[Vol . 8. No. 35. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MART 30, 1900. No. 35.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. X.
Bha sgiobair na luinge ’na dhuine còir do ’m b’ aithne a ghnothach a dheanamh gu math ’s gu ro mhath air muir ’s air tir. Ge b’e uair a bheireadh e sìneadh-laimhe seachad, co dhiubh a b’ ann d’a chàirdean, no do dhaoine bochda; mar bu trice, cha bu nì beag no suarach a bheireadh e dhaibh. Bha tuarasdal mòr aige, oir bha e ’na dhuine earbsach; ach ged a bha, cha robh e ’cur moran ma seach. Ach cha b’ ann ris fhein a bha e ’cosg a thuarasdail; oir bha e ’caitheamh a bheatha anabarrach stuama. Bha e gle chuimhneach air cuideachadh a thoirt, o àm gu àm, dha pheathraichean ’s dha bhràithrean, agus do iomadh aon de chàirdean ’s de luchd-dàimh. Is minic a bha cuid dhiubh ’ga shàrachadh; oir, mar is tric a thachair, bha aon is aon ’nam measg a bha bleideil gu leòr. O’n a bha esan gun dragh teaghlaich air, bha iad an duil nach robh crioch air na bha e cur ma seach dhe ’thuarasdal mòr. Ach tha smùdan fhein a ceann gach fòid, ’s a bhròn fhein aig gach neach, agus ged a bhiodh tighinn-a- staigh math aig iomadh duine, faodaidh nach bi comas aige air mòran a chur ma seach. Cha ’n aithne do na h-uile duine cia mar a chuirear airgiod ma seach, agus is docha gu ’m bheil sin cho math; oir tha daoine gu nàdarra gle bhuailteach air an cridheachan a shocrachadh air an ionmhas a tha iad a’ tasgadh dhaibh fhein air an talamh. Ach cha ’n ann aig an ionmhas a tha ’choire idir, ach aca fhein. Chuir Dia an t-ionmhas anns an talamh a chum gu’m faigheadh daoine e, agus gu’n deanadh iad feum iomchuidh dheth.
Dh’ éirich do ’n sgiobair mar a dh’ éirich a dh’ iomadh fear a bharrachd air, bha e mòran na b’ fhearr gus airgiod a chosnadh na bha e gus airgiod a chur ma seach. Mar bu trice b’ ann do na rioghachdan thall a bhiodh e ’seòladh, agus an uair a chitheadh e nì iongantach sam bith, cheannaicheadh e e, agus an uair a thigeadh e air ais do’n rioghachd so, bheireadh e seachad mòran de na nithean so dha ’chàirdean. B’ e ’n cuimhneachan a bha e gus a thoirt do bhean Aonghais ’ic Callum, céis ghrinn le aghaidh ghlaine innte, làn de dh’ eòin bheaga, bhòidheach nach ’eil ri ’m faicinn anns an rioghachd so idir. Gus a’ chéis so fhàgail sàbhailte aice, chuir e fear dhe na làmhan gu tìr leatha. Bha Domhull a’ dol gu tìr aig a cheart àm.
Bha mu dhà mhìle ’dh’ astar eadar an cladach agus taigh Aonghais, agus air an rathad a dh’ ionnsuidh an taighe, thuirt Domhull ris an t-seòladair, gu’n robh ’na bheachd teicheadh air falbh anns an luing, nam b’urrainn da. Dh’ innis e dha mar a bha ’bhanamhaighstir cho cruaidh air, agus ged a bhiodh i cho math dha ’s a b’ urrainn a bhith, nach fhanadh e aig a’ bhuachailleachd. Thuirt e ris mar an ceudna, ged a bhiodh aige ri ceud mìle a choiseachd gu baile-puirt, gu’n teicheadh e air falbh latha no latha eiginn, o’n a chuir e ùigh buileach glan ann an seòladh. Bha’n seòladair ag éisdeachd ris gu foighidneach car ùine. Mu dheireadh thuirt e ris, “Is iomadh giullan òg a bharrachd ortsa a bha’n dùil gu’n còrdadh seòladh ris gus an d’ fheuch e e, agus is docha gur ann mar sin a dh’ éireas dhutsa ged a gheibheadh tu air falbh anns an luing. Ach innsidh mise dhut ciod e ni mi riut; ma bhios mise ’faire a’ nochd leigidh mi sìos ròpa leis a’ chliathaich, agus ceanglaidh mi air bòrd e cho teann ’s nach fuasgail do chudthrom-sa e. Ma gheibh thusa dòigh air tighinn thun na cliathaich faodaidh tu greim a dheanamh air, agus ma tha nadar an t-seòladair annad, streapaidh tu air bòrd ann an tiotadh. Ach na caraich o thir gus am faic thu mise ’leigeadh an lainntear sios leis a’ chliathaich dà uair, agus ’g a thogail a rithist. Ach cia mar a gheibh thu thun na cliathaich? Am bheil bàta beag ann a bheireadh tu leat?”
“Snàmhaidh mi thun na cliathaich. Is iomadh uair a shnàmh mi tarsuinn na h-acarsaid, agus cha’n ’eil ach leith an astair sin eadar an long is tìr. Mur téid agam air streap do ’n lùing snamhaidh mi air ais gu tìr,” arsa Domhull.
“Tha eagal orm, a laochainn, gu ’m bàthar thu. Is fhearr dhut gun oidhirp a thabhairt idir mur faigh thu geòla bheag. An téid agad air seoladh a dheanamh? ma théid, is ann is dòcha thu faotainn gu bòrd gun daoine ’g ad chluinntinn. Ach feumaidh tu ghealltainn dhomhsa an toiseach, nach innis thu gu ’n d’ thug mi cuideachadh sam bith dhut. Tha ’n sgiobair gu mòr an aghaidh dhuinn duine sam bith a leigeadh air bòrd gun fhios dha, agus air an aobhar sin, ma chuirear ceisd ort, cha ’n fhaod thu innseadh gu ’n dubhairt thu aon fhacal riumsa,” ars’ an seòladair.
Bha Domhull greis samhach an déis dha so a chluinntinn. An sin thuirt e, “Cha dean mi breug air son rud sam bith. Gheall mi dha m’ athair mu ’n do dh’ eug e nach deanainn breug; ach thuirt e rium nach ruiginn a leas a h-uile ceisd a chuireadh daoine orm a fhreagairt. Agus ma dh’ fhaodas mi cha leig mi orm gu ’n robh fios agadsa gu’n robh mi gus a dhol gu bord.
“A nis, ma gheibh thu air bord,” ars’ an seoladair, “na biodh eagal sam bith ort gu ’m marbh an sgiobair thu, ged a bhios e am maoidheadh do mharbhadh. Ach air na chunnaic tu riamh na abair gu ’n robh thu faighinn droch ceartas o d’ bhana-mhaighstir. Tha ’n sgiobair ag radh gur i boirionnach cho còir ’s cho caoimhneil ’s a chunnaic e riamh.”
Anns an àm bha iad air tighinn dlùth do’n taigh, agus thuirt an seòladair, “Faiceam nach innis thu gu’n dubhairt mise aon fhacal riut. Cha robh mi air misneach sam bith a thoirt dhut mur b’e gur e teicheadh gun fhios a rinn mi fhein. Bha mi latha ’s oidhche air bòrd mu ’n d’ fhuaradh am mach gu ’n robh mi ann. An uair a bha ’n t-acras ’gam tholladh b’ eiginn domh tighinn as an fhalach anns an robh mi.”
Cha robh an corr eatorra aig an àm. Thug an seòladair seachad a’ chéis do bhean Aonghais, agus gun dàil sam bith, thill e thun a’ chladaich, agus chaidh e air bòrd.
Chuir Domhull seachad am feasgar a’ cuideachadh na bhanachaig aig an eadradh mar a b’ àbhaist dha; ach ged a bha e ’g obair, cha b’ ann air an obair a bha’n aire aige. Bha e suidhichte gu’n tugadh e oidhirp air faotainn air bord na luinge, eadhon ged a b’ e snàmh uice a dheanadh e. Bha e ’g ràdh ris fhein gu ’n robh e coma ged a bhaithteadh e.
An uair a bha ’n t-eadradh agus gach obair eile a bh’ aige ri dheanamh seachad, dh’ iarr e cead a dhol a dh’ amharc air a mhàthair. Fhuair e sin. Bha dà aobhar aige air son cead iarradh a dhol a dh’amharc air a mhàthair air an fheasgar ud. Bha toil aige aon sealladh dhith ’fhaicinn mu ’m falbhadh e; ach cha b’ ann gus innseadh dhi gu ’n robh ’na bheachd falbh. Cha ’n innseadh e sin dhi air na chunnaic e riamh; oir na’n innseadh, bha fhios aige gu’n ceangladh i e mu’n leigeadh i leis falbh gu muir. Ged nach robh e ach òg, bha e glé chruaidh leis cùl a chur ri ’mhàthair agus ris a’ chloinn. Theireadh daoine ris gu math tric, gu’m feumadh e bhith gu math dha mhàthair o ’n a b’e bu shinne dhe’n teaghlach, agus nach robh math dha cùl a chur rithe air chor sam bith gus am biodh an triuir a b’òige na e air chomas obair a dheanamh. Bha e ’faicinn gu’n robh a chomhairle so ceart, agus gun robh i a réir an ni a bha ’na inntinn fhein. Smaoinich euair is uair air a’ chùis, ach bha e ’toirt air fhein a chreidsinn gur ann le falbh a sheòladh a b’ fhearr a rachadh aige air cuideachadh a dheancmh le ’mhàthair.
B’ e ’n t-aobhar eile a bh’ aige air son cead iarraidh a dhol a dh’ amharc air a mhàthair, gu ’m faigheadh e cothrom air a dhol thun a’ chladaich anamoch air an oidhche gun fhios gun fhaireachadh do neach sam bith; oir bha toil aige an cladach a ruighinn cho falachaidh ’s a ghabhadh deanamh. Agus o’n a bhiodh e roimhe sid a fuireach oidhche ’s oidhche ann an taigh a mhàthar, bha fhios aige nach biodh ionndrainn sam bith aca air ann an taigh Aonghais ged a bhiodh e oidhche air falbh.
