[Vol . 8. No. 28. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 19, 1900. No. 28.
Litir a Alba.
Bodachan a gharaidh,
Cho friogadach ’s cho frogadach,
Bodachan a’ gharaidh,
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
MO BHALACH GASDA: —Tha iomadh smaointean a’ tighinn a steach orm an nochd. Tha mi ’fas sean, agus a’ fas onaranach. Dh’ fhalbh mo choimh-aoisean. Agus dh’ fhalbh iomadh ni a bha taitneach leam an uair a dh’ fhalbh iadsan. Cha ’n ’eil an ùine fada gus am falbh mi fhein, ged a tha mi ’cumail ris gle mhath. An uair a bha mi og, bha iomadach cleachdadh neochiontach agus gle thaitneach ’nar measg aig an am so dhe ’n bhliadhna. Bhiomaid a’ farchluais oidhche Challaig, a’ goid chail, agus ri iomadh cur seachad ùine eile air nach ’eil guth no iomradh an duigh anns a’ chuid so dhe’n duthaich. Bhiodh gillean a’ dol air challaig, agus thoisicheadh na mnathan ri fuineadh am beul na h-oidhche gus tòrr de bhreacagan mora a bhith deiseil aca an uair a thigeadh na gillean callaig le’n cuid dhuan a dh’ ionnsuidh nan dorsan. Bhiodh fios aig daoine gu ’n robh cuid dhe na mnathan cho spiocach ’s nach deanadh iad ach breacagan beaga, tana, do na gillean callaig. Bhiodh daoine gabhail beachd nach biodh moran rath air na teaghlaichean a bhiodh spiocach, mosach ris na gillean callaig. An uair a gheibheadh na gillean callaig caoimhneas ann an taigh, ghuidheadh iad beannachd Dhe ’s na Callaig do’n taigh an am dhaibh a bhith falbh.
Bha aon bhoirionnach coir anns an aite ’s an d’ rugadh mise, agus bha e air ’aithris nach robh te eile anns an duthaich a’ dheanadh bonnaich challaig cho mor ’s cho math rithe. B’e sin Fionnaghala nion Iain ’ic Lachlain a bh’ann an Rudhan nan Sloc. Dh’aithnicheadh na gillean callaig na breacagan a bheireadh i dhaibh am measg a h-uile breacag eile a gheibheadh iad. Cha do chuir an caoimhneas a bha i ’nochdadh call riamh oirre. Chaidh cuid dhe’n teaghlach a bh’ aice gu ruig’ America. Agus ma chaidh iad ri am mathair ’s ri ’n athair fhein, theid mi an urras gu’m bi iad aoidheil, faoilidh, geanail ris gach coigreach is fear-eolais a ruigeas na taighean aca aig gach àm dhe’n bhliadhna.
Cha robh mise riamh a’ falbh le mo phoca air challaig. Taing do’n Chruithfhear, cha robh mo pharantan riamh ann an eis, agus mar sin, cha robh aobhar dhomh falbh o dhorus gu dorus, agus o bhaile gu baile, air challaig. Ach bha mi iomadh uair air challaig ann an doigh eile. Air oidhche challaig, bhiodh coimhearsnaich a’ taghal air a cheile, agus cha’n fhaigheadh fear sam bith a steach air an dorus mur gabhadh e duan. Mur rachadh aige fhein air duan a dheanamh, dh’ fheumadh e duan a rinn duine eile a ghabhail; agus an sin gheibheadh e steach, agus chuirteadh a h-uile rud a b’ fhearr na cheile a bhiodh fo na cabair ’na thairgse. Ach nan rachadh aige fhein air duan a dheanamh, is e bu sheachd fearr.
Bha caraid is fear-eolais agamsa a bhiodh gu tric a’ dol air challaig air cuid dhe na coimhearsnaich choire a bha faisge air. Mar bu trice dheanadh e duan air son oidhche challaig. So agad fear dhe na duain a rinn e:—
“Mise ’nochd a’ dol air challaig
’S teannaidh mi ri deanamh duain,
Cha’n ann do mhnathan a’ bhaile,
Ach do bhean an taigh’ ud shuas;
A bhean a’s coire ’san fhearann,
Bha i geanail rium gach uair,
Ruigidh mi i thun an teine:
Ceann nam beannachd bean Iain Ruaidh.
Tha i caoimhneil ris na bochdan,
Aoidheil, fosgarra do ghnath;
Gheibh gach feumach thig an rathad
Na chuireas seachad an trath:
Oidhche challaig, g’e b’e ’ruigeas,
Gabhar ris le cridhe blath;
Is ma bhios e fo na sparran,
Gheibh e aran, drama ’s cais’.
Bean na maise, bean na h-uaisle,
Do’m bu dual bhith measail, coir;
’S fortanach am fear a fhuair i,
Cha chuair i gruaim air ri bheo:
Tha i ’na comhstadh gach la dha
A’ togail an alaich oig,
Gu modhail, measarra, cliuiteach,
Gun diumbadh o dhuine beo.
Ach a nis anns a’ cho-dhunadh
’S e mo dhurachd i bhith slan,
Fad iomadh la agus bliadhna
’Cumail riaghailt air an al:
Air a h-uile oidhche challaig,
Fhad ’s a bhios mi anns an aite
Ruigidh mi taigh Aird-nan-Slocan:
Fosgail dhomh, a Mhairi Bhan.”
Is docha gu’n cuala tu an duan so roimhe; ach ma chuala, cha mhisde sgeula math ’innseadh da uair.
Tha ’n seana chleachdadh math so a nis a’ dol gu mor a fasan. Tha daoine air moran dhe’n chaoimhneas a bha aon uair ’n am measg a chur gu buileach air chul. Agus cha’n ’eil an saoghal a’ fas dad na’s fhearr.
’Nam shean aois, tha doighean an t-sluaigh an diugh a mi-chordadh rium gu mor. Tha na daoine air fas Gallda ’nan cainnt ’s nan gniomharan. Cha’n ’eil mise ag iarraidh a bhith ’cumail suas aon chleachdadh anns nach ’eil feum. Ach tha mi gu mor an aghaidh a bhith, cur as nan cleachdaidhean a bha ’g àrarach caoimhneis neis is cairdeis am measg dhaoine. Ged a tha daoine moran na’s foghluimte na bha daoine ri mo cheud chuimhne-sa, cha’n ’eil ri fhaicinn ach fior bheagan dhe’n chairdeas, dhe’n chomunn ’s dhe ’n ghaol a bha aon uair cho pailt am measg dhaoine. Tha gach fear, ach fear ainneamh a’ feuchainn ri sgairbh a thoirt a creagan dha fhein. Ged a tha e freagarrach agus iomchuidh gu leor do dhaoine an gnothaichean fhein a chur gu math an ordugh, cha’n ’eil e aon chuid criosdail no cairdeil dhaibh a bhith coma co dhiubh a theid no nach teid gnothaichean dhaoine eile air an aghart. Nach ’eil na ceudan mile an diugh deas gus am bas fhulang a chum gu’m bi sith agus soirbheachadh aig daoine eile? Agus ma tha ciall no tur annainn, bheir sinn cliu agus moladh do na daoine so a tha cho deas gus am beatha ’leigeadh sios air son math an co-chreutairean. Nach mor an cliu air am bheil na daoin’ oga, treuna, tapaidh a tha ’dol gu ruige Africa a Canada, a Australia, a New Zealand, agus a aiteachan eile, airidh air son mar a tha iad cho deas gus am beatha leigeadh sios a chum gu’m bith sith, agus soirbheachadh agus ceartas, agus saorsa aig daoine dichiollach, onarach dhe gach fine, agus treibh, agus teanga, a tha feuchhainn ri tighinn troimh ’n t-saoghal mar a ’s fhearr a dh’ fhaodas iad ann an Africa? Cha ’n urrainn dhomhsa cainnt a chur air a’ chliu ’s air a mholadh a tha iad a’ faotainn ’nar measgne ann an Alba. Tha ’n cliu ann am beul gach duine; agus mu ’n tig crioch air a’ chogadh, tha sinn cinnteach gu ’n cluinn sinn air an sgath a ni iad am measg nam Boerich. Gu’n robh buaidh leis na seoid.
Is e mo ghuidhe gu ’m biodh bliadhna mhath ùr agad fhein agus aig gach Gaidheil treuna, duineil, tapaidh a tha cuideachadh leat le ’n cinn, le’m pinn, ’s le’n sporrain.
Tha mi cur romhan gu’n sgriobh mi ugad air a’ bhliadhna so na’s trice na rinn mi an uiridh.
An latha chi ’s nach fhaic, is mi do charaid,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha.
Latha na bliadhn’ uire, 1900.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. III.
An uair a chaidh Aonghas mac Alasdair dhachaidh, dh’ innis e do’n mhnaoi an comhradh a bh’ eadar e fhein ’s Murchuadh Ceannaiche mu thimchioll falbh leis na h-uighean.
“Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa cha dean thu mar a tha Muruchadh ag iarraidh ort idir,” ars’ ise. “Tha fhios agamsa glé mhath gur math leis gach cuideachadh a’s urrainn e a dheanamh leinn; ach air a shon sin, cha fhreagair an obair ort idir. Cha ’n ’eil a h-uile fear freagarrach air son na h-obrach. Feumaidh gach fear a bhios ri reic ’s ri ceannach a bhith dàna, tapaidh, gleusda gus a ghnothach a dheanamh. Tha thusa gu nàdurra tuilleadh is bog, agus gabhar brath ort. Nan rachadh agad air do ghnothach a dheanamh gu math, cha bhiodh nì sam bith agamsa an aghaidh dhut feuchainn ris.”
“Tha thu de’n bheachd rium fhein, a Mhor,” ars’ Aonghas. “Ach cha deachaidh dad ’n am aghaidh-sa riamh anns an do chuir mi làmh. Tha sinn am bliadhna feumach air rudeigin a dheanamh a chuireas beagan ’n ar làimh leis am faigh sinn biadh is aodach dhuinn fhein ’s do’n chloinn. Tha ’n teaghlach a’ fàs mòr, agus caithidh iad barrachd bìdh is aodach air na b’ àbhaist daibh, ged nach dean iad fhathast cuideachadh sam bith leinn. Ged nach ’eil m’ inntinn ag aontachadh leam gu tairgse Mhuruchaidh a ghabhail, tha toil agam oidhirp a thoirt air beagan a chosnadh ann an dòigh laghail sam bith a thig ’n am rathad. Tha fior thoil agam sgoil a thoirt do Dhomhull. Cha d’ fhuair mi fhein ach fior bheagan sgoile, agus tha mi ’g a ionndrainn sin gu mor. Nach bochd an gnothach dhuinn ma dh’ fheumas sinn Domhull a chur gu buachailleachd? Ged a rachadh e gu cosnadh, cha ’n urrainn da obair a’s truime na buachailleachd a dheanamh. Nam faigheadh e bliadhna no dhà eile anns an sgoil, rachadh aige, tha mi ’n dòchas, air sgriobhadh is leughadh is cunntas a dheanamh. Ach ma dh’ fheumas sinn a leigeadh gu cosnadh, bidh e ullamh ’s an sgoil. A bharrachd air sin, tha e glé òg air son a dhol gu obair sam bith. Faodaidh e
[Vol . 8. No. 28. p. 2]
droch cleachdaidhean ionnsachadh ma theid e gu cosnadh ’s e cho òg.”
“Tha sin uile ceart gu leor, ’Aonghais; ach na dhéigh sin ’s gu leir, cha’n fheairrde cùisean thusa a dhol ann an ceann gnothaich mur soirbhich leat. Ciod sam bith mar a bhios cùisean, cha’n ’eil math dhuinn tuiteam ann am fiachan. B’ fhearr leam a bhith beathachadh mo chloinne le maorach a’ chladaich na gu’m biodh ainfhiach aig duine sam bith oirnn. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Thig dàil gu dorus.” Ach cha bhiodh mòran agam an aghaidh dhut falbh leis na h-uighean mar sheirbhiseach do Mhuruchadh. Tha mi cinnteach gu’n dean thu do ghnothach anns an dòigh sin cho math ri fear sam bith, cho fad ’s is aithne dhut. Abair ris gu’n dean thu d’uile dhìchioll air an reic cho math ’s a ghabhas deanamh.”
“Cha leig an nàire dhomhsa mi fhein a thairgse dha anns an dòigh sin, a Mhòr. Agus a bharrachd air sin, ged a chuirinn an tairgse mu ’choinneamh, is docha nach gabh e i. Is fhurasda dha duine ’fhaghinn a ghabhas uaithe na bheil aige, agus an corr, ged a bhiodh iad ann. Cha b’ann air son buannachd sam bith dha fhein a thug e an tairgse dhomhsa. Ach theid mi far am bheil e co dhiubh, agus thig sinn a dh’ ionnsuidh co-dhunaidh air choreiginn mu’n chùis.”
An uair a chaidh Aonghas far an robh Muruchadh, dh’innis e dha gu saor, soilleir mar a thuirt a bhean ris. Thuirt Muruchadh ris, “Faigh thusa deiseil gu falbh. Ma theid cùisean ’n ad aghaidh, cha bhi call sam bith ort; ach cha gheall mi turasdal a thoirt dhut. Agus ma theid cùisean gu math leat, is leat fhein a h-uile peighinn a ni thu de bhuanneachd a bharrachd air na bhios aig Niall Ruadh ri fhaotainn air son an fharaidh. Saoilidh mi nach bi dad agad fhein, no aig a’ mhnaoi an aghaidh an tairgse so a ghabhail.”
An uair a chuir Aonghas agus a bhean an comhairle ri ’cheile mu’n chùis, thuirt iad a beul a cheile, nach bu chòir dhaibh an tairgse a dhiultadh. An ceann beagan ùine sheòl e fhein agus an triuir eile anns a’ bhàta aig Niall Ruadh. Mar a dh’ainmicheadh mar tha, chaidh an turus gu tur, dona ’n an aghaidh. Bha iad ann an Canaidh, agus na h-uighean air a dhol o fheum, agus am bàta ann am feum càraidh; oir an uair a thug iad na cìsteachan uighean aisde, agus a fhuaradh saor gus a càradh, is ann a chunnacas nach e mhàin gu’n robh mòran dhi sgaoilte, ach mar an ceudna, gu’m feumaidh i iomadh bòrd ùr a chur innte, do bhrigh gu’n d’ thug na tairneann-barraidh an làn leotha as an fhiodh. Is ann a bha e ’na iongantas leis na h-uile a chunnaic i gun d’ thug iad am mach tìr idir leatha.
Cha robh aig an luchd-turuis ach feuchainn ris a bheairt a b’fhearr a dheanamh de’n bheairt bu mhiosa. Ged a tha muinntir Chanaidh còir, caoimhneil riutha, dh’fheumadh iad oidhirp a thoirt air tilleadh dhachaidh cho luath ’s a dh’fhaodadh iad. Ach cha robh sin furasda dhaibh. Bha e air tighinn anamoch anns a’ bhliadhna, agus cha robh a’ chùis coltach gu’m faigheadh iad bàta a bheireadh dhachaidh iad ni ’s lugha na thuarasdalaicheadh te. Agus o’n a bha iad gun a’ bheag a dh’airgiod air an siubhal, cha robh e furasda dhaibh bàta fhaotainn.
Thagh iad na bha de na h-uighean gun dol o fheum, agus reic iad comhladh ris na bh’ aca de dh’ ìm ’s de chàise. Air an dòigh so chuir iad cruinn de dh’airgiod na phàigh beagan tuarasdail do ’n cheathrar dhaoine tapaidh a ghabh os làimh falbh leotha ann am bàta chòig tunna gus an cur air tìr anns an àite a b’ fhaisge dhaibh de’n Eilean fhada.
B’fheudar do Niall Ruadh ’s do ’n dithis de luchd-sgiobaidh a bha comhladh ris, fuireach gus an do chàireadh am bàta. Agus mu’n d’ fhuair iad a caradh, thàinig orra a dhol gu ruige Arasaig a dh’iarraidh beagan de dh’ fhiodhrach-tarsuinn gus a chur innte.
An àm a bhith ’toirt nan cisteachan uighean as a’ bhàta ann an Canaidh, ghortaich Aonghas Mac Alasdair a chom gu h-olc. Thòisich e ri cur am mach beagan fala aig an àm. Ach nan do ghabh e cùram dheth fhein, is dòcha gu’n robh e air faotainn as a chionn. Ach cha d’ rinn e sin. Cha do thuig e gu’n robh an gortachadh cho mòr ’s a bha e; agus mar sin, cha do ghabh e mor-shuim de ’thrioblaid. Eadar a h-uile uidil is anasdachd a fhuair e, dh’ fhàs e ’na eiribleach truagh mu’n d’ ràinig e dhachaidh. Ach bha e toilichte gu leòr aon uair ’s gu’n d’ fhuair e d’a bhothan bochd fhein, ged a b’ ann lom, falamh a thill e.
An uair a thòisich e ri gearain ris a mhnaoi mar a chaidh cùisean cho mòr ’na aghaidh air a thurus, thuirt i, “Beanneachd leis gach nì a dh’fhalbhas; cha ’n e dh’fhoghnas. Is math gu’n d’thainig tu, ’Aonghais. Is iomadh fear a dh’ fhalbh nach do thill riamh dhachaidh. Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi dùil ri beul uaghach.”
Cha do thuig a bhean bhochd gu’n robh galair a bhàis air a shiubhal, ged a bha e ann am fìor dhroch coltas. Ach bha amhrus trom aige fhein nach cuireadh e dheth a thrioblaid gu bràth. Air eagal mi-mhisneach a chur oirre cha d’ innis e dhi gu’n robh e cho tinn ’s a bha e. Laidh e an latha sin fhein air an leabaidh, agus cha d’ éirich e riamh tuilleadh.
Ged a bha ’thrioblaid trom, cha chualas riamh a’ gearain e. Nan robh àrach math aige, is dòcha gu’n d’ sheas e ris beagan ni b’fhaide; oir tha e air a ràdh, gur treise àrach math na meath-ghalair. Cha robh ni a b’urrainn di a dheanamh nach robh a bhean a’ deanamh ris. Ach air a shon sin ’s gu léir, bha e ’sior dhol uaithe a h-uile latha.
