[Vol . 8. No. 37. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 20, 1900. No. 37.
NA SPUINNEADAIREAN.
Ann an deireadh an t-samhraidh anns a bhliadhna 1700 air do bhuidhinn, àireamh dithis mhaighdean agus dithis fhleasgach, a bhi ’tilleadh gu ’n dachaidh ann am Banff á pairt do’n Ghàidhealtachd far an robh iad air chuairt, thainig glomanaich an fheasgair orra ann an Glac-na-Bein-mhor, aon do na h-aiteachan cho uaigneach agus cho fiadhaich ’s a tha ann an ceann a tuath na h-Alba. Bha maighdeannan na buidhinn so na ’n dithis òg, agus bha te dhiu, gu h-araidh, barraicht’ air briaghad. B’e ainm na te so Eilidh Mhartuinn, nighean duine bha’n sealbh air mor shaibhreas agus a’ fuireach aig criochan a bhaile roimh-ainmichte. Aig an àm anns a bheil sinn a toirt Eilidh am fianuis an leughadair bha i direach am mach as a naoidh bliadhn’ deug a dh’ aois. ’S ann ni b’ iosla na ’n cumantas dhe ’gnè a bha i, ach bha ’pearsa cnmadail gun uireasbhuidh dealbha. Bha h-aghaidh chruinn ruiteach a sealltainn dealbh na slàinte agus a nochdadh uaisle, faoilteachd agus baighealachd. Le firinn bha e do dheante sealltainn air cumadh us dreach Eilidh Mhartuinn gun e thighinn a d’ inntinn gu robh thu ’faicinn mu d’ choinneamh na b’ urram nàdur a bhuileachadh ann an comhlionadh àileachd. Ma bha am sònraichte air bith aig a robh a h-àileachd a toirt barr ’s ann an uair a bhiodh i a’ crathadh a cinn a cur a nunn nan camlubach bachlach, orbhuidh leis an robh e air a sgiamhachadh; a suilean gorm agus tlàth, tuigseach; a bilibh ròs-dearg, ’s i ’ghnáth na faireachadh airson gach facal a theirte ma chuairt dhi a thuigsinn. Aig an am sin agus na leithid sin de shuidheachadh, bha i, gun teagamh, ni bu choltaiche ri aon de na creutairean spioradail a ghafhas an inntinn tlachd ann a bhi dealfhadh na ri cruitheachd duine. An te bu bhan-chompanach do dh’ Eilidh air a chuairt so mu thimchioll na bhruidhinn sinn, agus mu ’m bheil sinn a dol a thoirt cùnntas ni ’s min, b’i fior bhan-chairid dhi fein. A h-aon do na daoine uaisle, bu dluth dhaimheach do dh’ Eilidh, an t-aon eile bu bhràthair e da ban chompach. Bha a bhuidheann a bha uile marcachd air eich bheaga Albannach, a nis air an glacadh le glomanaich na h-oidhche, a gabhail cùram as an snidheachadh, oir bha fhathasd romp air a chuid bu lugha coig-mile-diag de rathad fiadhaich, cnocach mu’n ruigeadh iad àit’ air bith ’sam faigheadh iad fasgadh. Bha làn fhios aca ’sa mhaduinn ’n uair a dh’ fhalbh iad air an astar a bh’ aca ri dhol, agus bha fios aca mar an ceudna gu robh e riatanach dhaibh cabhag a dheanamh gus an t-astar fhaighinn seachad ri solus an latha; ach lan slàinte us spioraid agus air an lionadh le àilleachd na dùthchadh a bha aig a h-uile tionndadh do’n t-slighe a foillseachadh sealladh as ur, bha iad cho maireullach air an turus ’s gun a chosd iad an uine agus gun ac’ ach gle bheag us leth an astair seachad. Anns an imcheist so, cha robh air ach dol air adhart mar a b’ fhearr a ghabhadh deanamh, ceartachadh bochd gu leoir air an dearmad, ach air chinnt, ni nach robh soirbh dhaibhsan a choimhlionadh, oir cha robh fhios aca gu rc-mhath mu ’n rathad a bh’ aca ri gabhail. Air an aobhar sin dh’ eibh fear do na daoine ri cach stad is gu’m beachd-smaointicheadh iad ciod a b’ fhearr dhaibh a dheanamh anns an t-suidheachadh, agus fiach an tuigadh iad eatorra ciod a cheart bhad anns an robh iad, na de ’n t-slighe b’ fhearr dhaibh a ghabhail anns na bha rompa do’n astar. Gus a chuis a dheanamh ni bu mhiosa thòisich sileadh trom uisge agus bha nuallan tairneanaich an dràsd ’s a rithisd ri toirm, a toirt freagairt fo mhac-tall’ as gach beinn. Choinnich a bhuidheann a nis nan aon chròlagan a stigh fo fhasgadh sgor creige airson an dion o’n uisge agus gus an cinn a chuir ri cheile mar a dh’ ainmich mi. Mi-thoilichte ’s mar a bha ’n suidheachadh cha robh iad fhathast fo mhoran cùram. Ghearaineadh na maighdeannan, gun teagamh, air uaireabh am mi-shuaimhneas, ach bha sin gu grad air fhuadach le sunnd is cridhealas an companach a bha ’gabhail seorsa toileachaidh á bhi ann am beagan cunnairt, agus bha iad gun dearmad a’ fiachainn ris na faireachdainean ceudna ’ghluasad ann an inntinn am ban-chompanaich. Bha Eilidh, a dh’aindeoin ciùineachd a nàdair agus meurantachd a pearsa, buileach deigheil air gach ni anasach a thigeadh f’a comhair fhaicinn agus air dhi a bhi gu smaointeachail a’ gabhail beachd air na beanntainibh aibheiseach a bha ’g eiridh ma chuairt dhaibh, air gach taobh agus mar an ceudna air doimhneachd a ghlinne troimh ’n robh iad a’ dol, agus a bha iad a nis gus a bhi aig a chuid a b’ àrde dheth, shaoil i gu ’m fac i troimh ’n doillearachd coltas duine a direadh na glaice dh’ionnsuidh an àite ’n robh a bhuidheann. Thug i faire càirdean dh’ ionnsuidh an ni bha ag imeachd an taobh a bha iad is a bha ann am beagan ùine faisg gu leòir gus fhaicinn gur e duine mor, ard a bh’ ann. Bha e tighinn gu luath, leis a cheum luthmhor, aigeannach sin a tha sònraichte do na Gàidheil, agus ag imeachd gun stri thar grunnd a bha cho cas cho doirbh ’s nach faigheadh neach air bith nach robh cleachte ri leithid do dh’ àite thairis air ach mall agus saoithreachail. Ach cha robh an neach, a bha nis a dlùthchadh riutha, a reir coltais, a’ faireachdain a h-aon do na deuchainean so. Bha e leum o chnoc gu cnoc gu h-aotrom ualach agus ann an uine ghearr bha e mar uidh beagan shlatan do’n àite ’san robh iad nan seasamh. A muthachadh do ’n bhuidhinn rinn e direach orra, agus a togail a bhonaid le ard-mhodhalachd is aogas mar phrionnsa, dh’ iarr e gu ’n gabht’ a leisgeul arson foirneadh orra, agus dh’ fhoighneach e an robh iad am feum cuideachaidh a bha ’n comas neach a bha eòlach ’s an aite agus toileach air, a thuirt dhaibh. A neach a bha nis na sheasamh air bialaobh na buidhne, agus a thug an tairgse chaoimhneil so dhaibh bu duine òg uasal e, co-dhiu, ’se sin cliù choisneadh a bhriathran agus a mhodh dha. Bha e air a sgeadachadh ann a làn eidheadh Gàidhealach duine bhiodh ann an urram aig an àm ud; ach ni bu tur fhearr agus ni bu chùramaich air armachadh na bha eadhon aig an am sin cumanta measg a luchd dùchadh. A thuilleadh air a bhiodaig, an t-arm cumanta, bha ’na chrios paidhir dhagaichean, agus, air a leis an claidheamh mor a bha do mhiadachd uamhasaich. Bha cruth an duine so, a bha ma thuairme coig agus fichead bliadhna dh’ aois sonruichte maiseach. Bha iomhaidh ciùin agus taitneach ri faicinn, gidheadh a nochdadh misneach agus run-suidhichte, buadhan a bha gu mor air a nochdadh leis an earradh àluinn leis a robh e air eideadh agus a bha freagairt cho eireachdail dha phearsa dheas dhirich. A dh’ aon fhacal, bha phearsa gu h-iomlan comharraichte taitneach. “ ’S eagal leam,” ars’ an coigreach ris a bhuidhinn, “nach tug sibh ma near airdead nam beann us farsuinneachd nan sliabh an so ’n uair tha sibh a muigh cho anamoch.” “Tha, ’chuis eadhon mar sin,” arsa fear de na daoin’ uaisle; chuir sinn an ùine seachad ’m faoineis, ’s tha sinn a nis a buain toradh ar neo-shuaimealachd. Cha ’n eil fhios againn air aon chuid, gu ro mhath, c’àite bheil sinn, no ciod an taobh is coir dhuinn a ghabhail. S’e mo bharail gu’m feum sinn direach a chuid is fhearr a dheanamh do’n chùis far a bheil sinn airson na h-oidhche ged nach ’eil na creagan so ach ’nan tubhadh meadhonach.” “O, cha bhiodh m’ fhaireachduinn air ’ur sonse; a dhaoin’ uaisle, ach aotrom,” ars an coigreach, “ged a bhiodh agaibh ri cadal air an fhraoch a nochd; rinn mis’ e mile uair; ach is eagal leam nach freagradh a leithid sin de chairtealan