Bha’ inntinn cho bruailleanach ’s cho neo-shocrach fhad ’s a bha e air an rathad dhachaidh ’s gu ’n do chuir a mhàthair uidhearachd gu’n robh rud eiginn a’ cur dragh air cho luath ’s a chunnaic i e. Ach o nach aidicheadh e gu’n robh ni sam bith a cur dragh air, shaoil leatha gur e obair throm, no ’n cianalas a bh’ air, agus mar sin, cha d’ rinn i mòran ceasnachaidh air. Rud nach b’ abhaist dha, dhiult e greim bìdh a ghabhail uaipe, agus thug so oirre ’bhith ’smaointean gu ’m feumadh gu ’n robh tinneas air choireiginn air ged nach robh e ’ga aideachadh. Mu dheireadh thuirt e gu’n robh an t-àm aige bhith falbh. Cha robh a mhàthair deònach a leigeadh air falbh o’n a bha greis dhe ’n oidhche air a dhol seachad, agus i glé dhorcha. Ach cha’n fhanadh e air chor sam bith. Thuirt e, mar leithsgeul, gu’n robh eagal air gu’m biodh a bhanamhaigh
[Vol . 8. No. 35. p. 2]
stir a trod ris mur rachadh e air ais an oidhche sin fhein. Dh’ éirich e na sheasamh gu falbh, agus ged a bha e ’cumail air fhein cho math ’s a b’ urrainn da, bha chridhe gu bristeadh le bròn. Bha dhithis pheathraichean ’nan suidhe aig an teine, agus bha bhrathair, an aon a b’ òige dhe ’n teaghlach, ’na chadal anns an leabaidh. Bha meas anabarrach mor aige air a bhràthair, agus ged nach faodadh e pòg is beannachd ’fhàgail aig a mhàthair ’s aig a pheathraichean air eagal gu’n gabhadh iad amhrus gu ’n robh ’na bheachd teicheadh, ghabh e far an robh a bhràthair ’na laidhe, agus thug e pòg dha. Gun fhacal a ràdh thug e’n doruis air, agus ged a chaidh a mhàthair thun an doruis feuch am faiceadh i e, cha robh sealladh aice air. Thill i steach gun dàil, agus leis mar a chuir a dhòigheann an dragh cho mòr air an inntinn aice, shuidh i earrann mhòr dhe ’n oidhche aig an teine a’ smaointean air. Thainig mìle smaointean fa chomhair a h-inntinn aig an àm. Ghabh i amhrus trom nach robh e ’faighinn ceartais ann an taigh Aonghais ’ic Callum, agus gu ’n robh iad tuilleadh is trom air ann an obair. O’n a bha fhios aice gu’n robh e gu nàdarra rud eiginn dùr, rag ’na dhòigheannan, bha i ’smaointean gur ann aige fhein a bha choire, mur robh cùisean a’ còrdadh ris. A dh’ aon ni, thuig i gu math gu ’n robh e gu buileach bhar a shiuil, ge b’e air bith a b’ aobhar dha. Mu dheireadh chaidh i do’n leabaidh, ach cha b’ ann gu cadal no tàmh.
An àm dhi éirigh ’s a’ mhadainn thuirt i rithe fhein gu ’m b’ fhearr dhi ’dhol a null do thaigh Aonghais eadar sin ’s feasgar feuch am faigheadh i ’mach an robh Domhull a’ deanamh a dhleasdanais, no ’n robh e tinn. An uair a ràinig i cha robh sgeul air Domhull. Bha ioghnadh air Aonghas Mac Callum nach robh e tilleadh á taigh a mhàthar. Ach an uair a chual’ e gu ’n d’ fhalbh e as anamoch an oidhche roimhe sin, thuig e gu’n robh ni eiginn cearr. Rud nach b’ ioghnadh, chaidh a’ bhrantrach bhochd gu bron ’s gu tuiream. O nach robh duine mu ’n bhaile do ’m b’ urrainn sgeul a thoirt dhi m’ a dheidhinn, cha robh fhios aice co ’n taobh air an d’ thugadh i a h-aghaidh gus a dhol g’a iarraidh.
(Ri leantuinn.)
“Gu de so a chuala mi ’Phadruig? Am bheil e fior gu bheil thu dol a phòsadh a rithist?” ars an t-uachdaran ri fear de na daoine bh’air an fhearann aige. “Ma ta, le ’r cead,” arsa Padruig, “tha e cho fior ’sa chuala sibh e.” “ ’S gun ach gann tri miosan o na chaochail a cheud bhean ort?” ars’ an t-uachdaran. “Cha’n eil,” arsa Padruig, “ach ged nach eil fhein, saoil sibh, le’r cead, nach eil i cho marbh a nise ’sa bhitheas i am feasd!”
MU ’N T-SOISGEUL.
An deigh iomadh rannsachadh agus troimhe-chéile gun ghuth a’ thoirt air connspoid agus deasboid, faodaidh sinn a nis a bhi dearbhta gu’n robh na ceithir soisgeulan mar a tha iad againn anns an latha an diugh, ’nan ughdarras agus ’nam bun aig an eaglais òig anns gach àird, an taobh a stigh de sheachd fichead bliadhna an deigh bàs agus aiseirigh Chriosd. Tha na priomh-athraichean mar aon ri naimhdean na h-eaglaise ’gar toirt gus a’ bhreith so mar a tha (air taobh na h-eaglaise) Irenæus, Easbuig Lyons ann an Gaul, ris an canar an diugh, an Fhraing, agus Justin an Fhiadhnuis, fear a sgriobh leabhraichean, litrichean agus iomadh ni eile anns am bheil barrachd agus da chiad de ràidhean air an toirt o na soisgeulan. A’ thaobh a gharbh-chuid de na ràidhean cha ’n ’eil teagamh r’a chuir annta a thaobh am bunadais ged nach ’eil iad facal aìr an facal ionann ’s mar a tha iad againn anns na soisgeulan. ’Nam measg-san nach robh air aon bheachd ris an eaglais, bha Marcion, mu A. D. 140, a thubhairt gu’n cuireadh e, nam b’ fhior, ann an altaibh a’ cheile, as ùr, soisgeul ris an goirear “Soisgeul Phoil an t-Abstol.” B’e soisgeul Lucais, agus deich de litrichean an Abstoil Phoil, a bhitheadh ’nan ceann-steigh da obair. Sgriobhadh le Heracleon namhaid eile do’n eaglais, leabhar-mineàchaidh air soisgealan Lucais agus Eoin, agus tha, anns a’ bheagan a dh’ fhagadh againn de sgriobhaidhean Bhasilides, rannan a bhuineas do na ciad tri soisgeulan. Is Fianuisean iad so uile, gu’n deach an soisgeul ann an altaibh a chéile roimhe A. D. 140.
Tha againn de na ceithir soisgeulan, da eadar-theangachadh a rinneadh anns an dara linn, ris an abrar an t-eadar-theangachadh Peshito-Syriac agus an t-eadar-theangachadh Laidinneach. Tha an dithis so ’nan dearbhadh cinnteach air gu’n robh an tiomnadh Nuadh air a sgaoileadh am fad agus am fagus gu math tràth anns an dara linn.
Tha ’ga leigeil ris anns na soisgeulan mion-eolas air Ierusalem a tha na chomharradh air gu’n robh sealladh a shùla agus cuimhne a mheomhair aig an duine a sgriobh iad, air neo gu’n robh am baile fathasd ann agus fa chomhair, an àm da sgriobhadh; ach tha fios aig na h-uile gu ’n deach an Teampull agus Ierusalem gu h-iomlan a’ sgrios agus a leagail gu làr anns a’ bhliadhna 70 A. D. Tha so a filleadh a steach gu ’m bheil an diugh, an aon chumadh air na soisgeulan agus a bha orra gu math fada roimh chrioch na ciad linne.
Is iomadh oidhirp a thugadh le naimhdean gus an soisgeul a’ chur bun os cionn, agus a dheanamh breugach. Bu gharg agus lionmhor na h-ionnsuidhean, agus bu treun, spairn chruaidh an eascaraid. Ach ma bha, cha b’ ann gun a leigeil ris gu’n d’ fhiosraich an luchd-séisd treise a’ chaisteil agus neart na daingnich. Nam b’ fhior dhaibh, fiachadh iad ri eachdraidh Julius Cæsar, agus Napoleon Buonaparte na ceart tagraidhean a chaidh fhiachann leo an aghaidh eachdraidh Chriosd; seadh, fiachadh agus bhitheadh e furasda gu leoir dhaibh a dhearbhadh, cha’n e a’ mhain nach robh eachdraidh nan dùilnach sin thar a’ chéile agus fad am mearachd, ach a bharrachd air sin uile nach robh na laoich riamh ann. Mar sin, thatar an còmhnuidh fiachainn ri a dhearbhadh ort, nach deach na soisgeulan a’ sgriobhadh gu ceithir ceud bliadhna an deigh Chriosd, no mar sin. Ach nam b’ ann mar sin a bha, ciod air a bha creideamh nan Criosduidhean a’ tighinn beò anns an eadar-thrath? Tha fathast air sgeul, agus bithidh, tha mi an duil, gu la-bhràth, litir bho Phliny gus an Impire Trajan, ag iarraidh a chomhairle air a thaobh nan Criosduidhean. Agus b’e comhairle an Impire, gun Pliny a dhol a’ shireadh nan Criosduidhean, ach a mhàin am peanasachadh nan rachadh an toirt fa chomhair. Agus is e so bu chiall do’n fhacal “peanasachadh;” na Criosduidhean a’ chòmhdachadh le tearr agus an losgadh ’nam beatha; an toirt do na béistean fiadhaich; an reubadh as a’ chéile; am bàthadh; gabhail orra le sgiùrsan gus an tigeadh na cnàmhan agus na buill-cuirp is fhaide asteach ris; agus gach dòigh bàis a b’ eagallaiche na ’chéile. Gidheadh, is fior ainneamh a dheanadh iad an creideamh ’fhàgail, ionnus gu ’n do ghabh an naimhdean iongantas do-labhairt, ged a bha iad cleachdta ris na h-uile seòrsa oillt agus foirneart. Nach b’i an seasmhachd-san a mhiorbhuil iongantach? Cha ghabh an seasmhachd a’ thuigsinn mur robh soisgeul ann. Ghuidheadh iad gu math agus gu ro math do na mortairean a bha ’gam pianadh agus ’gan reubadh. Sin a’ mhiorbhuil eile a bheir bàrr air gach miorbhuil, oir ge iongantach uisge a’ tighinn á creig ri iarraidh Mhaois, is iongantaiche na sin beannachd agus deagh ghuidhe an duine a tha ’fulang, dhaibh-san a tha ’toirt a’ chraidh agus a gheur-chraidh air. Is iad maimhdean na h-eaglaise a tha nam fianuisean air a’ mhiorbhuil ud, agus is furasda miorbhuil sam bith eile a’ chreidsinn ’na dheigh.
