[Vol . 8. No. 31. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 9, 1900. No. 31.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. VI.
Tha mi ni ’s anamoiche gun tighinn na bha dùil agam; ach o’n is oidhche Shathurna ’th’ ann, tha toil agam fios ’fhaotainn am bheil a staigh agaibh de bhiadh na dh’ fhòghnas gu Di-luain,” arsa Muruchadh.
“Tha againn na dh’ fhòghnas dhuinn de ’n t-seòrsa ’th’ ann—buntata is salann; —an corr bìdh cha’n ’eil fo na cabhair so. Ach tha aobhar againn a bhith taingeil fad ’s a bhios sin fhein againn. Gun teagamh sam bith, bha sinn mar bu trice cleachdaidh ri biadh a b’ fhearr fhad ’s a bha am fear nach maireann air chomas cosnadh a dheanamh. Ach o’n a thugadh esan uainn feumaidh sinn cur suas le cùisean mar a thig iad. Mar a tha am facal ag radh, ‘Cha bhi am feumach, ailleasach.’ Tha ’chlann glé shlàn, fallain, agus o’n a tha gèireag mhath orra air son am bìdh, cha chuir iad cùl ri biadh sam bith a gheibh iad,” arsa bhantrach.
“C’ar son nach d’ innis thu dhomhsa an uair a bha thu thall an diugh gu ’n robh do thaigh cho falamh de bhiadh ’s a tha e? Bha e ’n am bheachd ceisd a chur ort mu’n chùis; ach eadar a h-uile bruidhinn a bh’ eadrainn chaidh e as m’ aire. Bidh sibh beò gun teagamh sam bith air buntata is salann; ach is e beò bochd a bhios ann. Anamoch ’s mar a tha e ’s an oidhche, is ann a chuireas tu Domhull air falbh comhladh rium fhein, agus bheir e nall beagan a chuireas seachad an latha ’màireach. O’n is e am màireach Di-domhnaich Càsg, cha bu mhath leam do thaigh a bhith gann de bhiadh. Ma ’s ann no nach ann air co-ainm an latha ’màireach de ’n mhios agus de’n bhliadhna a dh’ éirich Criosd o staid na marbh, tha fios againn gu ’n dh’ éirich e; agus, mar sin, tha e iomchuidh gu leòr dhuinn cuimhne a chumail air an latha, agus, ma theid againn air, biadh a’s fhearr na b’ àbhaist duinn a ghabhail.
“Ma ta, ’Mhuruchaidh, o’n a thàinig agaibh air bruidhinn air, is ann air sin a bha mi ’smaointean an uair a thàinig sibh a steach. A bhliadhna gus am màireach bha sinn gu slàn, fallainn, taingeil, toilichte, mu ’n bhòrd, agus cha robh dùil sam bith againn gu’m biodh cùisean an diugh mar a tha iad. Cha robh éis bìdh no aodaich oirnn, agus bha sinn glé riaraichte leis an staid anns an robh sinn. Ach dh’ fhalbh sin agus thàinig so. Tha na bheil a’ làthair dhinn slàn gu leòr, ach tha eagal ormsa nach ’eil mi fhein cho riaraichte ’s cho tàingeil ’s bu chòir dhomh a bhith. Tha mi ag iarraidh air Dia mo dheanamh tàingeil, riaraichte; ach o’n a tha ’n t-uallach a th’air mo ghuaillean ni ’s truime na bha e riamh roimhe, tha mi ’g am fhaireachadh fhein glé neo-shocrach ’n am inntinn. Tha iomadh teagamh is cùram ag éirigh suas fa chomhair m’ inntinn gun fhois.”
“Cha ’n ’eil e cur ioghnaidh sam bith orm cùram a bhith ort. Dh’ ordaich Dia dhuinn gu’m biodh tomhas de chùram oirnn m’ ar timchioll fhein, agus mu thimchioll ar teaghlaichean; ach thoirmisg dhuinn ro-chùram a bhith oirnn. Is e am màireach latha ’n Tighearna. A nis, thoir thusa fa near na briathran a labhair an Tighearna ruinn:— ‘Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na bitheadh ro-chùram oirbh mu thimchioll bhur beatha, ciod a dh’ itheas no dh’ òlas sibh; no mu thimchioll bhur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a bheatha na ’m biadh, agus an corp na ’n t-aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair: oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlibh: gidheadh tha bhur n-Athair nèamhaidh-sa ’g am beathachadh. Nach fhearr sibhse gu mòr na iadsan? Agus cò agaibh le mòr chùram is urrainn aon làmh-choille a chur ri’ àirde fhein? Agus c’ar son a tha sibh ro chùramach mu thimchioll bhur culaidh? Foghlumaibh cionnus a tha na lilighean a’ fàs ’s a’ mhàchair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad. Gidheadh tha mise ag ràdh ribh, nach robh Solamh fhein ’n a uile ghlòir air eudachadh mar aon diubh so. Air an aobhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feòir na macharach, a tha’n diugh ann, agus am màireach air a thilgeadh ’s am amhuinn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh.” Mata vi. 25-30.
“Gabh beachd le cùram mar an ceudna air na briathran so a sgrìobh an t-Abstol Pol a dh’ ionnsuidh nam Philipianach:— ‘Na bitheadh ro-chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì, le ùrnuigh agus asluchadh, maille ri breith-buidheachais, bitheadh bhur n-iarrtuis air an deanamh aithnichte do Dhia. Agus coimhididh sìth Dhe, a tha thar gach uile thuigse, bhur cridhe agus bhur n-inntinn ann Iosa Criosd.’ Phil. iv. 6-7.
“Dh’ fhaodainn tuilleadh de bhriathran na fìrinn ainmeachadh dhut; ach ma ghabhas tu gu cùramach beachd air na briathran so fhein, bheir iad misneach dhut. Is ann a dh’ ionnsuidh facal Dhé a tha coir againn air tionndadh aig àm na trioblaid agus a’ bhròin. Tha aobhar eagail nach ’eil daoine ann an àm na trioblaid a’ leughadh na fìrinn cho tric ’s bu chòir dhaibh.”
Fhad ’s a bha Muruchadh a’ labhairt, bha ’bhantrach ag éisdeachd ris le mòr aire. An uair a sguir e labhairt rithe, thug i mòran tàing dha, araon air son mar a chaidh e dh’ fheòraich an robh biadh gu leòr aice ’s an taigh, agas mar an ceudna air son na misnich a fhuair i o na fìrinnean priseil a thug e fa chomhair a h-inntinn. Ged a bha i cho eòlach anns an fhìrinn ri iomadh te dhe seòrsa, gidheadh bha i cho làn de bhròn ’s de dhragh inntinn ’s nach tigeadh briathran misneachail sam bith a dh’ ionnsuidh a cuimhne.
Dheonaich i Domhull a leigeadh air falbh comhladh ri Muruchadh a dh’ iarraidh nan nithean a bha e gus a chur uice air son na Sàbaid. Thuirt Muruchadh rithe gu ’n cuireadh e Domhull pìos de’n ratha dhachaidh, o’n a bha e cho anamoch air an oidhche, nam biodh eagal air.
Air a rathad air ais a dh’ ionnsuidh an taighe, thug Muruchadh greis air comhairleachadh Dhomhuill. Thuirt e ris e bhith glic, agus a bhith umhail d’a mhàthair. Gheall Domhull gu ’n deanadh e mar a bha Muruchadh a’ comhairleachadh dha.
An uair a ràinig iad an taigh, thuirt Muruchadh ris a mhnaoi, “Eirich, a bhean, agus thoir do Dhomhull na chuireas seachad an latha màireach de na nithean a’s fhearr a th’ agad a staigh. Ma tha aran gu leor agad deas, thoir dha rud dheth; ach mur ’eil, thoir dha beagan mine, agus fuinnidh a mhathair i an nochd fhathast.”
Ged a theireadh cuid de na coimhearsnaich gu’n robh bean Mhuruchaidh cruaidh, spiocach, cha b i an fhirinn a bh’ aca. Bha i cunntach, cùramach, faicleach gu leòr m’ a cuid; ach bha i còir, caoimhneil gu leòr ri daoine bochda, agus ri luchd-falbh is tighinn. Ged nach robh i cho aoidheil ’s cho fosgarra ri Muruchadh, bha i a’ cheart cho math cridhe ris. Bha ainm aig Muruchadh a bhith ni bu chòire na ise; ach dh’ fhaoidteadh mòran de thaing sin a thoirt oirre-se. Bu tric a chuir i ’n a chuimhne, gu ’m bu chòir dha cuideachadh a thoirt do na daoine bochda, feumach a bha tighinn rathad an taighe. Cha bu luaithe a dh’ iarr Muruchadh oirre éirigh agus cuideachadh a thoirt do ’n bhantraich na bha i air a bonn, agus thug i tabhartas math de gach nì a b’ fhearr a bha staigh do Domhull mac na bantraich, comhladh ri rud a dh’ itheadh e roimhe a’ falbh dhachaidh.
Ged a thairg Muruchadh a dhol greis de’n rathad le Domhull, ach dhiult e an tairgse. Ged nach robh e ach na deich bliadhna, cha bhiodh fiamh no eagal air ged a bhiodh aige ri dhol air astar dheich mìle ann an dubh a’ mheadhain oidhche. Bha e cho math do Mhuruchadh nach d’ fhalbh e greis de’n rathad leis; oir bha e cho luath ri fiadh a’ falbh dhachaidh.
