[Vol . 8. No. 36. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 6, 1900. No. 36.
OMAR KHAYYAM
Am Bard Persianach.
LE DOMHNULL MAC EACHARN.
Mu’n àm ’san robh Mac Bheathain, —air an d’ rinn Shakespere an dàn-cluiche a tha ’dol fo’n ainm sin—a’ gleachd air son a chinn ’s a chrùin an aghaidh feachd Chaluim-a- Chinn-Mhòir, thainig an duin’ ainmeil so, Omar Khayyám, thun an t-saoghail. Agus mu’n àm ’san robh Mànus Casruisgt, Righ Norway, a’ tarruing a luinge trasd’ an fhearainn aig an Tairbeart Chinntireach, air chor ’s gu ’n rachadh aig air a radh gu’m b’ eilean Cinntire, fhuair Omar bàs. Tha e mar sin, mu thuaiream ochd ceud bliadhna bho’n a chuir Omar r’a chéile na rannan sin a dh’fhag e ’na dhéigh, fo’n ainm air am bheil iad air an cur am mach— “An Rubáiyát aig Omar Khayyám.”
Cha’n ’eil cinnt air a’ cheart bhliadhna ’san d’ rugadh e, ach tha fhios gur ann am baile beag dlùth air Naishapùr, ann an roinn Chorassain de rioghachd Phersia, a thachair dha bhi air a bhreith.
Feumar a ràdh, ged bha an duine so ainmeil ’na latha ’s na linn fein, nach d’ thainig ach fior bheagan de mhion-chunntas mu bheatha nuas g’ar n-ionnsuidh. Tha e coltach gu’n robh a phàrantan ann au staid chothromaich, oir fhuair Omar an t-ionnsachadh a b’fhearr a bha dol aig an àm. ’S ann an Ard-Oil-thigh Naishapùir a fhuair e’ fhòghlum, ’s a reir coltais, rinn e deagh bhuil de’n teagasg a fhuair e. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu dhéighinn so—
“Luchd foghluim theagaisg dhomh gach ni fo’n ghrein,
’S thug mi, gun teagamh, leam na b’eol daibh fein;
Ach brigh an iomlain dhomh, de’n eolas bhaoth,
Mar uisge thainig mi is theid mar ghaoth.”
Aig an Oil-thigh, chuir e eòlas air dà ghill’ òg, còmh-aoisean dha fein, d’am b’ainm, Abdul Khassan, agus Hassan Sabbah. Is ann bho aon dhiubhsan, Abdul Khassan, a fhuaradh a mhorchuid de na’s aithne dhuinn mu dhéighinn Omair. Mu’n d’fhàg na trùir ghillean òga so an t-Oilthigh, rinn iad co-chòrdadh eatarra fein, gu’m biodh iad cuimhneach mu chach a chéile, agus co air bhith dhiù a thigeadh gu inbh àrd ’san t-saoghal, no ’dheanamh saoibhreas, gu’n cuimhneachadh e air càch. Fhuair Abdul Khassan air aghaidh gus an robh e, mu dheireadh, ’na Ard-riaghladair air an rioghachd, fo Alp Arslan, a bu righ air Persia aig an àm. Chum Abdul r’a ghealladh; thug e àit àrd do Hassan Sabbah an cùirt an righ, agus thairg e’ leithid eile do dh’ Omar; ach chuir esan cùl ris an tairgse so, ag ràdh, gu’m b’ fhearr leis a bhi air a dhoigh fein, gun suim gun chùram, ag òl fiona ’s a’ deanamh rannan; no mar thuirt e fein ann an te de na rannan sin.
“Thoir rioman arain dhomh is searrag fhion;
Le leabhar rannan mar ri caraid min,
Is craobh an fhasaich ’deanamh sgail bho’n ghrein;
O, bhiodh am fasach dhomh mar Pharas fein!”
’Nuair a chunnaic Abdul Khassan so, agus speis mhòr a bhi aige do dh’ Omar, thug e dha coir, ann an saor dhuais, air roinn mhath de theachd a stigh a’ bhaile-mhoir, Naishapur, anns an robh Omar a’ gabhail còmhnaidh. Beagan bhliadhnachan na dheigh sin, thug e dha árd ughdarras thairis air Ard“Observatory”na rioghachd. Tha againn air ughdarras Tarik-ul Hukama gu’m b’e Omar duine a b’ fhòghluimte ’san rioghachd; cha b’ann a mhain anns gach fòghlum a bha cumant’ am Persia, ach’ gu robh e fiosrach ann an litreachas dhùthchannan eile, gu sonraichte, litreachas na Gréige. A bhàrr air so chaith e cuid d’a ùine, a’ geur bheachdachadh air Oibrichean Nàduir, ’s na laghanna nàdurra a bha ’riaghladh gach ni, cho fhad ’s a bu chomasach dha sin fhaotainn a mach. Chaith e earrann eile d’a ùine ri speuradaireachd. Cha chuir e, mar sin, iongantas oirnn gu’n robh an“Observatory”air a cur fo ’chùram ach chuireadh e iongantas gu leòir oirnn nan creideamaid an teisteas a bha e toirt air fein; ’se sin nach robh ann ach am misgear. Tha e ag innseadh dhuinn mar so,
“Anns an tigh-osda rinn mi m’ fhail ’san smur,
Is dealaich mi ri m’ chomhdach ann ri m’ thur;
Gun duil, gun dochas, is gun eagal De,
A’ snamh gu ceolar ann an gloir gun steidh.”
Co is urrainn so a chreidsinn air duine ’bha cho foghluimte ’s a bha ’n duine so, a reir teisteas a chomh-aoisean fein, ’s a bha am mòr urram aig uachdarain ra rioghachd; ’s a dh’ ath-leasaich Miosachan Phersia, gus an d’ fhag e cho neo-mhearachdach e ’s a tha am Miosachan againne air an latha-diugh.
Tha Abulfoda an t-eachdraiche a’ daingneachadh ughdarrais eile ’thaobh am foghluim sinn bho chàch, gu’n robh Omar toigheach air bàrdachd ’s air fearas-chuideachd, ’s nach robh e a’ cur mòran luach air fhòghlum fein, no air na nithe sin a rinn e choimh-lionadh. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu thimchioll a’ mhiosachain, nach do rinn e de dh’ ath-leasachadh air, ach an là-dé a chaidh seachad a dhubhadh a mach, ’s gu’n suim a ghabhail do’n là-màireach nach d’ thainig fhathast. Tha so a’ toirt ’nar cuimhne briathran Fear-teagaisg a b’ àirde na Omar; “Na biodh ro-chùram oirbh mu thimchioll an là-màireach; is leòir do’n là olc fein.” Tha Omar, mar so, gu minig, a’ cur firinnean cudthromach an ceill, ach air mhodh cho caoin-shuarach ’s gu’m faodar, gu tric, gabhail thairis orra gun moran suim a thoirt d’am brigh. Aig a cheart àm, tha e soilleir gu leòir, nach robh e fein idir cho suarach mu na nithe sin ’s a bha e gabhail air. Gheur bheachdaich e air laghanna suidhichte nàduir, ’s thug e fainear, grian is gealach, reult is talamh, cho cinnteach neo-mhearachdach a gleidheadh, gach aon fa-leith, an cùrsa suidhichte chaidh òrdachadh o thus. Gach creutair a reir a ghnè a’ coimhlionadh na criche chum an do chruthaicheadh e. An duine a mhàin, a reir coltais, air a thilgeadh air an t-saoghal, gun stiùir, gun chompaist, gun chairt-iuil air an seòl e; agus buailteach gu bhi air a thilgeadh thuig’ agus uaith leis gach gaoth a shéideas. Is ann mar so, a reir coltais, a thaisbean na nithe sin iad fein d’a inntinn. Chaidh e cho fhad ’s a bheireadh solus is eòlas nàduir e, na oidheirp a dh’ fhaotainn freagairt do’n cheisd chudthromaich sin, ciod e do ghnothachs’ an so, Omair? Tha e fein ag ràdh.
“O mheadhon talmhainn dh’ eirich mi gu seimh,
Gu cathair Shatuirn anns an t-seachdamh neamh,
’S ged dh’fhuasgail mi ’san t-slighe, iomadh dul,
Cruaidh-shnaim ar crannchuir dh’fhairtlich orm gu tur.”
Ann an ait eile, tha e ’g radh mu’n ni cheudna—
An so, tha sinn air chuairt fad la no dha,
Air bheagan buannachd dhuinn ach pein is cradh,
’S a’ fagail ceisd ar bith, gun fhuasgladh reidh,
An rathad gabhaidh sinn gun suil nar deigh.
Cha’n ann idir troimh aineolas air teagasg eaglais a dhùthcha, a bha inntinn Omair ’san t-suidheachadh so, ach a chionn nach b’urrrainn dha mòran de’n teagasg sin a chreidsinn. Bha làn-fhios aige, gu’n robh cheart uidhir fiosrachaidh aige fein mu na nithe sin ’s a bha ’gabhail os laimh a theagasg. Bha ’n eaglais laidir aig an àm; ’s e sin ri radh, bha chleir lionmhor, agus a’ gnàthachadh cumhachd mòr thar an t-sluagh; ach bha iad fein saoghalta agus cealgach. Cha b’ urrainn, mar sin, gu’m biodh mòr-bhàigh aig Omar do’n chleir, ’s cha mhò a b’ urrainn gu’m biodh spéis aig a chléir do dh’ Omar. ’S e mar bha, nam bu duine cumant’ e, nach robh ’bheatha tearuinte ’nam measg, ach bha mios mor aig an righ air Omar, agus b’e àrd fhear-riaghlaidh na rioghachd, a shàr-chompanach. Cha robh e, mar sin, soirbh do ’n chleir am mi-rùn ’na aghaidh a thoirt gu buil. Chaidh, gun teagamh, casaid no dha ’chur ’na aghaidh air son a mhi-chreidimh, ach bha Omar cho eòlach ’s a Chóran (leabhar naomh luchd-leamhuinn Mhohammed), ’s a bha iad féin, ’s bha e daonnan deas a dearbhadh gur ann aige-san a bha an creidimh-fior, ’s gu’n robh a luchd-casaide tur am mearachd. Cha robh aca, mar sin, ach cur suas le Omar mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad ach bha e féin ’s a rannan, “mar sgolbaibh ’nan taobhan.”
