[Vol . 8. No. 32. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 16, 1900. No. 32.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
CAIB. VII.
Bha Muruchadh Ceannaiche latha no dhà eadar dhà chomhairle co dhiubh a bhruidhneadh no nach bruidhneadh e ris a’ mhaighstir-sgoile mu dheidhinn na dòigh anns an robh e ’gabhail air Domhull. Mu dheireadh thuirt e ris fhein, gu’m b’ fhearr dha bruidhinn ris gun dàil sam bith. Nan rachadh aige air a chomhairleachadh, bu mhath; ach mur rachadh, cha bhiodh g’a dhìth ach a shaothair. Ach bha làn chinnt aige nach b’ e taghadh na taing a gheibheadh e, nan tachradh gu’m biodh am maighstir-sgoile bhar a shiùil aig an àm.
Bu duine glic, geur-chuiseach a bh’ ann am Muruchadh. Cha ’n abradh e mòran aig àm sam bith; ach na theireadh e, cha bhiodh cearb air. Bha e fhein ’s am maighstir-sgoile glé eólach air a chéile; oir bha iad nan dlùth-choimhearsnaich fad iomadh bliadhna.
Mu’n aon latha ’bhiodh am maighstir-sgoile glic ’na chainnt, na dhòigh ’s ’na ghluasad, bhiodh e dà latha amaideach, greannach, crosda, frithir. Bha ceann math aige gu foghlum de gach seòrsa a thogail, agus bha cuimhne air leith math aige. Ni sam bith a chitheadh no ’chluinneadh no leughadh e, chumadh e air chuimhne e. Ach bha e trom air an òl; agus an uair a bhiodh e latha no dhà ag òl, bhiodh e latha no dha ’na dheigh sin cho greannach ’s cho crosda ris a’ mhac-mhollachd. B’ e an duine bu ghlice an duine a sheachnadh e an uair a bhiodh e anns an t-suidheachadh so. Bha fhios aig Muruchadh air so glé mhath, agus bha fhios aige mar an ceudna gu’m bu cho math dha teannadh ri ’fhiaclan a chur ann an creig ri teannadh ri comhairle a thoirt air a’ mhaighstir-sgoile an uair a bhiodh e bhar a shiùil. Ach an uair a bhiodh saod math air dh’ éisdeadh e gu foighidneach ri comhairle caraid, agus nam biodh a’ comhairle a réir ’inntinn fhein, ghabhadh e i; ach mur bitheadh, cha tugadh e geill sam bith dhi.
Latha de na laithean, an uair a shaoil Muruchadh gu ’n robh saod math air a’ mhaighstir-sgoile, chaidh e a dh’ aon ghnothach far an robh e, agus thòisich e ri seanachas ris mu thimchioll caochladh nithean a bha ’tachairt anns an àite. Am measg nan nithean eile air an d’ thug iad iomradh fhad ’s a bha iad a’ comhradh, thainig aca air teaghlach Aonghais ’ic Alasdair. Mhol Muruchadh, mar a dh’ fhaodadh e, Aonghas; agus thuirt e gu’n robh truas mòr aige ris a’ bhantraich agus ris a’ cheathrar dhilleachdan a dh’ fhàgadh aice.
“Tha truas agamsa mi fhein rithe,” ars’ an maighstir-sgoile, “ach is e am balach a’s sinne a th’ aice an aon bhalach a’s duilighe dhomh a cheannsachadh a thachair riamh rium. Bidh e anns a’ h-uile olc ged a phronnainn ’na chraicionn e. Ach cha’n eil mi ’smaointean gu’m bheil a h-aon ’s an sgoil agam a’s fhearr a dh’ ionnsaicheadh na e, nan suidhicheadh e ’inntinn air an sgoil. Ach cha dean e sin Cha’n eil fhios agam ciod a ni mi ris. Tha truas agam ris, ged a tha mi gu tric a’ toirt fìor dhroch laimhseachadh dha. B’ fheudar dhomh a dhol an diugh fhein an sàs ann; ach cha b’ann le ’m thoil; oir tha barrachd truais agam ris o’n a dh’ eug ’athair. An uair a leag mi air an urlar e gus a bhriogais a thoirt dheth gu gabhail air gu math ’s gu robh mhath, ciod a b’ iongantaiche leam na gu’n robh na gailis aige air am fuaigheal ris a’ bhriogais. An uair a chunnaic mi cho gleusda ’s a bha e, cha dùiriginn buille a bhualadh air. Leig mi ’na sheasamh e, agus thuirt mi ris gu ’m cuirinn an sgian air na gaileis aige an ath uair a rachainn ’na dhàil. Ged a leith-mharbhainn e cha’n eil mi smaointean gu ’n tigeadh deur air a shùil. Tha eagal orm nach teid ’fhuil is ’fheòil ann an aon slochd. Bristear a chnamhan latha eiginn oir cha téid fois air ach a’ falbh air barr thotaichean is ghàraidhean. Streapaidh e na craobhan mar gu’m biodh feòrag ann. Cha dean e gu bràth ach saighdear no seòladair. Ach tha aon ni anabarrach math ann, cha dean e breug air son rud sam bith. Ciod sam bith olc a ni e, aidichidh e ’s a’ mhionaid gur e a rinn e. Tha rud math eile ann cuideachd; cha’n innis e nì sam bith air aon de na sgoilearan eile ged a bheirìnn an ceann deth. An uair a ghairmear e gu fianuis a thabhairt an aghaidh aon de na sgoilearan a ni cron, cha’n fhosgail e a bheul. Tha amhrus trom agam gu ’m bheil e anabarrach dùr, rag ’n a nàdar. Tha e dhol ni ’s miosa a h-uile latha. Mur fàs e ni ’s ùmhla na tha e, feumaidh mi a chur as an sgoil. Sin direach an rud a ni mi ris.”
“Cha’n e sin a ni sibh idir,” arsa Muruchadh ’s e ’freagairt. “Ni sibh foighidinn a’s fhearr na sin ris. Cha chreid mise nach e bhios ann fhathast gille cho deanadach ’s cho tapaidh ’s a bhios anns an dùthaich. Is math an comharradh air gu’n innis e an fhìrinn. Cha ’n anns a h-uile àite a gheibh sibhse giullan òg a dh’ aidicheas a h-uile cron a nì e. Na bithibhse cho fìor throm air ’s a tha sibh. An d’ fheuch sibh riamh ri ’thabhairt gu rathad le chomhairleachadh? Tha mòran cloinne ann do’n dean comhairle barrachd feuma na ni garg-chronachadh agus trom-smachdachadh.”
O nach do thachair gu ’n robh saod math air a’ mhaighstir-sgoile ’s an àm, thàinig greann an uilc air an aghaidh aige an uair a chuala e cainnt Mhuruchaidh, agus thuirt e le guth a bha gu soilleir a’ nochdadh gu ’n robh e cho cas ris an fheanntaig, “Na bithibhse ag innseadh dhomhsa ciod is còir dhomh a dheanamh ri m’ chuid sgoilearan. Is math is aithne dhomh mo ghnothach a dheanamh. Mur cum mise na sgoilearan fo smachd, gabhaidh iad brath orm; agus an latha ’ghabhas na sgoilearan brath air a’ mhaighstir-sgoile, faodaidh e an taigh-sgoile a dhùnadh. Sin agad an fhìrinn, a Mhuruchaidh, biodh i binn no searbh leatsa.”
Thuig Muruchaidh nach robh feum sam bith dha an tuilleadh comhairle a thoirt air Domhull Sgolair—mar a theirteadh gu cumanta ris a’ mhaighstir-sgoile. Ach thuirt e, “Cha bu chòir dhomhsa no do’m leithid gabhail de dhànadas aon fhacal comhairle a thoirt air bhur leithid-se; oir mar a tha fhios aig sluagh na dùthchadh, tha eòlas is fiosrachadh agaibhse nach ’eil ’s nach bi agamsa. Tha beagan eòlais agam air nàdar daoine, agus tha fhiòs agam nach e an aon dòigh smachdachaidh a fhreagras orra gu léir. Is e comhairleachadh mòran is fhearr a fhreagras air an fheadhainn a tha gu nàdarra rag, rasanta na bhith sìor ghabhail orra.”
“Na cluinneam an corr, a Mhuruchaich,” arsa Domhull Sgoilear, agus e ’freagairt gu greannach, gruamach. “An uair a bhios tusa ’nad mhaighstir-sgoile, cum fo smachd na sgoilearan mar a thogras tu. Ni mise mar a chi mi fhein iomchuidh. Cha bhi mi fo riaghladh fir sam bith dhe do sheòrsa-sa. Cha ’n fhaca mi mac màthar riamh do’n géillinn fhad ’s a shaoilinn gur mi fhein a tha ceart. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh, ‘Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am b[ ? ] i.’ Feasgar math dhut, a Mhuruchaidh.
“Mar sin dhuibh fhein, a Dhomhuill,” arsa Muruchadh.
Bha Muruchadh ’na dhuine còir, ciùin, reumail, sìobhalta, nach cuireadh dragh no mi-ghean air neach sam bith d’a dheoin. An uair a chunnaic e gu ’n do ghabh Domhull Sgoilear gu h-olc am beagan fhacal a thuirt e ris, bha aithreachas air a chionn gu’n d’ fhosgail e a bheul idir ris. Ach thuig e nach b’ ann uile gu léir a chionn gu’n do bhruidhinn e ris mu mac na bantraich a thug e freagairt cho cas air, ach a chionn gu ’n do thachair dha a bhith aig an àm cho corrail ri pàisde tinn. Bha e an oidhche roimhe sid anns an taigh aig Moir Ruaidh ag òl. Bha ’m boirionnach truagh so a’ reic uisge-bheatha gun òrdugh, agus chuireadh an stuth a bha i ’reic ceann an fhir a b’ fhearr eanchainn ’s an dùthaich troimh a chéile.