An uair a ràinig e, bha ’chuid eile de ’n chloinn air a dhol a chadal. Rinn a mhàthair aon deisealachd a bh’ aice ri dheanamh air son na Sàbaid. An uair a bha gach ni deas, lùb i a glùinean aig taobh na leapadh, agus chuir i suas ùrnuigh ri Dia cho dùrachdach ’s a rinn i riamh ’n a beatha. Thog na briathran a labhair Muruchadh rithe ás an fhirinn, mòran de’n dragh ’s de’n chùr am bhar na h-inntinn aice. Thuig i ni b’ fhearr na rinn i riamh roimhe, gu’n robh cùram mòr aig Dia de gach creutair a chruthaich e. Rùnaich i gu ’n tugadh i i-fhein suas do Dhia le a h-uile chridhe, agus gu ’n cuireadh i a h-earbsa gu buileach ’n a fhreasdal. Thàinig mòran de na chual’ i mu thimchioll gràdh an Fhir-Shaoraidh fa chomhair na h-inntinn aice. Mu ’n do thuit i ’na cadal, thainig na h-earrannan a leanas gu a cuimhne:— “Ma tha Dia leinn, cò ’dh’ fhaodas a bhith ’n ar n-aghaidh. An Ti nach do chaomhain a Mhac fhein, ach a thug thairis e air ar son-se uile, cionnus maille risan nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithean? Cò a sgaras sinn o ghradh Chriosd? An dean trioblaid, no amhghair, no geur-leanmhuinn, no gorta, no lomnochduidh, no cunnart, no claidheamh?” Rom. viii. 31, 32, 35.
[Vol . 8. No. 31. p. 2]
An àm dhi a bhith ’beachd-smaoineachadh air na briathran so, thuit i ann an trom chadal, agus bha ’ghrian air éirigh fada mu ’n do dhùisg i. Chuir, i fhein ’sa teaghlach seachad Di-domhnaich Càsg ni bu toilichte ’s ni bu tàingeile na iomadh teaghlach a b’ fhearr suidheachadh na iad.
(Ri leantuinn.)
Comhradh.
EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH.
Cuairtear. —Gu’m meal thu do bhiorraid, ’Eachainn!
Eachann.— ’Ni ’n ad, le’r cead? an sgùlag gun sgoinn, ’s mi tha seachd sgìth dh’i— an t-aon chòmhdach-cinn a’s miosa chaidh riamh air duine, cha ’n urrainn mi mo cheann a leagail air leabaidh no air uirigh, air tom no réidhlean leatha. Cha b’ ionnan ’s a’ bhoineid ghorm—cho blàth, sheasgair, cheanalta mu m’ cheann ’s ged bu churrachd-oidhche ’bh’ innte; dh’ fhaodadh duine a pasgadh fodha no r’a thaobh, seach a bhi ’g altrum na biorraid so mar naoidhean air glùn duine anns gach àite ’n suidh e. Tubaist oirre! nach fhaic sibh an comharadh a dh’ fhág i air mo bhathais, mar gu’m biodh mo cheann air a chearcall uachdarach a thilgeadh; ach nach e so an latha gaillionnach, gailbheach? Ubh, ubh! ’s e ’n cur ’s an cathadh e— ’s fhad o’n a chunnaic mi a leithid air là Fhéill-Brìde.
Cuair. —Tha sin nàdurra, ’Eachainn, an sneachda geal ’an ám dùdlachd a’ gheamhraidh.
Each. —Tha ’n geamhradh seachad; ach sneachda geal! ’eudail ’s a ghràidh, cha b’ann ’s a’ bhaile-mhòr a chìte e—ach an sneachd’ odhar, lachdunn; agus cha’n aithne dhomh ni a’s gràinde na sneachda salach. Cha b’ ionann ’s mo shneachda glan, cho àillidh gheal ri ite na faoilinn, a’ boillsgeadh ’s a’ dèarrsadh ri gathaibh na gréine, mar gu’m biodh cur ’us cathadh ann de na daoimeanan, no de’n chriostal a bu loinnearaiche, ’s a bu cheutaiche.
Cuair. —Ro mhaith, ’Eachunn! Cha b’ urrainn Donnachadh Bàn nan òran labhairt na b’ fhèarr—ach ge dona sneachda ’s a’ bhaile mhòr is seachd uairean na’s mios’ e ’s a’ Ghàidhealtachd. Tha Ghàidhealtachd maith na’s leòir fhad ’s a dh’fhuireas a’ Chuthag innte; ach an latha dh’fhàgas ise i ’s e ’m baile-mòr a’s fhearr.
Each. —A’ Chuthag! An òinseach bhochd; gu dearbh ma’s ann uaipe-se tha sibh a’ dol a tharruing ’ur gliocas ’s mithich an Cuairtear a chur ’an làimh eile. A’ Chuthag, an trusdar! nach do shuidh riamh leth-uair an uaireadair air an aon tom.
Cuair. —Ma ta, ’Eachainn, ’s coma leam fhéin a’ Ghaidhealtachd ’an àm a’ gheamhraidh; ’s fuar, mi-thaitneach i ’n àm gaillinn shneachda mar tha ann an diugh fhéin—air am folach o’n t-saoghal mhòr; air an tachdadh le toit—gun sùgradh, gun mheadhail—a’ bhean, mo thruaighe! a’ snìomh air a’ chuibhil le crònan brònach—an duine a’ miananaich, ’s a’ casadaich, ’s a’ tachas a’ chinn—na pàisdean a’ trusadh bhioran—an t-uircean a’ sgreadail—an gamhainn caisionn a’ geumnaich aig ceann an tighe—na leanaban, an cù, ’s an cat a’ stri cò a’s dlùithe gheibh do’n ghealbhan, ’s b’ e sin an droch theine—a’ phoit bhuntàta crochta thairis air leth an latha, gun uiread agus balg-séididh, ach an gille bàn agus Seònaid ’g a shéideadh, agus pluic gach aon diubh mar phluic pìobaire. Coma leam e!
Each. —Am bheil sibh réidh? Air m’ fhocal is sibh a leig ruith do ’r teangaidh; cha’n ìoghnadh leam ach sibhse—ach éisdibh rium, cha’n fhaca mi riamh ann am baile-mòr, ’s cha ’n fhaic, àm cho subhach, shuilbhearra, chridheil, ’s a chunnaic mi ’s a’ Ghàidhealtachd ’an àm gaillinn agus sneachda. Mo chreach! is mise ’chunnaic sin—tha barrachd fearas-chuideachd, ’us sùgraidh, ’us eòlais, ’us caoimhneis a’ dol air aghaidh ’s a’ Ghàidhealtachd ’an àm a’ gheamhraidh na ’an àm a’ chéitein fhéin.
Cuair. —Fhalbh, fhalbh! ’Eachainn, tog dheth.
Each. —Cha tog mi dheth— ’s mi nach tog. Am na gaillinn! sin agaibh àm a’ chridhealais—hùg air na sùisdean! na sgalagan a’ cur dhiubh—na cailean a’ crathadh an fhodar ’s a’ deanamh nam boitean—na buachaillean le sìoman connlaich mar chrios m’ an timchioll, cuaille ’mòr bata ’n an làimh, eallach de sguaban beaga, tioram air an druim, an crodh seasg a’ geumnaich ’n an déigh ’s iad ’g an saodachadh gu fasgadh, na h-eich a’ greasad dhachaidh, na mucan a’ sgriachail le sop ’n an craos a ruith do ’n chrò, na h-eòin bheaga, bhuidhe, bhòidheach, sgaoth air muin sgaoithe ’g itealaich mu na dorsan, ’s na balachain le ridil ’s le gaoisnean ag iarraidh an ribeadh. ’S ann an sin a tha ’m fire, faire! h-uile aon ’n a chabhaig ’s am feasgar a’ tighinn. Ach ciod so a thachair? Na balachain ’n an ruith ’s iad a sgàineadh le gàireachdach—Alastair mòr an déigh dol fodha ann an cuithe shneachda, ’s iad ’g a shlaodadh as, agus gach madadh ’s a’ bhaile ’s an tathunnaich timchioll air. Ach cò eile ’chì sinn a’ tighinn le ’abhagan beaga ’n a dhéigh, a’ feadaireachd ’s a’ gearradh leum? Ailein nan òran! Faic mar tha ’n òigridh ’g a fhàilteachadh—cò ’dhiùltadh dha cuid na h-oidhche?— ’S an uair a thigeadh an t-anmoch b’iad sin a’ chòisridh chridheil, shunndach! Cha b’ e ’n crùban bochd mar a th’ agaibh ’an so ’am mullach tighe—Eirionnaich ’s an dara ceann, ’s fiabhrus ’s a’ cheann eile. Agus b’ e sin an gealbhan cridheil—na caorain chruadha, thioram o chùil na mòine—na maidean caoin’ spreadhadh gu cridheil—a’ ghreideal air an t-slabhraidh—na breacagan eòrna ’g am fuine le farum sùrdail—crùisgein ’an sud ’s ’an so—am buachaille mòr a’ cur chearcall air a’ chuaich bhleodhain—an sgalag a’ deanamh sgùlaig—am buachaille beag a’ deanamh camain—na cuibhlean a’ falbh le srann fhonnmhor—Ailein nan òran a’ cur dheth—a’ phoit chabhrach a plubartaich air an teine. Na cluinneam sibh a’ ruith sìos na Gàidhealtachd. A righ! cha b’ ionann ’s am baile-mòr, a tha maith na’s leòir fhad ’s a sheasas an t-slàinte agus comas cosnaidh; ach an latha dh’ fhalbhas sin, tha’n t-uisge air thoirt o’n mhuileann, ’s cha bhi bleith no rath. O! gleadhraich a’ bhaile-mhòir so, agus toit a’ bhaile-mhòir so, agus a’ chabhag—a h-uile aon ’n a ruith ’s ’n a dheann-ruith, mar gu’m biodh iad uile air tòir bean-ghlùine! Ach innsibh dhomh ciod a tha ’dol air aghart a thaobh imrich do dh’ America.