ach dona air na maighdeannan maiseach so.” “Gidheadh, feumaidh iad a bhi riaraichte le cur suas leis airson na h-oidhche so co-dhiu,” arsa fear de na daoine; “oir cha’neil nar comas ni ’s fhearr a dheanamh dheth.” “Theagamh gu faodadh sinne ni b’ fhearr a dheanadh dhith,” ars’ an coigreach. “Feumaidh rud-eigin a bhi deant’ airson na naighdeannan so faighinn fo fhasgadh. Faic mi,” agus mheoraich e tiotadh, a sin thuirt e, “Na saoillinn nach ’eil sibh ro ghrinn ma dheighinn bhur cairtealan, agus nan rachadh sibh leams’ air astar cupal mhiltean no mar sin, tha mi’m beachd gu’m faodainn gealltainn dhuibh, an car is mise, fasgadh taighe, agus an aoidheachd a’s fhearr an comas ar bothain Albannaich a thoirt seachad.” Ghabh a’ bhuidheann gu toileach ri tairgse chairdeal a choigrich; gach aon ag radh gun biodh iad ro thoilichte arson seòrs’ air bith de chairtealan; ghluais iad uile air treorachadh am fear-iùil. Co-dhiu ’s ann le roghainn no le tuiteamas, an am falbh, ghlac am fear-iùil srian an eich aig Eilidh, agus bha e ghnàth ro-fhaiceallach air gach ceum bu shocraiche na cheil’ a thaghadh. Ni mutha leig e ’n t-srian as a laimh fad an t-siubhail. Bha a chùis gu nadurra mar sin ag aobharachadh gu bicheanta do dh’ Eilidh agus do ’n choigreach a bhi na’n ònarachd; chionn gu’m b ’iad bu cheann-iuil, bha iad mar bu trice aireamh shlatan air thoiseach air cach, ni nach robh air a leigeadh an domail leis a choigreach a bha ’cuimseachadh, agus a soirbh-
[Vol . 8. No. 37. p. 2]
eachadh air drughadh air inntinn a bhan chompach, le ghiulan beusach ’s le chonaltadh tiugseach. Cha’n abair sin nach robh na buadhan so gu mor air am meudachadh le àilleachd agus duinealas an sealbhadair; ni mutha their sinn nach faodadh gu robh a nighean rolaisteach agus mhuthachail so roìmh-aomaichte, air an aobhar ceudna gus fhaicinn anns gach facal a theireadh e, moran barrachd na chitheadh te bhiodh ni bu neo-aireala. Biodh sin mar a dh’ fhaodas e, tha e cinnteach gur ann air a cheart oidhche so, agus air an dearbh àm so, a tharmaich na faireachdainean ùr agus annasach so ann an cridhe Eilidh Mhàrtuinn, faireachdainean maoth tlachdmhor ceud ghaol; ciod a reusan dhuinn a radh gu ’m bu ghliocas so fhuadach as a h-inntinn? Esan dha ’n tug i an grad mheas so bu choigreach, bu tur choigreach e. Bha eadhon ainm an-fhiosrach oirre, bha inbhe ’n doille oirre, ni b’ fhaide no barail, ni ged a bha sin gle fhàbharrach, a bha, gun teagamh neo-chinnteach. Cha robh urad ’s nach robh an seol air an d’ aimis iad a dùnadh a mach gach slighe air am faodadh i solus fhaotainn air ni ma thimchioll. Ach c’uin, ann an cridhe og, a bha gaol air a riaghladh le reusan? air chinnt cha robh ann an càs Eilidh Mhàrtuinn.
(Ri leantuinn.)
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XII.
Cha robh Domhull fad’ air bòrd na luinge an uair a dh’ fhàs an sgiobair agus an sgiobadh glé mheasail air. Bha e modhail, iomchuidh, agus dheanadh e a h-uile car a dh’ iarrteadh air a dheanamh. Rachadh e suas do’n chrann a b’ àirde gun eagal gun sgàth. Thuig iad gu’n deanadh e sheòladair gu ’chùl.
An uair a ràinig an long am baile-puirt, thuirt an sgiobair ri Domhull gu’n feumadh e dol air tir agus feuchainn ri faotainn air ais dhachaidh gun dàil sam bith. Thuirt Domhull ris gu’n rachadh e air tìr na’n iarrtadh air, ach nach tilleadh e dhachaidh air chor sam bith. Thuirt e gu ’n do chuir e ùigh ann an seòladh, agus nach cuireadh e làmh ann an obair sam bith eile gus am fairtlicheadh air obair fhaotainn air bòrd luinge.
An uair a thuig an sgiobair gu’n do chuir Domhull roimhe nach tilleadh e dhachaidh air chor sam bith, smaoinich e gu’m bu chòir dha feuchainn ri àite fhaotainn dha; oir bha eagal air gu’m faodadh droch cuideachd tachairt ris, o nach robh e ach òg. Dh’ aithniche gu’n deanadh e deagh sheòladair ri ùine nam faigheadh e ceartas. Bhruidhinn e ri caochladh sgiobairean m’a dheidhinn, ach cha robh aon seach aon dhiubh deònach fastadh a chur air Domhull. Ged a bha iad a creidsinn gu’n robh e tapaidh, neo-sgathach, bha e tuilleadh is òg leotha.
An uair a chunnaic an sgiobair nach robh coltas gu’m faigheadh e aite do Dhomhull, thuirt e ris gu’m feumadh e a chur air tìr; agus gu’n tugadh e dha airgiod a phàigheadh a thurus dhachaidh. An uair a chuala Dòmhull so thòisich e ri sileadh nan deur, agus thuirt e gu’m b’ fhearr leis fuireach far an robh e; agus nan tugadh iad dha greim de ’n bhiadh gu ’m biodh e toilichte gu leor. Bha truas gu leor aig an sgiobair ris ged nach robh e ’leigeadh air gu’n robh. Mu dheireadh dh’ aontaich e leigeadh leis fuireach air bòrd car beagan uine gus am faighteadh aite dha.
Gun dàil sam bith sgriobh an sgiobair a dh’ ionnsuidh a mhàthar, agus dh’ innis e dhi gu’n robh Domhull air an luing; agus mar a fhuair e air bòrd gun fhios dha; agus gun robh e cur an aghaidh am muigh ’s am mach tilleadh dhachaidh. Dh’ innis e dhi mar an ceudna gu’n robh e suidhichte air a chur air tìr an uair a ràinig e am baile-puirt; ach o nach gealladh e tilleadh dhachaidh gu’n robh eagal air ’fhagail ann am baile-mòr far nach robh duine beò a dh’ aithnicheadh e no a ghabhadh cùram dheth. Thuirt e rithe nach ruigeadh i leas cùram a bhith oirre m’a dhéidhinn fhad ’s a bhiodh e comhladh risan air bòrd, agus o’n a bha e soilleir dha nach deanadh e car obrach gu brath ach seòladh, gu’m bu cho math leigeadh leis leantuinn air an aobair anns an do chuir e ùigh. Thuirt e rithe mar an ceudna gu’n tugadh e air Domhull fhein sgriobhadh uice an uine gun bhith fada.
Gus an d’ fhuair a’ bhantrach an litir so o’n sgiobair cha robh fhios aice fhein no aig neach sam bith eile co dhiubh a bha Domhull beo no marbh. An latha dh’ ionndrainneadh e thòisicheadh ri ’mharbh-iarraidh. Cha d’ fhàgadh slochd no cnoc, no gleann, no coire, no cois cladaich, no monadh gun siubhal ’ga iarraidh. Ged a chuireadh fios do gach cearn dhe ’n dùthaich feuch am facas no’n cualas m’ a deidhinn, cha d’ fhuaras guth no iomradh air. Mu dheireadh thugadh duil thairis dheth buileach glan.
Rud nach b’ ioghnadh, chaidh a’ bhantrach bhochd buileach glan gu tuiream ’s gu tuirse ’s gu trom-inntinn. Theireadh i gu tric gu ’m biodh i toilichte gu leòr na ’m biodh a’ chorp aice gus a chur fo’n talamh. Bha mìle smaointean ag eirigh suas na h-inntinn mu thimchioll a liuthad dòigh anns am faodadh am bas tighinn ’n a rathad. Ach o nach d’ fhuaradh a chorp bha i iomadh uair an dòchas gu’m faodadh e bhith beò an àiteiginn.
Bha duine is duine ag ràdh gur dòcha gur ann air an luing a dh’fhalbh e; ach cha robh am beachd so a’ faotainn mòran creideis anns an àite.
An uair a chualas mar a dh’ fhalbh e, bha iomadh aon a’ bruidhinn air. Bha cuid a’ cur coire air a mhathair ag radh, na’n do chum i fo smachd e mar bu choir dhi, nach robh e air falbh idir. Theireadh cuid eile gur e an droch coartas a bha e faighinn ann an taigh Aonghais ’ic Callum a thug air falbh e.
Bha mhàthair toilichte gu leor an uair a chual’ i gu’n robh e beò, slàn. Bu cho math leatha e dhol gu obair sam bith eile ri e dhol gu muir; ach air a shon sin bha i taingeil nach e naigheachd a bhàis a fhuair i. Mar a tha’m facal ag ràdh, “Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi dùil ri beul uaghach.”
A h-uile uair a bheirteadh iomradh rithe mu Dhomhull anns an àm, theireadh i gu tric “Domhull dona, Domhull dona.” Mu dheireadh thòisich gach duine a bheireadh iomradh air ri bhith ’ga ràdh, “Domhull dona” ris mar a theireadh a mhàthair. Is ann mar so a fhuair e’n t-ainm, “Domhull dona mac na bantraich.” Ach bha ’n t-ainm so air duine roimhe.
