[Vol . 8. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 28, 1899. No. 3.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXI.
LATHA TAIMH.
Gun dàil sam bith chaidh dithis no triuir dhe na seirbhisich ann am bad a’ bheathaich, agus ann an ùine gle ghoirid, thug iad dheth an t-seice. Ghearr iad ’na cheathrannan e, agus chroch iad air na craobhan e.
Aig a’ cheart am bha’n dithis a bhiodh a’ deasachadh a’ bhìdh gu trang a’ faighinn an teine air dòigh, oir bha iad suidhichte gu ’m biodh rud dhe’n fheoil aca air am braicest. Cha robh doigh ann bu fhreagarraiche aig an àm gus an fheoil a dheasachadh na pìos math dhith a ròstadh air an teine. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, faodaidh mi radh, gu’n do dheasaicheadh an fheoil gle mhath. Agus ged a bha fear no dithis dhinn nach robh toileach blasad oirre, an uair a bhlais sinn oirre, thainig i ruinn glé mhath.
An uair a bha sinn aig ar biadh, chuir Tomas—ceann an àigh, agus b’ esan sin—saod anabarrach math oirnn. Bha e ’g ràdh, gu’n robh e lan-chinnteach gu’n rachadh cùisean leinn air a’ cheann mu dheireadh cho math ’s a dh’ iarramaid. “Seall sibh,” ars’ esan, “mar a fhuair sinn air aghart gus a so gun tubaist sam bith eirigh dhuinn. Cha do thachair robair, no uile-bhiast ruinn fhathast. Agus chuir am Freasdal biadh math ’nar rathad an uair a bha sinn a’ toiseachadh ri gabhail eagail gu’n ruitheamaid am mach a biadh. Ma bhios sinn uile duineil, tapaidh, treun, agus foighidneach, cha’n eagal nach teid gach cùis leinn gu ar miann, ma chumas an Cruithfhear beannaichte ar slainte ruinn.
An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, chuir sinn ar comhairle ri cheile thaobh ciod bu chòir dhuinn a dheanamh. An deigh dhuinn greis mhath chomhraidh a bhith eadrainn mu ’n chùis, shuidhich sinn gu’m fanamaid aon latha far an robh sinn. Cha bu mhisde sinn ar n-anail a leigeadh an déigh na fhuair sinn de sgìos a’ dol troimh choille ’s troimh gharbhlach fad laithean roimhe sid. Bha sinn gus a sid a’ dol air ar n-aghart glé chabhagach, air eagal gu’m fàsadh am biadh gann oirnn mu’n ruigeamaid ar ceann-uidhe. Ach an uair a thuig sinn gu’m faodamaid biadh gu leor fhaighinn far an robh sinn, thuirt sinn ruinn fhein, gu’m bu cho math dhuinn cùisean a ghabhail gu socrach far an robh sinn fad beagan laithean.
Chord so ris na seirbhisich anabarrach math. Ged a bha iad ’nan daoine fallainn, làidir, cruadalach, ghabhadh iad sàrachadh. Bha co-fhaireachadh againn riutha, agus bha fhios againn nach robh e ceart dhuinn a bhith tuilleadh is trom orra. A bharrachd air so, bha fhios againn gu’m biomaid gle chearbach dheth, nan eireadh beud a dh’ fhear seach fear dhinn.
Ged a tha e iomchuidh gu leor dhuinn a bhith cabhagach aig iomadh àm, cha’n ’eil e idir iomchuidh dhuinn a bhith cabhagach an comhnuidh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is e luathair is fhaisge ’mhaille.” Agus am fear air am bi tuilleadh ’s a choir de chabhaig gu fas beairteach, faodaidh gu ’n cuir e, leis a chabhaig, lion a mhillidh m’a chasan fhein.
An uair a chuir sinn seachad greis dhe’n latha ’nar suidhe ’s nar sineadh mar bu mhiannach leinn, chaidh triùir dhe na seirbhisich comhladh riumsa ’s ri Tomas, feuch am faiceamaid am biodh e furasda dhuinn faotainn thairis air na creagan àrda ’bha fa’r comhair. Dh’fhan Seumas, agus an triùir eile dhe na seirbhisich far an robh iad, gu sùil a chumail air gach ni a bhuineadh dhuinn. Leis cho tiugh ’sa bha ’choille b’ fheudar dhuinn comharradh a ghearradh anns na craobhan air eagal nach rachadh againn air amas air an rathad an uair a bhiomaid a’ tilleadh. An uair a chaidh sinn air ar n-aghaidh greis mhath air an dòigh so, dh’ fhas a’ choille gu math na bu taine, agus o nach robh gualann na beinne air an robh sinn cho creagach is cho cas ris an àite as an d’ fhalbh sinn, dhìrich sinn suas gun mòran stri sam bith.
Bha’n latha anabarrach ciùin, agus o nach robh sgòth, no smod sam bith air na speuran, fhuair sinn sealladh math air an tir mu’n cuairt, fad is farsuinn. Mu thuairme sia mile dh’astar ’s an aird an iar-dheas oirnn, bha sinn a faicinn comhnard a bha anabarrach mor, fada, farsuinn, anns nach robh ach gann craobh ri fhaicinn. Dheanamaid am mach gu’n robh tomannan de phreasarlach coille an sid ’s an so air feadh a’ chomhnaird. Dheanamaid am mach gu soilleir far an robh an amhainn a’ ruith, agus gu’n robh i gu math na bu leithne air a chomhnard na bha i far an robh i ’ruith am measg nan creag ’s nam bearraidhean àrda a bha sinn a’ faicinn an àite ’s an àite a togail an cinn am measg na coille.
Ged a bha’n latha glé theith, agus gun far an robh sinn de choille ach gann na chum sinn o bhith air ar bruich le teas na gréine, shuidh sinn greis mhath far an robh sinn. Cha robh mise ag radh aon fhacal ri Tomas, oir thuig mi gu’n robh e gu dlùth a’ dol fo ’smaointean feuch ciod bu choir dhuinn a dheanamh.
Bha amhrus laidir aige nach biodh e’n comas dhuinn a dhol tarsuinn na h-aimhne air a’ chomhnard, a chionn gu’n robh i anabarrach leithinn.
“Feumaidh sinn faighinn tarsuinn air an amhainn so,” arsa Tomas. “A reir an fhiosrachaidh agus an treorachaidh a fhuair mise o dhuine a bha gle eolach air siubhal na dùthchadh so, is ann an cridhe na h-aird an iad-dheas a dh’ fheumas sinn ar n-aghaidh a chumail. Ach o’n a tha leithid de bheanntanan ’s de gharbhlaichean air feadh na dùthchadh, cha bhi e furasda dhuinn ar cursa ’ghleidheadh. Ach air mo shon fhein dheth, cha chaill mi mo mhisneach, ciod sam bith tubaistean no annradh a thig ’nam rathad.”
B’ann riumsa ’thuirt Tomas so. O’n a bha na seirbhisich a’ cath-bhruidhne anns a’ chànain Spaintich, cha chreid mi gu’n do thog iad facal dhe’n chomhradh a bha eadar mise ’s Tomas. Cha dubhairt mise moran sam bith; oir cha robh fhios agam gu ro mhath ciod a theirinn. Bha mi anns an àm air thuar tuiteam ann am mimhisnich. Ach cha robh mi toileach mo mhimhisneach a leigeadh ris do neach sam bith.
Cha bhiodh e as an rathad dhomh a radh an so, ged a tha mi ’dol thar mo sgeoil, gu’n gabh daoine mimhisneach bhar a cheile, direach mar a ghabhas iad tinneasan gabhaltach bhar a cheile. Agus aon uair ’s gu’m faigh a’ mhimhisneach greim daingean air daoine, cuiridh i gu buileach o fheum iad. Tuitidh an cridhe, agus caillidh iad an neart. Is gann gu ’m feuch iad ri oidhirp a thoirt air rud sam bith a dheanamh. Ach mu dheidhinn Thomais, cha’n ’eil mi ’smaointean gu ’n tugadh rud sam bith a mhisneach uaithe. Bhiodh e aig gach àm cho cridheil ’s cho sunndach ’s cho dòchasach ’s gur gann a chuireadh eiginn no cruaidhichas miapadh sam bith air. A h-uile latha, chitheadh e ann an obair a’ chruthachaidh, no ann an cùrsa an fhreasdail, ni eiginn leis am biodh a dhochas agus a mhisneach air am meudachadh gu mòr. Agus direach mar a mheataicheas mimhisneach aon duine, inntinnean dhaoine eile, bheir deadh mhisneach aon duine, neart inntinn agus cridhe do dhaoine eile, gu h-araidh ma thachras gur ann ri fear na deadh mhisnich a bhios daoine ag amharc air son treòrachaidh agus comhairle.
B’e Tomas an ceann-snaoid a bha oirnn gu leir. Agus feumar a radh nach b’urrainn a bhith na b’ fhearr. Dheanadh na seirbhisich rud sam bith air a chomhairle. Agus ged a rachadh iad cearr, mar is minic a chaidh iad, an àite ruith a thoirt air an caineadh ’s air an smàdadh, mar a tha maighstirean gu tric a’ deanamh, is ann a bhruidhneadh e riutha gu ciùin, siobhalta; agus chomharraicheadh e mach dhaibh na nithean a rinn iad cearr, agus mar bu chòir dhaibh an dleasdanas a dheanamh. A dh’ aon fhacal, is e mo bharail gu ’n deanadh Tomas deadh cheannard air reiseamaid, nan do thachair dha a dhol do ’n t-saighhearachd.
