[233]

[Vol . 8. No. 30. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 2, 1900. No. 30.


CLACH NA LANAIN.

LE MRS. K. W. GRANND, GLASCHO.

Fhuair an sgeul a leanas an duais a bairde aig a Mhod Ghaidhealach, an Dun-eideann, air an fhoghar sa chaidh:—

Air an rathad gu Grìobunn, anns an Eilean Mhuileach, mar a théid duine sìos am bruthach leaghaidh ri Loch nan Ceall, tha aig taobh an rathaid ris an làimh-dheis, clach mhòr, ioma tunna an cudthrom. Tha in a seasamhan laraich tighe, cho teann dhinnte eadar na tri ballachans ged a bhiodh iad air an togail a dhaon obair gu taic a chumail rithe.

Nan robh am meall cloiche so air lòn, no air taobh cnuic, theirteadh creig ris; ach air a chuidheachadh mar a tha e, aig bun abhalla chreige as an do thuit e, agus a thag éirigh ioma ceud troidh os a cheann, a chuilbh àrda mar air an gearradh le làimh snaidheadair, chaneil ann achclachann am meudachd no ann an coltas. ’S i so Clach na Lànain, no Clach na Càraid. Chaneil mòran a làthair an diugh aig am bheil cuimhne air an latha air an do thuit achlach a nuas as abhalla uamhoir, achs ann agamsa than t-aobhar gun a leigeadh air di-chuimhne. Tha fada, fada on a thachair e, ach tha na h-uile ni, mar a ghabh e àite fa mchomhair mar gum bann an a bha e. ’S ann a tha na nithe a thachairan toiseach mòige nas soileire fa mchomhair na iadsan a ghabh àiten . Tha leamsa nacheil e ach mar mhìos no dhà on a thàinig acheud bhàta-deathaich a dhionnsuidh ar cladaichean, acur roth nam pleadhan mar gum bann muighe-eich amaistreadh na fairges afàgail rathad-mòr de chobhar as an déigh. Bha mi mu naoi bliadhna dhaois aig an àm, agus bha mi air mo rathad le dìnneir muinntir na buain an uair a thàinig in sealladh. Ach chan fhaodar tòiseachadh air a leithid sin de naigheachd, air-neo cha bhi ùine eachdraidh Clach na Lànain a thoirt seachad; agus a thuillidh air sin, ’s ann aig Cnoc-Mhaolagain as fheudar tòiseachadh.

Chaneil àite air an t-saoghal ri choimheas ri Cnoc-Mhaolagain. Than àite nas gloinne, ’s nas blàithe an sin: than loch nas sàmhaiche; tham fraoch air na cnuic nas truime dath, le badain bhòidheach de fhraoch geal ri fhaotainn thalls a bhosna mheasg; tha fluran-cùbhraidh a mhachair làn meala; agus ma choinneamh tha Eilean-Chalaman. Ma choinneamh tha Eilean-Chalaman: —Calamain nan creag, eòin ghorm nan sgiathan luatha, ’n an ceudan atuineachadh gun eagal fo dhùbhra nan creagan àrda; an sàile aruith a machs a stigh fodhpa, ’s mun cuairt air na sgeirean beaga, abriseadh le ceòl gun sgur. Bann a sin a rugadhs a thogadh mi. Cha dfhàg mi e gus an do phòs mi. Tha cuimhne agam air gach clach is preas, agus air gach oisinn den tràigh far an robh sligean ri fhaotainn; sligean ban-tighearna, toineanan-mara, faochagan mòras beaga de gach dathgeal, buidhe, ruadh, is breacsligean-creachain, feusgain is muirsgiananciod an seòrsa nach robh ri fhaotainnan àite no àiteiginn mu Chnoc-Mhaolagain?

Air son eòin achladaich, cha robh dìth oirnn a thaobh cuideachd le faoileannan is guilbnich, an stoàrnal chlis, na gulmagan, na trodagan-tràghadn an sreithean aruith, mar achlann bheag, a mach ás-déigh nan tonn, ’s ateicheadh a stigh air thoiseach orra.

Air son eòin nan tonn, bha iad gun àireamh; eòin dubha, sgairbh, agus na faoileannan daonnan, mar amadain-léith mhòra, ag itealaich gun chlos os ceann nan tonna barra gheal. Agus aig crìoch an latha bha gathan mu dheireadh na gréine alasadh, le soillse caomh, gach machair is cnoc is eilean, mun rachadh ás an t-sealladh aig oir achuain mhòir. Tha e fìor, co-dhiùbhchreideas sibh e no nach creid, nacheil àitair an t-saoghal coltach ri Cnoc-Mhaolagain!

Bhiodh mu dhusan teaghlaich anns achoimhearsnachd, eadar a h-uile tigh a bhann. Biad sin na coimhearsnaich chaoimhneil, dhìleas; bfhiach iad an t-ainm. ’S ioma teaghlach a gheibhtear an diugh aig nacheil na buill cho aonta, no cho ionmhuinn mu chéilesa bhan grigleachan a bha mun cuairt oirnns an àm sin. Nach ioma deireadh-bhuain aoibhinn, nach ioma Nollaig agus Bliadhn’ -ùr chridheil a chuir sinn seachad còmhla?

Comh-cheangailte ris gach àite, agus ris gach ni a thachair ann am òige, tha ìomhaigh Raonaild aghobhainn. Bha a màthairn a mhaighdinn aig mo mhàthair-sa an uair a phòs i, agus bha de mheas aig mathair air a h-athair-sa nach rachadh en ceann gnothuch cuimeas air bith gun a choimhairle a chur ri Iain Gobhainn.

Bi mo mhàthair-sa a dhionnsuich calanas do Raonaild. Bi a màthair-sa a theagaisg dhomh-sa na baithne dhomh riamh mu bhainne, ’s mu ìm is càise oibreachadh. Mar sin, bha sinn a ghnàths gun tàmhan tighean aon a chéile.

Bha Raonaild cho eutrom iollagach air da chois ri eun air iteig; bha i cho bòidheach ri ròs fhiadhaich an fhàile chùbhraidh a bhan oisinn aghàraidh; bha i cho mireagach ri uan gun lochd. Chaneil uair a thig anail spìosrach na roides an fhraoich a nuas bhar achnuic orm, nacheil Raonaild agus mise còmhla a rithis, abhuachailleachd achruidh air maduinn gheal, Shamhraidh, trang aig acheart àm afigheadh chlogaidean luachair noseòladh bhàtaichean seilisdeir. ’S ann air abhrochan a bham blas anns na làithean sin, an uair a shuidheamaid ga ghabhail air tom aig ceann na dail, ‘Cabhag,’ mo chù laghach, ag amharc as déigh a h-uile làn spàinadhairc a rachadhn ar beòil, agus acur a spòg mhòr air ar glùn an dràsd’ ’s a rithis air eagal gun -chuimhnicheamaid achuid-san. Chaneil uair a chi mi cléiteagan geal achainichein am measg riasg is luachair, agus fraoch na mòintich lechopain mòra céireach làn meala, mar bhrat air an làr, nacheil Raonaild is mise dol don àite-mhòine le biadh nan daoine a bhaig an obair leinn, —bonnaich choirce, uibhean, mulachag ùr chàise, ’s chaneil fhios de tuilleadh.

Dhfhàs Raonaild a suas cho sùbhailte ri slait sheilich, agus cho dìreach ri cuilc nan lochan. Cha do chuir iad mulad orm ach an aon uair riamh. Bha sinnuair a shaoil leam gun robh i dol a roghnachadh coigreachan àite aoin de mbhràithrean. Tha mig ràdh h-aon diubh, a chionn bha i-féin agus mo dhara brathair, Gilleasbuig, ’n an sàr chompanaich, agus cha robh mòran obair idir aice féin agus Iain ri chéile, ach bha en aon rud leamsa dhiubhgheibheadh còir oirre, ged a bha leam gun robh am fear a bòige tuilleadhs coltach rithe fhéin. ’S ann mar so, matà, a chuir in iomaguin orm gud caillinn iagus dhfhaoidte gum be sin a bfheàrr dhise seach mar a thachair. Bhiodh Raonaild mu naoi-bliadhndeug, agus mise beagan na bòige, an uair a thàinig peasan de thàillear a nall a Latharna meadhonach, a chur a suas obair air a làimh fhéin beagan astair uainn. Bhan duineachan sparasach, pongail gu leòir, ach cha robh ann ach an gasan; bfhiach lùdag Iain againne a choluinn gu h-iomlan.