Bha Domhull cho sona ’s a bha ’n latha cho fad air bòrd na luinge. Ged nach robh e ach òg, lag gu leòr, dheanadh e feum fir bu shinne ’s bu treise na e. A h-uile latha mar a bha ’dol seachad, is ann bu mheasaile a bha’n sgiobair agus an sgiobadh gu léir a’ fàs air. Mu’n robh e moran uine air an luing rinn an sgiobadh suas eatorrra fhein gu’n ceannaicheadh iad deise mhath aodaich dha. Rinn iad so cho luath ’s a ràinig iad am baile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach.
Mu’n d’ fhuair iad an ath luchd air bòrd chuireadh fastadh air Domhull gu bhith ’na làimh air an luing. Thug so toileachadh mòr dha. Bha e air fas gu math eòlach air an sgiobair ’s air an sgiobadh, agus b’ fhearr leis a bhith comhladh riutha gun tuarasdal sam bith na bhith air luing eile, ged a gheibheadh e tuarasdal mor. Chuir e roimhe an latha dh’ fhastadh e gu’n tugadh e ìre mhath as a thuarasdal a chum gu’n rachadh aige air beagan dheth a chur thun a màthar.
Gus a so cha do sgriobh e facal ’ga h-ionnsuidh; oir bha nàire gu leòr air a chionn gu’n do theich e. So a cheud litir a sgriobh e; oir ghléidh a mhàthair i gu curamach, agus gach litir a chuir e uice fhad ’s a bha i beò:—
“A MHATHAIR GHAOIL: —Ged a theich mi gun fhios dhuibh tha mi’n dochas gu’n toir sibh mathanas dhomh. Ged nach robh an obair a bh’ agam a’ cordadh rium bha mi air cur suas leatha mur b’e gu ’n robh toil mo chridhe agam a dhol a sheoladh. Tha mi cur romham gu’n toir mi an aire mhath do mo thuarasdal, agus gu’n cuir mi beagan ugaibh cho luath ’s a choisneas mi e. Tha mi air fastadh a ghabhail aig sgiobair na luinge air an d’ fhalbh mi, agus feumaidh mi falbh comhladh ris gus am bi mi nam lan sheoladair. Tha e fhein agus an sgiobadh uile anabarrach caoimhneil rium. An uair a thainig sinn do ’n bhaile so cheannaich iad deise mhath aodaich dhomh. Ma bhios mi beo agus slan bheir mi dhuibh a h-uile cuideachadh a’s urrainn domh.
Abraibh ri Mairi ’s ri Catriona gu ’m bheil mi ’g earbsadh riutha iad a bhith umhail dhuibh, agus a bhith gle mhath dhuibh. An uair a thilleas sinn bhar ar turuis a Ceann-a- deas America cniridh mi airgiod uca gus gun an te a cheannach.
Bithibh gu math do’n fhear bheag, agus cuiribh do’n sgoil e an uair a thig an samhradh.
Moran bheannachd do’r n-ionnsuidh gu leir. Tha mi’n dochas gu’m bi sibh uile beo, slan an uair a thilleas mi.”
DOMHULL.
Tha’n litir so na ’s poncaile ’s na ’s ordaile na chuireadh daoine ma choinneamh an fhir a sgriobh i; ach ged a sgrìobh e i le làimh fhein, gidheadh bha fear dhe na seoladairean ag innseadh dha mar a theireadh e. Agus is e sin a dh’ fhàg cho ordail i.
A’ cheud latha Sabaid a bha iad anns a’ bhaile puirt, chaidh e fhein agus triuir no cheathrar eile dhe’n sgiobadh a dh’ fhaicinn a’ bhaile. Bha ioghnadh mor air an uair a chunnaic e an doigh anns an robh aireamh mhòr de mhuinntir a bhaile a’ cur seachad na Sabaid. Ar leis gu’n robh an àireamh bu mhò dhe na daoine a chunnaic e mar nach biodh iad a’ creidsinn gu ’n robh Dia idir ann. Bha’n latha briagha, blàth, agus bha na sràidean cho dùmhail le daoine dhe gach inbhe ’s cruth is coltas ’s gur gann a gheibheadh e fhein ’s a chompanaich àite air an coisicheadh iad.
An uair a bha iad greis mhath a’ coiseachd troimh ’n bhaile, chaidh iad do aon dhe na pàirceannan anns am biodh mòran a dh’ ìslean ’s a dh’ uaislean a’ bhaile a sràidimeachd. Bha àireamh mhòr shluaigh anns a’ phàirc so, agus ar le Domhull gu ’n robh iad pailt na bu choltaiche ri daoine nach robh creidsinn ann an Dia na bha na daoine a thachair ris air na sràidean. Chuir na bha e faicinn ’s a’ cluinntinn a leithid a dh’ ioghnadh air ’s nach b’ urrainn e gun labhairt m’a dheidhinn ris an seoladairean. Thàinig fiamh gaire air an gnùis gu léir an uair a chual’ iad a’ labhairt e. Ach thuirt fear dhiubh, “Cha ’n fhac’ thu fhathast ach beagan dhe ’n t-saoghal. Dean foighidin gus an ruig thu Ceann-a- deas America. Sin far am faic thu rud ris am faodar bristeadh na Sabaid a ràdh. Cha’n ’eil math dhut a bhith ’smaointean gu’m bheil gach aon a chunnaic thu air sràidean a’ bhaile, agus anns a’ phàirc so, ’nan daoine aingidh gun eagal gun chùram mu dheidhinn an anama. Tha iomadh a h-aon dhe na daoine nach deachaidh am mach air na dorsan an diugh mòran na’s miosa na iad. Cha chum dorsan dùint an t-olc am mach idir.
(Ri leantuinn.)
Cha fhreagair an aon obair do na h-uile fear, còrdaidh so ris an darna fear, agus sud ris an fhear eile. A bharr air sin, tha gnothuichean a caochladh mar na h-amaibh; cha ’n ionnan seirbheis thaitneas ri feadhain air laithean-féille is air laithean eile.
[Vol . 8. No. 37. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. III.
Cha’n urrainnear cainnt a chur air an t-suidheachadh inntinn anns an robh Cacan, an t-ard-chomhairleach an uair a chual’ e an gniomh eucorach, ann-dana a rinn Nouredin. “Ah!” ars’ esan, agus e ’bualadh uchd, agus a’ spionadh ’fhuilt is ’fheusaig, “a mhic na truaighe, nach airidh air a bhith beo! an do thilg thu sios d’athair mu dheireadh o’n t-suidheachadh ard agus shona anns an robh e a dh’ionnsuidh an t-suidheachaidh mhi-fhortanaich a choisneas gun dail dha masladh agus bas? Cha sasaich aon chuid do bheath-sa no mo bheatha-sa corruich gheur an righ air son na tamailt a thugadh dha.”
Dh’ fheuch a bhean ri comhfhurtachd a thoirt dha, agus thuirt i ris, “Na bi fo amhghair na ’s fhaide mu ’n chuis; reicidh mise na bheil agam de sheudan, agus bheir mi dhut deich mile bonn oir leis an ceannaich thu boirionnach eile do ’n righ a bhois na ’s briagha na Bean na Maise, agus a bhios na ’s freagarraiche air a shon na ise.”
“A bhean mo ghaoil,” arsa Cacan, “am bheil thu ’smaointean gu ’n cuireadh call deich mile bonn oir mise fo amhghair cho mor so? Cha ’n e an call sin, no call a h-uile ni a th’ agam ris an t-saoghal a tha cur a leithid de dhragh orm, ach call m’ inbhe agus mo chliu, nithean a tha na ’s luachmhoire ’nam shealladh na uile ionmhas na talmhainn.”
“Tha sin fior gu leor,” ars’ a bhean; “ach call a ghabhas leasachadh le airgiod, cha chall ro mhor e.”
“Ciod a tha thu ciallachadh!” ars’ esan.” Nach ’eil fhois agad gur e Saoudhaidh mo dhearg namhaid? Cha luaithe thig na gnothaichean so gu ’chluasan na theid e far em bheil an righ a ghearain gu trom orm. Their e ris an righ, ‘Tha bhur morachd an comhnuidh a’ labhairt mu ’n durachd agus mu ’n dealas leis am bheil Cacan a’ deanamh seirbhis dhuibh; ach faicibh an doigh anns an do dhearbh e o chionn ghoirid gu ’m bheil e airidh air a’ mheas agus air a’ chaoimhneas a bha sibh gus a so a’ nochdadh dha. Fhuair e deich mile bonn oir gus boirionnach ro bhriagha a cheannach dhuibh; agus, gus a cheartas fhein a thoirt dha, rinn e a ghnothach cho math ’s a ghabhadh deanamh, oir cheannaich e an aon bhoirionnach a’s briagha air an do dhealraich grian riamh. Ach an aite a toirt dhuibhse mar bu choir dha, b’ fhearr leis a toirt mar thiodhlac dh’ a mhac fhein. ‘A mhic, ars’ esan, ’gabh am boirionnach briagha so o ’n a tha thu na ’s fhearr an airidh oirre na ’n righ.’ An sin leis an droch run a tha cho nadarra dha, their e, ‘Tha i nis aig a mhac dha fhein, agus tha e gach latha gu solasach ’na cuideachd, gun bhacadh o neach sam bith. Is e an tul-fhirinn a tha mi ag innseadh dhuibh; agus ma tha sibh a’ cur teagaimh ’nam bhriathan, faodaidh fios fhaotainn mu ’n chuis sibh fhein. ’”
“Nach ’eil thu faicinn gu soilleir,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “gu ’m faod an righ ma chluinneas e a leithid so de sgeul tuaileasach, maoir a chur g’ am ghlacadh, agus Bean na Maise a thoirt uam, a bharrachd air mile mi-fhortan eile a chur ’nam rathad.”