Bha gnothaichean a’ dol air an aghaidh mar so, Abdul Kassan a’ riaghladh na rioghachd gu sicir, teòma; Omar, a reir a chunntais fein, ag òl fiona ’s a’ deanamh rannan; ach, aig a’ cheart àm, a’ toirt fainear gu’n robh ghrian ’s a’ ghealach ag èirigh ’s a laidhe aig na h-àmannan suidhichte; agus a chleir, faodaidh sibh a bhi cinnteach, a’ gleidheadh suil bhiorach air giulan Omair.
Bha aon eile de’n triùir chompanach a rinn an comh-chòrdadh a dh ainmich mi; b’e sin, Hassan Sabbah, esan d’ an d’ thug Abdul Khassan, an t-àite ’n cùirt an righ. Bu duine comasach Hassan air doigh no dhà, ach an daor-shlaightire ’na dheigh sin. Aig an àm so, bha e stri, gu cealgach, ris an fhear a bhuilich an t-àit air, a chur as a riaghladaireachd, agus e féin a chur ’na àite. Cha do shoirbh-
[Vol . 8. No. 36. p. 2]
ich sin leis; chaidh a chuilbheartan a dheanamh follaiseach, ’s chaidh fhògradh a mach as an dùthaich fo thróm mhasladh.
Cha ruigeamaid a leas tuillidh gnothaich a ghabhail ri Hassan, ach gu ’n do thachair, gu mi-fhortanach, gu’n d’ thug e aon ni gu crich a bhean gu dlùth ri leas Omair. Nuair a dh’ fhàg Hassan cùirt an righ, thug e cearn iomallach de’n dùthaich air, far an do chruinnich e mu’n cuairt air buidheann de dhaoine coirbte mar e fein. Shuidhich iad iad fein am measg bheanntan iomallach an àite, sin, leis an run shuidhichte gu ’n cuireadh iad gu bàs gach aon de dhaoine-mòra na rioghachd, an aghaidh an robh gamhlas aca. Airson na criche so, chuir iad am mach teachdairean diomhair am fad sam fagus, troimh ’n cuilbheartan, chaill iomadh duine fiachail a bheatha; agus am measg chàich, Ard-riaghladair na rioghachd, Abdul Khassan.
Bha so ’na buille gle throm do dh’ Omar, ’s bha e air a leantainn le buill’ ’eile neo air thaing cho trom, ann am bas an righ, Malik Sháh, aig an robh mor spéis do dh’ Omar. Thainig am bàs car obann air an righ, ’s cha b’ ann gun amharus a bhi air an droch dhuine so, Hassan, gu’n robh làmh aig ann.
Tha e car iongantach gu’n d’ fhuaradh iomradh ’s na cearnan so air Hassan, iomadh linn mu ’n d’ thainig cliu a chompanaich fhiachail gu’r n ionnsuidh. Thatar ag radh gu’n d’ thainig na“Crusaders”trasd air san àirde ’n ear, ’s gur e droch chliù, an t-saoghail a bh’ ac air. Tha e air a ràdh, mar an ceudna, gur ann bho ainm an duine so, a thainig am facal a tha againn ’s a bheurla a’ ciallachadh mortaìr, ’se sin“assassin, ”ach biodh so mar a dh’ fhaodas e, cha bhi tuilleadh gnothaich againn ri Hassan Sabbah.
Ann am bàs an righ agus an ard-riaghladair, chaill Omar an cùl-taice cumhachdach a bh’ aige ’s na daoine sin. Bha e sin soilleir dha gu’m feumadh e tuilleadh faicill a ghnàthachadh a thaobh na cléire. A chum na crìche so, rinn e ’n turus sin a tha mar fhiachaibh air gach deagh Mhohammedanach a dheanamh, ’s e sin, an turus gu Mecca, far am beil Ard-theampull an Fhàidh aca. Tha ’n teampull so do na Mohammedanaich, mar a bha teampull Ierusaleim do na h-Iùdhaich. An déigh so, cha do chuir a chléiruidhir dragh air Omar; cha ’n e gu ’n do leig e dhath a bhi ’deanamh rannan ’s ag òl fiona; ach, ma dh’ fhaoidte, nach robh iad cinnteach dé cho fhad ’s a bha e glic dhaibh dol an aghaidh duine cho comasach air e fein a dhion ’s a bha Omar.
Bha, reir coltais, mios mor aig a’ ghineal òg a bha faighinn am foghluim aig an Oil-thigh air. Bha e cleachduinn a bhi labhairt gu follaiseach riu, mu nithe bhuineadh do theagasg, gu sonraichte mu fheallsanachd. Thainig aon de’n oigridh sin, a thachair a bhi dol air a thuras, a dh’ fhaicinn Omair, ’s a dh’ fhàgail beannachd aige mu’n trialladh e air a thurus. Bha Omar a nis ’na shean duine, ’s ’nuair a bha e ’dealachadh r’a charaid òg, dh’ fheòraich e dheth, cuin a bha fiughair aige bhi air ais? Dh’ innis a charaid sin da. “Mata,” ars’ Omar, “cha bhi mise romhad ’nuair a thilleas tu, ach gheibh thu m’ uaigh far an comhdaichear i gach bliadhna le blàth an ùr cheitein. Chuir so iongantas air an òganach, oir tha e ionann ’s air a thoirmeasg anns a’ Chóran, do neach sam bith a ràdh c’àit am bi e air àdhlac. ’Nuair a thill an gill’ òg so bharr a thuruis, dh’ fharraid e air son Omair ’s chaidh innseadh dha nach bu bheò e. Chaidh e air ball a shealltainn air son uaigh an duine chòir, ’s fhuair e i dlùth air lios-mheasam, agus an leac-lighidh còmhdaichte leis na blàthan a bha tuiteam bharr nan craobh.
“Co-dhiu, aig Babilon no Ispahan;
Co-dhiu, tha ’n cup do mhil no dhomblas lan,
Tha fion na beatha ’sruthadh, braon air bhraon;
Tha ’chraobh a call a duill, aon air h-aon.”
B’e so beachd Omair, mar a bheachddaich Iob roimhe—
“Tha latha ’s bliadhna ’s linn dol seach,
’S cha phill ri neach an triall.”
’S e bha ’mhiann orm ’san àite so, an deigh cunntas aithghearr a thoirt dhuibh air beatha ’n duine so, dol air m’ aghaidh a labhairt air a ghnè bhàrdachd a dh’ fhàg e ’na dhéigh; agus a chur fa’r comhair an t-eadar-dhealachadh a tha eadar inntinn Omair, mar tha i air a foillseachadh dhuinn ’na bhàrdachd, agus inntinn nan daoine air am bheil sinn eòlach ann am bàrdachd ar dùthcha fein. A chum na criche so, thionndaidh mi cuid de rannan Omair gu Gaidhlig, air son an cur taobh ri taobh ri cuid de rannan nam bàrd againn féin a’ leigeil ris dhiubh an t-eadar-dhealachadh a tha am bheachd; ach tha e soilleir nach ceadaich an uine dhuinn dol cho domhain ’s a chùis aig an àm. Faodaidh mi, air a shon sin, a chomharrachadh a mach dhuibh, ann am beagan fhacal, far am bheil am bàrd Persianach agus a mhorchuid de na bàird Ghàidhealach a’ dealachadh gu tur.
(Ri leantuinn.)
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XI.
Ghabh Domhull mor-thimchioll Cnoc-a’ -chùirn an aite gabhail dìreach tarsuinn an t-sléibhe ’dh’ ionnsuidh a’ chladaich mu choinneamh an àite ’s an robh an long air acaire. Rinn e so air eagal gu’n tachradh neach sam bith ris air an rathad. Cha b’e h-uile neach a bhiodh deònach falbh leis fhein air an oidhche troimh àite a bha cho ùdluidh ’s cho uaigneach ri cul Chnoc-a’ -chùirn; ach cha bu ghealtair a bh’ ann an Domhull idir. Fhad ’s a bha ’athair beò bha e gu math tric ag innseadh dha nach b’ eagal do neach sam bith a bhiodh a’ cur ’earbsa ann an Dia ged a thachradh dha bhith muigh air cheann turuis anamoch air an oidhche, do bhrigh gu’m bheil Dia a’ cheart cho comasach air daoine ghleidheadh o chunnartan air an oidhche ’s tha e air an latha. Bha ’athair ag innseadh dha mar an ceudna nach robh bochdain ann idir, ged a bha daoine o shean a’ creidsinn gu’n robh.