Cha bu luaithe a thug Domhull Sgoilear a chùl ri Muruchadh na thòisich e ri bruidhinn ris fhein mar bu ghnàth leis, an uair a bhiodh e ’falbh leis fhein. Shaoileadh daoine nach robh eolach air, an uair a chitheadh iad an dòigh anns am bitheadh e ’falbh an rathad mhoir, nach robh ann ach an dearg amadan. An uair a bhiodh e ann am meadhain cath-bhruidhne ris fhein, sheasadh e greis air an rathad, agus chrathadh e a cheann ’s a lamhan mar gu’m biodh e bruidhinn gu dùrachdach ri mòran sluaigh. An latha a bhiodh e frithir, greannach, aingealta, is ann bu mhò a dheanadh e do bhruidhinn ris fhein. B’ ainneamh leis a bhith cho fada bhar a shlùil ’s a bha e air an fheasgair ud. Thòisich e ri bruidhinn ris fhein cho luath ’s a thug e ’chul ri Muruchadh. Thuirt e:— “Cha b’ ioghnadh leam ach a leithid, gu dearbh fhein. Thusa ’teannadh ri innseadh dhomhsa mar bu chòir dhomh mo ghnothach a dheanamh. Mur b’ aithne dhomhsa mo ghnothach fhein a dheanamh, cha bhiodh e air earbsa rium. Is iomadh fear gun nàire a th’ anns an t-saoghal, agus is ann diubh thusa, a Mhuruchaidh chòir. B’fhearr
[Vol . 8. No. 32. p. 2]
dhut an aire a thoirt air do ghnothach fhein na bhith ’g am chomhairleachadh-sa. Cha’n fheairrde am peasan balaich aig a bhantraich thusa a bhith ’dol as a leith idir. Dioghlaidh coireach no neo-choireach, ar neo tha mise air mo mhealladh. Is miosa a dh’ fhàg na fhuair, a Mhuruchaidh.”
Bha na briathran so an an-fhios do Mhuruchadh aig an àm, ged a chuala an dithis a bha’n an suidhe air chùl a’ ghàraidh a h-uile facal dheth, agus moran a barrachd, nach ruigear a leas ainmeachadh an so.
B’ ann le rùn math a dheanamh a chaidh Muruchaidh a bhruidhinn ri Domhull Sgoilear; ach an ceann latha no dhà, b’ fhearr leis nach d’ fhosgail e a bheul riamh ris.
An la-iar-na-mhàireach an uair a dh’ fhosgladh an sgoil, bha am maighstir-sgoile cho cas ris an fheanntaig. Mu ’n d’ thàinig am feasgar rinn Domhull mac na bantraich rud-eiginn nach do chòrd ris, agus o’n a thachair gu’n robh an fhearg air, rug e air mhullach cinn air Domhull, agus leag e air ùrlar e. An uair a dh’ fheuch e ris a’ bhriogais a thoirt dheth, bha na gaileis air am fuaigheil rithe mar a b’ àbhaist. Thug e an sgian as a phòcaid, agus ghearr e iad. Ghabh e air ni bu mhiosa na rinn e riamh roimhe. An uair a fhuair Domhull ’na sheasamh, thug e an dorus air, gun fheitheamh ris a’ bhriogais a chur uime. Cha robh anns an t-saoghal na bheireadh air a dhol do ’n sgoil tuilleadh.
(Ri leantuinn.)
SEORAS III.
(Air a leantuinn.)
Thòisich an cogadh mu thoiseach an t-samhraidh, 1775. Bha cuid a’ saoilsinn nach maireadh e ni b’ fhaide na ’bhliadhna sin féin. Cha mhò na trì muillean sluaigh a bha ’s na ceàrnaibh ud de America aig an àm. Bha sin beag ’an coimeas ri sluaghmhoireachd Bhreatunn ’us Eirinn. Ach bha na h-Americanaich a’ cogadh ’n an dùthaich féin air an robh iad eòlach; ’s bha iad anabarrach dealasach, agus la ’s gu’n do thòisich iad, aon-sgeulach ’n an rùn air a’ chuing Bhreatunnaich a thilgeadh dhiùbh, bha car ’an aghaidh cuir aca ga chumail ri Breatunn; agus an uair a chriochnaich campachadh a’ cheud shamhraidh ’us fhoghair, bha iad cho fad o bhi air an ceannsachadh ’s a bha iad ’an àm tòiseachadh. Bha cuid de rìoghachdan na Roinn-Eòrp’ a chìosnaich Breatunn ’s a’ chogadh roimhe sud, ro aoibhneach air son America òg a ’bhi ’cumail ceann ris an t-seann leòmhan Bhreatunnach, ’s chaidh mòran oifigearan ’us shaighdearan Frangach a null, air an ceann féin, a chuideachadh nan Americanach. Anns a’ bhliadhna 1778, trì bliadhn’ an déigh do’n chogadh tòiseachadh, dh’ aidich an Fhraing a bhi ’gabhail ri America mar rìoghachd shaoir, agus ghabh cùirt Bhreatuinn sin cho olc, ’s gu’n d’ éigh iad cogadh ’an aghaidh na Frainge mar an ceudna. Air an ath bhliadhna thòisich rìoghachd na Spàinn a’ cogadh còmhladh ris an Fhraing ’s ri America ’an agh-Bhreatuinn. Bha so a’ deanamh a’ ghnothuich mòran ni b’fhusadh do America, o’n a dh’fheumadh Breatunn a cuid feachd, mara ’s tìr’, a roinn an aghaidh nan trì nàimhdean. An uair a bhiodh na h-Americanaich a’ cogadh air tìr bhiodh an càbhlach Frangach ’us Spàinneach ag obair air a’ mhuir, mu’n coinneamh, agus mur deanadh iad tuilleadh, a’ cumail a’ chàbhlaich Bhreatunnaich o chòmhnadh a dheanamh leis an arm thìre. Leis gach còmhnadh a bh’ ann bha America a’ soirbheachabh ’s a’ chòmhrag cho maith ri Breatunn; agus shaoil leis an Fhraing ’s leis an Spàinn gu’n rachadh ac’ air eileanan nan Innsean a ’s iar, a bha Breatunn air a chosnadh roimhe sud, a spìonadh uaipe, ’s an roinn eatorra féin. Ach mu mheadhon an earraich, 1782, chuir Admarail Rodneidh as gu buileach do na càbhlaichibh Frangach ’us Spàinneach, a’ glacadh cuid diubh, a measg an robh long an Admarail Fhrangaich féin. Dh’ fhàs an dà rioghachd so a nis cho bacach ’s nach b’urrainn iad mòran còmhnaidh a dheanamh tuilleadh ri America. Ach goirid roimhe so bha ’n Olaind air dol ’s a’ chomh-bhoinn an aghaidh Bhreatuinn; agus b’éigin cogadh éigeach ’n an aghaidh-san mar an ceudna. Lean Breatunn car tacain air ceann a chumail ris a’ cheathrar nàimhdibh cumhachdach ud; ach bha sin a’ tarruing tràghadh mòr air a cuid ionmhais ’s air a cuid daoine, agus mar a bha ’n gnothuch a’ fàs ni bu mhi-choslaiche, ’s cuid eile de rìoghachdan na Roinn-Eòrp’ air tì dol ’s a’ chomh-bhoinn,mheas luchd-chomhairl’ an rìgh iomchuidh sìth a mholadh dha. Bha rìgh Seòras glé aindeonach air sìth a dheanamh. Ach an déigh do ’chuid mhinisteirean an dreuchd a leigeadh dhiùbh, ’s feadhain eile dhol ’n an àite, dh’aontaich iad sìth a dheanamh ri America, ’an ceud mhìos a’ gheamhraidh, 1782, ’an déigh leantuinn seachd bliadhn’ air cogadh. Bha Stàitean America a nis air an aideachadh mar rìoghachd no tighearnas air leth, gu h-iomlan saor o uachdranachd Bhreatuinn. Mìos no dhà roimhe sin thug Breatunn fuasgladh do ghearaston Ghiberalter, a shea séisd thrì bliadhn’ ’an aghaidh na Spàinne ’s na Frainge. Rinneadh sìth ris na dùthchannaibh sin, mu’n aon àm an do nàisgeadh an t-sìth ri America. Feudar a ràdh nach iad na nithe so gu h-àraidh eachdraidh na h-Alba; bha ’cuid féin aig Alba de gach dosgainn ’us cruadal a bha ’n lorg nan cogaidhean ud. Bu Ghàel Albannach a bha ’deanamh na bàrdachd mu dhéighinn na chunnaic e féin “an America thall,” a thuirt,
“Gur lionmhor oganach curanta
Dheth na chuireadh an ceann;
’Us gus an eighear an t-sith
’D e cha ’n innsear an call.”