“Mo thighearna,” ars’ a bhean, “tha fhios agam gu ’m bheil Saoudhaidh lan de ghamhlus agus de mhi-run, agus ma gheibh e am fios a’s lugha mu ’n chuis gu ’m feuch e ri feum a dheanamh dheth gus a dhroch innleachdan fhein a chur air aghart, agus thusa ’chur as do dhreuchd. Ach cia mar a tha e comasach gu ’m ghaifeadh neach sam bith fios air na nithean diomhair a tha tachairt anns an taigh so? Ged a thigeadh a’ chuis gu cluasan an righ, agus gu ’n cuireadh e ceist ort mu ’dheidhinn; nach fhaod thu a radh, gu ’n do thuig thu, an uair a rinn thu mion-rannsachadh mu ’n chuis, nach robh i cho freagarrach air son cuirt an righ ’s a bha thu an toiseach an duil; agus gu ’n d’ thug am marsanta a reic ruit i an car asad; agus ged a bha i anabarrach briagha, nach robh i cho ionnsaichte ’s bu mhath leat. Cha ’n ’eil teagamh nach creid an righ a h-uile facal a their thu, agus bidh dorran gu leor air Saoudhaidh an uair a chi e nach teid a dhroch innleachdan leis mar a bha duil aige. Gabh misneach ma ta; agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, curidh tu fios air maithean na cuirte, agus their thu riutha nach ’eil Bean na Maise a’ cordadh riut; agus bheir thu ordugh dhaibh boirionnach maiseach eile fhaotainn dut cho luath ’s a theid aca air,”
Dh’ aidich Cacan gu ’n robh a’ chomhairle so a thug a bhean air gle reusanta, agus o ’n a bha ’fhearg a’ traoghadh gu math, chuir e roimhe gun gabhadh e i. Ach bha e lan shuidhichte gu ’n deanadh e trom dhioghaltas air Nouredin.
Cha ’d thainig Nouredin ann an sealladh fad an lath’ ud; agus o nach robh de mhisnich aige na dh’ fhalaicheadh e fhein am measg a chompanach, air eagal gu ’n rachadh ’athair air a thoir do na taighean aca, chaidh e astar beag am mach as a’ bhaile agus dh’ fhalaich e e-fhein ann an garadh far nach aithnicheadh duine sam bith e. Cha robh e tilleadh dhachaidh gus an saoileadh e gu ’n robh ’athair air a dhol a laidhe; agus an uair sin dh’ fhosgladh na searbhantan an dorus dha, agus rachadh e steach gu bog, balbh. Rachadh e am mach ’s a’ mhadainn mu ’n eireadh’ athair. Lean e air an doigh so fad mhios, ged a bha cuisean a’ mi-chordadh ris gle mhor. Bha na searbhantan ag innseadh dha an comhnuidh gu’n robh ’athair ann an curruich ris cho mor ’s a bha e riamh, agus gu ’n robh e an comhnuidh a’ boideachadh gu ’n cuireadh e gu bas e cho luath ’s a gheibheadh e greim air.
Ged a bha fhios aig a mhathair gu ’n robh Nouredin a’ cadal a staigh a h-uile oidhche, cha robh i an toiseach a’ faotainn de mhisnich na dheanadh eadar-ghuidhe ri ’athair air a shon. Mu dheireadh chuir i roimpe gu ’n gabhadh i a’ cheud chothrom a gheibheadh i air bruidhinn ri ’athair as a leith.
Air latha araidh thurit i ris, “Mo thighearna, gus a so cha robh de mhisnich agam na theireadh facal ruit mu dheidhinn do mhic; ach a nis ceadaich dhomh fheoraich dhiot ciod a tha ’nad bheachd a dheanamh ris? Cha ’n urrainn mac olc a’s mo a dheanamh air athair na rinn Nouredin ortsa. Thug e uat an t-urram agus an toileachadh a bhiodh agad ann a bhith tairgseadh do ’n righ an aon bhoirionnach a’s maisiche a chunnaic suil riamh. Tha mi ’g a aideachadh so. Ach an deigh a h-uile rud, am bheil thu ’muigh ’s am mach suidhichte gu ’n cuir thu do mhac gu bas, agus, mar sin, an aite olc beag nach bi fad air chuimhne, an toir thu olc ort fhein a bhios mile uair na ’s mo? Am bheil eagal ort gu ’n dean sluagh aingidh, mi-runach do chliu a thoirt air falbh gu buileach, an uair a gheibh iad am mach an t-aobhar air son nach leig thu le do mhac tighinn a steach air do dhorus oidhche no latha? Cha bu mhath leat gu ’m biodh fiios aig daoine air an aobhar; agus nam faigheadh iad am mach e, thigeadh am mi-fhortan sin ort a tha thu nis cho toileach a sheachnadh.”
“A bhaintighearna,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha gliocas agus tuigse anns na briathran a labhair thu; ach air a shon sin cha ’n urrainn domhsa mathanas a thoirt do Nouredin gus an dean mi dioghaltas air mar is airidh e.”
“Nithear dioghaltas gu leor air,” ars’ ise, “ma ni thusa mar a dh’ iarras mise ort. Feumaidh mi innseadh dhut gu ’m bheil do mhac a’ tighinn a steach an so an deigh dhutsa dhol a laidhe. Tha e cadal a staigh, agus tha e teicheadh am mach a h-uile madainn mu ’n eirich thu. Feith an nochd gus an tig e, agus leig ort gu ’m bheil thu ’dol ’g a mharbhadh. Theid mise anns an eadraiginn, agus an uair a chi e gur ann air mo chomhairle-sa a leigeas tu leis a bheatha, faodaidh tu toirt air Bean na Maise a ghabhail mar mhnaoi air chumhnanta sam bith a thoilicheas tu. Tha gradh aige dhi, agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil gradh aicese dhasan.”
Bha Cacan toileach gu leor deanamh mar a dh’ iarr a bhean air. Agus an uair a thainig Nouredin a steach aig an uair ghnathaichte, bha ’athair air chul an doruis. Cha bu luaithe a chaidh e steach na rug ’athair air agus leag e air an urlar e. An uair a sheall Nouredin os a chionn, chunnaic e ’athair agus biodag ’na laimh deas gus a stobadh ann.
Anns a’ mhionaid thainig a mhathair, agus an uair a rug i air laimh air ’athair, thuirt i, “Mo thighearna, ciod a tha thu ’dol a dheanamh?”
“Leig as mo lamh, a chum gu ’n cuir mi mo mhac truaillidh, suarach gu bas,” ars’ ’athair.
“Cuiridh tu mise gu bas an toiseuch,” ars’ a mhathair; cha leig mi leat air chor sam bith do lamhan a shalachadh ann a d’ fhuil fhein.”
An uair a chunnaic Nouredin mar a bha, ghlaodh e gu goirt, agus na deoir a’ sruthadh o ’shuilean, “Athair, tha mi ’guidhe gu ’n nochd thu iochd agus trocair dhomh, agus cha ’n fhaod thu mathanas a dhiultadh dhomh o ’n a tha mi ’g a iarraidh ann an ainm an Ti ann an lathair am feum sinn seasamh air an latha dheireannach.”
Leig Cacan leis a mhnaoi a’ bhiodag a thoirt as a laimh; agus cha bu luaithe chunnaic Nouredin so na thilg e e-fhein aig casan ’athar, agus thug e pog dhaibh mar chomharradh gu ’n robh fior aithreachas air air son an uile a rinn e ’na aghaidh.
“A Nouredin,” ars’ ’athair, “thoir taing do d’ mhathair, o ’n is ann gu buileach air a sgath a tha mise ’toirt mathanais dhut. Tha mi dol a thoirt Bean na Maise dhut air chumhnanta gu ’n toir thu dhomh do mhionnan gu ’n gabh thu i mar do bhean laghail phosda; agus nach reic thu i. Tha i glic, tuigseach, geurchuiseach, agus tha i moran na ’s fhearr giulan na [ ? ] fhein. Tha dearbh chinnt agam gu ’n teid aice air stamhnadh a chur ort, agus air do chumail o thu fhein a chur gu buileach a dhith.”
An uair a chuala Nouredin so, agus gun duil sam bith aige gu ’m biodh ’athair cho caoimhneil agus cho truacanta ris, thug e mile taing dha le uile dhurachd a chridhe; agus bhoidich e gu ’n deanadh e mar a bha ’athair ag iarraidh air. Bha ’n t-ard-chomhairleach, Bean na Maise, agus Nouredin gle thoilichte agus gle riaraichte leis mar a chuireadh crioch air a ghnothach.
(Ri leantuinn.)
OMAR KHAYYAM
Am Bard Persianach.
LE DOMHNULL MAC EACHARN.
(Air a leantuinn.)
Tha mar is trice, na baird Ghaidhealach a’ sealltuinn air aghaidh náduir, le sùil gheur, shoilleir, ’s a’ cur an céill ann an cainnt phoncail, dhealbhaich, an ni mar a tha e g’a thaisbeanadh fein do’n t-suil, ach is ainneamh leòtha Nàdur a cheasnach-
(Air a leantuinn air taobh 294.)
[Vol . 8. No. 37. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, APRIL 20, 1900.
Litir a Ontario.