Ri Leantuinn.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. IV.
Air latha araidh thuirt nighean an righ ri’ h-athair, “Tha toil mhor aghaibh gu’m posainn, agus tha sibh a’ smaointean gu’m biodh toileachadh mor agam nan deanainn e; ach c’aite air an t-saoghal am faighinnsa luchairtean cho maiseach, agus garaidhean cho taitneach ’s a dh’ullaich sibh fhein air mo shon? Cha ’n ’eil mi fo chuing sam bith, agus tha mi ’faotainn a’ cheart uiread a dh’urram ’s a tha sibh fein a’ faotainn. Ma phosas mi, cha bhi e’n comas dhomh a bhith anns an t-suidheachadh shaorsail, thaitneach so. Is gle thoigh leis na fir smachd a bhith aca air na mnathan, agus cha’n ’eil toil agamsa bhith fo smachd aig fear sam bith.”
An ceann uine na dheigh sid tha inig teachdairean o’n righ cho beairteach agus cho cumhachdach ’s a bha anns a’ chearn ud dhe’n t-saoghal, a dh’iarraidh nighean righ Shina ri ’posadh. B’e so an tairgse posaidh a b’fhearr a fhuair i riamh, agus bha a h-athair ’ga sior chomhairleachadh gus an tairgse a ghabhail; ach ghuidh i air a h-athair, gun an corr a radh rithe mu’n chuis. Ach an uair a lean
[Vol . 8. No. 3. p. 2]
e tuilleadh is fada air a comhairleachadh, chaill i a foighidin, agus leis cho cas ’s a dh’fhas i, dhichuimhnich i bruidhinn ri’ h-athair leis an urram air an robh e dligheach mar righ. Thuirt i ris, “Le’r cead, a righ, na cluinneam guth tuilleadh mu dheidhinn posaidh. Tha mi mar tha seachd sgith a bhith ’g eisdeachd ris na comhairlean a tha sibh a toirt orm. Mur grad sguir sibh dhe mo chomhairleachadh, stobaidh mi an sgian so nam chridhe.”
Ghabh an righ fearg mhor an uair a chual’ e na briathran so, agus thuirt e, “Tha thu ’n deigh a dhol as do chiall buileach glan, a nighean. Feumar do grad chur an sas.”
Gun dail sam bith dh’ordaich e gu’m biodh i air a druideadh a steach ann an aon dhe na luchairtean, agus nach biodh aice ach deichnear de mhnathan-frithealaidh. A bharrachd air so, chuir e fios a dh’ionnsuidh gach righ a bha faisge air a dh’innseadh dhaibh gu’n robh a nighean am muigh ’s am mach a’ cur an aghaidh fear sam bith a phosadh.
Cha robh dad de theagamh aige nach b’ann as a ciall a bha ’nighean a chionn gu’n robh i cho fad an aghaidh posaidh; agus air an aobhar sin, chuir e fios a dh’ionnsuidh a h-uile righ a b’ aithne dha feuch an robh luchd-sgile anns na luchairtean aca a leighiseadh a nighean. Agus fear sam bith a leighiseadh i, bha e gus a faighinn ri’ posadh.
An uair a dh’innis am fathach na nithean so do’n bhean-shithe, thuirt e, “Tha h-uile facal a thuirt mi riut fior gu leor. Tha mi dol a h-uile latha a dh’fhaicinn a’ bhoirionnaich mhaisich so. Olc ’s mar a tha mi gu nadarra, cha do smaoinich mi riamh cron sam bith a dheanamh oirre. Is i mo chomhairle dhut a dhol a dh’aon ghnothach g’a faicinn. Cha bhith dad a dh’aithreachas ort air son a dhol ann, agus bhiodh fhios agad gu’m bheil mise ag innseadh na firinn dhut. Ma dh’iarras tu orm falbh comhladh riut, treoraichidh mi thu dh’ionnsuidh an aite anns am bheil i. Cha ’n ’eil teagamh agam nach biodh tu fada ’nam chomain air son sealladh dhi fhaotainn.”
An aite freagairt a thoirt air an fhathach, is ann a rinn a’ bhean-shithe lasgan mor gaire; agus o nach robh am fathach a’ tuigsinn ciod a bha ’na beachd, ghabh e ioghnadh gu leor.
An uair a bha i sgith gaireachdaich, thuirt i, “Gle cheart! tha toil agad gu’n creidinnsa a h-uile facal a thubhairt thu. Bha mi ’n duil gu’n robh thu ’dol a dh’innseadh naigheachd iongantach dhomh; ach is ann a dh’innis thu dhomh mu bhoirionnach a tha air a dhol thar a beachd. Mo naire, mo naire! Ciod a theireadh tu, ’fhathaich mhollaichte, nam faiceadh tu am prionnsa maiseach a chunnaic mise an drasta, agus dhe’m bheil tlachd mor agam? Tha mi deimhin gu’n aidicheadh tu gur e moran a’s briagha na’m boirionnach air am bheil thu bruidhinn.
“A Mhaimoun mhaiseach,” ars’ am fathach, “am faod mi fheoraich dhiot co e am prionnsa air am bheil thu ’bruidhinn?”
“Dh’eirich a’ cheart ni dha ’s a dh’ eirich do’n bhana-phrionnsa air am bheil thusa ’bruidhinn. Tha toil aig ’athair toirt air posadh an aghaidh a thoile; ach a dh’aindeoin na their ’athair ris, tha e suidhichte nach pos e te sam bith. Air a shon so, thug ’athair ordugh a ghlasadh ann an seana chaisteal. Is anns a cheart chaisteal a tha mise ’fuireach, agus tha mi direach air tighinn as an drasta fhein.”
“Cha ghabh mi orm fhein a radh gu’m bheil thu cearr ’nad bharail; ach gus am faic mise am prionnsa, cha chreid mi gu’m bheil e dad na’s briagha na bhana-phrionnsa air am bheil mi ’bruidhinn. Cha chreid mi gu’m bheil a h-aon eile air an talamh cho briagha rithe.”
“Duin do bheul, a spioraid mhallaichte,” arsa Maimoun. “Tha mise ag innseadh dhut gu’m bheil thu mearachdach.”
“Cha bhi mi ’cumail connsachaidh riut,” ars’ am fathach; “ach is e an doigh air an dearbhar co dhiubh tha no nach ’eil mise ag innseadh na firinn, gu’n teid thusa an toiseach comhladh riumsa a dh’fhaicinn na bana-phrionnsa, agus a rithist gu’n teid mise comhladh riutsa a dh’fhaicinn a’ phrionnsa.”
“Cha ruig mi leas an dragh sin a ghabhail,” arsa Maimoun; “tha doigh eile ann a’s fhearr a fhreagras oirnn le cheile na sin. Theid thusa agus bheir thu a’ bhana-phrionnsa as an aite am bheil i, agus cuiridh tu ’na laidhe air an leabaidh i ri taobh a’ phrionsa. Mar so theid againn air a dheanamh am mach co aca is briagha.”
“Dh’aontaich am fathach gu’n deanadh e mar a bha a’ bhean-shithe ag iarraidh air, agus mu’n d’fhalbh e air a thurus gu ruige Shina, thug a’ bhean-shithe air a dhol comhladh rithe a dh’ fhaicinn a’ chaisteil anns an robh am prionnsa air a ghlasadh. ’Na dheigh sin dh’fhalbh e gu ruige Shina air thoir na bana-phrionnsa.
Cha robh e fad air falbh an uair a thill e, agus a’ bhana-phrionnsa aige ’na ghairdeanan ’s i ’na suain chadail. Leig Maimoun a steach do’n chaisteil e, agus chairich e a’ bhana-phrionnsa gu socrach ri taobh a’ phrionnsa air an leabaidh.
Cha bu luaithe rinneadh so na thoisich cruaidh-chonnsachadh eatorra mu dheidhinn co de’n dithis bu bhriagha. Bha am fathach a’ cumail am mach gur i a’ bhana-phrionnsa moran bu bhriagha, ach cha’n aidicheadh a’ bhean-shithe so air chor sam bith. Agus bha i ag radh gur e an doille a bha ’toirt air an fhathach a bhith ’smaointean gu’n robh a’ bhana-phrionnsa na bu bhriagha na’m prionnsa. Mu dheireadh an uair a bha iad seachd sgith a’ connsachadh mu’n chuis, shuidhich iad gu’n cuireadh iad a’ chuis fo bhreith neach eile. Bhuail Maimoun a cas air an talamh, agus ghrad dh’ fhosgail e. Thainig seann fhathach cam, crotach, agus sia adhaircean air a cheann, a nios as an talamh. Cho luath ’s a thug e an aire do Mhaimoun, thilg e e-fhein ’na shinead air a beulaobh; agus an uair a bha e greis ’na shineadh, chuir e a leith ghluin fodha, agus dh’fheoraich e dhi ciod am feum a bh’aice air.
“Eirich ’nad sheasamh,” ars’ ise, “Is e am feum a tha agam ort, gu’n tugadh tu breith eadar mi fhein agus Danhash. Seall air an leabaidh, agus innis dhomhsa, gun chlaon-bhaigh sam bith, co dhiubh a’s briagha am firionnach no am boirionnach sin a tha ’nan sineadh mu d’ choinneamh air an leabaidh.”