Bha sìth aig Breatunn, ’s ’feudar a ràdh aig an Roinn-Eòrpa, o nàisgeadh an t-sìth ri America gus an do thòisich an iorghail mhòr ’s an Fhraing ’s a’ bhliadhna 1789. Bha iochdarna na rìoghachd sin gu ro mhòr air am fòirneartachadh le ain-tighearnas an luchd riaghlaidh ré ùine fhada roimhe sud. Ach air a’ bhliadhna so dh’ éirich luchd àiteachadh na tìre le chéil’ ’an aghaidh an luchd riaghlaidh, nan daoine mòra, ’s tighearnan an fhearainn; agus mar thuil a sguabus roimpe gach gàradh ’us comhara crich’ a bhios ’na rathad, thilg iad bun os ceann na h-uile gnè ughdarrais aimsireil us spioradail ’s an rìoghachd; roinn iad am fearann ’us dreuchdan fa leth na rìoghachd mar a thogair iad, ’s cha bu dàna le rìgh no ridir a radh gu’m b’olc. ’S e ’s dòcha gu’m biodh na Frangaich air an cùisean a’ chur air seòl le ni éigin de chéill ’s de riaghailt ’n uair a dh’ fhalbhadh cuthach ’us boil na fòirneirt diùbh, na’m biodh iad air am fàgail dhoibh féin gu sin a dheanamh. Ach mar a ghabh rìghrean ’us luchd riaghlaidh eile na Roinn-Eòrpa mòr eagal gu’n éireadh an cuid iochdarana féin air an dòigh cheudn’ ’an ceannairc, ’s ann a dh’ fheumadh cuid diùbh a dhol ’s an eadraigin gu gnothuichean na Fraing’ aiseag gu an ceud staid. Chaidh Impire Austria, ’s rìgh Phrusia ’an comh-bhoinn air son an aobhair so, ’s chruinnich iad feachd cumhachdach leis an do do bhris iad a steach air taobh deas na Frainge. ’N uair a thuig na Frangaich an t-aobhar mu’n robh ’mòr shluagh ud a’ tighinn ’n an aghaidh, thàinig am bànaidh buileach orra. Cha’n earbadh iad gnothuch cudthromach sam bith ris an rìgh no ri ’luchd chomhairle; ’s thug iad uaith’ am faileas de chumhachd a bha iad air fhàgail aige. Chuir iad dheth ’n chaithir buileach e, ’s dhruid iad suas ’am priosan e; ’s an ùine glé ghoirid thog ’us dh’ armaich ’us dh’iunnsaich iad àireamh shaighdearan leis an do sgiùrs iad air falbh am Pruisianach ’s an t-Austrianach o’n crìochaibh, ’s an do ruith iad thairis air na ceàrnaibh tuathach de’n Roinn-Eòrpa ris an abrar an Tìr-iochdrach. Thug iad aig an àm cheudna fiadhachadh do na h-uile slaugh ’s an Roinn-Eòrp’ a bha sgìth dheth an luchd-riaghlaidh, iad a dh’ éiridh ’n an aghaidh ’s gu’n cuidichadh iadsan iad. ’N uair bha ’n cuid armailtean a’ ruith troimh ’n Tìr-iochdraich, dh’fhosgail iad seòladaireachd na h-aimhne Scheld, a bha Breatunn air gealltuinn a chumail dùint’ ’am fàbhar na h-Olaind. Ghabh Breatunn so mar leth-sgeul air son cogadh a chur an céill ’an aghaidh na Fraing. Air an aonamh là fichead de threas mìos a’ gheamhraidh, 1793, thàinig an Rìgh-chuairt Fhrangach gu a h-àirde le iad a thoirt ceann an rìgh, Luthais XVI., thun na h-ealaig. Chuireadh an sin mòran gu bàs tre an-amharus iad a bhi air taobh an rìgh. Bha a h-uile rioghachd ’s an Roinn-Eòrp’ a nis a’ cogadh an aghaidh na Fraing ach a trì. Bha ’n rioghachd sin car tamuill a’ fàilneachadh ’na comas féin dhìonaidh ri aghaidh na bha ’n sud de nàimhdean. Ach air do phàirtidh bu ghniomhaiche riaghladh na dùthcha fhaotainn, fo threòrachadh Robespierre ainmeil, thog na Frangaich orra; ’s dh’ fhàs iad cho dealasach ’s gu’n robh na nàimhdean a’ teicheadh rompa air gach làimh. Chuir cùirt Bhreatuinn armailt a null do’n Tìr-iochdraich a chuideachadh nan Gearmailteach ’an aghaidh nam Frangach; ach cha robh coimh-réit’ iomchuidh a’ measg luchd stiùiridh an airm, ’s cha robh seasamh aca ris na Frangaich. B’ éigin an t-arm Breatunnach a thoirt air ais do Shasunn. Bha ’n càbhlach Breatunnach a’ deanamh sgathaidh eagalaich air luingeas chogaidh nam Frangach, ach air tìr bha na Frangaich mar bu tric’ a’ buadhachadh. Agus anns a’ bhliadhna 1795 tharruing Tuscani, Prusìa, agus an Spànn air falbh o’n chomh-bhoinn ’an aghaidh na Frainge. Bha gainne mhòr ’am Breatunn air a’ bhliadhna so; ’s bha ’n cogadh a’ meudachadh prìs gach seòrsa bìdh. Bha muinntir Shasuinn gu h-àraidh air an dorranachadh cho mòr le so, ’s gu’n tug mòran diùbh ionnsuidh air inneal-siubhail an rìgh ’n uair a bha e ’dol a dh’ fhosgladh na Pàrlamaid, air son a bhi ’leantuinn air a’ chogadh ’s iad gu bàsachadh le gorta.
Ré dhà bhliadhna ’an déigh sud cha d’ rinn Breatunn ach glé bheag còmhnuidh le Austria, a bha nis ’na h-aonar a’ cogadh ’an aghaidh na Frainge. Anns a’ bhliadhna 1796 thòisich Napoleon Bonaparte a’ togail a chinn ’s an arm Fhrangach. Bu mhac fir lagha Napoleon, ’an eilean Chorsica, air taobh siar na Frainge. Fhuair e ’fhòghlum ’an aon de àrd sgoilean saighdearachd na Frainge. Thòisich e aig dreuchd glé iosal ’s an arm; ach bha e ’dìreadh gu maith cabhagach. Ràinig e nis air a bhi ’na Sheanalair air a’ chuid de ’n arm a bha ’s an Eadailt; o’n là a fhuair esan command an airm, cha robh ach buaidh an déigh buaidh ga cosnadh gus an d’ fhuadaich e na h-Austrianach a mach gu buileach as an Eadailt. Thug so air Austria sìth a dheanamh ris an Fhraing. Bha aig Breatunn a nis ’na h-aonar ri bhi ’cath ri cumhachd na Fhraing. Bha mòran de na h-Eireannaich glé mhì-riaraichte fo chuing Bhreatuinn, agus chuir iad air a’ bhliadhna so fiadhachadh thun an luchd-riaghlaidh Fhrangaich cuideachachadh a chur thuca gus a’ chuing Shasunnach a thilgeadh
[Vol . 8. No. 32. p. 3]
dhiùbh. Sheòl càbhlach Frangach, air bòrd an robh ochd mìle deug saighdear a nall gu oirthir Eirinn. Ach shéid doinionn ghaoithe cho garbh ’n an aghaidh ’s gu’n do philleadh air an ais iad do’n Fhraing an déigh ceithir de’n cuid luingeas a dhol as an rathad agus aon diubh a bhi air a glacadh leis na Sasunnaich. Goirid an déigh so dh’ aom luchd riaghlaidh na Frainge cùirt na Spàinne gu dhol ’an comh-bhoinn riu féin ’an aghaidh Bhreatuinn. Thoisich a nis an cogadh da rireadh air taobh Bhreatuinn. Air a’ cheathramh là deug de cheud mhìos an earraich, 1791, fhuair an t-Admaral Sasunnach, Sìr Iain Ierbhis buaidh air a’ chàbhlach Spàinneach aig àite ris an abrar Cape St. Vincent. Ghlac e ceithir de’n cuid luingeas.