FHIR-DEASACHAIDH: —Tha’n t-earrach air tighinn aon uair eile. Tha’n sneachda falbh na shruth sios leis gach cnoc is gleann. Tha na h-uisgeachan le beuchdaich bhuirb a dol tonn thar thonn sios leis na h-aibhnichean mora. Tha gach fearann agus rathad mor nan clabar creadha. Tha gach ionad iosal air a chomhdach le uisge; na h-uile ni dhiubh so a teagaisg duinn nach eil an uine fad as gus an tig am cur an t-sil. Tha gach aon a tha ’g-àiteachadh na talmhainn a deanamh deasil air son a bhith an ordugh nuair a thig an t-àm. Tha cuid a teannadh ri bhi deanamh siùcair ach cha deachaidh bheag a dheanamh fhathast dhe’n stuth mhilis sin.
Bha moran a gearan le tinneas re a mhios a chaidh seachad, ach tha iad uile air faotainn nis fearr ach fior bheagan de sheann daoine, agus cha’n eil mor ioghnadh ann ged nach deid iadsan tha dol fada thairis air an uine ’s fhaide a th’air a ghealltuinn do’n duine am feobhais. An duine og tha e nadurra dha bhi coimhead roimhe air son moran bhliadhnachan fathast, ach an seann duine a chunnaic moran bhliadhnachan thairis air a cheithir fichead cha’n eil dol as aige, oir sann le tuille neart a tha e air a ghleidheadh beo air an talamh gus an àm so. Tha cuid nar measg a tha togail orra agus a falbh do dhuthchannan fad as a smaointin gun dean iad a fortan nis luaithe. Tha e fior gu leor gun dean iad airgiod nis fhusa na ni iad e anns an aite so, ach tha moran a bharrach aca ri cur suas leis anns na h-aiteachan ura na bha aca an so.
Tha margadh gle mhaith an so air an earrach so; tha pris mhor air mucan; tha iad suas ri seachd dolair an ceud, marbh. Tha caoraich fo choig gu deich dolair an ceann. Mart no bo mhaith, da fhichead dolair an te, agus gach ni eile air reir sin. Tha tuarasdal math aig sgalagan; tha gillean oga a faotainn suas ri fichead dollar sa mhios fad sia miosan aig tuathanaich.
Chunnaic mi leabhar ur an latha roimhe air a chur a mach leis an Urramach A. MacGilleain Sinclair. ’Se Eachdraidh Cloinn Ghilleain a tha ann, agus saolaidh mi gum bu chor do na h-uile h-aon anns am bheil boinne de dh’ fhuil na Fine sinn an leabhar a cheannach. Tha againn gu leor diubh anns a choimhearsnachd so— ’se cloinn Illeain agus cloinn Donuill da fhine is pailte tha ri fhaotainn ’san ait. Tha cloinn Mhic Ille-Mhaoil agus eloinn Artair gu maith bitheanta. Se Donull Mac Ille-Mhaoil a bha sealltuinn dhomh an leabhair a tha mi ag ainmeachadh. ’Se caraid dileas do’n Urramach Maighstir Sinclair a th’ann an Donull.
Bha sinn duilich a chluinntinn gu’n robh am fear-deasachaidh tinn cho fada. Bha sinn a smaointean gu’n robh rud eigin cearr air nuair nach robh sinn a faotainn a Mhac-Talla fad tri seachdainean ach tha sinn a nis ga fhaotainn gach seachdain, agus tha sinn an dòchas nach fàs am fear-deasachaidh tinn tuilleadh, ach gu’m bi e gu slàn fallain air son a bhi cur an ordugh dhuinn a phaipeir mhaisich air am bheil e na cheannard, oir bu mhor am beud gu’n eireadh ni sam bith dha, oir cha’n eil aon eile ann an deich mile Gaidheal a ghabhadh a chuing air fein mar rinn esan nuair a thoisich e air cur a mach paipear ann an cànain a shinnsearachd, agus tha sinn an dochas gu seas gach Gaidheal suas, agus gum bi iad a deanamh an dleasanais ris mar is cubhaidh dhaibh. Tha iomadh dòigh anns a faod iad a bhi ’ga chudeachadh le bhi cur uige aigheachdan as gach cearn de’n duthaich. Le bhi deanamh sin bidh e ne’s fassa do’n fhear-dheasachaidh am paipear a chur air doigh. Agus an doigh a’s fhearr sam bith, a bhi toirt da an aon ni feumail eile, nach h-urrainn sinn feum a dheanamh as aogais anns a bheatha so, ’se sin pàigheadh.
Chaochail seann bhean air maduinn an la an duigh faigs air an aite so, aois ceud bliandna; bha i na h-ighinn òig an am Blar Waterloo. Cha’n eil a bheag agam ri radh nis faide, agus feumaidh mi bhi sgur air an àm so. Slan leibh an tràs.
Is mi ur caraid,
IAIN MAC ’ILLEASBUIG,
Priceville , April 7, 1900.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dec . 8, ’99. —1yr.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
[Vol . 8. No. 37. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha tuiltean mora ann an Stàidean meadhonach air an earraich so, agus bha àireamh dhochaidean air an sguabadh air falbh. Bha milteau dhe ’n rathad-iaruinn air an cur fodha, agus bha moran barra air a mhilleadh.
Chaochail fear Gilleasbuig Mac-a- Phi ann an Gay’s River, N. S., o chionn ghoirid an deigh aois ceithir fichead us ochd bliadhna a ruigheachd. Bha e fad leth-cheud bliadhna na fhear-ceartais, dreuchd a fhuair e ’nuair a bha’n t-Onarach Ioseph Howe air ceann a riaghlaidh.
Chaidh aon de phaipearan Bhail-a- cliabh a ghlacadh o chionn ghoirid air son a bhi clo-bhualadh nithean ceannairceach mu’n bhan-righ, a gabhail mar ainm oirre “Ban-righ na gorta.” Cha ’n eil ach earann gle bheag de mhuinntir na h-Eirinn a gabhail tlachd ann a bhi nochdadh gamhlais do’n bhan-righ; tha mhor-chuid dhiubh anabarrach càirdeil rithe.
Tha Mafeking gun a bhi air fhuasgladh fhathart, agus gun choltas gu’m bi e air fhuasgladh a dh’ aithghearr. Thatar ag radh gu bheil an gearasdan agus an sluagh a nise fulang leis an acras, agus gu’m bi iad ann an droch shuidheachadh mur ruig an t-arm Breatunnach am baile an ùine ghoirid. Tha Mafeking suas ri da cheud gu leth mile a tuath air an áite ’s am bheil an t-arm aig Morair Roberts; ‘se sin ìs coireach e bhi cho fada gun fhuasgladh.
Chaochail dithis sheann daoine ann an Lunnuinn, Ontario, o chionn ghoirid air doigh cho aithghear ’s gu’n do chuireadh dotairean a dh’fhaotainn a mach ciod a dh’aobharaich am bàs. Fhuaireadh a mach leotha sinn gu’n robh iad air am puinnseanachadh le uisge-beatha anns an robh stuth ris an canar aconite. Cha’n eil fhios càite ’n d’fhuair iad an t-uisge-beatha. Bha na daoine fuireach ann an Dachaidh nan Seann Daoine.
Mu’n d’ fhuair na Stàidean greim air Puerto Rico, bha malairt nach bu bheag a dol air adhart eadar an t-eilean sin us Nobha Scotia, na h-eileanaich a ceannach moran eisg, agus a creic toraidhean an dùthcha fhéin. Tha na Stàidean air an earrach, an deigh cisean a chur air gach ni a theid a chur do’n eilean, agus mar sin tha e cunnartach gu’n cuirear stad air gach ceannachd a bha eadar e ’s an roinn so. Ach o’n tha nise saor-mhalairt eadar Canada us eilean Trinidad, dh’ fhaoidte gu’n deanar an call suas mar sin.
Cha’n eil an cogadh anns na Philippines seachad fhathast. Tha na nàisinnich a cumail ris na Geancaich gu math, agus ged a chluinnear an dràsda ’sa rithist gu bheil iad air an cisneachadh, cha bhi ’n ùine fada gus an tig sgeul air bristeadh-a- mach eile. Tha ’n dùthaich teth, mi-fhallain, agus gle throm air saighdearan nan Staidean; tha moran dhiubh a dol as an rian, agus tha cuid a cur coire sin air an stuth làidir a tha na’s pailte na ’n t-uisge fuar ann am Manilla, o’n ghabh na Geancaich seilbh air. B’ fheudar do Sheanalair Ottis o chionn ghoirid cur a dh’iarraidh mile glas-lamh gus na saighdearan a bha dol as an rian a chumail o chron a dheanamh.
Rainig an soitheach-smùide Monterey Cape Town le Eachraidh Strathcona air an deicheamh latha dhe’n mhios, ceithir latha fichead an deigh dhi Halifacs fhàgail. Bhàsaich ochd fichead s’a tri dhe na h-eich air an turus.
Cha mhor nach eil e nise suidhichte gu’n tig Prionnsa Wales air chuairt do Chanada air an t-samhradh ’sa tighinn. Faodar a bhi cinnteach gu’n cuir an dùthaich so failt us furan air ’nuair a thig e, agus nach toirear ionnsuidh sam bith air a bheatha mar a rinneadh ann am Brussels air an t-seachdain s’a chaidh.
Tha comhairle ’bhaile cur mu dheidhinn tuilleadh mhaor fhasdadh; tha eagal orra ma dh’ éireas aimhreit neo-chumanta nach bi an àireamh a th’ ann an drasda comasach air rian a chur an luchd na h-aimhreit. Cha ’n ’eil cùram nach teid aca air an aireamh a tha dhith orra fhaotainn, oir tha seachd duine deug air fhichead an deigh an ainmean a chur a stigh deònach air an dreuchd a ghabhail.