Sheall e greis mhath air an dithis a bha ’nan cadal air an leabaidh, agus an uair a dh’fhairtlich air a dheanamh am mach co aca bu bhriagha, thionndaidh e ri Maimoun, agus thuirt e, “A bhain-tighearna, feumaidh mi aideachadh gur iad dithis cho briagha ’s a chunnaic suil duine riamh; ach tha e neo-chomasach dhomh a dheanamh am mach co aca is briagha. Mar is dluithe bheachdaicheas mi orra, is ann is duilighe dhomh a dheanamh am mach co de’n dithis is briagha. Ach nam biodh iad ’nan dusgadh, is docha gu’n rachadh agam air breith a thoirt orra. Ach is e an doigh a’s fhearr, aon dniubh a dhusgadh an drasta, agus an aon eile rithist; agus ìs i mo bhreith sa, gur e an aon a’s mo a nochdas de ghaol do’n aon eile is lugha maise dhe’n dithis.”
(Ri Leantuinn.)
NA TACHDAICH INNSEANACH.
Tha seòrsa dhaoine ann an Innsean na h-àirde ’n ear ris an canar na Thugs. A reir na h-uile cunntas a th’againn orra, bha iad ’san dùthaich sin o chionn ùine fhada; ach cha robh eòlas aig na daoine againn orra gus o chionn ceithir-fichead-bliadhna, ’nuair a ghlacadh cuid dhiùbh, agus a chrochadh iad airson an gniomharra eagalach.
Tha na Tgugs nam fine air leth, agus dealaichte o shluagh na dùthcha. Tha iad a’ tighinn suas air taileas nam fineachan tha iad a’ spùinn agus a’ mort. Is mortairean iad gu leir, air an dlùth-cheangal r’a cheile le laghanan dìomhair, agus sgaoilte air feadh gach cearn do dhùthaich uachdarach nan Innsean. Cha mheirlich iad, ni mò ni iad goid na reubainn. ’Se mort an ceaird suidhichte—ceaird ’us oifig tha iad a’ leantuinn o àm an òige gu àm am bàis. Tha comharraidhean dìomhair, suaicheantas àraidh aca, leis an athnichiad aicheile, ged nach do choinnich iad riamh. Tha iad a’ siubhal na dùthcha, o àite gu h-àite—air uairibh mar cheannaichean—air uairibh a’ leantuinn aon cheaird ’s air uairibh ceaird eile—a’ faotuinn fàrdaich ’us fios mudheibhinn gach aon a tha ri dol air turus, chum an còmhlachadh ’s am mort, agus na th’aca air an siubhal a spùinne uapa. Cha’n e ’mhàin daoine soibhir air a’ bheil an déigh, ach na h-uile daoine is urrainn doibh. ’Se am miann ’s an iarrtas, mort. Ma tha ’bheag ri fhaotuinn ’na lorg, is math; ’s mar ’eil, tha iad suarach; agus siùbhlaidh iad trì no ceithir a cheudan mìle airson aon duine ’chur gu bàs. ’Se so an sùgradh, an toilleachas-inntinn, am eatha; agus mar is mò a mhortas iad ’nan dòigh féin, ’sann, ’nam barail, is sona ’bhios iad ann an saoghal eile. Ma chluinneas iad gu bheil neach air bith, no buidheann is urrainn iad a cheannsachadh, ri dol air asdar troi’n dùthaich, gabhaidh iad coram air eòlas fhaotuinn orra—coiseachd maille riu—toirt dhoibh eachdraidh na dùthcha, air a’ bheil iad min-eòlach, gus am faidh iad coram air an duine thruagh a chur gu bàs. ’Se an doigh anns an àbhaist dhaibh so a dheanamh, a thachdadh. ’Se so is ciall do’n fhocal air a’ bheil iad air an ainmeachadh—na Thugs— ’se sin, na Tachdaich. ’Sann le sròl sioda, cosmhuil ris an t-sròl(sash)a chìtear air oifigich-airm, is àbhaist doibh so a dheanamh, air dhaibh o mhinicheas sinn mu’n tig sinn gu criche. Cha’n fheuch iad duine aìr bith a spùinne gus an tachd iad e air tùs; agus ged a b’e an dioldeirc a choinnicheadh iad, leanadh iad e o aite gu àite, gus am faigheadh iad coram air so a dheanamh; agus cha’n fhàg iad corp duine sam bith a chuireas iad gu bàs gun chuir fo thalamh ann an uaigh air a cladhachadh ann an àite dìomhair, dlùth do’n t-slighe air an robh iad ag imeachd.
Ma dh’fhaodar na Tachdaich iad féin a chreidsinn, bha na cleachdaidhean eagalach so cumant’ anns na h-Innsean o na linntean is fhaid’ as. ’Sann mar iòbairt do’n dia bhréugach fhuilteach do’m bheil iad a’ deanamh seirbhis a tha iad a’ buadhachadh anns na cleachdaidhean so, am barail gu bheil bàs nam feadhnach tha iad a mortadh ’na ìobairt thaitneach dha!
Air uairibh tha ceud agus dà cheud de na Tachdaich a’ siubhal na dùthcha le cheile, leigeil orra gu bheil iad a’ dol air tòir cosnaidh ’us obair, na gu’m buin iad do dh’arm na dùthcha, ’s gu bheil iad a’ dol dhachaidh a dh’amharc an càirdean, air neo pilleadh air an ais a dh’ionnsuidh a’ chath-bhuidheann do’m buin iad. Is
[Vol . 8. No. 3. p. 3]
àbhaist leo clann òg a ghoid air falbh, agus an àrachadh gu bhi nan Tachdaich, le eud ’us anbharra toileachas-inntinn, a’ smuaineachadh gu bheil iad ’gan àrachadh airson flaitheanas. Cha’n àbhaist leo leanabanan fo aois a thachdadh, ma’s urrainn dhoibh an togail ’s an àrachadh gu bhi nam mortairean, agus imeachd maille riu féin. Ma thachras do bhuidheann sam bith do na Tachdaich mòran spùinne no mòran creiche fhaotuinn air àm air bith, is àbhaist dhoibh cuid dheth ’thoirt do theampull àraidh, no, mar their iad, Pagoda ;far a’ bheil sagairtean de’n seòrsa féin—seann Thachdaich aosmhor—a’ tairgse iobairtean do bhan-dia bhreugach ris an canar Calee.
Tha uachdaran tharruis air gach buidheann de na Tachdaich, agus oifigich àraidh; s tha riaghailtean seasmhach aca, do’n eigin do gach aon géilleadh. Tha ’chreach air a roinn eatorra, reir nan riaghailtean so. Tha’n deicheamh cuid do gach seòrsa spùinn aig a’ cheannard, ’s a’ chuid eile air a roinn eadar na h-oifigich agus na daoine. ’Se an darna fear is àird’ am meas esan tha ’giùlan an t-sròil leis a’ bheil iad a’ tachdadh nam feadhnach tha iad a’ dol a chuir gu bàs. Tha’n t-sròl so slat air fad—snuim chruaidh air gach ceann dhi—air a giùlan gu cùramach ann am broilleach an fhir ris a’ bheil i an earbsa. Ach tha iad uile teòma air feum a dheanamh dhi, oir tha iad air an cleachdadh ris o’n òige, ged tha aon fhear ris a’ bheil i an earbsa gu sònruichte— ’se sin am fear a thug bàrr air càch ’an teòmachd. ’Nuair tha neach ri bhi air a chuir gu bàs, is àbhaist do’n Tachdadair ’tha giùlan a’ chrios shìoda gabhail as deigh an duine thruaigh—coiseachadh aig a shàil, as’ eanachas ris; agus an uair a ni an ceannard fead àraidh, grad thilgidh an Tachdadair an crios mu amhaich an fhir eile. Ni e so co seòlta dheas, ’s nach urrainn do’n chorp a bhi air an làr gus a’ bheil an deò as—a dha shùil a’ leum a mach as a cheann. Ma thachras dasan tha mhiann orra ’chuir gu bàs a bhi làidir calma, tha dithis do na Tachdaich deas gu bhi an sàs, air chor ’s nach ’eil dol as aige. Tha iad co deas, seolta, teòma, ’s gur tric leo dusan, agus air uairibh barrachd, a thachdadh ’sa chuir gu bàs co luath ’s gu’n do thuit iad ’san aon mhionaid, gun uiread a’s sgriach, no glaodh no sann, a chluinntinn uapa. ’Sann ’san oidhche is bitheanta leo daoine ’chuir gu bàs. Feòraichaidh an ceannard ciod e an t-àm a dh’oidhche ’tha e. Air dha so a ràdh, seallaidh càch ris na speuran, a’ beachdachadh air na reultan; agus ni an duine truagh tha iad dol a chuir a dhìth an ni ceudna. Ann an tiota tha’n crios sìoda mu ’amhaich, ’s am prioba na suil cha’n eil deò ann.
Tha luchd-brathaidh aig na Tachdaich anns gach cearn de’n tir, a faotuinn a mach c’uin no ciod an rathad air a’ bheil coigrich ri siubhal, ’s a’ toirt fios ciamar a thachras iad orra; agus tha teachdairean aca so a’ ruith o cheàrna gu ceàrna, ’toirt sgeòil air na tha iad a’ faotuinn a mach mu dheibhinn luchd-turuis. Tha’n luchd-brathaidh nan daoine seòlta fearail, air an éideach gu riomhach mar uaislean arda—a’ comhnuidh ’sna bailtean mora, ’s gun fhios aig neach cò iad—a’ faotuinn a stigh do gach tigh a’s cuideachd air tòir naigheachdan, ’s a’ faotuinn sgeulan mu thimchioll gach aon tha falbh no tighinn. Tha’n luchd-brathaidh so taghal cò iad—a’ faotuinn a stigh do gach nantighean-òsda is ainmeil agus is measaile. Ma thuiteas do choigrich air bith tighinn ann air an turus, tachraidh iad orra—ni iad an eolas riu—cuiridh iad ’nan earalasan aghaidh nan Tachdaich—tairgidh iad dol maille riu— ’s cha dealaich iad ris na coigrich gus am faidh iad coram air an rathad an càirdean, agus an sgrios. Tha cuid dhiùbh so nan gillean aig daoine mor soibhir—nan seirbhisich aca, agus a’ feitheamh orra, gun fhios aig na maighstirean cò iad. Mar so tha iad a’ brath nam feadhnach do’m bheil iad a’ deanamh seirbhis, agus a’ faotuinn sgeul air gach ni tha tachairt.