Bha Muruchadh Ceannaiche anabarrach cuimhneach air a bhith dol ’ga amharc, agus air a bhith cur gach nì g’ a ionnsuidh a shaoileadh e a dheanamh feum dha. Bha Muruchadh, an duine còir, cneasda, ag iomchain air fhein gu trom, a chionn gur e a chomhairlich Aonghas gu falbh air an turus mi-shealbhach a chuir galair a bhàis ’n a aoraibh; ach an uair a thachras call cha dean iomchain feum sam bith. Tha tinnsgioltadh aig gach trioblaid, agus an uair a thig an trioblaid feumar cur leatha.
An latha ’dh’ eug Aonghas, bha Muruchadh anns an t-seòmar ’na shuidhe ri taobh na leapadh anns an robh e ’na laidhe. An uair a thuig e gu’n robh e gu math dlùth air a’ chrich, dh’ iarr e a’ chlann a thoirt a steach n’ a lathair. Thugadh a steach ’nan ceathrar iad. Ach bha triuir dhiubh cho òg ’s nach robh tuigse aca ciod e an nì a bh’ anns a’ bhàs. Ach bha Domhull, an aon bu shinne de’n teaghlach, a’ tuigsinn glé mhath mu’n chùis. Thuirt Aonghas ann am briathran fann, “A Mhuruchaidh, ged a tha làn-chinnt agamsa gu’n dean Mòr a dleasdanas do’n chloinn so cho math ri té a tha beò, tha mi ag earbsadh riutsa gu’n toir thu comhairle na còrach orra cho tric ’s a dh’ fhaodas tu. An uair nach gabh iad suim do comhairle am màthar,is dòcha gu’n gabh iad do chomhairle-sa. Is minic a ghabh mi fhein comhairle caraid mòran ni bu deònaiche na ghabhainn aon chomhairle a bheireadh mo phàrantan orm.
“Agus, a Dhomhuill,” ars’ esan ’s e ’tionndadh ris an aon bu shinne de’n chloinn, “bi umhail do d’ mhàthair, agus na dìchuimhnich cuideachadh a dheanamh leatha fhad ’s a bhios i beò, agus comas agad air. Gu ma fearr leat a bhith ann an éis ’s an anacothrom na tuiteam ann am fiachan. B’e eagal gu ’m b’ éiginn dhomhsa tuiteam ann am fiachan a thug orm a dhol air cheann an turuis anns an d’ fhuair mi galair mo bhàis. Is e dleasdanas gach uile dhuine a dhol troimh ’n t-saoghal le fìrinn ’s le onair. Thoir an aire nach dean thu nì sam bith a bheir masladh do m’ chnàmhan-sa anns an ùir. Cuir deadh eisimpleir roimh ’n fheadhainn a’s òige na thu, agus thoir thu fhein suas do Dhia.”
Thuirt e an sin ris gach aon a bh’ anns an t-seomar: “Mu ’n éirich a’ ghrian am màireach thig mo thrioblaidean-sa gu crioch. Cha ’n ’eil eagal sam bith orm roimh onafhadh Iordain. Tha ’n t-airgid-aisig pàighte. Tha m’ earbsa gu leir annsan a fhuair bàs a chum gu’m biodh beatha shiorruidh aig na h-uile a chuireas an dòchas ann. A Mhor, ged a tha mise ’g ad fhàgail, cùimhnich gu’m bheil fear-taighe nam bantrach agus athair nan dìlleachdan ag ràdh, nach fhàg agus nach tréig e neach sam bith a chuireas a dhòchas ann. Is e làimh-chuideachaidh mìle uair is fhearr dhut na aon duine a chunnaic thu riamh. Cuir thu fhein ’s a’ chlann air a churam aig gach àm agus anns gach àite, agus cumaidh a shìth bheannaichte d’ anam aig fois gu siorruidh na siorruicheachd. Cha ’n abair mi an corr ribh, oir tha mi ’faireachadh gu ’m bheil mo neart a’ tréigsinn gu mor. Mo mhìle beannachd agad, a Mhòr. Bha thu riamh math dhomhsa. Ged a tha sinn a’ dealachadh an diugh le bròn, coinnichidh sinn an ùine gun bhith fada far nach bi deur no bròn a chaoidh. Gu robh gràsan an Tighearna Iosa Criosd, gràdh Dhé an Athar, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh, maille ribh uile, a nis, agus gu siorruidh, Amen.”
An uair a thuirt e so, dhùin e a shùilean, agus cha d’ fhosgail e riamh tuilleadh iad.
(Ri leantuinn.)
FAILTE NA BLIADHN’ UIRE.
(A Caraid nan Gaidheal.)
(Air a leantuinn.)
Bha a’ chuideachd uile toilichte le òraid no searmoin an t-Samhraidh. Bha da rìreadh trì làithean ’an cois na Bealltuinn nach robh taitneach do chuid a bha làthair. B’ iad sin, latha a’ mhàil, latha na h-imrich, agus latha nach robh riamh air deireadh— ’s e sin, latha na dàlach, a thig gu dorus, ’s nach fàilnich. Ach bha an ràithe àghmhor so anabarrach taitneach, a dh’ aindeoin so uile. ’S maith a thuirt am bàrd Abrach, Eòghan milis, “Smeòrach Chlann-Lachainn”—
“Na ’n innsinn sios gach ni bu mhiann leam
Ann am briathran seolta,
Cha chuirinn crioch le dealbh ’am bliadhn’
Air ceathramh trian de n’ b’ eol domh.
Mu ghloir nan speur, ’s an saogh’l gu leir,
A lion le h-eibhneas mor mi,
’N uair rinn mi eiridh maduinn Cheitein,
’S dealt air feur nan lointean.”
Cha’n ’eil e ’n ar comas cunntas mion a thoirt air an ath chùirtear mhòr a thàinig ’n a charbad, le a thrì mìosan, ’s a sheachduinibh féin le ’n cuid làithean ’n an cois—am “Fogharadh buidhe, reachdmhor, trom.” B’ anabarrach taitneach an fhàilt’ a chuir mòran de dhaoine bochd’ air, mar chunnacas e ’tighinn, ’s a sguab reachdmhor, throm thar a ghualainn—ùbhlan, ’us peuran, ’us bagaidean chnò, agus dearcan de gach seòrsa—subh-craobh ’us smeuran, na h-àirneagan gorma ’s an caorann dearg aige ’g an sgapadh ’n am measg. Cò iad na fleasgaich shuilbhearra ’tha ’n a chuideachd, a’ siabadh an fhalluis o’n gruaidhean dearga, an aodainn air an dothadh le losgadh-gréine agus breaca-seunain? Tha làithean an iuchair.
[Vol . 8. No. 28. p. 3]
Faic mar tha spréidh agus daoine ’g iarraidh fasgaidh uapa o’n teas! Tha pailteas a nis aig gach aon; tha sgraing chrosda an acrais, agus gorta chruaidh an t-samhraidh, a’ teicheadh. Nach fonnmhor an t-òran buana, an luinneag thaitneach! Faic na buanaichean a’ strì le farpuis chridheil! —na h-òganaich a’ ceangal nan sguab! O ’s ciatach làithean òg’ an fhogharaidh! —am feur-saidhe ’g a sgaoileadh—an seann duine ’cur fiaclan ùra ’s na ràchdain—na rolagan ’g an tionndadh air an dail mhòir. Faic! tha fras a’ cruinneachadh. Fire, faire! ’s ann an so tha’n othail. Faic na h-eich a nis ’n an deann-ruith le slaoid agus currainn, a chruinneachadh an fheòir. Nach iad na balachain bheag’ a tha sùrdail! Tha na mulain ag éiridh gu tomalta. Faic seann Lachann Bàn a’ snìomh na sìoman. Tha na caileagan beaga ’deanamh phaidireanan de na blàthan, ’s iad a’ dannsadh ’s ri falach-fead ’am measg nam mulan. Ach cò a’ chuideachd a tha ’tighinn ’s an anmoch cho toilichte? C’ar son a tha glaodh nam buanaichean cho àrd? Ciod is ciall do’n aighear ’s do ’n t-sùgradh? Tha ’bhuain seachad; tha a’ mhaighdean-bhuana ’g a giùlan dachaidh le gàirdeachas; tha ’n sac mu dheireadh a’ ruigheachd na h-iolainn; tha na saibhlean loma-làn, agus thogadh iolach-ghairdeachais. Cia sòlasach an tuathanach còir! Chuir e le deurabh, ach a nis tha e ’buain le sòlas. Tha gàirdeachas air ’anam gu ’m bheil pailteas aige air a thasgadh suas air son a’ gheamhraidh.
Am fiosrach leat-sa, O m’ anam! gàirdeachas air bith de’n t-seòrsa cheudna? Tha àm an fhogharaidh mhòir a’ tarruing dlùth. Am bheil thusa ’g abuchadh air a shon? Tha ’n ùine gèarr. mì-chinnteach— “feuch a nis an t-àm taitneach, feuch a nis latha na slàinte.” “Tha am fogharadh seachad—tha ’n samhradh crìochnaichte; ach cha’n ’eil sinn air ar tèarnadh.”