Coma co dhiubh, ged nach robh Domhull ’na ghealtair gu nàdarra, bhuail bioragaidhean dhe’n eagal e an uair a bha e ’cromadh le gualann a’ chnoic; oir chuimhnich e gu’n robh daoine ag ràdh, gur ann mar chuimhneachan air dithis sheòladairean a fhuaradh bàithte nir a’ chladach iomadh bliadhna roimhe sid agus a bha ’n tiodhlacadh anns a’ chnoc a’ thogadh an càrn. Ged a bha toil aige teannadh ri feadaireachd gus an t-eagal a chumail uaithe, bha e ag radh ris fhein gur dòcha gu’n cluìnneadh cuideiginn e. Smaoinich e gu’m faodadh na seòladairean a bha ’n tiodhlacadh anns a’ chnoc a choinneachadh; agus thug e suil thar a ghuaille an taobh a bha ’n carn, agus chunnaic e dithis dhaoine ’nan seasamh air mullach a’ chnoic. Ged a bha toil aige ruith air falbh, cha b’ urrainn da. Bha ’chridhe a’ bualadh cho luath ’s cho làidir ’s gu ’n robh bodhradh a’ tighinn ’na chluasan. Thainig ’fhallus am mach, agus dh’ fhàs e cho lag ri leanabh. B’ fheudar dha suidhe far an robh e. Ach ged a bha eagal mòr air, chum e aghaidh air na daoine. Bha iad ann an sid ’nan seasamh gun ghluasad gun charachadh. “Is e na seòladairean a th’ ann gun teagamh,” ars’ esan ris fhein, “agus tha e cho dòcha gur ann a thoirt rabhaidh dhomh gu’n dol a sheòladh a tha iad air éirigh.”
Anns an àm chuimhnich e air mar a bha ’athair ag innseadh dha gu’n gleidheadh Dia e o gach cunnart air an oidhche cho math ’s a dheanadh e air an latha. Lub e ’ghlùinean agus rinn e ùrnuigh cho dùrachdach ’s a rinn e riamh roimhe. Fhad ’s a bha e air a ghlùinean ag ùrnuigh, bha shùilean dùinte. An uair a thog e ’cheann ’s a dh’ fhosgail e shùilean cha robh an dithis dhaoine ri’m faicinn. Thog so mòran dhe’n eagal dheth. Ach anns a’ mhionaid thòisich i ri smaointean air ’athair. Thuirt e ris fhein:— “Na’m biodh m’ athair beò, am biodh e air son dhomh teicheadh air falbh as an dùthaich gu’n fhios do m’ mhathair? Cha bhitheadh; cha’n fhaodainn, na ’m b’ urrainn e mo chumail. Ach ’s e m’ athair a bhith marbh a chuir mise an so an nochd.” An uair a thoirt e so, thòisich e ri sileadh nan deur.
An ùine ghoirid dh’fhalbh am bròn ’s an t-eagal dheth, agus choisich e sios rathad a chladaich gu leth ain-deonach; oir cha mhòr nach tug na smaointeanan a dh’ éirich ’na inntinn mu thimchioll ’athar air an ni a bha ’na bheachd a leigeadh buileach glan as a cheann. An uair a thainig e ann an sealladh na h-acarsaid, agus a chunnaic e an long, thog a chridhe rithe. Bheireadh e na chunnaic e riamh air son a bhith sàbhailte air bòrd innte. Chrom e sìos do’n chladach cho fad ’s leigeadh an làn leis, agus shuidh e air cloich. Thoisich e ri dhol fo ’smaointean ciod a dheanadh e. Na ’m biodh an latha geal ann, cha bhiodh dad a dh’ eagal air oidhirp a thoirt air snàmh gu cliathach na luinge; ach o’n a bha’n oidhche ann bha eagal air gu ’n rachadh a bhàthadh na’n tugadh e oidhirp air snàmh.
An uair a bha o mar so eadar dhà chomhairle, chual’ e fuaim an taobh thall dheth a chuir clisgeadh air a chridhe. Bha ’m fuaim anabarrach coltach ri fuaim a dheanadh boirionnach bhiodh a’ nigheadh aodaich agus ’ga bhualadh le slachdan. Thuirt e ris fhein anns a’ mhionaid gur e a’ bhean-nighe a bh’ ann, agus gur dòcha gur e a léine-bhàis fhein a bha i a’ nigheadh. Anns an àm ud bha e air a chreidsinn gu cumanta gu robh creutair beag ann a bh’ ann an cruth ’s an cumadh coltach ri boirionnach agus a bhiodh ag obair le sleachdan-nigheadaireachd ann am bòrd locha, no ann an sruth aimhne, an uair a bhiodh duine gu bàs aithghearr sam bith ’fhaotainn anns an àite. Agus ged a bha ’athair an aghaidh a bhith ’toirt geill do bheachdan faoine dhe ’n t-seòrsa so, gidheadh fhuair am beachd so greim làidir air an inntinn aig Domhull. Ma bha eagal air an uair a chunnaic e an dithis dhaoine air Cnoc-a’ -chùirn, bu mhò gu mòr a bha dh’ eagal air an uair a chual’ e am fuaim a bha ’n taobh thall dheth. Anns an àm cha tugadh e oidhirp air snàmh thun na luinge ged a gheibheadh a dha fhein i. Cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e. Bha h-uile duine air cadal aig an àm; agus mur cuireadh e seachad an oidhche ann an taigh-am-muigh cha robh aige ach a bhith air taobh cnoic, no ann an sgor creige, gus an tigeadh a’ mhadainn.
Mu dheireadh an uair a dh’ fhalbh tomhas dhe’n eagal dheth, dh’ aithnich e nach robh am fuaim a bha e cluinntinn cho coltach ri fuaim slochdan-nigheadaireachd ’s a shaoil e an uair a chual’ e an toiseach e. Gus a sin is gann a bha de mhisnich aige na sheall an taobh o’n robh am fuaim a’ tighinn. Anns an àm bha ’n
[Vol . 8. No. 36. p. 3]
lìonadh a’ tighinn a steach gu math, agus thug e an aire gu’n robh geòla bheag air bhog làimh ris, agus ghrad thuig e gur e am fuaim a bha e cluinntinn agus a chuir eagal cho mòr air fuaim nan tonnan ri cliathach na geòla an uair a thoisich e ri tabhairt lìonaidh. Ghrad ghabh e null far an robh i, agus dh’ aithnich e gu ’m b’ ann le gillean Chaluim òig a bha i. An uair a chaidh e beagan fo’ smaointean, chuimhnich e gu’n cual’ e gu ’m biodh gillean Chaluim òig gu math tric a tighinn tarsuinn na h-acarsaid leis a’ gheòlaidh. Sin an uair a thuig e gur iad a chunnaic e air Cnoc-a’ -chùirn agus nach b’e na seòladairean a bha marbh àireamh mhòr bhliadhnachan roimhe sin.
Dh’ fhalbh an t-eagal dheth buileach glan. Agus cha b’e sin a mhàin ach cha robh e riamh roimhe cho toilichte ’s a bha e. An aon rud a bha ’chridhe ’miannachadh air an fheasgar ud—geòla bheag—bha i aige ann an sid, agus cha robh aige ach leum a steach innte an uair a chitheadh e an seòladair a’ leigeadh an lainntir sìos ris a’ chliathaich mar a gheall e.
Dh’ atharraich a’ ghaoth anns an àm, agus thuig e gu’n robh i fàbharrach gu leòr do’n luing air son falbh as an acarsaid. Bha eagal air gu’m biodh an sgiobair ’s an sgiobadh air am bonn, agus gu ’m biodh iad a deanamh deas gu falbh gun dàil.
Bha e ’na shuidhe anns a’ gheòlaidh agus ar leis gu’n robh a h-uile mionaid cho fad ri uair an uaireadair. Mu dheireadh, an uair a bha e gabhail ceud fadachd, chunnaic e ’bhith leigeadh an lainntear sios leis a’ chliathaich dà uair. Thuig e leis cho cabhagach ’sa bha ’m fear aig an robh an lainntear gu’n robh toil aige leigeadh ris dha gu ’m bu chòir dha greasad air. Gun dail sam bith dh’ fhalbh e o thìr leis a’ gheòlaidh, agus e ’ga sgoladh cho balbh ’s a b’ urrainn e. An uair a rainig e chliathach, rinn e greim air an ròp, agus ann an tiotadh fhuair e air bòrd. Cha robh duine ri fhaicinn; oir chaidh an seòladair a bha faire suas do’n toiseach a dh’ aon ghnothach a chum gu’m biodh e comasach a ràdh nach fhaca ’s nach cual e duine tighinn air bòrd. Cho luath ’s a b’ urre chaidh e am falach a measg nan seol a bh’ air bòrd.
Cha robh e fad air a dhol am falach an uair a thuit e gu trom ’na chadal. Anns an àm thòisich a’ ghaoth ri beothachadh gu math; agus an uair a chunnaic am fear a bha faire gu’n robh an soirbheas fabharrach gu faighinn am mach as an acarsaid, chuir e an sgiobair agus an sgiobadh gu leir air an cois, agus gun dàil sam bith fhuaradh an long fo h-aodach, agus sheòl iad am mach as an acarsaid le soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarradh iad.
Bha Domhull ’na chadal cho trom ris a’ chloich fo na siùil, agus bha ’n long gu luath sunndach a’ falbh air bharraibh nan tonn le lan an t-siùil de shoirbheas ’na déigh.
Suas mu mheadhoin latha thug Domhull smuaisleachadh air fhein agus e eadar a chadal ’s a dhùsgadh. Co thachair a bhith dlùth air laimh aig an àm ach an sgiobair. Thog e cearb an t-siùil, agus an uair a chunnaic e Domhull ’na shineadh rug e air chois air, agus tharruinn e ’mach o na siùil e. Cho luath ’s a chunnaic e e, dh’aithnich e e. Agus thuirt e ris le guth garg, “Ciod e, a dhearg shlaoightire, a chuir an so thu? Eirich gu h-ealamh ’s gu’n cuirinn an comhair do chinn leis a’ chliathaich thu.”