Tha daoine aig na Tachdaich ris a’ bheil an earbsa na sluic a chladhachadh anns a’ bheil cuirp nam feadhnach tha iad a’ mort air an tilgeadh; agus an uair a thig a’ chuideachd dlùth air an àite, tha iad gu grad a’ leum air na coigrich thruagh agus ’gan tachdadh, ’s ’gan tilgeadh fo’n ùir. Tha gach fear co teòm eòlach air na bheil an earbsa ris féin, ’s gur minig a thachdar fichead fear, ’sa chuirear fo thalamh iad ann am mionaid no dha! Tha so furasd a dheanamh anns na duthcha farsuing sin, far a’ bheil leth-cheud mìle ’us còr o thigh gu tigh.
Cha doirt na Tachdaich fuil air chor air bith. Tha oillt orra ro’ fhuil fhaicinn. Is fhearr leo duine ’leigeil as gu buileach na ’fhuil a dhòrtadh. Cha tarruing iad claidheamh, ’s cha chleachd iad airm air bith chum iad féin a dhiom. Tha iad anabarrach seòlta air na nithe sin a chleith ’tha iad a’ spuinne uapsan a chuireas iad gu bas. Loisgidh iad gach paipeir, a’s litir, ’us aodach, a b’ urrainnear a thoirt air aghaidh mar chomhdachadh. ’Te or a’s airgiod a mhain na nithe a ghldidheas iad.
Cha’n eil baile-mòr ann an Innsean na h-airde ’n ear anns nach robh cuid diùbh so. ’S gann is urrainnear a chreidsinn an aireamh uamhasach a thuit fo lamhan nam béisdean so, agus an t-anbharra storais a bhuineadh dhoibh. Thugadh cuid dhiubh fo dheuchainn, a dh’aidich gu’n robh iad ceithir-fichead-bliadhna a’ siubhal na duthcha, maille ri ceud-gu-leth do Thachdaich eile, gun dad aca ri dheanamh ach mort agus spuinne—gu’n do thachd iad an ceann a cheile eadar dusan agus fichead fear gach la, fad deich-bliadhna-fichead!!
Dh’innis fear dhiubh so, an lathair nam feadhnach a bha ’ga cheasnachadh, gu’n d’thugadh e iad gu aiteachan araidh far na thiodhlaic iad ceud dhiubhsan a mhort iad. Chaidh cuid leis do ghleann nach robh ach tiota beag cul a’ bhaile far an robh a’ chuirt, gus an d’thainig iad gu aite araidh. “Nis,” ars’ esan, “tha seachdnar chorp fo’n tolman so.” Chladhaich iad, agus fhuaras gu’n robh na thubhairt e fior. Dh’innis e dhoibh gu’n d’thugadh e iad air feadh na duthcha, ’s gun comharraicheadh e mach sluic anns an robh na miltean air an cuir fo thalamh de na chuir iad gu bas! Chaidh iad leis do dha no tri aiteachan, agus bha ’chuis direach mar a thubhairt e.
Cha mhor nach ’eil na slaidearan eagalach so air an cuir fodha ’nis gu buileach anns na h-Innsibh. Bha da bhaile deug, anns an robh na miltean do shluagh a’ tamh ann an cearnan araidh ’san tir, far nach robh duine beo ach Tachdaich. Loisgeadh na bailtean so, agus sgapadh na beisdean a bha comhnuidh annta, an deigh do sea-fichead dhiubh ’bhi air an crochadh. Tha iad a nis anabarrach faicealach—tha daoine ’nan earalas rompa; agus tha dochas againn, an uine ghoirid, gu’n cuirear as do na cleachdaidhean oillteil eagalach so.
Cia uamhasach an saobh-chreidimh ’tha tarruing dhaoine gu leithid so do ghiulan! Gu’n greasadh Dia an latha anns an ruig solus an t-soisgeul na ceardan dorcha sin, a tha an dorchaas agus an sgail a’ bhais! —Cuairtear nan Gleaun, 1842.
BRUTUS.
“Is e Farmad a ni Treabhadh,”
“Bu mhath leam am beachd sin a nearteachadh,” arsa fear bho thaobh thall a’ bhuird, nach d’ thubhairt facal gus a nis. An àite bhi ’g a chur fhéin air thoiseach, ar leam gu ’n robh e feuchainn, fad na h-ùine, gu bhi seachnadh ar n-aire. Bu duine e le folt fada dubh, de choltas òigeil, ach glé ghlasdaidh agus tana. Bha ’shùilean dorcha, fuidh speuclairean, dhe ’n dath cheudna, a’ cur an ceill roimh-laimh, inntinn anns an robh deineas, trom-smuaineachadh agus beothalachd comh-mheasgaichte. “Ach,” ars’ esan, ’s e ’leantuinn, “S e an coslas inntinn’ so mu ’m bheil sibh a’ bruidhinn tha ’togail Bhrutuis cho mor ’man bheachdsa, air chor ’s nach duraichdinn gu ’m biodh e air mhodh sam bith ach mar a bha e. Cha’n fhada bho’n chunnaic mi an dearbh-chluiche so aig a’ Champo Santo anns a chaithir, far an d’ rinn mi mar a b’ fheàrr a b’ urrainn domh chum a ghabhail a steach. Tha gné neamhuidh Shapespeare, coimh-cheangailte, mar a bhi i, ri mor-shimplidheachd agus ciall, ’g a fhagail ’na fhear-taisbeanaidh iomlan agus sicir mu sheann—chaithe’ -beatha nan Romanach. ’S ann le oillt tha e ag amharc air gach uile-ghràinealachd agus dheisinn nach ’eil ’n a bheachd-sa comh-chòrdadh ri ealdhain cheirt. ’S anns an t-solus so tha e ’tarruing Bhrutuis. Creididh mi gu’m bu mhath bha fhios aig Shakespeare gur beag tapadh a dheanamh duine ’nuair bhiodh e an iochdar nan tachradh dha bhi dh’ easbhuidh farmaid, ach ’s e tha e a’ cur fa’r comhair gu’m feum a’ chraobh a bheir a mach toradh maith a bhi maith i fhéin. ’S e tha e ’leigeil dhuinne fhaicinn gu bheil farmad a ghnath air udalan, agus an neach a dh’ atharraicheas a bheachd gu tric nach urrainn a bhreith-san gun bhi claon. Ann an Shakespeare tha càil-dhealbhaidh a bhuineas gu léir do ’inntinn fharsuing féin agus tha ’g a fhagail comasach ’bhi taisbeanadh a chomh-fhaireachduinn air mhohh sonruichte ris gach neaah. A bhi nochdadh a leithid so chomh-fhaireachduinn ri neach, coltach rium fhin, a bha gu math gearr-sheallach, dh’ fheumadh e feairtean agus buaidhean àrda bhi aige maille ri fiosrachadh farsuinn mu bheatha a duine air thalamh. ’S e bh’ ann am Brutus, saoilidh mi, duine smuaineachail agus spionnadail, a thug an aire do ’n dealachdainn bh’ eadar mòralachd bheusach nan daoine a threig agus cion blathais agus intinneis muinntir a làithean féin. B’e bheachdsan gu’n robh spiorad an fhior-ghliocais air teicheadh, agus bu duilich leis a bhi faicinn gu’n robh muinntir a ghaoil ’n an codal. Chunnaic Cassius, an duine teinnteach loisgeach sin, na h-uile ni mar bha iad an comh-cheangal ris a’mhodh-riaghlaidh bha gnàthaichte ’s an latha sin, ach tha e ’na chliu do Bhrutus gu’n d’ fheuch ’s gu’n d’ oidhirpich e ri bhi ’g am faicinn gun suil aige ri fein-bhuannachd, Air an aobhar sin tha mi de atharrach barail ruibhse, mor ’s gam beil mo mheas is m’ ioghnadh ri bhur gniomharaibh euchdach anns a’ chogadh thiamhaidh mu dheireadh. Tha mi dhe’n aon bheachd ris a ’Ghaidheil so, oir tha mi meas gu’n robh run na b’àirde an cridhe Bhrutuis na dioghaltais agus fatmad. Anns na h-inntinnibh as cumhachdaiche tha e fios gu bheil ni-eiginn de chionta. Gidheadh, ’nuair a chi fear duine eile ri obair sam bith tha e fior gu’m bi càil na’s fhearr aige fhein gu tòiseachadh. ’S ann mar sin bha Brutus; ’s ann mar sin tha mi meas, tha’n Cinneach Gaidhealach air fad ’nuair a chreidear leo gnr h-e farmad a ni treabhadh. Is trice leis a’ Ghaidheal a bhi an comhnuidh coimhid ’n a dheigh, ach ’s e mo bheachd-sa nach ’eil e feumail do mhuinntir bhi coimhid air ais ri’n sinnsear le h-urram, mur ’eil iad
(Air a leantuinn air taobh 22.)
[Vol . 8. No. 3. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., IULAIDH 28, 1899.