“Eirich, a lunndaire, gu grad,
’S thoir ort an seangan beag gun stad;
Oir ged nach d’ fhuair e riamh fear-iuil,
No neach g’a ghreasad air a chul,
Fa chomhair geamhraidh ni e deas,
A’ cuimhneachadh gun tamh a leas,
’S an t-samhradh trusaidh e a lon;
’S an fhoghar, iomlan tha a stor.”
Cha luaithe ’bhios am fogharadh seachad, na thig atharrachadh mòr air aoidhealachd an t-saoghail. Tha gruaim agus mulad a’ teachd air aogus an domhain; tha ’n latha ’fas goirid, “mar chloich a’ ruith le gleann, feasgar fann fogharaidh;” tha’n oidhche air dol ’am fad; tha ’n snothach a’ pilleadh air ais do bhun nan craobh; tha meanbh-bheathaichean an talaimh a’ teicheadh d’ am frògan dorcha. Amhairc, agus thoir fainear an Geamhradh fuar, doinionnach, reòta. Sud e a’ tighinn ’n a charbad cruaidh iaruinn! Nach gruamach am bodach? a chiabhan glasa m’a ghuaillibh, agus boinne reothaidh as gach aon diubh. Faic mar tha duilleagan nan craobh a’ seacadh as! —mar tha na lusan maoth’ a’ folach an cinn! Tha bròn a’ teachd air aghaidh an t-saoghail; tha long mhòr nan trì chrann a’ ruith gu cala; tha na buachaillean a’ trusadh dhachaidh na spréidhe; tha gach eun a’ pasgadh a ribheid; agus gach creutair a’ dlùthachadh ri blàs.
“Na h-eoin bhuchallach, bhreac-iteach, ghrinn,
’Sheìnneadh basganta, binn, ’am burr dhos,
Gu’n teid a’ ghlas-ghuib air am beul,
Gun bhogha, gun teud, ’s iad ’n an tosd.
Sguiridh buirdeasaich sgiathach nan speur
D’an ceileirean greadhnach ’s a’ phreas,
Cadal cluthor gu’n dean anns gach cos,
’Gabhail fasgaidh ’am frogaibh nan creag,
’S iad ag ionndrainn nan gathanna blath
’Bhiodh a’ dealradh o sgaile do theas.”
’S iomadh càineadh a rinneadh air a’ Gheamhradh le bàird chrosda, ann an cuidealas agus ann an aineolas an cridheachan. Cha’n ’eil droch fhocal ’s a’ chànain nach do chleachd iad g’a smàdadh—mar an ràithe sneachdach, colgarra—an ràithe cnatanach, casadach, curraichdeach—agus mar sin sios. Ach co nach d’ fhiosraich sòlais a’ gheamhraidh? —seadh, sòlais a’ gheamhraidh? Tha a shòlasan fein fuaighte ris, a chearta cho maith ’s a tha iad ris an Earrach agus ris an t-Samhradh. Dha-san a tha ’faicinn Dhé anns gach ni, tha àilleachd anns an t-sneachda ’s anns an reothadh, anns a’ cheò agus anns an stoirm. ’S truagh leinn esan a’s urrainn an saoghal ’fhaicinn air a chòmhdachadh ’na dheise ghil, gun smaointean cràbhach a lìonadh a chridhe. O! tha gliocas, tha maitheas, tha caoimhneas, tha gràdh Dhé, r’am faicinn anns gach ni.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XLIX.
Bha sinn seachdain no dha ann am Baile-Sheorais, mu’n d’ fhuair sinn ar gnothaichean a chur an ordugh. Agus cho luath ’s a fhuair sinn an cothrom, sheoil Daniel, Tomas agus mi fhin air luing a bha dol gu Sasunn. Ged nach do thachair droch shide ruinn air ar turus, bha sinn a’ gabhail fadachd gu leor; oir bha ghaoth iomadh latha direach ’nar aghaidh, agus gu math tric bha ’n t-side cho ciuin ’s cho briagha ’s nach robh e ’n comas do’n luing aghartas mor sam bith a dheanamh. Mu dheireadh rainig sinn Libhirpul gu sabhailte.
Air ar turus dhachaidh bha sinn ’nar triuir a’ cur ar comhairle ri cheile feuch ciod an doigh anns am b’ fhearr dhuinn air cuid airgid a chur gu feum. Ged a bha fortan math againn air a dheanamh, bha toil againn tuilleadh a chur ris. A bharrachd air so, bha fhios againn nach freagradh e oirnn a bhith ’nar tamh. Mar a tha’n seanfhacal ag radh, “Am fear a bhios ’na thamh, cuiridh e na cait ’san teine.” Cha’n eil e gu math do dhuine sam bith a bhith a ’cur na h-uine seachad ’na thamh. B’ fhearr do dhuine gu mor a bhith ’g obair do dhaoine eile na bhith ’na thamh. Ach ged a bha sinn a bruidhinn air iomadh ni a dheanamh, cha do shuidhich sinn air obair shonraichte sam bith a dheanamh. Air a shon sin, chuir sinn romhainn gu’m biomaid anns an aon obair. Bha sinn air fas gu math eolach air a cheile, agus thuig sinn gu ’m freagramaid gu math air a cheile mar chompanaich. B’ e comhairle Dhaniel sinn a dheanamh dail gus an cuireamaid ar comhairle ri ’athar an uair a ruigeamaid Sasunn.
Cha robh fhios aig athar no aig a’ mhathair gu’n robh e beo. Bha e bliadhnachan gu’n sgriob litreach a chur dhachaidh. Ach ged a bha, bha dochas aig a pharantas ris o nach cual’ iad iomradh air a bhas. Mar a tha’n seanfhacal ag radh, “Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi duil ri beul uaghach.”
An aite fios a chur do ’n ionnsuidh gu’n robh e air tighinn air ais beo, slan, is ann a chuir e roimhe gu ’n rachadh e thun an taighe gu bog, balbh. Thug e ormsa agus air Tomas falbh comhladh ris.
Rainig sinn an taigh aird fheasgair. Agus gu cinnteach bha taigh ’athar ’na thaigh cho mor ’s cho maiseach ’s a b’ urrainn duine ’fhaicinn ach ainneamh.
An uair a rainig sinn faisge air an taigh, sheas e, agus thuirt e, “Is iomadh latha toilichte a chuir mise seachad anns an aite so. Agus ged a tha iomadh bliadhna o’n a dh’ fhalbh mi, cha d’ thainig moran atharrachadh air an aite o’n a dh’ fhalbh mi. Tha gach aite an so a cheart cho math an ordugh ’s a bha iad an uair a chunnaic mise mu dheireadh iad. Ma tha m’ athar ’s mo mhathair beo, slan romhan, tha cùisean ceart gu leor.”
An uair a rainig sinn geata ’gharaidh a bha mu’n cuairt an taighe, dh’ fhosgail Daniel e, agus cha sinn a steach ’nar triuir. Ghabh e suas an rathad glan, grinn a bha eadar an geata agus an dorus. Bhuail e an glag an uair a rainig e an dorus, agus ann an uine ghoirid thainig leith sheann duine a dh’ fhosgladh an doruis. Bha deise dhubh air, agus brollach mor, geal air. Agus thuig sinn uile gu’m b’e am buidealair a bh’ ann.
Dh’ fheoraich Daniel an robh fear an taighe staigh, agus thuirt an duine gu ciuin, siobhalta, “Tha; ach co tha ’g iarraidh fhaicinn?”
“Abair ris gu’m bheil sinn ann triuir, agus gu’n robh eolas aig dithis dhinn air iomadh bliadhna roimhe so. Mur aithnich e sinn an uair a chi e sinn, innsidh sinn an sin dha ar n-ainmeanan,” arsa Daniel.
Dh’ iarr e oirnn a dhol a steach, agus thug e sinn do sheomar mor anns an robh moran leabhraichean, agus am pailteas de dh’ innsreadh maiseach. Sheall e gu geur air Daniel mar gu ’m biodh e smaointean gu’m fac’ e roimhe e. Thionndaidh e ’mach as an t-seomar, agus dhruid e an dorus ’na dheigh.
“Nach neonach nach d’aithnich e mi!” arsa Daniel. “Tha e na bhuidilear aig m’ athair o’n is cuimhne leam. Am mach o ’m athar ’s o m’ mhathair cha’n eil duine eile dhe na dh’fhag mi as mo dheigh a’s fhearr leam fhaicinn na e.”
Mu’n do tharr e am facal a leigeadh as a bheul, dh’fhosgladh an dorus, agus thainig athair Dhaniel a steach. Bha atharrachadh mor air tighinn air o’n a chunnaic mise ann an Glasacho e iomadh bliadhna roimhe sid; ach dh’ aithnichinn e, tha mi ’smaointean, ann an aite sam bith anns am faicinn e.
Sheas e tiotadh air an urlar an deigh dha dhol a steach, agus sheall e oirnn ’nar triuir mu’n duirt e facal ruinn.
Choisich Daniel ceum ’na choinneamh, agus thuirt e ris, “Am bheil sibh idir ’g am aithneachadh, ’athair? Am bheil mo mhàthair beo?”
