[225]

[Vol . 8. No. 29. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 26, 1900. No. 29.


Litir a Alba.

Bodachan a gharaidh,
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan agharaidh,
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA: —Mar a thuirt an seanfhacal, “Is fheairrde brà a breacadh, ach gun a bristeadh.” Cha mhisde leam gun dthug mi buille no dhà dhen ord bhreacaidh do Sheumas N. Mac Fhionnaghain, an gille coir, comasach a thafuireach ann am Moosomin. Ben call nach robh rathad air a chumail gu math trang aig apheann. Mas ann no nach ann le bior guail a sgriobh e ugad, bhan litir gle mhath.

Tha e ag radh gum bu ghle thoigh leis mise fhaicinn an uair a thig e sgriob do dhAlba. Agus tha e ag radh gum bi e ag amharc air mo shon aig taobh gach locha. Ach tha fhios aige gum bheil iomadh locha ann an Alba. Abair thusa ris, gun dubhairt mise riut gur ebheatha fuireach comhla riumsa uair sam bith a thig e an rathad so. Bheir thu fhein fios dha co an locha aig am faigh e an taigh agamsa. Mur tachair dad as fhearr a bhith agam air a choinneamh an uair a thig e, gheibh e càl gu leor. Ach is ainneamh leam a bhith ann am freasdal càil. Nan robh e ann an so anochd, bheirinnsa dha làn na slige de mhac na braiche, agus theid mi an urras gun cuireadh e fuachd Mhoosomin as a chnamhan. Tha mise cho seann fhasantas gum bheil mi cumail suas nan seana chleachdaidhean. Mar a than seanfhacal ag radh, “An car a bhioss an t-seana mhaide, is deacair a thoirt as.”

Bha mi ag radh riut roimhe gun robh amhrus agam gun robh am fuachd cho mor ann am Moosomins gun reothadh e an ince. Ma tha sin fior, tha amhrus agam gun reothadh e an t-uisge beatha mar an ceudna. Ma reothas e, chan urrainnear ol, ach is urrainnear itheadh. An uair a bha misenam Dhonnachadh òg, bhithinn ag itheadh nan aigileanan deighe a bhiodh air bruaich an eas a bha faisge air an taigh againn. Agus nam biodh fior thoil agam fuachd agheamhraidh a chur as mo chnamhan, ghabhainn na thigeadh rium dhen uisge bheatha, ged a bhiodh e air reothadh cho cruaidhs gum feumainn an t-ord clachaireachd a ghabhail gus a bhristeadh.

Tha so acurnam chuimhne naigheachd a chuala mi o chionn fada mu bhoirionnach a bha aon uair ann an àite ris an canar Innse-gall. Cha robh i cho fior ghlic ri eile. Ach ge be air bith doigh anns an dfhuair i an t-airgiod chaidh aice air pige gallain luma lan uisge bheatha a cheannach, gus a reic ri spalpairean òga nam bailtean aig àm na Nollag. Bhiodh na gaugeran an uair ud asealg air pigeachan dhen t-seorsa ud; agus on a bha eagal air Seonaid gum faigheadh iad faileadh air aphige, chan fhaca i doigh a bfhearr air a chur am falach na toll a dheanamh anns achruaich mhonadh, agus am pige a chur ann gus an tigeadh oidhche Challaig. Bhiodh Seonaid bhochd an drastas a rithist asealltainn anns achruaich mhonadh air eagal gun do ghoideadh am pige. Gu mi-fhortanach, fhuair spriolag air choir-eiginn de ghillean abhaile am mach gun robh am pige aig Seonaid anns achruaich. Thug e leis e oidhche air choireiginn; agus on a bha am pige air a cheireadh, rinn e toll air amhàs le broga, agus thug e as a h-uile deur a bhann, agus chuir e anns achruaich e far an robh e roimhe. Bha oidhche chridheil no dhà aige fhein agus aig comhlan math eile air saillibh uisge beatha Seonaid.

Coma co dhiubh, leig Seonaid fios a dhionnsuidh nan gillean gun robh am pige aice, agus gum fosgladh i enan lathair oidhche Challaig, gus gum faiceadh iad gun robh i gus a thoirt dhaibh gun bhaisteadh mar a fhuair i fhein e. An uair a thainig oidhche Challaig, chruinnich lan an taighe de ghillean nam bailtean. Thug Seonaid làmh air aphige, agus thug i dhfhear dhe na gillean e gusfhosgladh. An uair a dhfhosgladh e cha dthigeadh deur as. Thachair gun robh reothadh anabarrach teann ann fad choig latha deug roimhe sid. Thuirt am fear a dhfhosgail am pige, agus aghaidh aige ga chur air fhein cho fada ris achlobha gus cumail air a ghaire, “Not a deur a thig as aphige so, a Sheonaid.” “Is ann a reoth e,” arsa Seonaid, “cuiribh ris an teine feuch an leagh e.”

Chuireadh am pige ris an teine, agus bha fear dhe na gilleang a thionndadh an drastas a rithist air clach an teintein gus an robh iad seachd sgith. Ach ged a bhiodh e ris an teine fhathast cha tigeadh aon deur as. Mu dheireadh thuirt fear dhe na gillean, agus en deigh am bior maide a bhanns an toll a bhair mas aphige a thoirt as, “Cha cha chreid mi fhein, a Sheonaid, nach ann a tha toll air aphige so? An uair a chuireas mi mo shuil ris abheul aige, chi mi an solus troimhn mhàs aige.”

An uair a chuala Seonaid so, bhuail i na basan.

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, chuir na gillean airgiod cruinn ann an ionad nam bonn, agus phàigh iad an gallan uisge bheatha do Sheonaid. Agus gus saod na bfhearr a chur oirre, fhuaradh tri botuil dhen stuth cho maths a bhaig Alasdair mac Dhonnachaidh, agus dhòladh a chuid mhor dheth air slainte Seonaid. Chuir iad an oidhche seachad cho cridheils a ghabhadh deanamh a saillibh pige Seonaid.

A nis, ma tha e fior gun do reòth an t-uisge beatha a bhaig Seonaid ann an Innsegall, tha e furasda gu leor dhomhsa a chreidsinn nacheil deur a theid gu ruige Moosomin nach reòth a cheart cho math.

Chan fhaod mi nis, dichuimhna dheanamh air dithis dhaoine coire eile a tha gu caoimhneil afaighneachd mu mdheidhinn, is iad sin Mac Dhonuill Thormaid, á Leodhas, agus Seumas A. Mac Gille-mhaoil, as na h-Eileanan Coille. An uair a bhios daoinefas sean, tha iad, mar is trice, car coltach ann an iomadh doigh ris achloinn bhigis math leotha a bhithg am moladh. A reir choltais tha na litrichean a tha micur uair is uair gad ionnsuidh acordadh riutha. Ma tha uiread de mheas acasan, agus aig Seumas N. Mac Fhionghain, air mo litrichean-sas a thagamsa air an litrichean-san, foghnaidh sin. Chuir mise seachad sia bliadhna dhe mbheatha ann an Leodhas, agus feumaidh mi a radh nach do chuir mi eolas air daoine riamh bu chaoimhneile agus bu chairdeile rium na iad. Tha Gailig mhath aig na thachair riumsa dhiubh. Bu ghlc thoigh leam a chluinntinn gum bheil iad acur eolais air aMHAC-TALLA. Is docha nach cuala moran dhiubh guth no iomradh riamh air aMHAC-TALLA. Nach fhaodadh an triuir dhaoine coire a dhainmich mi feuchainn nas fhearr na rinn iad riamh fhathast ri ainm agus cliu aMHIC-TALLA a chur am farsuinneachd?

Ach than t-àm agam sgur. Than litir so tuilleadh is fada mar tha. Cha bu mhath leam do shàrachadh. Ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, sgriobhaidh mi litir eile ugad.

Is mi do charaid an lathachis nach fhaic,

BODACHAN AGHARAIDH.

Taobh an Locha,
Latha nan tri righrean, 1900.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. IV.

Ged nach robh Aonghas Mac Alasdair ùine mhòr air leabaidh a bhàis, tháinig na chosgadh ris an dùil gun tugtadh air aghart e gu sùim a bha glé throm air daoine bochda aig nach robh ach fìor bheagan de nithean mathan t-saoghail so aig àm sam bith. Bham fearann a bhaig Aonghas cho beags nach bfhiach dha each a chumail air son a bhithdeanamh an àitich, ged a bhiodh comas aige air each a cheannach. A bharrachd air so, bham fearann cho creagachs nach gabhadh e oibreachadh ach le spaids le cois-chrùim. Cha deanadh an crann-rustail fhein abheag a dhfheum, ged a bhiodh each ann a thairneadh e. Bhiodh Aonghas gu dìchiollach ag obair fad an earraich leis an spaids leis achois-chrùim adheanamh buntáta-taomaidh, agus ationndadh abheagan talmhainn a bhaige air son eòrnas coirce a chur ann. Le a dhìchioll fhéin, agus le faicill is cùram a mhnà, bhadol aca air iad fhéins an teaghlach a chumail ann am biadhs an aodachs an caiseart cho math ris gach dalachateaghlach a bhanns an àite.