Cha robh an tàillear fadas an àite an uair a thòisich e ri tighinn cuid den rathad as an eaglais le Raonaild is leamsa, agus gu goirid ghabh en dànadas tighinn air chéilidh do na tighean againn. Bu ghasda le Raonaild caigechumail ris, agus chumadh i-féins Gilleasbuig an tàillearan gleus, ach bha daonnan rud-éiginn aig Iain ri dheanamh a machs an t-sabhal aig gu a leithid sin de àm, agus air mo shonsa dheth, bu leòir facal a chur a stigh an dràsds a rithis, a chionn cha robh feum orm.

Chaidh nithean air adhart mar so achuid a bu mhodha den Gheamhradh. Ach air lathabhan sin, thuirt Iain ruinn aig an tràth maidne, “Faodaidh sibh a ràdh ris an tàillearnuair a thig en nochd, mo thomhas-saghabhail air son deise ùr. Chuala mi gun robh feum acair cìobairan Griobunn, agus tha mi air an àite ghabhail an diugh.”

Sheall sinn uile air a chéile mar gun do thuit mi-fhortan air an teaghlach, gus an dthuirt mo mhàthair gu sàmhach, “Tha fios nach fhaod fiughair a bhi againn ri bhi daonnan còmhladh, agus rinn thusa seasamh gu duineil ri dchuideachd gus a nis. Chan iongantach ged a thòisicheas tu ri amharc a mach air do shon-féin a nis, a laochain; ’s chan fhaod sinnebhi tuilleadhs muladach, ’s ann is fheudar do mhisneachadh, agus guidhe gu math dhuit.”

Cha burrainn gin againn àicheadh nach robh an fhìrinn aig ar màthair. Air a shon sin bha sgail air tighinn thairis air an dachaidh, a chionn cha bhiodh e gu bràth mar a bha e, as-eugmhais Iain. Air an latha sin féin chaidh snath stocainean a chur air leth air son tòiseachadh air gach ni feumail adheanamh deas; agus anns an fheasgar, thàinig an tàillear, agus ghabh e tomhas Iain gur chur thall no bhos. Bha Raonaild a làthair an uair a ghabh so àite. Sheall i le spleadhnas o aon gu aon, ach cha dthuirt i facal. Cho luaths a fhuair i mise leam fhéin chuir icheisd gu h-ealamh, “Ciod a thair tighinn thairis air Iain gum



[234]

[Vol . 8. No. 30. p. 2]

bheil e air gabhailn a cheann falbh a dhaon bheum mar so?”

Chan urrainn dhomhsaràdh.”

“ ’Bheil sin aciallachadh nacheil toil agad a ràdh?” dhfhoighnich Raonaild a rithist.

Cha dthuirt e diog ma dhéighinn gus an diughs a mhadainn,” fhreagair mi. Chum Raonaildn a tosd.

Thill sinn a stigh don chitsin, far an robh eàch. Bha iad abruidhinn mu dhorchadas na h-oidhche, oir bha ceò domhail ann, agus bhan tàillear adeanamh bòsd as a mhisneach féin, ag ràdh gu daingean gun robh e os ceann geilt a ghabhail ged a sheasadh duine air thoiseach air air a rathad dhachaidh gu a sporan no a bheathathoirt uaith.

“ ’S math dhuitse nacheil eagal gun tachair sin!” arsa Raonaild, “Chaneil fhios nan tachradh nach toireadh tu do shàiltean ás glé luath.”

Air sin, dhfhàg an tàillear oidhche mhath againn, agus dhfhalbh Raonaild beagan as a dhéigh.

“ ’Illeasbuig!” arsise, “thig thusa dhionnsuidh an doruis againn leam; cumaidh tu na bocain air falbh an deigh na bha de bhruidhinn orra!” agus chaidh iadn an dithis a mach.

Bhiodh mu sheachdain air dol thairis mn do thill an tàillear. Tuilles aon uair thuirt sinn richéile, “Chaneil fhios ciod a thair tighinn ris an tàillear!” Uair no dhà, an uair a thàinig sinn a mach leis so, dhamhairc Raonaild agus Gilleasbuig air a chéile, agus thigeadh Gilleasbuig a mach le spreadhadh gàire. “Aoidhur n-uilc oirbh!” arsa mathair, “tha rud-eiginn eadar sibhsenur dithis mun tàillear ciod air bith e?”

Cha do thuig sinn an gnothuch gus an do thill an tàillear le deise Iain deas glan. Bha sinn amharusach gun robh ni éiginn ceàrrnuair nach dthainig e feadh na seachduin, agus ged nach robh aig mathair is mo mhàthair air, dhfheoraich iad dheth gu caoimhneil ciamar a bha e on a chunnaic iad roimhe e.

Nach cuala sibh diog?” dhfharraid an tàillear.

Cha chuala,” arsa mathair, “an robh dad air aimhreidh?”

Nach deachaidh mo robadh de msporan, agus mo bheatha a churan cunnart!”

Dhasluich sinn air a h-uile car innseadh.

Cha robh mi ach mu mhile as a so, agus dìreach air an taobh so den Aonaidh, an uair a thàinig duine mòr àrd a mach a chùl na creige, agus leis an dàg ri clàr maodainn thug e òrdugh dhomh mo sporan a liubhairt, air-neo mo bheatha a chur an cunnart. Cha robh a chridhe agam carachadh, mun rachad am peileir tromham; mar sin cha robh dol as achàs, agus thug min sporan don bhéist.”

Thug misen aire gun robh Gilleasbuig thall an dùbhra na h-oisinn acall a lùthais agaireachdaich, ach bha Raonaild gu dùrachadh afigheadh a stocaidh.

ris a bhan duine coltach,” dhfheoraich i den tàillear.

Bha i tuilleadhs dorcha ga dheanamh a mach, ach cha chreid mi gur e duine de mhuinntir an àite sobhann; bha e cho caol àrd; bha cleoc air cuideachd agus chan aithne dhomh duine mun cuairt an àite aig am bheil cleòc ach fear an tighe so.”

Chaidh Raonaild a mach car prioba, agus thill i le cleòca mathair oirre agus boineidIlleasbuig. ’Na làimh bha marag dhubh a dhionndrain mo mhàthair on mhaide air an robh sreath dhiubh an crochadh.

An e so an seorsa duine a thug do sporan uait,” dhfharraid Raonaild, acur an sporain air abhord air a beulaobh.

Spleuchd an tàillear oirre car mionaid, an sin thog en sporan agus dhfhalbh e ann am feirg amaoidheadh gun toireadh e gu cùirt i air a shon so fathast.

Ach bha aon eile a làthair a chum a theanga, ged a lasaghaidh a suas le gàire mear. Be sin Iain. Mun dfhalbh e bha e-féin agus Raonaild ùine fhada abruidhinn ri chéile, agusse thainig a mach as a sin nach bann idir gu muladach a dhfhàg e beannachd againn. Fhuaìr e gealladh o Raonaild gun rachadh i gu bhin a bean-tighe dha cho luaths a bhiodh e deas air a shon sin, an àite bhi dol a mach le marag dhubh gu daoinerobadh air an rathad-mhòr.

An uair a tha daoine trang, toilichte théid an ùine seachad gu math luath. Mu bliadhna-gu-leth an déigh do Iain ar fàgail, bha e air a dheadh shuidheachadh aig Griobunn agus brath aige air tigh. Cha robh grabadh air thoiseach air achàraid òig, mar sin chaidh an còrdadh a dheanamh, agus latha na bainnseshocruchadh.

Bha h-uile duine mun cuairt toigheach air an dithis, agus cha robh caomhnadh air cearcan, no tunnagan, no caoraich. Chaidh uibhirs a dhfhoghnadh air son bhanais a thaomadh a stigh le làimh nan coimhearsnaichach chaneil feum air so innseadh, oir tha fhios aig an t-saoghal air caoimhneas nan Gáidheal aig àm den t-seòrsa.

Tri latha roimh àm na bainnse chaidh mise null gu Airdioura, ann an I Chalum Chille, a dhfhaicinn bana charaid a bhadhith oirnn gu ar cuideachadh. Chaidh sinn còmhla a null gu ceann an eilein, a dhionnsuidh na tràigh do ghainmheach gheal mhin far am faightear na clachagan bòidheach uaine, air am bheil uibhir mheas an diugh le luchd-taghail. Ag amharc am mach air achuan. thug min aire gun robh Tiriodh mar gun robh eg éirigh as an fhairge. A nis, tha Tìriodh cho iosals gum bheil e duilich a thogail ri sid mhath shoilleir, mar sin chuir e iongantas orm na ceithir cnuic iosal fhaicinn cho dealbhach. “Sealla Bheitidh!” ghlaodh mi, “tha Tiriodh ag éirigh as an fhairge!”