Bha Domhull mionaid no dha ’na dhùsgadh mu’n tug e fa near c’àite an robh e. Dh’ eirich e ’na sheasamh, agus gun aon fhacal a radh, sheall e gu bog, similidh aìr an sgiobhair an clàr an aodainn. Anns an àm bha ’n àireamh bu mhò dhe ’n sgiobadh air cruinneachadh mu’n cuairt dha. Bha ’n sgiobair ’ga chaineadh agus a’ maoigheadh a ghrad chur gu bas ach cha robh ’na bheachd cron sam bith a dheanamh air. Cheasnaich e an sgiobadh feuch am faigheadh e ’mach an d’ thug a h-aon aca cuideachadh do Dhomhull gus a dhol air bòrd; ach thuirt iad uile nach fhaca ’s nach d’ fhairich iad e dol gu bòrd. An uair a cheasnaicheadh Domhull fhein, thuirt e gu’n robh toil a chridhe aige faotainn gu bòrd agus falbh a sheòladh, o nach robh an obair a bh’ aige ’cordadh ris, agus an uair a thainig e thun a’ chladaich ’s a chunnaic e ’geola gu’n do smaoinich e gu’m b’ fhearr dha feuchainn ri dhol air bòrd. O’n a thachair gu’n robh ròpa leis a’ chliathaich, gu’n do greimich e ris, agus mar sin gu’n d’ fhuair e ar bòrd gun duine ’ga fhaicinn.
Dh’ éisd an sgiobair ris gu foighiddeach; agus an uair a chuir Domhull crioch air na bh’ aige ri ràdh thuirt an sgiobair ris:— “Ged a cheadaicheadh an lagh dhomh do mharbhadh, no do thilgeadh am mach leis a’ chliathaich, cha deanainn e; oir rinn mi fhein a cheart rud a rinn thusa—theich mi gu muir gun fhios do m’ athair ’s do m’ mhàthair, agus ma tha e cearr dhutsa deanamh mar a rinn thu, bha e ’cheart cho cearr dhomhsa deanamh mar a rinn mi fhein. Ach cuirear air tir thu anns a cheud bhaile-puirt do ’n teid sinn, agus cha bhi ’n corr gnothaich againn riut.”
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. II.
B’ e Nouredin a b’ ainm do ’n aon mhac a bh’ aig Cacan; agus, mar a bha nadarra gu leor, bha cead aige a dhol cho tric ’s a thogradh e do sheomar a mhathar. Agus mar bu trice bhiodh e ’gabhail a bhiadh comhladh rithe. Bha e ’na dhuine og gle speis ealta, tlachdar, agus car beag dana ’na dhoighean. Agus o ’n a bha e air leith deadh-fhaclach, geur-chuiseach, bheireadh e air muinntir eile iomadh rud a dheanamh air a chomhairle. Chunnaic e Bean na Maise; agus o ’n cheud uair a bhruidhinn e rithe, ged a bha fhios aige gu ’m b’ ann do ’n righ a cheannaicheadh i, cha do chuir e bacadh sam bith air an trom ghaol anns an do thuit e oirre. An aite so, is ann a leig e leis fhein tuiteam ann an gaol cho mor oirre ’s gu ’n do chuir e roimhe a cheud uair a chunnaic e i gu ’n deanadh e gach ni a ghabhadh deanamh gus a toirt o ’n righ.
Air an laimh eile, cha robh mi-thlachd sam bith aig Bean na Maise do Nouredin. Ars’ ise rithe fhein, “Chuir an t-ard-chomhairleach de dh’ urram orm gu ’n do cheannaich e mi do righ Bhalsora; ach bhithinn ’g am mheas fhein gle shona nam bithinn dh’ a aon mhac fhein a cheannaich e mi.”
Bha Nouredin a’ gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e air a bhith ’faicinn agus a’ comhradh ri Bean na Maise; oir cha ’n iarradh e falbh as a sealladh gus an ordaicheadh a mhathair air falbh e. “A mhic,” ars’ ise, “cha ’n ’eil e iomchuidh do dhuine og mar a tha thusa a bhith ’n comhnuidh ann an seomraichean nam boirionnach. Bi falbh, agus thoir an aire air do chuid foghlum. Agus feuch ri thu fhein a dheanamh freagarrach air son an t-suidheachaidh aird, urramaich anns am bheil d’ athair.”
O ’n a bha Bean na Maise uine fhada gun a bhith air a faragadh, a thaobh gu ’n d’ thainig i air astar fada, thug bean Chacain fa near an seomar faragaidh a bh’ anns an tigh a chur an ordugh air a son. Chuireadh aireamh dhe na searbhantan comhladh rithe gus a h-uile frithealadh feumail a dheanamh dhi, mar a dheanadh iad do ’m banamhaighstir; agus an deigh dhaibh a faragadh, bha aca ris an trusgan riomhach a cheannaicheadh dhi a chur uimpe. A chum gu’m faiceadh fear an taighe gu’n robh toil aice gach ni a dheanamh gus a thoileachadh, thug i fa near gu ’n deanteadh gach ni mar a dh’ iarr e.
Cho luath ’s a thainig Bean na Maise as an t-seomar fharagaidh, agus i moran na bu mhaisiche na bha i roimhe, chaidh i far an robh bean an taighe. Is gann a dh’ aithnich bean an taighe i.
Thug Bean na Maise pog do lamh bean an taighe, agus thuirt i rithe, “A bhaintighearna, cha ’n ’eil fhios agam cia mar a tha mi ’cordadh ribh anns an trusgan ur so a fhuair sibh dhomh; ach tha na mnathan frithealaidh ag radh gu’m bheil e ’tighinn dhomh cho math ’s gur gann a dh’ aithnicheas iad mi. Tha mi cinnteach gur ann a’ brosgal rium a tha iad. Tha dochas agam gu’n innis sibhse an fhirinn dhomh. Ach ma tha iad ag innseadh na firinn, is coir dhomh a bhith gle fhada ’nur comain-se air son na maise a tha ’n trusgan a’ cur orm.”
“Oh! mo nighean,” arsa bean Chacain, agus aoibhneas mor oirre, “na bi ’smaointean gur ann a’ brosgal riut a tha na mnathan frithealaidh idir. Is aithne dhomhsa ciod a th’ann am maise na’s fhearr na ’s aithne dhaibh-san. Agus gun ghuth a thoirt air an trusgan a tha ’tighinn dhut cho math, dh’ fhag am faragadh do mhaise cho mor ’s gur gann a dh’ aithnicheas mi thu. Nan saoilinn gu’m bheil an t-uisge blath gu leor fhathast, rachainn fhein g’ am fharagadh; oir tha mi nis air fas cho sean ’s gu’m feum mi dhol g’ am faragadh gu math tric.”
“A bhaintighearna,” arsa Bean na Maise, “cha ’n ’eil dad agam ri radh mu dheidhinn nan caoimneasan a tha sibh a’ nochdadh dhomh. Ach mu dheidhinn an t-seomar fhargaidh, tha e ann an deadh ordugh. Agus ma tha toil agaibhse a dhol ann, is fhearr dhuibh gun dail sam bith a dheanamh. Innsidh na mnathan so dhuibh cho math riumsa.”
O nach robh bean Chacain ’g a faragadh fhein car uine roimhe sin, bha toil aice an cothrom a ghabhail an uair ud. Dh’ innis i do na mnathan frithealaidh an ni a bha i gus a dheanamh, agus rinn iad gun dail gach deis ealachd a bha feumail air a son.
Chaidh Bean na Maise dh’ a seomar fhein; agus mu’n deachaidh bean Chacain do ’n t-seomar fharagaidh, thug i ordugh do dhithis shearbhantan fuireach a’ gleidheadh an doruis air eagal gu’m faigheadh Nouredin a steach do’n t-seomar anns an robh Bean na Maise.
Am feadh ’sa bha bean Chacain ’g a faragadh fhein, thainig Nouredin a steach do sheomar a mhathar, agus an uair a chunnaic e nach robh i ann, agus a fhuair e fios gu’n robh i anns an t-seomar fhargaidh, ghabh e direach gu seomar Bean na maise; agus dh’ fheoraich e dhe ’n dithis shearbhantan a bh’ aig dorus an t-seomair, c’aite an robh Bean na Maise. Thuirt iad ris gu’n robh i anns an t-seomar; agus thuirt iad ris gu’n robh ordugh teann aca gun a leigeadh a steach. An uair a thug e ionnsuidh air a dhol a steach, sheas an dithis shearbhantan anns an dorus roimhe. Ach rug esan orra, agus thilg e air falbh iad; agus an uair a chaidh e steach, ghlas e an dorus.
Am mach a ghabh na searbhantan ’nan deannaibh thun an t-seomair fharagaidh far an robh am bana-mhaighstir, agus iad a’ glaodhaich aird an claiginn, agus a sileadh nan deur gu frasach. Agus dh’ innis iad dhi gu’n do thilg Nouredin o’n dorus iad, agus gu’n deachaidh e steach do sheo mar Bean na Maise ge b’ oil leotha.
An uair a chuala bean Chacain gu ’n robh a mac cho ann-dana ’s gu’n d’
(Air a leantuinn air taobh 286.)
[Vol . 8. No. 36. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, APRIL 6, 1900.