Cha robh de stoc aca aig àm sam bith ach aon bhò is gamhainn, agus mu dhusan ceann caorach a bha air a mhonadh far an robh caoraich nan coimhearsnaich. Dhfhaodadh iad barrachd chaorach a chumail; oir cha robh muinntir nam bailtean aig an robh còir air amhonadh cruaidh air duine bochd sam bith, ged a thachradh dha beagan chaorach a bharrachd a bhith aige air na bha màl an fhearainn aceadachadh dhachumail. Ach cha robh Aonghas air an fheadhainn a bfhearr gus an aire a thoirt do na caoraich. Theireadh e fhein gu tric, an uair a gheibhteadh caora leis marbh aig bonn craige, no ann an



[226]

[Vol . 8. No. 29. p. 2]

slochds amhonadh, nach robh sealbh chaorach air. Ach theireadh a bhean ris, “Cuimnich, ’Aonghais, gur e sùil a ghleidheas sealbh. Mur seall fear an déigh a ghnothaich, cha soirbhich a ghnothach leis.”

Nach neònach leam fhein,” theireadh Aonghas rithe, “thubhithg ràdh aleithid sin. Nach fhaic thu Eachunn mòr, an aon amadan as a thanns na bailtean gu léir. Cha seall e as déigh a chuid caorach latha deugs abhliadhna. Ma tha aon chaora aige, tha trì fichead aige; agus is ainneamh a gheibhear caora leis marbh ann an slochd no ann am féithe. Chan aithne dhomhsa car son a tha na caoraich aige afuireach beò, an uair a tha gu leòr de choraich nan coimhearsnach afaighinn bhàis, mur ann a chionn gum bheil sealbh math chaorach air. Ma than sean fhacal a thag radh, gur e sùil a ghleidheas sealbh, fior a thaobh dhaoine eile, chan urrrainn gum bheil e fìor a thaobh Eachunn co dhiubh.”

An uair a chluinneadh a bhean Aonghas alabhairt air an dòigh so, dhfhanadh i samhach, ar neo bheireadh i taruinn air seanachus eile. Cha robh bu lugha oirre na connsachadh. Bha fhios aice nach bobair e a dheanadh feum do neach sam bith. Ach bha fhios aice mar an ceudna, nach cumar taigh le beul dùinte.

An lathachuireadh Aonghas fon talamh, cha robh aig abhantraich de stoc ach aon bhò. Reiceadh an gamhainn gus nithean a cheannach a bha feumail a dhAonghas an uair a bha e tinn air leabaidh a bhàis. Mharbhadh an déigh de na caoraich gus beagan a dhfheòil ùir a chumail ris, mar a dhiarr an doctair. Cha mhòr a burrainn an duine bochd a ghabhail dhiubh; ach onach robh dòigh air an fheòil a chumail ùr, dhfheumteadh caoramharbhadh ni bu trice.

Ged a bhabhantrach air afàgail ann an ceann ceathrar de chloinn laig, bfhearr leathabhith lom, falamh, na bhith ann am fiachan. Ged nach robh de dhfhiachan air an taigh ach na bha aig Muruchadh Ceannaiche air, agus ged a bha fios is cinnt aice nach ruigeadh i leas cabhag a bhith oirre gus am pàigheadh, thuirt i rithe fhéin, gum bfheàrr dhi an grad phaigheadh, eadhon ged a dhfheumadh i aodach na leapadh a reic gus am pàigheadh. Arsise rithe fhéin, “Feumar na chosgadh ris an fhear nach maireann a chur fon talamh a phàigheadh air a h-uile cor gun dàil sam bith. Bu chòir gum biodh cosgais tìodhlacadh, agus cosgais bainnse air am pàigheadh gun mòran dàlach.”

An ceann latha an déis an tìodhlacaidh, chaidh i far an robh Muruchadh, agus thuirt i ris, “Thàinig mi a dhaon ghnothach far am bheil sibh gus gun deanadh sibh suas achunntais. Cha bu mhath leam fhéin, no idir leis an fhear nach maireann fhads a bha e beò, a bhith ann am fiachan, nam burrainn duinn idir am pàigheadh. Agus gus a nis, chaidh againn air sinn fhéin a chumail á fiachan. Bha beagan agaibh air an taigh mun dthàinig am bàsn ar rathad, agus on is sibhse a chosg ri Aonghas a chur fon talamh, cha bhi fois aig minntinn gu bràth gus am bi na fiachan gu léir pàighte. Tha e air aithris am measg an t-sluaigh, nach bi fois aig anam anns an t-saoghal thall gus am pàighear a h-uile sgillinn fhiach a bhios aig daoine air anns an t-saoghal so. Chaneil fhios agamsa co dhiubh tha so fìor no nacheil, ach tha fhios agam gum bheil mòran dhaoine atoirt creideas is géill dha. Chaneil sgillinnn am laimh an diugh, agus chaneil fhios cuin a bhitheas; ach cuiridh mi Dòmhull a nall, leis abhoin ugaibh, agus saoilidh mi gun seas i ann an àite na bheil agaibh orm a dhfhiachan.”

Ma ta, ’Mhòr,” arsa Muruchadh, “tha do chainnt acur mòran ioghnaidh orm. Car son nach dfheith thu gus an cuirinn fios a dhiarraidh nam fiach ort?”

Cha do chuir sibh fios riamh fhathast a dhiarraidh fhiachan oirnne, ged a bha sibh iomadh uair dlùth air bliadhna gun bhur cuid fhéin fhaotainn. Is e an rud bu lugha bu chòir dhomhsadheanamh tighinn far am bheil sibh, mar a bàbhaist don fhear nach maireann a dheanamh, fhads a bha en lathair, agus comas aigair an aire a thoirt air a ghnothach.”

Innseadh mise dhut, a Mhòr, mar a bhitheas. Cumaidh tusabhò agad fhein. Cha ghabh mise aon bhò na bantraich idir. Is feumach thu fhéins do phàisdean laga oirre seach mise. Agus ged a bhithinn ni bu bhochdainne na tha mi, chan fhàgadh do bhò-sa mi an ceann na bliadhna ach mar a bha mi roimhe.”

Chan ann mar sin a bhitheas idir, a Mhuruchaidh, ach gabhaidh sibhse abhò, agus bidh na fiachan pàighte a dhaon latha: bidh fois aig minntinn-sa agus cha bhi aig duine beò ri ràdh gum bheil ainm an fhir nach maireann ann an leabhar nam fiach.”

Gun fhacal a ràdh, thionndadh Muruchadh a null on chunntair, agus thug e nall an leabhar cunntais. “Seall air sid, a Mhor,” arsesan. “Tha na fiachan air an dubhadh am mach. Mhath mise na fiachan don fhear nach maireann, an uair a chunnaic mi gun robh coltais abhàis air. Agus anns amhadainn an diugh thug miainm ás an leabhar. Faodaidh tu fhéin fhaicinn gum bheil achunntas air a dubhadh am mach air fad fiaraidh. Ann an aon seadh, faodaidh mise a ràdh, nach robh sgillinn agam air Aonghas aig lathabhàis. On a phòs e thusa, agus iomadh bliadhna roimhe sin, bann uamsa a bha eceannach a h-uile fiach frìne a bha dhìth air. Cha deachaidh e riamh seachad orm le sgillinn dechuid airgid. Co dhiubh a bhiodh airgiodna laimh no nach bitheadh, cha do dhiùlt mi riamh a thoirt dha. Chan ann a chionn gum bheil mig a ràdh riutsa, cha robh gnothach agam ri duine riamh a bheireadh bàrr air ann am fìrinns an onairs an ceartas. Gu firinneach, ceart, chan fhaigh thu fhéin no duine a rugadh dhuit droch cuimhneachan air a shon.”