Ged tha na nithe air a bheil iomradh ’s na h-earrannaibh so ni ’s coslaiche ri eachdraidh na Roinn-Eòrpa na ri eachdraidh Alba, gidheadh tha e feumail do’n leughadair fios a bhi aig air na nithibh so gu a thuigsinn gu ceart ciod a b’ aobhar do ’n ùpraid a thòisich ’an Gàeltachd Alba mu ’n àm so ’an co-cheangal ri togail dhaoin,’ agus a dh’ oidhirpicheas sinn innseadh ’am briathraibh co tearc ’s a ghabhas deanamh. Ged a rinneadh lagh goirid an déigh bliadhna Theàrlaich leis an robh ùghdarras nan tighearnan Gàelach thairis air an cuid tuatha gu bhi air a bhriseadh, ’s a réir nach feudadh an tuath-cheathairn a bhi ni b’ fhaide air chomhairl’ an ceann cinnidh, gidheadh fhuaradh a mach gu’n robh uiread de ’n t-seann nòs fathast a’ measg nan Gàel, ’s nach faighteadh àireamh sam bith dhiubh gu gabhail ’sa ’n arm mur biodh an ceann-cinnidh, no co dhiù na daoin’ uaisle a b’ fhaisg air ’s an dùthaich a’ dol air thoiseach orra. Cha b’ urrainn luchd riaghlaidh na rìoghachd so a leasachadh. Agus ’s e smuainich iad cothrom a ghabhail air anns a bhi ga thionndadh gu ’m feum ’s an goireas féin. Thòisich iad a’ toirtCommissionno barantas do gach uachdaran fearainn fa leth réisimeid a thogail air a chuid fearainn féin, ’s a’ toirt òrduigh dha mar an ceudna oifigich a shuidheachadh os an ceann mar a thogradh e, agus barantais nan oifigeach sin gu bhi ris air an daingneachadh leis an rìgh. ’N uair a bha ’n gnothuch mar so air fhàgail eadar an t-uachdaran ’s an tuath-cheathairn, bha iadsan gu h-iomlan aig toil an uachdarain. Cha robh cùirt cheartais ann gus an togadh fear sam bith a bha aindeònach air a dhol do’n arm a chùis. Cha robh ann dhoibh ach a bhi umhal do’n uachdaran, no a chuid fearainn fhàgail, ’s a dhol do cheàrn’ eile far am feudadh iad a bhi air an glacadh air son an aobhair cheudna. A’ tòiseachadh aig bliadhna Theàrlaich anns na thogadh réisimeid Iarla Loudein, chaidh ceithir réisimeidean fichead a thogail ’s a Ghàeltachd gus a’ bhliadhna 1800, anns an robh trì mile fichead fear ’n uair a thogadh iad, ’s a bha tarruing an cuid dhaoin’ an déigh sin o’n Ghàeltachd mar a dh’fheumadh iad. Bha iad so gu seirbhis a dheanamh ’an àite sam bith de ’n t-saoghal, far am faiceadh tighearnas iomchuidh an cur. Agus a thuilleadh air so thogadh ’s a’ Ghàeltachd eadar a’ bhliadhna 1760 agus 1800 sea réisimeidean fichead ris an abradh iad Dionadairean(Fencibles)a bha gu seirbhis a dheanamh ’am Breatunn no ’n Eirinn. Bha neart nan réiseimeidean so gu mòr ag eadar dhealachadh. Bha iad o sheachd ceud gu dà mile ’s trì cheud. Tha cuid beò fathast, cha cha’n e mhàin aig am bheil cuimhn’ air an fheadhainn mu dheireadh de na réisimeidean so a thogail, ach a bha gu h-achdaidh a’ deanamh suas pàirt diùbh.
An deigh do Napoleon Bonaparte a bhi cho soirbheachail ann am fuadachadh nan Austrianach a mach as an Eadailt, thòisich e ’fàs car ceannasach air an luchd-riaghlaidh a bha os a cheann. Ach gu faotainn cuibhteas e ’an dòigh a bhiodh feumail do sheirbhis na dùthcha chuir iad do ’n Eiphit e anns a’ bhliadhna 1798, air cheann buidheann lìonmhor de ’n arm gus an tìr sin a cheannsachadh dhoibh féin, ’s gu’m biodh e ni b’ fhusadh dhoibh o’n dùthaich sin cothrom fhaotainn air impireachd Bhreatuinn ’s na h-Innsibh a ’s ear. Bha Napoleon soirbheachail ’na chuid féin de’n ghnothuch. Fhuair e buaidh air na h-Eiphitich; ach bha’n t-Admaral Sasunnach, Nelson, air an oirthìr, ’s thug e ionusuidh air a’ chàbhlach Fhrangach, an déigh do na saighdearan tìr’ an casan a thoirt leò, agus sgrios no ghlac e na luingeas Fhrangach uil’, ann an Camus Abucir, air a’ cheud là de cheud mhìos an fhoghair. An deigh sin ghabh Napoleon air aghart do Shiria, ’s bha dol leis gus an do chuir an Riaghlair Turcach, le còmhnadh na Sasunnach, air ais e aig St. Jean d’ Acre. Phill e ’n sin do ’n Eiphit far an do choisinn e blàr eile faisg air an àit’ ’s an do chaill e ’n càbhlach. Fhuair e mach ’an so nach robh tighearnas na Fraing’ a’ tighinn air aghart gu ro mhaith. Fhuair e soitheach beag anns an do sheòl e gu folchuidh a nall do’n Fhraing le rùn a’ bhuidheann aig an robh an tighearnas a thilgeadh bun os ceann, agus fhaotainn ’na làimhaibh féin. Fhuair e fear dìleas, Lisies, gus a chuideachadh ’s a’ ghnothuch. Fhuair se e féin air òrduchadh le Comhairle nan Seanar gu bhi ’na cheannard air a chuid de’n arm ris an abrar geard a’ bhaile. B’e ’n ceud char a rinn e ’n déigh so an luchd riaghlaidh atharrachadh o na Tulleries gu St. Cloud. Cha do leig e fada leò an sin an uair a chaidh e steach là àraidh air am muin leis an arm, ’s a dh’ fhuadaich e mach iad feadh an t-saoghail aig roinn na béigileid. Fhuair e ’n sin e féin air ainmeachadh ’na Cheud Chonsul, agus dithis eile còmhladh ris gu bhi ga chuideachadh. Bha trì buidheann eil’ ann fo ainmeachas luchd comhairle, ach ’s ann aig Napoleon a bha ’n cumhachd. Air a cheathramh là fichead de mhios deireannach a’ gheamhraidh, 1799, co luath ’s a chualas anns an Roinn-Eòrpa gu ’n do sgriosadh an càbhlach Frangach chaidh trì no ceithir de na rìoghachdan eil’ an comh-bhonn ri Breatunn ’an aghaidh na Frainge. B’ aon diubh sin Austria, ’s thòisich i air ath chosnadh nan àitean a thug Napoleon uaithe roimhe sin. Ach an déigh do Napoleon oidhirp a thoirt gu diomhain air sìth a dheanamh ri Breatunn, chaidh e do’n Eadailt le dà fhichead mìle fear, ’s thòisich e air na h-Austrianaich a sgiùrsadh air falbh mar a rinn e roimhe. Bha Breatunn a’ bhliadhna roimhe so air cur cuig mile deug thar fhichead fear a null do’n Olaind gus na Rusianach a chuideachadh ann am fuadachadh nam Frangach a mach as an dùthaich ud. Ach b’ éigin doibh a dhol air tìr le sìde mhì-fhàbharraich ’an àite ’s an robh cus cothroim aig na Frangaich orra; agus ’s e bh’ ac’ air son an turuis gu ’m b’ éigin doibh cothrom a thighinn air an ais gun ghrabadh sam bith a cheannach, le ochd mìle prìosunach Duitseach no Frangach a bha’n làimh ’an Sasunn a leigeadh fa sgaoil. Bha Ard Sheanalair Frangach eile ann da ’m b’ ainm Moreau aig an robh command air an roinn de’n fheachd a chuireadh do ’n Ghearmailt. Bha esan cho soirbheachail ’s a’ Ghearmailt ’s a bha Napoleon ’s an Eadailt. Thug so air rìoghachdan na Roinn-Eòrpa sìth a dheanamh ri Napoleon, a chaidh a nàsgadh ’s a cheud mhios de’n bhliadhna 1801. Bha crìochan na Frainge gu mòr air am farsuingeachadh leis an t-sìth ud.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XXX.
Bha Asad ’na dheadh shnamhaiche, agus cha robh e fada ’toirt am mach tir; oir bha ’ghaoth agus an fhairge ’g a chuideachadh. B’e ’cheud rud a rinn e an deigh faotainn gu tir taing a thoirt do Dhia a thug saorsa dha, araon o bhith air a bhathadh, agus a lamhan nan daoine olc, eucorach a bha ’dol ’g a iobradh air a bheinn theine. An sin chuir e dheth a chuid aodaich, agus an uair a dh’ fhaisg e an t-uisge as, sgaoil e air na creagan e, far an do thiormaich e ann an uine ghoirid. An uair a chuir e uime a chuid aodaich, leig e e-fhein ’na shineadh gus beagan fois a ghabhail, agus e fo bhron trom, araon a chionn gu’n d’ thainig mi-fhortan mor ’na rathad, agus a chionn nach robh fhios aige ciod an duthaich anns an robh e, no co an taobh air an tugadh e ’aghaidh.
An uair a bha e greis ’na shineadh, dh’ eirich e, agus choisich e air aghart ri bruaich a’ chladaich. Mu dheireadh thachair frith-rathad ris, agus lean e roimhe air coiseachd fad dheich latha troimh dhuthaich anns nach robh duine ’gabhail comhnuidh. Cha robh aige ach a bhith ’tighinn beo mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e air measan agus air luibhean fiadhaich a bha ’tachairt ris. Mu dheireadh rainig e bruach aimhne bige a bha faisge air baile mor. Agus dh’ aithnich e gu’m b’ e so baile nan draoidhean, anns an d’ rinneadh droch dhiol air fhein, agus anns an robh a bhrathair Amgiad ’na ard-chomhairleach. Thug so aoibhneas mor dha, agus chuir e roimhe nach rachadh e an coir aon de luchd-aoraidh an teine, agus nach bruidhneadh e ri neach sam bith ach ri Mahomedanach; oir bha cuimhne aige gu’m fac’ e cuid dhiubh anns a’ bhaile a cheud uair a chaidh e ann. O ’n a bha ’n t-anamoch ann, agus o’n a bha na buithean air an dunadh, agus nach robh ri fhaicinn air na sraidean ach fior bheagan dhaoine, smaoinich e gu’n cuireadh e seachad an oidhche anns an ait-adhlacaidh a bha faisge air a’ bhaile, far an robh uaighean air an togail le mullaich chruinn orra. Fhuair e dorus aon diubh fosgailte, agus chaidh e steach gus an oidhche chur seachad innte.