Tha na Boers a reir coltais a fas searbh dhe na chogadh a thug iad orra fhéin; tha iad a nise faicinn nach eil iad a dol a dh’ fhaotainn as cho math ’s bu mhath leotha. Bha iad an duil, ’nuair a dh’ éibh iad an cogadh gu rachadh aca air na bailtean ’s na h-àitean daighnichte bh’ aig Breatunn an Ceann a Deas Africa a ghlacadh mu’m faigheadh Breatunn arm a b’ fhiach a chur d’ an dùthaich. Ach chaidh sin ’nan aghaidh; ged a chuir iad séisd ri Ladysmith, Kimberly us Mafeking, sheas na bailtean sin ’nan aghaidh gu treun gus an robh iad air am fuasgladh mar is aithne dhuinn uile. Agus ged a fhuair iad buaidh air an arm Bhreatunnach ann am barrachd bhlàr ’s bu mhath leinne, cha d’ rinn na buaidhean sin moran feuma dhaibh. Bha iad mar an ceudna an dùil nach leigeadh na rioghachdan mor Eòrpach le Breatunn gabhail orra gu ro dhona, ach gu’n rachadh iad ’san eadraiginn ’s gu’n cuireadh iad mar fhiachaibh air Breatunn riaghladh an Transvaal ’s anOrange Free Statefhàgail an lamhan nam Boers mar a bha e roimhe. Chuir iad teachdaire, Dr. Leyds, do ’n Roinn-Eòrpa air son sin a thoirt mu’n cuairt, ach cha deachaidh leis idir; ged nach eil gradh mor sam bith aig na rioghachdan mora do Bhreatunn, ’si chluas bhdohar a chum iad ri tagradh Dr. Leyds. Tha Cruger agus Steyn a nise, faicinn gu’n d’ rinn iad mearachd mor an uair a thòisich iad an cogadh, agus tha iad gu seòlta a gabhail orra gu robh iadsan toigheach air an t-sith a chumail o thoiseach, ach gu’n d’ thug Breatunn orra tòiseachadh le bhi bagairt an còirichean a thoirt uapa. Ach a dh’ aindeoin na their iad, leanaidh an cogadh gus am bi an da dhùthaich gu h-iomlan fo riaghladh Bhreatunn, agus am bi Cruger us Steyn a cumail comuinn ri Cronje, air eilean St. Helena, far an do chuir Bonaparte ainmeil seachad na bliadhnaichean mu dheireadh dhe bheatha.
Tha a Bhan-righ air an t-seachdain so ann an Eirinn. Chaidh i air tir ann am Bail-a- cliath Di-ciaduin, agus chuir muinntir ceanna-bhaile na h-Eirinn agus na chunnaic as an dùth mu’n cuairt “ceud mile fàilte” oirre. Bha mu mhuillean de shluagh anns a bhaile fad an latha agus ged a bha cha deachaidh duine ghlacadh air son mi-riaghailt, agus cha do thachair cha mhor sgiorradh ’nam measg. Bha mu sheachd mile saighdear air an taruinn suas air gach taobh dhe’n rathad o’n laimhrig gu ruige ’n caisteal anns an anns an robh i dhol a ghabhail comhnuidh ’s chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail. Tha muinntir na h-Eirinn anabarrach toilichte dhe’n Bhan-righnn air son i dol ’gan amharc aig an àm so, agus tha moran ag altrum an dòchais nach bi iad an deigh so ag amharc air na Sasunnaich no air a Chrun Bhreatunnach mar naimhdean an dùthcha, agus gu’m bi iad ag amharc orra fhéin na’s mo agus na’s mo mar Bhreatunnaich. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ fhuair Eirinn a sàrachadh gu goirt leis na Sasunnaich ’s na linntean a dh’ fhalbh, ach shiubhail sin, agus an diugh tha a sluagh a mealtuinn gach sochair agus còir a tha aig na Sasunnaich fhéin. Tha e uime sin iomchuidh gu’m biodh an spiorad naimhdeil a tha cur eadar an da dhùthaich air a chur air chùl, agus tha e gle choltach gu’m bi turus Victorià ’na seann aois do’n eilean uaine na mheadhon air sin, ann an tomhas mor, a thoirt gu crich.
Cha’n eil cùisean anns anOrange Free Statean drasda cho math ’s bu mhath leinn. Di-haoine s’a chaidh chuir na Boers cho cruaidh ri earainn dhen arm Bhreatunnach a bha air ghearasdan aig Thaba Nachu mu choig mile fichead an ear air Bloemfontein, ’s gu’m b’ fheudar dhaibh an t-àite fhágail. Maduinn Di-sathurna rinn iad feall-fhallach air buidheann de’n eachraidh agus ghlac iad seachd gunnaichean-mora, an imrich uile, agus da cheud de na saighdearan. A bharrachd air sin bha mu cheud gu leth dhe na saighdearan air am marbhadh ’s air an leon. Tha na gunnaichean aig na Boers fhathast.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
D A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dec . 8, ’99. —1yr.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
[Vol . 8. No. 36. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha ’n réiseamaid Bhreatunnach a bha air ghearasdan ann a Halifax an deigh a dhol a null do Shasuinn. Tha reiseamaid a thatar a togail an Canada a’ gabhail a h-àite.
Tha Diuc Norfolk an deigh a dhreuchd mar ard phost-mhaighstir am Breatuinn a leigeil uaithe, air son a dhol a dh’Africa Deas a ghabhail pairt ’sa chogadh an aghidh nam Boers.
Tha Mr. J. S. Carder, ard chleireach anInternational Steamship Co. ,Boston, ann an Ceap Breatunn an dràsda a cur air adhart gnothuich na cuideachd sin. Tha soithichean-smuide na cuideachd a ruith eadar St. John us Boston, a taghal air am falbh ’s air an tighinn ann an Eastport ’s am Portland, Maine.
Thainig bas gle aithghearr air F. D. Laurie, ann a Halifax toiseach na seachdain so. Thuit e marbh air an t-sràid le tinneas a chridhe. Bha Mr. Laurie àireamh bhliadhnaichean air ais ’na fhear-riaghlaidh air an rathad-iaruinn eadar so us Truro, agus uaithe sin bha e bliadhna ’na àrd-bhaillidh air New Glasgow. Dh’ fhàg e bean us teaghlach.
Tha muinntir Fox Bay, a tha air an cur air falbh a eilean Anticosti, a reir coltais, a dol a shuidheachadh ann an Ceap Breatuinn. Tha cuideachd a ghuail a dol a thoirt obair dhaibh anns na meinnean an Glace Bay, agus mur còrd an cosnadh sin riutha, faodaidh iad a dhol dh’ionnsuidh nan cladaichean agus am beolaind a dheanamh air an iasgach, a cheaird a bh’aca aig an dachaidhean fhéin.
Tha an acarsaid an so a nise fosgailte, agus cha’n eil ach gle bheag deighe ri fhaicinn. Ma dh’ fhanas an deigh mhor air falbh bidh an t-earrach cho briagha ’sa bha ’n geamhradh. Thòisich am Peerless air ruith eadar an da Shidni ’s am Pier Di-luain. Tha i gach lath a fàgail Sidni Tuath aig 6.15, 8.00 is 10.00, a. m; agus 1.00, 3.00 is 5.00, p. m; agus a fagail Shidni aig 7.00, 9.00 is 11,00, a. m; agus 2.00, 4.00 is 7.00 p. m.
Tha’n rathad-iaruinn air a chumail anabarrach trang aig an am so; tha carbadan a falbh ’sa tighinn aig gach uair, a latha ’sa dh’ oidhche, agus ged a tha cha’n urrainn dhaibh cumail suas ris an obair. Tha na marsantan a’ gearan gu dona; tha ’n cuid bathair a toirt ùine mhor air an rathad, agus tha iad mar sin air an cur gu call nach beag. Cha’n eil an rathad air a dheanamh math gu leor air son uiread falbh a bhi air, agus tha e fàs gle dhona ann an aiteachan.
Tha fiodh anabarrach gann anns a bhaile ’n dràsda. Tha gnothuichean cho ceangailte air an rathad-iaruinn ’s nach urrainnear na thathar air son a chur am feum a thoirt thairis air, agus cha d’fhuair na soithichean cothrom air tighinn fhathast. Nuair a gheobh, chán eil teagamh nach bi fiodh gu leòr ri fhaotainn. Air saileabh na gainne so tha moran de na saoir nan tàmh aig an àm so, agus tha cuid dhiubh air a dhol gu cosnadh eile gus am bi e comasach dhaibh a dhol a dh’obair air an ceaird fhèin.
Chaidh Eaglais Chaitliceach a chosg deich mile dolair a losgadh ann a Yarmouth air an t-seachdain ’sa chaidh. Cha robh de dh’ airgiod-urrais oirre ach tri mile dolair.
Cha robh iasgach nan ròn riamh cho math an Newfoundland ’sa bha e air an earrach so. Cha deachaidh soitheach a mach aig nach robh luchd math a tilleadh, agus cha do chuireadh beatha duine ’n cunnart fhad ’sa bha iad a mach.
Dh’ fhaoighneachd fear-ceasnachaidh nan sgoilean gu de bu chaiall do ’n fhacal “eilthireach”. Fhreagair fear de na sgoilearan gum b’ e sin “duine bhios a falbh o àite gu àite.” “Bidh misse ’falbh o àite gu àite,” ars am fear-ceasnachaidh; an e eilthireach a th’annam?” “O, cha’n e, ars an gille, “feumaidh eilthireach a bhi ’na dhuine math!
Chaidh duin’ òg d’am b’ainm Eoseph Mac Gill-fhinnein, (mac Ailein) a mharbhadh ann am méinn an Dominion ’sa mhaduinn Dior-daoin. Bha e draibheadh anns a mhèinn agus chaidh an carbad bhar an rathaid, a bualadh ann am posta. Dh’fhuasgail sin clach mhor anns a mhullach a thuit air-san ’sa mharbh e. Cha robh e ach ochd bliadhn’ deug a dh’aois.
Chaidh fear de na h-Eadailtich a bha air an glacadh an Louisburg fheuchainn air beulaobh a bhreitheamh Dodd deireadh na seachdain s’a chaidh, agus chaidh a shaoradh. Bha e air fheuchainn airson am maor Beckham a bhualadh le cas piocaid, ach cha b’ urrainnear a dhearbhadh gu ’n d’ rinn e sin, agus fhuair e m’a sgaoil. Tha am fear eile ri bhi air fheuchainn aig a’ chùirt mhòir toiseach an t-samhraidh.
