh iad afalbh le bàtaichean gu ruige Grianaig is Glasacho a dhiarraidh bathair, agus atoirt leotha cunntas mhìltean uighean. Cha robh doigh eile aca air bathar a thoirt a dheileanan iomallach na Gàidhealtachd aig an àm. Cha robh na bàtaichean-smùide rim faicinn aig an àm ud ach ainneamh ann an àite sam bith air taobh an iar na h-Alba, saor o chorra bhaile-puirt. Ach mar bu trice be luchd-bhàtaichean, agus daoine òga tapaidh, oidhirpeach eile, a bhiodh afalbh as an dùthaich leis na h-uighean. Bhiodh iadg an ceannach o na marsantan agusg an cruinneachadh le bascaidean o thaigh gu taigh. An uair a bhiodh luchd bàta aca dhfhalbhadh iad leotha do na bailtean-mòra. Uair a dheanamh iad deadh bhuannachd orra, agus uair nach deanadh. Bhiodh marsantan Ghrianaig is Ghlasacho gu math tric agabhail brath orra, agus a ceannach nan uighean uapa an ionsabhith nasgaidh. Air uairean bhiodh cuid de na h-uighean nach biodh fallainn gu leòr, gu h-àraidh an àm an t-samhraidh; agus leagadh so prìs chàich gu mòr.

Bann a chum an reic air bhuannachd a dhfhalbh an ceathrar luchd-turuis a bhanns a bhàta leis na h-uighean. Bha triùir dhiubhnan daoine òga gun phòsadh, agus cha robh aca eatorran an triùir ach mu leith luchd abhàta de na h-uighean. Bu le Aonghas mac Alasdairan ceathramh fearan leith eile den luchd. Bha Aonghasna dhuine cho glics cho dichiollachs cho onarachs a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Dhfhaoidteadh sam bith earbsadh ris; oir bfhearr leis am bàs fhulang na gum biodh duine sam bith comasach le firinn air cearr a chur as a leith ann an cainnt, no ann an gnìomh, no ann an gealladh. O nach robh aige ach tuilleadh is beag a dhfhearann air son cumail suas a theaghlaich, bha e gu dìchiollach afeuchainn ri beagan a chosnadh ann an dòigh onarach sam bith anns an rachadh aige air sin a dheanamh. Air an t-samhradh ud, o nach robh obair sam bith ri fhaotainn leis an coisneadh e tuarasdal, chomhairlich Muruchadh Ban, an ceannaiche, dha falbh as an dùthaich le uighean. “Bheir mi fhein dhut na bhios agam a dhuighean, agus bheir mi dhut coig puinnd Shasunnach a dhairgiod an iasad gus am pàigh thu iad le buannachd nan uighean,” arsa Muruchadh.

Tha sin glé mhath agus glé chaoimhneil dhuibhse, a Mhuruchaidh; ach



[210]

[Vol . 8. No. 27. p. 2]

tha eagal ormsa, ged a ghabhainn an deadh thairgse a tha sibh atoirt dhomh, nach dean mi feum sam bith dhi. Mur teid achùis leam cha dean e ach mo chur ann an fiachan troma. Chuir mi romhan riamh gus an lathan diugh nach biodh a dhfhiachan orm ach na rachadh agam air a nhàigheadh a h-uile bliadhna. Nan do ghabh mi comhairle mathar, cha cheanaichinn sam bith ach le airgiod ullamh. Cha robh sgillinn aig duine riamh air. Is iomadh uair a thuirt e rium gur i an dàil a bhacur nu h-earran as de shluagh na dthcha dh ann am fiachan.”

Chaneil mise deonach duine sam bith a chur ann am fiachan; ach nan gabhadh tusa mo chomhairle bheireadh tu an oidhirp air beagan a chosnadh air an doigh a tha mig iarraidh ort. Mar a than sean fhacal ag radh, “Ge be nach toir oidhirp chan fhaigh e air aghart gu brath.”

Tha sin fìor gu leor, a Mhuruchaidh,ach ma bheir fear oidhirp air rud a dheanamh nach aithne dha, bidh e nis miosa asgur na bhios e toiseachadh.”

Tha mi cinnteach gur math leat do chomhairle a chur ris a mhnaoi an toiseach.”

Cha rachainn an ceann gnothaich bu shuaraiche na sid gun mo chomhairle a chur rithe. Bha chomhairle mhath aice riamh on latha a chuir mise eòlas oirre an toiseach. Agus tha mi cinnteach nach chomhairlich i dhomh deanamh mar a tha sibhse ag iarraidh orm a dheanamh. Ged a bha sibhsenur deadh charaid dhomh o chionn iomadh latha, is fhearr leam fhathast a comhairle-seghabhail na bhur chomhairle-sa,” arsAonghas.

Tha thu ceart gu leòr, ’Aonghais. Bi falbh dhachaidh, ma ta, agus cuir do chomhairle rithe. Na bi fada gun tighinn far am bheil mise le fios ciod a bhiosnur beachd a dheanamh.”

(Ri leantuinn.)


TURUS NAVANDORAGU ST. PIERRE.

LE CALUM.

Mu chuairt air leth-cheud bliadhna air ais, bha na ceud daoine thainig gu ruige St. Anns nan seann daoine, ach bha an clann air fas suas agus comasach air an cuideachadh air muirs air tir. Bha mun àm so moran de shoithichean beaga timchioll na h-acarsaid, agus leotha sin bhitheadh iad gu math tric a dol a null gu ruige St. Pierre le crodhus caoraich, ’us nithean eile. Cha bhitheadh iad fada ruith a nullsa nall; agus mar sin, cha bhiodh iad a toirt leotha ach gle bheag do bhiadhdireach na dheanadh an gnothach. ’S minic a thug so eiginn orra ris nach robh suil aca. Bha na daoine òg gu math calma, fearail, misneachail; ach bha moran de na seann daoine, ged bha iad calmair tir, nam fior ghealtairean air a mhuir.

Bhasan àm so soitheach beag aig Mac Mhurchaidhic Leòid, (Murchadh Mor, mar theireadh iad ris), dan ainm Vandora, a bheireadh leatha mu thimchioll deich cinn fhichead chruidh. Cha robh i na soitheach a bha gle shàbhailte air muir; oir, an uair bha i air na stoic, agus iad ga tearradh, ghabh i teine, ’us mun dfhuair iad a cuir as bha am planc aicair fas co tanas nach cumadh en calcas, isnuair bhitheadh i ann am fairge throm bhitheadh i deanadh ao-dion. Bha te ùr eile acair na stoic, agus bha, mar sin, na Vandora air a leagail suas.

An deigh na curachd bha cuid de sheann daoine timchioll na h-acarsaid air son gun rachadh Aonghas Mac Mhurchaidh Mhoir le crodh dhaibh do St. Pierre, ’us gun rachadh iad fhéin maille ris. Biad na daoine so Iain Moireastan, Ruairidh Friseal, Ruairidh Ros, (Mac Raonuill), agus IainSgiathanach,” bho bhraighe Ghlinne Mhoir. Dhaontaich e dhol maille riutha, agus thug e leis Domhnull Mac Ascuill, duine òg, tapaidh, mar sheoladair. Dol a null mu leith na slighe bhaghaoth gu math laidir as an deigh. ’Nuair bha Domhnull a fuasgladh guy an t-siùil thoisich, air son a chuir gus an taobh eile, thainig an crann sgoide gun fhios da, agus thilg e mach e. Bhuail e air a dhruim direach air an uisge, mar gum bualadh e air bord. Thionndadh e, agus thoisich e air snamh an deigh an t-soitheach; ach on nach robh guy an t-siùil air fhuasgladh cha dthigeadh i thuige dhaibh. Cha burrainn Domhnull mar sin, ged bha e math air snàmh, cumail rithe. Sheas iad air a chlar-uachdair ga choimhead, gun oidhearp air bith a thoirt air a theasairginn, gus na dheigh e riutha am bàta chuir a mach. Bham bàta làn connaidhus eile, agus bha na raimh fon fheur air a chlar-uachdair. Ach chaidh na seòid air obair agus fhuair iad am bàtachuir am mach; ach bha Domhnull cho fad air falbhs nach fhaiceadh iad e; achnuair a dheireadh e air barr nan tonn chitheadh esan iadsan ged nach fhaiceadh iadsan esan, agus dheigheadh e riutha, “Gabhaibh mar so!” Fhuair iad a steach e mu dheireadh, agus sheòl iad air falbh.