Mar so, chi sinn nach tigeadh an eaglais beò mur bitheadh an soisgeul ann. Thòisicheadh an soisgeul gun teagamh ann am beul-aithris; ach bhitheadh daoine grùnndail an sud ’s an so, a’ sior iarraidh eachdraidh sgriobhte cruinn, ceart, earbsach, chum ’s gu’m bitheadh dealbh-inntinn aca air òrdugh, daimhealachd, càirdeas agus ceangal a bha fuaigheal gniomharan an t-Slanuighear ri chéile. Bha seanachaidh a’ dhith air an eaglais agus ma leughas sinn dara litir an Abhstoil Phoil do na Corintianaich (VIII. 18 19) chi sinn gun robh, ann am beachd an Abstoil, fear do’n tigeadh eachdraidh a’ sgriobhadh gu math. Agus tha beul-aithris agradh gu ’n robh Pol an lathair an uair a sgriobhadh an treas soisgeul, agus gu ’n do ghabh e làmh ann. Tha an soisgeul a reir Lucais air a sgriobhadh ann am fior dheagh Ghreugais gu ruig an coigeamh rann. Na dheigh sin, tha caochladh clò air a’ chainnt, agus tha dath agus buaidh na teangaidh Eabhruich a’ tighinn oirre, no an coigeas(dialect)sin dhith ris an abrar “Armaic” a bu chainnt do na h-Iudhaich uile ’nan tir féin ri linn an Tighearna. Leanaidh blas na h- “Aramaic” air Greugais an t-soisgeulaiche gu ruig an seachdamh no an t-ochdamh rann thar da fhichead de’n dara caibideil. Cha robh an naomh Lucas na shùil-fhianuis air òige an Tighearna, agus cha robh air uachdar an t-saoghail a dh’ fhaodadh eachdraidh na h-òige sin a’ thoirt seachad ach aon té a’ mhàin agus b’i sin Muire, agus bi “Aramaic” a bhitheadh aice-se mar chainnt.
Sgriobhadh soisgeul Mhata, a reir barail, airson nan Iudhach, muinntir leis an bu tric a’ cheist so a’ chur—Am bheil faisneachd ar fàidhean air an deanamh fior ann an Iosa, ris an abrar Criosd? An esan an neach a bu chuspair do uirghiollan nam fiosaichean? Mur e, cha bhi taobh againn ris, —agus bu bheag an t-ioghnadh dhaibh aig ro mheud an dòigh agus an earbsa as na fàidhean aca, mar a bha cubhaidh, iomchuidh gu leòir. Ma’s e Muìre a b’ urras do na sgriobh Lucas a’ thaobh òige an Tighearna, tha e coltach gur e a fear a b’ urras do na sgriobh Mata d’a thaobh cheudna. Faic féin, a leughadair mar a choinnich Ioseph an t-aingeal agus thoir breith air a so—Co dha a b’ fhearr a b’ aithne an sgeul ’innseadh na do’n fhear a bha thall ’s chunnaic? Nach ann dha fhéin a thigeadh ’innseadh, meud an teagaimh a dh’fhairich e an àm do’n Aingeal bruidhinn ris, seadh agus an iomaguin a thainig air an àm da dol fo a smaointean gu trom, cràiteach, gun fhios ciod eile a dh’ fhaodadh a ’bhi an dàn da. Is e Ioseph a tha bruidhinn ruinn troimh bhilean Mhata agus an uair a bha Mata a’ cur roimhe Criosd agus esan air a’ cheusadh a’ thoirt air beulthaobh a luchd-dùthcha, ruigeadh e Ioseph a dh’ fhaotuinn uaidh toiseach na h-eachdraidh iongantaich sin a bha ’na coimh-lionadh air briathran nam fàidhean o shean. Cha b’ urrainn do Mhata no do Lucas bun an sgeul ’innseadh as a thoiseach mur robh Ioseph agus Muire fathasd beò, agus cha’n ’eil teagamh mar so nach deach na soisgeil a sgriobhadh gu math fada roimh chrioch na ciad linne.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 8. No. 35. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. I.
Fad iomadh bliadhna, b’ e Balsora ceanna-bhaile rioghachd a bha ’toirt cise do na righrean a bh’air Arabia. Ann an laithean an righ Haroun Alrashid, b’ e Sinebi an righ a bha ’riaghladh ann am Balsora, agus thairis air an rioghachd a bhuineadh do Bhalsora. B’ e clann nan dithis bhraithrean Haroun Alrashid agus Sinebi. Cha robh Sinebi a’ faicinn iomchuidh a bhi am freasdal aon ard-chomhairleach, agus air an aobhar sin roghnaich e dithis, Cacan, agus Saoudhaidh.
Bha Cacan ’na dhuine ciuin, fialaidh, tlachdmhor, agus cha robh dad a b’ fhearr leis na bhith ’cur comain air gach neach ris am biodh gnothach aige; ach bheireadh e an aire nach deanadh e ni sam bith ach ni a bhiodh ann an co-cordadh us ceartas eadar duine agus duine. Mar so bha ’meas aig na h-uile air, araon anns a’ chuirt, agus mar an ceudna anns a’ bhaile, agus air feadh na rioghachd gu leir. Agus bha a h-uile neach ’g a mholadh.
Bha Saoudhaidh air an laimh eile ’na dhuine mugach, gruamach, agus bha a h-uile duine mi-thoilichte dheth, ged a bha e ann an inbhe aird agus urramaich. An aite meas a chosnadh dha fhein leis an t-saoibhreas mhor a bh’ aige, is ann a bha e cho spiocach ’s gur gann a chumadh e biadh gu leor ris fhein. A dh’ aon fhacal, bha h-uile duine coma dheth, agus cha robh facal math aig duine sam bith ri radh m’ a dheidhinn. Ach b’ e am fuath a bh’ aige do Chacan an ni bu mho a bh’ aig daoine ’na aghaidh. Bu ghnath leis a bhith aig gach am a’ cur mi-chliu air Cacan, agus a’ feuchainn ris gach ni a b’urrainn e a chum Cacan a chur am mach air an righ.
Air latha araidh, an deigh dhaibh a bhith air cheann na comhairle, bha greis de chomhradh taitneach eadar an righ agus na comhairlich mu thimchioll cochladh nithean. Mu dheireadh thoisich iad ri bruidhinn mu dheidhinn nam boirionnach a bha aig an am ud air an reic ’s air an ceannach gach latha anns a’ mhargadh, agus a tha air am meas anns an duthaich ud mar gu’m biodh iad co-ionnan ri mnathan laghail posda. Bha cuid dhuibh dhe’n bharail, nam biodh am boirionnach a cheannaicheadh iad, ’na boirionnach eireachdail, dreachar gu leor, gu’n deanadh i bean a cheart cho math ri te dhe na mnathan uaisle a tha daoine gu tric a’ posadh, cha ’n ann a chionn gu’m bheil iad maiseach agus tlachdar, ach a chionn gu’n d’ thainig iad o theaghlaichean measail, moralach.
Bha Cacan, agus feadhain eile, a’ cumail am mach nach mor a b’fhiach boirionnach ged a bhiodh i anabarrach eireachdail, dreachar, tlachdar ri’ faicinn, mur biodh i geurchuiseach, glic, tuigseach, banail, aoidheil, agus fiosrach. Agus mar dhearbhadh air so, bha iad ag radh nach robh ni bu mho a bheireadh de thoileacaadh do dhuine aig am biodh gnothaichean cudthromach ri deanamh re an latha na bana-chompanach a bhith aige a a chuireadh seachad na feasgair ris le comhradh glic tuigseach, taitneach. Bha iad ag radh nach robh dealachadh mor eadar na bruidean agus na daoine a bha ’ceannach mhnathan eireachdail agus dreachar a chum a bhith ’g amharc orra, agus a’ riarachadh an ana-miannan.
Bha’n righ gu buileach ag aontachadh le beachdan nam feadhnach so a labhair mu dheireadh, agus mar dhearbhadh air so, dh’ ordaich e do Chacan boirionnach og a cheannach dha a bhiodh anabarrach sgiamhach ri amharc oirre, agus a bhiodh mar an ceudna glic, tuigseach, fiosrach, geur-chuiseach.
Bha eud air Saoudhaidh a chionn gu ’n do chuir an righ an t-urram so air Cacan, agus o’n a bha e de chaochladh barail ris, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, bidh e gle dhoirbh boirionnach ’fhaotainn a bhios cho coimhlionta anns gach doigh ’s a tha sibh ag iarraidh; agus ged a gheibhteadh a leithid (rud is gann a chreideas mi) cha cheannaich deich mile bonn oir i.”
“Tha mi faicinn,” ars’ an righ, “gu ’m bheil an t-suim gle mhor ’nad shealladh-sa; faodaidh i bhith mor ’nad shealladh-sa, ach cha ’n ’eil i mor ’nam shealladh-sa.”
An uair a thuirt e so, thionndaidh e ris an ard fhear-ionmhais, agus dh’ ordaich e dha na deich mìle bonn oir a chur do’n taigh aig Cacan.
Cha bu luaithe a chaidh Cacan dhachaidh na chuir e fios air na daoine a bhiodh a’ reic ’s a’ ceannach bhoirionnach, agus thug e ordugh teann dhaibh, nam faiceadh iad boirionnach og dhe ’n t-seorsa a bha dhith air, iad a thoirt fios dha gun dail sam bith. Araon a chum comain a chur air Cacan, agus a chum buanachd a chur ’nan rathad fhein, gheall iad gu’n deanadh iad na b’ urrainn daibh gu te fhaotainn a chordadh ris. Is gann gu’n robh latha nach robh iad a’ toirt te g’ a ionnsuidh; ach bha e an comhnuidh a’ faighinn coire air choireiginn annta.
Air maduinn araidh an uair a bha Cacan a’ dol air muin an eich gu falbh do chuirt an righ, thainig fear dhe na ceannaichean far an robh e, agus thuirt e ris gu’n d’ thainig Persianach do’n bhaile air an fheasgar roimhe sid, agus gu’n robh boirionnach og aige ri ’reic a bha anabarraach maiseach—gu’n robh i na bu mhaisiche na boirionnach a chunnacas riamh— “Agus tha i ann an geurchuis, ann an eolas, agus ann am foghlum cho math ri neach a tha beo,” ars’ esan.
Bha aoibhneas anabarrach mor air Cacan an uair a chual’ e so; oir bha fhios aige gu’n cordadh a naigheachd ris an righ an uair a chluinneadh e i. Dh’ ordaich e do’n cheannaiche am boirionnach a bhith aige anns an taigh air a choinneamh an uair a thilleadh e dhachaidh; agus ghrad ghabh e air aghart do chuirt an righ.