Misen diugh!” arsa Beitidh, “am faic thu na tha de sgeirean ag éirigh aig oir achuain, agus na tonnan geala man timchioll?”

Am feadh a bha sinn acoimhead orra thòisich uidh-airn-uidh coltas an éilean ri bhi air a dhealbh, ’n a sheasamh air a cheann anns an speur, thairis air an fhìor éilean. An sin, uidh airn-uidh mar a thàinig e, bhris e suas, agus aig acheart àm dhfhalbh na sgeirean as an t-sealladh, agus bha Tìriodh cho iosals a bha e riamh!

Ciod is ciall da so?” thuirt mise le uamhas.

Bfheàrr leam fhéin gun robh abhanais thairis!” arsa Beitidh.

Dhfhalbh sinn dhachaidh, agus chaidh Beitidh leam gu Cnoc-Mhaolagain. Dhfheuch sinn an drùghadh a rinn an sealladh oirnn a thilgeadh dhinn, ach thug mo mhàthair an aire nach robh sinn uile-gu-léir cho cridheils a bu choir do mhuinntir bainnse a bhi. Dhinnis sinn di an sealladh a chunnaic sinnn ar seasamh air an tràighan I.

So, a dhuine,” arsi ri mathair, a thàinig a stigh le bràid a bha edol a cháradh. “an cluinn thu ciod a tha na h-ingheanan so ag ràdh?” agus dhinnis i dha an sgeul a bhagainn á I.

Bàill leam fhéin gun robh abhanais thairis!” thuirt Beitidh a rithis.

Bfheàrr leamsa sin cuideachd,” fhreagair mathair le fiamh-ghaire, “achs ann a chionn gur fhior chomharradh stoirm a chunnaic sibh. Tha fèith mhòr anns na lathan so, ach an uair a bhriseas air an t-sid thig gaillionn gur ainneamh a leithid. Ach tha sinn an laimh aCruithfhear.”

Mar so chaidh an gnothuch seachad. Air a shon sin rinn e uibhir dhrughaidh air mathair, agus air Iain Gibhainn, gun drinn iad gach sìon ullamh, los nach biodh grabadhs an rathad, gu muinntir fhaighinn sabhailte dhachaidh nan tigeadh briseadh air an t-sid. Ach chaidh gach ni gu réidh air adhart, agus aig an aon àm bhaghaillion abagradhs adlùthachadh.

Mu dheireadh bham pòsadh thairis, agus bha achàraid òg le buidheann de na càirdean deas gus rathad a ghabhail gu Grìobunn. Chaidh na beannachdans na guidheachan math fhágail air gach taobh an uair a thill Iain a dhionnsuidh an doruis, far an robh ar màthairna seasamh; rug e air làimh oirre, agus chaidh iad a stigh don tigh.

Ciod a dhfhairich thu, Iain?” dhfharaidh mo mhàthair.

A mhàthair,” arsesan, atoirt dheth a bhoineid ghorm, agus acromadh air thoiseach oirre, “ged a tha mifalbh gu sona riaraichte dhachaidh, tha mulad ormur fàgail; thoiribh dhomh bhur beannachadh!”

A mhic.” fhreagair a mhàthair, lesùilean làn, agus aleagail a làmh air a chamagan dubha mar gum ghiullan e. “tha mo bheannachadh agad daonnan. Thoir duan geal dhachaidh as a nead ghlan, agus gun robh beannachadh an Thighearna, agus mo bheannachd-sa agaibh a ghnath.”

Mar so dhealaich iad.

Chaidh na càirdean leo a dhionnsuidh an doruis aca, agus dhfhalbh gach aon da thigh féin. An sin bhris an doinionn.

Aig feasgar an ath latha thàinig Dòmhnull MacIlleathain, aon de choimhearsnaich Iain a Grìobunn thun an doruis againn. “Thigibh a stigh, thigibh a stigh, ’s eur beatha tighinn!” ghlaodh mathair gu cridheil.

Am faca sibh Iain is Raonaild an diugh?” ghlaodh mise. Ach dhfhan an duinen a thosd.

Ciod a thtachairt?” dhfharraid mo mhàthair le ciùinead, ged a bhan iomagainn a sùil.

An uair a dhéirich sinn an diugh, ’s a chaidh sinn a mach, chunnaic sinn gun do thuit meall mòr a nuas on chreig”—

Càite?” —bhris o bhilean Ghilleasbuig.

Air tigh Iain.”

Ach ciod e sin ma tha iad fhéin sàbhailte. Ciod a thachair riu fhéin?” dhfhoighnich ar màthair.

“ ’S ann feadh na h-oidhchethachair don mheall tuiteam,” fhreagair Dòmhnull.

Cha robh feum air tuilleadh a ràdh!

Chaidh fios a chur air amhinisteir a phòs acharaid òg. Rinn sinn a réir a chomhairle. Mhair an stoirm trì laithean. Thainig fèith anabarrachn a dhéigh. Thrus an dùthaich còmhla a chum seirbhis an tiodhlacaidh. Thàinig an sluaghn am buidheannan o gach cearn, leis aphìob air an ceann. Cha bu lugha na naoi no deich piobairean a sheas am meadhon an t-sluaigh air an latha sin, agus an uair a dhùisg iad mac-talla aghlinn leCha till, cha till, cha till mi tuilleadh,” theirteadh gum biad guth broin nam beanntas achuain, seadh na gréine féin, acaoidh na dithis nach tilleadh gu bràth a chur aoibhneas air cridheachan nam muinntir a dhfhàgadh as an déigh.

Labhair am ministeir o na briathran, “Bha iad gràdhach agus taitneachn am bàs cha do sgaradh iad.”

Cha robh sùil thioram anns achomh-chruinneachadh mhòr sin, agus dhfhàg sinn Iain agus Raonaild an sin, far an dadhlaic an Tighearna iad.

Bhon latha sin gus an diughs ainm don mheall cloiche sinClach na Lànain,” ’s e sin Clach na Càraid Oig.



[235]

[Vol . 8. No. 30. p. 3]

DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. V.

Air an fheasgar sin fhein thàinig abhantrach a rithist far an robh Muruchadh don bhùthaidh.

Is e chuir a nall mi,” arsise, “feuch am faighinn am mach ciod a than ur beachd an uair a thill sibh abhò dhachaidh le Domhull. Thuirt e rium gun diarr sibh orm a gleidheadh gus an cuireadh sibh fios ga h-iarraidh. Tha eagal orm nach dthug e ugam an teachdaireachd cheart.”

Is ethug, a Mhor. Agus gun tuilleadh a bhith mu dheidhinn aghnothaich, cum thusa agad abhò, agus biodh a math agad fheins aig achloinn gus an togair mise curga h-iarraidh. A nis, ma chluinneas mi an corr ma deidhinn, fàsaidh mi cas riut. Cuimhnich sin.”

An uair a chuali so, dhfhàs a h-aodann dearg mar gum biodh athadh oirre, oir dhaithnich i air guth Mhuruchaidh, nach robh iarraidh sam bith aige air an corr a chluinntinn mun chùis.

Cum Domhnull anns an sgoil, ma dhfhaodas tu,” arsa Muruchadh. “Tha coltas glé thapaidh air, agus ma gheibh e bliadhna no dhà anns an sgoil, théid mi an urras gun cothaich e e-fhein glé mhath ge be àite anns an tachair dha bhith.”

Tha e mar as trice anns an sgoil fad agheamhraidhs an earraich, agus ged a tha trì bliadhna on a chuireadh innte e, tha amhrus agam nach dionnsaich e mòran fhathast. Ghabh e gràin air an sgoil. Tha am maighstir-sgoil gu math tric agabhail air. Chaneil mise an aghaidh dha Domhull a chumail fo smachd; is mi nacheil. Ach tha amhrus agam gum bheil e ro throm air buileach, glan. Cha be Domhull fhein a dhinnis so dhomhsa idir, ach na sgoileirean eile. Chaneil Domhull deònach aideachadh gum bheil am maighstir-sgoil abeantail dha. Agus ged a rachadh a leith-mharbhadh, chan aidich e gun do ghortaicheadh e, agus cha tig deur air a shùil. Tha so atoirt air amhaighstir-sgoil a bhithsmaointean gum bheil mòran den raigeanns den droch nàdar ann,” ars a bhantrach.

Sin agad acheart dòigh a bhaig na maighstirean-sgoile an uair a bha mise òg. Ach an àite math a dheanamh mar a bha dùil aca, is ann a bha iad adeanamh cron mòr. Cha chuirear ciall, no gliocas, no idir ionnsachadh, ann an cloinn le bhìthsìor ghabhail orra. Is ann a thogas e gu fìor dhroch nàdar iad. Ach feumar an cumail fo smachd. Tha dealachadh eadar ciall is caothach. Bu chòir dhutsa, ’Mhòr, a dhol a bhruidhinn ris amhaighstir-sgoile, agus a radh ris, nach bu chòir dha bhith cho fìor throm air a bhithgabhail air Domhulls a tha e,” arsa Muruchadh.