Rug an sean duine coir air a mhac ’na ghairdeanan, agus thug e pog dha. Cha b’ urrainn fear seach fear dhiubh facal a radh fad mionaid. Mu dheireadh thuirt an seann duine coir, “Tha do mhathair beo, ach tha i gun charachadh bhar na leapadh o chionn tri bliadhna ach mar a thogar aisde i. C’ar son nach robh thu sgriobhadh do ’r n-ionnsuidh? Tha sinn air ar fagail an so leinn fhein. Dh’ eug do dhithis bhraithrean o’n a dh’ fhalbh thu, agus tha do phiuthar posda anns na h-Innsibh. Ach is math gu ’n d’ thainig thu beo, slan. Ged a tha do mhàthair cho fad air an leabaidh, ’s e am bròn ’s am bristeadh cridhe galair is truime a th’ oirre.”
Cha b’ urrainn Daniel aon fhacal a radh. Ged a bha e aotrom, gorach ’na oige bha e gu nadurra blath chridheach; agus an uair a chual’ e mar a bha cuisean, bha ’chridhe gu bristeadh.
Fhad ’s a bha Daniel agus ’athair a’ bhrudhinn mar so, bha mise is Tomas ’nar seasamh anns an t-seomar, agus ar cridheachan air an taiseachadh gu mor. Is gann a bha athair Dhaniel a’ toirt an aire gu’n robh sinn anns an t-seomar, ged a bha sinn ’nar seasamh direach m’a choinneamh.
Mu dheireadh thuirt e, “Co na fir so a tha comhladh riut?”
“Bu choir dhuibh fear dhuibh aithneachadh co dhiubh; oir chunnaic sibh roimhe e,” arsa Daniel.
“Le aois, agus le dragh trioblaidean troma na beatha so; tha mi an deigh moran de m’ aithne ’s dhe ’m chuimhne chall. Ach feumaidh gu’m bheil uine mhath o nach fhaca mi an duine. Tha aithne gun chuimhne agam air,” ars’ esan.
“Chunnaic sibh ann an Glasacho e
(Air a lenntuinn air taobh 222.)
[Vol . 8. No. 28. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, IANUARAIDH 19, 1900.
AN COGADH ANN AN AFRICA.
I.
Ged a tha naigheachdan mu’n chogadh ann am beul gach neach, tha moran dhe’n t-sluagh aineolach air na h-aobhair a dhuisg an cogadh. Agus o’n a tha so mar so, tha iad lionmhor ann aig am bheil barrachd de chomh-fhaireachadh ris na Boeirich na th’ aca ris na Breatunnaich. Agus air an aobhar sin, bhiodh e ro fheumail gu’m biodh tomhas math de dh’ fhiosrachadh air a thoirt do gach aon aig nach ’eil fios mar tha air aobhar na h-aimhreit. Nadarra gu leor, tha moran a bharrachd fiosrachaidh againne air aobhar a’ chogaidh air an taobh so dhe’n chuan na’s urrainn a bhith aig aireamh mhor dhe’n t-sluagh a tha ann an iomadh cearn eile dhe ’n t-saoghal. Agus o’n a tha inntinnean nan Gaidheal a tha sgapteadh air feadh an t-saoghail air taobh Bhreatunn aig an àm so, is e ar barail gu’m biodh e anabarrach freagarrach gu ’m biodh fiosrachadh air a thoirt dhaibh mu thimchioll nithean air am faodadh iad a bhith aineolach. Ach ged a bhiodh am MAC-TALLA moran na’s mo na tha e, lionadh naigheachdan a’ chogaidh a h-uile duilleag dheth o ’thoiseach gu ’dheireadh a h-uile seachdain o’n a thòisich an cogadh gus an tig crioch air.
Cha bhiodh e as an rathad, anns a cheud dol am mach, beagan a radh mu thimchioll nithean a thachair a chionn tri fichead bliadhna. Bha na Boerich fo riaghladh Bhreatuinn gus a’ bhliadhna 1836. Is ann fo riaghladh Bhreatuinn a bha parantan Chrugair fhein an uair a rugadh e, agus bha iad a’ fuireach aig an am ann an Ceap Colonaidh. Mu’n am ud, dh’ fhalbh aireamh mhor dhe na Duitsich a Ceap Colonaidh a chionn nach robh iad riaraichte le riaghladh Bhreatuinn, oir bha Breatunn ag iarraidh aig an àm ud, mar a tha i ag iarraidh an diugh, gu ’m biodh an aon lagh agus an aon cheartas aig gach duine geal a bhiodh fo a riaghladh. Cha robh so idir a cordadh ris na Duitsich. Bha toil aca an doigh riaghlaidh a chordadh riutha fhein a chur suas. Cleas na Mormonach ann an America, chaidh iad a dh’ aite fasail, iomallach a chum gu’m biodh comas aca air an toil fhein a dheanamh gun duine sam bith fhaighneachd. An uair a thug Breatunn saorsa do na traillean(slaves) ,phaigh i suim mhor airgid do na Boerich air son an saorsa thoirt do na traillean. Ach ged a ghabh iad an t-airgiod, cha b’ ann le ’n toil. Agus ghabh iad grain air Breatunn a chionn toirt orra an saorsa ’thoirt do na traillean.
Anns a’ bhliadhna 1852, dh’ aontaich Breatunn gu ’m faigheadh na Boerich a chaidh mu thuath air am amhainn Bhaal (Transvaalers) cead an aite fhein a riaghladh. Agus dà bhliadhna na dheigh sid, thug Breatunn air a’ chuid dhiubh a dh’ fhuirich air taobh deas na h-aimhne ud, doigh riaghlaidh a chur suas dhaibh fhein. Is i so an Staid ris an canarOrange Free State.Ach ged a chunnaic Breatunn aig an àm ud iomchuidh so a dheanamh, bha na Duitsich so—no mar theirear an diugh riutha, na Boerich—fo ghealladh gu’n gluaiseadh iad iad-fhein gu modhail, iomchuidh, araon ’nam measg fhein, agus ris gach sluagh a bhiodh anns a’ choimhearsnachd aca. Mar dhearbhadh gu’n robh iad fo’n ghealladh so, foghnaidh dhuinn a radh, gu’n do chuir Breatunn stad orra beagan bhliadhnaichean na dheigh sid, an uair a bha iad a’ cur rompa aon staid a dheanamh dhe na bh’ aca de dh’ fhearann air gach taobh dhe ’n amhainn Bhaal. Am feadh ’s a bha soirbheachadh mor anns an Staid Shaoir(Free State) ,bha muinntir na Transbhaal a sior dhol uaithe o bhliadhna gu bliadhna. Bha aimhreit ’nam measg fhein a chionn nach robh iad toileach ceartas a dheanamh eadar duine agus duine. Bha iad mar an ceudna air thuar a bhith air an cur fo na casan leis na daoine dubha a bha cho lionmhor mu’n cuairt na duthchadh aca. Anns a’ bhliadhna 1877, an uair a chunnaic Breatunn gu’n robh iad cho lag ’s nach rachadh aca air na daoine dubha a chumail ’nan aite fhein, chaidh i anns an eadraiginn, agus an deigh dhi na daoine dubha a chur fo smachd, chuir i suas luchd-riaghlaidh cothromach agus ceart ann am Pretoria.
Ach an aite bhith taingeil do Bhreatunn air son na rinn i de mhath dhaibh, is ann a thoisich iad ann an ùine ghoirid ri deanamh ar-am-mach ’na h-aghaidh. An uair a chuir iad gu bas leis an fhior cheilg an aireamh bheag de shaighdearan Breatunnach air an d’ fhuair iad cothrom air Sliabh Mhajuba, rinn Breatunn sith riutha. Is e so car cho amaideach ’s a rinn Breatunn riamh. Bha na Boerich an duil riamh o’n uair ud, gu’m b’e an t-eagal a bh’ air Breatunn rompa a thug oirre a bhith cho toileach air sith a dheanamh riutha. Bu mho a dheanadh deich mile saighdear Breatunnach an uair ud a dh’ fheum ’nam measg na ni sia fichead mile an diugh. Mar a tha’n sean fhacal ag radh, “Ge b’e nach ionnsaichear ris a’ ghluin, cha ’n ionnsaichear ris an uillinn.”
Anns a’ bhliadhna 1881, rinneadh cumhnantan araidh riutha. Ach tha e soilleir do gach neach a bha ’gabhail beachd air na doighean anns an robh iad ’g an gluasad fhein o’n am ud, nach robh e idir ’nam beachd cumail ris na cumhnantan a rinneadh riutha. Anns a’ bhliadhna 1884, dh’ aontaich Breatunn beagan atharrachaidh a dheanamh air na cumhnantan a rinneadh tri bliadhna roimhe sid, an duil gu’n gabhadh iad riarachadh; ach cha ghabhadh. Mar bu mho a bheireadh Breatunn dhaibh, is ann bu neo-thaingeile a bha iad a’ fas. Ged nach robh feum sam bith aca air armachd, bha iad gu bog, balbh a’ deasachadh air son cogaidh o chionn ochd bliadhna deug. Bha fhios aig iomadh neach air so; ach cha robh an aireamh bu mhò de shluagh Bhreatunn a’ creidsinn gu’n robh olc sam bith fa near dhaibh. Ach tha iad a nis ’ga chreidsinn air an cosg fhein.