Aig an uair ainmichte bha an ceannaiche aig taigh Chacain; agus an uair a chunnaic Cacain gu’n robh am boirionnach moran na bu mhaisiche na bha e an duil, thug e Bean na Maise mar ainm oirre.
Bha e fhein ’na dhuine gle gheurchuiseach agus foghluimte, agus cha robh e fada ’comhradh rithe an uair dh’aithnich e nach robh e comasach aon te eile fhaotaiun a bheireadh barr oirre ann an doigh sam bith. Air an aobhar sin dh’fheoraich e dhe’n cheannaiche ciod a bhiodh am marsanta Persianach ag iarraidh air a son.
“Mo thighearna,” ars’ an ceannaiche, “cha ’n ’eil moran aig an duine ri radh; ach tha e ’g innseadh dhomhsa nach reic e i air na’s lugha na deich mile bonn oir. Thug e mionnan dhomhsa gu’n do chosg e gle dhluth air an t-suim so ris na fhuair i do dh’ fhoghlum o ’n a cheannaich e i ’na paisde beag, gun guth a thoirt air a dhragh fhein agus na thug e dhi de bhiadh ’s de dh’aodach. Riamh o ’n cheannaich e i, bha e ’smaointean gu ’m b’ ann air righ a b’fhearr a fhreagradh i, agus thug sin air moran a chosg rithe. Cluichidh i air a h-uile seorsa inneal-ciuil na’s fhearr na te sam bith. Gabhaidh i orain, dannsaidh i, agus sgriobhaidh i na’s fhearr na neach sam bith. A bharrachd air so, ni i bardachd; agus is gann gu ’m bheil leabhar anns an t-saoghal nach leugh i. Cha robh a h-aon riamh dhe ’seorsa cho fiosrach agus cho ionnsaichte rithe anns gach doigh.”
Thuig Cacan na b’ fhearr na’n ceannaiche gu ’n robh Bean na Maise ’na boirionnach anabarrach foghluimte, agus chuir e roimhe gu ’m feuchadh e ri ’ceannach gun dail. Agus chuir e aon dhe ’sheiebhiseach air thoir a’ mharsanta.
Cha bu luaithe thainig am marsanta na thuirt Cacan ris, “Cha ’n ann dhomh fhein a tha toil agam am boirionnach a cheannach ach do’n righ; ach air a shon sin, feumaidh tu a toirt dhomh air pris a’s lugha na ’phris a tha thu ’g iarraidh oirre.”
“Mo thighearna,” ars’ am marsanta, “chuirinn urram mhor orm fhein le a tairgse an nasguidh do’n righ, nam biodh e iomchuidh dhomh, anns an t-suidheachadh iosal anns am bheil mi, a leithid de thiodhlac luachmhor a thairgse dha. Cha’n ’eil mi ag iarraidh bonn air a son ach na chosg mi ri ard fhoghlum a thoirt dhi. Agus cha ’n ’eil agam ri radh ach gu’m bheil mi ’creidsinn gu’m bi an righ anabarrach toilichte leis a’ cheannachd.”
Gun tuilleadh a radh, phaigh Cacan do ’n mharsanta a h-uile bonn a bha e ag iarraidh air a’ bhoirionnaich. An uair a bha am marsanta ’dealachadh ri Cacan, thuirt e, “Mo thighearna o’n is ann do’n righ a cheannaich sibh am boirionnach, ceadaichibh dhomhsa a radh, nach ’eil i, an deigh an turuis fhada, sgitheil air an d’ thainig sinn, ann an coltas cho fior mhath ’s a b’ abhaist dhi bhith. Agus ged nach ’eil te eile anns an t-saoghal cho briagha rithe, ma’s e bhur toil-se a cumail ’nur taigh fhein fad cheithir latha deug, agus ceartas math a thoirt dhi, theid mi an urras gu’n tig i gu dreach moran na’s fhearr. ’Na dheigh sin faodaidh sibh a toirt an lathair an righ; agus tha dochas agam gu’m bi sibh gu mor ’nam chomain-sa. Tha sibh a’ faicinn gu’n do laidh dubhadh na greine oirre; ach an uair a bhios i air a faragadh gu math caochladh uairean, agus a chuirear trusgan freagarrach uimpe, seallaidh i moran na’s fhearr na tha i ’sealltainn an drasta.”
Chord a’ chomhairle so gle mhath ri Cacan, agus chuir e roimhe gu’n leanadh e i. Chuir e seomar air leith dhi faisge air an t-seomar anns am biodh a bhean aige fhein a’ fuireach, a chum gu’m biodh iad ann an cuideachd a cheile cho tric ’s a fhreagradh dhaibh, agus gu’m biodh meas aig a mhnaoi oirre mar neach a bha gu bhith ann an cuirt an righ. Dh’ ordaich e mar an ceudna caochladh thrusgan dhe’n aodach a b’fhearr a bha ri fhaotainn a dheanamh dhi. Mu’n do ghabh e a chead dhi, thuirt e rithe, “Cha ’n urrainn sonas a bhith agad a’s mo na ’n sonas a tha mise gus fhaotainn dhut. Faodaidh tu breith a thoirt air do shon fhein. Is ann do ’n righ a cheannaich mi thu, agus tha dochas agam gu’m bi e na ’s toilichte an uair a gheibh e thu na tha mise an uair a tha mi nis a’ cur crioch air an obair a thug e dhomh ri dheanamh. Is e mo dhleasdanas rabhadh a thoirt dhut, gu’m bheil mac agam a tha og, geurchuiseach, cuireadach, agus rudeiginn dana, agus gu’m feum thu bhith gu math air d’ fhaiceall air eagal gu’n leig thu leis a bhith tuilleadh is dana ort.”
Thug bean na Maise moran taing do Chacan air son na deadh chomhairle a thug e oirre; agus an uair a gheall i dha gu’n tugadh i gach oidhirp air deanamh mar a dh’ iarr e oirre, dh’ fhalbh e am mach as an t-seomar.
(Ri leantuinn.)
Bha Eirionnach a litheadh(painting)an t-sabhail aige, agus bha e dol air adhart leis an obair cho cabhagach ’s gu robh e cur ioghnadh air a h-uile duine do na thachair fhaicinn. “Car son a tha thu na leithid sin de chabhaig?” ars’ aon de choimhearsnaich ris ’s an dol seachad. “Tha,” ars esan, “gu bheil mi air son an obair a bhi ullamh mu’n teirig an li orm
[Vol . 8. No. 35. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, MART 30, 1900.
Comunn Gailig New York.
Bha coinneamh mhiosail a chomuinn so air a cumail air an naodhamh latha de Februaraidh ann an talla Chaledonian Clnb, Fearchar Mac Fhearghais, M. D., anns a chathair. B’i so an oidhche bha air a cur air leth leis a chomunn air son taghadh luchd-dreuchd air son na bliadhna. Chaidh an taghadh mar a leanas: —Ceann-suidhe, D. E. Camaran, Inspector a bhaile; Iar-cheann-suidhe, A. S. Williams; darra Iar-Cheann-suidhe, A. I. Mac-Ille-mhaoil; Run-Chleireach, Domhnull Mathanach; Cleireach an Ionmhas, Iain Mac Leoid; Ionmhasair, Miss N. J. Nic Aoidh Gair; Bard, Niall Domhnullach; Piobairean, Seumas Domhnullach, Friseal Daibhidh, Rob Mac Coinnich, Artar Ros, Uilleam Sorlie. Chaidh mòr thaing a thoirt do’n Cheann-suidhe bha ’sa chathair air an da bhliadhna mu dheireadh, air son mar a shoirbhich cùisean a chomuinn fo ’riaghladh. Tha suidheachadh a chomuinn taitneach a thaobh àireamh agus a thaobh airgeid. Tha sin a foillseachadh a’ ghràidh a th’aig buill a chomuinn do chainnt an sinnsir, agus gu bheil iad an rùn a seasamh gu dileas us gu treun. Chaidh oidhche chridheil a chur seachad an deigh taghadh nan oifigeach, le òraidean us ceòl us dannsa. Bha am piobair’ ainmeil, Friseal Daibhidh, le a chluich ciatach a cur sunnt us aighear air cridhe na cuideachd; agus òrain Ghàilig o Mhiss Lena Nic Aonghais a thaitinn gu math ’s gu ro-mhath ris a chruinneachadh; mar an ceudna òrain le Burns o Ghavin Spence. An deigh sin fhuair sinn dannsa Seann Triubhas agus Danns’ a’ Chlaidheimh o Thearlach Craig, a tha mion-eòlach air gach seorsa dannsa. Chriochnaich sin a’ cho-sheirm. An deigh sin bha dannsa air a chumail suas le mor ghreadhnachas gu meadhon-oidhche, anns an robh compairt aig sean agus òg, Tha an Comunn Gàilig a’ coinneachadh air an dara Dior-daoin de na h-uile mios, anns a Chaledonian Hall, 846-7th Avenue.
Cha ’eil sgeul ùr is fhiach ri innse mu’n chogadh air an t-seachdain so; tha ’n t-arm Breatunnach, ma dh’ fhaoidte a leigeil an anail, agus cha b’ ioghnadh ged a bhiodh iad feumach air. Ach ’se ’s dòcha na sin gu bheil Morair Roberts a chumail air ais gach fios mu ghluasadan an airm nach eil e air son fhios a bhi aig na Boers air. Tha fathuinn a tighinn gu tric gu bheil baile Mafeking air fhuasgladh, ach gu ruige so cha’n eil sin air a dheanamh cinnteach. Tha bhuidheann a’s motha de’n arm Bhreatunnach timchioll air Bloemfontein, a deanamh deiseil gu falbh air an t-slighe gu Pretoria; tha buidheann eile air an rathad gu Mafeking, mur eil iad air ruigheachd; agus tha ’n treas buidheann fo Sheanalair Warren a tuath air Ladysmith a feuchainn ri bristeadh a stigh air fearann nam Boers. Tha aca sin ri dhol troimh ghlinn chumhang a tha air an daighneachadh gu làidir, agus ma bheir iad an ionnsuidh, cha ’n eil teagamh nach bi cath cruaidh aca ri chur.
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
Capt. E. Mac Amhlaidh, Gloucester , Mass.
M. D. Domhnullach, Edgartown , Mass.
Bean Alasdair Rois, Somerville , Mass.
Calum I. Mac Leoid, Rockport , Mass.
A. B. Mac Leoid, Plymouth , Mass.
Johanna Mhoireastan, Boston , Mass.