Bu chòir dhomhsa, ’Mhuruchaidh, a bhith taingeil, gun do choisinn e cliù math dha fhéins dha theaghlach fhads a bha e beò. Mas urrrainn mise, bidh achlann air an teagasg anns gach dòigh mar bu mhiann len athair. Ma ghabhas iad mo chomhairle-sa, cha téid iad fada cearr co dhiubh. Ach na truaghain, chan fhadis urrainn domhsa an cumail dlùth dhomh. Feumaidh iad dhol a dhionnsuidh achruaidh-chosnaidh cho luaths a théid aca air cosnadh a dheanamh. Nam biodh dòigh agam air, chumainn anns an sgoil iad gus am biodh iad comasach air sgrìobhadh is leughadh is cunntas a dheanamh. Cha dfhuair am fear nach maireann ach fìor bheagan sgoile, agus bha ega chaoidh sin glé mhòr on lathachuir mise eòlas air. An uair a rugadh Domhull, bha e suidhichte gun cumadh e anns an sgoil e cho fads a burrainn da; ach is iomadh rud a bhios dùil aig daoine a dheanamh nach téid aca air a dheanamh gu bràth. An uair a bha e air leabaidh a bhàis, bha ecur dragh mòr air, nach robh rathad aig achloinn air sgoilfhaotainn. Bha fhios aige gun deanainnsa muile dhìchioll air a h-uile ceartas a thoirt dhaibh; ach bha fhios aige mar an ceudna, nach robh dòigh agam air ceartas a thoirt dhaibh ann an sgoils an ionnsachadh mar bu mhath leam.”

Chan eagal, a Mhòr, nach dean thusa do dhleasdanas, mar a bha thudeanamh riamh. Bi falbh dhachaidh, agus thoir an aire mhath air abhoin. Faodaidh gun cuir i ann an stoc math fhathast thu.”

A nis, a Mhuruchaidh, feumaidh mi bruidhinn ribh fhathast mun chùis. Tha mitoirt mìle tàing dhuibh air son bhur caoimhneis. Chaneil duine beò air ùr-uachdar an t-saoghail a deanadh riumsa mar a tha sibhsedeanamh. Ach chosg sibhse mòran ris an tiodhlacadh. Chan ann mòr leamsatha na chosgadh idir, nam bu mi fhein a bhadolga phàigheadh. Ach tha e mòr leam, mas ann as bhur pòcaid-se thig e. Bhiodh gu leòr dhomhsa an tairgse mhath a tha sibh atoirt dhomh a ghabhail, ged a bhithinn cho falamh ri duine beò. Bfhearr leam gun gabhadh sibh abhò; oir cha bu mhath leam gum biodh aig duine sam bith rithilgeadh air mo chuid cloinne, gun do chuireadh an athair fon talamh air chosg duine eile.”

Nach do chuireadh ar Slànuighear anns an uaigh air chosg dhaoine eile? Chaneil thu fhein, a Mhòr, cho aineolach air facal Dhés nacheil fhios agad air so.”

Tha sin fìor gu leòr a Mhuruchaidh; ach nan robh a bheag no mhòr de mhaoin an t-saoghail so aige, is cinnteach gun deachaidh a churs an uaigh air a chosg fhein.”

Bha Muruchadh greisna thosd, agus e mar gum biodh edol fo smaointean ciod a theireadh e. Mu dheireadh thuirt e, “Bi falbh dhachaidh, agus cuir a nall Domhull leis abhoin.”

Gun tuilleadh a ràdh dhfhalbh abhantrach dhachaidh. An ùine gun bhith fada, thainig Domhulls abhò aig air ròpa. Choinnich Muruchadh aig an iodhlainn e, agus thuirt e ris, “Thoir leat abhò air ais dhachaidh; oir chaneil àite agamsa a chumas i. Abair ri do màthair i thoirt an aire mhath dhi, agus an uair a bhios àite agamsa anns an cùm mi i, gun cuir mi duine ga h-iarraidh.”

An creutair bochd.” arsa Muruchadh ris fhéin, “cha tig an lathas cha chian an tràth anns an gabh mise abhò uaipe. Is feumach i fheins a teaghlach lag oirre.”

(Ri leantuinn.)


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. L.

Dhfhalbh mi direach a Libhirpul gu ruige Glasacho, feuch am faighinn am mach an robh mo sheana charaid coir, caoimhneil, Domhull Dughallach, beo, slan. An uair a rainig mi Glasacho, ghabh mi direach a dhionnsuidh an taighe anns an robh efuireach an uair a dhfhalbh mi. Ach an uair a rainig mi an dorus, chunnaic mi gun robh ainm fir eile sgriobhte air. Cha robh fios sam bith aig na daoine a bhanns an taigh caitan deachaidh e. ’Na dheigh sid chaidh mi thun an taighe anns an robh e reic an uisge bheatha, agus an sin fhuair mi am mach far an robh e fuireach. Gun dail sam bith choisich mi dhionnsuidh an taighe aige. Bha e fheins a bhean a staigh, agus dhaithnich iad mis amhionaid.

Gun fhaighneachd, dhaithnich mi gun robh iad air tighinn gu bochdainn; ach cha do leig mi dad orm. Ann an uine ghoirid rinn a bhean, mar bu mhath a baithne dhi, biadh grinn, glan deiseil dhomh. Cha robh anns an taigh ach da sheomar, ach bha iad air an cumail cho glan agus cho ordails a ghabhadh deanamh.

An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail dhinnis iad dhomh mu gach mi-fhortan a thainignan rathad on a chunnaic iad roimhe mi. Ged a tha cuimhne mhath agam air a chuid as mo dhe na dhinnis iad dhomh, chaneil aobhar dhomh a chur sios facal air an fhacal an so.



[227]

[Vol . 8. No. 29. p. 3]

Mar is minic a thachair do dhaoine mar a bha iad, chaidh an teaghlachnan aghaidh gu mor. Dhfhas fear no dithis dhe na mic tuilleadh is trom air an ol, agus sgap e ann an goraiche earrann mhath dhe na bhaathair gu dichiollach acur cruinn, agus cha robh aig an duine choir ach an taigh-osda a leigeadh uaithe air eagal gun cailleadh e a h-uile ni a bhaige ris an t-saoghal.

Phos aon no dithis dhen teaghlach, agus dhfhalbh cach gan cosnadh. Agus an aite cuideachadh a dheanamh le am parantan, cha deanadh iad fiù na litreach a chur uca.

An lathud fhein, tha amhrus agam nach robh iad fado bhith lom, falamh gu leor. Ach cha do leig iad sin ris dhomhsa.

Dhinnis mi dhaibh ann am briathran cho gearrs a burrainn domh mar a thachair dhomh fhads a bha mi air falbh, agus gun drinn mi fortan math. Bha iad gle thoilichte an uair a chualiad cho maths a chaidh cuisean leam.

Ged a chuir mi romham falbh an uair a bha e teannadh ri àm cadail, chaidh iad le cheile air maghaidh air a leithid de dhoighs gun daontaich mi an oidhche a chur seachadh comhladh riutha.

Bha greis dhen oidhche air a dhol seachad mun do ghabh sinn mu thamh. Dhinnis iad dhomh gun cualiad bliadhna roimhe sid gun do dheug mo mhathair, agus gun robh mathair air fas gle lag, breoite. Anns amhadainn an uair a bha mifalbh, thug mi dhaibh deich puinnd Shasunnach, agus thuirt mi riutha gun tugainn dhaibh leith cheud punnd Sasunnach a h-uile bliadhna fhads bu bheo iad.

Gu fortanach fhuair mi comhdhail cho freagarrachs a dhiarrainn gus a dhol don Ghaidhealtachd a dhfhaicinn mathar. Agus o nacheil aobhar dhomh cunntas a thoirt seachad air mar a fhuair mi dhachaidh, foghnaidh dhomh a radh gun dfhuair mi dhachaidh gu sabhailte. Bha mathair air chomas a bhithg eiridh a h-uile latha agus cha robh an corr ann. Cha robh eis sam bith air. Bha ena dhuine glic, doidheil, agus ged a bfheudar dha am fearrann a leigeadh uaithe bliadhna no dha roimhe sid, bha aige de dhairgiod air chul a laimhe, eadar na bha e fhein acur ma seach bliadhnachan roimhe sid, agus na bha mi fhin acur uige mun deachaidh mi a bhuinig an oir, na bhacumail bord is breacag air a bheulaobh cho math fear sam bith.

Rud nach bioghnadh, rinn e toileachadh gu leor rium. Ach ged a bha e car diubach dhiom a chionn nach robh mi gu riaghailteach asgriobhadhga ionnsuidh anns na bliadhnachan mu dheireadh, thuig e, an uair a dhinnis mi dha mar a thachair dhomh, nach robh cothrom agam air achuis.

Bha nighean a pheathar acumail an taighe dha, agus bha i cho curamach ma dheidhinns ged a be a h-athair fhein a bhiodh ann.

Thuig mi nach robh coltas gum biodh e fada beo, agus chuir mi romham gum fanainn comhladh ris fhads bu bheo e.

Mun dthainig ceann leith-bhliadhna thainig achrioch air. Agus o nach robh aobhar dhomh fuireach na bfhaide anns an àite, chaidh mi air ais gu ruige Libhirpul, far an robh mi ag amharc as deigh mo dhleasdanais comhladh ri mo dhithis chompanach.