Cha robh iad fad air falbhn uair thainig feithus ceò, agus bha an sruth gle laidirgan toirt leis an taobh bha e dol. Air an ath lathas ann a fhuair iad iad-fein a stigh anns a chladach ameasg na sgeir-thonn, agus a bheinn mhor os an cionn. Cha robh gaoth aca thogadh air falbh iad, agus bhan sruthgan toirt gus na creagan. Thilg iad a mach an acaire agus smaoinich iad ciod a dheanadh iad. Nan dthigeadh gaoth air aghaidh a chladaich cha robh seòl acair iad fhéin a shàbhaladh. Chunnaic iad geodha beag eadar da sgeir, agus smuainich iad feuchainn ri dol air tir ann sud. Chuir iad a mach am bàta, agus chuir iad innte na bha do bhiadh aca, agus dhfheuch iad ri faotainn gu tir. Fhuair iad a steach sàbhailte, agus bha iad an sin na h-oidhche sin. Bho nach robh aca ach beagan bidh, agus gun fhios aca cuin a gheibheadh iad air falbh, ghabh Ruairidh Friseal riaghladh a bhidh. Fhuair esan losgadh a chorraig roimhe; oir bha e air fhuadach air falbh ann an soitheach gillean a Mhinisteiric Leòid, gu ruige cladach Newfoundland, gun bhiadh gun deoch fad moran laithean, gus mu dheireadh an do dhith iad seann chat a bha fada marbh anns an tuime. Bha Ruairidh gu math gann ris a bhiadh, ach cha robh cothrom air. Bha muir co garbh air a chladachs nach robh e sàbhailte dhaibh feuchainn a mach gus an t-soitheach. An ceann da latha rinn iad air son feuchainn a mach. Chuir iad na bha de bhiadh aca anns a bhàta, agus chaidh Aonghasus Domhnullsan toiseach gu h-iomaradh, agus shuidh Ruairidh Frisealsan deireadh. Dhfhuirich an triuir eile gus an dthigeadh iadgan iarraidh a rithist. ’Nuair a bha iad a mach am beul na geodha, thainig an tonn mor agus chaidh a mhullachn aird nan stuadh ghorm os cionn Dhomhnull agus Aonghas, agus thainig e nuas air Ruairidh, agus chuir e sios gus a ghrunnd iad fein agus am bàta. A cheud ni a chunnaic Domhnullnuair a thainig e an uachdar, da chois Ruairidh nan stoban suas direach as a mhuir; ach cha do chuir e dragh sam bith orra, oir cha bann orra bha aire: ’se bhann gach neach air a shon fein. Bha an triuir a bha air tir ag eigheachsa bualadh nam bas, oir bha choltas gun robh am biadh, an t-eathar, us an cairdean a dhith orra. Bha Domhnull ag obrachadh gu tir cho mathsa dhfhaodadh e, ach cha robh Ruairidh ri fhaicinn idir. Bha Aonghas ceangailte ris a bhàtaa ghalas air dol mu chrag. ’Nuair bha Domhnull gu bhi aig tir chunnaic iad Ruairidh air a ghrunnd a tighinn a steach gus a chladach, mar gum bitheadh giomach annam muir ga iomain roimhe. Ruith Iain Moireastan a mach na choinneamh agus rug e air, ach thug an tonn am mach iad le cheile, ach chuir an ath thonn suas a dhuachdar a chladaich iad, far an do choinnich Domhnull iad gus an cuideachadh. Thainig Aonghas agus am bàta gu tir sàbhailte. Ach bha iad a nise gun bhiadh, agus gun doigh air fhaotainn. Bha iad da latha an sin nan trasgadh. Air uairean bheireadh iad sgriob suas abheinn, ach bha an ceò cho dumhails nach fhaiceadh iad ni sam bith. Mu dheireadh thuirt Domhnull nam faigheadh e neach a rachadh maille ris gu dthugadh e ionnsuidh eile air faighinn a mach gus an t-soitheach; oir gum bu cheart cho math leis a bhàthadh ri bàsachadh leis an acras. Thuirt Aonghas gun rachadh esan maille ris. Chuir iad a mach am bàta agus fhuair iad sàbhailte gus an t-soitheach. Bha beagan de mhin-choirce air bòrd, bhleodhainn iad te den chrodh, agus rinn iad stapag, ’usn uair a dhith iad am feumalachd thug iad biadhus deoch don chrodh. Sin mharbh iad molt agus chaidh iad air tir. Chaithris iad an oidhche sin a ròsdadh us ag ithe na feoile. Air an ath latha rinn iad da ramh mhor air son gun iomairadh iad an soitheach am mach far am faigheadh iad gaoth; ach cha rachadh Ruairidh Ros, no Iain Moireastan, no IainSgiathanachair bòrd am muigh no mach. Roinn iad an fheoilus chaidh an triuir eile air bòrd, ’us dhfhag iad iadsan air tir. Dhiomair iad an soitheach am mach, agus an ceann beagan ùine dhéirich an ceò agus chunnaic iad sealladh air St. Pierre. Dhaithnich iad an sin gur ann air cladach Langly a bha iad. Fhuair iad a steach do acarsaid St. Pierre gun tuilleadh dragha.

Chunnaic an triuir a dhfhàgadh air a chladach nach robh math a bhi fuireach na bfhaide. Dhfhalbh iad feuch an lorgadh iad taigh, ma bha leithid ri fhaotainn. Bha iad afalbh air feadh chreagus gharbhlach, uair air an casan, ’us uair air an lamhan, ’us uair air an gluintean; oir bha an spruis cho dluth ann am moran aiteachans nach faigheadh iad troimhe idir. Bha triubhas ùr chlò air Iain Moireastan, ach cha bfhada gus an do tholl i air na gluinean, is cha robh e furasda dha aghartas sam bith a dheanamhsan droineach. Bha triubhas aig Ruairidh Ros air nach robh e cuir feum, is shrac iad i, ’us chuir iad tubhagan air gluinean Iain dhith, gam fuaigheal le freumhan. Cho fadsa mhair an fheoil bha chuis gu math, ach theirig i, ’us cha robh taigh no aiteach ri fhaicinn. ’Nuair a bha iad gu toirt suas leis an acras, thainig iad gu abhuinn agus lean iad i an dochas gun toireadh i iad gu cladach. Cha bfhada gus am fac iad ròn ameasg nan clachsan abhuinn, agus ma chunnaic cha bann air mhi-thapadh a chaidh iad. Ghabh iad dha le clachanus le maidean gus na mharbh iad e. Chaithris iad an oidhche sin a ròsdadh agus ag ithe an ròin.