J. H. Staples, Lissan, Eirinn.
D. Domhnullach, Spokane , Wash.
Domhnull Mathanach, New York.
Coinneach Mac Gilleain, New York.
Simon P. Gillios, New York.
Domhnull Lamont, Detroit , Mich.
D. C. Mac-an t-Saoir, Cleveland , Ohio.
Iain C. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
Bean Roib Monilaws, Two Harbors, Minn.
Calum Buchanan, Kaurihohori , N. Z.
J. J. Domhnullach, Dawson , Y. T.
Caipt. Calum Mac Leoid, Vancouver , B.C.
Uilleam Urchadan, Vancouver , B.C.
Domhnuill Mac Ille-mhaoil, Fernie , B.C.
R. U. Moireastan, Rossland , B.C.
Bean R. Dhomhnullaich, St . Andre, N. W. T
Domhnull Dughlach, Longlaketon , N. W. T
Raonull Mac Eachairn, St . Andre, N. W. T
Niall Seathach, Roseberry , Man.
D. Mac Eoghain, Brandon , Man.
Iain Dughlach, Sowerby , Ont.
D. Domhnullach, Sturgeon Falls, Ont.
D. Mac Ailpein, Lunnain, Ont.
An t-Urr. I. Mac Fhionghain, Springbank
Anna P. Lamont, Tiverton , Ont.
D. J. Domhnullach, Greenfield , Ont.
Iain Mac-a- Mhaighstir, Laggan , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
D. Mac-Ille-mhaoil, Priceville , Ont.
J D Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
A. S. Mac Dhearmaid, Otawa , Ont.
Barbara C. Leitch, Lafontaine , Ont.
Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Eoghan Mac Eoghain, Maxville , Ont.
Mrs M. H. Domhnullach, Springhill , Que.
Iain Graham, Galson , Que.
Jenetta Nic Phail, Summerside , E. P. I.
Alasdair Domhnullach, Double Hill, E. P. I.
Uilleam Mac-a- Phi, Forest Hill, E. P. I.
Alasdair Mac Calamain, Orwell , E. P. I.
M. Mac Gilleain, Garfield , E. P. I.
D. Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I.
Mor Nic Aonghais, Gleann Uilleim, E. P. I.
S. M. Martuinn, Heatherdale , E. P. I.
Murchadh Mac Leoid, Springton , E. P. I.
A. Bruce, Grand View, E. P. I.
J. J. Mac Leoid, Crapand , E. P. I.
Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn , E. P. I.
A. D. Mac Leoid, Kinross , E. P. I.
Aonghas Caimbeul, Halifacs, N. S.
Seumas Mac-an-Toisich, Stellarton , N. S.
Domhnull Mac Neill, Loch a Deas, N. S.
Beataidh Nic Neachtain, Loch a Deas, N. S.
D. Mac Isaic, Loch an Fhuamhair, N. S.
Caitriona Dhunbar, Lorne, N. S.
D. Mac-a- Phearsain, Garadh Eden, N. S.
Bean D. Johnstone, Springhill , N. S.
Iain J. Mac Gilleain, Lakedale , N. S.
Alasdair Caimbeul, Strathlorne C. B.
Iain Domhnullach, Ceap Nor, C. B.
M. L. Mac Fhionghain, Cape Clear, C. B.
S. Mac Neacail, Cape Clear, C. B.
Mrs Nic Rath, Amhuinn Mheadhonach, C. B.
L. Mac Guaire, Amhuinn Mheadhonach, C. B.
An t-Urr N Mac Mhuirich, Loch Ainslie, C. B.
Domhnull F. Beutan, Mabou , C. B.
I. A. Mac Gilleain, L ’Ardoise, C.B.
Raonull Domhnullach, Kempt Road, C.B.
R. A. Mac Ascuill, Fourchu , C.B.
Iain Mac Ille-mhaoil, Sydney Mines, C.B.
D. H. Mac Leoid, Framboise , C.B.
A. Mac Fhearghais, Loch Lomond, C.B.
Tormad Mac Ille-mhicheil, Glace Bay, C.B.
Domhnull Domhnullach, Soldier ’s Cove, C.B.
Iain Mac Odrum, Sidni, C. B.
Murchadh Mac Leoid, Sidni, C. B.
R. Barclay, Sidni, C. B.
Ruairidh Moireastan, Goose Cove, C.B.
A. J. Mac Gille-fhaollain, B .C. Chapel, C. B.
Bean N. Mhic Guaire, an Bagh an Iar, C. B.
D. Mac-an-Toisich, Bay St. Lawrence, C. B.
I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain
Dunnachadh Mac Leoid, Baile-nan-Gall C. B
D. Mac Gilleain, Munroe ’s Point, C.B.
Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus , C.B.
Murchadh Mac Gilleain, Valley Mills. C.B.
A. Domhnullach, N . S. Boulardarie. C.B.
Bean C. Mhic Gill-fhinnein, Melford . C.B.
Iain F. Siosal, Long Point, C.B.
Bean D. Mhic Phaic, Framboise , C.B.
Iain Camaran, Grand River, C.B.
Padruig Mac Ille-fhinnein, Baddeck , C.B.
Calum Domhnullach, Cox Heath, C.B.
Peigi Dhomhnullach, Ashfield , C.B.
Iain Mac Leoid, Beinn na Sgitheanach, C.B.
Aonghas Moireastan, Grand Lake, C.B.
Mrs Nic Artair, Amhuinn Inhabitants, C.B.
Calum Bryden, am Baigh an Ear, C. B.
Dughall S. Caimbeul, Dominion No. 1, C. B.
Gilleasbuig Mac Neill, Cape Dauphin, C. B.
Alasdair S. Mac, Leoid, Framboise , C.B.
C. D. Stiubhart, Bridgeport , C.B.
Cairistiona Dhomhnullach, Cul Iona, C. B.
D. J. Mac Fhionghain, Aiseag Mhira, C. B.
Iain S. Gillios, Cul Loch Ainslie, C. B.
R. H. Mac Coinnich, Sydney Forks, C.B.
Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett, C.B.
F. Domhnullach, Acarsaid Mhabou, C.B.
Michael F. Mac-a- Phi, Glace Bay, C.B.
Tormad M. Mac Leoid, Sgir Dhubh, C.B.
Domhnull Mac-a- Ghobha, Gut-a- Deas, C.B.
Alasdair Dughlach, Nyanza , C.B.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dce . 8, ’99. —1yr.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
[Vol . 8. No. 35. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
O chionn beagan uine air ais, leig an t Onarach Daibhidh Mc Curdy, am Baddeck, dheth a bhi ’na bhall deLegislative Council;bha e ’fas ro shean agus ro lapach air son frithealadh do dhleasdanas na dreuchd sin. Tha a mhac, Uilleam, a nise air a chur ’na àite.
Tha Mr. Moxham a nise ann an Sidni, agus ann an làn-ughdarras thairis air an obair-iaruinn. Tha iadsan aig am bheil eòlas air a’ toirt cliù mor dha air son a dheiligeadh ris an luchd-obrach. Tha e, a reir coltáis, air son gach ceartas is urrainn da a thoirt dhaibh, agus o’n thainig e an so tha e air a leigeil ris nach eil e dol a bhi air atharrachadh dòigh anns an dùthaich so seach mar a bha e far an robh e ag obair roimhe.
Tha fear Iain Friseal a nise na mhayor air Bloemfontein, ceanna-bhaileOrange Free State.Is mac Gaidheil a shuidhich anns an duthaich sin e, agus rugadh us thogadh e am measg nam Boers; ach fhuair e chuid a b’ fhearr de fhoghlum ann an Alba. Ruith e an aghaidh Steyn air son a bhi ’na cheann-suidhe, agus ged a chaill e, tha e dh’fheuchainn ris an dreuchd a chosnadh a sealltuinn gur duine e air am bheil deagh mheas gun urram.
Tha oifigeach o Uachdranachd Chanada gu bhi ann am Mulgrave o’n latha mu dheireadh dhe’n Mhart gus an coigeamh latha de dh’April, gus daoine ghabhail air son seirbhis anns a Mhounted Police ’s an Iar Thuath. Feumaidh daoine tha air son gabhail ’san t-seirbhis sin a bhi singilte, eadar da bhliadhn’ air fhichead us da fhichead bliadhna dh’ aois, coig troighean us ochd òirlich a dh’ airde, coig oirlich dheug air fhichead mu’n chom, agus ochd fichead us coig puind deug a chudthrom. Feumaidh iad fasdadh a ghabhail air son coig bliadhna.
Tha gorta mhor anns na h-Innsean air an earrach so, agus tha e coltach gu’m mair i agus gu’m bi i fàs na’s mios agus am bi chuid a’s fhearr dhe’n t-samhradh seachad. Thatar a cur airgeid cruinn anns gach cearna dhe’n Impireachd Bhreatunnaich air son biadh a chur a dh’ ionnsuidh an t-sluaigh bhochd a tha fulang. Tha e ’na aobhar gle iomchuidh, agus tha dòchas gu’m bi gu leòr air a chur cruinn. Tha againn ’san dùthaich so pailteas de’n bhiadh ’s de gach ni feumail eile, agus tha e mar fhiachaibh oirnn a bhi cuimhneach air ar co-chreutairean nach eil cho math dheth ’sa tha sinne.
A reir mar a chithear ann an cuid de na paipearan naigheachd, tha na h-Eirionnaich cha mhor uile air taobh nam Boers; ach cha’n ann mar sin a tha idir. Bha taghadh aca ann am Bail-a- cliath o chionn ghoirid anns an do ruith am Màidsear Mc Bride an aghaidh fir Iain O’Donnell, agus cha d’fhuair e ach 427 bhot mu choinneamh 2110 a fhuair O’Donnell. B’e am Maidsear Mc Bride so a chuir air chois a bhuidheann Eirionnach a chaidh do’n Transvaal a chogadh air taobh nam Boers, agus tha’n àireamh bheag bhòtaichean a fhuair e aig an taghadh ag innse nach eil ach fior bheagan dhe’n t-sluagh buidheach dheth air son sin a dheanamh.
Thatar a marbhadh barrachd ròn timchioll air Eileanan Magdalen air an earrach so ’sa chaidh a mharbhadh earrach sam bith o chionn fhichead bliadhna. Ann a dha no tri lathaichean o chionn ghoirid chaidh coig mile deug dhiubh a mharbhadh.
Chaidh fear Tearlach Domhnullach a bhàtadh ann am port Charlestown Mass, o chionn ghoirid, le bata anns an robh e a dhol thairis. Bhuineadh e do Chatalone, agus bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois. Bha e ’na fhear-gnothuich ann an Charlestown.