Bha midol don Ghaidhealtachd a chur seachad greis dhen t-samhradh a h-uile bliadhna a gheibhinn cothrom, agus o nach do chuir mi ùidh ann am posadh, chuir mi romham gun tugainn seachad cuid mhath dhen fhortan a rinn mi am feadhs a bhithinn fhein beò; oir, mar is trice, tha araon aimhreit is mi-bhuil ann an co-cheangal ri dileaban.

Ann an dochas gum faodadh iomadh duine òg fiosrachadh agus foghlum fhaotainn o eachdraidh mo bheatha tha mi nisair a toirt seachad facal air an fhacal mar a thachair. Chan eil agam ri radhsa cho-dhunadh ach gum bu mhath leam gach duinog a leughadh gu curamach; oirse mo bharail gum bi amannan am beatha gach fir anns am bi e feumail dha aire thionndadh a dhionnsuidh iomadh ni air an dthug mi iomradh an am a bhig innse mar a rinn mi mfhortan.

EACHANN CAMARAN.


Sgeula Air Son na h-Oigridh.

AN SAIGHDEAR DILEAS.

(A Caraid nan Gaidheal.)

Bha roimhe so, uair-eigin den t-saoghal, Rìgh mòr agus urramach, aig an robh dùthaich anns an robh Dràgon borb, nimheil, a bhan a chulaidh-oillt agus eagail do luchd-àiteachaidh na tìre; oir bhan uile-bhéist so coimheach dàna seòlta, agus sgriosail. Air an aobhar sin roghnaich an rìgh cuid de na saighdearan a bu teòma, agus a bu charantabha aige, agus chuir e iad don chèarna sin den rìoghachd far an robh an Dràgon so adeanamh mòran aimhleis agus urchaid air an t-sluagh. Mun do chuir emach iad thubhairt e riutha— “Tha fhios agaibh gun do chuir misen cath an aghaidh an Dràgoin, gun do leòn mi e, gun do bhuadhaich min a aghaidh, ged a dhfheuch e gach innleachd agus cumhachd a chum cur as domh. ’S éigin gun gluais mo luchd-leanmhuinn chum a cheannsachadh: ’s éigin gun cuir iadsan an còmhrag mar a chuir mise, gum buadhaich iad mar a bhuadhaich mise; agus an sin suidhidh iad maille rium-sa air mo rìgh-chathair. Uime sin, tha migur cur a mach a chath an aghaidh na béiste, agus na bitheadh eagal oirbh, oir tha mo neart adol a mach maille ribh. Bithibhnur n-earalas. Ma chuimhnicheas sibh mo bhriathran agus ma ghairmeas sibh air mainman àm na deuchainn’, ’s gu h-àraidh ma chleachdas sibh an armachd a tha misetairgseadh dhuibh, agus a dhuidhimicheadh airur son, cha tig an is urrainn an nàmhaid aon olc no urchaid a dheanamh oirbh; ach ma gheibh e sibh uair air bith as eugmhais na h-armachd so, an sin faodaidh sibh a bhi làn-chinnteach gun toir e oidhirp, agus mar an ceudna gum buadhaich e thairis oirbh.”

Gheall na saighdearan a bhin an earalas, agus dhfhalbh iad. Ghabh iad an turus don àite sin a bhan uile-bhéist atathaich. Air dhoibh a ruigheachd, bha iad, air tùs, do ghnàth ri faire, cha do dhealaich iad àm air bith ran armachd; cha do chaidil iad uile a dhaon àm, ach bha fear-eigin diubh do ghnàthn a fhaireachadh. Bu shuilbhearra, ait an sealladh na saighdearan curanta, gaisgeil sinfhaicinn a suass a sìos air feadh na dùthcha fo làn uidheam, agus luchd-àiteachadh na tire nile tèaruinnte, do bhrigh gun robh feachd an rìgh air freiceadan. O! bu taitneach an sealladh air maduinn gach latha, na daoine treuna, foghainteach sofhaicinn, ’an déigh suain na h-oidhche, adùsgadh gu sunndach, togarrach, acur orra an uile armachd, afeuchainn an clàidhnean an robh iad gu sgaiteach, deas air son còmhraig; a tuiteam sìos air an glùinibh, a gairm air ainm am prionnsa féin, agusan sin adol a mach gu fairean aghaidh oidhirpean agus cuilbheartan na béiste, mar a dhiarr an rìgh orra.

Bu shuilbhearra an sealladh so; ach gu truagh cha do mhair e ach goirid. Fhads a bha iad ri faire cha dfhuair iad sealladh air an Dràgonchaidh a h-uile ni air aghaidh gu réidh, sìothchail, sàmhach. Bha na tuathanaich aruamhar, acur, ’s acliathaidh, ’s abuain; bha iad apòsadh agus atabhairtam pòsadh, agus bha fleadhachasus aighear, ceòlus dannsadh, ’s fearas-chuideachd adol air aghaidh. Thòisich na saighdearan ri smaointeachadh nach robh, theagamh, focal fìrinn anns na chual iad mun Dràgon: thòisich iad air cainnt an rìgh a leigeil air -chuimhn’, agus rinn iad dearmad air fairebhan aimsir brùthainneach, blàth, ’s bhan airm chatha trom ran giùlan. “Ciod an stàth dhuinn,” arsa fear dhiubh, “a bhigiùlan na h-armachd so?” “Thachlogaid so,” arsan dara fear, “trom, fàgaidh mis abhùth i.” “Than t-uchd-éideadh so anabarrach trom,” arsa fear eile, “tha mi air mo chlaoidh leis.” “Than sgiath so anabarrach doirbh ra giulan,” arsan ath fhear. “Tham fonn cho teith, loisgeachs gum bheil na brògan làidir so amilleadh mo chas,” arsa fear eile, “agus gu h-àraidh ciod am feum a bhig an giùlann uair nacheil an uile-bhéist air an cula sinn sgeul ra fhaicinn?” Mar so thilg iad diubh an armachd— ’s gann a dhaithnicheadh tu iad, chaill iad an dreach cho mòran déigh dhoibh dealachadh ran armachd àillidh.

Bha aon fhear dhiubh, gu dearbh, dach do dhealaich ra éideadh-cogaidh; be anSaighdear Dìleasa bainm dha, agus chuir e campar mòr air an uair a mhothaich e do ghiùlan chàich. ’S minic a chuir en an cuimhne briathran an Rìgh, agus an gealladh a thug iad dha; ach rinn càch fanaid agus fochaid air, thug iad iomadh droch ainm tàmailteach air: “chaneil ann ach an tur ghealtair,” arsiadsan, “chnneil barrachd misnich aige na aig naoidhein na cìche” —ach chuir e iad so uile ann an suarachas, chuimhnich e gach earail a fhuair e. Cha do dhealaich esan ra armachd; fuar no teithg an robh an aimsir; cruaidh creagach, no bog, mòinteil, ’g an robh an t-slighe, bhuadhaich esan, ghléidh e a bhrògan air a chasans a chlogaid air a cheann, agus uile armachd an rìgh a chuir a mach e. Chaidh so air adhart o àm gu h-àm, càchg a smàdadh, ’g a chàineadhs adeanamh fochaid air, agus làn chinnteach nach coinnicheadh iad an nàmhaid, ’s nach robh cath aca ra chur. Ach an uair a shaoil leo gun robh iad tèaruintes ann bu dlùithe iad air cunnart. Bha fear de na saighdearan so atighinn dachaidh oidhche de na h-oidhchean o chuirm mhòir, far an robh e ri mires ri sùgradh. Bhachuideachd adannsadhs agabhail òran, bha mòran de chridhealas amaideachn am measg. Cha robharmachd air an t-saighdear, bha epilleadh dhachaidh a dhionnsuidh a bhùthair feasgar samhraidh, afeadaireachds acrònan dhuanag leis féin. Bha ecuimhneachadh air achuideachd chridheil a dhfhàg e, agus agabhail truais da chompanach amaideach, anSaighdear Dìleasa dhiùlt dol maille ris, a bha do ghnàth ri faire, agus air aiss air adhart mar fhreiceadan mu choinneamh dorus abhùth fo làn armachd. Ach ceart mar bha e mar so agabail dhachaidh gu h-aighearach, mireagach, chuale fuaims achoille dlùth dha agusam prioba na sùl’, sheas roimhe air an t-slighe ach an Dràgon uamhasach lechraos fosgailtes le shùilean teinteach! Bhuail glùinean an t-saighdear an aghaidh a chéile, thàinig crith agus oillt airdhfheuch e a chlaidheamh a tharruing ach claidheamh cha robh ann. Thug an Dràgon ionnsuidh gu bhin a amhaich; agusn a uamhas mòr, ghlaodh an saighdear air ainm a Rìgh, ach mheathaich a chridhe, agus dhinnis ni-eigin da gun robh enis tuilleadhus anmoch dha so a dheanamh. Thòisich e ri teicheadh, ach cha robh taobh air an tionndaidh e nach robh làn de shaighdean teinteach,

(Air a lenntuinn air taobh 230.)