Tha àireamh mhor dhaoine, sean us òg, a dol dh’an phriosan ’sna h-amannan so; cha’n eil ach gann latha dol seachad gun cheathrar no choignear a bhi air an cur a stigh, a chuid a’s motha air son daoraich us mi-riaghailt. Tha cuid a pàigheadh na h-ùbhladh ’sa faighinn an saorsa an deigh oidhche chur seachad ann an “tigh-òsda na ban-righ’nn”. Iadsan nach urrainn sin a dheanamh, tha aca ri fuireach fo ghlais fichead no deich air fhichead latha.
Chuir ban-sgoilear agus sgoilearan Orangedale ceithir dolair dheug cruinn air son cuideachadh le saighdearan Chanada, agus an càrdean a dh’fhàg iad ’nan deigh. Rinn iad an t-suim so a chur cruinn mu dheireadh Ianuaraidh, agus b’iad an darra sgoil an Ceap Breatunn a chuidich leis an aobhar. B’i sgoil Shidni a cheud te. Tha e taitneach a bhi ’faicinn na cloinne air an dòigh so a taisbeanadh an gràidh dàn dùthaich agus dhaibsan a tha cogadh os a leth.
Oidhche Di-ciaduin s’a chaidh, chaidh bristeadh a stigh do ’n stor feòla aig MacNeill & Gough, agus chaidh ochd dolair a dh’ airgead agus uaireadair òir a ghoid as. Tha iad an duil gu’n teid aca air a mheairleach a lorgachadh a mach ’sa thoirt gu ceartas. Fhuair e stigh le lòsan a bhristeadh as an uinneig. Thug cuideiginn ionnsuidh air faotainn a stigh do’n stor aig Z. Tingley oidhche no dha roimhe sin, ach cha deachaidh leis; mu’n d’ fhuair e stigh chualas e, agus b’fheudar dha teicheadh.
SYDNEY CASH STORE.
Sidni. - J . C. Mills, - Sidni.
Tha sinn a’ fosgladh roinn de Bhathar Earraich a tha anabarrach math—gach seorsa air an cuirear feum ann an tigh. Tha ar
Caileagu Sasunnach
dhe gach seorsa a nise stigh, agus theid againn air an creic na’s saoire na gheibhear iad an aite sam bith eile, oir cheannaich sinn iad o chionn fada, mu’n do dh’ eirich a phris.
Taghail againn.
J . C. MILLS.
Sidni, C. B.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
Tha an t-ard Riaghladh a dol a churrailsùra air an rathad iaruinn an Ceap Breatuinn; bidh iad cho trom ’s cho làidir ’s gun seas iad gu math ris an fhalbh a tha air an rathad. Tha an riaghladh mar an ceudna dol a chur gnothuichean postail air doigh an Sidni chum ’s gu’m bi deisealachd aig muinntir a bhaile na’s fhearr na tha aca o’n thainig an obair iaruinn do’n àite.
Fhuair uachdaran Eirionnach a bha deanamh a dhachaidh ann an Lunnainn litir o’n bhàillidh a dh’ fhag e air an oighreachd, “Tha ’n tuath an deigh tionndaidh ad’ aghaidh; cha phàigh iad am màl, agus tha iad a bagradh mise mharbhadh. Feumaidh mi an t-àite fhagail.” Sgriobh an t-uachdaran air ais, “Fuirich far a bheil thu; ma tha an tuath a smaoineachadh gu’n cuir iad an t-eagal ormsa le bhi maoidheadh thusa mharbhadh, leigidh mis’ fhaicinn dhaibh gu bheil iad gu mor air am mealladh!”
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
[Vol . 8. No. 36. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 283.)
rinn e a leithid de ghniomh mi-iomchuidh, ghabh i ioghnadh is dragh-inntinn nach bu bheag. Sguir i dhe ’fargadh, agus cho ealamh ’s a bh’ aice, chuir i uimpe a cuid aodaich, agus chaidh i direach do’n t-seomar aig Bean na Maise. Ach mu ’n d’ rainig i, thug Nouredin e fhein as.
Bha ioghnadh anabarrach air Bean na Maise an uair a chunnaic i bean Chacain a’ dol a steach do’n t-seomar gu deurach, agus i gu mor troimh a cheile.
“A bhaintighearna,” ars’ ise, “am faod mi fheorach dhibh car son a tha sibh ’na leithid sin de staid? An do thachair tubaist sam bith dhiubh anns an t-seomar fharagaidh an uair a thainig sibh as cho trath?”
“Ciod e tha thu ’g radh!” arsa bean Chacain, “cia mar is urrainn dut bruidhinn cho ciuin sin an uair a tha mo mhac Nouredin an deis a bhith ’na onar anns an t-seomar maille riut? Am b’urrainn mi-fhortan bu mho tachairt dhomhsa?”
“Tha mi ’guidh oirbh, a bhaintighearna,” arsa Bean na Maise, “gu ’n innis sibh dhomh ciod an cron a rinn Nouredin air fhein no oirbhse le tighinn a steach an so?”
“Ciod e tha thu ’g radh!” ars’ ise; “nach d’ innis fear an taighe dhut gu ’m b’ ann do ’n righ a cheannaich e thu, agus nach robh sin gu leor gus a thoirt ort a bhith air d’fhaiceall roimh Nouredin?”
“Cha do dhichuimhnich mi sin idir,” arsa Bean na Maise. “Ach thainig do mhac a steach, agus dh’ innis e dhomh gu’n d’ atharraich ’athair ’inntinn, agus an aite mise thoirt do’n righ, mar a bha ’na bheachd a dheanamh an toiseach, gu’n d’ thug e dha fhein mi. Chreid mise anns a’ mhionaid e, a bhaintighearna; agus faodaidh sibh a chreidsinn gu’n robh e nadarra gu leor dhomhsa, air dhomh a bhith o laithean m’ oige fo smaig aig daoine, a bhith ’smaointean gu’n robh e ag innseadh na firinn dhomh. Agus feumaidh mi aideachadh gu’n robh mi na bu deise gus a chreidsinn a chionn gu ’n d’ thug gach comhradh taitneach a bh’ eadrainn o chionn iomadh latha orm tuiteam ann an gaol trom air. Cha chuireadh e doilghios sam bith orm ged nach tugtadh do’n righ gu brath mi; oir cha ’n iarrainn sonas bu mho anns an t-saoghal so na mo bheatha gu leir a chaitheamh ann an cuideachd Nouredin.”
An uair a chuala bean Chacain na briathran a labhair Bean na Maise, thuirt i, “B’ fhearr leam gu’n tachradh mar a tha thu ’g radh. Bheireadh e aoibhneas gu leor dhomh. Ach, creid mise, thug Nouredin an car asad; oir cha ’n ’eil e comasach gu’n deanadh ’athair mar a bha Nouredin ag radh. Ah! an creutair truagh, cha bheag an doilghios a chuir a ghnothaichean ormsa. Agus cha ’n ann air athair is lugha bhios de dhoilghios an uair a chuinneas e mar a thachair. Cha chum aon chuid mo ghuidhe-sa, no mo dheoir ’athair o throm dhioghaltas a dheanamh air. Cha luaithe ’chluinneas e mar a thachair na chuireas e gu bas e.” An uair a thuirt i so, thoisich i ri sileadh nan deur gu frasach. Agus leis an eagal a bh’ air Bean na Maise gu’n eireadh beud do Nouredin, thoisich i ri gul ’s ri caoidh mar an ceudna.
Beagan uine na dheigh sid, thainig Cacan, an t-ard-chomhairleach, a steach do’n t-seomar far an robh iad, agus bha ioghnadh gu leor air an uair a chunnaic e a bhean agus na searbhantan gu tursach, deurach, bronach, agus Bean na Maise fo bhron ’s fo lionn dubh. Ghrad dh’fheoraich e ciod e aobhar am broin. Ach an aite freagairt a thoirt dha is ann a chaidh iad uile gu bron ’s gu tuirse na bu mho’s na bu mho. Chuir so am barrachd ioghnaidh air. Mu dheireadh thuirt e ris a mhnaoi, “Innis dhomh gun dail car son a tha sibh a’ gul ’s a’ caoidh air an doigh sin, agus feuch gu’n innis thu dhomh an fhirinn uile, gun ni ach an fhirinn.”
Tursach, deurach ’s mar a bha a bhean, dh’fheumadh i umhlachd a thoirt d’ a fear. “Mo thighearna,” ars’ ise, “geall dhomh an toiseach nach bi diumbadh ort rium air son na bheil agam ri innseadh dhut; oir faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi nach robh coire sam bith agam ris an ni a thachair.”
Gun fheitheamh ri freagairt fhaotainn uaithe, thuirt i, “An uair a bha mi fhin ’s na searbhantan ’s an taigh-fharagaidh, ghabh do mhac cothrom air tighinn a steach an so far an robh Bean na Maise ’na h-onar, agus thug e oirre a chreidsinn gu’m b’ann dha fhein, agus nach b’ann do’n righ, a bha sibh ’g a gleidheadh, agus gu’n d’ thug sibh cead dha coir a ghabhail oirre. Cha’n ’eil fhios agamsa ciod an t-olc a rinn e an deigh dha na breugan uamhasach ud a dheanamh. Sin agaibh aobhar ar broin; agus tha sinn a cheart cho bronach air broin; agus tha sinn air ar son fhein. Cha ’n e a chuis-san a’s lugha tha ’cur de dhragh-inntinn oirnn; oir is gann gur urrainn mi iarraidh oirbh mathanas a thoirt dha.”
(Ri leantuinn.)
NA H-AINGIL AGUS BREITH CHRIOSD.