Bha fear a mhuinntir Mhoncton anns a bhaile o chionn ghoirid a sireadh lárach air son tigh-òsda mor a chur suas. Thatar a cur air mhanadh gu’n dóirt sluagh mor a stigh dh’an bhaile air an t-samhraidh, agus nach bi aite-fuirich ann do’n darna leth de an thig
Tha Lieutenant Peary a rithist a feuchainn ri ceann a tuath an t-saoghail a thoirt a mach. Chaidh àireamh thunnachan de bhiadh ’s de dh’annlan fhágail aige air an t-samhradh s’a chaidh, air son a bhi aige air a thurus am bliadhna air an tòisich e cho luath ’sa ruigeas beagan de bhláths an t-samhraidh an t-àite ’s am bheil e.
Tha R. G. Reid an deigh astar mor coille a cheannach ann an Newfoundland, agus tha e dol a thogail tri muillnean sabhaidh, a chuireas a mach mu cheithir fichead muillein troidh (80,000,000) de dh’fhiodh sabhte ’sa bhliadhna. Bidh mu thri mile duine ’g obair annta, agus bidh mu cheithir fichead long-smuide air an cumail trang a giulan an fhiodh gu duthaichean eile. Tha Mr. Reid an deigh greim mor fhaotainn air Newfoundland; is leis an rathad-iarruinn, agus roinn mhor de’n fhearann air gach taobh dheth, agus tha còirichean eile aige a bharrachd orra sin, uiread ’s gu bheilear an deigh “Czar Newfoundland” a thoirt mar fhar-ainm air. Ach tha e an deigh feum mor a dheanamh anns an duthaich.
Dior-daoine air an t-seachdain s’a chaidh, bha dithis de na maoir a tha cuideachd an iaruinn a cumail aig an obair air an droch leònadh, an àm a bhi feuchainn ri Eadailteach a ghlacadh. Chruinnich sgaoth de luchd-dùthcha an fhir a bhatar a glacadh timchioll orra, agus dh’eirich iad orra le spaidean ’s le casan phiocaidean ’s gach arm eile air an deanadh iad greim. Bha ’n t-ard-mhaor, Beckham air a leònadh gle dhona leis na h-airm sin, cho dona ’s nach robh fhios an toiseach am faigheadh e thairis air; agus bha fear eile dhiubh, Schurman, air a thilgeadh; chaidh am peilear ’na ghaoirdean, beagan os ceann na h-uillne, agus stad e na ghualainn. Theich na h Eadailtich an sin agus dhuinn iad iad fhein a stigh ann am fear de nashacks ,agus as a sin cha tigeadh iad gu anmoch feasgar. Chaidh iad an uair sin air ais gu’n obair, ach bha an dithis bu chiontaiche dhiubh air teicheadh. Feasgar Di-haoine, fhuaireadh fios gu facas an dithis sin faisg air Louisburg, agus chaidh Mac Eachairn, ard-mhaor a bhaile, air an toir. Lorgaich e iad mu dheireadh gu tigh fir Uisdean Wilson, agus chaidh e fhéin us fear eile stigh ’g an glacadh. Fhuair iad fear dhiubh air a dhol an leabaidh ’s am fear eile ’na sheasamh air an ùrlar. Ghlac am maor an dithis, agus chaidh e a rannsachadh an cuid aodaich feuch an robh airm aca. ’Nuair a bha e deanamh sin thug am fear a bha ’san leabaidh daga mach fo’n aodach, agus mu’n d’fhuair Mac Eachairn g’a ionnsuidh gu stad a chur air loisg e air; chaidh am peilear troimh bhroilleach a chota ’s na peiteig aige, agus bha e air a dhol troimh chridhe, mur b’e gu’n do bhuail e gu fortanach air bucall a ghaileis; chuir sin a thaobh e agus chaidh e ’na ghaoirdean. An deigh sabaid chruaidh fhuair e an daga thoirt as a laimh agus chuir e glas-lámh air an dithis, ’s thug e do’n phriosan iad. Chaidh an toirt gu cùirt Di-luain s’a chaidh, agus tha iad ri bhi air am feuchainn aig a chùirt mhoir. Thatar a deanamh moladh mor air an ard-mhaor Mac Eachairn air son a thapachd. Nochdaidh gniomh mar so do mhuinntir a tha air bheag suim de’n lagh nach teid an toil fhein a leigeil leotha anns an duthaich so, agus ma ni iad cionta gu bheil làmh fhada, làidir aig an lagh gus greim a dheanamh orra, ’s gus am peanasachadh.
SYDNEY CASH STORE.
Sidni. - J . C. Mills, - Sidni.
Tha sinn a’ fosgladh roinn de Bhathar Earraich a tha anabarrach math—gach seorsa air an cuirear feum ann an tigh. Tha ar
Caileagu Sasunnach
dhe gach seorsa a nise stigh, agus theid againn air an creic na’s saoire na gheibhear iad an aite sam bith eile, oir cheannaich sinn iad o chionn fada, mu’n do dh’ eirich a phris.
Taghail againn.
J . C. MILLS.
Sidni, C. B.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
[Vol . 8. No. 35. p. 6]
SEORAS III.
(Air a leantuinn.)
Anns a’ bhliadhna 1810, thàinig trioblaid inntinn rìgh Seòrais gu gu leithid a dh’àirde ’s gu’m b’ éigin an cumhachd riaghlaidh a thoirt uaithe, ’s thug dà Thigh na Pàrlamaid e d’e mhac bu shine, Prionnsa Uéils. Bha rìgh Seòrsa air bith mach á cleachdadh a reusoin uair no dhà roimhe sud; ach chaidh e ’m feobhas ’an ceann ùine ghoirid. Tha cuid ag ràdh gu ’n robh bàs a nighinn, a’ bhan-phrionns’ Amelia, ’na mheadhon air a thrioblaid a thighinn air ais aig an àm ud; ’an déigh so bha e mach á cleachdadh a reusoin tuilleadh gu là a bhàis. Anns a’ bhliadhna 1795 bha Pironnsa Uéils air pòsadh na bana-phrionnsa, Carolin, nighean Diùc Bhrunsuic; ach bha iad mì-shona còmhladh ri chéile, ’s dhealaich iad buileach ’an ùine nach robh fada. Cha robh aca de theaghlach ach aon nighean, a’ bhan-phrionnsa Charlot. B’ ise ban-oighre ’chrùin ’an déigh a h-athar. Cha robh an cumhachd rìoghail gu h-iomlan aig Prionnsa Uéils. Ghléidh a’ Phàrlamaid aca féin cumhachd oifigich òrduchadh ’s an arm, ’s nithe de’n t-seòrsa sin. An uair a bha Napoleon a’ glasadh suas long-Phorta na Roinn-Eòrp’ ’an aghaidh malairt Bhreatuinn, rinn an tighearnas Breatunnach, ’an rathad dìoghaltais air sud, Achd eil’ a réir nach feudadh cinneach sam bith malairt a dheanamh s’ an Roinn-Eòrpa gun chuspainn a phàigheadh do Bhreatunn. Bha so a’ buntainn ri malairt Stàitean Aonaicht’ America, a bha gu mòr air am feargachadh roimhe sud leis a’ chleachdadh a bh’aig luingeas cogaidh Bhreatuinn air rannsachadh an cuid luingeas malairt air son sheòladairean Breatunnach, ’s ga ’m preasadh do’n seirbhis féin. ’S e bun a bh’ ann gu’n do chuir Stàitean America an céill cogadh ’an aghaidh Bhreatuinn ’am meadhon an t-samhraidh 1812. Chuir tighearnas Bhreatuinn air chul an t-Achd dubh ud. Ach lean cogadh America gu deireadh 1814. Bha Breatunn gu mòr ’na cabhaig leis an dà chogadh ud air a làimh aig an àm. ’S ann air a’ mhuir, mar bu trice, bha iad féin ’s na h-Amercanaich a’ coinneachadh. Thug na h-Americanaich caochladh ionnsuiddean air Canada, ach cha robh iad a’ coinneachadh idir ’n soirbheachadh an aobh sin. ’N uair a sguir iad ’am mìos meadhonach a’ gheamhraidh, 1814, cha robh dad aig taobh seach taobh air son na h-aimhreit ach an call ’s an cosdas.