Feumaidh sinn a nis tilleadh ri Behram. Beagan uine an deigh dha Asad a thilgeadh leis a’ chliathaich, chuartaich na loingeas chogaidh aig banrigh Margiana an long aige air doigh ’s nach robh rathad aige air teicheadh. B’ i an long air an robh Margiana a’ cheud te a tharruinn ris a chliathaich aige, agus o nach robh doigh aige air e fhein a dhion na b’ fhaide, phaisg e na siuil mar chomharradh gu’n robh e ’g a thoirt fhein suas mar phriosanach.
Chaidh a’ banrigh fhein air bord, agus dh’ fheoraich i dheth c’àit’ an robh an cleireach a thug e gu h-ann-dana air falbh as an luchairt aice. Fhreagair Behram, “Oh! a bhanrigh! tha mi ’mionnachadh dhuibh nach ’eil e air bord agam idir. Ma rannsaicheas sibh an long gu math, bidh fios agaibh gu’m bheil mi neo-chiontach.”
Ghrad dh’ ordaich Margiana an long a rannsachadh gu mion, ach cha robh an duine a bha i cho toileach fhaotainn ri fhaighinn air bord. Bha i suidhichte gu ’m faigheadh i e, araon a chionn gu ’n robh tlachd mor aice dheth, agus mar an ceudna a chionn gu’n robh i gu nadarra gle chaoimhneil, truacanta. An uair nach d’ fhuaradh e, bha i ’dol a mharbhadh Bhehraim le a laimh fhein; ach chuir i stad air a laimh, agus ghabh i greim
(Air a leantuinn air taobh 254.)
[Vol . 8. No. 32. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 16, 1900.
AFRICA MU DHEAS.
Tha Cona fathast beò. Cha deachaidh mi le saighdearan Chanada ’dh’ ionnsuidh a’ chogaidh chruaidh, fhuileachdach a tha ’dol air aghaidh aig an àm so ann an Ceann mu Dheas Africa. Tha mi le m’ uile chridhe air taobh nam Breatunnaich ann an stri nan lann; oir tha mi gle chinnteach gur ann aca tha ’n ceartas, agus gu d’ rinn na Boeirich olc ’us aingidheachd, ’us cealg anabarrach. Nam bithinn anns a’ chogadh tha dochas laidir agam nach tionndaidhinn mo chulthaobh ris an nàmhaid, ach gu deanainn spairn ghaisgeil na aghaidh. Ged ghabh mi beachd air abhaistean mosach nam Boeireach o cheann bliadhna no dha, cha robh idir amharus agam gu robh iad a’ deanamh deas co dian, durachdach, uaigneach airson aramach nimheil an aghaihh Bhreatuinn; oir is i Breatuinn a thug doibh saorsa air tus, agus a chum iad ann an tearuinteachd bho iomadh nàmhaid gaisgeil, borb.
Tha moran a nis a’ faotainn coire do luchd-riaghlaidh Bhreatunn, agus a’ cumail a mach ann an tigh na Parlamaid agus air feadh na dùthcha, gur iadsan a thug an cogadh air aghaidh, do bhrigh nach robh iad glic ’us faicilleach gu leoir, agus gu do bhuin iad gu cruaidh, an-iochdmhor ri Crugair agus a luchd-comhairle. Cha ’n ’eil focal firinn anns an t-seanachas so, oir is i so ’choire ’dh’ fhaodas gach duine ’thabhairt an aghaidh luchd-riaghlaidh Bhreatunn, gu robh iad tuille ’s caoimhneil ris na Boeirich mhosach, agus gu tug iad comas do Chrugair gunnachan mora ’s fudair ’us peillearan a cheannach anns an Roinn-Eòrpa, ’s an tabhairt gu h-uaigneach, seolta do ’n Transbhaal, a chum gu deanadh iad feum diubh an aghaidh an ard-uachdarain Breatunn, an uair a thigeadh an t-àm iomchuidh airson crioch a chur air ainm ’us cliu ’s ughdarras Bhreatuinn ann an Ceann mu Dheas Africa. Tha ioghnadh an diugh air duine gu robh iadsan a bha ’g amhairc thairis air coirean ’us cuisean Bhreatuinn co dall no co caoin-shuarach, do bhrigh nach tug iad fios ’us rabhadh geur do Bhreatunn gu robh na Boeirich le dichioll cealgach, laidir, a’ deanamh deas airson crioch a chur le faobhar a’ chlaidheimh air ughdarras Bhreatunn gu buileach. On thoisich an cogadh nochd luchd-riaghlaidh Bhreatuinn dealas ’us tapadh ’us eud iongantach ann an cur saighdearan agus iomadh innil cogaidh le deifir shonruichte gu Ceann mu Dheas Africa. Bho thoiseach an t saoghail cha deachaidh saighdearan a ghiulan ann an doigh co sgiobalta, tearuinte ’s a tha iad air an giulan a nis eadar Breatunn agus Africa mu Dheas.
Ged tha feachd lionmhor, cumhachdach aig Breatunn ann an Africa mu Dheas maille ri iomadh ceannard, is gle bhochd a fhuaradh iad fathast. Cha ’n ’eil na h-euchdan ach gle shuarach a rinn an fheachd Bhreatuinneach an aghaidh nam Boeireach. Tha na saighdearan gle dhuineil agus gaisgeil. Ma tha sgil ’us comas ’us tapadh mor aig na ceannardan, is gle bheag de na buaidhean sin a tha iad a’ nochdadh. Ma ghabhas ceannardan a’s fhearr fhaotainn, thainig an t-àm anns am bheil e ro-iomchuidh gu gairmeadh Breatunn na ceannardan nach ’eil a’ deanamh maith air bith dachaidh, agus gu cuireadh i ceannardan gu fada ’s fhearr ann an inntinn, ann an seoltachd, ann an gaisge ’s ann an cruadail ’n an àite. Tha e fior gu bheil an laoch Roberts, agus an curaidh meamnach Citchener a nis ann an Africa. Tha dochas laidir aig gach Gaidheal gu dean an da shaighdear ainmeil so gniomharan mora, ’s gu treoraich iad saighdearan dearga àluinn Bhreatuinn gu buaidh; agus gu tig crioch gu diongmhalta air a bhi ’laimhseachadh laoich ghasda air doigh co truagh, diblidh, bochd, mar a dheanadh balachain, air chor ’s gu bheil moran saighdearan eireachdail ’n am priosanaich ann an lamhan nam Boeireach. Bha agus tha cridhe gach Gaidheal thall ’s a bhos gle mhuladach, tiamhaidh, do bhrigh gu deachaich iomadh ceatharnach flathail anns na Reisimeidean Gaidhealach a mharbhadh, oir threoraich an ceannardan baoghalta iad gun ghliocas, gun fhaicill, gu daighneach an nàmhaid, far an deachainh an gearradh sios, gun chomas a bhi aca air iad fein a dhion mar bu ghnath doibh. Thainig tàmailt agus call eagalach nàrach air Reisimeidean iomraiteach nan Gaidheal, agus air an Fhreiceadan Dubh maille ri cach. Is fonnmhor briathran Mhàiri Nic Eallair mu ’n Fhreiceadan Dubh:
Leomhain churanta ’n am cruadail,
Dhuibh bu dualach buaidh ’s an ar-fhaich.
Sliochd nam mili reachdmhor, uaibhreach,
’Bha ’n an uamhas do gach namhaid.
B’ eutrom ’ur ceum anns gach cruadal,
Mar bu dual do Mhic nan Gaidheal,
’Bha mar fheidh nam beannaibh fuara,
Gun chuing, gun bhuaraich, gun sgath orr’.
Tha Breatunn a’ dol a dh’ fhaotainn buaidh ann an Africa mu Dheas. Cuiridh i sios le lamh laidir aramach brùideil nam Boeireach. Bithidh suaicheantas Bhreatunn a’ crathadh anns an t-soirbheas thairis air Africa mu dheas gu leir. Gheibh i ceannardan ard-chridheach, gaisgeil, a ni gniomharan a’s modha, ’s a’s treubhaiche, ’s a’s cumhachdaiche na rinn Methuen, ’us Buller, ’us Gatacre ’s an companaich gus an latha ’an diugh.
CONA.
Litir a Ontario.
FHIR-DEASACHAIDH,— ’S fhada bho ’n nach do sgriobh mi ni sam bith a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA. Bha Calum Mac Illle-mhaoil a feorach dhiom c’arson nach robh mi a sgriobhadh a dh’ ionnsuidh “a phaipeir.” Cha robh e duilich a thuigsinn gu de am paipear a bha e ciallachadh. Cha do fhreagair mi a cheist gu ro mhath, ach thubhairt mi ris nach biodh an uine fada gus an sgriobhainn. Tha Calum agus Domhnull a bhrathair a faotainn MHIC-TALLA, agus ’s maith a dh’ fhaodadh Domhnull coir sgriobhadh, oir tha e na sgoilear math Gailig; agus bha e cunntas mor bhliadhnaichean na aon de na comhairlean(councillors)ann an Artemesia. Cha ’n ’eil mi ’g radh gun d’ thug sin mor as fheum e air son a bhi sgriobhadh Gailig. Ach feumaidh mi a dhol a dh’ ionnsuidh gnothaichean eile a nis.