Feumaidh sinn a’ chumail nar cuimhne nach robh Breatunn a’ togail bonn-a- sia de chis bhar na Transbhaal. B’e brigh a’ chumhnanta a rinn Breatunn ri Crugair, gu’n tugadh e an aon chothrom agus an aon cheartas do gach uile seorsa dhaoine a rachadh do ’n duthaich aige ’s a bheireadh do ghnath-mhuinntir na duthchadh. Nan d’ rinn e so, cha chuireadh Breatunn dragh sam bith air. Agus faodar a radh le firinn nach do chuir rioghachd Bhreatuinn dragh sam bith air. Is esan a thoisich ris na aimhreit, agus gheibh a chuid dhaoine, truagha, aineolach an diol dhe’n aimhreit an uine gun bhith fada. IAIN.
Biodh faire agad ort fein, mosgail thu fein is ge bith a dh’ eireas do dh’ fheadhain eile, na dean thusa di-chuimhn’ ort fhein.
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
Dr . H. Zimmer, Griefswald,Gearmailt.
Gilleasbuig Camaran, Victoria , B. C.
Calum Dughlach, Valley , N. W. T.
D. Mac Fhionghain, Earlswood , N. W. T.
Eachunn Mac Coinnich, Waipu , N. Z.
Domhnull Rothach, Reynoldstown , N. Z.
E. N. Domhnullach, Reedsville , Que.
Calum Mac Leoid, Springhill , Que.
Iain F. Mac Leoid, Springhill , Que.
Padruig Mac-an-t- Saoir, Tolstoi , Que.
T. Mac Leoid, Steornabhagh, Que.
C. Mac Fhearghais, San Francisco, Cala.
Aonghas Gillios, Sappho , Wash.
Cailean Mac Ritche, Holeb , Maine.
Niall Mac Guaire, Amhuinn Bheag, Nfld.
Iain Mac Gill-fhaollain, Gagetown , Mich.
R. D. Mac Leoid, Fargo, Dakota Tuath.
L. T. Hamilton, Fargo, Dakota Tuath.
D. McI. Caimbeul, Dartmouth , N. S.
I. Mac Gille-bhrath, Dunmaglass, N. S.
Alasdair Domhnullach, Glen Roy, N. S.
Domhnull Boyd, Fraser Mills, N. S.
Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifax , N. S.
Iain I. Siosal, Pictou , N. S.
Iain I. Sutharlan, Kerrowgare , N. S.
Cailean I. MacPhail, Arygle Shore, E. P. I.
Iain Mac-a- Phi, Heatherdale , E. P. I.
A. Mac Leoid, J. P., Valleyfield , E. P. I.
Iain Mac Calamain, Rudha Phrim, E. P. I.
Iain Caimbeul, Beinn Bhuchanan, E. P. I.
Thor. W. Moireastan, Flat River, E. P. I.
Alasdair Beutan, Melville , E. P. I.
Iain G. Caimbeul, Heatherdale , E. P. I.
Domhnull Stiubhart, Brussels ; Ont.
Iain Mac Artair, Ivan , Ont.
A. M. Caimbeul, Aldborough , Ont.
D. Mac Amhlaidh, Southampton , Ont.
Gilleasbuig Bell, Wiarton , Ont.
C. Mac Gille-mhaoil, Priceville , Ont.
D. Mac Aonghais, McIntyre, Ont.
Seumas M. Glen, St . Thomas, Ont.
Domhnull Mac Mhuirich, Ceylon , Ont.
Phaigh aireamh mhath a bharrachd orra so, ach ’s fheudar dhuinn an ainmean a chumail air son na h-ath aireamh.
Tha geamhradh briagha, fosgailte againn cho fada so. Tha na h-acarsaidean gun deigh orra, ’s na bataichean-aiseag a ruith cho riaghailteach ’sa b’ àbhaist daibh ’san t-samhradh. B’e Di-ciaduin sa chaidh a cheud latha thainig air an robh fior choltas a gheamhraidh. Cha’n eil air an taobh so de’n eilean ach gle bheag sneachda fhathast; ach tha barrachd air an taobh eile, agus tha an sin deagh roidean aca air son shleigheachan.
Thatar a dol a thoirt ionnsuidh eile air an t-or fhaotainn timchioll air Hogamah. Tha sinn an dochas gu faigh iad e, agus gu leor dheth. Agus tha sin an dochas cuidachd, gu faigh iad gu math pailt e mu’m feuch iad ri thoirt air an t-saoghal a chreidsinn gu bheil Hogamah na’s fhearr na ’n Clondaic, mar a rinneadh a bhliadhna bhatar a cladhach ann roimhe.
Ma dh’ eireas sùrd ort is mor an t-sith a gheibh thu, is fasaidh d’ obair na’s aotrama le feartan nan gràs, is le d’ ghràdh air subhailcean.
’Se gleac an adhaidh ar beachdan ’s ar gniomhan strith a’s motha na obraichean cruaidhe corporra.
Bidh toil-inntinn ort daonnan mu feasgar ma bhuilich thu an latha gu math.
[Vol . 8. No. 28. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha Morair Strathcona an deigh tairgse thoirt do Riaghladh Bhreatunn ceithir cheud saighdear-each fhaotainn anns an Iar Thuath ’san cur ’nan lan uidheam, air a chosdas fhein, gu ruige Africa Deas. Tha an riaghladh an deigh a thairgse ghabhail.
Tha ’n amhach ghoirt air bristeadh a mach gu dona aig Alba, eadar Acarsaid Chloinn Fhionghain ’s Orangedale. Tha aon tigh le fear MacNeacail, anns am bheil a h-uile duine dhe’n teaghlach nan laidhe leis—eadhon Mac Neacail fhein, ged a tha e corr us tri fichead bhliadhna dh’ aois.
Tha am fios mu dheireadh a thainig Dior-daoin, ag radh gu bheil da bhuidheann de’n arm a tha fo Bhuller an deigh faotainn tarsuinn an amhuinn Tugela, agus ’gan daighneachadh fhein anns na cnoic air an taobh thall. Tha so na sgeul math, agus tha i fior, ni nach b’urrainnear a radh mu iomadh sgeul eile thainig roimhe so.
Bha sinn a’ gearan an so air an am aig am bheil an carbad a falbh ’sa tighinn, ach ’s ann a tha e coltach gu bheil luchd riaghlaidh an rathad air son a chuis a dheanamh na’s miosa na tha i. Tha iad an drasda bruidhinn air an tim-chlar atharrachadh air dhoigh ’s nach ruig an carbad Sidni gus an deigh meadhon oidhche. Ma ni iad sin, tha duil aca ri carbad oidhche a ruith eadar Sidni us Halifacs. ’Se ’s aobhar do atharrachadh an tim-chlair aig an am so nach eil muinntir Chuebec riaraichte leis; bha’n carbad a fagail Montreal mu mheadhon latha, agus a ruigheachd Cuebec uaireigin air feadh na h-oidhche.
Cha’n eil moran ri innse mu’n chogadh air an t-seachdain so. Cha’n eil teagamh nach eil na Breatunnaich ag obair, ach ma tha, tha ard-cheannardan an airm a cumail an t-saoghail an aineolas air ciod a tha iad a dheanamh. Cha’n eil iad air son fhios a bhi aig na naimhdean ciod a tha ’nam beachd a dheanamh, no ciod a tha iad a’ cur ris gach latha; agus air son am fiosrachadh sin a chumail o na naimhdean, feumaidh iad a chumail o na h-uile; mar sin cha’n eil cead aig luchd nan naigheachd a tha ’n cois an airm, fios sam bith a chur dhachaidh a dh’fhaodadh a bhi na chuideachadh do no Boers. O’n chaidh Kitchener a mach thatar na’s cruaidhe anns an doigh sin na bhatar roimhe.
LITIR A AFRICA DEAS.
O Aon de na Saighdearan Fhein.
DE AAR, Cape Colony, Des. 1, 1899.
—A Charaid, —Tha mi ’dol a sgriobhadh litir ghoirid gu MAC-TALLA. Cha chreid mi nach bi moran toilichte fios fhaotainn o na gillean a dh’ fhalbh a Canada do chogadh an Transvaal.
Dh’ fhag sinn Cuebec ann an deagh àm, ’nuair a bha ’n geamhradh a tòiseachadh, mar sin a seachnadh an fhuachd. Thug sinn deich latha fichead eadar Cuebec us Cape Town; agus chaill sinn aon duine bochd ’nuair a bha sinn trì latha mach. Tha sìde eireachdail againn anns an dùthaich so an drasda; ach cha dùthaich briagha i idir. Tha moran dith anns nach fhaicear ni ach fearann fas, beanntan mora agus creagan. Bidh na Boers ’gam falach fhein air chul nan creag ’s air mullach nan cnoc, agus, ’nuair a ni iad sin, cha ’n e ’n soirbh an cur as; —cha dean ni an gnothuch orra ach dearrsadh as na gunnaichean mora air neo a bheaglaid. Leis an doigh fhalaich so, theid aca air aireamh de na saighdearan Breatunnach a mharbhadh, gun iad fhein a nochdadh no duine chall. Cha seas iad blar ann an àite fosgailte idir. Chaidh Boer a thilgeadh an so an la roimhe mar fhear-brathaidh, agus chaidh dithis eile ghlacadh air son a bhi feuchainn ris na naigheachdan a ghoid o’ntelegraph .Tha na Boers air feadh na dùthcha ceithir-thimchioll oirnn.