Ma bha taisbeanadh air an t-saoghail neo-leirsinneach riamh ann, b’ ann ann an staid agus suidheachadh nan cuisean a bha mu thimchioll eiridh an Tiomnaidh Nuaidh a bha e. Cha ’n ’eil againn ach teannachadh ri litrichean Abstoil Phoil agus is leir dhuinn gur e an saoghal eile is anail da, ’ga chuartachadh, ga lionadh, agus a cur suarach ’na bheachd gach ni eile. Cha’n ’eil e ’ga radh sin, agus is beag feum a tha aige air a radh. Tha a’ gharbh-chuid de na their e a’ thaobh an t-saoghail eile, air a chur ann, mar gu’m b’ eadh, eadar dha sgeul, agus cha’n ann airson aire an leughadair a’ thoirt air a’ chùis a dh’ aon ghnothuch. Agus ma tha so fior a’ thaobh dara leth na ciad linn is soilleire gu mor a tha e fior a thaobh a chiad leith; oir is e a chiad neach a chithear leinn anns an sgeul dhruighteach shuaimhneach sin do’m brigh breith ar Tighearn, agus na thachair beagan roimhe an ioghnadh ud, fear de’n fheadhainn neamhaidh ris an goirear leinn, Ainglean.
Agus cha b’ ann a dh’ aon àite no a dh’ aon neach a mhàin a chuireadh an teachdaire naomh. Nochd e e féin do Sacharias anns an Teampuill Mhor, agus chunnaic Muire, a bha gu bhi ’na mnaoi aig Ioseph e, agus i ’na seomar féin ann an Nasareth. Chunnaic na bruachaillean e, comhla ri feachd mor de a chompanaich, faisg air Betlehem. Chunnaic Ioseph féin e da uair, ann am bruadar, agus rinn e a’ reir an t-sanais a fhuair e. A nis, gabhaidh bruadar a’ chuir a leth thaobh mar rud suarach. Ach, cha ’n ann ann am bruadar a chunnaic Sacharias, Ioseph, Muire no na buachaillean e, agus cha’n ann an aisling a rinn iad comh-luadar ri teachdaire an De is àirde.
Cha tric le Dia ach is ann ro ainmic leis, briseadh a dheanamh air an tosdachd a tha a’ cumail bith-bhuantachd an cleith oirnn. Nan deanadh e miorbhuilean a h-uile latha, chuireamaid suarach iad, agus cha bu shuaicheantasan dhuinn idir iad. Ge beo sinn, cha’n eil sinn a’toirt a’thaing sin da-san. Ge ciatach an latha, nach i a’ ghrian a tha ’ga shoillseachadh? Nach i obair ar làmhan féin a tha ’gar cumail suas? Is ann dhuinn a bu chòir a mholadh sin a thoirt. Mar is eolaiche sinn, is ann is cleachdta agus mar is cleachdta is ann is taireile. Tha fhios sin aig Dia ni ’s fhearr na tha e againn-ne, agus mar sin is iad miorbhuilean ainmic agus neo-àbhaisteach, a chuireas e an ceill an uair is math leis dearbhadh dhuinn gur e fein a tha ’labhairt, agus gur ann uaithe a tha an teachdaireachd. Brisidh esan air a’ bhalbhannachd agus ma bhriseas, cha b’ ioghnadh ged a thigeadh luchd-àiteachaidh nèimh, àite féin, a’ dh’ ullachadh an rathaid roimhe, agus ged nach bitheadh e fein air a bhreith air an doigh chumanta.
Tha iomradh againn air mar a nochdadh ainglean do dhaoine aig caochladh uairean; agus uair ge’n tàinig iad, cha tainig gun aobhar cudthromach. Is cudthromach obair an Tighearna. Cha ghabh i seachnadh. Cha leig e le leatha sleamhnachadh. Is iad na h-ainglean is luchd-frithealaidh dha. Ach fad ceithir ceud bliadhna roimh teachd a mhic, cha do rinn aingeal sam bith taisbeanadh, agus bha sluagh-taghta Dhe gun ghuth a
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
[Vol . 8. No. 36. p. 7]
an t-siorruidheachd ’nam measg, agus an cinneadh a b’ ionad-tasgaidh do thoil an Tighearna, cha d’ éirich fàidh dhaibh. Ach ge b’fhada an oidhche, thainig an la. Agus b’e la an Tighearna e, da rireadh, an uair a thainig. Chaidh briseadh air an dorchadas, agus iadsan a bha nan suidh ann (suidh a’n eu-dòchais) chunnaic iad solus mor. Thigear an t-aingeal fa chomhair an t-sagairt, Sacharias, agus esan ris an obair a theirigeadh gu h-aithghearr.
Cha’n fhuilear nach ann o’n t-sagart a gheibhear an sgeul. Dh’ aithnich e nach b’ ann de’n talamh so do’n neach a sheas ’na làthair. Ged a bha aig an àm fadal mor air na h-Iudhaich ris na gheall na faidhean gu’n tigeadh, agus ged a bha gu sonruichte dùil làidir aig Sacharias ris an ni chiadna, gidheadh thainig a chùis gle obann air. Bha eagal a chridhe air, an àm da an t-aingeal ’fhaicinn. Tha daoine ionraic fiosrach air, nach iomchuidh dhaibh roinn ’nam beatha a bhi aca ri dùilean gun pheacadh. Bu gheal, briagha, ’glan caitheamh-beatha Shacharias agus caitheamh-beatha a mhna. Gidheadh bha eòlas aige air a chridhe féin; thuig e gu’m bu pheacach an cridhe sin; agus thainig crith air, an uair a chunnaic e bòidhchead uamhasach nan speur r’a fhoillseachadh air an fhlath a thàinig o nèamh, agus boillsgeadh a’ bhòidhchead sin a’ toirt a fhradhairc uaithe. Nach mor am feum a chuirteadh air an Ti bheannaichte, a chuireadh saor sinn gu bràth o an eagal ud a dh’ fhàgas gun chli sinn, eagal a bhàis, eagal toradh a’ pheacaidh.
An duine sin a tha umhail ann an sealladh Dhe, agus a tha air aodach a’ nigheadh ann an fuil a Shlànuighir, cha rug e leas an t-eagal sin a’ bhi air; seasaidh e, ma’s ann an Criosd da, gun bhaobhal ann an làthair an De bheò agus thròcairich. Bha briathran an aingil (a’ Thighearna, gur tu ar cobhair) lan comfhurtachd; thubhairt e ris an deagh shagart a bha sean, gun e ’ghabhail an eagail gu’n d’ thug Dia cluas ri ùrnuigh a chridhe, gu’m beirteadh dha, ge sean e mach a bhitheadh ’na teachdaire roimh an Tighearn, agus na fhear-dàimh a bu dlùithe da, agus gur ann o Dhia a bhitheadh a fhagail sin aig an t-sean sagart.
Thugadh do Shacharias comharra gu’n robh an fhirinn aig an aingeal, agus b’e so a’ chomharra; gu’m bitheadh e balbh gus an tachradh mar a dh’ innseadh dha; bha sin na achmhasan do Thacharias airson a mhi-chreidimh.
Tha iomradh air a thoirt air iomadh aingeal ann an leabhraichean a Bhiouill. Cha’n eil ach dithis dhiubh air an aìnmicheadh. Gabriel “fear le Dia,” agus Michael, “fear coltach ri Dia.” Ann an taisbeanadh an Naoimh, Eoin, (VIII. 2.) tha iomradh againn air seachd ainglean a sheas am fianuis Dhe. Mar a tha Gabriel ’ga shloinneadh féin air an doigh ud, tha e coltach gu’m bheil e air aon diubh sud.
Chuireadh Gabriel sia miosan ’na dheigh sin, air teachdaireachd eile, a dh’ ionnsuidh Muire, mathair an Tighearna. Cha ruigear a leas tighinn thairis air na dh’ innis e di. Na rachadh a’ ghineadh ann am Muire, cha b’ ann o dhaoine dha. Ach b’ ann leis an Spiorad Naomh a dh’ fhasadh i torrach. Agus tha reuson an duine ag aideachadh gu’m bu cheart, iomchuidh e sin. Oir tha fios againn gu’n d’ thainig sinn o Dhia, agus mar sin nach fhaod Dia tighinn uainn. Cha ’n eil dol as o’n fhirinn ud. Ma thig Mac Dhe, cha tig e mar a thigeadh duine. Nan tigeadh e mar a thigeadh duine, cha b’e Mac Dhe a bhitheadh ann. Cha ’n eil mi ’ga radh gu’m bheil an sgeul furasda r’a thuigsinn; is fada bhuam a chuirinn a leithid de smuain, ach tha de thoinisg againn uile na thuigeas, anns a’ cheud aite, gu’m feumadh mac De an fheoil a’ chuir air chum ’s gu ’n tigeadh e os ar comhair, agus chum ’s gu’m bu dearbh agus deimhin leinn gu’m b’ esan a bh’ ann, chum ’s gu’m fàsamaidne ’nar bràithrean da agus trid-san ’nar mic do Dhia, chum ’s gu’n giùlaineadh e ar n-anmhuinneachdan a’ reir mar a labhair am fàidh, chum ’s gu’m biodh compairt fhireannach aige-san annainne, a dh’ aon fhacal, chum ’s gu’n deanadh e an obair ioma-taobhach sin, ar tearnadh o’n pheacadh, agus anns an dara aite, tha e soilleir nach gabhadh a chomhdachadh leis an fheoil ach a mhain anns an doigh mhiorbhuilteach agus do-thuigsinneach ud a tha ’ga innseadh dhuinn leis na soisgeulaichean, teachdairean na sithe.