Bha geamhradh gle mhaith againn an so o’n a thainig e stigh. Bha side gu maith reota againn air an t-seachdain s’a chaidh seachad. Chaidh an inneal a bhios ag innseadh na side sios 20° fo zero, agus saoilidh mi gu robh sin fuar gu leoir. ’S iomadh duine bochd a tha fulang fuachd san dùthaich le cion doigh air connadh fhaotainn.
Bha cruinneachadh mor aig Comunn nan Gaidheal ann ’sa bhaile so, bhe chionn mios air ais. Bha am piobaire ainmeil, Mr. Murray, a Toronto, aig a chodhail, agus bu bhriagha a bhi ag eisdeachd ri ceol na pioba mar a bha i air a cluich leis. Chuir iad seachad feasgar cridheil le cluich de gach seorsa. Bha moran de luchd nan ceann liatha na ’n suidhe shuas faisg air a phiobaire, agus bha an casan a falbh a cumail tim ri ceol na pioba. Bha iad a smuaintean gun robh iad òg a ris. Ach, mo chreach! ’nuair a sguir a phiob chuimhnich iad gun deachaidh aighear na h-òige seachad, agus nach robh anns an spiorad a dh’ eirich suas annta le bhi a cluinntinn ceòl na h-òige ach bruadar a chunnaic iad leth-cheud bliadhna air ais, agus bha air an oidhche ud air an seinn ’nan cluasan nithe a thug orra a bhi smuaintean gu ’n robh “an òige air a nuadhachadh mar iollair luath nan speur.” Bha Iain Mac Artair na cheann-suidhe, agus lion e an dreuchd gu maith. Dh’ fhalbh gach aon a dh’ ionnsaidh an dachaidhean fein mu uair ’sa mhaduinn toilichte leis na chunnaic ’s na chual’ iad.
Tha mi faicinn gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh cho beò ’sa bha e riamh. Feumaidh mi fheòrach dheth gu de tha bhi “friogadach agus frogadach” a ciallachadh. Cha ’n i Gàilig Mhuileach no Thirisdeach a th’ anns na facail ud, agus feumaidh gur e Gàilig air choir-eigin eile tha aige. Ach taing dha air son na tha e toirt dhuinn de dh’ fhiosrachadh far a chuain, agus ’s math a theid aige air sin a dheanamh, an duine coir. Agus gu ma fada beò e air son a bhi sgriobhadh Gailig.
Tha na timeannan beagan ni ’s fhearr na bha iad. Ach tha moran a’ gearan air cho gann ’sa tha ’n t-airgiod, ged tha gu leor aig cuid dheth. Tha gu leor anns an tir nam biodh e air a roinn air gach aon a reir fheuma.
Tha moran tinneis ’s an àite; ach tha iad a faotainn beagan ni ’s fhearr a nis na bha iad.
Tha ’n comanachadh ri bhi san eaglais Chleirich an so air an t-Sàbaid ’sa tighinn anns a Ghailig. Bidh e ’sa Bheurla air an t-Sàbaid ’na dheigh sin.
Chaidh an t-seann eaglais Chatliceach ’sa bhaile so ’thoirt an nuas, oir cha robh seirbhis innte o cheann moran ùine. Rinn muinntir a bhaile so aonadh ri coithional Pomona, agus chuir iad suas eaglais mhor, bhriagha an sin a chumas cho maith ri seachd na ochd a cheudan pearsa. Tha gach ni an sin air son a bhi comhfhurtail do dhuine ’s do ainmhidh. Tha àit-adhlacaidh mor faisg air an eaglais a chaidh a chur air doigh air an t-samhradh s’a chaidh. ’Se nighean do Iain Moireastan, aois da bhliadhna air fhichead, a cheud aon a chaidh amhlacadh anns a chladh ùr. Agus an sin bidh lag is laidir, beag is mor,
(Air a leantuinn air taobh 255.)
[Vol . 8. No. 32. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha cuid-eigin ann an Sidni Tuath aig an àm so ’ga chumail fhéin trang a puinnseanachadh chon, agus tha iadsan leis ’m bu leis na coin gu dichiollach a feuchainn ri fhaotainn.
Tha duìl ri Mr. H. M. Whitney agus Mr. Moxham a bhi ann an Sidni mu dheireadh na seachdain so. Tha Mr. Moxham a cur roimhe tigh a thogail faisg air a bhaile, air an t-samhradh s’a tighinn—tigh a chosgas mu dheich mile fichead dolair.
Chaidh da fhichead us da mhile tunna guail a chur a mach a mèinn an Reserve air a cheud mhios dhe ’n bhliadhna so. Chaidh tomhas mor guail a chur a mach a mèinnean na roinne uile air a mhios sin—tri fichead us coig mile deug tunna a bharrachd air na chaidh a chur a mach air ceud mhios na bliadhna ’n uiridh.
Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Murchadh Domhnullach a mharbhadh ann am mèinn an Dominion, maduinn Di-mairt s’a chaidh. Bha e frithealadh aon de na h-innealan, agus air dha bhi leis fhéin aig an àm cha ’n eil fhios ro mhath ciamar a thachair. Thatar a smaoineachadh gu ’n d’ rug an rop air a chota ’s gu robh e air a dhraghadh a stigh fo ’n drum, far an robh e air a mharbhadh mu ’n d’ thainig duine ’n rathad a bha e. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois.
Bhrist teine mach anns an eaglas Shasunnaich mu aon uair deug oidhche Di-ciaduin, agus bha milleadh mor air a dheanamh oirre mu’n d’ fhuaireadh a chur as. Bha toll mor air a dheanamh air an ùrlar, cinn cuid de na suidheachain air an losgadh agus aon de na h-uinneagan daithte air a bristeadh. Thoisich an teine anns an ùrlar direach os ceann an fhùirneis. Tha an call air a mheas aig $400 . Tha iadsan a bha ’cur as an teine ri ’m moladh air son cho math ’sa rinn iad an obair.
Chaidh tigh a bha mu leitheach eadar Bridgeport us Glace Bay ’na theine maduinn Di-satharna s’a chaidh, agus bha nighean coig bliadhn’ deug a dh’aois, agus gille deich bliadhna dh’ aois, air an losgadh gu bàs ann. Bha da theaghlach a fuireach anns an tigh, —Mrs Farrell, agus Mrs Nic-an-t- Saoir le ’n cuid chloinn. Bha Nic-an-t- Saoir ’sa teaghlach a’ cadal air an lobhtaidh, agus an uair a dhùisgeadh iad leis a cheò mu bheul an latha bha ’n staidhre ’na teine ’s cha b’urrainn daibh a tearnadh. Leum i-fhein a mach air an uinneig, ag iarraidh air a piuthair, Mairi Steele a bha fuireach comhla rithe, a chlann a thilgeadh sios g’a h-ionnsuidh. Fhuaireadh an triuir chloinne a shàbhaladh air an doigh sin, ach an àite leum a mach i-fhein an uair sin, thill an nighean a stigh a rithist feuch am b’urrainn dhi gille le Mrs Farrell, a bha na chadal air an lobhtaidh cuideachd, a shabhaladh. Cha deachaidh sin leatha, agus chaill i-fhein a beatha comhla ris, agus ’n uair a fhuaireadh an cuirp ann an droighneach an taighe bha greim ac’ air a cheile. Fhuair cach as gun dochunn sam bith. Cha deachaidh ni dhe na bha dh’innsridh am broinn an taighe a shabhaladh ach òrgan. Thatar a deanamh a mach gu’n do thòisich an teine le éibleagan a thuiteam as an stobh air feadh na h-oidhche.
Tha muinntir Denmark an deigh da mhile dheug bocs’ ime a chur gu Bana-Phrionnsa Wales, air son a chur a dh’ ionnsuidh nan saighdearan Breatunnach an Africa a Deas.
Di-ciaduin s’a chaidh fhuair na Seanalairean French agus Gordon a dhol a tuath air an amhuinn Modder, a cur an teicheadh air na Boers, agus a glacadh coig laagers, agus moran de bhiadh ’s de nithean feumail eile. Bha teas anabarrach agus stoirm ghainmhich ann aig an àm, agus tha na saighdearan Breatunnach a faotainn cliu mor air son na rinn iad.
Tha na gearradairean agus an luchd-obrach eile anns na mèinnean guail an Nobha Scotia, ag iarraidh àrdachadh tuarasdail air an t-samhradh s’a tighinn—coig sentichean an tunna bharrachd do na gearradairean, agus deich sentichean air an dolair dhaibh-san a tha air tuarasdal latha. Chaidh an t-àrdachadh sin a ghealltuinn do mhèinneadairean Cheap Breatunn cheana, agus mar sin cha bhi aca ri strì sam bith a dheanamh air a shon.
Tha eagal air muinntir an da Shidni aig an am so gu faod a bhreac tigh’nn ’nan rathad, leis cho pailt sa tha i ann an aiteachan eile as am bheil daoine tighinn a sireadh obrach a h-uile seachdain. Tha i ann an Ontario, an Cuebec, anns na Stàidean, agus a nise ’n New Brunswick, agus cha’n urrainnear, mar sin, ach a bhi car iomguineach an so, oir cha bhiodh e doirbh sam bith a toirt ann. Fhuaireadh fios an so a Moncton N. B., deireadh na seachdain s’ a chaidh gu robh fear Murray Mac Gilleain, a mhuinntir Shidni air an aon charbad ri fear a tha nise na laidhe tinn leis a bhric. Chaidh maoir a bhaile air a thoir cho luath ’sa fhuaireadh am fios; fhuair iad a mach oidhche D-imairt far an robh e fuireach, agus uaithe sin tha e fhein us fear a bha cadal comhla ris air an cumail air leth o dhaoin eile.