Cha leig an nàire leamsa a dhol far am bheil e, no aon fhacal a ràdh ris. Tha e cho frithirs cho danarras nach leig an t-eagal le daoine bochda mar a tha mise am beoil fhosgladh ris. Chan eil fhios agamsa nacheil daoinecur nam breug air. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith orm ged a bhiodh e iomadh uair glé chas. Dhfheumadh duine aig am bheil ri bhithcumail làn taighe de chloinn ghòraich an òrdugh a bhith glé fhoighidneach gun teagamh. Chaneil agam fhein ach an ceathrar, agus bheir e mo dhìol dhomh iomadh uair cumail air mo nàdar. An uair a smaoinicheas mi air so, their mi rium fhein, nach bu chòir do dhaoine a bhith cho deas gu coire a chur air amhaighstir-sgoile, ged a gheibheadh a nàdar cas làmh-an-uachdar air uair is uair. Ach is ann do bhur leithid fhein, a Mhuruchaidh, bu docha am maighstir-sgoile cluas a thabhairt. O nacheil clann agaibhs an sgoil, tha mismaointean gun gabh e comhairle uaibh nis luaithe na ghabhadh e i o mo leithid-sa.”

Faodaidh mise comhairle a thoirt air, a Mhòr, ach tha amhrus agam nach e taghadh na taing agheibh mi uaithe. Tha e tuilleadh is mòr as fhein gu comhairle duine sam bith a ghabhail. Chan e h-uile fear a tha deònach comhairle a ghabhail, eadhon ged a be fìor charaid a bheireadh air i. Mar a than sean-fhacal ag radh, ‘Comhairle caraid gun iarraidh, cha dfhuair i riamh am meas bu choir dhi.’ Ach bheir mise comhairle air, agus mur gabh e i, cuireadh e cùl rithe. Mur fheairrde esan a faotainn, cha mhisde mise a toirt seachad.”

Deanaibhse mar a chi sibh fhein iomchuidh. Ach tha e glé dhuilich leamsa Domhull a bhithcur seachad na h-ùine fo ainm a bhith anns an sgoils gun e deanamh feum sam bith innte. Chan fhada is urrainn domhsafhagail innte co dhiubh. Feumaidh edhol a dhionnsuidh achruaidh-chosnaidh an ùine gun bhith fada, agus mur téid aige air beagan sgriobhaidh is leughaidh is cunntais a dheanamh, cha bi aige ach an dubh-chosnadh a h-uile latha ribheò.”

Is iomadh fear a fhuair sgoil is ionnsachadh nach drinn mor-fheum leotha dha fhein no do dhaoine eile. Ach air a shon sin, is fheairrde gach aon sgoile is ionnsachadh fhaotainn. Ged a bhiodh tùr is tuigse, agus sgoil is ionnsachadh aig fear, cha mhòr is fheairrde e iad mur cuir e gu buil mhath iad.”

Tha sin fìor gu leòr, a Mhuruchaidh. Ach cha bu chòir dha sinn a thoirt oirnn leigeadh le ar cloinn fàs suas ann an aineolas. Ma bheir sinne dhaibh an ceartas air am bheil còir aca, bidh dòchas againn gun dean iad feum math dheth. Ach faodaidh ar dòchas a bhith air a mhealladh.”

Tha thu glé cheart, a Mhòr. Nam biodh uiread de thoil aig pàrantan eile sgoil a thoirt don cloinns a thagadsa, bhiodh cùisean mar neacheil iad.”

Feumaidh mi bhith falbh dhachaidh, a Mhuruchaidh. Chaneil a staigh ach achlann leotha fhein. Chaneil fhios nacheil iad air an losgadh an dràsta. Bithibhse, mas e bhur toil e, acumail sùil air Domhull, agus atoirt comhairle na còrach air cho trics a dhfhaodas sibh. Ciod sam bith mar a ena dhéigh so, bha e umhail gu leòr dhomhsas dhaathair roimhe so. Ma fhreagras e dhuibh, bheir sibh comhairle air amhaighstir-sgoile gun e bhith cho tric agabhail air Domhull.”

Na biodh eagal ort, a Mhòr, nach dean mise nas urrainn mi air do shon fhein, agus air son do theaghlaich. Cùm thusa suas do mhisneach. Is goirid gus am bi achlànn laidir gu leòr gu cuideachadh a dheanamh leat. Cha mhòr feuma ni duine sam bith dha fhein no do dhuine eile ma chailleas emhisneach. Cuiridh Dia ort na dhfhoghnas dhut, mar a chuir e ort gus an lathan diugh. Tha e air innseadh dhuinn, gur e Dia athair nan dilleachdan, agus fear-taighe nam bantrach. An uair a bheir e aon uainn, bheir e dhuinn eile. Nan tugamaid fa near e, is ann a chum ar leas a tha Diag ar fiosrachadh le trioblaid, bròn, agus bàs. Mar as trice, cha bhi daoine toilichte leis na h-atharraichean a thig air ann crannchur; ach thig a h-uile a bheir Dian ar rathad a chum ar leas air acheann mu dheireadh, ma bhios sinn umhail, agus toileach cur leis gach a bheir e dhuinn.”

Am feadhs a bha Muruchadh a labhairt nam briathran so, bha na deòir asileadh gu frasach o shùilean na bantraich. Cha robh e an comas dhi aon fhacal a ràdh. Shin i a làmh dha, a dhfhagail beannachd aige, agus dhfhalbh i.

An ceann mionaid no dhà an déis dhi dhol am mach as abhùthaidh, chuimhnich Muruchadh gun robh e air an inntinn aige, an àm dhabhith bruidhinn rithe, iarraidh oirre tighinn a dhiarraidh sam bith a bhiodh a dhìth oirre; ach an uair a thug e an aire gun robh i mar gum biodh a cridhe gu bristeadh le bròns le mulad, dhfhalbh an smaointean bhar na h-inntinn aige. Chaidh e am mach as abhùthaidh an dùil gun robh i dlùth gu leòr dha gu eigheach as a déigh; ach bha i air a dhol as an t-sealladh air chùl achnuic mhòir. Thill e steach, agus thuirt e ris fhein, gum bfhearr dha dhol a null don taigh aice air an fheasgar sin fhein, agus fios fhaotainn an robh abheag de bhiadh aice astaigh. On a be oidhche Shathurna bhann, cha dfhuair e am mach as abhùthaidh gus an robh greis den oidhche air a dhol seachad. Bha taigh na bantraich pailt da mhìle uaithe, nan leanadh e an rathad mòr; ach on a bhan t-side tioram agus aghealachn a h-àirde, ghabh e tarsuinn an t-sléibhe. Chuir so pailt leth mhile den astar a staigh ris.

An uair a ràinig e an dorus, sheas tiotadh beag, ’s gun e ro chinnteach co dhiubh bfhearr dha bualadh idir. Dha fhios aige, nam buaileadh e, gun saoileadh abhantrach gur e coigreach air choireiginn a bhann, agus gun cuireadh i am biadh as an t-sealladh; oir thuig e air abhruidhinn a bha e cluinntinn, gun robh aclann aig an suipeir. Ghabh e steach, agus thuirt e, “Tha sibh aig an t-suipeir.”

Be sin an t-suipeir bhochd. Bhan clàr buntàta an taobh shìos den teine, agus fòd mònadh fon iomall a bfhaide on teine dheth, a chum gum faiceadh achlann am buntata ni bfhearrr le solus an teine; oir cha robh an corr soluis a staigh. Bhan ceathrar chloinnen an suidhe air fòidean monadh timchioll achlàir, agus ann am meadhain achlàir bha trinnsear anns an robh làn an dùirn de shalann. An uair a rùisgeadh iad am buntàta, bha iadga thumadh anns an t-salan.

Cha robh abhantrach aig achlàr buntàta idir. An uair a chaidh Muruchadh a steach bha in a suidhe ri taobh an teine, a bhois ma sùilean agus a h-uillean air a glùinean. An uair a chuala i a ghuth, thog i a ceann, agus bha dreach achaoinidh air a h-aghaidh.

Thiormaich i a sùilean leh-aparan, agus thuirt i, “Deanaibh suidhe.” Nach anamoch a ghluais sibh on taigh?”

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXVIII.

Bha Asad aig an am air a ghlasadh ann am priosan fuar dorcha, ceangailte le geimhlean troma. Bha Bostama agus Cabhama agabhail dha gu doirbh le slait.