Cha’n eil meinn ghuail an Nobha Scotia nach eileas ag obrachadh le neart air an earrach so, agus a reir gach coltais bidh iad gu math trang fad an t-samhraidh. Chaidh còrr us da mhuillion gu leth tunna chur a mach á meinnean na roinne an uiridh, agus tha dùil ri muillion tunna bharrachd air sin a chur a mach am bliadhna. Ann am meinnean Cheap Breatunn leotha fhéin, bidh eadar seachd us ochd mile duine ag obair am bliadhna.
Chaidh dithis ghillean beaga le Mr. H. C. V. LeVatte ann a Louisburg a ghoirteachadh gu dona air an t-seachdain s’a chaidh le spraidheadh fùdair. Chuir iad am fudar ann an can agus chuir iad teine ris le paipear laiste. Bha iad air an leagadh leis an spraidheadh agus bha ’n aodainn ’s an lamhan air an losgadh gu dona, ach cha’n eil fhios ceart fhathast an d’ fhuair iad dochann a leanas riutha. Cha ’n eil na gillean ach òg, fear ochd bliadhna ’s am fear eile aona bliadhn’ deug a dh’ aois.
Thachair droch sgiorradh air rathad-iaruinn Newfoundland air an t-seachdamh latha dhe’n mhios. Bha na carbaid air an tilgeadh far an rathaid leis an stoirm agus bha iad air an losgadh. Bha moran de’n luchd-turuis air an goirteachadh. Rainig an àireamh bu mhotha dhiubh Sidni Tuath an ath latha. ’Se so an darra sgiorradh dhe’n t-seorsa a thachair air an rathad-iaruinn so; feumaidh gu bheil e air a thogail air àite gle chorrach, neo gu bheil a ghaoth anabarrach làidir anns an eilean sin.
O chionn deich bliadhna fichead air ais, chaidh suim airgeid a chur air riabh ann an aon de bhancaichean Halifax, agus laidh e an sin o bhliadhna gu bliadhna gun fhios co bu leis e. Ach o chionn ghoirid, fhuaireadh fios gu’m buineadh e do ’n Dotair D. R. Mac Fhionghain, a bha aon uair an cois reiseamaid anns a bhaile sin, mar dhotair airm. ’Se $600 a chuir e dh’an bhanca, agus dh’ fhàg e ’m baile beagan an deigh sin a dheanamh ’s chaidh an gnothuch as a chuimhne. Tha an t-suim sin a nise air fàs gu $2100 . Tha an dotair a fuireach ann an Sasunn.
Thainig fios an la roimhe gu robh Morair Roberts a faotainn coire do na seanalairean Buller agus Warren air son mar a bha iad a deanamh an obrach a thaobh a chogaidh. Cha’n eil teagamh nach bi iad sin air an gairm dhachaidh mur leig iad dhiubh an dreuchd dh’ an deoin fhein. Tha ’n seanalair Gatacre cheana air a ghairm dhachaidh. Tha e coltach nach robh na laoich so a deanamh an dleasanais cho math ’sa dh’ fhaodadh iad.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L . L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
SYDNEY CASH STORE.
Sidni. - J . C. Mills, - Sidni.
Tha sinn a’ fosgladh roinn de Bhathar Earraich a tha anabarrach math—gach seorsa air an cuirear feum ann an tigh. Tha ar
Caileagu Sasunnach
dhe gach seorsa a nise stigh, agus theid againn air an creic na’s saoire na gheibhear iad an aite sam bith eile, oir cheannaich sinn iad o chionn fada, mu’n do dh’ eirich a phris.
Taghail againn.
J . C. MILLS.
Sidni, C. B.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
[Vol . 8. No. 37. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 291.)
adh—ciamar a tha sud mar sud, no c’arson a tha so mar so. Feumaidh sinn aideachadh, gu bheil am bard, air uairean, a’ cur tuillidh dreach air an ni, na tha barantas aig’ o ’n t-sùil air a shon. ’Nuair a tha Alastair Mac Mhaighstir Alastair a’ comhdach bhruachan Allt-an-t- siùcair le lusan a bha èu-comasach a bhi làthair do’n t-sùil, ma bha iad idir ’s a’ choimhearsnachd, air a’ mhaduinn chùbhraidh chéit, air am bheil e seinn; ’s an uair a tha Donnachadh Bàn ag ainmeachadh “Fàileadh nan su-craobh is nan ròsan,” am measg nan nithean taitneach a bha ri’m faotainn air Beinn-Dòrain, tha amharus againn gur ann, a mhain, an sùil na h-inntinn a bha na nitha sin, ’s mach robh iad a lathair do’n t-sùil chorporra. Ach biodh sin mar a dh’ fhaodos e, ’s tha mi ciallachadh gur e mhàin aghaidh nàduir a tha iad a’ toirt dhuinn, agus nach eil iad ach fior ainneamh a’ dol na ’s doimhne. Tha Omar air an laimh eile, daonnan nothachail nach eil ’san t-sùil ach an sgàthan air ma bheil faileas a ni air a thilgeadh, ’s gur ann san inntinn a gheibhear brigh an ni, ma tha e idir r’a fhaotainn. Tha e ’sealltainn air aghaidh nàduir le sùil thlusail, bhaigheil, ’s a toirt fainear a’ chéitein.
“Le lamh-gheal Mhaois a’ comhdach gheug le blath,
Is anail chubhraidh Chriosd ’toirt beatha ’s fas.”
Ach tha e ghnàth a’ stri ris a chùirtein a thogail bharr aghaidh nàduir, ’s tha e diombach a chionn gu’n do dhiùlt nàdur an dìomhaireachd fhoillseachadh dha.
“A ghaoil, nam b’urrainn dhuinne ris-san stri,
’S tuigs’ fhaotainn air steidh-shuidhichte an ni
Nach brisdeamaid na bhloighdean e; ’s a ris
Ath-dhealbh na ’s dluithe do lan run ar cridh’ .”
Ach tha daonnan an roinn-bhrat dorcha sin eadar e fein agus am fiosrachadh a b’ aill leis fhaotainn. Tha e ’ghnàth, aghaidh ri aghaidh, ris an dorus ghlaiste sin do nach d’ fhuair e an iuchair. Tha mar so, na bàird againne a’ sealltainn air nàdur o ’n taobh a muigh. Tha iad a’ gabhaìl ri òrdugh na cruinne, mar a tha sin ’ga thaisbeanadh fein dhaibh, ’s mar a tha iad fein ’ga thuigsinn. Ach calg-dhireach an aghaidh sin a bha an spiorad ’san robh Omar a sealltainn air an t-saoghal. An àite gabhail ri suideachadh na cruinne mar a tha sin ’g a fhiosrachadh fein dhuinn, ’s ann a bha esan a cruaidh-ghleachd an aghaidh nan cuibhrichean leis an robh an suidheachadh sin ’g a chumail ceangailte; cuibhrichean, a reir a bheachd-san, nach robh idir cothromach, ’s an aghaidh an robh e ’ghnàth a’ cruaidh-ghearan—mar eiseimpleir,
Ri m’ ghearan eisd-sa anns na neamhan shuas;
Cuir saor o m’ chuibhrichean mi, ’s gabh dhiom truas;
Ma’s ann do ’n phrabar a tha ’m fabhar tric,
Seall air mo chas-sa, cha’n ’eil mi ro-ghlic.
Thuirt mi gu’n do ghabh na bàird againne ri òrdugh na cruinne mar a bha iad fhein a tuigsinn sin. Ma dh’fhaoidte, gu’m biodh e na bu dluithe do ’n fhirinn, nan abrainn gu’n do ghabh iad ri teagasg na h-eaglais air a’ chùis, agus sin, gun a bhi air an gluasad a nunn no nall, le teagamh no spiorad neo-chinnt sam bith. Theagamh gur e so an t-aobhar nach eil iad a’ gabhail tuillidh gnothaich ri taobh spioradail na cùise. Co dhiu, tha sinn ag iondrainn anns a’ mhòr-chuid de bhàrdachd ar dùthcha, an t-sùil a tha sealltainn triomh nadur, a mheorachadh air a’ chumhachd a tha air a’ chùl. Chuir Omar, air an laimh eile cùl ri teagasg eaglais a dhùthcha fein, a chionn nach b’ urrainn dha ’mhòr-chuid de’n teagasg sin a chreidsinn. Chaidh inntinn dhomhain, gheur a bhuileachadh air gu nàdurra, ’s bha ’n inntinn sin air a geurachadh, ’s air a h-uidheamachdadh gu inbh àrd leis a’ ghnè oilean a fhuair i. Cha robh e comasrch d’a leithid sin de dh’ inntinn a bhi sàsaichte le faoin sgeul, no baoth-mhineachadh, air ni sam bith leis am bu mhath leatha eòlas cinnteach fhaotainn. Bha Omar, mar so, a reir earail an Abstoil, a’ stri ris na h-uile nithe ’dhearbhadh; ach cha robh e furasda dha dearbhadh a riarachadh inntinn fein fhaotainn air ni sam bith. Bha e gu sonraichte neo-thoilichte le cho beag soilleireachadh ’s a fhuair an duine air ciall a thuruis fein troimh ’n t-saoghal so; a chor truagh rè a thuruis, agus cho neo-dhaingnichte ’s a tha bunait a dhochais air son saoghal is fearr. Faodaidh sibh a bhi cinnteach nach robh e taitneach do’n chléir an leithide so de cheisdean cruaidh a bhi air an cur cho fosgailte le a leithid so de dhuine. Duine ’bha ’g òl fiona gu follaiseach; ni a bha air a thoirmeasg ’s a’ Choràn; agus a’ deanamh rannan anns an robh buaidhean an fhìona sin air an àrd-mholadh. A thuillidh air sin, duine ’bha ’cur teagamh anns an nèamh a bha iadsan a’ teagasg, a bha air ullachadh fa’n comhairsan a bha dileas do’n chreideamh air thalamh; nèamh anns am bheil òighean maiseach a’ frithealadh orrasan a tha troimh chreidimh air an deanamh iomlan. Cha b’e sin a’ ghnè neamh a shàsaicheadh Omar no a bha idir ’na bheachd; tha e fein ag ràdh—
“Ri neamh ’s ri ifrionn sheall mi suas ’s a sios,
Troimh chuairt na siorruidheachd ’s air m’ ais a ris;
Thuirt Aosd’ nan laithean rium, ga’n robh e chein,
Mo neamh is m’ ifrionn ann am anam fein.”