Cuair. —Tha anabarr dhaoine ’dol thairis do Chanada, ’s do chèarnan eile ann an America mu Thuath, air am bonn fhéin; ’s cha’n eagal doibh ma ghleidheas iad an slàinte. Tha iadsan a chaidh thairis a’ dheanamh gu gasda; ach cha’n ’eil an naidheachd é Australia cho maith ’s a bu mhiann leam.
Each.— ’S mi tha ’g a chreidsinn. Cha do theò mo chridhe riamh ris an àite sin fhéin. Bha tuilleadh ’s a’ chòir air a ràdh as a leth. Cha b’ urrainn dhoibh-san a bha ’dol ann soirbheachadh—a h-uile fear nach deanadh gu maith aig an tigh—gach sleomair air nach robh rath ’n a dhùthaich fhéin, a b’ urrainn fead a dheanamh. Cò ach esan! Ar leis gu’n robh Australia air a chruthachadh air a shon-san. Feadhain nach do chuir boinne falluis diubh riamh ’n an dùthaich fhéin, mur d’ rinn iad e a’ dannsadh ’s a camanachd—spag luinnich amaideach nach crathadh ultach feòir ris a’ ghréin gun làimhnean leathraich orra. Ach coma cò dhiubh, tha iad ag ràdh riumsa gu’n d’ thàinig an spagluinneachd so gu làr—gu’m faicear leth-dusan de na fleasgaich sin ’n an suidhe taobh an tuim, le aon spàin eatorra—a’ cadal ’s a’ phreas, gun dad ach craicionn coin thairis orra— ’s a’ falbh cas-ruisgte air feadh nam monaidhean mòra. Cha b’ urrainn na b’ fhèarr tachairt. Australia! tìr an àigh, anns am beireadh, ma ’s fìor, caora leth-dusan uan ’s a’ bhliadhna, agus anns an tilgeadh i a rùsg ’an ceann gach ràithe. Cha’n ’eil fhios agam nach cuala mi gu’m biodh uain aig na muilt fhéin ann! Ciod an naigheachd a tha as?
Cuair. —Tha gu’n do bhrist luchd an fhortain mhòir—gu’m bheil na caoraich a chost a dhà ’s a trì ’phuinnd Shasunnach ’nuair chaidh an ceannach, a nis air chrùn! Ach thig e uaith so fhathast.
Each. —Air m’ fhocal, ’s e so an t-àm do luchd an airgid dol a nunn, ’n uair ’tha’n spréidh cho saor. Ach na ’n leigeadh daoine an spagluinn dhiubh aig an tigh, agus an làmh a chur ris gach ni a thig ’s an rathad, mar is éigin doibh a dheanamh an sud, cha b’eagal nach fhaigheadh iad air an aghart ’s an dùthaich so fhéin, gun dol thairis; oir is fhada o na chuala mi gu’m bheil “adhaircean fada air crodh caillte;” agus mar an ceudna, “am fear a bhios gòrach ’s a’ bhaile bhos, gu’m bi e gòrach ’s a’ bhaile ud thall.”
Cuair.— ’Eachainn, am faca tu an simileir mòr a tha shuas bráigh’ a’ bhaile, a tha sè ceud troidh na’s àirde na amar na h-aibhne, agus còig ceud gu leth o’n ghrunnd?
Each.— ’S mi ’chunnaic, ’s b’e sin an simileir mòr da rìreadh. Tha e cho àrd ri tigh anns am biodh trì fichead lobhta, no, mar a their iad ’s a’ Bheurlastory .Cha chreid iad mi ann an Tirithe. Cha’n ’eil ach dà chlàrach, nostory ,ann an tigh a’ Bhàillidh, agus a dhà gu leth ann an tigh a’ mhinisteir; agus a’ bhéist shimileir so trì ficheadstory ,agus deich troidhean air àird’ anns gach aon diubh!
Cuair. —An deach’ thu suas gu ’mhullach?
Each.— ’N e mise! Cha deachaidh ’s cha téid; ach chunnaic mi ’ur càirdean Eòghan Og agus Rob Ruadh a’ dol suas leis a’ chlachair mhòr, Mac-an-t- saoir, ann an creathaill iaruinn, mar gu’m biodh iad gu bhi air an crochadh. ’Nuair a thill na gillean, cò ach iadsan! —a chearta cho bòsdail, moiteil, ’s ged a bhiodh iad air tilleadh o’n dinneir a ghabhail le bodach na gealaich! “Saoil thu, ’Eachainn,” ars’iadsan, “nach d’òl sinne gloine uisge-bhetaha sè ceud troidh os ceann an t-saoghail so!” “ ’Sann agaibh,” arsa mise “tha ’chulaidh-bhòsd. Gun teagamh sgrìobhar so air ’ur lic ’an déigh ’ur bàis, mar chuimhneachan air ’ur gaisgealachd!” Na bumalairean! bha mise air mullach Beinn-Nibheis, ceithir mìle troidh air àirde. Cruach an àigh! ’s cha b’e simileir mòr an t-salachair, a bhios ’an latha no dhà a’ sgeith ’s a brùchadh a mach sùith ’us gràinealachd a thachdadh Criosduidhean! Ach cha do chuir e iongantas air bith orm na firionnaich a dhol suas; achladies !le’n cinn ghogaideach—iadsan a’ dìreadh ’s a’ chreathaill iaruinn a dh’ amharc an t-saoghail! ’S mi nach pòsadh a h-aon diubh. Mo nàire! bu chòir do mhnathan a bhi banail, màlda. Chunnaic mi Màiri mhòr nighean Eachainn a’ streap ’suas gu bàrr croinn ann an Sgairinnis aon uair, ’s cha do bhlàthaich mo chridhe riamh tuilleadh rithe. Ach ’s éigin domh falbh. Mòran taing dhuibh air son ’ur deadh sheanachais. Slan leibh! —Caraid nan Gaidheal.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
[Vol . 8. No. 31. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XXIX.
Cho luath ’s a chaidh a’ bhanrigh do’n luchairt dh’ ordaich i an t-suipear a dheasachadh; agus am feadh ’s a bha iad a’ deasachadh na suipearach, dh’ ordaich i Asad a thoirt a steach do’n t-seomar anns an robh i. Agus an uair a chaidh e steach, dh’ iarr i air suidhe. Bha Asad toileach i ghabhail a leithsgeil, agus thuirt e, “Cha bhuin e dhomhsa mar sheirbhiseach a leithid sin a dh’urram a ghabhail.”
“Ged a bha thu ’nad sheirbhiseach beagan roimhe so, tha thu nis saor,” ars’ a’ bhanrigh. “Suidh laimh rium, agus innis dhomh eachdraidh do bheatha; oir, o na briathran a sgriobh thu, agus o ’n mhi-mhodh a nochd an sgiobair, tha amhrus agam gu’m bheil d’ eachdraidh neo-chumanta.”
Rinn Asad mar a dh’ iarr i air; agus ’nuair a shuidh e laimh rithe, labhair e mar so:— “A bhanrigh chumhachdach, tha bhur morachd ceart gu leor an uair a tha sibh a’ smaointean gu’m bheil eachdraidh mo bheatha anabarrach neo-chumanta. Dh’ fhuiling mi uilc agus piantan do-chreidsinn. Thug sibhse, le mor-chaoimhneas, saorsa dhomh o ’n bhas eagalach a bha mi gus fhaotainn. Tha mi fo chomain cho mor dhuibh ’s nach leig mi as m’ aire gu brath e. Ach mu’n toir mi dhuibh mion-chunntas air na truaighean a thachair dhomh—truaighean a chuireas uamhas air gach neach a chluinneas mu’n deidhinn—feumaidh mi an toiseach innseadh cia mar a thainig iad ’nam rathad.”
An uair a chuala Margiana so bha i ’miannachadh gu laidir an eachdraidh a chluinntinn. Dh’ innis Asad dhi gu’m bu mhac righ e; agus dh’ innis e dhi mar an ceudna mu a bhrathair Amgiad, agus mu’n dluth chairdeas a bha eatorra o’n oige; mar a thuit am mathraichean ann an gaol orra; mar a thainig orra an luchairt fhagail; mar a dh’ ordaich ’athair an cur le cheile gu bas; an doigh mhiorbhuilich anns an do shabhaladh am beatha; mar a chaill e sealladh air a bhrathair; mar a bha e cho fad air chumail ann am priosan, agus air a phianadh gu mor; agus mar a bha luchd aoraidh an teine ’dol g’ a iobradh air a’ bheinn teine.