S an am bha feusd luchd-aoraidh an teine atarruinn dluth, agus bha longg a faighinn deiseil gus a dhol gu ruige nam beanntan teine mar bu ghnath. Be ainm an sgiobair Behram, fear a bha gle eudmhor air son achreidimh. Chuir e luchd bathair innte; agus an uair a bha e deiseil gu seoladh, chuir e Asad ann an ciste, a bha leith lan de bhathar, agus dhfhagadh beagan fosglaidh air achiste gus cothrom a bhith aig Asad airanail a tharruinn, air eagal gum faigheadh e bas. Chuireadh achiste ann am fior ghrunnd na luinge gus a bhith na bu shabhailte.

Mun do sheol an long, chual

(Air a lenntuinn air taobh 238.)



[236]

[Vol . 8. No. 30. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 2, 1900.

Cluinnear ann an caochladh chearnan den t-saoghal glaodh mor a dol suas nach eil coir no ceartas air taobh Bhreatunn anns a chogadh a tha aice ri Dùitsich Africa a Deas. Theirear ann an Ruisia, anns a Ghearmailt, anns an Fhraing, agus, eadhon anns na Stàidean, gur ann a tha Breatunn a cogadh ri coi-fhlaitheachd bhig nach eil ciontach de ni sam bith ach a bhi feuchainn ri a còraicheansa saorsa a dhion. Mas fhior dhaibh gu bheil Breatunns an eucoir, ’s nach eil i ach a gabhail cothrom an duìne mhoir air an duine bheag. Is gann gu ruigear a leas a radh an aghaidh sin, ach, ma tha e fior, gu bheil atharrachadh mor air tighinn air Breatunn. Chan aithne dhuinne no do neach eile gu robh rioghachd no cinneach ann riamh o thoiseach an t-saoghail a rinn uiread fala dhòrtadh agus airgid a chosg air son saorsa agus math a chinne-daoine air fadsa rinn Breatunn o thoiseach na linne so fhein. Tha e ri fhaicinn gu soilleir air feadh na Roinn-Eorpa fhein gu bheilear ag amharc air Breatuun mar an aon rioghachd mhor a tha deònach ceartas agus saorsa fhaicinn aig rioghachdan eile. Tha rioghachdan beaga na h-Eòrpa gu tric fo eagal gum bi iad air an slugadh suas le aon te no te eile de na rioghachdan mora; ach chan eil eagal sam bith dhen t-seòrsa sin aca romh Bhreatunn: tha fhios aca an aite sin, gun seas i iad an am na h-eiginn. Tha fhios aig na rioghachdan mora air sin a cheart cho math riutha, agusse fhios a bhi acair a chum iad cho fada o an rùintean sanntach a chur an gniomh. ’Si Breatunn bu mheadhon air an saorsa thoirt do àireamh de na rioghachdan beaga than diugh a mealtuinn saorsa agus fein-riaghladh ann an cùilteans an iomallan na h-Eorpa. Agus tha Breatunn afaotainn a chliù sin uapa; ann am pàrlamaid na Gréige a chionn ghoirid, labhair am priomhair mu chogadh an Transvaal, agus dheirich gach duine bhasan t-seomar na sheasamh a glaodhaich, “Dhia, gleidh Breatunn!” Nam biodh e air a cheadachadh le lagh nan rioghachdan, ghabhadh reiseamaid no dha togails a Ghreigs an eilean Chrete, gu dhol a chogadh air a taobh, a cheart cho soirbhsa chaidh an togail an Australiasan Canada. Chan eil Breatunn acogadh an aghaidh còir no ceart; tha chòirs an ceart air a taobh, agus aidichear sin leothasan a than diugh ag radh nach eil, nuair a thig an t-am anns am bi an cogadh seachad agus a bratach dhearg a snamh thairis air an Transvaals air Africa a Deas gu h-iomlan, àm nach urrainn a bhi gle fhad air falbh.


Litir a Ceap Nor.

Nach math a dhfhaodas sinn a radh gur ann againn a tha geamhradh an aigh! Chan fhaca aon dheth na daoine as sinen ar measg riamh a leithid. Gus an àm so cha do chuir aon chuid reothadh no stoirmean a bheag do dhragh sam bith oirnn. Am beagan sneachd a bhagainns ann a leagh e air falbh o chionn ghoirid, a togail nan aimhnichean nas airde na chunnaic sinn iad o chionn iomadh bhliadhnthar fhichead.

Cha do leig iasgairean Acarsaid Neil seachad iasgach an truisg gu deireadh na seachduin sa chaidh. Cha robh an t-iasgach math sam bith o chionn a dha no tri mhiosan; agus mar sin tha cuid dhiubh-san air bheagan buntàta, agus cuid againn air bheagan eisg, air son a gheamhraidh. Mar as mo a ghlacas iadsan de iasgs ann as modha bhios a mhalairt eadar iad fhein agus tuathanaich an aite so. On tha Acarsaid Neil mu leitheach slighe eadar an t-aite so agus Ingonish, ’s gann a ni duine dolus tighinn le each a slaodadh sleihge luchdaichte, ri latha goirid geamhraidh. Mas bochd a dheanadh sinne as eughmhais nan iasgairean ud, is co bochd as sin a dheanadh iadsan an gnothach as ar n-eughmhais-ne. ’S gann gu bheil gne toraidh sam bith a tha ar fearainn agiulan, mar tha buntàta, sneupan, cal, coirce, feur, &c ., nacheil sinn a slaodadh dan ionnsuidh gach bliadhna, cho math ris gach seorsa feola bhios againn.

Mu thoiseach a mhios so, thainig Seumas Mac Leoid, a St. Anns, a thoirt seachad nan uidheaman nighe, uidheaman fàsgaidh, &c ., dhoibh-san a thug dha an ainmean air an son deireadh an fhogharaidh sa chaidh. Ged bha sinne am beachd gun robh na h-uidheaman nighe a bhagainn adeanamh, chan e mhain deadh nigheadaireachd, ach mar an ceudna iomgdh obair fheumail eile, rachadh aig Seumas air a dhearbhadh oirnn a thiotadh nach robh sinn a toirt ceartas dhoibh, agus le comhnadh nan uidheaman aige-san gum biodh gach obair eile na beutruime air gach aon diubh. Dhfhan e maille ruinn gu deireadh seachduin nan coinneamhan-urnuigh, a treorachadh na seinn, ag earalachadh an t-sluaigh, ’s mar sin ag aotromachadh saothair a mhinisteir agus a toirt toileachaidh nach bu bheag don luchd-eisdeachd.

Faodaidh mi innse nach robh càs den amhach ghoirts an aite so o chionn fhada, ’s tha dochas againn nach eirich in ar measg nis mo. Tha aireamh bheag tinn le euslaintean eile; ’s tha sinn toilichte gu bheil cuid dhiubh adol am feabhas, ach duilich a bhi faicinn cuid eile a dluthachadh ris a bhàs. Ged is tric a bhios daoine than deadh shlàinte, a cur a bhàis fad air thoisich orra, cia minic a tha cuid dhiubh air an gearradh air falbh gu h-obann, am feadhs a tha cuid dheth na h-euslaintaich air an caomhnadh gu fior shean aois.

M. D.
Ceap Nor, Ian. 24, 1900.


Mu Imrich nan Eun.

Seadh is aithne don chorra-bhàin anns an athar a h-àm fein, agus is aithne don choluman, agus don ghobhlan-ghaoithe am an teachd.” —Ieremiah.

Chaneil e comasach smuaineachadh air an tuigse nàduir a bhuilich Dia air na h-eunlaith, gun bhi air ar lionadh le iongantas, agus de gach tuigse tha aca, chan eil ni is aithrigh air beachd, na mar theid cuid diubh o thir gu tir air àmaibh sonraichte. Ged a tha iomaduidh seòrsagainnsan t-sàmhradh cha mhòr a dhfhuirgheas againn fad a gheamhraidh. Cha luaithe a thòisicheas am fuachd ri teachd na dhfhalbhas a Chuag, an Golan-gaoithe, an Liath-truisg, a Chorra-riathach, agus iomad seòrseile. Itealaichidh iad air falbh do dhùthchaibh is ferrr a fhreagras doibh. agus anns an am cheudna thig eoin eile oirnn o rioghachdaibh is faide mu thuath nan dùthaich againne.