AIMHREIT AN T-SAOGHAIL.
Thuirt aon de na fàidhean Eabhruidheach gu’n robh linn aghmhor a’ tighinn, anns nach togadh cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus anns nach fòghlumadh iad cogadh ni’s mo. Ged tha e fior-thaitneach a bhi ’creidsinn gu bheil am cho sèimh, tairis us càirdeil a’ dol a dheanamh rioghachdan na talmhainn ait do bhrigh nach bi feum air sleagh no claidheamh, no innleachd marbhaidh air bith, feumaidh sinn aideachadh nach eil gathanna fàbharach na gréine so fathast r’am faicinn anns an iarmailt. Tha eagal trom orm nach eil Coinneamh na Sith, air an cuala sinn iomradh làidir re na bliadhna so, ’dol a thabhairt moran maith no neirt do shith us do sheasgaireachd an t-saoghail. Is e ’n t-ainm ’sa chliù a tha aig Ruisia, gu bheil i daonnan féineil, carach, breugach, cuilbheartach; agus gu bheil e ceart us iomchuidh nach teid muinghin mhor no bheag a chur ’n a geallaidhean us ’n a briathran seòlta, cealgach. Cha’n eil aobhar air bith a bhi saoilsinn gu’n dean Coinneamh na Sith aig an Hague anns an Olaint, tàbhachd air bith ann an lughdachadh nam feachdan lionmhor, uamhasach a tha rioghachdan na Roinn-Eòrpa, cumail suas. Gabhaidh gach rioghachd, gun amharus, a slighe féin, agus cha tabhair a luchd-comhairle feairt air achmhasan no air riaghailt neach no coinneimh air bith. Leanaidh gach righ us rioghachd am barail féin mu dheibhinn am feachd air muir ’s air tir, us mu dheibhinn gach innleachd cogaidh agus marbhaidh a ghleidheas iad saor no a dheasaicheas iad airson latha na stri ’s na connspoid. Thog Staidean America guth làidir aig Coinneamh na Sith airson gach cùis us imcheist a dh’eireas eadar na rioghachdan a chur fa chomhair breith-réite, no fa chomhair daoine comasach, firinneach a roghnaicheas luchd-riaghlaidh nan rioghachdan aig am bheil trioblaid no casaid an aghaidh a cheile. Gu cinnteach bhitheadh e ’na bheannachadh mor do’n t-saoghal gu leir nam bitheadh e comasach gach cùis dhraghail a shocrachadh gun dortadh fola air bith. Cha’n ann gun snodha gàire ’ghabhas sinn beachd ann an Canada air dealas anabarrach nan Staidean as leth gach ni ’s cùis a shocrachadh ’s a cheartachadh le breith-réite, no le gliocas us comhairle neach no rioghachd no dha. On tha na Staidean cho lan de ghràdh us eud as leth breith-réite, carson, mata, nach eil iad toileach air cuis thrioblaideach Alasca eadar iad fein agus Canada, ’chur fa chomhair tuigse ’s breith chothromaich daoine ionraic us chothromaich air bith. Bha ceithir no coig de luchd-riaghlaidh maille ri fear-lagha ainmeil bho Bhreatunn; agus ceithir no coig de dhaoine eolach us teoma anns na Staidean fein, cruinn le cheile ann an Cuebec ’s ann a Uashington re ùine fhada an uiridh airson cuisean a reiteachadh eadar na Staidean agus Canada. Chosd an obair ard fhuaimneach so leis gach cuirm us faoilidheachd ceithir mile deug air fhichead dolair do Chanada. Bha comas foghainteach, mar sin, air a thoirt dhaibh-san a bha ’seasamh os leth ’s an ainm Chanada, onoir Chanada us Bhreatunn a chumail suas gu ceart. Cha do shoirbhich gu ro-mhath leo-san a dh’fheuch ri cùisean a reiteachadh eadar sinn fein agus na Staidean. Tha sinn fior-thoilichte gu’n do nochd luchd-riaghlaidh ar dùthcha duinealas treun os leth còirean dligheach Chanada. Tha Laurier agus a luchd-comhairle gle fhiosrach gu’n d’ fhuair na Staidean tuille mor ’sa bu chòir daibh fhaotainn anns na cùmhnantan a bha air an deanamh anns na laithean a dh’fhalbh. Cha leig Laurier no luchd-riaghlaidh air bith ’na dheigh so, leis na Staidean buaidh no buannachd air bith fhaotainn nach eil onorach us ceart us firinneach. Is bochd ’s is truagh a thig e do rioghachd mhor, bheartach cosmhuil ris na Staidean, a bhi deanamh oidheirp ’s a bhi iarrtasach, ann an doigh nach eil duineil no cliuiteach, air a’ chuid a’s fhearr fhaotainn anns gach cùis a bhitheas eadar iad fein agus Canada, no rioghachd air bith eile. Cha’n eil an ùine ach goirid on fhuair sinn fios gu bheil Clondaic lan oir, agus nach eil ceann no crioch air pailteas us luach an oir a tha anns a’ chearna iomallaich ud do Chanada. Is ann faisg air Alasca ’tha an Clondaic. Cheannaich na Staidean Alasca bho Ruisia. Cha robh anns na laithean ud moran cùraim air a ghabhail airson gach cùmhnant a dheanamh direach, làn, us gun teagamh air bith, eadar rioghachdan d’am buineadh fearainn a bha fada air falbh agus air bheagan luach. Air beul-thaobh Chlondaic, no eadar e ’s an Cuan Sàmhach, tha crimean aimhleathan fearainn air am bheil na Staidean ag agairt còrach, a’ cumail a mach gu buineadh an crimean talmhainn so do Ruisia. Cha bhitheadh gu brath an crimean fearainn so luachmhor ann an seadh air bith, mur bitheadh or air fhaotainn ann an Clondaic. Tha sinn ann an Canada, gu nàdurra, iarrtasach air rathad iaruinn a bhi againn troimh ar tir féin, bho Chlondaic gus a chuan. Cha deachaidh fathast an t-eadar-dhealachadh a tha eadar fearann Chanada us nan Staidean anns an àirde ’n iar thuath, a reiteachadh. Nam bitheadh na Staidean càirdeil, ceart, thigeadh iad gu cordadh le Canada mu dheibhinn cuibhrionn de’n fhearann nach eil a’ giulan maith no luaich moir do na Staidean, agus a dheanadh comhnadh mor do Chanada, nam faigheamaid coir dhligheach air. Tha càirdean eolach Chanada ’creidsinn gu buin an crimean fearainn so do Chanada co-dhiu, ma gheibh i coir us ceartas. Tha beachd eile aig na Staidean, agus ged bha iad a’ seinn oran binn us blasda na breith-reite aig Coinneamh na Sith anns an Olaint, cha’n aontaich iad gu teid an crioman fearainn ud a chur fa chomhair daoine glic us foghluimte ’s measail air bith, airson am beachd cheart us fhirinneach iarraidh agus fhaotainn. Cha’n urrainn neach air bith innseadh an diugh ciamar a thig crioch air cùis Alasca, agus an crioman fearainn a tha ri taobh a’ Chuain Shàmhaich. Tha ’n t-or a’ tighinn gu pailt bho Chlondaic. Tha saoibhreas oir air nach eil againn ach fiosrachadh gann fhathast, ann an Clondaic agus ann an iomadh ionad eile air am bheil seilbh aig Canada. Mur bi i comasach air rathad iaruinn a chur gus a’ Chuain Shàmhaich troimh a fearann féin, feumar an rathad iaruinn a thogail co-dhiu, agus ann am fearann Breatunnach, ged a bhitheas a slighe gu buileach mu dheas de’n chrioman d’ am bheil na Staidean a’ tabhairt spéis iongantach. CONA.
Cha’ n eil cuisean eadar Breatunn agus an Transvaal aig an am so ach mi-fhoiseil gu leor. Tha Breatunn ag iarraidh shochairean d’ a h-iochdarain anns an Transvaal nach eil seana Phol Cruger agus a luchd-riaghlaidh air son a thoirt dhaibh, agus tha sin ag aobharachadh comhstri nach beag. Bhatar an duil, o chionn seachdain no dha air ais, nach toireadh ni air bith air Cruger striochdadh ach cogadh, ach ’nuair a thuig e nach b’ ann mar mhagadh, ach a cheart da-rireadh, a bha Breatunn, theann e ri tarruinn air ais. Tha e nise ’fas coltach gu’m bi na sochairean a tha dhith orra air am buileachadh, an uine ghoirid, air na Breatunnaich ’s air coigrich eile ’tha chomhnuidh ann an tir Chrugeir.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
[Vol . 8. No. 3. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha cheud bhuntat’ ur air a thoirt do’n bhaile Di-satharna ’sa chaidh. Chaidh a chreic air da dholair am buiseal.
Chithear ann an ait eile sanas bho J. C. Mills, a tha air toiseachadh ri ceannachd anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich.
Tha am feur gle ghealltanach anns an duthaich air an t-samhradh so, ged a tha e an iomadh aite beagan air deireadh air mar a bha e ’n uiridh. Ma bhios side mhath ann air son a ghearradh ’sa thiormachadh, bidh na tuathanaich na’s pailte feoir na bha iad o chionn aireamh bhliadhnaichan.
Tha dochas againn gu’n tig aireamh mhor de luchd-gabhail ur a stigh ris a MHAC-TALLA air an t-samhradh so. Cha’n eil e ach saor—dolar ’sa bhliadhna—agus bu choir e bhi aira ghabhail ’s air a leughadh leis gach teaghlach Gaidhealach a tha ann a Canada ’s anns na Staidean, gun ghuth a thoirt air Gaidheil dhuthchannan eile.