[228]

[Vol . 8. No. 29. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, IANUARAIDH 26, 1900.

AN COGADH ANN AN AFRICA.

II.

Leis cho bochds a bha an Transbhaal, bha Cruger agus an luchd-riaghlaidh a bha fodha atoirt a h-uile misneach do choigrich dhe gach fine, agus treibh, agus teanga gu a dhol don duthaich aca. Fhuaradh am mach mu dheireadh gun robh am pailteas dhen or anns an fhearann aca, agus air an aobhar sin thoisich moran dhaoine ri dhol a bhuinig an oir don duthaich ud. Cha robh abheag de na Boereich aon chuid deonach no comasach air abheag a dhfheum a dheanamh air buinig an oir. Cha robh annta ach tuathanaich. Is e tuathanach a Ghailig a thair an fhacal Boer. Cha robh doigh aca air innealan freagarrach a cheannach leis an deanadh iad feum air buinig an oir; agus cha mho a bha eolas aca air cia mar a rachadh iad an dail buinig an oir ged a bhiodh an t-inneal aca. On a bha so mar so, thug an luchd-riaghlaidh a h-uile misneach do na Breatunnaich, do na h-Americanaich, agus do gach sluagh eile aig an robh airgiod gus a dhol a bhuinig an oir don Transbhal.

Bha Cruger agus a luchd-riaghlaidh atogail chìsean troma bhar nan Coigreach(Uitlanders)a chaidh don duthaich len cuid airgid a thoirt an uachdar na bha de dhionmhas fon talamh aca. Ach cha tugadh iad do na daoine so cead an gnothach bu lugha a ghabhail ri ni sam bith a bhuineadh do riaghladh na duthchadh aca. Am feadhs a bha na coigrich(Uitlanders)apaigheadh naoi tasdain as ah-uile deich dhen chis a leagadh air an duthaich, cha robh fosgladh am beoil aca mu dheidhinn cia mar a rachadh achis a chur gu feum. An uair a bheir sinn fa near e, chi sinn gur e euceart mor a tha ann so. Tha e mar gun tugteadh air daoine biadh a cheannach, agus nach leigteadh leotha greim dheth a chur nam beoil. No mar gun tugteadh air daoine mal a phaigheadh air son fearainn, agus nach fhaigheadh iad cead a dhol ga aiteach. Saoilidh mi nacheil duine anns am bheil ciall no reusan a their gun robh so ceart. Ged a bha na coigrich apaigheadh gu daor air son sgoiltean na duthchadh a chumail suas, cha cheadaicheadh Crugair agus a luchd-riaghalaidh uiread is aon leasan Beurla a thoirt do chloinn nam Breatunnach agus nan Americanach a bha paigheadh cho daor air son cumail suas nan sgoiltean. Than doigh a bhaca acurnam chuimhne an t-sean-fhacal a thag radh, “Is toigh leam aran abhodaich, ach cha toigh leam anail abhodaich.” Be canain nan Duitseach an aon chanain a bha ceadaichtetheagasg anns na sgoiltean.

Cha ruig sinn a leas ioghnadh a bhith oirnn ged a bha na coigrich mi-thoilichte leis gach doigh anns an robh Crugair agus a dhaoine a riaghladh. Tha e soilleir gu leor dhuinn nach robh dad fo near dhaibh, an uair a dhfhas iad rudeiginn beairteach air shailleamh nan coigreach, ach an cumail fo chisean troma, ar neo am fuadach gu buileach am mach as an duthaich aca. Ach on a bha na coigrich fiosrach gun robh coir aig na Boerich air ceartas a thoirt dhaibh, a reir achumhnaint a rinn Breatunn riuthas abhliadhna 1884, bha iad, mar a bfhearr a dhfhaodadh iad afeuchainn ri ceartas fhaotainn. Ach chan fhaigheadh iad ceartas air chor sam bith. Cha robh iad ag iarraidh ach facal fhaotainn ann an riaghladh na duthchadh, ni a bha nadarra gu leor dhaibh iarraidh.

Mu dheireadh chaill achuid mhor dhiubh, gu h-araidh iadsan a bhann aIohannesburg, am foighidin. Agus mar is tric a thachair, rinn iad gniomh air son an robh aithreachas gu leor orra. Rinn na daoine a bha ann an Iohannesburg suas ris na Breatunnaich agus ris na h-Americanaich a bha anns achoimhearsnachd, gun gabhadh iad an laghnam lamhan fhein, agus a cheithir bliadhna na taca so, chaidh buidheann dhiubh fo cheannardachd Dr. Iameson, a steach don fhearann aig Crugair gus cuisean a chur ceart neo-ar-thaing do Chrugair, Ach cha deachaidh gnothaichean leotha mar a bha iad an duil. Bha fhios aig na Boerich air an ni a bha Dr. Iameson agus a dhaoine an duil a dheanamh. Agus o nach drinn na daoine a bhann an Iohannesburg mar a gheall iad, chuireadh achuid nach do mharbhadh dhe na daoine a bha comhladh ri Dr. Iameson, ann an sas.

Ged a bha Crugair acumail am mach gun do chuir an gnothach amaideach agus mi-laghail so dragh mor air an inntinn aige, is e ni cho morsa thug de thoileachadh dhas a thachair riamh anns an duthaich aige. Fada roimhe sid bha e gu bog, balbh ag ulluchadh air son cogaidh; ach an uair a thachair an gnothach amaideach ud, thug e cothrom dha air toiseachadh gu follaiseach ri ulluchadh a dheanamh air son achogaidh.

Thug Breatunn a h-uile oidhirp a ghabhadh deanamh air ceartas fhaicinn aig na coigrich a bhanns an Transbhaal. Bha fios a nulls fios a nall eadar i fhein is Crugair, an duil gun gabhadh am mi-chordadh a bheatorra mu chuisean na coigreach reiteachadh gun aimhreit sam bith a dheanamh. Cha robh Breatunn ag iarraidh mu dheireadh ach gum faigheadh a h-uile coigreach a bha fad choig bliadhna anns an Transbhaal, agus aig an robh taighean, no fearann, no meinnean, facal ann an taghadh luchd riaghlaidh na dùthchadh, an deigh dhaibh aideachadh gu follaiseach gun robh a run orra a bhith dileas do riaghladh na duthchadh fhads a dhfhanadh iad anns an duthaich, agus a gheibheadh iad ceartas mar a gheibheadh gnath mhuinntir na duthchadh.

Bha Crugair acumail a mach aig an àm gun robh e deonach gu leor na bha Breatunn ag iarraidh air a thoirt seachad, agus thug e fa near Achd a dheanamh anns au robh na nithean so air an gealltainn do na coigrich. Ach an uair a shealladh a steach anns an Achd, chunnacas gu soilleir nach robh ann ach an t-ainm gun an tairbhe. Agus an uair a dhiarr Breatunn gum biodh aireamh de dhaoine tuigseach air an cur air leith araon le Crugair fhein, agus le Breatunn, a chum breith chothromach a thoirt air co dhiubh a bha feum anns an Achd so no nach robh, tharruinn e a thairgse air ais. Bha fhios aige gle mhath nach robh feum sam bith anns an Achd ged a rinneadh e.

Ach fad na h-uine, bha e ag ulluchadh air son cogaidh cho trangs a burrainn e, agus bha efeuchainn ris an car a thoirt a Breatunn le bhithcumail am mach nach robh toil sam bith aige a dhol a chogadh rithe. On uair ud fhuaradh am mach gu soilleir air iomadh doigh ciod a bhana bheachd fad na h-uine. Ach ged a chaidh cuisean leis on uair ud na bfhearr na bha daoine an duil, “bidh caochladh cur air clò Challum,” mun dthig bliadhnon diugh. Mar a than sean-fhacal ag radh, “Cho fads gun ruith am madadh ruadh, beirear air mu dheireadh.”

IAIN.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.


THA MIG IARRAIDH
DITHIS NIGHEAN, —aon gu bhina bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe.

MRS . C. A. MEISSNER,
Colby Lane, Sydney, C. B
jan 12— tf


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.



[229]

[Vol . 8. No. 29. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Thainig coig ceud de luchd-obrach don bhaile Di-haoine sa chaidh. Is Eirionnaich an aireamh as motha dhiubh, agus thainig iad á Boston. Chan urrainn do chuideachd an iaruinn na tha dhith orra de luchd-obrach fhaotainn an Ceap Breatunn.

Chaidh duinog dam bainm Sears a mharbhadh air an rathad iaruinn an Truro, Di-luain sa chaidh. Bha eg obair air gluasad charbadannuair a ghreimich aodach ri fear dhiubhs bha e air a shlaodadh astar leis. Bha e air a ghearradhs air a shracadh gu h-uamhasach.