An uair a chuir Asad crioch air na bh’ aige ri radh, bha ’bhanrigh ann an corruich mhoir ri luchd aoraidh an teine, “A phrionnsa,” ars’ ise, “bha grain agam riamh air luchd aoraidh an teine, ach gus a so, bha mi ann an tomhas truacanta riutha; ach an deigh an droch dhiol a rinn iad ortsa, agus mar a bha iad a’ runachadh do chuir gu bas mar iobairt, bidh mi ri m’bheo tuilleadh a’ cogadh ’nan aghaidh.”
Bha i air tuilleadh a radh mur b’e gu’n d’ thainig an t-suipear a steach. Thug i air Asad suidhe aig a’ bhord maille rithe; oir, leis cho maiseach agus cho deas-bhriathrach ’s a bha e, thuit i ann an trom ghaol air.
“A phrionnsa,” ars’ ise, “feumaidh sinn ceartas a thoirt dhut ann am biadh ’s an comhfhurtachd an deigh an droch ceartais a bha thu ’faotainn, agus an cruaidh-chas a dh’ fhuiling thu o luchd aoraidh an teine. Feumaidh tu beathachadh math an deigh na dh’ fhuiling thu de dhroch ceartas.”
Le briathran dhe ’n t-seorsa so thug i misneach dha aig an t-suipear. Thug i air cuid mhath dhe ’n fhion ol gus spreochain a chur ann. Air an aobhar sin, dh’ ol e barrachd air na bu choir dha.
An uair a bha ’n t-suipear seachad, bha toil aig Asad a dhol am mach, agus ghabh e cothrom air a dhol am mach an uair nach robh a’ bhanrigh ’g a fhaicinn. Chaidh e sios do’n chuirt, agus an uair a chunnaic e dorus a’ gharaidh fosgailte, chaidh e steach ann. Leis cho math ’s a bha ’n t-aite ’cordadh ris, bha e greis a’ coiseachd air fheadh. Mu dheireadh thachair fuaran ris, far an do nigh e aodann agus a lamhan gus e fhein urachadh. An sin leig e e-fhein ’na shineadh air an fheur, agus thuit e gu trom ’na chadal.
Bha beul na h-oidhche ann, agus bha Behram suidhichte nach leigeadh e leis a’ bhanrigh a bagraidhean a chur an gniomh. Air an aobhar sin thog e an t-acaire, agus bha e fo thrioblaid a chionn gu’n do chaill e Asad. Ach o’n a bha ’n stoirm air a dhol na bu lugha, bha e car toilichte, gu h-araidh a chionn gu’n robh a’ ghaoth bhar an fhearainn, agus mar sin gu’m biodh e na b’ fhasa dha falbh o’n fhearann. An uair a fhuair e an long a thobhadh am mach as an acarsaid leis a’ bhata, mu ’n d’ thug e air bord i, thuirt e ris na seoladairean, “ ’Illean, na tigibh air bord an drasta. Feumaidh sibh a dhol gu tir a dh’ iarraidh uisge, agus feithidh mise an so gus an till sibh.”
Bha na seoladairean a’ gabhail an leithsgeil, ag radh nach robh fhios aca c’aite am faigheadh iad uisge. Thug Behram an aire, an uair a bha e bruidhinn ris a’ bhanrigh, gu’n robh fuaran anns a’ gharadh faisge air a’ chladach. “Rachaibh do gharadh na banrigh,” ars’ esan; “cha ’n ’eil am balla ard, agus theid agaibh air faighinn thairis air furasda gu leor. Tha mios ann am meadhainn a’ gharaidh leis am faod sibh na buideil a lionadh, agus gheibh sibh an t-uisge air bord gun dragh mor sam bith.”
Chaidh na seoladairean gu tir far an d’ iarradh orra, agus fhuair iad a steach do’n gharadh furasda gu leor.
An uair a rainig iad an t-aite anns an robh a’ mhios chunnaic iad duine ’na chadal air an fheur, agus dh’ aithnich iad gur e Asad a bh’ ann.
Bha cuid dhuibh a’ cumail suil air Asad, agus bha cuid eile dhuibh a’ lionadh nam buideal le uisge. Bha Asad cho trom ’na chadal ’s nach cual’ e iad. Cho luath ’s a bha na buideil lan, thog iad leotha iad. Thug iad leotha Asad mar an ceudna. An uair a bha iad dluth air an luing, ghlaodh iad ris an sgiobair, ag radh, “A sgiobair, seid an trombaid, agus buail an druma, tha ’n seirbhiseach againn.”
Cha robh Behram a’ tuigsinn cia mar a b’urrainn na seoladairean greim fhaotainn air Asad. Agus o’n a bha ’n oidhche ann, cha robh e ’g a fhaicinn anns a’ bhata. Agus dh’ fheith e gus an deachaidh iad air bord gun fhaighneachd ciod a bha iad a’ ciallachadh. Ach an uair a chunnaic e Asad, bha aoibhneas anabarrach mor air. Gun fheitheamh cia mar a fhuair iad greim air, dh’ordaich e a cheangal gu tearuinte le geimhlein, agus an uair a thugadh am bata air bord, sheol iad air falbh gus a dhol do’n bheinn thei[ ? ]
Aig a’ cheart am bha banrigh Margiana, fo eagal mor mu dheidhinn Asaid. An toiseach cha robh dragh mor oirre m’ a dheidhinn ged a chaidh e ’mach, oir bha duil aice a h-uile mionad gu’n tilleadh e steach. An uair a bha i ’gabhail fadachd nach robh e tilleadh, chuir i na searbhantan air falbh feuch am faiceadh iad e.
Ach ged a rannsaich iad a h-uile aite, cha d’ fhuair iad e. An uair a thuit an oidhche, chuir i air falbh le lochrainn iad feuch am faiceadh iad e; ach cha ’n fhaca.
Mu dheireadh an uair a dh’ fhas i ro imineach, agus a chaill i a foighidin, dh’ fhalbh i fhein air a thoir le soluis. Agus an uair a fhuair i dorus a’ gharaidh fosgailte, chaidh i steach ann, agus choisich i fhein ’s na searbhantan air fheadh gu leir. An uair a bha i ’dol seachad air an fhuaran agus air a’ mheis, thug i an aire do bhroig air an talamh, agus dh’aithnich i gu’m bu le Asad i.
An uair a chunnaic i gu’n robh uisge air a dhortadh far an robh a’ mhios, thuig i gur e Behram a thug leis Asad. Anns a’ mhionaid chuir i fios feuch an robh e fhathast anns an acarsaid. Agus an uair a chual’ i gu ’n deachaidh e ’mach as an acarsaid mu’n do dhorchnaich an oidhche, agus gu’n do chuir e am bata gu tir ’na dheigh sin gus uisge ’thoirt as an fhuaran, cha robh teagamh aice nach b’ e a thug leis Asad. Chuir i fios gu ard-cheannard nan deich loingeas cogaidh a bh’ aice, agus a bha deas aig àm sam bith gus a dhol a chogadh, gu ’n robh i fhein gus a dhol air bord ann an soilleireachd an latha. Rinn an an t-ard-cheannard agus na daoine a bha fo ’laimh gach deisealachd a bha feumail, agus bha e deiseil gu seoladh aig an am ainmichte. Chaidh a’ bhan righ air bord, agus an uair a sheol an cabhlach, dh’innis i do ’n ard-cheannard an ni a bha ’na beachd a dheanamh. “Cuir gach seol a th’ agad ri crann, agus lean gu dluth an long-mharsantachd a sheol as an acarsaid so feasgar an de. Ma ghlacas tu i, is leat fhein i; ach mur glac, caillidh tu do bheatha g’ a chionn.”
Lean an cabhlach air toir Bhehraim fad da latha mu’n d’ fhuair iad sealladh oirre. Air an treas latha chunnaic iad i; agus mu mheadhain latha chuartaich iad i air doigh ’s nach robh rathad aice air a dhol as.
Cha bu luaithe chunnaic Behram na deich loingeas chogaidh na thuig e gu ’m b’ ann le banrigh Margiana a bha iad. Agus ghrad thug e ordugh gabhail air Asad le slait, ni a bha e ’deanamh a h-uile latha o’n a dh’ fhalbh e a baile nan draoidhean. An uair a chunnaic e na longeas, thug e ordugh gabhail air na b’ fhearr. Cha robh fhios aige ciod a dheanadh e ris an uair a chunnaic e gu’n robh na loingeas air thuar a ghlacadh. Nan cumadh e Asad air bord, dhiteadh e e-fnein; agus nam marbhadh e e, bha eagal air gu’m faicteadh comharan leis an biodh e air a dhiteadh. Mu dheireadh thug e ordugh a thoirt a ghrunnd na luinge, na geimhlean fhuasgladh dheth, agus a thilgeadh leis a’ chliathaich.
(Ri leantuinn.)
SEORAS III.