Bha mar so am Freasdal caoimhneil riutha. Ged bha gabhaidhean agus trioblaidean a teachd nan caraibh, bha iad a teachd sàbhailte asda, agus a faighean fuasgladh an àm an fheum. Chaneil suidheachadh anns am bi an creutair nach bu choir da ni eigin fhoghlum uaithe a bhitheadh feumail da fein, agus, ma dhfhaoidte, do



[211]

[Vol . 8. No. 27. p. 3]

mhuinntir eile, ’san àm ri teachd. ’S ann mar sin a bha Samson o shean a deanamh, a toirtbiadh as an itheadar, agus as an fhear gharg millseachd.” Dheanadh sin na trioblaidean nam meadhon teagasg agus foghlum da. Chaneil ceist nach robh na h-eiginnean so a deanamh feum dhaibh-san.

Lean iad an abhuinn agus fhuair iad gus a chladach, am measg nam Frangach. Rinn iad gle mhath reir sin. Chuir iad soitheach beag leotha gu ruige St. Pierre; agus chuir iad soitheach eile gu ruige an t-aite an robh iad air tir, feuch am faigheadh iad lorg air an t-soitheach, gun fhios nach robh i air a bristeadh air a chladach. Fhuair iad gus a Vandora mu dheireadh.

Bha soitheachan beag eile bho St. Anns ann an St. Pierre aig an àm, agus on bha, cha rachadh a h-aon aca air bord na Vandora air son tighinn air ais; beiginn do Dhomhnullus do Aonghas teachd leotha fein. Air an t-slighe dhachaidh thainig stoirm, agus thoisich an soitheach air deanamh ao-dion. Bha fear mu seach aca aig an stiùir agus aig a phumptri cheud stracsan uairgus na rainig iad St. Anns, agus na ruith iad air tir i. Thainig cach an ceann latha no dha ann an soitheach mac a MhinisteirIc Leòid, agus tha mi creidsinn nach deach iad a ris do St Pierre.

Chaneil a h-aon don t-siathnar beò an diugh ach Domhnull. Tha e fathast gu math calma, na dhuine coir, feumail, agus na eildeirsan Eaglais Chleirich. Tha e leughadh MHIC-TALLA gu math bitheanta; agus tlachd mor aige do litricheanBodachan aGhàraidh.”


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXVI.

Bha Bahadar gu nadarra gaolach air coigrich, agus bha e toileach gu leor air cothrom fhaotainn air comain a chur air prionnsa og, maiseach mar a bha Amgiad. Oir dhaithnich e anns a mhionaid air cainnt, air gluusad, agus air coltas Amgiad gum bu mhac righ e.

A phrionnsa,” arsa Bahadar, “tha toileachadh mor orm a chionn gum bheil cothrom agam air comain a chur ort aig an dearbh am so. An aite stad a chur air an fheusd aagaibh, is ann a bheir e toileachadh dhomh a h-uile cuideachadh nam chomas a thoirt dhut gus an uine a chur seachad maille ri do bhana-chompanaich ann an doigh cho taitneach agus cho solasachs a ghabhas deanamh. Ach mun abair mi an corr mun chuis so, is math leam innseadh dhut gur e Bahadar mainm. Is mi am maighstir a tha os cionn eich righ nan Draoidhean. Mar is trice tha mifuireach ann an taigh eile a thagam anns abhaile, agus tha mitighinn uair is uair don taigh so gus greis dhen uine a chur seachad comhladh ri cairdean. Thug thusa air amhnaoi-uasail so a chreidsinn gum bheil seirbhiseach agad, ged nacheil a h-aon agad. Bidh misenam sheirbhiseach agad. Agus a chum nach cuir an suidheachaidh anns am bheil thu dragh ort, agus air eagal gun tig ort tuilleadh leithsgeulan a ghabhail, tha mi ag radh riut a rithist gum bi minam sheirbhiseach agad air a h-uile cor. Agus bidh fios an aobhair agad an uine gun bhith fada. Bi falbh air ais don t-seomar, agus lean romhad air thu fhein a thoileachadh mar a bha thudeanamh. An uair a thig mise air ais agus deise seirbhisich uman, toisich ri mo chaineadh air son cho fadas a bha mi gun tighinn. Na biodh eagal ort mo bhualadh. Bidh mifrithealadh dhut aig abhord gus an tig an oidhche. Faodaidh tu cadal ann an so fhein; agus gheibh abhean-uasal aite cadail ann mar an ceuna. Agus anns amhadainn am maireach faodaidh tu a cur dhachaidh cho measails a thainig i. Na dheigh sin feuchaidh mi ri seirbhis as mo agus as fhearr a dheanamh dhut. Thill don t-seomar gun tuilleadh dàlach.”

Ged a bha Amgiad adol ga fhreagairt, cha leigeadh e leis a bheul fhosgladh. Thug e air grad thilleadh don t-seomar anns an dfhag e abhean-uasal.

Mun gann a rainig Amgiad an seomar anns an dfhag e abhean-uasal, thainig cairdean Bhahadair thun an taighe. Thuirt Bahadar riùtha nach burrainn e aoidheachd a thoirt dhaibh, airson aobhar sonraichte a bha e gus innseadh dhaibhna dheigh sid, agus a bheireadh toileachadh gu leor dhaibh an uair a chluinneadh iad e. An uair a dhfhalbh iad, chuir e deise seirbhisich uime.

An uair a thill Amgiad don t-seomar anns an robh a bhean-uasal, bha e gu math toilichte a chionn gum buineadh an taigh do dhuine a bha ann an inbhe aird anns abhaile, agus gun do ghabh e ris cho caoimhneil. An uair a shuidh e aig abhord, thuirt e, “A bhaintighearn, tha mig iarraidh mile mathanas air son mi bhith cho mi-iomchuidhs gun dfhag mi an so leibh fein sibh. Bha dragh orm a chionn mo sheirbhiseach a bhith cho fada gun tighinn. Ach dioghlaidh an slaoightire air a ghnothaichean cho luaths a thig e. Bheir mise laimhseachadh dha air am bi cuimhne aige gu cionn iomadh latha.”

Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” arsise; “is ann dha fhein as miosabhios achuis. Ma tha e ciontach, is math an airidh e air gabhail air. Na bismaointean idir air; bidh sinne aoibhneach gu leor as aonais.”

Bha am barrachd taitneis aca aig abhord a chionn nach robh eagal sam bith air Amgiad roimh fhear an taighe a thaobh mar a thachair dha fheins don mhnaoi-uasail a dhol don taigh. Bha e cheart cho subhach rithe fhein. Bha pailteas de chomhradh taitneach eatorra; agus dhol iad barrachd air na dhith iad mun dthaing Bahadar air ais ann deise an seirbhisich.

Chaidh Bahadar a steach don t-seomar mar gum biodh sheirbhiseach air am biodh eagal mor roimh mhaighstir a chionn a bhith cho fada muigh an uair a bhiodh aoidhean maille ris.

Leig e e-feinna shineadh aig a chasan, agus phog e an t-urlar, agus dhiarr e moran mathanais air. An uair a rinn e so, sheas e air a chulaobh agus a dha laimh tarsuinn air a cheile air uchd mar gum biodh e feitheamh gus am faigheadh e ordugh ni eiginn a dheanamh.

Chuir Amgiad gruaim air, agus le guth crosda thuirt e, “A thruillich tha thu ann, am bheil do leithid eile de sheirbhiseach anns an t-saoghal? Caitan robh thu? Ciod e bha thudeanamh an uair a tha thu cho fada so gun tighinn?”

Mo thighearna,” fhreagair Bahadar, “tha mig iarraidh mathanais oirbh; bha mi deanamh mar a dhaithn sibh dhomh, agus cha robh mismaointean gun tigeadh sibh dhachaidh cho trath.”