Ged a than t-side thagainn on thainig an geamhradh gle bhriagha, tha i gle dhona don talamh, agus cuiridh i call mor air na tuathanaich. Le cion an t-sneachda than reothadh afaotainn don talamh agus a milleadh freumhaichean an fheoir. Mar is luaithe thig meall math sneachda a chomhdaicheas an talamh, ’s ann is fhearr.

Dhfhalbh a cheud bhuidheann den darra reiseamaid a tha Canada cur dhan Transvaal aHalifacs Di-satharnasa chaidh. Bhan t-side gle mhi-fhabharrach, ach a dhaindeoin sin bha aireamh mhor mhiltean sluaigh cruinngan amharc. Tha soitheach ri falbh le buidheann eile dhiubh air an t-seachdain so, agus falbhaidh a bhuidheann mu dheireadh dhiubh mu mheadhon an ath mhios.

Air feadh Chanada air fad, thatar a tionail airgeid air son nan saighdearan a chaidh a dhAfrica, agus air son an teaghlaichean. Tha Morair Minto air ceann a ghnothuich, agus tha roinn mhor airgeid air a ghealltuinn cheana. Anns a bhaile so, tha ughdarras aig Banca Mhontreal airgead a ghabhail a stigh air son an aobhair sin. Tha e gle iomchuidh gum biodh suim mhor air a chur cruinn, a chum nach bi dith no deireas sam bith orra-san a tha air am fagail leotha-san a chaidh do dhuthaich chein a chur blair os leth an duthcha.

Sgaoil Comhairle na Siorrachd Di-satharna sa chaidh, an deigh a bhi na suidhe da sheachdain. Bha na ghnothuichean a bhair am beulaobh air an deanamh gu sgiobalta, agus chan eil teagamh nach e so suidhe cho mathsa bhaig a Chomhairle riamh. Bha na cisean air am paigheadh a stigh gu math, agus than t-siorrachd, air saileabh sin, gu math saor o fhiachan. Bha Mr. D. M. Mac Mhuirich air a chur a stigh mar chleireach na siorrachd. Tha chomhairle dol a dheanamh as aonais fir-lagha air a bliadhna so. Dhaontaich iad ceud dolair a thoirt mar ghibht do na ghillean a mhuinntir na siorrachd a dhfhalbh don chogadh. Chaidh an t-siorrachd a roinn na sgireachdan rathaid, ni tha dochas againn a ni leasachadh air na rathaidean; cha ghabhadh cuid diubh deanamh na bu mhiosa na tha iad. Tha bruidhinn air an tigh-chaothaichs na tha dhfhearann timchioll air a chreic, agus aite math farsuinn a cheannach a mach air an duthaich. Tha mar an ceudna bruidhinn air tigh na curtachs an talla chreic, agus tigh ur a thogail am pairt ris a bhaile, tigh a bhiodh na eireachdas don t-siorrachds don bhaile.

Tha Tormad Domhnullach an deigh sgur a mharsantachd; reic e an stoc bathair a bhaige ri H. H. Sutharlan & Co., a tha nise deanamh gnothuich anns an stor cheudna.

Chuir na sgoilearan ann an sgoil Miss Harrington corr us sia dolair cruinn air son nan daoine dhfhalbh mar shaighdearan do Africa. Rinn iad sin gun neach sam bith iarraidh orra ach iad fhein.

Tha duil ri aireamh mhor a mhuinntir Cheap Breatunn a thighnn dhachaidh as na Staidean air an t-samhradh sa tighinn. Tha iad a cur an aghaidh air Sidni, acreidsinn gum bi e nas fhearr an uine ghoirid na bailtean mora nan Staidean.

Bu mhath leinn iadsan nach do phaigh MAC-TALLA air son na bliadhna so iadga dheanamh cho traths is urrainn daibh. Mun am so dhen bhliadhna, tha moran airgeid againn ri phaigheadh, agus mur dean an luchd-gabhail an dleasanas cha bi e comasach gach ni a churna àite fhein.

Chaidh Talla nan DaoinOga ann am Port Morien, a lòsgadh gu lar maduinn Di-luain sa chaidh, agus bha Talla nan Saor Chlachairean, a tha ri thaobh, air a dhroch mhilleadh. Chaneil fhios ciamar a thoisich an teine, ach tha cuid dhen bharail nach bann le tuiteamas. Tha e na chall mor do mhuinntir Phort Morien an talla bhi air a losgadh, gu h-araidh on tha am baile aig an am cho fad air ais.

Tha na fiosan a thainig a ceann a deas Africa air an t-seachdain so ag innse gu bheil an t-arm a tha fo Bhuller ag obrachadh gu tuath, agus nach eil iad gle fhad o Ladysmith. Chaneil teagamh nach ruig iad am baile sin an uine gun bhi fada, ach tha e cinnteach gum feum iad blar cruaidh a chur ris na Boers an toiseach. Tha moran naigheachdan a tighinn o am gu am do nach urrainnear creideas sam bith a thoirt.


NA GADHEIL DHILEAS.

Iadsan a Phaigh Mac-Talla.

Bean Ailein Mhathanaich, Sidni.
Murchadh Mac-a- Ghobha, Sidni.
Alasdair Mac Rath, Sidni.
A. R. Mac Neacail, Boisdale Barrachois.
Cailean Domhnullach, an t-Eilean Cruinn.
Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath.
Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck.
I. D. Beutan, B . C. Chapel.
Bean Sheumais Johnston, Cobh a Bheabheir.
Aonghas Mac Fhearghais, Framboise .
Seumas Mac Gilleain, Woodbine .
Cailean Caimbeul, Amhuinn Mheadhonach.
Iain Mac-a- Mhaighstir, Markton .
Bean Ghilleasbuig Dhomhnullaich, Stirling .
D. C. Domhnullach, Birch Grove.
Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall.
Domhnull Mac Gill-fhinnein, Boulardarie .
Mrs. D. Nic Fhionghain, Port Morien.
D. J. Mac Ille-Mhaoil.
A. J. Beutan, Mabou.
A. D. Mac Suinn, Glasgow .
M. R. Mac Neill, Benacadie Pond.
Ceit Dhomhnullach, Beinn Ghillanders.
C. Mac Gill-fhinnein, Braigh Mhargaree.
D. M. Mac Neill, Xmas Island.
D. Moireastan, Ceap Nor.
D. Domhnullach (gobha) Amhuinn Dhennis.
D. Walker, Acarsaid Chloinn Fhionghain.
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit.
C. W. Rothach, Black Rock.
D. Mac Fhionnlaidh, L ’Ardoise.
Peigi S. Ghillios, Braigh Mhargree.


A Dhaoinagus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an Creic,

Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na thagainn dhiubh gu math nas isle na na prisean.
J . C. MILLS.

Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc as mothas as fhearr seorsachaidh a thanns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.



[230]

[Vol . 8. No. 29. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 227.)

sgaiteach, a bhan Dràgon atilgeil. Cha robh a bhrògan air a chasan, dhfhàilnich a cheumannan, thuit e air làr, agus mhilleadh agus sgriosadh a thiote. Ceart mar so thachair do chàch, a h-aon an déigh a chéile thuit iad, mhilleadh iad, mhurtadh iad. Air tùs chuir so iongantas mòr air gach aon, ach bha iad cho sùgach, aighearach, mhireagachs a bha iad riamh, mar nach robh Dràgon, no nàmhaids an tìr.

Thug so misneach mhòr don bhéist, agus smaointich e gum faodadh enis oidhirp a thoirt air achamp air fad, agus a h-uile aon da chuid naimhdean a sgrios lechéile.

Bha eg a fholach féin ann an coille dlùth don champ, ach cha robhchridhe aigen oidhirp a thoirt; —oir mhothaich e anSaighdear Dìleasasràidimeachd air freiceadan, lechlaidheamh fada air a thaobh, a sgiath mhòr air a ghualainn. Chuimhnich e marbhuadhaich an rìghn a aghaidh leis an armachd cheudna, agus chlisg e le eagal.

Latha de na làithean ri teas na gréine, chaidh anSaighdear Dìleasa stigh don bhùth a leigeilanalach, luidh e sìos, ’us thuit en a shuain. Bha càch a machs a stigh mun bhùth. Mhothaich an Dràgon dha so, smaointich e gum be sin an t-àm freagarrach dha-san an oidhirp a thoirt air a mhilleadh. Ghrad leum emach as achoille le ràn uamhasacham measg nan saighdearan, abualadh cuid gu làr, areubadh feadhnach eile, ’g an liodairt thalls bhos mar a bàill leis, agus gun neach dhiubh comasach air curn a aghaidh. Ruith iad a stigh don bhùth. Thog aon fhear claidheamh, ach cha robh clogaid aige; chaidh fear eilemach le sgéith, ach cha robh claidheamhn a làimh. Ruith fear eilemach, achn a chabhaig dhì-chuimhnich e a sgiath, agus cha bfhada sheas e. Esan a chaidh a mach as eugmhais uchd-éididh, leònadh agus sgriosadh e ann an tiota; agus fear eilethàinig air adhart gun a bhrògan, leònadh e leis na saighdean briste, puinnseanta a bha cho tiugh air an làr. Bhan Dràgon fo mhoit mhòir, air at le uaill, adeanamh glòir ann an treuntas a neirt, fo bharail gun do chuir e as do fheachd an rìgh.