Cha robh Seòras III. tri bliadhna fichead a dh’ aois an uair a thoisich e ’rioghachadh. Phòs e goirid an déigh sin a’ bhan-phrionnsa Charlot, de theaghlach Mheclenburg ’s a’ Ghearmailt. Thug e aon de àrd dhreuchdan na Stàite do Iarla Bhòid, a bha air bith ’na fhear-teagaisg dha. Bu Sheumasach Iarla Bhòid, agus mar sin cha bhiodh e co dcònach air an cogadh a’ leantuinn. Ach b’e Uilleam Pit fathast Prìomh Mhinisteir Bhreatuinn, agus cha robh esan idir air son an cogadh a leigeadh seachad. Fhuair e mach gu’n robh comh-bhoinn eadar an Fhraing ’s an Spàinn an aghaidh Bhreatuinn, agus b’ àill leis cogadh éigheach ’an aghaidh na Spàinn air ball, ach cha’n fhuilingeadh a chomh-mhinisteirean sin a chluinntinn. Leig Pit dheth a dhreuchd an sin, ’s dh’ fhàg e h-iomradh ’s a h-éigheach aca féin. Ach an ùine ghoirid fhuair iad a mach air an cosdas gu’n robh Pit ceart, ’s b’ éigin doibh féin an dearbh ni a dheanamh a mhol esan doibh. Lean Breatunn air cogadh ris an dà rìoghachd chumhachdaich ud, agus air buadhachadh orra cuideachd, gus anns a’ bhliadhna 1763 am bu bhuidhe leò cumhachan sìth iarraidh. Chaidh an t-sìth a nàsgadh ’an ceud mhìos an earraich ann am Paris, agus goirid an deigh sin nàisgeadh sìth ann an Hubertsburgh eadar na rìoghachdaibh Roinn-Eòrpach a bha ’cogadh, ’s bha, mar sin, sìth araon ’s an Roinn-Eòrpa ’s an America. Choisinn Breatunn mòran fearainn ’an America
(Air a leantuinn air taobh 246.)
[Vol . 8. No. 31. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 9, 1900.
Litir a Moosomin.
An urrainn duine sealladh fhaicinn a’s graineile na seann duine air an daorich, a cheann aosda gun cheann-aodach, agus fhalt liath ’ga chrathadh leis a ghaoith, a chruth fhein air caochladh, gun naire, gun fhaireachadh, na chulaidh-mhagaidh do chuid ’s na chulaidh thruais do bheagan. Uair na shineadh ’s uair air a ghluin, beadagain a bhaile na dheigh a cur an gniomh gach ballachd a reir a miann; a chàirdean sa luchd-eòlais ma thachras dhaibh a bhi ’sa bhail’ aig an àm, mar as trice ga sheachnadh, mar gum bu lobhar e, ’sa leigeil orra nach fhaca ’s nach b’ aithne dhaibh riabh e. Tha mi smaointean nach ’eil sealladh eil ann cho mi-thaitneach, ach bean san staid cheudna, rud, gu fortanach, nach eil ri fhaicinn co dhiu ’m bailtean beaga ’n taobh so.
Chuala mi iomradh uair-eiginn ma dhuine bha comhnaidh an aite air choir-eiginn. Bha e na shìneadh air a chnoc air an dall daorich, gun chomas lamh na cas na suil a ghluasad leis na dh’ òl e. Dh’ fhaoighneachd cuid-eiginn dheth an gabhadh e làn eile. Ged a bha e dall, bodhar do chomhradh cumanta, tholl na briathran so troimh’n cheò thiugh, dhuaichnidh anns an robh an inntinn aige air a tiodhlacadh ’san am, agus bho nach b’ urrainn dha freagairt ann am briathran, dh’ fhosgail e chraos teinnteach, a ciallachadh cho soilleir ’sa b’ urrainn cainnt a radh, “Doirt a ghraidhein ann a sid e.” Cha ’n eil teagamh, coltach ri iomadh poiteas, ’n uair a thigeadh a thur ’sa chiall uige a latha-na-maireach, ’s ord-mor a bualadh na cheann le farum, ’sa chuireadh e ’lamh na phòcaid far an robh na dolair ghorm a’ choisinn e gu cruaidh ’sa gheabhadh e falamh i, nach deanadh e bòidean teann, cruaidh air a furm an aithreachais, nach blaiseadh e gu brath tuilleadh air an stuth laidir, gu h-araidh an uair a chluinneadh e gaoir thruagh, ’sa thigeadh na briathran tiamhaidh, paisdeil ga chluasan, “A bheil bìdeag bheag, bhìdeach idir a staigh, a mhamaidh.” Ach mo thruaighe, chinneadh na bòidean dùrachdach so a lathair a bhuairidh mar a chàth chorca air lombar romh’n ghaoith-tuath: rachadh a sguabadh gu tur air falbh. Cha ’n eil an seòrsa so cho pailt, tha mi smaointean, ’sa bha iad ’s na linntibh a dh’ fhalbh, co dhiu am measg nan Gàidheal, mar a dh’ fhaodas sinn a thuigsinn le obraichean nam bard a bh’ ann ’s na h-amannan sin a leughadh. Cha robh ceann-sios sam bith air duine bhitheadh na phòitear ’s na laithean ud. Na aghaidh sin ’s ann a bhitheadh fear nach òladh mar an t-iasg, na chulaidh-mhagaidh ’s na fheannaig-chora aig a chuideachd. Tha ’n t-uisge-beatha na mhathair-aobhair air barrachd bròin san t-saoghal, na aon rud sam bith eile, ann an iomadh dòigh. Tha e na chridhealas air uairibh, their cuid, os cionn gach ni, ach a ghabhail gu stuaime ’s le riaghailt. Faodaidh so a bhith fior ann an seadh, ach fàsaidh iomadh uair stoc mor a siol crion, gu h-araidh ma gheibh e deagh bhiathadh, gus mu dheireadh nach gabh casg cur air, gus an teid freumhaichean na beatha ’ghearradh. Tha e na aobhar spors air uairibh.
Tha seann Eirionnach beag nam nabhachd a tha gle dheigheil air a ghlainne. “Cha rachainn,” ars esan, “fichead slat a dh’ iarraidh botull ’n uair a bhitheas mi greis as aonais; ach aon uair ’s gu’m blais mi air rachainn do dh’ ifrinn fhéin ’ga iarraidh.” A bharr air a bhi ’n gaol air an dram, tha Dennis iongantach ann an iomadh doigh. Cha ’n urrainn dut guth a radh ris, ged a thachradh e riut; thig e na d’ choinneamh le ruais, ’s leigidh e mach na bhios aige ri radh na aon rann, ’s bidh cul a chinn riut ’se deich slatan bhuat ’n uair a bhitheas e comh-dhunadh a naigheachd, ’s e coma co-dhiu chluinneas tu e gus nach cluinn. ’Se ’n aon duine tha cumail dhamh-obrach ’sa choimhearsnachd, air thailibh nach bi iad cho buailteach air teicheadh ri eich, ’nuair a bhitheas am maighstir an caidribh Mhic-an-Toisich. Ged a bhiodh e dol astar ceud mile, gabhaidh e chas air thoiseach air na daimh, ’s taod mor aig asda. Tha e mu choig mile o’n bhaile, ’s tachraidh e fhein riut lethach rathaid ’s an taod air a ghuallain ’se draoghadh aig peilleir a bheatha, ’s na daimh a fagail a bhaile. Bha e uair ’sa bhaile ’s ghabh e droch dhaorach; thug e ionnsaidh air tighinn dhachaidh, ach thug e suas leitheach slighe. Thachair dhomh fhin a bhi ’sa bhaile ’cheart latha, ’s thachair e rium ’na shineadh ’san eabar air antrail .Thog mi leam e, ach cha be taghadh na taing a fhuair mi, an dorn aige ris an t-sròin agam, ’s faodar a thuigsinn gu ’n robh i cunnartach, ’n uair a b’ fheudar dha bhi ’ga cumail suas leis an te eile.