A dhearg slaoightire,” arsAmgiad, “bristidh mi a h-uile cnaimh a thannad, agus bheir mi ort nach bi thug innseadhnam breug dhomh a rithist.” An sin dheirich e on bhord, agus an uair a thug e dha no tri buillean le bata, shuidh e far an robh e roimhe.

Cha robh a bhean-uasal riaraichte leis mar a ghabh Amgiad air Bahadar. Dheirich i on bhord, agus ghabh i dha leis abhata gus an robh esileadh nan deur. Bha Amgiad anabarrach mi-thoilichte an uair a chunnaic e an droch dhiol a rinn i air aon de dhard-sheirbhisean an righ, agus ged a dhiarr e orra stad, cha stadadh i air a chomhairle. “Leig leam,” arsise; “bheir mise a dhiol dha, agus bheir mi leasan dha a bheir air nach dean e a leithid a rithist.” Lean i air gabhail dha cho doirbhs gum bfheudar do dhAmgiad eirigh on bhord, agus am bata thoirt as a laimh ge boil leatha. An uair a chunnaic i nach fhaigheadh i cead leantail air bualadh Bhahadair leis abhata, shuidh i aig abhord, agus thoisich i air a chaineadhs air a smadadh.

Thiormaich Bahadar a shuilean, agus thoisich i ri lionadh nan glaineachan dhaibh le fion. An uair a bha iad deas dhem biadh, thug e air falbh gach ni a bhair abhord, chuir e a h-uile rudna aite fhein, agus on a bhan t-anamoch air tighinn, las e na soluis. A h-uile uair a rachadh e am mach no steach, bheireadh ise greis air a chaineadhs air a smadadh, agus air maoidheadh air. Bha so ami-chordadh gu mor ri Amgiad, ach cha robh e an comas stad a chur oirre.

An uair a thainig am cadail, chuir Bahadar leapannan air doigh dhaibh, agus an uair a rinn e so, chaidh e laidhe do sheomar eile, far an do thuit e gu trom na chadal ann an uine ghoirid, on a bha e fann, sgith an deigh na fhuair e do dhochann. Bha Amgiad agus abhean-uasal greis a comhradh anns an t-seomar agus an sin chuir i roimpe gum falbhadh i dhachaidh gun tuilleadh dalach. An deigh dhi a dhol am mach as an t-seomar, chuali an t-srann a bhaig Bahadars ena chadal. Agus an uair a chunnaic i claidheamh an crochadh faisg oirre, thill i air a h-ais, agus thubhairt i ri Amgiad, “Mo thighearna, ma tha tlachd agad dhomhsa, ni thu aon ni air mo chomhairle.”

Ciod a tha thug iarraidh orm a dheanamh?” arsAmgiad.

Bidh minad chomain ma bheir thu nuas an claidheamh ud, agus ma chuireas tu an ceann bhar do sheirbhisich leis.”

Ghabh Amgiad uamhas an uair a chual e aleithid de chainnt atighinn a beul boirionnaich, agus bha e smaointean gur ann air mhisg a bha i. “A bhaintighearna,” arsesan, “leig le mo sheirbhiseach; na bfhiach leat dragh sam bith a chur air. Ghabh mi fhin air, agus ghabh thu fhein air; agus foghnaidh na fhuair e. A bharrachd air sin tha mise gle riaraichte leis. Is ainneamh leis dol as an rathad a dheanamh.”

Cha dean sin an gnothach,” arsise, agus i labhairt le corruich mhoir.

Theid an slaoightire chur gu bas gun teagamh. Mur cur thusa gu bas e, cuiridh mise gu bas e.”

An uair a thuirt i so, thug i an nuas an claidheamh, agus an uair a thug i as an truaill e, bha i dol a chur a droch run an gniomh.

Nithear mar a tha thug iarraidh ach cha bu mhath leam neach sam bithga chur gu bas ach mi fhin,” arsAmgiad.

An uair a thug i dha an claimheamh, thuirt e, “Trobhad an so, agus lean mise. Na dean fuaim sam bith mun duisg sinn e.” Chaidh iad don t-seomar anns an robh Bahadar, agus an aite Bahadar a bhualadh, is ann a bhuail Amgiad ise, agus mharbh e i.

(Ri leantuinn.)


Tha esan a tha aig sith, gun amharas air neach air bith, ach am fear a tha mi-thoilichte agus buaireasach, tha e làn amharasan; chaneil sìth aige féin, is cha leig e le daoineile sith bhi aca.

Gu tric their e an ni nach bu choir dha, is fàgaidh gun deanadh e an rud a thigeadh dha a dheanadh,

Gabhaidh e beachd air dleastanais dhaoineile, is air a dhleastanas fhein ni e dearmad.

An toiseach mata, bi sùrdail ad ghnothach fhein, aguss ann an sin as feàrr a ni thu feum don atharrach.



[212]

[Vol . 8. No. 27. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, IANUARAIDH 12, 1900.

FAILTE NA BLIADHNUIRE.

(A Caraid nan Gaidheal.)

Chaochail an t-seana bhliadhna an raoir air amheadhon-oidhche; agus do réir lagh seasmhach a shuidhicheadh o chionn shè mìle bliadhna, thàinig abhliadhnùr a steachn a h-àite. Cha luaithe a thilg an t-seana bhliadhna an deò, na ghrad chuireadh a mach a closach do shlochd na -chuimhnmaille ri ùir a sinnsear. Cha robh mulad no bròn air abhliadhnùir air son bàs a màthar. Ghrad chuir i am fleasg rìoghail ma ceann féin. Chaidh isteach do thalla mòr na h-aimsire gu h-uallach, iollagach, eutrom. Shuidh ian ceann àrd an t-seòmair, agus ghairm i a gillean-frithealaidhn a làthair. ’S es ainm dhoibh so, na Ceithir-uaire-fichead. Thàinig iad a stigh, na h-uairean siùbhlach, gluasadach, èasgaidh, ceithirar fhichead diubhbalachain òga, dhian’, thogarrach. “Ciod,” arsiadsan, “a bàill leibh sinn a dheanamh?” “Falbhaibh a mach,” arsise, “agus gairmibh a stigham làthair mo chùirtearan mòra. Tha air tùs ceathrar ann de fhlaithean àrdaan t-Earrach, an Samhradh, am Fogharadh, ’s an Geamhradh. Maille riutha so, thugadh cuireadh do na cinn-fheadhna mheasail, na Mìosan-mhìos-dheug na bliadhna; agus thigeadh na h-uaislean urramach sin, na Seachduinean, maille riuthaa dhà-dheug agus -fhichead de na cinn-fheadhna ghleusta, aosmhor onorach, a bhann o linns o làithean Noah; agus abraibh riutha gur e mo thoil gun tugadh iad an ceatharnaichs an daoine leo, na Làithean uilean trì-cheud, an trì-fichead, ’s a còig. Rachaibh a mach, ma ta, agus thugaibh cuireadh agus fialachd dhoibh uile. Falbhaibh gu luath, mo ghillean-frithealaidh neo-sgìth, nach drinn moille riamh, agus gairmibh gach aon diubhan làthair luchd-cuirme na bliadhnùire.”

Ghrad thòisich na h-uairean ri ruith. ’S gann a bha iad air falbhn uair a chualas stairirich agus gleadhraichfire, faire! ’S ann an sin a bhan othailtailmrich chasdonnalaich choniolach nan gillean beagafuaim nan camans nam batachan air seiche thioraim chruaidh an tairbh ruaidh. “ so,” arsabhliadhnùr, “a thateachd le fàilte cho fuaimneach?”