NA GADHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
D. C. Mac-an-t- Saoir, Cleveland , Ohio.
Capt. Eben Mac Amhlaidh, Gloucester , Mass.
Domhnull Domhnullach, Spokane , Wash.
Domhnull Mathanach, New York.
Domhnull Lamont, Detroit , Mich.
M. D. Domhnullach, Edgartown , Mass.
I. H. Staples, Lissan, Eirinn.
An t-Urr. I. Mac Fhionghain, Springbank , Ont.
I. D. Mac-Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
Iain Dughlach, Sowerby , Ont.
D. Domhullach, Sturgeon Falls, Ont.
D. Mac Ailpein, Lunnainn, Ont.
Anna P. LamontTiverton , Ont.
D. I. Domhnullach, Greenfield , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
Domhnull Mac ’Ille-mhaoil, Priceville , Ont.
Iain Mac-a- Mhaighstir, Laggan , Ont.
Raonull Mac Eachain, St . Andrew’s, N. W. T.
I. I. Domhnullach, Dawson , Y. T.
Niall Seathach, Rosebery , Man.
D. Mac Eoghain, Brandon , Man.
Capt. Calum Mac Leoid, Vancouver , B. C.
Janetta Nic Phail, Summerside , P. E. I.
Seumas Mac-an-Toisich, Stellarton , N. S.
Alasdair Caimbeul, Strathlorne .
Iain Domhnullach, Ceap Nor.
M. L. Mac Fhionghain, Point Clear.
S. Mac Neacail, an Amhuinn Mheadhonach.
An t-Urr. Niall Curry, Loch Ainslie.
Colla Caimbeul, Iron Mines.
Domhull F. Beutan, Mabou .
I. A. Mac Gilleain, L ’Ardoise.
Raonull Domhnullach, Kempt Road.
R. A. Mac Ascuill, Fourchu .
Iain Mac Fhionghain, Sydney Mines.
D. H. Mac Leoid, Framboise .
A. Feargastan, Loch Lomond.
Tormod Mac Gille-mhicheil, Glace Bay.
Domhnull Domhnullach, Soldier ’s Cove,
Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sidni,
Ruairidh Moireastan, Goose Cove.
THA
Saoiread a Bhathair
a tha sinn a creic a mach
a sior tharruinn aire dhaoine.
Nach tarruinn na prisean a leanas t’ aire-sa:—
Brogan obrach dhaoine ’s ghillean(Split Bal. )80c
Leintean troma Gingham 26c
Triubhsairean Troma de chloth gorm 90c
Leintean briagha geala 48c
Anart buidhe (36 oirlich a leud) 3c an t-slat.
Flannelette5c. 7c. 9c. & 10c. an t-slat.
H . H. SUTHERLAND & CO.
Air Seann Larach Thormaid Dhomhnullaich.
A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an creic,
Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean.
J . C. MILLS.
Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 8. No. 32. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 251.)
air an luing ’s air an luchd, agus chuir i Behram agus na seoladairean air tir air a’ chladach.
Rainig Behram agus na seoladairean baile nan draoidhean air a’ cheart oidhche air an d’ rainig Asad, agus stad iad aig an ait-adhlacaidh anns an robh e. Agus o’n a bha geatachan a’ bhaile air an druidheadh, chuir iad rompa gu ’n cuireadh iad an oidhche seachad anns na h-uaighean, agus gu’n rachadh iad a steach do’n bhaile an uair a bhiodh na geatachan air am fosgladh anns a’ mhadainn.
Gu mi-fhortanach, ghabh Behram air thuiteamas thun na h-uaghach anns an robh Asad ’na chadal, agus ’fhalluinn paisgte m’ a cheann. Chual’ Asad fuaim na coiseachd, agus thuirt e, “Co tha sid?”
Ghrad dh’ aithnich Behram a ghuth. “Hah, hah!” ars’ esan, “is tusa an duine a chuir as mo lamhan a h-uile dad a bh’ agam ris an t-saoghal. Ged nach deachaidh d’ iobradh am bliadhna faodaidh tu ’bhith cinnteach gu ’n teid d’ iobradh an ath bhliadhna.”
An uair a thuirt e so, rug e air Asad, agus air eagal gu ’n glaodhadh e, chuir e a neapaiginn pocaid na bheul, agus cheangail e fhein ’s na seoladairean e.
Cho luath ’s a dh’ fhosgladh geatachan a’ bhaile anns a’ mhadainn, thug Behram, agus na seoladairean leotha Asad gu ruige taigh an t-seann duine a fhuair greim air an toiseach, agus a rinn a leithid de dhroch dhiol air. Agus air eagal gu’n tachradh daoine riutha air an rathad, ghabh iad troimh na sraidean a b’ iomallaiche agus a b’ uaigniche a bh’ anns a’ bhaile. Cho luath ’s a rainig iad, chuireadh Asad anns a’ phriosan fhuar, dhorcha anns an robh e roimhe. Dh’ innis Behram do ’n t-seann duine an t-aobhar a thug air tilleadh, agus a mi-fhortan a thainig ’na rathad. An uair a chual’ an seann slaoightire mar a thachair, thug e ordugh teann dha dhithis nighean gabhail air Asad mar a b’ abhaist dhaibh.
Bha eagal uamhasach air Asad an uair a fhuair e e-fhein a rithist ann an lamhan a sheann namhaid, a rinn a leithid de dhroch dhiol air, agus bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach gu ’n deanteadh an tuilleadh de throm-dhioghaltas air. Bha e gu trom a’ caoidh air son na trioblaid a bha e fulang an uair a chunnaic e Bostama a’ dol a steach far an robh e, agus bata laidir aice anns an dara laimh, agus aran is soitheach uisge anns an laimh eile. Cha mhor nach robh e grad mharbh leis an eagal an uair a chunnaic e i. Agus bha e ’smaointean air na bh’ aige ri fhulang mu ’n tigeadh ceann na bliadhna, agus air a’ bhas a bh’ aige ri fhulang ’na dheigh sin.
Cha robh Bostama cho fior chruaidh-chridheach ris ’s a bha i an uair a bha e an toiseach anns a’ phriosan. Bha e ’deanamh a’ leithid de ghlaodhaich ’s de ghearain agus de ghuidhe oirre leigeadh leis ’s gu ’n do ghabh i mu dheireadh truas dheth. Thoisich i ri sileadh nan deur comhladh ris, agus thuirt i, “Mo thighearna, tha mi ’g iarraidh mile mathanas air son cho cruaidh-chridheach ’s a bha mi ’g ad bhualadh an uair a bha thu an so roimhe, agus air son na rinn mi ort an drasta. Gus a so bha eagal orm cur an aghaidh aithne m’ athar. Tha corruich mhor air riutsa, agus tha e suidhichte air do chur gu bas. Ach a nis is fuathach leam an doigh bhruideil leis am bheil e buintuinn riut. Gabh misneach: cha deanar an tuilleadh uilc ort. Feuchaidh mise, le caoimhneas a nochdadh dhut, ri thoirt ort na dh’ fhuiling thu de dh’ eucoir a leigeadh as do chuimhne, agus dioladh a dheanamh air son na rinn mi de dh’ olc ort. Gus a so bha mi ’na do shealladh ’nam as-creidmheach. Ach a nis faodaidh tu amharc orm mar aon a tha dhe’n aon aidmheil riut fhein. Bha mi air m’ iompachadh le aon de seirbhisich. Agus tha dochas agam gu’n toir thusa barrachd fiosrachaidh dhomh na tha agam mu nithean spioradail. Gus a nochdadh dhut gur ann ag innseadh na firinn a tha mi, tha mi ’g iarraidh mathanais air an Dia bheo air son na rinn mi de pheacadh an uair a bha mi cho fior chruaidh riutsa; agus tha earbsa agam gu’n toir e dhomh comas air thusa ’chur saor.”
Fhuair Asad comhfhurtachd mhor o na briathran a labhair i ris. Thug e buidheachas do’n Uile-Chumhachdach air son an atharrachaidh a thug e air a cridhe. Thug e mar an ceudna taing dhi fhein air son an deadh ruin anns an robh i dha. Agus cha d’rinn e dearmad air iomadh fiosrachadh agus comhairle mhath a thoirt dhi mu thimchioll an fhior chreidimh. Dh’ innis e dhi mar an ceudna gu’m bu mhac righ e, agua mu thimchioll gach eucoir is trioblaid is deuchainn agus bron a dh’ fhuiling e o oige. An uair a bha e cinnteach gu’n robh i lan shuidhichte air cul a chur ris an olc, agus dluth leantuinn ris a’ mhath, dh’ fheoraich e dhi cia mar a b’ urrainnn i na dh’ innis i dha a chumail an cleith air a piuthar Cabhama, agus bacadh a chur oirre o bhith deanamh droch dhiol air mar mu ghnath leatha. “Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” ars’ ise, “is aithne dhomh fhein doigh leis an cum mi i gun tighinn ’nad choir.”