Tha na cùisean a bhi mar so eadar Omar ’s a’ chléir, agus an staid neò-chinnt san robh e mu thiomchioll nithe spioradail, a’ mineachadh, ann am mor thomhas, am blas garg a tha air cuid d’a rannan.
“Do mheas na cinnt, cha spion thu dearc no dias;
An ceum do’n fhionlios sin cha d’ fhuair thu riamh.”
Mar so, ’nuair chunnaic Omar nach b’ urrainn da na b’ fhearr a dheanamh dheth, shuidh e sios, ma ’s fhior e feìn, a dh’ òl fiona, ’s a sgriobhadh rannan—a’ dubhadh a mach an la dé chaidh seachad ’s a’ cumail inntinn saor bho iomagain mu’n la màireach nach d’ thainig fhathast—
“Ah! lion an cupan, ciod am feum bhi ghnath,
A’ caoidh ro h-aimsir a chaidh seach cho trath;
An de chaidh seach, ’s am maireach co a chi,
Ma tha’n diugh tatineach, meal e ’reir do chridh’ .”
Bu choma leis daoine a bha ghnàth fo ro churam mu thiomchioll nithe an là-màireach; dhaibhsan thug e ’chosmhalachd so.
“Thuirt breac ri tunnag, ’teicheamaid gu luath,
Mu’n traigh an linne gus an grinneal cruaidh’;
Ars’ ise; ’nuair a bhios mi spionte ’s roist’,
Ged thraigheadh an cuan tioram, ’de sin domhs’ ?”
Fo chleòca’ mhi-churam leis an robh Omar ’g a chomhdach fein, bha cridhe suairce bàigheil, truacanta. Tha e ’ris agus a ris, ’g ar n-earalachadh an aghaidh a bhi neo-fhulangach a thaobh muinntir eile.
“Do d’ charaid, seadh, ’s do d’ namhaid, coimhneas nochd;
Cha dealbh an cridhe baigheil cealg no lochd;
Ni mi-run namhaid dhuit a caraid graidh,
’S ni caoimhneas caraid dhuit a broilleach naimh.”
’S a rithist—
Ach thar gach ni do bhrathair bochd na claoidh,
’S na buair gu h-aimhreiteach a chlos a chaoidh;
Ma’s aill leat sonas siorruidh ’bhlasad trath,
Pian t’ anam fein, ach caomhain pein do chach.”
Tha fhaireachduinean fein a’ dol a mach thun gach creutair; thun luibhean na machrach—eadhoin an dus fo bhonnaibh a chas a’ faighinn cuid d’a aire, ’nuair a tha e ’g iarraidh air a charaid—
“Gu h-aotrom saltair air an dus fo’ d’ bhuinn,
’S gu’m b’ aon-uair blath-shuil e na h-ailleig’ dhuinn.
Na linntean do aireamh a chaidh seachad bho ’n a thainig an duin’ air thùs a dh’ àiteach na talmhainn. Na muillionan thar chunntas do shluagh a thainig ’s a dh’ fhalbh rè nan linntean sin, gach aon neach fa leth dhiùbh a’ cur seachad a latha goirid trioblaideach fein, an sin, a’ snàg air ais thun an duslaich as an d’ thainig
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
[Vol . 8. No. 37. p. 7]
e. ’S e, gun teagamh, a leithid so de smuain a bhrosnaich an inntinn Omair an earail d’a charaid,
“Gu h-aotrom saltair air an dus fo d’ bhuinn.”
So agaibh a ris a’ cheart smuain air dhoigh eile
“Chunnaic mi creadhadair a’ fuineadh creadh,
’Nuair rinn i labhairt ris gu soitheamh, seimh;
‘Gu reidh, a charaid; guidheam ort, gu reidh;
Ceart mar tha thusa ’n diugh, bha mise ’n de. ’”
Cha ’n e mhàin an duslach a bha co-cheangailte r’ar daonnachd, a tha tighinn g’ ar n-ionnsaidh a rìs ann an cùrsa nàduìr; ach aig a’ cheart àm, fathunn mu dhèigh’n a’ sruthadh thugainn troimh na linntean a chaidh seachad.
“Nach d’ thainig sgeul oirnn troimh na linntean cein,
A cheart co-ionnan ris an ni so fein;
Mu’n cheud chlod urach sin an tus an re,
D’ an d’ rinneadh duine, ann an cruth a Dhe.”
An duine sin a dhealbhadh ann an cruth a Dhé, ’s air an do bhuilicheadh anam mar shrad nèamhaidh, do-mhuchte; comasach air nithean àrda ’ghabhail a steach, ’s a’ rannsachadh; ach do nach do cheadaicheadh uile dhiomhaireachd na beatha so fhaotainn a mach. An duslach ’san do ghabh an spiorad so còmhnaidh re seal, a nis ’g a luasgadh le gaoith an fhàsaich, ’s air a shaltairt fo bhonnaibh chas, a’ dusgadh ann an Omar smuain mu chor an duine ’san t-saoghal, ’s a’ geurachadh inntinn gu bhi meorachadh air eachdraidh ’s air crannchur ar daonnachd bho’n
“Cheud chlod urach sin an tus an re,
gu
Ard ghairm na druma ’s crioch a chruinne-che.”
Sin agaibh, mata, an gleus air an robh Omar a seinn; gleus, ma dh’ fhaoidte, nach taitinn ri cluasan a tha cleachdta ri ceòl a’s binne. Tha gleus no dhà ann air am faodar ceòl a sheinn, ach cha’n ’eil aona ghleus ann a fhreagaras do na h-uile ceòl.
Bho na h-eiseimpleirean a thug mi dhuibh, bheir sibh fein fainear an t-eadar-dhealachadh mòr a tha eadar bàrdachd an duine so agus bàrdachd nan daoin’ againne. Tha gun teagamh sam bith, eadar-dhealachadh mor eadar an dà dhùthaich—duthaich na h-airde ’n ear, agus dùthaich na h-airde ’n iar—agus tha fhios agaibh gu bheil buaidh àraidh aìg a’ choimhearsnachd ’sam bheil duin’ air a thogail, air an taobh thun an aom a chàil. A dheanamh so na’s soilleire dhuibh; ’nuair a tha Donnachadh Bàn a’ taomadh a mach a chridhe fein a’ moladh nam beann ’s nan gleann am measg an robh e air àrach, ’s d’ an d’ thug e a leithid de spèis; tha sinne mothachail air ar cridhe fein a bhi mosgladh an co-fhulangas ri faireachduinean a bhàird, direach, a chionn gu bheil a bhriathran a’ toirt fa chomhair ar n-inntinn, gach àit is cuspair taitneach, am measg an robh sinn-fein air ar n-àrach, ’s a dhrùigh cho domhain n-ar nàdur.
“B’e sin an sealladh eibhinn,
Bhi ’g imeachd air na sleibhtean,
’Nuair bhiodh a ghrian ag eirigh
’S a bhiodh na feidh a’ langanaich.”
’S e so guth na h-airde ’n iar. Cha’n ’eil guth na h-airde ’n ear, uile gu leir, cho binn. A reir coltais, cha do dhrùigh aghaidh a dhùthcha fein cho domhain an cridhe Omair; ach so agaibh facal d’a ghuth cho fad ’s a tha sin a’ beantainn ri aghaidh a dhùthcha. Tha e a’ cuireadh a charaid thun,
“Na stiallaig lombair air nach crom an spreidh;
Eadar am fasach is an t-aiteach reidh;
Is far nach luaidhear ainm an righ no’n deoir’;
O, sith do Mhamu air a chathair oir.”
Cha ghluais so cridhe aon againne; ’s e “farsuinneachd an t-sleibh,” a b’ fhearr a thigeadh ruinne, no, “an stiallag lombair;” ach cha’n ’eil ùin’ air dol na’ s fhaide. Dh’ fheuch mi ri seòrsa beachd a thoirt duibh air Omar Khayyam, mar is aithne dhòmhs’ e. Chuir mi eiseimpleir no dhà d’a rannan fa’r comhair, sgeadaichte ann an deise Ghaidhealaich; ach faodaidh mi innseadh dhuibh, nach eil e idir soirbh na rannan aig Omar a thionndadh gu Gàidhlig. Tha iad air an cur r’a cheile cho teann, chruaidh, sgaiteach, ’s nach eil e furasd doigh labhairt fhaotainn ’sa chànainn againne freagarrach air an son. Cha d’fheuch mi, uime sin, ris an litir a leanachd, ach a mhàin brìgh an ni thoirt dhuibh cho dlùth ’s a b’ urrainn dhomh sin a dheanamh. Is airidh bàrdachd Omair, mar bhàrdachd, air a chliù is àirde, a reir mo bheachdsa, ach tha mi creidsinn nach taitinn i ris a h-uile h-aon; ach co d’an urrainn a h-uile h-aon a thoileachadh?
DOMHNULL MACEACHARN.
Dunéideann, 1900.