Air dha bhi baitseadh uair, ’sa bhean air falbh, ghabh e ’n cothrom ’s fhuair e pige de’n stuth bu toigh leis. Bha seann chompanach faisg air, bha cho deigheil air ris fhein, ’s bha toil aige fhaighinn cuide ris gus faothachadh a thoirt d’an phige; ach b’e cheist ciamar a gheabhadh e nall e ’s nach b’urrainn e ceum a dhianamh leis a rumatas. Ach cha bhitheadh e air a bheatadh. De ’n tlachd a bhiodh aige na aonar ’s gu leòr ’sa phige, ’s gu leor aige ri radh, ’s gu leor do dh’ fhialachd ann. Fhuair e ’m barra roth ’s chuir e feur ann, ’s dh’ fhalbh e dh’ iarraidh a charaid Mike. Bha iad a tilleadh doigheil gu leor, ach tha mi creidsinn gun robh na smaointean aca air na bha rompa, ’s nach b’ ann air a rathad a bha iad a dol. Bha Mike ’na shuidhe ’sa bharra, ’s aghaidh air a charaid, a bha ’na dhuine beag, ’s mar sin, bha ceann Mhike eadar e ’san t-slighe, ’s cha robh e faicinn c’aite ’n robh e dol, gus na dh’ fhairich e casan fliuch suas thun na ’n gluinean; —bha iad am meadhain lòn domhain, dubh. Ghrad leig Dennis as am barra ’s leum e gu tir, se aig a cheart am ag eigheach ris an fhear eile, “Seas na meadhain a Mhike man teid a thairis agus tog air do shocair gu tir e.” Leis mar a bha Mike na bhoil, thug e ionnsaidh air a ghniomh iongantach so a dheanamh. Ach cha robh comas air; b’ fheudar do Dhennis a charaid ’s am barra dhealachhdh, ’s an toirt gu tir an leth. Chuir so an leithid do dh’ fheirg air ’s gun do thill e air ais le Mike bochd, ach mu’n do rainig e, thaisich a chridhe ’s dh’ atharraich e inntinn a rithist ’s thug e m’an cuairt e aon uair eile. Rinn e doigh ur a nis; chaidh e air adhart ’s a chùl ris a bharra ga dhraghadh na dheigh; ach bha na tubaistean an dàn dha aon uair eile mu’n d’ rainig e cheann-uidhe. Bha clais domhain eadar e ’san taigh, chuir Dennis a chas seachad oirre gu stolda ’n duil gun deanadh am barra air ’n doigh cheudna; ach, mo chreach! bhual am barra cho cruaidh ’s gun do bhrist a chuibheal ’s chaidh Mike air comhair a chinn da’n dig! Dh’ fhag so a rithist am fear eile cho frithir, crosda ’s gun dug e fuchdadh no dha air a charaid mu’n do thog e e as an ribe ’s an robh e. “Bheil barr-roth agad fhein, a Mhike?” ars’ esan, air dha bhi greis a smaointean. “Tha,” arsa Mike. “Seall thu so, ma ta; tillidh tu ’ga iarraidh ’s fanaidh mi fhin ann a so gus an tig thu leis, ’s bheir mi ’n corr dhe ’n astar thu.” “Ceart gu leor,” arsa Mike, ’se tilleadh na ruith; oir leis a h-uile uidil a fhuair e, theich a rumatas. Ach ghlaodh Dennis ris e thilleadh, gun rachadh iad le cheile ’ga iarradh a màireach airson a thoirt dhachaidh. Thug an uair sin Dennis leis air a mhuin e ’n corr d’an astar. “Ciamar a bheir sinn an ceann as,” arsa Mike, an uair a leig a charaid as ri taobh a phige; “tha e cho fada sios na amnaich ’s nach fhaigh sinn greim air. “Innsidh mi sin,” arsa Dennis, “cumaidh mi fhin air a bhial-fodh e, ’s bualaidh tusa le d’ dhorn man mhas e. Ach cha deanadh so feum. Ach fhuair iad as e co dhiu, ’s fhuair iad na bhlàthaich an cridheachanan an ùine gun a bhi fada, ’s bha iad cho sona ri dithis. Chaidh fear an taighe ’n sin a mach ’s chuir e falach am pige leis a bheagan a bh’ ann. Chunnaic Mike tromh tholl a bh’ air an tigh an t-aite na chuir e e, ’s an uair a fhuair e na chadal e, chaidh e mach ’s thraigh e ’m pige, ’s tuitear ’na shineadh ri thaobh air an dallanaich, na fhianuis bhalbh air an rud a rinn e. Dhuisg Dennis ’s pathadh mor air, ach ’se fhuair e am pige falamh ’sa charaide lan, ’s cha robh aige ach iotadh a chasg san bhuaran. Dh’ fhalbh e ’n sin ’s thog e nàbaidh caomh ’s chuir e na shineadh e air sleighe bhig a bhitheadh aige ma ’n bhathaich, ’s thug e mach fear de na daimh. Cha do stad e ri acfhuinn a chur air, ach cheangal e ropa na sleigh ri earball. An uair a dh’ fhairich a bhrùid bhochd an tarruinn far nach bu chòir dhi bhith, bhrist e air falbh ’s thug e aghaidh a tuath. Chunnaic Dennis a dha shàil-deiridh a dol á sealladh air mullach a chnuic mhoir. ’S ma thachras e ri aon d’ar luchd-leughaidh, chuireadh e comain mhor air mo nàbuidh le stiuireadh uige. Ach tha amhrus laidir aige gum faic e Mike fhathast a tilleadh as a Chlondaic, ’s an t-sleighe air a luchdachadh le òr glan, buidhe.
SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin, Ian. 27, ’00.
Tha daoine aingidh iomadh uair a’ cur falaich air an aingidheachd le cleoca na diadhachd, dìreach marr a rinn Herod an uair a thuirt e ris na daoine glice, “Imichibh. agus iarraibh gu dìchiollach an naoidhean; agus an deigh dhuibh ’fhaotainn, innsibh dhomhsa e, a chum gu’n rachainnsa fein, agus gu deanainn aoradh dha.”
Cuimhnich daonnan air do chrìch agus nach till an t-am a dh’ fhalbh. Gun sùrd dichioll cha toir thu mach a chaoidh subhailcean.
[Vol . 8. No. 31. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha seachd tagraidhean air beul aobh pàrlamaid Chanada o dhaoine ’s o mhathan a tha ’g iarraidh litir-dhealachaidh uathasan ris am bheil iad pòsda.
Chaochail fear Seumas Cruikshank ann an Antrim, an siorrachd Halifacs, o chionn ghoirid; ’se 99 bliadhna dh’ aois. Bha ’athair 104 bliadhna dh’ aois ’nuair a chaochail e, agus a mhàthair 90.
Tha sinn an dochas gu’n toir am mios ugainn àireamh mhath dholar air son pàigheadh MHIC-TALLA—agus mar an ceudna gu faigh sinn aireamh de luchd-gabhial ùra. Cluinneamaid o gach aon o’m bu chòir dhuinn cluinntinn.
Di-satharna s’a chaidh, bha fear Raonull Mac Fhearghais air a bhathadh an amhuinn Mira ’se dol thairis air an deigh. Chaidh e ann an toll a bh’ air an deigh. Cha d’ fhuaireadh a chorp gu maduinn an ath latha. Bha e da fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach us sianar chloinn òg, an t-aon a’s sine dhiubh deich bliadhna dh’ aois.
Fhuair fear Iain D. Domhnullach, ann an Naufrauge, E. P I., muc-mhara marbh air a chladach, agus ri taobh mu shia fichead punnd de dh’ òmar-glas. ’S fhiach an t-òmar-glas moran airgeid; tha luach na fhuair am fear so air a mheas o $8 ,000 gu $48 ,000. Thatar an deigh mirean beaga dheth a chur air falbh do Mhontreal ’s do New York air son fhaotainn a mach ciod is fhiach e.
Cha’n eil moran ri innse mu’n chogadh; a reir coltais cha’n eil fior mhoran a’ dol air adhart, neo ma tha cha’n eil sgeul air a tighinn an taobh so. Tha Buller ’s a chuid airm a tuath air an Tugela a rithist, agus, a reir cuid, a dheanamh air son Ladysmith. Tha Roberts agus Kitchener air a dhol a mach gu àite chogaidh, ’s tha dòchas aig daoine gu’n dean sin atharrachadh a thoirt air cùisean. Tha tuilleadh airm ’ga chur air adhart a h-uile latha.
Tha iomadh sgeul fhaoin a tighinn a Africa aig an àm so. Tha aon a dh’ fhaodar ainmeachadh ag radh gu’n do chuir Comunn Stuaime nan Ban (W. C. T. U.) an Canada, litir a dh’ ionnsuidh na Ban-righ ag guidhe oirre gun i leigeadh le saighdearan Chanada a dhol ri aghaidh nan naimhdean, gu robh iad tuilleadh us òg air son a bhi air an cur do bhlàr! Ghabh na gillean fearg gu leòr ’nuair a chual’ iad an sgeul, ach fhuair iad a mach an ùine ghoirid nach robh facal firinn innte.
Thachair droch sgiorradh ann an Newfoundland air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig stoirm uamhasach air a charbad-iaruinn ’se ruith air bile creige ris a chladach, agus bha da charbad air an tilgeadh bhar an rathaid. Chaidh iad ’nan teine, agus bha gach ni a bh’ annta air a losgadh, am measg nithean eile moranmaila Breatunn ’s a dùthchannan eile. Bha h-aon deug air fhichead air bord natrainagus cha d’fhuair duine dhiubh as gun ghoirteachadh; bha trùir dhiubh cho dona ’s ’nuair a rainig iad Sidni Tuath gu’m b’fheudar an giulan bhar a bháta dh’ionnsuidh a charbad.
An ti a’s fhearr an Ceap Breatunn air 24cts am punnd aig H. H. Sutharlan & Co.
Bha teine mor ann am baile Dawson air an aonamh latha deug dhe’n mhios a chaidh seachad. Loisgeadh taighean agus bathar a b’ fhiach uile gu leir mu cheithir cheud mile dolair.
Tha naodh ceud ’s tri fichead mile de rathad iaruinn ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatunn. Da fhichead bliadhna roimhe so, cha robh anns an roinn air fad ach mu cheud mile.
Tha aig luchd-turuis a bhios a tigh’n á Montreal gu ruige Ceap Breatunn ri stad ann an Truro da uair air fhichead. An aite seirbhis nan carbad a bhi dol na’s fhearr ’s ann a tha i sior dhol na’s miosa.
Tha duin’ araidh am measg ar luchd-eòlais ag radh gur i bharail-san gu bheil an t-side fuireach cho bhlàth ’sa tha i, ’s an acarsaid a fuireach fosgailte a dh’ aon ghnothuch air son an car a thoirt as an inneal-aiseig a thatar a togail ann an Sidni Tuath.
Bha Parlamaid Nobha Scotia air a fosgladh an de. Tha an ard pharlamaid cruinn ann an Ottawa o’n cheud latha dhe’n mhios. ’S i bharail chumanta nach bi i ’na suidhe cho fada air an turus so so bha i ’n uiridh, oir cha’n eil e ri fhaicinn gu bheil fior mhoran obrach m’a coinneamh.