Tha ni ro chomharaichte san imrich so. ’Se cheud ni gun tuigeadh na creutairean sin an t-àm is freagarraichte dhoibh gu falbh agus gu tighinn; agussen ni eile, gum biodh fhios aca caitem bu chòir doibh dol, agus ciod an t-slighe bu chòir dhoibh a ghabhail. Tha e air a thuigsinn gu bheil aig eoin na h-imrich so sgiathan, agus cumadh a tha gu h-àraidh freagarach arson dol air astar fada. Agus tha e ro-shonraichte gu bheil iad air na h-àmalbh so aleige ris gliocas agus riaghailt a tha cur mòr ìoghnadh oirnn. Mhothaicheadh ann an cuid de Dhùthchaibh gun cruinnich iad nan sgaoithibh lionmhor as gach cearnaidh den tir, ann an àiteachaibh fa leth a réir an gné, beagan ùine man gabh iad an turus, mar gum biodh iad adeanamh suas ri cheile man àite chum an robh iad adol; agus falbhaidh iad an sin le aon fheachd, agus gun sdiuir gun chòmbaist san oidhche dhall dhorch, thairis air chuantaibh, agus riaghachdaibh, do na dùchaibh is iomallaiche. Tha turus nan Giadh agus nan Tunnaga fiadhaich, aithrigh air beachd sonraichte. Falbhaidh iad nan shreith acoinneachadh air an toiseach, mar gum biodh geinn ann. Than t-aon is toisiche agearradh an àile do chàch; ’s an uair a bhios esan agus an dithis a tha na dhiaigh sgìth, theid iad a chum an deiridh, agus gabhaidh triuir eile an aite. Tha e air a mheas gu bheil cuid diubh so a ni cheud mile an aon , ’s gun a bhi air iteig ach sèa uairean.

Ann an imrich so tha maitheas agus freasdal De ro-shoilleir. Nach furasd fhaicinn a chaomh thròcair dhoibh ann an solar lòin, air an son agus gan sdiùradh far a bheil so ri fhaotainn, ’nuair tha e faillneachadh orra an àite eile. Tuigeamaid uaithe so gu bheil gach ni ann an rioghachd an Uile-chumhachdaich air shocrachadh le gliocas neo-chriochnach. Than t-eun is faoine san ealtuinn fa fo chùram Dhe. Smuainticheamaid air a so, agus gabhamaid nàire arson ar n-an-earbsa, ar teagamh, agus ar n-iomaguin. Easan a tha seoladh a mach slighe do na h-eoin, nach mòr is na sin a ni e dhuitse, O! dhuine, air bheag Creidimh? —An Teachdaire Gaidhealach.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.



[237]

[Vol . 8. No. 30. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha an obair ann an oifis a phosta air fas gle throm o chionn dha no tri mhiosan air ais; tha aireamh nan litrichean a tha falbhsa tighinn moran nas motha na bàbhaist mun do thoisich an obair iaruinn. Tha e air innse dhuinn nach ni ainneamh aig an am so corr us mile litir bhi air an tilgeadh anns a bhocsa o am dunadh na h-oifis air an oidhche gu am falbh a mhailsa mhaduinn.

Cheannaich cuideachd an iaruinn moran cloich aoil aig Marble Mountain toiseach a gheamhraidh, agus thatar ag radh gu bheil iad a dol a thogail rathad-iaruinn on aite sin gu Orangedale, air son gum bi e comasach dhaibh an t-aol a ghiulan gu Sidni aig am sam bith dhen bhliadhna. Tha iad mar an ceudna togail pios goirid de rathad aig Amhuinn Sheorais gu fearann aoil a thaca an sin.

Tha cothrom aig muinntir a Yukon agus a Chlondaic a nise air paipearan naigheachd fhaotainn. Roimhe so cha robh ni ri chur leis a phosta don àit iomallach sin ach litrichean, ach mu thoiseach na bliadhna so bha cead air a thoirt seachad paipearan a chur leis. Tha aireamh bheag de luchd-gabhail aig a MHAC-TALLA ann an Dawson cheana, ach chan eil teagamh againn nach teid an aireamh am meud a nise.

Chaochail Padruig, mac Eachuinn Mhic Fhionghain, Amhuinn Shidni, ’sa mhaduinn an air sàileabh goirteachadh a fhuair e o chionn da sheachdain air ais anns a bhaile le each us cairt. Ghabh an t-each eagal romhn charbad-iaruinns theich e, agus bha esan air a thilgeadh a machs chaidh cuideachd na cartach thainig air a cheannga ghoirteachadh cho donas gun dhaobharaich e bhàs. Cha robh ann ach gillòg, da bhliadhndeug a dhaois. Tha co-fhaireachdain againn ri phàrantan.

Tha Impire ur a nis thairis air Sina. Ged nach robh ann an Kwangsu, am fear a bha roimhe so na impire ach duine gle og, leig en riaghladh dheth, ’s chuir e Put Sing, nach eil ach naodh bliadhna dhaois, na aite. Chan fhaodar a smaoineachadh co-dhiu, gum bann os a cheann fhein a rinn e sin; ’s ann a bha e gu buileach air chomhairle bantraich an impire bha air a chrùn roimhe, agus bha ise toirt air gach ni a dheanamh a bhiodh a chum a cumhachd fhein agus a greim air riaghladh na duthcha a dhaighneachadh. Be so an ni mu dheireadh a thug i air a dheanamh, e-fhein a chur bhar na righ-chathrach.

Thugadh an car gu dona á muinntir Thruro aon latha o chionn che-la-deug air ais. Chual iad gu robh aireamh cheudan dhaoine tighinn air a charbad iaruinn; shaoil leotha gum biad na saighdearan a bhann air an turus o Chuebec gu Halifax, agus thionndaidh iad gu ire bhig uile mach a chur fáilte orra. ’Nuair a thainig an carbad,cha robh saighdear ri fhaicinn; ’se bhàca ceithir no coig a cheudan de luchd-obrach as na Stàidean a bha tighn gu Sidni dhionnsuidh na h-obair iaruinn. Agusnuair a chunnaic cuid de na h-Eirionnaich a bhanam measg an sluaghsa thuig iad car son a chruinnich iad, chan fhaciad ni a biomchuidhe na toiseachadh le guth àrd air guidh, saoghal fada do Chruiger!

An ti as fhearr an Ceap Breatunn air 24cts am punnd aig H. H. Sutharlan & Co.

Tha sinn a nisaig an darna latha de February, an teis-meadhon nam faoilteach, agus faodar a radh nach robh far latha no dha ann fhathast ris am faodte lathaichean geamhraidh a radh. Tha an acarsaid fosgailtes am bàt-aiseig a ruith gu riaghailteach; cha do chuireadh dragh air le deigh ach aon uair, agus gle bheag an uair sin fhéin. Chan eil sneachda sam bith air an làr, agus tha na roidean gle dhona.

Tha moran bruidhne air a dheanamh aig an am so mu thogail rathad-iaruinn air taobh a deas an eilean, eadar caolas Chanso agus Louisburg, a dol troimh St. Peters. Tha chuideachd a tha dolga chur air adhart ag iarraidh air na siorrachdan troimhm bheil e gu dhol, coir-rathaid a cheannach dhaibh, agus chaneil teagamh nach dean na siorrachdan sin ma chithear gu bheil an obair gu dhol air adhart. Dheanadh rathad-iaruinn feum mor do thaobh a deas an eilean, agus bu mhath an ni gun rachadh a thogail. Tha moran dhen bharail, ma gheibhear cuideachadh reusanta on riaghladh, gum bi e air a thogail gun teagamh sam bith.

Tha cuideachd ùr dan ainmThe Cape Breton Manufacturing and Developement Company,air a chur air chois anns a bhaile. ’S iad na daoine bhuineas dhan chuideachd so, R. S. Hodgins, a Montreal; Eachunn F. Dughlach, M. P., as na Narrows Mhora; R. B. Van Horne, S. N. Luke, agus Calum Mac Pharlain, a Montreal. Tha iad a dol a thòiseachadh air deanamh bhricks aig North West Arm cho luathsa thig side fhreagarrachsan earrach. Bidh na h-innealan as fhearr aca, agus tha iad an duil a bhi comasach air ceud mile bricsan latha chur a mach. Tha laimhrig ri bhi air a togail gun dail, agus tha iad ag iarraidh thairgsean air son connaidh agus guail. Chan eil teagamh nach bi iad adeanamh obair mhor air an t-samhradh sa tighinn. Chan eil an so ach aon de na h-obraichean lionmhor a tha cinnteach tighinn an lorg na h-obair iaruinn.