Chaochail an Coirneal Robert Ingersoll Di-haoine s’a chaidh, aig aois tri fichead bliadhna ’sa sia. Bha e ’na oraidiche cho ainmeil ’sa bha ’sna Staidean, agus ’na ana-criosduidh cho mor ’sa bh’ air an t-saoghal. Sgriobh e aireamh leabhraichean anns an robh e cur an ceill bheachdan a bha calg-dheireach an aghaidh a chreideimh chriosduidh.
Tha sinn o chionn mios no dha, air iarrtus chairdean, a’ cur aireamhan dhe’n MHAC-TALLA gu muinintir an sud ’s an so nach eil ’nan luchd-gabhail, an dochas gu’n taitinn am paipear riutha agus gu’n cuir iad ga iarraidh. Cha’n eilear a dhol a leantuinn air a chur gu neach sam bith dhiubh sin ach uine ghoirid, mur cuir iad fios ugainn gu bheil iad air son a ghabhail.
O’n shuidh a pharmlaaid air an turus so, chaochail ceathrar de bhuill Tigh nan Cumantach, agus aon bhall de’n t-Seanadh. Bha iad uile ’nan daoine tapaidh, a bha daonnan a saoithreachadh gu dian os leth math an duthcha. Ach cha seachainn am bas ard-inbhe no ughdaras; feumaidh gach neach triall air ’aithne nuair a thig ’am
Cha’n eil priosan na siorrachd so gu bhi na aite cho seasgair ’sa bha e roimhe so. Tha aig na priosanaich an deigh so ri bhi ’g obair gach latha a piocadh cocrach-chalcaidh; fear a dhiultas a roinn iomchuidh dhe sin a dheanamh, tha e ri bhi air a pheanaisteachadh. Tha so ’na riaghailt gle cheart, agus ’se ’s docha gu’m bi e ’na mheadhon air aireamh leisgeadairean a chumail o bhi nan uallach air an t-siorrachd.
Ghabh fear Uilleam Andrews, a mhuinntir Nobha Scotia, as laimh a dhol tarsuinn an Atlantic ann am bata da throigh dheug a dh’fhad. Dh’fhalbh e air a thurus air an ochdamh latha deug dhe’n og-mhios; chaidh a thogail an la roimhe mu cheud mile o chladach an iar na h-Eirinn, ’se faisg air a bhi marbh leis an sgiths ’s leis an annradh. Cha robh e ’n comas dha tir a ruigheachd, ach ’sann a tha e iongantach gu’n d’ rainig e cho fada null.
Fhuaireadh corp paisde anns an uisge faisg do’n laimhrig aig Barracks Point feasgar anmoch Di-ciaduin. Rinn na dotairean a mach gu robh e mu thri latha dh’aois. Cha’n eil fhios co leis e, ach thatar a feuchainn ris a chuis a rannsachadh a mach.
Cha robh an teine ann am meinn Chaledonia air an t-seachdain s’a chaidh, cho dona ’sa bhatar an duil aig an am. Fhuaireadh a chasg gun moran dragh, agus thoisich an obair toiseach na seachdain so mar a b’ abhaist.
Bha meinn an Dominion ’na tamh latha no dha deireadh na seachdain s’a chaidh, nadriversag iarraidh tuilleadh turasdail, agus a diultadh a dhol a dh’obair gus am faigheadh iad e. Chum sin na gearradairean ’s an luchd-obrach eile o’n obair, agus cha deachaidh a bheag de ghual a chur a mach fad thri latha. Chaidh dithis dhe na gillean a dh’obair Di-haoine, ’s fhuair iad droch ghabhail orra o’n companaich air an oidhche, ach cha do chum sin iad o dhol a dh’obair an ath latha. Di-luain chaidh na gillean uile gu’n obair, ach bha mu dhusan de na ceannardan air an cur as an obair gu buileach.
Iadsan a Phaigh.
Fionnladh Mac-an-Toisich, Arrochar , Assa.
F . A. Gemmel, Selkirk, Man.
Murchadh Mac Leoid, Selkirk Man.
Dr. D. H. Domhnullach, Welsford , N. B.
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
Seumas Mac Gille-mhaoil, Brodie , Ont.
Iain Grannd, Lagan , Ont.
A. N. Mac Leoid, Leebuin , Ont.
Uilleam Ros, Island Falls, Maine.
Iain G. Mac Eachuinn, Wobnrn , Mass.
Murchadn Mac-an-Saoir, Twin Bridges, Montana.
Dr. Fearchar Mac Fhearghais, New York.
Bean D. Mhic Fhionghain, Mooreton , North Dakota.
C. L. Nic-an-t- Saoir, Provincetown , Mass.
D. D. Mac Gilleain, High Bank, E. P. I.
Dr. Alasdair Ros, Alberton , E. P. I.
Domhnull Mac-a- Phearsain, Antigonish , NS
An t-Urr. Iain Mac-an-Toisich, Hopewell ,
D. I. Moireastan, Halifacs,
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville .
Iain Jack, Bombay, India .
Ruairidh Mac-a- Phi, Minglay , Barra,Alba.
Gillecriosd Mac Rath, Baile-phluic, Alba.
Cailean Siosal, Lunnainn, Sasuinn.
E. Hepburn, Lunnainn, Sasuinn.
A. Dawson, Lunnainn, Sasuinn.
Ian Mac Coinnich, Lunnainn, Sasuinn.
Domhnull Mac Amhlaidh, Glace Bay.
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien.
Uilleam F. Mac Raing, Acarsaid Mhabou.
Alasdair Bain, Port Hawkesbury.
Domhnall Caimbeal, Baddeck Mhor.
M. J. Mac Neill, cul a Phoin Mhoir.
Domhnull Beutan, cul Phort Hood.
Murchadh Mac a Phearsain, cul Phort Hood.
R. A. Mac Asguill, Fourchu .
Niall Mac Gilleain, Fourchu .
Niall Mac Gilleain, Hillside , Boularderie.
Alastair Mathanach, Sidni.
Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni.
Bean Thormaid Mhic Aonghais, Ingonish .
A. I, Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Ruairidh MacCoinnich, eildar, Sidni Forks.
Seumas Patterson, Sidni Forks.
Uilleam Patterson, Sidni Forks.
Alasdair Mathanach, Malagawatch .
A. B. Domhnullach, Meat Cove.
Coinneach Mac Gill-fhinnein, an Amhuinn Mheadhonach.
Ruairidh Mac Coinnich, Xmas Island.
D. D. Mac Pharlain, S . W. Margaree.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 8. No. 3. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 19.)
dearbhta gur dligheach, dhaibh e. ’S e an dleasdanas, tha mi meas, bhi dearcadh air braighe nam beanntan mar mhuinntir tha feitheamh ri bristeadh-latha. Tha dleasdanas na ’s àirde aig an duine na lòn a sholair dha fhein, agus measaidh mi ’n a chliu mor e gu bheil an ‘Cairdeas Gaidhealach’ ’n a ni tha do thuigsinn dhomhsa. Gidheadh, saoilidh mi, gu ’n dearbh an Eachdraidh gu bheil ni-eigin de’n Spiorad sin anns na Gaidheil a bha’n an Cassius o shean. ’Nuair a bha mi a’ cnuasachd aig Oilthigh ainmeil Dhuineidin tha cuimhne agam gu ’n robh e mar shuaicheantas am measg nan Gàidheal, ‘Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile,’ ged bhiodh e ’na b’fhirinniche a radh ’an sgornanaibh a cheile.’ ‘An guaillibh a cheile’ gu dearbh! Nach robh iad mar bu trice eas-aontach, mi-thoilichte le cheile, air am bleith le naimhdeas do gach a cheile? Gun teagamh bha iad ri uchd gàbhaidh nan gaisgeich chruadalach neo-ghealtach, ach saoilidh mi gun do dhearbh iad air iomadh uair nach robh iad idir cho macanta ’s a b’àill le’n sliochd a bhi creidsinn. Air latha Chuil-fhodair tha fhios againn nach robh Clann-Domhnaill cho fiughantach ’s a bu choir daibh; cha deachaidh iad ceum air an aghaidh a chionn ’s nach d’ thugar dhaibh onoir na laimh’ dheis’ —ni a b’abhaist daibh a bhi sealbhachadh bho’n chuireadh blar Allt-a- Bhonnaich. An robh daoine riamh na b’ fhein—dhiongmhalta? na b’ fhein-sheasmhaiche? An robh muinntir riamh mu’n cualas a thug dearbhadh cho soilleir nach b’ airidh iad air a bhi seasamh far am bu dual daibh? An do nochd fine sam bith gu so gu’n robh iad a’ chionn thuis is trocair? gu’n robh iad ’g an toileachadh fein is dhaoine eile le seirbhis sul? Ma dh’fhaodte gu’n robh beagan diubh a rachadh sios le deagh-thoil, ach cha robh mhuinntir sin ach tearc. A chuid mhoir dhiubh, bha iad a chion creideimh anns gach ni caomh is macanta, agus uime sin cha b’ urrainn daibh ach a bhi ag oibreachadh tre fharmad agus stri. Is e farmad, ’nam beachd-san a ni treabhadh—ni is e teagasg an t-sean-fhacail. Gidheadh nach tric tha muinntir a tighinn beo air biadh a tha ro meartmhor air an son, agus uime sin an ni a bhrosnaicheas iad air àm, aig àm eile nach tric a ni e claoidh orra? Ach gus an fhirinn innseadh, ’s e mo bheachd-sa nach urrainnear an sean-fhacal a dh’ ainmich mi a ghabhail gu buileach anns an t-seadh so. Cha chreid mi gu bheil e gle shean.