Tha an so,” arsan gille-frithealaidh, “bantrach an latha-, oidhche Challuinn. Cha do thilg an latha-, an duine còir, an deò ach o chionn tiota beag; agus tha ise, achailleach ghleadhrach, mhear, abhantrach gun nàire, a nis cho aighearach, chridheils ged nach robh eòlas aice riamh air. Tha in so air a breathaséisd! ‘Calluinn abhuilg bhuidhe bhoicinn, buailibh an craicionn! ’”

Thainig istigh le meadar làn de làgan, no de chabhruich, a dhfhàilteachadh na cuideachd. “Fàilte! fàilte! mìle fàilte,” arsise; “soirbheachadh agus sonas don bhliadhnùir! mìle sonasn a lorg!” Bha aicen a làimh caisean-uchd, air a dhothadhs an teine. Chuir an òinseach so trì uairean deiseal ma ceann, agus an sin thairg i don chuideachd uile. Bha ceud latha na bliadhnùira nis aglasadh, agus béigin do dhoidhche Choinnle teicheadh, i féin a thoirt as, agus àita dheanamh air son na feadhnach a bhateachdna déigh.

Bha achuideachd a nis acruinneachadhlàithean na bliadhna, cuid diubh fluich, agus cuid diubh fuar, cuid diubh gaothar, agus cuid diubh ciùin, ’s an tràs’ ’s a rithist, latha tioram grianach.

Chunnacas ceithir fir-fhichead ateachd le deifir mhor; agus da rìreadh, bu cholgarra, gruamach, gaillionnach an coslas. Bha sgàth aig abhliadhnùir rompa. Ach iad? Bha currachd riobach, molach, air a tharruing gu teann a nuas man cluasan; bha crios làidir mum meadhon; sìoman connlaich man casan; cuaille mòr den chuilionnn an làmhan; iomaguin agus buaireas àrdn an suilean. iad? Tha crith fhuachd atighinn air gach aon mar tha iad adlùthachadh. ’S es ainm do na ceithir fir fhichead ud, na Faoiltich. ’S frionasach, colgarra, feargach, làithean deireannach agheamhraidh; ach cluinneamaid an fhàilta tha iad acur air achuideachd. “Failt’ !” arsiadsan; “na biodh fuath agaibh oirnne, ged tha sinn air uairibhn ar culaidh-eagail. Tha sinn feumailn ar n-àm fèin; seadh, cho feumail, phrìseil, luachmhor, ri làithean ciùin acheitein. ’S e an t-aon àrd agus ghlòrmhor as athair dhuinn uile. ’S iomadh tinneasus fiabhrus, plàigh agus olc, a tha sinn afuadach air falbh. Tha sinn asgapadh nan neulan tiugha a dhùisgeadh olc agus truaighe. Is sinnethafasgadh na h-iarmailt: is sinne lighichean an domhain. Na biodh gruaim oirbh romhainn. Mur bhi sinne, cha bhiodh ach beag meas air samhradh no air céitein; mur bhi sinne cha bhiodh toradhs an fhogharadh no pailteas on fhonn. ’N uair a chluinnear sinn adol a mach air sgiathan na gaillinn, le clacha-meallainn, le glìb, le curus cathadh, ri fuaimnich oillteils abheinn, agus ri gàir uamhasach air chuan, togaibhur sùileansur cridheachan suas da ionnsuidh-san a thaga dheanamh féin aithnichtes an stoirm agus atoirt air na fineachan cliù a thoirt da ainm. Chaneil annainn ach òglaich an Tighearna; earbaibh annsan. Ged tha làithean cuid agaibh mar na faoiltich fhuar’, na caillibhur misneachthig earrachn an déigh; agus sibhse, a rithist, a tha seasgair, blàth, tioramfo fhasgadh thighean airur còmhdachadh gu maith, agus asealbaachadh iomadh sòlais— ’ur cupan aruith thairis, gun dìth, gun uireasbhuidhbithibh taingeil! Theagamh nacheil làithean nam Faoilteach fada uaibh. Deanaibh feum maith den latha diugh, agus earbaibh á Dia air son an àm ri teachd.”

Ach so a thatighinnn a charbad uaine, àillidh, am morair dreachmhor! a thrì mìosan maille ris, ceithir seachduineanan cois gach mìos, len ochd làithean fichead aig sàil gach aoin diubh? ’S ann an sin a bhan toileachas-inntinn, an sùgradh, ’s an t-aighear, ’n uair a chunnacas carbad uaine, loinnearach an Earraich! Bha sùil ris, bha dòchas gun robh etighinn; oir biad na Faoiltich a theachdairean. Failtair Earrach àghmhor nan iomadh buaidh! Than sneachd aleaghadh o ghuaillibh nan gruaim-bheanna ciara; tha an eigh, le gleadhraich gharbh, asgealbadhs ateicheadh sìos don chuan; tha na lòins na blàir air an sgeadachadh le comhdach àluinn ùr; tha na lusan maothatogail an cinn len dathan àillidh, fann-gheal, dearg; than snothach adìreadh gu mullach nan craobh, a dhfhàilteachadh an Earraich; tha na h-eòin bheagaseinn le sòlas atogail an òran binn; tha na h-uain bheaga cho geal ris achainichean, le méilich fhann, ’s na minneinean mireagach, lem migeadaich laghach, acur fàiltair. Eisd! bàirich nam , agus fann-gheum nan laogh mun cuairt don chrò. ’S ann an sin a than othails an ùpraid, mar than t-Earrach atighinn a stigh! Faic an tuathanach adol a mach lebhrat lìn ma ghuaillibh, a chur an t-sil, am balachan beag asuidhe cùl an t-saic, air an t-sean each chàm a thagiùlan aphòir. Eisd fead an treabhaiche; straighlich nan cliath; sùrd air gach ni; a h-uile h-aon cridheil, eutrom, ’S maith a labhair am filidh Gàidhealach

“ ’Nis theid Earrach uainn airchuairt
S thig an Samhradh ruaig a nall;
S gorm-bhog duilleach gheug air glinn;
Eunlaithseinn air bharr nan crann;
Druchdan tlathair feur gach glinn,
S lan thoil-inntinn sgiamh nam beann.”

Cha luaithechaidh an t-Earrach a stigh, na ghrad chunnacas òganach dreachmhor, suilbhearra, uallach, ateachda leadan buidhe sìos air a ghuaillibh, fleasg de bhlathan ùra ma cheann, badan de shobhraichean fann-bhuidhe nam bruachn a bhroilleach, —aChuthag ghlas, le agug-gùg,” ’n a dhéigh. So teachdairan t-Samhraidh, “Latha buidhe Bealltuinn!” Nach tlàth, cùbhraidh, taitneach an t-àile! —nach àillidhn an neart, nach bog, blàth na frasan ciùine! “Dùisg, manam! thoir cliù do Dhia!” s urrainn àilleachd an òg Shamhraidh a thoirt fainear, gun a chridhethogail, suas da ionnsuidh-san a thatoirt so uile mun cuairt?

OShamhraidh gheugaich, ghrianaich, cheutaich,
Dhuillich, fheuraich, chiuin-ghil!
Bho anail fein thig neartns speurad
Do gach creutair diuidi
Bhan sasan slabhraidh reota ghermhraidh,
Ann an am na dudlachd,
S thanis adannsfeadh ghlacus gleann
Mu dtheachd a nall as ur oirnn.”