Cha d’ fhan gille nan car ’an eilean Elba ach deich mìosan. Bha ’dhòigh féin aig air faotainn a mach ciod a a bha dol air aghart ’s an Fhraing. ’N uair a phill Luthais XVIII. chuir e fios air àrd-mhaithibh na rioghachd a bh’ air fògradh ’an duthaichibh fa leth na Roinn-Eòrpa; thug e air an ais gu dreuchdaibh fa leth a’ chrùin na teaghlaichean a bh’aig a roimh aithrichean ’an dreuchd. ’An aon fhocal bha e air son nan uile-nithe a thoirt gus an t-suidheachadh ’s an robh iad ri linn nan rìghrean a bha roimhe. Aig àm na Rìghchuairt chaidh fearann nan daoine mòra ’s na h-eaglais a roinn ’na mhìltibh, ’s na cheudaibh mìl’ oighreachd bheag. Bha na sagartan a’ bagradh iom-sgaradh eaglaiseach air gach neach a chumadh slat de fhearann na h-eaglais. Bha mar so claidheamh gach duin’ ’an aghaidh a chompanaich; an Fhraing ’an staid cho dona ’s a bha i riamh, ’s bu leòr sin. Air a’ cheud là de’n Mhàirt 1815 thainig Napoleon air tìr ’an ceann a deas na Frainge, le mìle fear, ghabh e air aghart tre ’n dùthaich gun duine beò a’ cur grabaidh air, agus air an fhicheadamh là de’n mhìos chaidh e gu buaidh-chaithreamach a steach do Phàris, ’s ghabh e sealbh air an lùchairt as an do theich Luthais air a’ mha[ ? ] sin féin. Chuir Napoleon fios air an luchd dreuchd a bh’ aige roimhe, ’s na h-uile nì eile ’s an òrdugh an d’fhàg e iad. Thug e cothrom do na Frangaich an roghuinn a chur an céill co dhiùbh a b’ e féin na’m Bourbonach a bhiodh a’ riaghladh os an ceann. * Bha muillean gu lethVoteair a thaobh; agus ni bu lugha na leth muillean ’na aghaidh. Cho luath ’s a chuala fir-ionaid nan rioghachdan a bha cruinn ann am Uienna gu’n tàinig e air ais, chuir iad an céill gairm lagh’ a dh’ innseadh gu’n robh e ’na dhuin’ an taobh mach a lagh, agus fosgailte do dhìoghaltas follaiseach, air son a’ bhrisidh coimhcheangal a rinn e. Air a’ chuigeamh là fichead de’n mhìos chaidh Breatunn, Austria Rusia ’us Prusia ’an comhbhoinn ’na ’aghaidh; ’s an ùine ghoirid rinn gach cinneach ’s an Roinn-Eòrpa’ an ni ceudn’ ach an t-Suain a mhàin. Bha sùrd an sin ullachadh feuchd anns gach ceàrna gus an t-ain-tighearn ’fhaotainn ’an làimh. Cha b’ann air Napoleon bu lugha bha de chabhaig a’ cur armailtean ’an òrdugh gus e féin a dhìonadh o ’naimhdibh lìonmhor cumhachdach. ’An toiseach mìos meadhonach an t-samhraidh, bha còrr ’us leth muillein saighdear aig’ air an togail. Ach dh’fheumadh e beagan ùine gu iad sin air iunnsachadh. Bha còrr ’us muillean aig luchd na comhbhoinn. Bha Uelington (nis na Dhiuc) an dèigh armailt lìonmhor Bhreatunnach ’us Ghearmailteach fhaotainn cruinn ’am Belgium ’an toiseach a’ mhios mheadhonaich. Bha Marsal Blucher a’ dlùthachadh ris le ceud mile Prusianach. Bha feachdan Rusia ’us Austria ag ullachadh air son marsail as an dùthaich féin. Thug an t-eagal gu’n tigeadh iad sin uil’ ’an ceann a chéile, air Napoleon ro chus
cabhaig a dheanamh gu dol air tòir Uelington ’us Blucher, ’us là blàir a thoirt doibh air leth, na’m bu chomasach e. Air a’ chuigeamh là deug de’n mhìos chaidh e seachad air a’ chrìch Fhrangaich le fichead mìle fear. Bha Diùc Ueilington ann am Brusels, ceann bhaile rioghachd Bhelgium, aig an àm, ’s chual e ’n oidhche sin féin gu’n robh ’m Frangach a’ tighinn. Air maduinn an ath là mharsail e roinn mhaith de’n fheachd gu àite ris an abrar Quartre Bras, sea mìle deug á Brusels, far an robh dà rathad mhòr a’ dol tarsuinn air a chéile. Bha’m Frangach ro dhéigheal air sealbh fhaotainn ’s a ghleidheadh air an àite so gus an cumadh e feachdan an luchd comhbhoinn o cheile. Bha Ueilington ro dhéigheil air an àit’ fhaotainn, ’s a chumail gus an gleidheadh e sligh’ fhosgailt eadar e féin ’s Blucher. Air an t-seathamh là deug chaidh Napoleon a chogadh ri Blucher air leth, ach chuir e Marsal Nei le dà fhichead mìle fear a’ ghleidheadh sealbh air Quartre Bras. Bha na Frangaich agus teachd Ueilingtoin a’ tighinn gu Quartre Bras mu’n cuairt de’n aon àm, ’s lean iad air còmhrag ri ’cheile’ a’ chuid mhor de’n là, gun taobh sam bith a theicheadh. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh. Chuir Napoleon, aig Ligni, an ruaig air Blucher, a theich air falbh dheth ’n àraich an déigh àireamh mhiltean a cháll. Ach theich e ’an òrdugh maith; ’s chuir Napoleon Marsal Grouchi le cuig mìle deug thar fhichead ga rugadh, ’n uair a chaidh e féin gu deannal a thoirt air Diùc Ueilingtoin. ’Nuair a thuig Ueilington gu’n do theich Blucher, mharsail e féin air ais gu baile beag ris an abrar, Uaterlù, mu naoi mìl’ o Bhrusels, far am biodh e ni b’fhaid’ air falbh o Napoleon agus ni b’ fhaisg air còmhnadh sam bith a dh’ fheudadh Blucher a dheanamh leis.
’S gann a tha eachdraidh a sgrìobhadh ’s an Roinn-Eòrp’ o’n àm ud anns nach ’eil iomradh air blàr Uaterlù; ach cha’n ’eil fear sam bith a’ gabhail air làn chunntas a thoirt air gach car a chuir an dà fheachd a bha ’còmhrag ri chéile dhiubh ré an là ainmeil ud. Bha mu cheithir fichead mile fear fo threòrachadh Uelingtoin. Bu Bhreatunnaich deich mìle fichead diubh sin, a measg an robh trì réisimeidean Gàelach. * Dh’fheumadh gu’n robh feachd Napoleoin gu maith ni bu lìonmhoire na feachd an Diùc. Bithidh
* Bu Bhourbonaich an teaghlach a chuireadh dheth ’n chaithir.
* Bha e ’na ni comharraichte gu’n robh meadhon Chatoibh ga fhasachadh, ’s na tighean ga’n losgadh os ceann an luchd aiteachaidh aig an dearbh am ’s an robh aireamh mor de shluagh na Siorrachd sin a’ cathachadh ’an aghaidh naimhdean Bhreatuinn, ’s naimhdean na Roinn-Eorp’, araon ’s na h-Innsibh a ’s ear, agus ’an aghaidh Napoleoin. Ged a thigeadh am Frangach fuilteach fein air tir le ’chuid feachd air taobh deas no tuath Chatoibh ’s gann a b’urrainn e leir-sgrios a b’eagalaich’ a dheanamh air aitibh comhnuidh pharantan na muinntir a bha ’leigeadh sios am beath’ ann an duthchaibh cein air son dion na rioghachd ’s a coraichean.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
[Vol . 8. No. 35. p. 7]
an t-ochdamh là deug de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1815, iomraideach gu bràth mar Là Uaterlù. B’ aithne do’n Diùc an t-àite roimhe sud; ’s bha e’n déigh a làthrach a roghnachadh mu’n tàing na Frangaich. Thog Napoleon ’àite mu choinneamh an tulaich air an robh feachd an Diùc air socrachadh. Thòisich an cath mu dheich uairean ’s a’ mhaduinn leis an eachraidh Fhrangach a thoirt garg ionnsuidh air armailt an Diùc fhuadachadh o’n àraich; ach chuireadh air an ais iad le mòran call’ air gach taobh. Mar so lean an cath gu feasgar; ionnsuidh air taobh nam Fràngach, agus gun an Diùc a’ deanamh dad ach a’ gleidheadh a làthraich. Bha lagan ìosal eadar an dà thulaich air an robh na h-airmailtean ’n an seasamh. Fhad ’s a bha na Frangaich a’ dol no tighinn tre ’n ìsleachd sin bha gunnaidhean an Diùc a’ deanamh sgathaidh uamhasaich orra. Ach ’s ann a bha na Breatunnaich a’ fulang gu h-àraidh an uair a thigeadh na Frangaich gu ionad tharruing lann riu. Ghléidh an Diùc fad an là an làthrach a roghnaich e; ach bha e ’fàs iomguineach mar a bha ’m feasgar a’ tighinn ’s nach robh Blucher a’ tighinn. Ach mu sheachd uairean chualas fuaim ghunnaidhean mòr’ a’ Phrusianach ag éigheach gu’n robh e ’tighinn co cabhagach ’s a b’urrainn e. Bha Blucher an déigh car mu chnoc a thoirt do’n Fhrangach a chuireadh air a thòir; ach chuir sin e féin air fior dhroch rathad, troimh ’n robh e doirbh a’ chuid throm de’n fheachd a ghiùlain. Thuig Napoleon a nis gu’n robh e dheth, mur briseadh e neart an Diùc mu’n ruigeadh còmhnadh an fhir eil’ e. Chuir e réiseamaidean ùr a steach a nis, agus leis na bh’aige de neart thug e ionnsuidh air na Breatunnaich ’s na bha còmhladh riu; ach sheas saighdearan an Diùc eadhon ris an ionnsuidh so. Agus mar a bha ’cheud dol air ais aig na Frangaich chaidh Blucher, le ’chuid Phrusianach, ’an òrdugh cath’ air làimh chlì an Diùc. Thug an Diùc an sin òrdugh do a chuid dhaoin’ iad a ruagadh air falbh an nàmhaid. An uair a dh’ fhairich na Frangaich gu’n robh nàmhaid ri ’n taobh co maith ri ’n aghaidh chaill iad an tapadh, ’s mar thonn ’an déigh a neart a chaitheamh, phill iad air an ais. Mar thonn ag éiridh ’na neart leum gach Breatunnach ’us Gearmailteach air an sàil’ ga’n gearradh sìos, ’s ga’n sguabadh rompa mar chlachaibh a’ mhuil. B’éigin do Napoleon ’s do gach fear eil’ a b’urrainn a chasan a thoirt leis. Chaidh mòran diubh as an rathad a’ dol seachad air a’ cheud drochaid a thachair riu. Mar a bha Gearmailtich ’us Breatunnaich an Diùc air an sàrachadh le obair an là, cha robh iad ro luath-chosach ’s an ruaig. Cha robh na Prusianaich a’ marsail ach glé mhall tre ’n là. Bha iad a nis air talamh lòm, rèidh. Bha cothrom ac’ an tòrachd thoirt a steach air son an ruagaidh a rinneadh orra féin dà là roimhe sud. Ghabh iad an cothrom le cìocras. Eadar na trì là blàir ud ’an déigh a chéile, chaidh dà fhichead mìle Frangach a mharbhadh; bha àireamh mòr air an leònadh ’s air an glacadh ’na ’m prìosunach. Thuit mòran de’n cuid armachd, ’s an treathlaich chogaidh uil’ ’an làmhaibh na muinntir a bhuadhaich. Chaill Clucher sea mìle deug fear; chaill Diùc Uelington trì mìle deug. Bha Napoleon ’am Pàris air an fhicheadamh là, a dh’innseadh sgeul a’ bhròin. Thug e oidhirp air an t-Seanadh aomadh gu feachd eil’ a chur ’an uidheam dha. ’Nuair nach gabhadh sin deanamh, rinn e atharrais de lìbhrigeadh air crùn na Frainge d’ a mhac. Dh’ ullaich e’n sin air son ruith air falbh a dh’ America. Ràinig e port ris an abrar Rochfort air an treas là de threas mìos an t-samhraidh. Ach bha ’n t-oirthir air a chuairteachadh le càbhlach Bhreatuinn, ’s gach rioghachd eil’ a bha cogadh ris, cho dòmhail ’s nach robh rian aig’ air teicheadh. Air a’ chuigeamh là deug de’n mhìos thug se e féin suas do chaiptin na luinge Sasunnaich Bellerophon, gus a thoirt gu Prionnsa Ueils a bha ’na Thàinistear, ’an dùil gu’n deanadh e fàbhar ris ’na airc. ’An déigh do’n luing tighinn do Shasunn leis, cha’n fhaigheadh e cothrom cas a chur air tìr. Chaidh ’òrduchadh do eilean beag ris an abrar St. Helèna, air taobh ’s iar Africa, far na chumadh e ’na phriosunach cogaidh gu àm a bhàis, a thachair air an treas là de cheud mhios an t-samhraidh 1821. Bhàsaich a mhac ’an ceann a thrì bliadhn’ a dh’aois. ’S a bhliadhna 1840 fhuair na Frangaich cothrom a chorp a thoirt do’n Fhraing, far an deachaidh adhlacadh le mòr ghreadhnachas a measg dhaoin’ ainmeil na tìre sin.