Tha Australia, cho math ri Canada, a’ cur tuilleadh shaighdearan do Africa Deas. agus tha New Zealand a cur bhan-altrum ann a thoirt an aire do’n mhuinntir leointe. Chaidh ionnsuidh a thoirt air teine chur ri te dhe na soithichean a bha dol a ghiùlan saighdearan Australia gu’n ceann-uidhe.
Tha ochdnar mhaor aig cuideachd an iaruinn air son riaghailt a chumail am measg an luchcd-obrach. Tha iad so air am mionnachadh a stigh leis a bhaile, ach air am pàigheadh leis a chuideachd. Tha aca air an ceann Mac Coinnich agus Dooley, a bha fad bhliadhnaichean ’nam maoir ann an Sidni Tuath.
Tha na paipearan Duitseach ann an Cape Colony an dràsda ’g agairtg u’m bu chòir sith a dheanamh ris an Transvaal. ’Se ’s aobhar dha sin gu bheil iad gle chinnteach gu’n teid a chuis an aghaidh nam Boers an uine gun bhi fada, agus cha’n eil toil aca Breatunn fhaicinn a faotainn buaidh. Ach cha deanar sith a nise gus am bi dùthaich nam Boers gu h-iomlan fo riaghladh Bhreatunn.
Ann am baile beag an stait Illinois, tha fuireach Gearmailteach pòsda ri ban-Shasunnach, agus Sasunnach pòsda ri ban-Ghearmailteach. An la roimhe chaidh an dithis fhear bhar a cheiie mu chogadh nam Boers, agus shabaidich iad, ’s mu’n do sguir iad, chaidh an Gearmailteach a stobadh le forc fheòir, ’s chaidh an Sasunnach a pharnnadh ’s a sgròbadh gu dona. Bha na mnathan ’sa cheud dol a mach a togail an guth air taobh an dùthcha, ach ’nuair a thainig a chùis gu buillean, ghabh gach te dhiubh taobh a fir, ’s ’nuair a chaidh na fir a chur o fheum, thòisich iad air a chéile.
THA
Saoiread a Bhathair
a tha sinn a creic a mach
a sior tharruinn aire dhaoine.
Nach tarruinn na prisean a leanas t’ aire-sa:—
Brogan obrach dhaoine ’s ghillean(Split Bal. )80c
Leintean troma Gingham 26c
Triubhsairean Troma de chloth gorm 90c
Leintean briagha geala 48c
Anart buidhe (36 oirlich a leud) 3c an t-slat.
Flannelette5c. 7c. 9c. & 10c. an t-slat.
H . H. SUTHERLAND & CO.
Air Seann Larach Thormaid Dhomhnullaich.
A Dahoin’ agus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an creic,
Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean.
J . C. MILLS.
Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 8. No. 31. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 243.)
agus ’s na h-Innsibh a’ siar leis a’ chogadh fhadalach ud. Ach mu choinneamh sin bha na fiachan air atadh gu h-anabarrach. Roimh thòiseachadh a’ chogaidh mu dheireadh, bha fiachan Bhreatuinn mu’n cuairt do cheithir fichead muillean. ’N uair a sguir an cogadh bha iad air dìreadh gu dlùth air ceud ’s dà fhichead muillean. Bha sluagh Bhreatuinn, gu h-àraidh na Sasunnaich, ro dhìombach do Iarla Bhòid, am Prìomh Mhinisteir, air son nach d’ fhuair e cumhachan ni b’ onaraiche do Bhreatunn., ’s gun robh a cuid armailtean co soirbheachail air mùir ’s air ré a’ chogaidh. Bha na Sasunnaich ni bu ro bhuaireasaich ’na aghaidh a chionn gu’m b’ Albannach e. B’ éigin da ’n dreuchd a leigeadh dheth, agus chaidh fear Mr. Grenbhil, a dh’ àrdaicheadh an déigh sin gu bhi ’na Mhorair, ’na àite.
B’e aon de na ceud nithe a rinn Grenbhil, an déigh tighinn do ’n dreuchd, tòiseachadh air cath ri luchd, sgrìobhaidh nam paipeirean naigheachd air son an càinidh ’s an ana-cainnt ’an aghaidh an tighearnais. Thòisich e ro gharg. Cha deachaidh leis ach ’an cuid. Ach ’s e nì àraidh aìr son a thighearnas-san ainmeil an oidhirp a thug e air na h-Americanaich a chur fo chìs, agus mar a dh’eirich iadsan suas air lorgsin gus an ceangal eadar iad féin ’s an dùthaich mhàthaireil a bhriseadh gu h-iomlan. Mar a bha fiachan na rìoghachd air tighinn gu àirde co mòr ’s a dh’ fheumadh tighearnas riadh nam fiachan a phàigheadh gu bliadhnail, leag iad cìsean ni bu truim’ aig a’ bhaile; ’s o’n bha iad air deanamh mòran cosdais ri America a dhìonad o na Frangaich ’s o naimhdibh eile, bha iad ’an dùil gu ’n robh e laghail dhoibh ni-eigin de chur a stigh a thogail o ’na Stàitibh fa leth do’n robh America a tuath air a roinn. Fhuaradh Reachd troimh ’n Phàrlamaid leis an robh na h-Americanaich gu bhi gnàthachadh Paipeirean S?amp air an robh cìs bheag. Ach ’n uair a fhuaradh sin a mach air taobh thall a’ chuain, dh’ éirich iad an ceannairc. Thuig a’ Phàrlamaid Bhreatunnach gu’m bu co maith an t-Achd a chur air chùl; agus rinneadh sin, agus sgriobhadh a null do America a dh’ innseadh nach robh cìs gu bhi air a leagadh orr’ air an dòigh ud. Ach aig an àm cheudn’ a tagairt gu’n robh còir aig Breatunn air cìs a leagadh air gach ùr threabhachas a bhuineadh dhi, mar chitheadh i iomchuidh. Cha do chuir na h-Americanaich mòr shuim anns an tagairt sin fhad ’s nach robh e ach ’am focal a mhàin. Bha Grenbhil a nis an déigh an dreuchd a leigeadh dheth, agus Marcus Rocingham air tighinn na àite. Goirid an déigh sin thàinig Morair North gu bhi ’na Phrìomh Mhinisteir. Rùnaicheadh a nis cìs a chur air na h-Americanaich air sheòl co eutrom ’s air an smuaineachadh iad. B’e sin beagan a phàigheadh fo ainm cìs air son bathair a bha dol a null á long Phortaibh Breatunnaich. Bha i air a tri no ceithir de nithe fa leth an toiseach; ach thugadh dheth na nithibh sin uil’ i, ach tì a mhàin. Bha trì sgillinnean de chis gu bhi air a phunnd. Agus thug a’ Chuideachd Innseanach an tì seachad co saor, air son a chur a dh’ America, ’s gu ’n robh e ni b’ fhusadh a cheannach ’an America na ’m Breatunn féin, ged a bha ainmeachas cìs air. Ach dh’ éirich na h-Amerisanaich ’na aghaidh. Chaidh long le luchd a steach do Phort Bhostoin, ’s chruinnich àireamh mòr de mhath-shluagh a’ bhaile; fhuair siad iad féin air an armachadh, ’s chaidh iad air bòrd na luinge, ’s thilg iad an luchd a mach air a’ mhuir. ’An Niu Iorc, ’s am Philadelphia, cha d’ fhuair na luingeas cothrom dad a bh’ air bòrd ac’ a chur air tìr. Agus ’am baile Theàrlaich, far an d’ fhuair iad cothrom a chur air tìr, chaidh a ghrad ghlasadh a stigh ’an tighibh stòir, far nach bu dana le Bhreatunnach meur a chur air. Bha ’n cogadh air a bhonn. Rinneadh cabhag air feachdan lìonmhor mara ’s tìr a chur a null air los an fheadhhinn ud a bh’ air éiridh an ceannairc a thoirt gu strìochdadh. Ach ’s cogadh daor a bha ’n sud do na Breatunnaich. Bha chuid ud de America, eadhon an uair ud, air a roinn ’na Staitibh fa leth. Thionail Cochruinn lìonmhor as gach Stàite dhiubh sin do Philadelphia ’am mìos meadhonach an fhoghair 1774. Chuir iad céill an sin a measg nithe eile, gu ’n robh iad deònach air a’ cheangal eadar iad féin ’s an dùthaich mhàthaireil a bhi air a bhuanachadh, ach cothrom a bhi aca fhein a mhàin gach cìs a chitheadh iad iomchuidh a chur orra féin, Ach cha’n eisdeadh Breatunn ri cumhachibh uatha ni b’ fhaide. Agus fhuaradh a mach an deigh làimh gu ’m b’ aon aobhar mòr air son iad a dh’ éiridh ’an ceannairc, gun robh mòran de’n cuid mharsantan a deanamh fortain le smuglaigeadh, no goid-mhalairt ri eileanaibh nan Innsean a siar a bhuineadh do’n Spàinn.
(Ri leantuinn.)
Reic a mach bathair na’s saoire na chosd e aig H. H. Sutharlan
&
Co.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
[Vol . 8. No. 31. p. 7]
Fear na Muing.
LE DONULL MAC CALLUM.