(Ri Leantuinn.)
Bha an t-Um. Calum Caimbeal, Srathalba, E. P. I, agus a cheile, air chuairt ghoirid an Ceap Breatuinn air an t-seachdain so, ag amharc air an cairdean.
LITIR A CEAP NOR.
O sgriobh mi ma dheireadh tha’n aimsir air a bhi fior fhreagarrach a chum a thoirt air an talamh deadh thoradh a ghiulan, ’s mar sin cha chluinnear aon duine gearan air tiormachd, ach cha rachainn idir an urras nach eil cuid a’ gearan gu bheil sinn a’ faotuinn tuilleadh ’s a chòir dhe ’n uisge. Tha mhòr chuid de shluagh an t-saoghail gle dhuilich an riarachadh.
Air Di-haoine s’a chaidh shil fras throm de chlach mhealain. Bha mòran dhuibh thairis air dà òirleach ann an cuairt-thomhas, ach o nach robh gaoth a seideadh aig an am cha d’ rinneadh call sam bith leatha.
O chionn cho’ -la-deug dh’ eug Iain Domhnullach, fear gleidhidh tig-soluis Mhoney Point. An deigh dha dol gu math am feabhas o’n ghrip, ghabh e fuachd a dh’aobharaich a bhas. Ged bha cuid am barail gu’n rachadh duine eile ’chur ’na aite ’n uair thugadh an t-srian do Laurier, cha deachaidh dragh sam bith a chur air. Bha e cumail gach ni an òrdugh cho math ’s nach biodh e fior fhurasda duine fhaotuinn a bheireadh barr air. B’ann le athair-san, Alasdair Mor, a dh’ atharraicheadh a chlach a dh’ fhairtlich air triuir dhaoine cumanta a thiunndadh a mach as an ionad ’s an robh i air larach loch Chalum Chille, ’s an Eilean Sgiathanach. Am feadh ’s a bha na daoine ’gabhail an dinneir thug Alasdair an sas anns a chloich, agus le uile neart a chur an cleachdadh chaidh aige air a tiunndadh a mach a thiotadh. ’Se bu shine de theaghlach athair. Rugadh e ’s a bhliadhna 1804, agus dh’ eug e ’na sheann duine o chionn beagan bhliadhnaichean. Cha ’n ’eil an diugh an lathair de theaghlach athair, Iain Mac Dhomhnuill Bhain, ach Anna agus Gilleasbuig. ’S gearr an uine gus am bi gach aon dhiubhsan a thainig air imrich as an t-Seann Duthaich do’n aite so, air dol as an t-sealladh.
Tha duil againn gu’m bi an comanachadh ’s an eaglais Chleirich an so air an t-Sabaid ma dheireadh de’n mhios. Tha mac a’s oige an Urr. Lachunn Beutan air a bhi ’na laidhe gu h-euslan o chionn beagan laithean, ach tha sinn an dochas gu ’n teid e’m feabhas gun dail. B’ ann goirid an deigh an am so an uiridh a chaill Mr. B. an aon phaisde, nighinn a bh’ aige, ’s mar sin tha’n tuilleadh co-fhaireachadh againn ris aig an am so.
Saolam fhein a bheil fios aig duine beo gu de ’s ciall do’n t-seorsa bata-smuide tha ruith an ainm a bhi deanamh gnothuich ris na cladaichean so, eadar Sidni agus Camus na Feola. Faodaidh e bhi gu bheil an bata laidir gu leoir, ach ’s fheudar gu bheil a ciud innealan fada o bhi an ni bu choir dhoibh a bhi, ar neo cha bhiodh i cho tric an eisiomail bata slaoididh. Air an t-seachdain so fhein thog mnathan Dhomhnuill agus Mhurchaidh orra gus a dhol air chuairt ghoirid do’n bhaile mhor. An deigh dhoibh faotainn air bord a bhata, thog i rithe gu tuath gus an d’ rainig i cho fada ri Camus na Feola. As a sin thog i rithe air a h-ais gu Sidni; ach coma leat, mus gann a rainig i ’n Acarsaid Nuaidh, bhrist iaruinn eiginn a bhuineadh do’n taosgair(pump)air chor ’s nach gabhadh e oibrerchadh; agus air dhoibh-san a bhi gun fhios aca nach faodadh i’n uine ghearr lionadh le uisge agus dol do ’n ghrunnd, gu de rinn iad ach an ceud chothrom a ghabhail air am buinn fhaotainn air talamh tioram. Anmoch air feasgar an la maireach, ’n uair a shaoil sinne bha iad a sraid-imeachd ann an Sidni, gu de b’ iongantaiche na’m faicinn air an giulan ann an carbad a dh’ionnsuidh air dorsan. Faodaidh fios a bhi agad fhein gu’n mhol sinn iad gu math ’s gu ro mhath air son cho sgiobalta ’s a chur iad an cuairt, ach a dh’ aindeoin molaidh ’s eile cha b’urrainn sinn smid fhaotainn asda de naidheachdan a bhaile mhoir.
M. D.
Ceap Nor, Iulaidh 21, ’99.
’S ann an uair a’ s gainne ’m biadh is coir a roinn.
’S mine min na gran ’s mine mnai na fir.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
J . E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do’ m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
[Vol . 8. No. 3. p. 7]
An t-Oganach agus am Bas.
Tha e air aithris gu ’n d’ thainig am Bas aig am araidh a dh-ionnsaidh gille oig agus dh’innis e dha gu ’n d’ thainig e g’ a iarraidh. “Cha ’n ’eil sin coltach,” fhreagair an gille, “mise nach do bhlais ach gle bheagan de thoilinntinnean na beatha—thoir thu fein as gu ceann fhichead bliadhna co dhiu, gus am pos mi agus am meal mi tomhas de shasachadh an t-saoghail.” Dh’fhag am Bas e air an am. Thainig e rithisd mu cheann na h-uine ’chaidh ainmeachadh. “O, bhochdainn!” ars’ an duine og, “an d’ thainig thu cheana?” Fhreagair am Bas, “Nach do dheonaich mi dhuit an dail a dh’ iarr thu?” “Ach,” ars’ an duine, “nach ’eil thu ’faicinn leis an iomaguin ’s an dragh a th’ agam a’ togail mo theaghlaich nach d’ fhuair mi fhathast a’ bheag d’ an toileachadh ris an robh suil agam, —bi falbh gu ceann fhichead bliadhna eile; bithidh an sin mo chlann air an togail agus comasach air son cothachadh air an son fhein.” Dh’ fhag am Bas e a rithisd ’s cha do thill e gus an robh an duine mu thuaiream tri fichead bliadhna dh’ aois. “Cha’n fhaod e ’bhi nach ’eil thu nis air do lan shasuchadh leis an t-saoghal,” ars’ am Bas, “air chor agus gu ’n tig thu leam a nis gun do shuil a bhi ’n a dheigh.” “Fhuair mi gu cinnteach uine chuimseach ach bu mhomha mo charraid na mo thoileachadh. Thar leam, a nis na ’n deonaicheadh tu fathasd dhomh beagan bhliadhnachan a chaithinn ann an sith ’s an suaimhneas, gu’m falbhainn leat air bheag doilgheis; ach cuimhnich gu’n cuir thu tri comharan am ionnsaidh m’ an tig thu, a thoirt sanais dhomh gu bheil thu ’tighinn.” Mu thuaiream deich bliadhna ’n a dheigh sin thachair am Bas air ann an riochd eile, air choir ’s nach d’ aithnich e gur e bh’ ann. Chuir e failte air an t-seann duine a’s thuirt e, “Tha mi toilichte d’ fhaicinn a’ dol m’ an cuairt cho calma.” “Mise calma!” ars’ an duine cha ’n ’eil mo cheum ach goirid, turamanach; —nach ’eil thu ’faicinn gu bheil mi am feum bata g’am chumail o thuisle.” “Tha do chlaisteachd maith,” ars’ am Bas. “O, c ha ’n ’eil mo chlaistechd ach fior dhona; is ro bheag a chluinneas mi de chomhradh ged a bhios mi gle dhluth ’laimh.” “Tha do leirsinn gle mhath cho dhiu,” ars’ am Bas. Gu dearbh cha ’n ’eil; tha mi am feum nan speuclair.” “So so,” thuirt am Bas, ’s e ag innseadh co e, “thig leam gun tuilleadh dallach.” “Ach nach do gheall thu tri comharan a chur air thoiseach ort?” “Agus nach ’eil thu fein ag aideachadh,” fhreagair am Bas, “gu ’n d’ fhuair thu tri—call do luth’s do chlaistechd agus do leirsinn? Chuir thu uait, o am gu am, gach iomradh air a’ bhas, a’ cur romhad a bhi ullamh an ath uair a thiginn; ach tha mi ’faicinn nach ’eil buannachd ann a bhi cur seachad na ’s fhaide; feumaidh tu tighinn leam a nis, co dhui tha thu deas no nach ’eil.”
’S e lionmhoireachd na laimhe a ni obair aotrom.
Ma their mi fhein “thu” ri mo chu, their a’ h-uile fear e.
Ma their thu na ’s leir dhut, their thu na ’s nair leat.
’S call caillich a poca, ’s gun tuilleadh a bhi aice.
Is samhach an obair a’ dol a dholaidh.
’S fearr pilleadh ’am meadhon atha no bathadh unle.