Ach dhùisg anSaighdear Dìleasas an t-suain chiùin anns an robh e, agus o aisling mhilis, naomh a bhruadair e. Ar leis gum face an Rìgh aseasamh dlùth dha, ceart dìreachs an aon éideadh leis an dthug e buaidh air an Dràgon. Bhan fhuil asileadh olàmhan agus ochasan, agus chunnaic e an Dràgon, ar leis, air a shaltairt fo bhonnabh a chasach ar leis gun robh an Rìgh ag amharc air féin le gràdh mòr, agus gun cuale eg ràdh, “A dheadh sheirbhisich dhìlis, agus mhaith, na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na bi fo gheilt oir is mise an Righ.” Chlisg e suas, chaidh emach, bha e fo làn uidheam, fo làm armachd, mar a dhàithn an Righ dha. Lùb e e féin air a dhà ghlùn, ghairm e air ainm an Rìgh, agus air ball chaidh en caramh na béiste. ’N uair a chunnaic an Dràgon eteachd dlùth ghrad chaidh en a choinneamh. Chuireadh an còmhrag. Thuit anSaighdear Dìleasgu tric air a ghlùinibh, aguss ann air éigin a burrainn da deadh sgiath achreidimh a chumail suas, ’an aghaidh nan saighdean teinteach, sgaiteach a bhatighinn air. Ach mar bu trice chaidh e air a ghlùinibh bann bu làidirechinn e. Bha an còmhrag adol air aghaidh mar bha ghrian adol fodha, agus an deadh shaighdear an impis strìochdadh, ’n uair a thug e aon ionnsuidh làidir, threun; thog e a chlaidheamh geur, ghairm e gu h-àrd air ainm a Rìgh; bhuail en Dràgon le buille cho làidirs gun dthug e sgreuch eagalach, agus theich e air falbh; agus dhfhàg e deadh Shaighdear an Rìgh, gu buadhor air blàr.

An sin bhan duine treun, dìleas, taingeil, sòlasach, agus chaidh e air ball air a ghlùinibh; thug eh-uile buidheachas don Rìgh, agus bu léir dha coslas a Mhaighstir ateachd gu ciùin, sàmhach, mar bha dealt an anamoich abraonadh air an t-saoghal, agus chuale a ghuth, chunnaic e aghnùis, agus dhfhiosraich e gun robh an aisling a chunnaic e fìor. Dhfhàiltich e e; thog e leis e do phàilliun àillidh, àrd, agus ghabh e a chòmhnuidh shòlasach gu siorruidh an làthair an Rìgh, ’san tìr aoibhnich, bheannaichte, far nach faod nàmhaid, no buaireas teachd gu bràth a stigh.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXVII.

An uair a chuir Amgiad an ceann bhar na mna-uasail, thuit e air muin Bhahadair, agus ghrad dhuisg e. Ghabh e uamhas an uair a chunnaic e Amgiadna sheasamh air a bheulaobh agus claidheamh lan falana laimh, agus corp na mna-uasail air an urlar. Dhinnis Amgiad dha mar a bha abhean-uasal acur roimpe gum marbhadh i e; agus, arsesan, “Cha robh rathad agam air a cumail gun do mharbhadh ach a beatha ghrad thoirt air falbh.”

Mo thighearna,” arsa Bahadar, agus e robh thaingeil, “cha deanadh daoine measail, caoimhneil mar a tha thusa gniomh cho eucorachs a bha i ag iarraidh ort. Shabhail thusa mo bheatha dhomh, agus chan urrainnsa bhith taingeil gu leor dhut.” An uair a rug e air Amgiadna ghairdeanan, a chum a leigeadh ris dha gun do chuir e comain gle mhor air, thuirt e, “Feumaidh sinn an corp so a chur am mach as an taigh mun soilleirich an latha. Fag thusa an gnothach ann am lamhan-sa, agus ni mi fhin e.”

Cha robh Amgiad deonach so a bhith mar so idir; ach on is e fhein a chuir gu bas am boirionnach, bha toil aige a cur as an t-sealladh.

Chaneil annadsa ach coigreach anns abhaile so, agus cha teid agad air aghnothach a dheanamh cho math ri duine a tha eolach ann. Feumaidh mi fhin a dheanamh air eagal gum faighear fios air a chuis, agus gun teid ar diteadh le cheile. Fan thusa ann an so, agus mur till mise air ais mun soilleirich an latha, faodaidh tu bhith cinnteach gur ann air mo ghlacadh aig na freiceadain a bhios mi. Ach air eagal gun eirich gu h-olc dhomh, ni mi mo thiomnadh mun falbh mi, agus fagaidh mi an taigh so, agus gach ni a than taobh a staigh dhen dorus, agad fhein; agus cha bhi agad ach fuireach ann fhadsa thogras tu.”

An uair a sgriobh e an tiomnadh, agus a chuir eainm ris, thug e do dhAmgiad e. An sin chuir e an corp agus an ceann ann am poca, agus dhfhalbh e leis. Bha efalbh o shraid gus sraid, agus edeanamh cho direach air amhuirs a burrainn e. Cha deachaidh e ro fhad airaghart an uair, gu mi-fhortanach, a thachair aon de bhreitheanaibh abhaile ris, agus e air a chuirt troimhn bhaile feuch am faiceadh e dad sam bith cearr. Rug na daoine a bha comhladh ris abhreitheamh air Bahadar, agus dhfhosgail iad am poca, agus fhuair iad boirionnach marbh ann. Ged a bha deise seirbhisich air Bahadar, dhaithnich am breitheamh anns amhionaid e; agus o nach robh e ceadaichte dha a chur gu bas gun chead an righ fhaotainn, thug e leis e don taigh aige fhein. Gu math mochsamhadainn thugadh Bahadar do thaigh na cuirteach. An uair a dhinnis am breitheamh don righ mun ghniomh ghraineil a bha air a chur as leith Bhahadair, chreid e anns amhionaid gun robh e ciontach, agus thuirt e ris, “Is ann mar so, ma ta, a chuireadh tu mo shluaghsa gu bas gus an cuid a thoirt uapa, agus an sin bha thudol a chur nan corp anns an fhairge gus falach a chur air an obair ghraineil a bha thudeanamh. Cuireamaid ceal air; bi falbh leis, agus croch e anns amhionaid.”

Ged a bha Bahadar neo-chiontach, cha do chuir e facal a steach gus e fhein a shaoradh, ach ghabh e gu h-umhail, samhach ris abhinn a thugadh am machna aghaidh.

Thug am breitheamh leis e da thaigh fhein, agus am feadhs a bha iad a deanamh na croiche deiseil, chuir e fear air falbh air feadh abhaile a ghlaodhaich gun robh Bahadar, maighstir nan each, gu bhith air a chrochadh aig a mheadhain latha air son mort graineil a rinn e.”

Bha Amgiad fo churam mor fad na


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.



[231]

[Vol . 8. No. 29. p. 7]

h-oidhche mu dheidhinn Bhahadair, agus ghabh e uamhas mor an uair a chuale gun robh e gu bhith air a chrochadh. Thuirt e ris fhein, “Ma dhfheumar duine a chur gu bas air son a bhoirionnach aingidh ud, is mise an duine, agus chan e Bahadar. Chan fhuiling mi gu brath an neo-chiontach a chur gu bas an aitechiontaich.”

Gun dail sam bith dhfhalbh e gu cabhagach don aite anns an robh an crochadh gu bhith air a dheanamh. An uair a chunnaic Amgiad a bhith toirt Bhahadair thun na croiche, chaidh e far an robh am breitheamh, agus thuirt e, “Tha mi air tighinn a dhinnseadh dhut, agus faodaidh tu mo chreidsinn, gum bheil an duine a tha thudol a chrochadh neo-chiontach de bas na mna-uaisle. Is mise a tha ciontach den ghniomh ud. Ma dhfheumar duine a chur gu bas air son am boirionnach graineil ud a mharbhadh, is mise an duine.” Agus an sin dhinnis e dha a h-uile dad mar a thachair.

An uair a dhinnis Amgiad don bhreitheamh mar a thachair am boirris an uair a bha etighinn as an taigh-fharagaidh; mar a bha ina mathair-aobhair air a dhol don taigh aig Bahadar, agus a h-uile rud a thachair gus an do ghearr e an ceann dhith, gus beatha Bhahadair a shabhaladh; dhordaich am breitheamh stad a chur air achrochadh, agus thug e Amgiad is Bahadar leis far an robh an righ.