An uair a thainig an t-sìth, ’s a thuit tuarasdal gach seòrsa luchd-oibre, thòisich muinntir nam bailtean mòr air feadh Bhreatuinn ri tuasaid ’us troimh-chéile, a’ gearan air an droch riaghladh a bh’ air a dheanamh orra. Bhiodh iad a’ cumail choinneamhan ’an caochladh àitibh gu bhi ’tagradh air son na Pàrlamaid a cheartachadh. Bhiodh cuid a’ call am beath’ aig na coinneamhan sin an uair a bhiodh an t-arm ga’n cur o chéile, ’s bha mòran diubh air an cur ’am prìosun. Bha e ’meudachadh mì-thoileachadh an t-sluaigh gu’n robh gach cìs ’us cuspainn a bh’ air an leagadh air nithibh ré a’ chogaidh, air am buanachadh ri àm sìth. Bha riadh nam fiachan ’na ullach tròm air an dùthaich. ’N uair a thòisich cogadh na Frainge ’s a’ bhliadhna 1796, bha fiachan Bhreatuinn dà cheud agus deich muilleana fichead ( £230 ,000,000). An uair a sguir an cogadh ’an déigh blàr Uaterlù bha ’n càrn air fàs suas gu ochd ceud ’s trì fichead muillean ( £860 ,000,000). Bha bàrr neo-àbhaisteach bochd ’s an rìoghachd ’s a’ bhliadhna 1816. Bha gach seòrsa lòin dùblachadh na prìs a bha e uair sam bith o’n àm sin. ’An toiseach an t-samhraidh 1816 phòs a’ bhan-phrionnsa, Charlot, prionnsa Leopold, á Sacs-Còburg. Air an dara là fichead de cheud mhìos a’ gheamhraidh, 1817, bhàsaich i ’n déigh a h-aisead air leanabh marbh. Cha robh i ach dà bhliadhna thar fhichead a dh’ aois. Bha i gu mòr air a caoidh feadh Bhreatuinn gu léir. Air an naoidheamh là fichead de dhara mìos a’ gheamhraidh, 1820, chaochail rìgh Seòras III., anns an trì ficheadamh bliadhna de ’rìoghachadh, agus anns an dara bliadhna thar a’ cheithir fichead de ’aois. Thàinig a mhac bu shine, Tàinistear Bhreatuinn, thun na caithreach na àite, fo ’n tiodal, Seòras IV.
C’ar son a tha thu ’g amharc mu ’n cuairt ort an so, is nach e so t-àite-comhnuidh? ’S ann air neamh a bu do dhachaidh a bhi: seall air nichean talmhaidh mar fhear-cuairt,
Bheirear $400 a dh’airgead do luchd-ceannaichUnion Blend Teaam bliadhna.
BAS.
—Aig Beinn Phadruig, air a choigeamh latha dhe’n Mhart, chaochail an aon duine cloinne aig Iain Weir agus a bhean, aois sheachd miosan. B’i an triuthach an tinneas a dh’ aobharaich a bhas.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 8. No. 35. p. 8]
Litir us Oran a Valley ’san Iar Thuath.
A MHIC-TALLA CHOIR, —Tha mi cur dar ’n ionnsuidh oran blasda rinneadh le piuthair do ’n duine iomraiteach sin an t-Urramach Iain Mac Ruairaidh a tha na fhior charaid do’n MHAC-TALLA, agus tha i fhein a faotainn a paipear cuideachd. Agus le iarraiteas moran, cuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA, sgriobh mi e ann an dochas gu faic sinn ann an clo e ma ’n teid am Mart seachad. ’Se sin ma ghabhas e deanamh mar tha e air a sgriobhadh; bha mi aon uair a bha mi gle mhath gu sgriobhadh Gailig ach ’nuair bhios daoine a fas sean bidh iad a leigeil iomadh rud a cleachdadh.
Leubh mi ann an aon de litirichean “Iain” gu MAC-TALLA gu ’m bu mhath leis cuid-eiginn a thoirt sgeul dha ma dheinn a chairdean tha comhnuidh ’s an duthaich so. Tha teaghlach a pheathar an so gu’n dith gun deireas; tha i fhein na boirionnach cho deaneadach ’sa chaidh a stigh air dorus taighe, gle choltach ri m’ athair ann a seol, fuathasach toileach air sgoil is ionnsachadh a thoirt do cuid cloinne. Tha teaghlach mor aca; tha Mairi, Anna agus Ceat, nan triuir nigheanan cho eireachdail ’s a chi mi ann an aon taigh. Tha Tormad na ghille foghainteach dreachmhor agus na phiobaire snasail, agus tha an corr tha na’s oige na esan air choltas a bhi a cheart cho math.
Cha robh duil agam na h-urrad a sgriobhadh ’nuair a thoisich mi, ach ged nach robh, ’s mi do charaid
SEANA GHIULLAN.
Dara-la diag do Mhart, 1900.
Oran do’n Transvaal.
LE BEAN FHEARCHAIR BHEUTOIN.
Gur muladach sinne bhi so gun duin’ idir
A thogas no thuigeas no sheinneas an dan,
’S le durachd mo chridhe soiridh slan leis na gillean
A dh’ fhalbh air ansteamergu ruig an Transvaal.
Deoch slainte nan gaisgeach a dh’ fhalbh air an astar
Ma chuairt Gibaraltar ’sa mach dh’ an Transvaal;
Bheir iad bhuath an cuid bhailtean ’s gach storas tha aca
Ni moran diu beairteas bhios ach gu brath.
Sid na fir bha sunndach air la na Bliadhn’ Uire
A fagail na duthcha a dh’ ionnsuidh a bhlair,
’S ged tha ’m parantan tursach ’s an cairdean gan ionndrainn,
Gheibh iad urram o ’n chrun agus cliu gu la bhrath.
Sid far an robh ’n t-ainneart an toiseach na h-aimhreit,
Dol tarsuinn na h-aimhne bha tide ’s i cho ard;
O’n ach fhaigheadh iad ann iad gun drochaid gun daimpe,
Chaidh fear a bha thall de na Ceannardan Cearr.
Chuir iad Seanalair Buller a null thuca ’n uiridh,
Le shaighdear an guineach le’n gunnachan lan;
’Se sgeula na dunach gun chaill e iad uile,
’S na robh e air bunaig bha ’n t-urram na b’ fhearr.
Na Gordanaich ainmeil bha riabh ann an Alba,
Luchd direadh nan garbh-chrioch is dhearbh ’iad a lamh;
’S ge b’e gheobh an tiodal tha e doirbh dhuinn a thuigsinn,
Ma mharbhadh iad sid ’s an “da fhichead ’sa dha.”
Na Northumberlands threubhach is deas theid nan eididh,
Le gunna, le beugalaid, ’nuair dh’ eubht iad gu cas;
Nach duilich bhi ’g eisdeachd nan daoine ’ga leubhadh;
A luthad ’sa dh’ eirich dhe reiseamaid slan.
’Se Seanalair Roberts ged tha e na bhodach,
Tha nis air an toiseach ’s gun coisinn e ’m blair:
Ni e namhaid a sgiursadh le luaidhe ’s le fudar,
’S bi fuil an cuid dhiunnlach a srulladh gu leir.
Chaidh a mhac-san a mharbhadh an toiseach na h-argamaid,
’S gur ann a bha ’n dearmad a mharbhadh cho trath;
Tha na Breatunnaich deonach gun tog iad a thorachd,
’S cha mhor dhe na Boers thig beo o’n a bhlar.
Bha mi cluinntinn bhi leubhadh ma dh’ eibhinn nam beistean,
Gu’n do dheilbh iad an eagair ma’n dh’ eubh iad am blar;
Gu’n do chladhaich iad digan ’s iad fhein annt’ nan sineadh;
Chuir sin Breatunnaich miltean nan sineadh ri lar.
Tha sinn uile ro thursach air son ar luchd-duthcha,
Na chaidh de na diumhlaich a dh’ ionnsuidh a bhlair;
Ach ri beagan a dh’ uine theid ac’ air an sgiursadh,
Na faigheadh iad Kruger air thus ann an sas.
’S iomadh h-aon bha fo airtneul ’n la thiodhlaic iad Wauchope,
Ged bha iad nan gaisgeich bha ’n aigne fo phramh;
’Nuair a sheinn na fir ghasd’ dhaibh an t-oran bha taitneach,—
“Cha teid thu air ais do Lochabar gu brath.”
Tha gach aon ann am barail, mu thoiseach an earraich,
Gu ’m bi Seanalair Warren ’sa bhail aig Natal;
’S nuair a chromas e ’m bearradh le Reiseamaid Ghearran,
Bidh moran san t-sealladh nach cairich gu brath.
Tha mi ’n dochas am bliadhna, o ’s Naoidheamh ceud diag i,
Gun tig iad gu siochant ma ’n criochnaich am Mart,
’S nach cluinnear gu siorruidh guth cogaidh na mialaint,
’S gu ’m bi Breatuinn a riaghladh na dh’ iarr iad m’a thra.
Gur muladach sinne bhi’n so gun duin’ idir,
A thogas no thuigeas no sheinneas an dan;
Le durachd mo chridhe, soiridh slan leis na gillean,
A dh’ fhalbh air ansteamergu ruig an Transvaal.
Tha tuathanach de’n ainm Johnson ann an Kohomo, Indiana, a tha ’g obrachadh sia acraichean fearainn leis fhein; cha’n eil uiread us each aige gus treabhadh no obair throm eile dheanamh. Ni sam bith a bhios aige ri chreic, tha e ’ga thoirt gu margadh ann am bara-roth.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
title | Issue 35 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 35. %p |
parent text | Volume 8 |