Bha eagal air Muire mar a bha air Sacharias. Bha fios aice gu’m fulaingeadh i amharus air sailthaobh na thigeadh oirre agus iomaguin agus trioblaidhean. Gidheadh, cha do chuir i bacadh anns a’ chùis. Ghabh i ris na chaidh ’chuir air a beulthaobh gu h-umhail toilichte. Dh’ fhalbh i a’ thoirt a bean-cinnidh oirre, sheinn i an laoidh ainmeil ud, agus riamh uaidh sin bhitheadh i a’ bheachdachadh air na chaidh ’innseadh dhi, agus ged nach do threig a creidimh i, bhitheadh i gu tric fo eagal, fo dhearmail, fo iomluasgadh, an iomacheist agus an iomachomhairle, an claidheamh an comhnuidh a’ dol troimh a h-anam gus an tainig an Di-domhnaich naomh a chunnaic i an uaigh fosgailte, agus da rireadh bu bheannaichte am measg bhan i anns an uair sin.
Cha deanar leas caraid gun dragh. Is sean fhacal làn seadh e sin. Ma’s mor an dith, cha lugha an dragh. Tha sinne cho luachmhor ann an sealladh Dhe agus gu’m b’ fhiach agus gu’m b’ fhiu leis dragh mor a’ ghabhail air ar son-ne. Chunnaic Dia ar dith fada roimh dhuinn ’fhaicinn. Dh’fhairich e a chradh féin o’n bhith-bhuantachd agus o chian nan cian; agus tha e fathasd a’ fulaing. Bha an t-uan air a mharbhadh o thoisich an domhain. Rinn Dia iobairt cho mor, bronach agus nach tuigear leinn a’ mhileamh chuid dheth. Nach luachmhor leis sinne! agus ma’s luachmhor, cha chòir dhuinn tair no dimeas a’ thoirt air a chéile. Is mor a ni duine air a shon féin anns an t-saoghal so; bu chòir da moran a’ bharrachd a’ dheanamh fa chomhair an t-saoghail eile, agus cha ’n ann air a shon fein a mhàin ach air son a luchd-dùthcha agus airson De.
Cuir a dh’ iarraidh MHAC-TALLA.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
[Vol . 8. No. 36. p. 8]
Oran.
FHIR-DHEASACHAIDH MHIC-TALLA,—
Chunnaic mi faighneachd mu na rainn a leanas uaireiginn bho Chomunn Gailig Inbhirnis agus bha na seachd earainnean air thoiseach air na clo-bhualadh aig an am cheudna; ach cha robh fios aig an fhear-aithris co e am bard, no an linn anns an d’ rinneadh an t-oran.
Be ’m bard Callum Domhnullach, a Uige, ’san Eilean Sgitheanach a chaidh a mach do Cheap Breatuinn mu na bhliadhna 1841.
Fhuair mise na tri rainn dheireannach bho bhan charaid is minic a chuala ’m bard fein a seinn an orain.
Dh’eug “Domhull Ruadh” Martuinn air a bheil iomradh anns a cheitheamh earrainn air Beinn na h-Aibhne Miadhanaich, agus mo bharail gun do dh’ eug Callum Domhnullach an Gleann nan Sgitheanach, Baddeck Mhor. Tha mi gle chinnteach gu bheil cuid anns a choimhearsnachd sin fathasd aig a bheil deagh chuimhne air Callum agus air “Bodach an t-Soluis!” Tharruing am bard dealbh cho firinneach air cleachdaidhean na “tim a thriall bh’ uainn,” ’s gu do smuainich mi gun tugadh tu aite dha ’sa MHAC-TALLA.
Do dheagh fhear durachd,
EARRAGHAEL.
Waipu, N. Z., an Gearran 15mh 1900.
Iain ’Ic Thearlaich far do lamh—
Bha sinne ’n cairdeas daonnan,
Tha thusa ’fas ’s tha mise ’g cnamh,
’S mo cheann cho ban ri faoileig;
Ach ’s mor an toileachadh do phaisd
’Nuair ghelbh i blath ri taobh thu,
’S ’n uair thig an Geamhradh bios tu ’n sas
Aig nighean bhan Mhic-Mhaoilein.
’Nuair thig an Geamhradh ’s tiom nam bainnsean
Gheibh sinn dram de’n “Toiseach;”
Bi Nollaig chridheil aig clann nighean,
’S aig na gillean oga;
Bi mnathan fein a ruith ’s a leumnaich,
’S iad ri eibhneas comhla;
’S bi dram aig bodaich ann am fodar,
’S sogan orra ’g oran!
Moch ’sa mhaduinn rinn sinn dusgadh
’S thog sinn siuil ri garbh-chrainn;
Chunnacas buthra mor a’s dulachd
Tigh’nn bho’n taobh o’n d’fhalbh sinn.
Gu’n sheol i mach le borb na frois,’
’S i toirt a steach gu gailbheach,
’S i falbh le stuchd air bharr gach suigh,
Si togail smuide de’n fhairge!
Bu mhath an uair sin a bhi shuas
Air airidh luachrach Uige,
Far ’m biodh na h-uain ’s na caoraich luatha
’Ruith mu’n cuairt gu siubhlach;
Mi-fein ’s mo chruinneag air mo ghualainn,
’S sinn gu h-uallach luthor;
Gach fear is gille ruith mu’m cuairt
A’s Domh’ull Ruadh le chu ann.
O sid an gleann a b’ ailte sealladh
Ri moch maduinn reota,
Na caoraich gheala dhubh a’s ghlasa
Pairt dhiubh tarruing sproiceach;
Gach lair le searrach m’ bun gach beallaich
’Mach ri srath nan lointibh,
’Sa dh’ aindeoin gaillionn fuachd no earraich
Cha’n iarr mart ann crodhadh.
Gheibhte sgialachd an ro bhriagh’
Aig bodaich liatha cheannaghlas,
B’iad fhein na seoid nuair bha iad og
A’ trusadh bho a garbhlach;
Gu’m biodh iad tric ’san Eaglais-Bhric
Ag iarradh mhart as mheanbh-chruidh;
’S cha rachadh brog a chur ma spog
Gu ruig an ceo bho ’n d’ fhalbh iad!
’S lionar maighdean bhoidheach chuimir
Tha ’g obair le cuibhle,
Sniomh na rolaig, seinn na luinneig
’S tha gach tuireadh binn aic;
S naithne ’s boidhche ruith tre meoiread,
’S cothrom comhnard sinte,
A falt na dhuail ma chul a cluais’
Air thogail suas le cirean.
’S iomadh oidhche-fhliuch a’s fhuar
A chaidh mi suas do’n Fhad-chreig,
’Dh’ amharc air a chaillaig bhuadhaich—
Sid a’ ghruaidh ’n robh naire,
’S a dh’ aindeoin na rinn luchd an tuaileisg
Bhuair mi thu bho d’ chairdean,
Phos mi nis thu ’s thug mi uath thu,
’S bha sid cruaidh air Padruig.
’Nuair bha mis og a’s mi gun stoladh
Bha mi gorach aotrom,
Falbh an comhnuidh measg nan oighean,
Cumail comhradh faoin riu;
An te bheireadh seachad pog
Gun gabhainn doigh ri taobhse,
S an te nach nach toireadh seachad corr
Gu faighinn dorn san aodann.
Fhir a shiubhlas gu mo dhuthaich—
’S ann a Uige dh’ fhalbh mi—
Thoir beannachd dubhailt gu ’m luchd duthcha
Chosgas crun a dh’ airgead;
Ma chaidh Seochdan anns an uir,
Codhuinidh mi mo sheanachas,
A’s bi mi’n duil gu faic mi thu
Mu’n theid an t-suil an Earmchul.
CALUM DOMHNULLACH,
Bho Uige Innse-gall, roimh bliadhne ’40.
Nighean Bhan Ghrulainn.
Thug mi run ’s chuir mi uigh
’S an te uir a dh’ fhas tlath;
Maighdeann chiuin dh’ an tig gun,
Cha b’e ’n t-ioghnadh leam d’ aillt!
’S ann an Grulainn fo’n Sgurr
Tha mo run gabhail taimh;
Maighdean ur a tha ciuin,
’S i mo run-sa thar chaich.
Gu’n do bhruadair mi ’n raoir,
A bhi d’ chaoimhneas a ghraidh;
’S ’n uair a dhuisg mi am shuain,
B’ fhada bhuam thu air sail.
Tha do shlios mar chanach loin
No mar eala oig air traigh;
Gruaidh is deirge na’n ros,
Beul a’s boi’che ni gair.
Pearsa direach gun chearb,
Aghaidh mheanbh dearg a’ ghraidh
Mar ghath greine ’s an fhairg’
Tha do dhealbh am measg chaich.
Dosan liobharra reidh
’Se gu h-eibhinn a’ fas;
Tha e sios ort na chleit,
’S air gach te bheir tu barr.
’N uair a rachainn sa gu feill
Bu leat fhein seud no dha;
’S bhiodh tu cinnteach a gun
As na buithean a b’ fhearr.
Ged bu leamsa le coir
Na tha dh’ or anns a’ Spainnt,
Liubhrainn bhuam e le deoin
Air son poig bho ’n te bhain.
Dh’ aindeoin tuaileas luchd-bhreug,
Tha gach ceill riut a’fas,
Tha thu firinneach reidh,
Bho’n le cheam thu air lar.
BAS.
—Ann an Dorchester, Mass., air an 9mh latha de’n Mhart, Peigi Nic Aonghais, a mhuinntir Grand Mira, 38 bliadhna dh’ aoii. R. I. P.
ThaUnion Blend Teacordadh ris na h-uile; agus ’nuair a tha $400 ’ga thoirt seachad gach bliadhna dhaibhsan a bhios ’ga ceannach, nach beag an t-ioghnadh ged nach b’urrain na marsantan seorsa sam bith eile chreic.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
title | Issue 36 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 36. %p |
parent text | Volume 8 |