Niall MacLeoid.
Is e so gun teagamh bàrd is airde cliù ’nar measg, agus is geal a tha e ’ ga thoiltinn. Bu dùth ’s bu dual do Niall a bhi na bhàrd—oir is mac e do “Dhòmhnull nan Oran” air an do rinn sinn iomradh cheana. Rugadh Niall ann an Eilean a cheò, agus is stric a ghleus e a chlàrsach chum luaidh a dheanamh air maise “An Eilean.” Tha sibh eolach air a bhàrdachd oir chaidh a clo-bhualadh dà uair.
Ann an “Clarsach an Doire,” air a gleusadh an dara h-uair tha tri-deug agus tri fichead òran agus dàn—aon deug dhiubh air an eadar-theangachadh gu Beurla—agus ceithear sgeulachdan aighearrach agus taitneach. Bha ’n dara clobhualaidh air a chur a mach aig a’ bhlaidhna-ùr seachd bliadhna roimhe an àm so; agus is iomadh Gaidheal, a bhos ’us thall, a leubh agus a sheinn thairis ’us thairis na tha air fhaotainn eadar dà chlàr an leabhair so. Anns an roimh-ràdh tha am bard ag ràdh.
“Tha mi ann an dòchas gu ’m bi seann chainnt bhlàth, bhinn ar màthar air a seinn agus air a labhairt fhathast iomadh blaidhna agus linn ri teachd. B’ e mo ghuidhe agus mo dhùrachd gu’m biodh cainnt ar sinnsear agus cliu nan Gaidheal cho seasmhach buan ri beanntan ar dùthcha, agus gu’m biodh ar dùthaich anns na làthean a dh’ fhalbh ’na “Tir nam Beann, nan Gleann ’s nan gaisgeach.” Le uile dhùrachd ar cridhe tha sinn a’ cur ar n-ainm ri guidhe a’ Bhàird.
Cha ruig mi leas an còrr a radh mu’n bhárd, ach leigeil leis fhein labhairt troimh a bhardachd. ’Se ar guidhe gu ma fada a chi sinn air chuairte a giùlan tonnag na bardachd.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
[Vol . 8. No. 37. p. 8]
Bheunus nan Gaidheal.
Tha mi ’n so air an tulaich,
’M bun a’ bhruthaich leam fhein,
’S mi ri smaointean mu m’ chairdean
’S mar tha mi ’nan deigh
Dh’fhabh m’athair ’s mo mhathair
’S mo bhraithrean gu leir,
’S ged a chluinnear mo ghaire
’S ann triomh fhaileas nan deur.
Dh’ fhag mi beannachd ’s mi filleadh
Is bha mo thioma ro mhor,
Bha mo shuilean a silleadh
O m’ chridhe le deoir;
’S mi smaointinn mu ’n astar,
Nach foghnadh seachduinn no coig,
Cha bhatan a bhaca
Ach fardach ghasda de long.
Ghabh a Bheunus na Gaidheil,
’S b’ e sid an aireamh bha mor,
Bha Ceithir-chiad is a dha dhiubh
Air an caramh ’na com,
’S na ’m biodh soirbheas ’n am fabhar
G’an toirt sabhailte nunn,
Righ uan Dul bhi g’an tearnadh,
Air saile nan tonn.
Ach, bha ’ghaoth ’n an aghaidh,
’S dh’eirich doil’ air a chuain,
’S ’n uair a dhluthaich na frasan
Mar bheanntan glasa bha tuar;
Na siuil-chinn ’s iad g’an sracadh—
Is lub an t-ard-chrann a nuas,
A h-uile h-aon ’s e ri achuing’,
’S e ’n sgeul a bh’ac a bha cruaidh.
Thainig sgeula do’n duthaich,
Nach robh an cunntas dhiubh beo,
Dh’fhag sid mi fo thursa,
’S mo chridhe bruite le bron;
Gu’n bo chaill iad an cursa,
’S gun an duil ri bhi beo,
Gu robh croinn-chaola g’an rusgadh
Is fear na stiuireach fo leon.
Tha mi ’m aonar ’s an eilean
Air bheagan eireachdais ann,
Cuim’ an innsinn mo dheireas
Do neach eile air a cheann;
’S mor a b’fhearr leam ’bhi cronan
Comhl’ ris an oigridh ’tha thall,
Na ged gheibhinn do storas
Na ’s fhiach Righ Deorsa ’san Fhraing.
A ’m bruadar chunnaig mi ’m chadal,
Thu ’bhi agam a ghaoil,
’N uair a dhuisg mi ’s a mhaduinn
B’e sid a bharail ’bha faoin;
’Ach ged ’tha mi car tamuill
Air leithir an fhraoich,
’S mor mo dhuil ri ’dhol thairis
Do dh’fhearann nan craobh.
Ach tha mi ’n dochas gu ’n d’ rainig
Sibh sabhailte nunn,
Tha sgeul ur ann nach b’abhuist
Gu’n d’ chaill an t-aite so ’chliu;
Le h-ardachadh mhaltan,
’S cha bhi farduinn gun diu,
’S dh’fhag sid Clanna nan Gaidheal
A dhol a dh’ aiteachan ur.
Chunnaic mis’ ann am chadal
Bruadar fada ’s mi ’m shuain,
Gu ’n d’ thainig sith orr’ o’n fhearann,
’S gu ’n d’rinn iad fathast deth cuan;
Gu ’n robh ’n soirbheas ’n am fabhar,
A mheud ’s a bh’ aca dheth tuath,
Thainig sith orr’ o ’n ear,
Is rinn iad fearann deth ’suas.
Mar d’fhuair iad tir-mor fo ’n casan,
Dh’fhalbh an airsneul ’s an sgios
A h-uile h-aon aig an robh storas
A cur a mhor-chuis a’n gniomh;
Dh’ fhag ’ad mis’ ann am aonar,
Air tulaich bhoidheach ’s an fhraoch,
Ach ’s ann am bruadar a thoisich mi
’S dh’fhalbh mo chomhradh ’s a ghaoth.
Tuireadh.
LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN.
Rugadh an Lighiche Ian Mac Lachainn ann an Rathuaidhe ’sa bhliadhna 1804, agus chaochail e ann an Tobar-Mhoire ’sa bhliadhna 1874. ’Se fior bhàrd a bh’ anns an Doctair Rathuaidhe agus a mheud ’sa dh’ fhàg e na dheigh de dhuanagan ’s do dh’ òrain tha iad air leth taitneach, àrd ann an smaoin agus binn blasda. S e mo bheachd nach ’eil bàrdachd eile a chaidh a sgriobhadh anns an linn so a tha cho measail aig na Gaidheil ri bàrdachd an Doctair Ruaidh. Chaidh a bhàrdachd a chlo-bhualadh dà uair. Am measg nan òran is trice air an seinn tha “Gur moch rinn mi dùsgadh,” “A’ chutheg” “ ’S toigh leam an nionag” agus “Seinn an duan so,” ach tha an tuireadh so a h-uile buille cho math ris an fhearr a’s fhearr dhiu ged nach ’eil e cho tric air a sheinn:—
Tha mulad orm, tha mulad orm,
Tha cudthrom air mo chliabh
’Am shineadh air an tulaich ghuirm,
Air m’ uilinn anns an t-sliabh,
A’ dearadh far a’ mhullaich so
Air a’ ghleann ’s an d’ rugadh mi,
’Cuimhneachadh na bhuineadh dhomh,
’S gach duine dhiubh air triall.
’S iomadh ogfhear curanta
A chunnaic mi ’s a’ ghleann,
Gu luthar, laidir, fulangach,
Gun uireasbhuidh, gun mheang:
Bu chaoimhneil, cairdeil, duineil iad,
Gu baigheil, pairteach, furanach,
An sar dhuin’ uasal urramach
’N a churaidh air an ceann,
’N uair chruinnicheadh an comhlan ud
An deigh tra-noin fo bheus,
Gu-m b’ fhonnar, binn na h-oigheanan
A’ teiseadh ceol nan teud;
Cha-n ioghnadh mi ’bhi ’g osnaich,
’S mo chridhe ’bhi ’s a’ phlosgartaich,
Air n-aile gur a coltach mi,
Ri Oisein ’n deigh na Feinn.
Tha mulad orm, tha mulad orm,
Gur duine mi gun toirt,
A’ cuimhneachadh air m’ uireas’aibh
Cha-n urra dhomh ’bhi ’tosd,
’Am aonaran ’s an t-saoghal so,
Gun phruip, gun taic’, gun daoin’ agam,
’S mi air an udail fhaontraighe,
Mar fhaoilein feadh nam port.
Tha dealt na h-oidhche ’drughadh
Air na dh’ fhuirich orm de m’ chiabh;
Tha ’n speur a’ nochdadh rionnagan
Gu tiugh an ear ’s an iar;
Ag eiridh far na tulaich ghuirm,
A thearnadh leis na mullaichean!
Tha mulad orm, tha mulad orm—
Cha-n urra mi ’chur dhiom.
Bidh sinn an comain aon sam bith d’ar leughadairean a chuireas ugainn na h-orain dhe’m bheil rann an t-aon a leantuinn. Tha e air iaaraidh oirnn an clo-bhualadh ma gheibh sinn iad. So earann dhe’n cheud oran,
A bhean an tagihe, ’ghaoil an fhortan,
Aiseag a nall dhuinn am botull;
Olaidh sinn gu sunndach deoch dheth
Chur na bochdainn as ar cuimhn’.
Agus so seisd an orain eile:—
Hu a ho tha mi fo lionn-dubh,
Hoirinn o ’s mi trom gu direadh.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
title | Issue 37 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 37. %p |
parent text | Volume 8 |