Bha toil aig an righ an naigheachd a chluinntinn o Amgiad fhein. Agus a chum a dhearbhadh don righ nach robh e fhein is Bahadar uile gu leir cho ciontachs a shaoileadh daoine, dhinnis e dha gum be fhein mac righ Eilean Ebene, agus mar a thachair dha fhein agus dha bhrathair taigh agus rioghachdan an athar fhagail. Dhinnis e dha mar an ceudna a h-uile tubaist a thachair dhaibh on a dhfhalbh iad on taigh.

An uair a chuir Amgiad crioch aìr na bhaige ri radh, thuirt an righ ris, “Tha aoibhneas orm a chionn gun dthainig gnothaichean mun chairt tren dfhuair mi eolas ort. Tha mileigeadh leat do bheatha fhein agus beatha Bhahadair. Tha mi moladh gu mor an caoimhneas a nochd e dhut agus tha miga chur anns an dreuchds an robh e roimhe. Agus, mar leasachadh air an ana-ceart a rinn dathair ort, ged a tha leithsgeul ann an tomhas ri ghabhail, tha mig ad dheanamhnad ard-chomhairleachnam rioghachd. Agus tha mitoirt cead dhut gach ni a dheanamh a ghabhas deanamh a chum fios fhaotainn caitam bheil Asad do bhrathair.”

Thug Amgiad moran taing don righ air son na h-urram a chuir e air. Agus gun dail sam bith dhfheuch e ris gach ni a dheanamh a chum fios fhaotainn far an robh a bhrathair. Chuir e daoine a ghlaodhaich air feadh abhaile, gus a radh gum faigheadh neach sam bith duais mhor a bheireadh a bhrathair da ionnsuidh, no dhinnseadh dha caite an robh e. Chuir e daoineg a shireadh air feadh na duthchadh mun cuairt; ach a dhaindeoin na bha edeanamh, cha robh ecluinntinn guth no iomradh air a bhrathair.

(Ri leantuinn.)


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


The SydneysFerry Co., Ltd

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.



[232]

[Vol . 8. No. 29. p. 8]

Baitseadh Dhomhuill Oig.

AIR FONN:— “Leine lachdunn Dhonnachaidh Ruaidh.”

S iomadh car a thanns an t-saoghal,
S iomadh doighsan dian e caochladh
Air nach eol dhuinn, ’s mar nach saoil sinn,
S mar nach caomh air uairibh leinn.
Chuir e mise son am aonar
Shenty bheag, robach nan taobhan,
N deis na fhuair mi riamh a shaothair
Togail dhaione is ualaich dha.

SEISD.

Feumaidh gur h-e baitseadh truagh
Aig seann duine nach ddhionnsaich e;
Feumaidh gur h-e baitseadh truagh
Thaig Domhull air reir cunntais dha.

Baitseadh an t-seann duinair liathadh,
Tri ficheads a naoidh a bhliadhnean,
Dhfhoghnadh e mar dhiol-a- fiach
Do dhfhears a chialls a chliu aige;
Bidh a sheorsair fas cho stachdach,
N uilts a feithean bi ar ragadh,
S fhearr leo laidhe nan trasgadh
Na teannadh ri uasgairachd.
Feumaidh gur h-e, &c .

S olc an lagh a thanns an aite,
Ge be dheilbh e rinn e cearr e,
Cha robh subhailcean a fas ris
Na faintean, ma chuale iad;
Toirt aobhar dealachaidh do charaid
A cheangladh gu daingeann, laidir,
S briathran a chumhnant ag radh ruinn,
Gur h-em bas a dhfhuasgladh sinn.

S mi nach cunntna la an aigh e,
Latha thug mi leam a mhaileid
Falbh a bhaitseadh, ceum air ghaig leam,
S ulaidh ghrainus fuath leam e;
Suas ma dheas air na Dunaras, *
Fad shia miosan, mar a bas dhomh,
Re thri bliadhna sin an aireamh
Bheir ampatentbhuatha dhomh.

S beag tha thoileachadh na sholas
Ann am baitseadh aon dham sheorsa,
Riamh nach dchleachd a bhina onar,
Mas a Domhnach naLuain bhiodh ann.
S nach fhaic mi neach a ni dhiom feorach,
Cia mar a tha thu?” no“ ’M beo thu?”
Ach Iain Mac Uisdean na onar;
Re ma bheo, chan fhuath leam e.

Cha robh fhios am ciod an dolas
A bha cearr air lud-a- stobh-bhig
Nach laidheadh far am bu chor dha
A dhaon seol gan gluaisinn e,
Gus na mhothaich mi, ’s mi meorach,
Gun robh luath air at cho mor ann;
Tut, mo naire! ’bhodaich ghrogaich,
Nach be bheolaind shuarach i!

Nuair a dhfhas an t-anart gruaimeach
Chum na soithichean a shuathadh,
Ghabh mi cuibhrigeadh na cluasaig,
Cuimen truaighechuimhnair e;
Achnuair dhfhas iad dubh le cheile,
Chaneil mi fhathast nam eiginn,
Gabhaidh mi muilichinn mo leine
Chaneil sgeul air uaisle so.

Baitseadh Dhomhuill oig bhios ainmeil,
Se sin, ma sgaoilear air falbh e,
Bheir e naire dha luchd-leanmhuinn
Aig cho garbhs tha thuairisgeul.
Achse theirinn ribh san nabachd,
Ged a chluinnte, cumte samhach,
Oir ma gheibh MAC-TALLA lamh air
Gun dail bidh clo-bhualadh air.

Mas e bhean dham chor dhomh gradh thoirt,
S mi nach iarr i thighinn air marain;
S mi tha cinnteach bean a nadair,
Nach e cas na truas bhios dhiom.
S ann a ni i dheth ceol-gaire
Chumar bliadhna suassan nabachd;
Leigeam leatha mar a tha i,
Chan en agh chuir bhuaithe mi.

Man robh mi leam fhin ach seachdain,
S mi air thi a dhol am leabaidh,
Chuala mi glag bualadh farum,
S e teannadh gu luath orm;
Sheall mi mach gu caol mar mheirleach,
Feuch am faicinn de bu ghnath dha:
Bha e air seasamh gu dana
Slat na dha mu thuath orm.

Shuath mi mo shuilean le mo bhasan
Feuch an tuiginn de mo bheachd air,
Man dthugainn sgeulmach na steach air
Feuch co as a bhuaineadh e;
Cha burrainn mi dad achantuinn,
Bhon a bhan oidhchgun ghealaich
Beathach stubach, mollach, lachdunn,
Spleadhan math do chluasan air.

Thuirt mi rium fhin gu bog, samhach,
Saoiln e so a ghobhar ghrannda
Aig bheil comhaltas ri satan,
Gu de fath a chuartaichidh?
Gun thog mi mo ghuth an aird ris,
Dhiarr mi air bhi toirt a shail leis,
Nach robh fanadh aigna aite
M ardraichs air a suarichead.

Nuair tharruinn e ceum gu falbh bhuam,
San glag a bualadh gu meanmnach,
Thog e suas a stumpan earabuill,
S leag e marbh a chluasan rium;
Thuig mi gur e fiadh am bocan
A chuir an t-eagal air Domhull,
Feuch an gabhainn e mar chocair
Gu ceol no gu buachailleachd.

Seann duine na tugaibh beum dha,
Ged ghabh e muilichinn a leine;
Bhan uisge gann air a phrairie
Tobar fhein cha dfhuair e ann.
Achnuair gheibh e ann an ordugh,
Sa chleachdas ebhi na onar,
Bidh e sgiobalta, doigheil,
Mar tig loin le fuachd air ann.

*Cnoic , araidh.

Chaidh an t-oran so a dheanamh le mathair, Domhull Mac Fhionghain, air neo Domhull og, ’se mar as trice theirear ris. Tha chomhnaidh am paraisde Naomh Andra. Chaneil teagamh nacheil eolas aig cuid de leughadairean MHIC-TALLA air, gu h-araidh an t-ughdar urramach Iain, an uair a ni mi beagan de shloinneadh air: —Domhull mac Dhomhuillic Dhomhuillic Iain, a bha aon uair am Bail’ -a-Mhanaich, Beinn-a- bhaoghla, Uidhist. Air dha fearann ur a ghabhail astar air falbh o dhachaidh, ’thog e leis a mhaileid, mar tha na rannan ag innse, ’s chaidh e thamh aige, mar a tha lagh ag iarraidh, gus coir fhaotainn air. Faodar a thuigsinn gun do tharruinn en dealbh na bu mhiosa na bha cuisean. Ghabh e cothrom nam bard.

SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonhas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIGAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An seorsas fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.

titleIssue 29
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 29. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page