Bu taitneach da rìreadh ra éisdeachd an fhàilta chuir an Samhradh air achuideachd! Cha do labhradh riamh a mach á crannaig searmoin a bu taitniches a bu druightiche; agus dhéisd achuideachd uile le mòr thoirt frinear. Faicibh anns an t-Samhradh maitheas Dhé, a thatoirt don t-saoghal gach sochair agus beannachdn a àmsn a thràth féin. Cia àillidhnis an domhan! —an lathan a fhadsn a bhlàs, gach eun aseinn aig beinnr aig baile, agus obair na cruitheachd fo shòlas. Faicibh an t-atharrachadh a thatighinn air aghaidh an t-saoghail! Thilg mullach nam beann mòra dhiubh currachd sneachd-geal agheamhraidh; tha Nàdur air dùsgadh oshuain; tham fonns am fearann atoirt dearbhadh air feartan na gréine, agus air cnmhachd ciùin an drùchd. ’S e Dia a rinn so uile.

Bheir e air feur bhifas do spreidh,
S an luibh bhifas gun sgios
Do dhaoinibh, chum gun tugadh iad
On talamh biadh o nios.”

(Ri leantuinn.)


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.



[213]

[Vol . 8. No. 27. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha sinn a cluinntinn gu bheil an amhach-ghoirt gle dhona ann am Port Hood, agus gun do chaochail aireamh de chloinn leatha.

Chan eil e comasach dhuinn ainmean na muinntir a phaigh a chur anns an aireamh so, ach feuchaidh sinn rin cur anns an ath aireamh.

Tha Mr. E. T. Mac Keen air tighn a mach a ruith an aghaidh Mr Crowe air son dreuchd na h-ard-bhaillidheachd. Ann an Sidni Tuath tha D. D. Mac Coinnich a ruith air son na dreuchd cheudna an aghaidh Mr Bertram.

Chaidh roinn de stuth laidirs de thombaca bha air a smugladh a ghlacadh anns an stor aig D. R. Caimbeul, ’s an t-Shipyard, Di-mairt sa chaidh. Dhaidich e gum bann air a smugladh a bha e, agus nach robh ann ach pairt de na bhann an toiseach. Bfheudar dha $375 a dhumhladh a phaigheadh. ’Se Mr. J. C. Bourinot á Port Hawkesbury, agus Capt. Gordon, a Sidni Tuath, a rinn an glacadh.

Tha comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so, agus a reir oraid a chinn-suidhe aig an fhosgladh tha cuisean nas fhearr na bha iad bliadhna riamh roimhe. Babhaist an t-siorrachd a bhi anns na fiachan toiseach gach bliadhna, ach air an turus so, chan eil sgillinn fhiach oirre, agus tha beagan airgid ri creideas anns a bhanca. Tha so gle chreideasach dhaibhsan aig an robh gnothuch ri riaghladh chuiseans ri tional nan cuisean re na bliadhna.

Se ar barail nach urrainn luchd-gabhail MHIC-TALLA talach sam bith a dheanamh air an leughadh a tha iad a faighinn aig an am so. Tha cairdean aig a Ghailigs aig MAC-TALLA ann an iomadh aite thadol gu saothair mhor asgriobhadh naigheachdan, eachdraidhean, orain, agus iomadh ni eile nach urrainn ach a bhi taitneach do luchd-leughaidh na Gailig. Tha naigheachdan na seachdain car gann againn an drasda, ach dhinnis sinn ciod a baobhar dha sin. Tha dochas againn an uine ghoirid gum bi uiread no barrrachd naigheachdansa MHAC-TALLAsa babhaist a bhi ann.

Dhfhalbh na saighdearan a tha dol dhan Transvaal a Sidni Di-satharna sa chaidh. Bha aireamh mhor de shluagh a bhaile cruinn aig calan rathad-iaruinn gus am faicinn air falbh. Mhears geard de na Gaidheil Earraghaidhealach lem piobair air an ceann, sios comhla riuiha, agus chaidh am band leotha cuideachd. Aig a chala, rinneadh oraidean le Maidsear Crowe, agus le Eachunn F. Dughlach, M. P., a thoirt misnich dhaibh agusgam moladh air son a bhi cho ullamh gus an seirbhis a thairgse dan duthaich; agus mar an ceudnagealltuinn dhaibh gum biodh deagh churam air a ghabhail dhuibhsan a bha iad afagailnan deigh. Chaidh coig dolair dheug ann an or a thoirt do gach fear dhiubh, agus an deigh moran crathadh-laimh agus le deagh ghuidhe nan uile dhfhalbh an carbad leothaa cheud bhuidheann dhaoine chuir Ceap Breatunn riamh air falbh a chogadh os leth na h-Impireachd Bhreatunnaich.


Cuairt Latha Samhraidh.

Thuit dhomh a bhisiubhal troimh thìr mo dhùthchais air latha bòidheach samhraidh. Bha aghrian adearrsadh ann an àird neart amheadhoin-latha. Sheas mi agabhail beachd air maise an t-saoghail nàdurra, agus bha an sealladh dom shùil. Bha feath nan iad air aghaidh achuain, ’s eoin na mara ag itealaichs adeanamh gàirdeachais lechéile os cionn an éisg,

Tharruing mi dlùth do thulman bòidheach, timchioll air am bàbhaist dhomh, uair-eiginn den t-saoghal, tacan de gach lathachur seachad le companaich dhìleas na h-òigegu h-aotrom sunndach, gun churam mu nithean na beatha so, no mu chor siorruidh manam neo-bhàsmhor. Sheas mi abeachdachadh air gach , agus bha iad gun chaochladh, ach beag mar a bha iad feur uaine acòmhdachadh na faiche. Bha achuthag gu binn a goirsinn anns gach doires gleann, ’s an uiseags an smeòrach agleusadh an ribheidean, a sheinn òrain molaidh, ’s a chur an céill an taingealachd don Dia sin bhom bheil iad afaotainn beatha agus teachd-an-tìr. Dhamhairc mi chum na laimhe deise. Feuch, monaidhean àrda, srathanus glinn, comhdaichte gu léir le àillidheachd an t-samhraidh. Bha amhuinn bhras lubachan t-sobhrach bhàrr-bhuidhe ag iathadh mu bruachanaruith sìos don chuan. Ritaobh, fhuair mi màrach. Sheall mi a dhionnsuidh na laimhe clì. Feuch, luingeas nan crann àrda, len siùil ri oiteig chiùin an t-samhraidh, aseòladh eadar Eige nan Sgurus Eilean aCheo.

De na smaointean a dhéirichsuass an taobh a stigh dhiom aig an àm so? Ged bha na nithean so uile mar a bha iad ann an aon seadh, ’na dheigh sin, thug mi fa near caochladh sgrìobhtair gach . Ar n-athraichean, càite am bheil iad; ’s am mair na fàidhean beò am feasd? Càitem bheil companaich na h-òige, ’bha leam-sa anns an ionad so, ’s a thoisich air ruith na réise maille rium? Mo chreach! sgaraichte bho chéile tha iadcuidnan coigrich ann an tìr choimheich, chéin, ’s cuid ann an leabaidh thosdach na h-uaighe, fo ghlais aig righ nan uamhas. Nach be sud maduinn chéitein mo bheatha, ’n uair a bha mi gu neo-chùramach ri cluichus àbhachd air feadh nan glacan so? Ach tha ar n-aimsir adol seachad gu luath. Latha no dhas than samhradh thairis. Dlùth na dhéigh thig geamhradh doinionnach, dubh, a rùisgeas cranns a chrathas duileachmartha na craobhan as blàithe bhon dfhuair mi fasgadh air seargadh as, ach beag, gu h-iomlan. Is fìor a labhair am fàidhen uair a thubhairt e, “Tha sinn a seargadh mar dhuileach.”


Ni an duine siochainteach barrachd feum ris an duine ionnsaichte.


A Dhaoinagus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an Creic,

Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na thagainn dhiubh gu math nas isle na na prisean.
J . C. MILLS.

Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc as mothas as fhearr seorsachaidh a thanns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.



[214]

[Vol . 8. No. 27. p. 6]

BEHIND THE SCENES. ”

LE DONULL MAC CALLUM.

An déigh còmhraig Creig na h-Iolaire bha Captain T. Goblets agus The Mac Dodo, Henry V., air an smachdachadh agus air an claoidh leis an fuath do-labhairt a thug iad da chéile. Ma tha thu smuainteachadh gur ann air son math do dnamhaid a tha e air iarraidh ort a ghràdhachadh agus nach ann air son do mhath fein is ann glé chlì tha thu tuigsinn an Fhacail. Tha mi cinnteach nach miste do nàmhaid gun tugadh tu gràdh dha ach mar dean thu sinse glé bheag sith a gheibh thu féin.

Chan e a mhàin nach robh gràdh aig a Chaptain agus aig The Mac Dodo do Lady Myshrym ach bu bheag orri, gidheadh do bhrigh gun robh gach fear dhiu creidsinn gun robh gaol aig an fhear eile orra, ga cumail o chéile chuir gach fear dhiu roimhe a pòsadh. Bfheàrr leis gach fear dhiu a phosadh nach bu toil leis na gum faigheadh am fear eile an a roighneachadh e. A charaid, ma tha thu saoilsinn nach gabhadh so a bhith chan eil fhios agad gun drugadh tu. Is sona dhuit a bhith cho aineolach a sin.

Ghabh na fir so gach fear a chothrom féin ann a bhi dol a dhiarraidh na banntraich mhoir ann am pòsadh, agus so an fhreagairt do gach fear dhiu—“My own dear noble lord, great as is my love for your noble lordship, and it is boundless, will your noble lordship forgive me when I say that my hatred of the wicked poachers is still greater? Let your noble lordship prove the strength of your noble lordships love to me by procuring the wicked poachers the due reward of their iniquity. ”

Bha aobhar math aig an lady nach pòsadh i fear seach fear dhiu, ach chan fhac i iomchuidh sin innseadh dhoibh. Bu mhath don fhear leis an eireadh buaidh gun robh sin mar sin.

Na saoil air son iad a bhi aimeadach anns an ni so gur h-iad droch dhaoine bhas na fir so air eagals gum bi thu ga ddhiteadh féin; oir cha mhor dhaoine nach eil an sèorsaimeadas so ceangailte riu. Tha uairean a tha an t-aimeadas so air a ghlòireachadh mar ghaisge mor.

Cha robh aobhars am bith, a chunntadh neach eile na aobhar, aig na fir so gum biodh fuath aca da cheile, agus do bhrigh gun robh sin mar sin, bha e eu-comasach do neach réiteadh a dheanadh eadar riu. Chan urrainn thu ni a thoirt as an rathad nach eil ann; agus an aiteachadh iad gun robh iad a faicinn ni aig nach robh bith?

Se duine caol, sia traighean adhairde, dubh, lom, duaichnidh, a bhann an Henry V., aig an am so tri bliadhna fichead a dhaois. ’Se duine tiugh, coig traighean agus coig oirlich air àirde, bàn, molach, briadh a bhas a chaptain, leth cheud bliadhna dhaois aig an àm so. Bha gaol mòr aig an lady air The MacDodo, agus mar bitheadh nach burrainn i sin a dheanadh phosadh i e gun dail.


Chan eil sgeul mhor sam bith ri innse mun chogadh air an t-seachdain so, ach a mhain gun do chuir an Seanalair White an teicheadh air buidheann mhor de na Boers aig Ladysmith Di-satharna. Ghlac na Boers pairt de dhaiteachan-laidir a bhailesa mhaduinn, ach mun do thuit an oidhche chaidh an toirt uapa rithist. Bha call mor air gach taobh. Rinneadh toileachadh mor nuair a thainig am fios so; ach gun teagamh tha Ladysmith a nise moran nas laige na bha, agus ma leanas na Boers air cur seisd cho cruaidh ris chan urrainn dha seasamh. Bha sgeul a dol mun cuairt mu mheadhon na seachdain gun dfhuair Buller tarsuinn an amhuinn Tugela, ’s gun dfhuair White a mach a Ladysmith, ach cha robh facal firinn ann. Tha Roberts agus Kitchener air ruigheachd a mach, agus air ard chomand an airm a ghabhail.

Tha duil ri tri cheud Eadailteach a thighinn don bhaile air an t-seachdain so gus a dhol a dhobair do chuideachd an iaruinn.

Tha daoinann aig nacheil sith anntafhein, is nach leig fois le feadhain eile. Tha iad sonan claoidh do dhaoineilesnam buaireas dhaibh fhéin.

Tha sluagh eile ann a tha sìochainteach annta fheins a toirt na h-uile oidheirp air daoineile gluasad ann an sith.

An deigh so uilese cur suas le anshocair, is chan e gun a faireachduinh anns abheatha so, aona bhonn ar sìth.

Tionndaidh an duine feargach a maith fhein gu olc, agus an t-olc tha iad deas a chreidsinn.

Tionndaidh an duine siochainteach gach ni gu math.


THA MIG IARRAIDH
DITHIS NIGHEAN, —aon gu bhina bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe.

MRS . C. A. MEISSNER,
Colby Lane, Sydney, C. B
jan 12— tf


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Achse giùlan gu foighidneach le daoine borb, mollaichte an gniomh eireachdail agus euchdail.

Tha cuid ann a tha sìtheil annta fhein, agus a tha gleidheadh sìth am measg dhaoineile.

Gleidh sìth annad fhéin an toiseachs na dheigh sin faodaidh tu feadhainn eile a dheanadh réidh.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.



[215]

[Vol . 8. No. 27. p. 7]

Neo-Bhasmhorachd.

Chunnaic mi am blàth aseargadh air aphreas, ledhuilleagaibh boidheach spapte air an làr. Dhamhairc mi rithist; thog e cheann as ur; bhrùchd a mach am maoth ògna bharr; thainigfhàileadh cubhraidh orm an uchd na gaoithe.

Chunnaic mighrian adol fodhas an iar; neoil chiar-dhuth na h-oidhche ag iathadh mun t-saoghal. Cha robh dath, no dealbh, no àilleachd, no ceol, ach an aon duibhre dhorch atuineachadh mun cuairt. Dhamhairc mi, agus dhéirich aghrian a rithists an ear ann an àllleachd a neirt, asgaoileadh a gathan òr-bhuidh air àirde nam beann. A neadan còinich dhéirich an riabhag a chur fàilte oirre, agus theich an oidhchena ciar-imeachd air falbh.

Chunnaic min durrag air tighinn gu làn mheudachd; dhfhas i fann; dhiult i lòn; shnìomh i uaigh dhi fein; agus chunnaic mi i air a ruigheadhna léine bhàs shìoda; laidh i gun chasan, no dhealbh, no lùths, no comas gluasaid. Dhamhairc mi rithist; thainig i beò as ùr, air a sgiathaibh dearg-bhreachd àillidh; ghabh imach air blàths chéitein na gaoithe; rinn i gàirdeachasna h-ùr bheatha.

Is amhuil mar so a thachras dhutsa, O dhuine! Mar so ath-ùraichear do bheatha-sa. Cinnidh àilleachd as an ùir, agus beatha as an duslach. Tamull beag agus laidhidh tu fon fhòd, mar a laidheas an sìols an fhonn; ach togar thuna dhéigh so, agus a chaoidh cho bhàsaich thu.

esan a thateachd a bhristeadh cuibhreach na h-uaighe, a dhusgadh nam marbh, agus a chruinneachadh a mhuinntir shaorta fein o cheithir àirdibh an domhain? Tha etuirling air neul lasarrach; tha fuaim na gall-truimp adol roimhe; milteande ainglibh air a dheas làimh. Is e Iosa Mac Dhé a thann; Fear-saoraidh achinne-dhaonna; caraid nan ionracan. Tha e teachd ann an glòir Athar; fhuair e cumhachd os àird.