Faodaidh a bhith nach bu mhisde leibh mi dh’ innse dhuibh ciod an coltas duine th’ anns a Bhoer. Tha e ’na dhuine mor, slaodach, nach eil, a reir a choltais a nigheadh aodainn latha deug ’sa bhliadhna, agus nach biodh deonach leigeil le duin’ eile dheanamh air a shon. Ma shaoileas e gu bheil e dol a thoirt buaidh, tha e gle ullamh gu dhol a shabaid, ach ma tha e car teagmhach mu ’n chuis, tha e na ghealtair cho mor ’sa th’ air an t-saoghal. Ged a tha iad car ionnsaichte mar shaighdearan cha ’n eil deis-airm ac’ idir; tha gach duine na dheise fhein. Cha mhò a tha biadh a dol ’nan cois do ’n chogadh; tha aca ri ’n cuid bidh a chruinneachadh air feadh na dùthcha mar is fhearr is urrainn daibh. ’Nuair a tha iad aig baile an am sìthe, cha bhi iad ri dad ach a sealg, agus bidh aig na boirionnaich ri bhi ris an tuathanachas.
Cha ’n eil anns an reiseamaid a chuir Canada a mach ach triuir a mhuinntir Cheap Breatunn: I. D. Mac Neill, á Acarsaid Chloinn Fhionghain; Uilleam Mac Ille-mhaoil, á cheann Loch Ainslie; agus mi fhin. Cha ’n eil an àireamh ach beag, ach ’s fhearr a triuir fhein na bhi gun ghin idir; agus tha iad a dol a dheanamh nas urrainn daibh air son onair Cheap Breatunn— “an t-eilean ’san d’ fhuair sinn ar n-àrach.”
Tha sinn an so mu 7,000 anns an aon champa. Tha na miltean a dol air aghart do ’n chogadh a h-uile latha; agus cha ’n eil latha ’dol seachad gun ceithir no coig de shoithichean luchdaichte le saighdearan a tigh’n a stigh do Chape Town.
Cha ’n eil an corr agam ri innse dhuibh an drasda.
Cuiribh am paipear an deigh so gu m’ athair, Colla Caimbeul, Ceann Beighe Hogamah. Ged a leanadh sibh air a chur gu ’m ionnsuidh fhein ’s docha gur ann uair ’s na tri miosan a ruigeadh e mi.
A guidhe Bliadhna Mhath Ur agus moran diubh, is mi,
Ur caraid dileas,
AONGHAS CAIMBEUL.
A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an Creic,
Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dduibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean.
J . C. MILLS.
Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.
Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.
Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.
Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.
Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.
[Vol . 8. No. 28. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 219.)
agus bha greis comhraidh agaibh ris,” arsa Daniel.
Sheall an seann duine orm gu geur, agus thuirt e, “Is tusa Eachann Camaran. Cha ’n aithnichinn idir thu. Thainig atharrachadh mor ort o’n a chunnaic mise thu.” Rug e air laimh orm gu caomhail cairdeil.
“Bha Eachunn agus Tomas Murphi,” arsa Daniel, agus e tionndadh ri Tomas, “ ’nan companaich dhileas dhomhsa o chionn aireamh bhliadhnachan, agus dh’ iarr mi orra tighinn an so comhladh rium. Tha ’n mi ’n dochas nach ’eil dad agaibhse an aghaidh iad a thighinn ’nam chuideachd an so.”
“Is e am beatha tighinn an so. Tha mise an diugh na’s toilichte na bha mi o chionn fada. Deanaibd suidhe. Mar a theireadh iad anns a’ Ghaidhealtachd, ‘Is luaidhe deoch na sgeul. ’”
An uair a thuirt e so, bhuail e an glag, agus gun dail thainig am buidilear a steach.
“Am bheil thu ’g aithneachadh fear sam bith dhe’n triuir so?” ars’ an seann duine.
Sheall am buidilear oirnn gu geur, agus thuirt e, “Cha chreid mi nach e Mr. Daniel a tha’n so, ma tha e beo.”
Choisich Daniel ceum far an robh am buidilear ’na sheasamh aig an dorus, agus rug e air laimh air gu cridheil.
“Thoir a steach aran is fion,” ars’ an seann duine. An uair a thainig an t-aran ’s am fion a steach, thuirt an seann duine ri Daniel. “Bheir thusa rud dhe sin do na daoine a tha comhladh riut, agus theid mise a dh’ innseadh do’n d’ mhathair gu ’m bheil thu air tighinn.”
Ghabh sinne ’nar triuir na thainig ruinn dhe’n aran ’s dhe’n fhion, fhad ’s a bha esan air falbh. An uair a thainig e air ais, dh’ iarr e air Daniel a dhol suas far an robh a mhathair.
Shuidh e comhladh ruinn gus an do thill Daniel as an t-seomar anns an robh a mhathair ’na laidhe, agus e gle chomhraiteach.
Gus sgeula ghoirid a dheanamh dheth, chuir sinn seachdain seachad anns an taigh. Dh’ innis gach fear dhinn a sgeula fhein do ’n t-seann duine choir, agus thug na dh’ innis sinn dha toileachadh gu leor dha.
Bha e aig an am ud air thuar sgur dhe’n obair a bh’ aige. Ach air a chomhairle ghabh sinne ’nar triuir an obair os laimh fo’n ainm “Samson agus a Chuideachd.” An uair a shuidhich sinn so a dheanamh, rinn Tomas deas air son a dhol a dh’ Eirinn a dh’ fhaicinn a chairdean, agus rinn mise deas gus a dhol a dh’ Alba ’dh’ fhaicinn mo chuideachd fhein.
(Ri leantuinn.)
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
Dun Scotus.
Rugadh an diadhaidh eòlach seo anns a’ bhliadhna 1264. Tha iad ag radh gur e Iain Duns a cheart ainm. Nuair a bha e òg thainig da shagart Franciscanach a dh’ iarraidh deirce gu taigh ’athair, agus nuair a chunnaic iad cho tapaidh agus eòlach ’sa bha e chuir iad air thilleadh comhla riu do’n Chaisteal Nodha. Bho sin chaidh e do’n Cholaisd Mherton aig Ath-nan-daimh, far an d’ fhàs e glé ainmeil airson eòlas ’an diadhachd, lagha, agus cunntas. Anns a’ bhliadhna 1301 bha e air a dheanamh ’na aidmheileir de diadhachd, agus thainig sgoilearan astar fada a dh’ éisdeachd ris na h-oraidean aige. Chaidh a chur leis na Franciscich gu Paris an 1304, far an d’ fhuair e inbh ollamh ri diadhachd. Chaidh a chur os cionn manaich ’orduigh-san aig Toulouse an 1307, agus beagan an deigh sin bha e air a dheanamh na cheann air na sgoiltean dhiadhaidh am Paris. ’S ann an sin a dh’ fhàs e cho ainmeil agus chum e deasboireachd ris na diadhaidhean a’s eòlaiche dhe’n linn aige. Shiubhail e anns a’ bhliadhna 1308, agus tha e air a radh gu’n d’ fhuair iad a mach an deigh làimh nuair a dh’ fhosgail iad uaigh nach robh e marbh nuair a chaidh a chur ann. Sgriobh e moran leabhraichean a bha air an cruinneachadh le Lucas Wadding an 12 leabhar, agus a chlodh-bhualadh aig Lyons, ’sa bhliadhna 1639.
Mar a tha do shùil air feadhain eile is amhuil a tha sùil feadhnach eile artsa.
Nach cruadalach an ni dearmad a dheanamh air a’ ghnothach gus an deach ar gairm, agus n-inntinn a thogail ri rudan nach buin dhuinn.
THA MI ’G IARRAIDH
DITHIS NIGHEAN, —aon gu bhi ’na bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe.
MRS . C. A. MEISSNER,
Colby Lane, Sydney, C. B
jan 12— tf
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Ma chi thu ni sam bith mi-dhealbhach, thoir an aire gu’n seachdain thu e, agus ma thuit dhuit a dheanamh uair air bith, bi air t-fhaicill nach dean thu gu bràth tuille e.
Cuimhnich daonnan air do chrìch agus nach till an t-am a dh’ fhalbh. Gun sùrd dichioll cha toir thu mach a chaoidh subhailcean.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
[Vol . 8. No. 28. p. 7]
Tearlach Grannd.