’Naire nam maighdeannan an luirgnibh nan cailleachan.
Tha cho breugach ’s a tha an luch cho bradach.
Tuitidh ton eadar da chathair, ’s tigheadas eadar da mhuinntir.
Na toir droch mheas air mac luideagach, no air loth pheallagach.
’N uair a chailleas duine a storas cha ’n fhiu a sheoladh no a chomhairleachadh.
’S ann aig an duine fein a ’s fearr fios c’ait am bheil a bhrog ’g a ghorteachadh.
Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air sloightear.
Am fear a ni ’obair na thrath, bithidh e ’n ath latha ’na leth thamh.
Am fear ’s luaithe lamh ’se ’s fearr cuid.
Am fear is ’n dan a’ chroich, cha d’ theid gu brach a bhathadh.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am Feillire.
IULAIDH, 1899.
1 Di-satharna La na Boinne, 1690.
2 DI-DONAICH VI. Donaich na Caingis.
3 Di-luain
4 Di-mairt Saorsa nan Staidean, 1776.
5 Di-ciaduin Glacadh Lite, 1560.
6 Dior-daoin Breith Phoil Jones, 1747.
7 Di-haoine
8 Di-satharna Bas Righ Alasdair II, 1249.
9 DI-DONAICH VII. Donaich na Caingis.
10 Di-luain Bas Alasdair Mhic-an-Rothaich, 1767.
11 Di-mairt
12 Di-ciaduin Fagail a’ Chrimea, 1856.
13 Dior-daoin Crunadh Righ Alasdair III, 1249.
14 Di-haoine
15 Di-satharna An fheill Mhartainn Builg.
16 DI-DONAICH VIII. Donaich na Caingis.
17 Di-luain Toirt a mach Chawnpore, 1857.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin La Beinn Halidon, 1333.
20 Dior-daoin Glacadh Sruithliath, 1304.
21 Di-haoine Bas Raibeart Bhurns, 1796.
22 Di-satharna La na h-Eaglais-brice, 1298.
23 DI-DONAICH IX. Donaich na Caingis.
24 Di-luain
25 Di-mairt La Harlaw, 1411.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Posadh Banrigh Mairi ’us Darnlaidh, 1563.
28 Di-haoine
29 Di-satharna [30] Cobhair Doire 1689.
30 DI-DONAICH X. Donaich na Calngis.
31 Di-luain
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 7, U. 4, M. 17 F.
A Cheud Chairteal L. 15, U. 7, M. 45 F.
An Solus Lan L. 22, U. 5, M. 27 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 29, U. 8, M. 28 M.
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 8. No. 3. p. 8]
An Leisgean Lom.
LEIS AN LIGHICHE MAC GRIOGAIR.
AIR FONN:— “Mo nighean dhubh na treig mi.”
An t-amhran a rinn Fionnghal Bhan do Dhonnachadh Crabach, ’an uair a chaidh e g’ a h-iarraidh airson a posadh!
Cha ghabhainn fhein an leisgean lom,
Cha ghabhainn fhein fear slaodach,
Cha ghabhainn fhein an leisgean lom,
Gun chrodh, gun fhonn, gun aodach.
Gur mi nach luidheadh maille ris
An fhear bhiodh flagach, diomhain,
Oir bhreabainn as mo leabaidh e,
Mas caidlinn-sa ri chliathaich.
Cha chuirinn suas le amadan,
No leannan bhiodh ’na umaidh,
Oir b’ fhearr leam bhi air allaban,
Na cadal idir dluth ris.
Nuair chiteadh cach ag aiteachadh
Gu duineal, lamhach, gniomhach,
’S ann gheibht’ ag gearan bronach thu,
’S do shron ’an taobh na griosaich.
Cha chaomh leam dreach do lurganan,
Cho dearg le breacan grannda,
Oir gheibht’ an taobh na cagailt thu,
Ri garradh do chuid chnamhan.
Gu’m biodh do chota slaodath riut,
’S do chlaigionn maol gun chomhdach,
’S gu’m biodh do chasan caola, bochd,
Ri slaopadh le cion bhrogan.
Cha’n fhiach gu fior mar iasgair thu,
Gu biathadh dubhain lubta,
’S air-leam gu dearbh nach seoltair thu,
Airson long mhor a stiuradh.
Cha treabhaich finealt fearainn thu,
’S cha’n fhear am measg luchd-ceaird thu
Ach burraidh dur gun bhreithneachadh,
’S gun cheanaltas ’na d’ nadur.
’S a’ mhadainn nuair a dhuisgeadh sinn,
B’e fear mo ruin-s’ an ceile,
A dheireadh suas gu durachdach,
Gu cosnadh cliu us speis duinn,
S’ ann tha mo shuil-s’ a fuireach ris
A’ ghille dhubh bha suairce,
Oir thug mi gaol gu buileach dha,
’S cha’n urrainn mi toirt fuath dha.
Oir b’ fhearr leam duine misneachal,
Ri luidhe sios ’s ag eiridh,
Na slaodair odhar, airsneulach,
’S an leisg ’an deigh a leireadh.
’Sa Dhonnachaidh, thoir a mhointeach ort,
’S na tig ri d’ bheo ’g am iarraidh,
Oir O, cha luidh mi comhla riut,
’S cha phos mi thu—gu siorruith!
Cha ghabhainn fhein an leisgean lom,
Cha ghabhainn fhein fear slaodach,
Cha ghabhainn fhein an leisgean lom,
Gun chrodh, gun fhonn, gun aodach.
Na Ceithir Braithrean.
LEIS AN UGHDAR CHEUDNA.
Bu cheithir braithrean gorach sinn,
Bu bhraithrean gorach og sinn fein,
A dharaicheadh gu ciatach, grinn,
Gun mhoran suim do ni fo ’n ghrein;
Bu tric a thriall sinn raoin us gleann,
Ri ’g iarraidh nead ’s an t-samhradh bhlath,
’S a dhirich sinn ri slios nan beann,
’S an am a dh’ fhalbh ’s nach till gu brath.
Bu tric a sheall sinn fada bhuainn,
A null thar cuan do thirean cein,
’S air-leam gu’m faiceadh sinn ’n ar smuain
Feadh astar bhuan gach tir fo’n ghreim;
An ni nach ’eil, nach robh, ’s nach bidh,
Gu’n saoladh sinn gu direach reith,
Le meud mac-meamna bha ’n ar cri,’
Thug do gach neoni brigh us gne.
Chaidh aimsir seach us dh’ fhas sinn suas,
Ceart mar is dual do’n chinne-daon,
’S bu mhiann leinn triall a nios ’s a nuas,
Air feadh gach beann us cuan us raoin;
Ach caite nis am bheil an triuir
A dh’fhag cho tursach, cianal, m’ fhonn?
Tha h-aon dhiubh sinte sios ’s an uir,
’S an dithist eile m’ brugh nan tonn.
’S an am bu dligheach thriall a h-aon,
’S mo thruaighe, dhaog e fad bho laimh,
Am brathair caoimhneil, gradhach, caoin,
’S am mac bha daonan lan de dhaimh;
’S nuair bhasaich esan rinn sinn bron,
Oir bha sinn dubhach, bronach, tinn,
Ri caoidh le cridhe trom fo leon,
Airson an oigear chaomh bu ghrinn.
Tha h-aon a’ cadal tosdach, trom,
Am measg nan tonn ’s a Chuan-is-iar,
A dh’ fhag sinn uile cianail, crom,
Le iomadh osann trom us deur;
’S tha h-aon ’s a Chuan-a- deas ’na shuain,
A chuir an tuilleadh gruaimean oirnn,
Oir bhathadh e ’an doimhn’ a’ chuain,
Dol timchioll Rudha chruaidh Chape Horn.
An neart an oige, ’s mais’ an dreach,
Gu’n ghearradh iad a tir nam beo,
Mar chraobh ri cuir a blath a mach,
A sgathar sios, ’s nach fas ni ’s mo;
An diugh cho aoidheil, fallain, slan,
Le’n uile ghradh do Thir nam Beann,
’S a maireach marbh ’am measg muir-lan,
’S an lamh air fas cho fuar us fann.
Gu’n dhaog gach parant gearr ’n an deigh,
Oir shearg iad as le meud am broin,
Ni mo a fhuaireadh lus no leigh
A b’ urrainn leigheas creuchd an leon;
Oir dh’ fhalbh a chlann do ’n d’ thug iad gradh,
’S a thug air ais dhoibh gradh ro chaomh,
’S mar sin gu fuar ’s an uaigh gun bhaigh,
Tha iadsan samhach—taobh ri taobh.
B’e sud an lot a rinn mo chlaoidh,
A ghnath bhi cuimhneachadh air cach,
’S na b’ ioghnadh leat gu bheil mi caoidh,
An dream nach till a chaoidh gu brath;
’S gur cianal bha mi ’n diugh ’s an de,
An tirean ceine tursach, trom,
Oir trom gu dearbh bha lamh mo Dhe,
A dh’ fhag mo thaobh ’n an deigh cho lom.
Ach ged nach ’eil ’s an fheoil ach sgail,
’S ar beatha gearr mar oiteag ghaoith,
A shiubhlas seachad, sios, gun dail,
Nuair thig an Bas gun iochd g’ar claoidh;
Gidheadh gu faic sinn saoghal buan,
Us beatha bhuan tre Righ nan gras,
Us coinnichidh sinn ’an ainm an Uain,
’S na Neamhan shuas—gun taing do ’n Bhas.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. agus127 State St., Boston Mass
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichcan fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 3 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 3. %p |
parent text | Volume 8 |