Thug an Seanalair Warren a mach cnoc ris an canar Spion Kop, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, ni a chuir aoibhneas mor air muinntir Bhreatunnnuair a chual iad e; ach an deigh dha an t-àite chosnadh, fhuair e mach gu robh e gu ire bhig air a chuartachadh le daighneachdan nam Boers, agus chum iad teine cho milteach riss gum bfheudar dha an cnoc fhàgail tràthsa mhaduinn Dior-daoin, agus chaidh a bhuidheann sin de dharm Bhuller air ais thar na h-aimhne Tugela. Bha so an toiseach air a mheas na thilleadh mor, ach tha Buller fhéin ag radh ged nach deachaidh leis, gun dfhuair e eòlas air an dùthaichs air daighneachdan nam Boers nach robh aige roimheeòlas, tha en dòchas, a chuireasna chomas Ladysmith a ruigheachd an ceann seachdain eile. Cha robh an call air taobh nam Breatunnach ach beag, agus thatar a deanamh am mach gu robh na Boers air an lagachadh gu mor; oirnuair a bhan t-arm Breatunnach a tilleadh thar na h-aimhne cha dthug iad ionnsuidh air dragh sam bith a chur orra.


THA
Saoiread a Bhathair
a tha sinn a creic a mach
a sior tharruinn aire dhaoine.

Nach tarruinn na prisean a leanas taire-sa:—
Brogan obrach dhaoines ghillean(Split Bal. )80c
Leintean troma Gingham 26c
Triubhsairean Troma de chloth gorm 90c
Leintean briagha geala 48c
Anart buidhe (36 oirlich a leud) 3c an t-slat.
Flannelette5c. 7c. 9c. & 10c. an t-slat.

H . H. SUTHERLAND & CO.
Air Seann Larach Thormaid Dhomhnullaich.


A Dhaoinagus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an Creic,

Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na thagainn dhiubh gu math nas isle na na prisean.
J . C. MILLS.

Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc as mothas as fhearr seorsachaidh a thanns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[238]

[Vol . 8. No. 30. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 235.)

Amgiad, an t-ard-chomhairleach, gun robh e mar chleachdadh aig luchd-aoraidh an teine Mahomedanach iobradh ah-uile bliadhna air abheinn theine, agus ghabh e amhrus gum faodadh gun dfhuair iad greim air Asad a bhrathair gus a thoirt suas mar iobairt. Chuir e roimhe gun rannsaicheadh e an long mun seoladh i. Thug e ordugh an luchd-turuis agus na seoladairean a thoirtna lathair, agus dhaithn e dhaibh an long a rannsachadh gu mion. Ged a rinn iad so cha dfhuaradh Asad; oir bha e airfhalach gu math.

An uair a chaidh an t-ard-chomhairleach gu tir, sheol an long, agus cho luaths a sheol iad, dhordaich Behram, an sgiobair, Asad a thoirt as achiste, agus a cheangal gu math le geimhlean air eagal gun leumadh e bhar buird on bha fhios aige gun robh e gu bhith airiobradh.

Bha soirbheas fabharach gu leor aca fad da latha, ach na dheigh sin sheid a ghaothnan aghaidh, agus mu dheireadh thainig stoirm mhor. Agus bha an long air a fuadach air falbh gus mu dheireadh an do chaill iad an cursa gu buileach. Cha robh fhios aig an sgiobair no aig neach eile a bhair bord caite an robh iad. Thug iad an aire gun robh iad dluth air fearann, agus gun robh an cladach anabarrach ard, agus fiadhaich, agus bha iad air an clisgeadh gum biodh an long air a bristeadh air na creagan. Thug iad an aire mu dheireadh gun robh iad air am fuadach don acarsaid aig an robh ceanna-bhaile na rioghachd aig banrigh Margiana. Agus chuir so doilghios mor air Behram.

Bha Margiana gle eudmhor air taobh na Mahomadanach, agus air an aobhar sin, bha naimhdeas mor aice do luchd-aoraidh an teine. Cha leigeadh i le duine dhiubh, no le luing sam bith a bhuineadh dhaibh, a bhith anns an rioghachd aice, no dhol a steach don acarsaid.

Cha robh e an comas do Bhehram an acarsaid a sheachnadh gun an long a chur air na creagan a bha mor thimchioll achladaich. An uair a bha e mar sona eiginn, chuir e a chomhairle ris na seoladairean feuch ciod bu choir dhaibh a dheanamh. “Tha sinn ann an eiginn mhoir, ’illean,” arsesan, “feumaidh sinn roghaiun a dheanamh a dhaon den da ni so, an dara cuid a bhith air ar grad bhathadh, ar neo a dhol a steach don acarsaid aig banrigh Margiana. Tha fhios agaibh gum bheil fuath mor aice do gach neach a bhuineas do ar n-aidmheil-ne. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun gabh i greim air an luing, agus gun cuir i gach aon dhinn gu bas. Chaneil mifaicinn gum bheil againn ach an aon doigh air faighinn as a lamhan, agus is e sin, am Mahomedanach a thagainn air bord fhuasgladh, agus deise seirbhisich a chur uime. An uair a bheirear mise an lathair na banrigh, agus a dhfheoraicheas i dhiom ciod a tha mi reic, their mi rithe gu bheil mi reic sheirbhiseach, agus gun do reic mi iad uile ach an aon fhear a tha agamna chleireach, a chionn gun teid aige air sgriobhadh is leughadh a dheanamh. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun iarr ifhaicinn; agus on a tha ena dhuine og, maiseach, agus dhen aon aidmheil rithe fhein, gabhaidh i truas dheth. Chaneil teagamh nach iarr i a cheannach uam, agus mar so leigidh i dhuinn fuireach anns an acarsaid gus an teid an t-side nas fhearr. Mas aithne do aon dhibh doigh as fhearr na so air faotainn as a lamhan, tha mise deas gus eisdeachd ribh.”

Chord na thubhairt e anabarrach math ris na seoladairean, agus dhaontaich iad uile gun deanteadh mar a bhan sgiobair ag radh.

Thugadh na geimhlean bhar lamhan is casan Asaid, agus chuireadh aodach uime mar a fhreagradh air cleireach a bhiodh aig banrigh. Mun gann a rinneadh so, bhan long a dol a stcach don acarcaid agus leig iad am mach an t-acaire.

Bhan luchairt aig banrigh Margiana faisge air achladach, agus bhan lios a bha air beulaobh na luchairt aruighinn a chladaich. Chunnaic i an long aig acaire, agus ghrad chuir i fios air an sgiobair gus a dhol far an robh i. Bha ig a fheitheamh anns agharadh an uair a chaidh e gu tir.

Bha Behram cinnteach gun cuireadh i fios air, agus an uair a chaidh e gu tir, thug e Asad leis. Thug e air aontachadh leis a h-uile facal a theireadh e fhein, agus a radh, gun robh ena chleireach aige. An uair a thugadh an lathair na banrigh e, leig e e-fheinna shineadh air a beulaobh, agus dhinnis e dhi gun robh an stoirm cho mors gum bfheudar dhadhol a steach don acarsaid; gur ann areic sheirbhiseach a bha e; agus gun do reic e iad uile ach an aon fhear a bhaige an sid, agus a bha ecumail mar chleireach.

Chord coltas Asaid ris abhanrigh choluaths a chunnaic i e, agus bha i anabarrach toilichte an uair a chuali gum bu sheirbhiseach e. Chuir i roimpe gun ceannaicheadh i e, ciod sam bith na dhfheumadh i phaigheadh air a shon. Dhfhaighneachd i dheth cainm a bhair.

A bhanrigh mhor,” arsAsad, ugus esileadh nan deur, “an e an t-ainm a bhorm roimhe, no an t-ainm a thorm an drastatha sibh a faighneachd?”

Am bheil da ainm ort?” arsabhanrigh.

Mo chreach! tha e fior gu leor,” arsAsad. “Bha Asad (ro shona) mar ainm orm an toiseach, agus is e mainm a nis Motar (gu bhith air miobradh) .”

Cha do thuig Margiana brigh na freagairt so, oir shaoil i gum bann a


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.



[239]

[Vol . 8. No. 30. p. 7]

chionn gun robh e air a reic mar sheirbhis a fhreagair e mar sid i. Ach dhaithnich i gun robh e gle gheur-chuiseach.

On a tha thunad chleireach aig an sgiobair, chaneil teagamh nach dean thu deagh sgriobhadh. Leig fhaicinn dhomh do lamh-sgriobhadh,” arsise.

Thug Behram peann is inc is paipear do dhAsad, mar dhearbhadh gun robh ena chleireach aige, agus a chum gun creideadh abhanrigh gu m be cleireach a bhann.