Air do’n Ghille Bhàn agus do Loirean a bhi là ag òl ann an seòmar beag leo fhéin anns an “Star Inn,” thàinig duin’ uasal caol, ard, dubh, le falt ’us feusag mar mhuing leòghain a sios ’m guaillean ’s air a’ bhroilleach a steach, a pheitig air cumadh poca, agus bhrigisean cho farsuinn ’s gun deanadh iad a chùis do fhear a bhiodh a thri toighead ris. Air a shàil thàinig an t-òsdair agus mar so thuirt e—“Messrs Loran and Gilbain, gentlemen, allow me to introduce to you the rising artist, Carlo Von Michael, who already knows you by repute. ”Dh’eirich Loirean ’s an Gille Bàn agus rug iad air làimh anartist .” Dh’ fhalbh an t-osdair. “Pray be seated, gentlemen, ”thuirt fear na muing. “Can I have the honour of offering you something to drink! ”Cha robh dad aig na fir an aghaidh sid agus air a chost dh’ol iad a dheoch-slainte le brandi laidir.
’Nuair a thug iad greis ag ol agus a comhradh mu ghnothaichean na duthcha deir Carlo Von Michael—“I suppose, gentlemen, you are greatly wondering who I am, and what my business is with you?” “Your noble lordship, ”deir Loirean, “looks suspiciously like a detective chap, and we would not wonder to hear your business with us was to get us into a trap. “My dear sir, ”deir fear na muing, “you are greatly mistaken. But why, in that case, do you call me your noble lordship, ” “O!” deir Lorian, “your noble lordship’s majestic bearing proclaims your noble lordship’s ancient pedigree, but your sneaking manner proclaims your detective proclivity.” “ Gooddeir Von Michael; “very good, sir, I belong to a noble race, and my purpose is not quite honest. To be plain, I mean to make a sensation as an artist, and I dreamed that I was made famous as the painter of the “Poachers at Work.” I am determined to make that dream a reality. It will pay you well to become my modles. My studio shall be the mountain side. ”An déigh do na fir beagan fhacal a ràdh ri chéile ann an Gaidhlig thuirt Loirean ri fear na muing. “Having had a consultation on the matter, we are quite agreed to accept your noble lordship’s offer. We have no fear but that your noble lordship will pay ns right enough. ”
Mu ’n do dhealaich na fir shuidhich iad gu’n rachadh iad a mach seachdain o’n là sin a shealg air Beinn-a chladaich a bhuineas do fhearann Mhicodo. Air an là sin thog iad orra le gunairean air an guaillean gun sgath gun eagal.
’Nuair a ràinig iad Béinn-a- Chladaich thuirt fear na muing, “Gentlemen you can be shooting away on the side of the hill here, and I shall go up to the top to have a view of you for my great canvas. ”Dh’ fhalbh Carlo, agus thoisich na fir air an t-seilg; ach cha robh iad fada ’g obair ’nuair a thàinig na gillean aig The Mac Dodo orra, agus bha iad air an glacadh leo agus air an toirt air falbh air muin eich do ’n phrìosan. Cha robh lorg air fear na muing. Cha deachaidh na gillean leis na poachearan fada ’nuair a rug The Mac Dodo orra agus dh’ fhalbh e leó ’g an toirt do’n phrios
Giùlain thu fein a nis air a leithid de dhòigh is gu’m bi uair do bhàis na h-aobhar aigheir is cha’n ann na h-aobhar eagail.
AMHERST BOOT
&
SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
TURSAN DIREACH. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
J . A. YOUNG, Manager.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 8. No. 31. p. 8]
Dan an Deirg.
’S La dhuinn a’ fiadhach na Leana,
Chunnas loingeas breid-gheal crannach;
Shaoileas gu’m b’ Lochlann a dh’ elrigh,
A thoirt Chrimin’ air eigin thairis.
Sin ’n uair thuirt Conan crion,
“ ’S coma leam stri gun fhios c’arson;
Feuchaibh an toiseach le suim
Ciod an run am bheil dhuinn a bhean.
Deargamaid falluinn a fir
’Am fuil tuirc ’s am fhireach ard;
Giulaineamaid e ris an riochd mairbh,
’S chi sibhse ma’s fior a gradh.”
Dh’ eisd sinne, ’s b’ aithreach lcinn,
Comhairle Chonain a’ mhi-aigh.
Leag sinn an torc nimhe borb
Anns a choillidh dlu do’n traigh.
“Cumaibh riums’ e,” deir Conan crion;
“ ’S d’a dhith, mo lamh, gu’m bi ’n ceann.
Chomhdaich sinn Dearg leis an fhuil,
’S thog sinn air ar muin an laoch;
A righ! bu tiamhaidh trom ar ceol
’G a ghiulan an co-dhail a ghaoil.
Ruith Conan le bian an tuirc
(Bha e titheach chum uilc a ghna)—
“Le ’m lainn thuirt an torc a lot d’ fhear,
’N uair bhrist a shleagh air cheum fas!”
Chuala Crimin’ an sgeul;
’Us chunnaic i ’n cruth eig a Dearg;
Dh’ fhas i mar mheall eigh ’s an fhuachd,
Air Mora nan cruaidh learg.
Tamull dhi mar sin ’n a tamh,
Ghlac i ’n a laimh inneal-ciuil.
Mheath i gach cri; ach cha d’ fhuiling
Sinn do Dhearg e corrach’ air uilinn.
Mar bhinn-ghuth eala ’n guin bais,
No mor cheolan chaich mu’n cuairt di,
A’ gairm an taibhse bho lochan nan nial,
’G a giulan air sgiathaibh gaoithe;
B’amhuil sin caoidh Chrimine,
’S a Dearg ’n a shineadh dlu dhi.
CAOIDH CHRIMINE.
“O thaibhse! bho airde nan nial
Cromaibh a dh’ iarraidh ’ur Deirg;
’Us thigibh, oighean an Trein, o ’r talla,
Le ur-fhalluinn leibh do m’ ghradh.
“C’uime, Dheirg, an robh ar cri
Air an sniomh co dlu ’n ar com?
’Us c’uim’ a spionadh thusa uam,
’S an d’ fhagadh mise gu truagh trom?
Mar dha lus sinn ’s an druchd ri gaire,
Taobh na creige ’m blas na greine,
Gun fhreumh air bith ach an aon,
Aig an da lus aobhach aoibhinn.
“Sheun oighean Chaothain na luis,
Is boidheach, leo fein, am fas!
Sheun ’us na h-aighean eutrom;
Ged thug an torc do aon diu ’m bas.
Is trom trom, ’s a cheann air iomadh;
’N t-aon lus faoin tha fathasd beo,
Mar dhuilleach air seargadh ’s a’ ghrein—
O! b’ aoibhinn bhi nis gun deo.
“ ’Us dh’iadh orm oidhche gun chrioch;
Thuit gu sior mo ghrian fo smal
Moch bu lannair air Mor-bheinn a snuadh,
Ach anmoch chaidh tual an car.
’S ma threig thu mi, sholuis m’aigh!
Tha mi gu la bhrath gun ghean.
Och! mur eirich Dearg o phramh,
Is duibh-neul gu brath a bhean!
’S duaichnidh do dhreach; fuar do chri’;
Gun spionn’ ad laimh, no cli ad chois.
Och! ’s balbh do bheul a bha binn;
Och! ’s tinn leam, a ghraidh, chor!
Nis chaochail rugha do ghruaidh,
Fhir nam mor-bhuadh anns gach cath,
’S mall, mar a cnuic air ’n do leum,
A’ chas a chuir eilde gu stad!
“ ’Us b’ annsa Dearg seach neach fo’n ghrein o!
Seach m’ athair deurach, ’s mo mhathair chaomh.
Tha ’n suil ri lear gu tric ’s an eigheach;
Ach b’ annsa leamsa dol eug le m’ ghaol.
“ ’Us lean mi ’n cein thar muir ’us glinn thu.
’S laidhinn sinte leat ’s an t-slochd;
O! thigeadh bas no torc do m’ reubadh,
Neo ’s truagh mo charamh fein an nochd.
“ ’Us rinneadh leaba dhuinn an raoir,
Air an raon ud cnoc nan sealg;
’S ni ’n deanar leab’ air leth an nochd dhuinn,
’S ni ’n sgarar mo chorp o Dhearg.
“Tuirlibh, o thaibhse nan nial,
O ionadaibh fiailnam flath!
Tuirlibh air-ghlas-sgiathaibh ’ur ceo,
’Us glacaibh mo dheo gun athadh!
“Oighean tha’n tallaibh an Trein,
Deilbhibh ceo-eideadh Chrimine)
Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dheirg;
A’d sgiobuls’, a Dheirg, biom!”
’Us mhothaich sinn ’g a treigsinn a guth,
Mhothaich sinn gun lugh’ a meoir.
Thog sinn Dearg, ach bu ro-anamoch;
Crimine bha marbh gun deo.
Thuit a’ chlarsach as a laimh;
Dh’imich ’s an dan a h-anam.
Thaisg an laoch i air an traigh,
Le Crimora, cheud ghradh;
’Us dh’ ullaich e ’s an aite cheudna
An leac ghlas fo’n laidh e fein.
’S chaidh dithis deich samhraidh mu ’n cuairt,
U’s dithis deich geamhraidh le ’m fuachd o sin;
An cian ud tha Dearg ’n a uaimh,
’S cha’n eisd e ach fuaim gun ghean;
’S tric mis’ a’ seinn da tra noin,
’S Crimin’ air a ceo-soillse.
Stiùir d’ ùrnuigh, d’ achanaich is do dheùir gach là gu neamh, chum an déigh do bhàis gum faigh d’ anam fàilte fhiallaidh an sin.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
title | Issue 31 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 31. %p |
parent text | Volume 8 |