Rugadh am fear-seirceil agus comhairleach-rioghachd seo anns a’ bhliadhna 1746. Chaidh ’athair a mharbhadh aig blàr Chuilfhodair beagan uairean an uaireadair an deigh a bhreith, agus mar sin chaidh earbsadh ’na oige gu bràthair ’athair, a phaigh airson teagasg math a thoirt dha an Eiliginn. Dh’fhalbh e do na h-Innsean an 1767, far an d’ fhuair e obair comhla ri Mgr. Ruiseart Becher, ball dhe ’n chomhairle Bhengal. Thill e gu Albainn an 1770, agus phos e bean-uasal dhe’n ainm Friseal. Chaidh e air ais do na h-innsean ’sa bhliadhna 1772 leis a mhnaoi agus cuid dhe a cairdean. Fhuair Mgr. Grannd àrdachadh beagan an deigh ruigsinn Calcutta an 1773; agus an 1781, bha e air a chur thairis air a mhuileann sioda luachmhor aig cuideachd nan Innsean aig Malda. Fhuair e ardachd a rithist da uair, an 1784 agus 1787; ach bho nach robh slàinte mhath aig a theaghlach anns an duthaich sin, bha feum aige dol gu Sasunn tri bliadhna an déigh sin. Rinn Mgr. Grannd iomadh seirbhis do’n chreidimh Chriosduidh fhad ’sa bha e ’san Aird an ear. Chuir e air doigh laraich aon eaglais aig costas air tuillidh air R10,000, seach iomadh ni costail eile. Bha e air a dheanamh aon dhe Luchd-riaghlaidh na cuideachd ’sa bhliadhna 1794; agus an 1802, chaidh e do’n Pharlamaid mar ball bailtean Inbhirnis. Bha e na bhall dhe iomadh comunn ainmeil; agus shiubhail e anns a’ bhliadhna 1823. Phos e ogha Friseil Balnain, an siorrachd Inbhirnis, agus bha triuir mic agus dithis nigheanan aige rithe.
Am fear nach seachain gniomhan beaga, lion cuid is cuid, tuitidh e ann an gniomhan mòra.
Am fear a tha aineolach, agus aig nach ’eil fios gu’m bheil e aineolach, is amadan a th’ ann—seachainn e.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
J . A. YOUNG, Manager.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 8. No. 28. p. 8]
Failte do’n Bhliadhn’ Uir.
LE NIALL MAC LEOID.
Failte ’s furan do’n bhliadhn’ uir,
Le ’trusgan geal is sunntach greann,
’Dhuisgeas aiteas anns gach gnuis,
A sgaoileas fleagh mu bhuird le fonn.
Ged nach fhaigh sinn a bhi dluth,
Do ’r luchd-comuinn ruin ’s an am,
’S e ’n ciad lan a theid ’s a’ chuaich:
Slainte bhuan do Thir nam Beann.
Tamh am baile-mor nan tur,
Cha bu duthchas dhuinn bhi ann?
Far nach fhaic sinn fiadh air stuic,
No bradan ur ’g a thoirt a allt;
Far nach cluinn sinn piob air cluain,
No gillean-callainn shuas an gleann—
Ach cuiridh sinn mu ’n cuairt a’ chuach,
Dianamh luaidh air Tir nam Beann.
Tir a’ mhanrain, tir a’ chiuil,
Tir nam furan nach robh fann;
Ged tha ’n sliochd ’g an cur air chul,
Dhianamh “ruim” do chlann nan Gall—
’S ioma fardach tha gun smuid,
Far ’m bu shiubhlach fonn nan rann:
Ach bidh an aigne blath gach uair
Ni iad ulaidh air Tir nam Beann.
Saoghal fada, maoin, a’s cliu,
Do’r luchd-duthcha bhos a’s thall;
Doirteadh beannachdan mar dhriuchd
Gach bliadhn’ uir thig air an ceann.
Ged a sgaradh sinn ri luaths,
Bidh ar cairdeas buan ’s gach am;
’S olaidh sinn le caithrim chruaidh,
Lan na cuaich air Tir nam Beann.
Oran a’ Phrionnsa.
Moch sa mhaduinn ’s mi dusgadh
’S mor mo shunnd ’s mo cheol-gaire,
O’n a chuala mi ’m Prionnsa
Thigh’nn a dhuthaich Chlann Ranuill,
Hug o laill o
Hug ocho ro n’aill leibh
Hug o laill o
’Seinn ocho ro ’naill leibh.
Bho ’n a chuala mi ’n Prionnsa,
Tigh’nn do dhuthaich Chlann-Ranuill;
Grainne-mullaich gach righ thu,
Slan gu’n till thu, O Thearlaich.
Grainne-mullaich, &c .,
’S ann tha ’u fhior-fhuil gun truaileadh,
Anns a’ ghruaidh is mor naire.
Mar-ri barrachd na h-uaisle,
’G eirigh suas le deadh nadur,
’S na ’n tigeadh tu rithist,
Bhiodh gach tighearn’ na ’aite.
’S na ’n cairicht’ an crun ort,
Bu mhuirneach do chairdean.
’S bhiodh Lochial mar bu choir dha,
’Cur an ordugh nan Gaidheal.
A’s Clann-Donuill a’ chruadail,
Choisinn buaidh anns na blaraibh.
’S iad gu’n cumadh a’ chomh-strith,
Ri luchd chotaichean madair.
Sud a’ chuideachd bhiodh foirmeil,
Boineid ghorm a’s “cocade” orr’.
’S bhiodh am feileadh ’s an fhasan.
Mar-ri gartana sgarlaid’.
Feileadh-cuaich air bhac easgaid,
Paidhir “phistol” ’s ann Spainteach.
’S na’m faighinn mo dhurachd.
Bhiodh an Diuc air dhroch caramh.
Gum ’m biodh “buidsear” na feola,
Agus corcach mu ’bhraighe.
’S gu’n gibhtinn a’ Mhaighdeann
Mar oighreachd d’ a bhrathair.
Ach slan gu’n tig thu ’s gu’n ruig thu,
Slan gu’n tig thusa THEARLAICH.
’Si Mo Leannan an Te Ur.
SEISD—
’Si mo leannan an te ur
’S guirme suil ’s is caoile mala,
Te gu math gu’n tig an gun
Dh fhag’ m’ inntinn tursach.
’S ged nach ’eil mi pailt’ de stor,
Dheanainn seol a ghaoil air aran,
Mharbhainn breac air loin,
’S damh na croic ’sa’ bhuiridh.
Tha mo chridhe tursach, trom,
M’ inntinn cha tog fonn ri ealain,
Tha loinn-dubh orm fo thuinn,
Mo nighean donn an t-sugraidh.
’Si mo leannan, &c ,
Tha do chneas mar shneachd air lon,
Muineal ro-gheal mar an canach;
Cas is deise ’theid am broig,
Nach dean feoirnein ’lubaidh,
Tha do ghruaidhean mar an ros,
Beul is boidhche sheideas anail,
Mala chaol mar ite an eoin,
Ruisg is boidhche ’dhuineas,
Ged a bhithinn feadh nam beann,
Fad na h-oidhche gun tigh’nn gu baile,
’S mi mo choire fhein bhiodh ann,
’S mi gun bhann gun chumhnant.
Saoilidh mi n’ uair thig an oidhch’,
Gu’m bi caoimhneas dhomh ’s a’ chadal,
Ach ’n uair dhuisgeas mi o m’ shuain,
Glacadh buaireas ur mi.
Ged a bhithinn-sa cho og,
’S gn’m b’e maireach tus mo latha,
’S mi nach treigeadh gaol na h-oigh,
Air son diomb luchd-diurrais.
Am bruadar chunnaic mi an raoir,
Mi bhi sinne ’ri taobh mo leannain,
’S tha e geur a’ tigh’nn am chuimhn’—
Chuir i ’n ceill dhomh diurrais.
Cruinneachadh Chlann-Ghriogair
EADAR LE MAC MHARCUIS.
Tha’n re air a chuan,
’S tha an cèo anns a’ ghleann;
’S o’n a dhiteadh ar n’ ainm
Anns an latha gu teann,
Ar cath-ghairm iomraiteach,
Rioghail o chian,
Ni sinn eigheach ’s an oidhche
Le dioghaltas dian!
Bi deas! bi deas!
Bi deas, a Ghriogaraich!
Ma bhios ruaig air ar toir,
A’s ar n’ainm air a bhacadh,
Loisg am fardach!— ’s am feoil
Biodh aig eunlaith ’g a sracadh!
O, tionail, tìonail tionail,
Tionail, tionail, tionail!
Fhad ’s tha duilleach ’s a’ choille
No cobhar air sruth-thuinn,
Mar is dual, cinnidh buaidh
Le Mac-Griogair gu suthainn!
De Ghleann-urchaidh nan ard-bheann
’S de chaol-chuirn nan saoidh,
De Ghleann-liobhann ’s Ghleann-srath
Tha sinn creachte a chaoidh—
Tur spuinnte, spuinnte,
Spuinnte, Ghriogaraich.
Spuinnte, spuinnte, spuinnte!
Troimh dhoimhneachd a’ chuain
Theid an steud-each ’n a dheann;
Chithear birlinn a’ seoladh
Thar cirein nam beann;
Leaghaidh creagan mar eigh,
’S theid ’n an still gus a’ mhuir,
M’an striochd sinn ar coir,
A’s ar diogh’ltas m’an sguir!
Bi deas! bi deas!
Bi deas, a Ghriogaraich!
Ma bhios ruaig air ar toir,
A’s ar n’ ainm air a bhacadh.
Loisg am fardach!— ’s am feoil
Biodh aig eunlaith ’g a sracadh!
O, tionail, tionail, tionail,
Tionail, tionail, tionail!
Fhad ’s tha duilleach ’s a’ choille
No cobhar air sruth-thuinn,
Mar is dual, cinnidh buaidh
Le Mac-Griogair gu suthainn!
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonhas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
title | Issue 28 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 28. %p |
parent text | Volume 8 |