A mhic na neo-bhasmhorachd, na bi fo bhron! oir tha am milltear, am milltear neo-iochdmhor a thug sgrios air oibribh Dhé, air a cheannsachadh. Iosa, thug e buaidh air abhàsa mhic na neo-bhàsmhorachd! na bi nis fhaide fo bhròn!


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.



[216]

[Vol . 8. No. 27. p. 8]

Cuachag an Fhasaich.

LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.

FONN
A bhanarach dhonn achruidh,
Chaoln achruidh, dhonn achruidh;
Cailin deas, donn achruidh,
Cuachag an fhasaich.

A bhanarach mhiogach,
S e do ghaol thug fo chis mi;
S math thig làmhainnean sìoda
Air do mhin-bhasan bàna.

S mòr bu bhinne bhid éisdeachd,
N àm bhi bleoghann na spréidhe,
Nan smeòrachs acheitein,
M bàrr geigann am fas-choill.

Ceol farasda, fìor-bhinn,
Fonnmhor, farumach, dionach,
A sheinn an cailin donn, finealt.
Bheireadh biogadh air màirnean.

Ged a bfhonnmhor an fhiodhal,
S a teùdan an righeadh;
S e bheireadh dannsair gach cridhe,
Ceòl nighean na h-àiridh’.

Tha deirgagus gile,
Gleachd an gruaidhean na fine;
Béul mìn mar an t-sirist,
Do am milis thig gàire.

Déud snasta na rìmhinn’,
Snaidhte, cruinn, mar na dìsnean;
Gur h-in donn-gheal ghlan, smideach,
Is ro-mhìog-shùilcach fàite.

Chuireadh moillair do leirsinn,
Ann am madainn-driùchd cheitéin,
Na gathannan grèine
Thig bho téud-chùl cas, fainneach.

S ciatach nuallan na gruagaich’,
Ri bleoghann cruidh ghuaillfhinn,
Atoirt tormain air cuachaig,
S bodhar-fhuaim aig a clàraibh.

S taitneach siubhal a cuailein,
G a chrathadh mu cluasan,
Atoirt muidhair seid-luachrach
An tigh-buailen gleann-fàsaich.

A muineal geal, bòidheach.
Mun iathadh an t-omar;
A dhath fhéin air gach seòrsa,
Chìteadhdòrtadh tromh bràighe.

mhaoth-bhois bu ghrinne,
Fon ghàirdein bu ghile,
N uair a shintiad gu h-inealt
Gu sinean cruidh fhasgadh.

Gum bu mhòthar mo bheadrach
Teachd don bhuaile mu eadradh,
Sèamh, sult-chorpach, beitir,
S buarachghreasad an àil aic’.

Glac gheal a bàrd gleadhar,
Stealladh bainnen cuaich-bhleoghainn,
Seinn nan luinneag bog seadhach
Ann an gobhal na blaraig’.

N uair a thogadh tu bhuarach,
Cuach as currusan na buaile,
Bao-coltach do ghluasad
Ri guanaig na sràide.


Am Bothan Beag.

LE D. MAC EACHARNA.

AIR FONN—“The Auld Hoose. ”

Am bothan beag an cois na creig,
S an dfhuair mim àrach òg;
S a ghleannan uainan cluinnear fuaim,
Us gàirich achuain mhòir;
Na beanntan fuar ag èiridh suas,
Ga chuartachadh mar chrò,
O, ’s tric mo smuains a ghleannan uain’,
S an dfhuair mi màrach òg!

Air fad mo chuairt ma dheas, ’s ma thuath,
S gach aite an dfhuair mi tàmh,
Ben gleannan uain’ ’s am bothan truagh,
Bharuith am smuain a ghnàth.
S geds fuar, mo chreach, an diugh do leac,
S gun neach a chur orm fàilt’,
O, nead cho cuanal riamh cha dfhuair mi,
S a bha nair fo dsgàth!

Gur goirt mo smuain air làraich fhuar,
Nan daoine suaircebhann,
Chaidh cuid thar chuan diubh, ’s cuid a fhuair,
An dachaidh bhuan measg Ghall;
Bu ghoirt an cridhman dleig iad sios
An cadal sìor an ceann,
S am miann bhi sìnnte làmh rin sìnnsear,
Ann an Tir-nam-Beann.

An oiteag luaineach feadh nam bruach,
Tha luasgadh bàrr an fheòir,
Mar ghuth am chluais, a dùsgadh smuain,
Nach luaidheadh briathra beòil;
Tha nithe taisgtan cridhgach neach,
Nach fhaic aon sùil tha beò,
O, soraidh bhuan don ghleannan uain’,
S an dfhnair mi màrach òg.


Laoidh.

AIR FONN:— “A Mhorag am bheil thu tighinn.”

Iosa labhairts mise an t-Slighe,
Thigsa steach is gabh leam seilbh,
Na bi muigh a measg na madraidh,
Na do luidhe fo an fheirg.

Gabh a steach than t-slighe réith dhuit,
Se mac Dhe tha dha do gairm
H-uile Gras us tiodhlac neamhaidh,
Fhuair e fein bidh dhuit mar sheilbh.

Bidh e fein mar sholus Greine
Dha do cheumnuair bhidhs tu falbh,
S leis a chiuine tha na bhriadhran,
Tionntaidhear gu feath an stoirm.

Dlùthaich a stigh fobhrataich,
Feuch nach fan thu fad air falbh,
Crùn e mar Righ air danam,
S gheibh thu bata maith is lorg.

Feuch nach stad thu gus am faigh thu,
Dion is fasgadh stigh na ainm,
Co thubhrt ruit nach caill thu danam
Le bhi leantuinn fad air falbh.

Gheibh thu clarsach air a gleusadh,
S crun as feàrr na geugan pailm,
Gheibh thu dlu don t-sagairt neamhaidh,
S na uchd-eididh cuirar danam.

Gheibh thu àite measg na naoimh,
A rinn na linntean thoirt air falbh,
S bidh thu ann an comunn Ainglean,
Far ach cluinn thu cainnt nam borb.

Cuimhnich gu bheilm aguis,
Cuibhrionn do pheanas searbh,
Dhoibhsan a bhios ri magadh,
Airn tha gabhail tlachd na ainm.

Eirich na luidh nas fhaide,
Teich le cabhaig bhon an fheirg,
S gus nach faighear fuil na daodach,
Feuch gun glaoth thu ris na mairbh.


Is math is aithne dhuit do leisgeal fein a ghabhail, agus an dreach as feàrr a chur air do dheanadas, ach chan eil moran foighidinn agad ri leisgealan dhaoineile.

Achse bu dealbhaiche dhuit thu fein a chur fodha agus do bhràthair a thoirt an uachdar.

Mas math leat gun cuirte suas leat, cuir thusa suas le feadhain eile.

Seall cho fadasa tha thu fhathasd on fhior charrantachd is o umhlachd, subhailcean nach gluaisear gu feirg no gu corruich ach ri duine fhein.

Chan euchd mor do dhuine giulan le daoine ciùin ciallach, agus is taitneach an t-sìth leis na h-uile, agus is miann leò iadsan a tha dhaona bheachd riatha fhein.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonhas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIGAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An seorsas fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.

titleIssue 27
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 27. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page