Thug Asad ceum a thaobh, agus sgriobh e mar a leanas:—

Seachnaidh an dall achlaise anns an tuit na daoine aig am bheil fradharc. Gheibh na h-amadain urram dhaibh fhein le briathran anns nach eil brigh sam bith, am feadhs a tha daoine tuigseach, deas-bhriathrach ann am bochdain, agus ann an dimeas. Tha am Mahomedanach lechuid saoibhreis ann an truaighe. Than t-as-creidmheach a buadhachadh. Cha ruig sinn a leas duil a bhith air atharrachadh; dhordaich an t-Uile-chumhachdach gum biodh so mar so.”

Thug Asad am paipear don bhan-righ, agus chord a lamh-shriobhaidh, agus brigh nam briathran rithe anabarrach math. Dhuisg faireachdainean graidhna cridhe dha, agus bha truas mor aice ris.

Cha bu luaithe a leugh i e na thuirt i ri Behram, “Dean do thoil; an darna cuid reic rium an seirbhiseach so, ar neo thoir dhomh anasgaidh e. Is docha gur e thoirt dhomh anasgaidh gnothach bu ghlice dhut.”

Fhreagair Behram i gu mimhodhail, agus thuirt e rithe nach tugadh e dhi Asad aon chuid richeannach, no anasgaidh; gun robh feum aige fhein air a sheirbhiseach, agus gun cumadh e aige fhein e gun taing dhi.

An uair a chunnaic Margiana cho dalamas a bha e, cha bhruidhneadh i tuilleadh ris mun chuis. Rug i air ghairdean air Asad, agus thug i leatha e don luchairt. Chuir i fios gu Behram gun tugadh i uaithe gach ni a bhaige air bord, agus gun cuireadh i an longna teine mur grad fhalbhadh e as an acarsaid. Mar so bfheudar dha falbh agus deanamh deiseil gus a dhol gu muir an oidhchud ged a bhan stoirm ann.

(Ri leantuinn.)


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.



[240]

[Vol . 8. No. 30. p. 8]

Marbhrann do Pheata Columain.

LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR.

S tursach mo sgeul ri luaidh,
S gun chachg ad chaoidh;
Mu bhas an fhir bu leanbail tuar,
S bu mheanbh ri chlaoidh.
S oil leam bas acholuim chaoimh,
Nach banagrach gnas,
A thuiteam le mada dom beus
Dobhran nan carn.
S tus truaighleinn de bhas nan ian,
Mo chradh nach beo,
Fhir a biteagach, miotagach triall,
Ge bu mheirbh do threoir,
Bfheumaildo Noah na cach,
N am barcadh nan stuadh;
Bu tun teachdairgun seacharan da,
N uair thraigh an cuan.
A dhfhidreachdainn an dfhalbh an tuil,
Litir gach fir;
Dughall as Colum gunchuir,
Deagh Noah thar lear.
Ach chaidh Dughall air seacharan-cuain,
S cha do thill e riabh;
Ach thill Colum le iteagaich luath,
S a fhreagradhn a bhial.
Air thus, cha dfhuair e ionad da bhonn
A sheasadh e ann;
Gusn do thiormaich dile nan tonn
Bharr mullach nnm beann:
S an sin, a litir-san leugh an duine bha glic,
Gunthiormaich abhailc,
S gum faigheadh a mhuirichinn cobhairn an teirc
Agus fuasgladhn an airc.
Le neart cha spuilteadh do nead,
Ged a thigteadh gu dshlad;
Bhiodh do chaisteal fo bhearraibh nan creag,
Ann an daingnichean rag.
Bha do mhodh-siolaich air leth bho chach,
Cha togradh tu suas,
Ach adurraghail an taice ri dghradh,
Cur cagairn a cluais.
Cha do chuir thu duil an airgiod non spreidh,
Nom feist am biodh sugh,
Ach spioladh as criomadh an t-sil le dbheul,
S ag ol abhuirn.
Aodach no an anart, sioda no srol,
Cha cheannaicheadh tum buth;
Bhiodh deideadh de mhin iteacha gorm,
Air nach druigheadh an druchd.
Cha do ghabh thu riabh paidir no creud
A ghuidhe nan dul;
Gidheadh, chaneil danam am pein,
Bhon a chaidh tu null.
Chan e, gun chiste gun anart
Bhi comhdach do chre,
Fo lic anns an uir,
Tha mise, ge cruaidh e, ’n diughg acain gu leir,
Ach do thuiteam le cu.


Moladh don Ghaeligs don Phiob-Mhoir.

LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T- SAOIR.

Innsidh mi sgeul araid dhuibh,
Air canain as air ceol
Rogha na deas Ghaelig,
S i is fearr gu innseadh sgeoil;
A chainnt is lionmhor pairtean,
S is millse manran beoil,
Gu freagarrach, deas-labhrach,
S i ard-chuiseach gu leoir.

S i chainnt a bhaigna righrean
Dan robhn rioghachd sona coir,
S i bruidhinn dhiuc, as iarlachan,
S i dhiarradh iad mum bord;
S i bhaig na daoin’ -uaisle,
S a gheibht aig an tuath choir;
S i bha, ’sa tha, aig buachaillear,
Acuartachadh nam bo.

Nuair a sgoil na cinntean
Aig Tur an ainmhreidh mhoir,
Fhuair aGhaelig maighstireachd
S an am sin thar gach seors’;
Gur i is fearr gu teangaireachd,
Than ceann aon neach tha beo,
Geur, soilleir, fonnmhor, oranach,
An seomraichean an oil.

S lionmhor urram laidir
Fhuail aGhaelig air gach seol,
S i rinn acheud Sacramaid,
Don phap a bhasan Roimh;
S i thaig cleir an aite so,
Gach la toirt comhairloirnn’;
Gaol filidh as luchd-dana,
Chainnt nadarra gun gho.

S i fhuair sinn o na parantan
A rinn arn-arach og,
S i bu mhath leinn fhagail
Aig an al a tha teachd oirnn;
Tha h-uile car a dhinnsinn oirr’;
A cur apris amoid,
Gur i chainnt is brioghora
S i phiob is fearr gu ceol.

A phiob ur so thainig don bhaile.
A dhfhaotainn urram,
S i ceann inneal-ciuil an fhearainn,
S na duthchuile;
Le meoir lughmhor air a crannaibh,
S le dlu bhuillean,
S ard a chluinnt i, ’s binn a langan,
S grinn a cumachd.

Tha dosan le iobhraidh ballach,
Cochull don t-sioda ma muineal,
S osgara, dionach, a callan
Air thoiseach mhiltean air thuras;
Brosnachadh riogheil na carraid,
An cabhaig, ’san stri nan cumasg,
Cha bhi sprochdsan tir am fan i,
Is fortanach an ti gam buin i.

Is deo-greine leis an luchd-ealaidh
Than Albainn gu leirsan Lunnainn
Aphiob is math gleus, as gearradh,
Laidir, fallain, eutrom, ullamh;
S mor an t-eibhneas i ga leannan,
Bhi aige na sgeith ga cumail.
Fonn-cheol reidh a cre na h-ainnir,
Beusan glana na treun chulaidh.

S e cheud cheol a bhair an talamh,
Aphiob-mhor is boidhche guileag,
S i bhaig Fionn, aig Golls aig Garadh,
Ann an talla nan laoch fuileach;
S mairg a chiteadh air seol calla,
Caismeachd chaithriseach nan curaidh,
Mhosgladh i le seid da h-aineal,
Gu feum ealamh, an Fheinn uile.

Mo ghibht phriseil gun a ceannach,
Than coi-thional so air chumail,
Breitheachan dileas gan tarruinn,
A ni ceart an fhirinn uile;
Gheibh gach fear a reir na h-ealaidh
Anns am bi e-fein na urrainn;
S tha e saor aig math-an-airidh,
Aphiob fhaotainn thar gach duine.


Chan eil teagamh nach eil aireamh de ar luchd-leughaidh a gabhail fadachd nach eil iad a faotainn fiosan freagairt do litrichean a chur iad air adhart, agus a gabhail iongantais nacheil am paipeargan ruigheachd buileach cho riaghailteachsa bàbhaist. ’Ses coireach ri sin am fear-deasachaidh a bhina laidhe tinn o chionn còrr us coig seachdainean. Tha e nisedol gu math am feobhas, agus an ceann seachdain no dha eile, tha dòchas aig bhi comasach air frithealadh da obair mar a bàbhaist.

Reic a mach bathair nas saoire na chosd e aigH . H. Sutharlan & Co.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIGGAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An seorsas fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


THA MIG IARRAIDH
DITHIS NIGHEAN, —aon gu bhina bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe.

MRS . C. A. MEISSNER,
Colby Lane, Sydney, C. B
jan 12— tf


Chaidh iasgair a mhuinntir Cheap Breatunn, fear Seoras Friseal, a bhàthadh air na Grand Banks o chionn ghoirid.

titleIssue 30
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 30. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page