Rinn i mar a gheall i. Bha i fhein a’ dol do’n phriosan far an robh e, agus cha robh i ’leigeadh a pheathar ’na choir. An aite aran is uisge ’thoirt ga ionnsuidh mar bu ghnath leatha, is ann a bha i ’toirt aran is fion, agus a h-uile biadh eile a b’fhearr na cheile g’ a ionnsuidh. Bha i fhein gu math tric a’ gabhail a bidh comhladh ris, agus a’ toirt misneach agus comhfhurtachd dha.
(Ri leantuinn.)
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
[Vol . 8. No. 32. p. 7]
(Air a leantuinn o thaobh 252.)
co-shinte ’san uaigh le cheil’, ’s cha ’n eirich iad tuille gus an teid an cruinne-ce ’na smàl.
O’n a thoisich mi air sgriobhadh thainig aiteamh mhor, agus air reir coslais bheir i air falbh an sneachd air fad, agus bidh na roidean nan deigh uile, cho mor ’s nach seas feannag a chas. Ach theid aig an fheannaig air itealaich; ach cha teid aig naladiesair sgiathan a chur orra fein nuair a dh’ fheumas iad dol a mach, agus thig orra dhol a dh’ ionnsaidh a “Ghobha Dhuibh,” —Iain Mac Rath—agus cruidhean a chur orra, mu ’n urrainn doibh a dhol astar sam bith.
Tha mi nis a smaointinn gu ’m bheil an t-àm agam sgur; sgriobh mi gu leor. Cha ’n eil e freagrach a bhi feuchainn foighidin an fhir-dheasachaidh tuille ’sa choir, oir tha sinn cinnteach gur e duine th’ ann coslach ri daoin’ eile, agus mar is trice tha aobhar aige bhi ni ’s mi-fhoighidneach na duine sam bith eile, oir tha aige ri deiligeadh ri gach seorsa do ’n t-sluagh; ach saoilidh mi gu ’n dean na Gaidheil uile gu maith ris mar is trice, agus nach bi iad a toirt aobhar dha bhi trod riutha uair sam bith.
Feuchaidh mi ri litir mhor eile a sgriobhadh an ùine gun bhi fada. Soirbheachadh maith leibh air gach àm. Is mi ’ur caraid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Feb. 9, 1900.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
J . A. YOUNG, Manager.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 8. No. 32. p. 8]
Brosnachadh Catha.
LEIS AN URR. A. MAC-GILLEAIN SINCLAIR.
FONN. —“Scots, wha hae wi’ Wallace bled. ”
Duisg, a Bhreatainn, a do shuain.
Glac do chlaidheabh glas gu cruaidh.
Tilg air falbh a d’ laimh an truaill,
’S gluais le d’ shluagh do’n spairn,
Biodh do chabhlach laidir, briagh,
Deas a la ’s a dh’ oidhch’ gu’ d’ dhion,
Bho luchd-farmaid feargach, fiat’.
Le ’m bu mhiann do bhas.
Doirt gu fial am mach an t-or,
Cuir do shaighdearan air doigh,
’S biodh gach uidheam ac’ a’s coir
’Dhol an comhdhail namh.
Tog do bhratach bhoidheach, mhin,
Buail an druma, seid a phiob,
’S biodh na fiurain a’s glan li,
Fagail tir an graidh.
Biodh do luingeas luath a falbh
Thar nan tonn le d’ ghaisgich chalm’,
’Chasg nan creachadairean garg’
’Dh’ uraich t’ fhearg an drasd.
Biodh do ros ri crann ’sa ghaoith,
Biodh do sheamrag ghrinn ri ’thaobh,
’S biodh do chluaran leo fo aoidh
’Falbh thoirt saors’ is aigh.
Thig bho Chanada nan craobh,
Bho Astralia nan raon,
’S bho New Zealand nan gleann caoin’
Fir nach claon bho d’ shail.
Innis dhaibh ’sna h-Innsibh aosd’
Gu bheil feum agad air daoin’,
’S thig gu grad ceud mile laoch
’Theid ri d’ thaobh an sas.
’S Breatannaich gach sluagh fo d’ reachd
Ann an ainm is ann am beachd;
Earb ri Dia le inntinn cheart,
’S buail le sgairt ’sa bhlar.
Bi mar leoghann garg fo ghreann,
’Sracadh bhalg ’s spealgadh cheann,
’S fuil fo ’spoig a ruith mar allt
Ann an gleann an air.
Bi mar stoirm a gheamhraidh fhuair
’Tigh’nn le colg bho ’n airde tuath;
Sneachd a tuiteam gaoth ri fuaim,
’S cathadh cruaidh ’s gach ait.
Bi mar theine lasrach, dian,
’Leum troimh choille ’mach ri sliabh,
’S lusan, preasan, ’s craobhan briagh’
A dol sios nan smal.
Biodh do ghunnachan le treoir
’Bruchdadh griosaich dheirg bho ’m beoil
Mu do naimhdean guineach, seolt’,
Feadh nam frog ’s nan carn.
Spad a sios na Buraich bhreun’,
Thoir gu umhlachd iad ’s deagh bheus,
’S cum Taobh thall na Vaal gu leir
Fo d’ laimh fhein gu brath.
Brisd gach cuing is slabhraidh chruaidh
Chuir na daoin’ ud air do shluagh,
’S thoir gun dail dhaibh saorsa bhuan
Bho gach truaigh’ is cradh.
Belfast, P. E. I., Ian. 18, 1900.
Mo Mhathair.
Rinneadh na rannan a leanas le fear Seumas Mac ’Ille-mhaoil, a tha chomhnuidh am Melbourne, an Australia. Tha aon de phaipearan na Gaidhealtachd ’g an clo-bhualadh, a meas gu bheil iad freagarrach an àm do aireamh cho mor de dhaoin’ oga bhi falbh as an duthaich do’n chogadh. Tha iad freagarrach anns an doigh cheudna air an am so an Canada, ’nuair a tha moran de ’cuid mhac a’ falbh airson na ceud uair a chogadh do dhuthaich chein.
O, beannachd leat, a mhathair,
Is beannachd leat le muirn:
’S e dh’ fhag gu tinn ’s fo phramh mi
Gun abhachd no gun sunnd,
Nach fhaod mi fuireach laimh-riut,
’S a mheudaich dealt mo shuil;
Mo chridhe tha ’ga sgaineadh,
’S mo mhanran chaidh air chul.
Gur cianail leam bhi d’fhagail,
A’ mhathair ghradhach ruin
Gu tir fad as gun chairdean,
Gun fhardach no gun smuid;
Ach ’de ged theid bho d’ lathair
’S bho shealladh blath do shuil,
Cha di-chuimhnich mi gu brath thu
Gus ’n cairear mi ’s an uir.
Ged sgarar mi bho d’ leirsinn
’S a’s fheudar toirt riut cul,
Na smaointich gu’n do threig mi
An speis a thug air ghlun:—
Mo chridhe tha cho blath dhuit
’S an uair a bha mi dluth;
Cha ’n fhuaraich is cha traigh dhuit
An gradh a thug air tus.
Ged a tha mi aotrom,
’S ma dh’ fhaoidte air bheag tur,
A’ siubhal cian ’s air faontradh,
Taim daonnan leat ’an smaoin
Ag cuimhneachadh ’nuair ’bha mi
Fo sgiathan graidh do ruin,
A mhathair na bi ’g radhuinn
Gu’n d’ fhag mi thu air chul.
Ma labhras tu na briathran,
Gu’n d’ thriall mi bhuait gun saod,
Gur sgolb a theid troimh m’ chliabh e
’Gam phianadh air gach taobh;
Na ’n saoilinn fhein gur trian mi
Gu liathadh fuiltean caol
’Nad cheann, a mhathair, dh’fheuchainn
Am bliadhna ’bhi ri d’ thaobh.
’Nuair bhios mi ann am aonar
’S gun aon air bith mu’n cuairt,
’S ann chaillear mi ri smaointinn
Mu ’m mhathair ’tha mu thuath,
’Na suidhe aig a’ ghealbhan
Bhios cnamh air falbh gu luath
Is ise ’cur ri cardadh
’S ri cladadh cloimh nan uan.
Ged shiubhlainn air feadh riogh’chdan
’S gu tirean fad’ air chuairt,
Cha’n fhaod gu’n teid air di-chuimhn’
An t-aon nach dibir luaidh;
Urram ’thoirt g’ ar parantan
Chaidh aithne dhuinn bho Shuas,
Chum bhi buan ar laithean
Air fearann Righ nam Buadh.
Tha gaol peathar aithnichte,
’S e seirceil ciuin is foil;
Tha gaol brathair furanach,
’S e duineil air gach doigh;
Tha gaol leannain deothasach,
Ach ’s sleamhainn faoin a pog:
Ach gaol na mathair, mairidh e
Gus ’n taisgear i fo’n fhoid.
Nach tric a chluinneas tu, chaidh am fear ud a chur gu bàs leis a’ chlaidheamh, chaidh am fear ud eile a bhàthadh, chaidh am fear ud le creig, ’s bhrist e ’amhach, chaidh am fear so a thacadh le greim bìdh, is bhàsaich am fear ud eile a’ cluith? Tha cuid air an losgadh le teine, cuid air am marbhadh le cogadh, cuid air an giùlan air falbh le plàigh, agus cuid air am mort. Mar sin ’s e deireadh gach duine am bàs, ’s tha beatha mhic-an-duìne ag iathadh air falbh mar fhaileas.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[TD 257- 264]
[No . 33. a dhìth]
[TD 265- 272]
[No . 34. a dhìth]
title | Issue 32 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 32. %p |
parent text | Volume 8 |