[297]

[Vol . 8. No. 38. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 27, 1900. No. 38.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. XIII.

Air an turus gu ruige Ceanna-deas America thachair gun robh an soirbheas glé fhàbarrach, agus gun robh an an t-sìde gu math. Thug so cothrom do Dhomhull air mòran dhen obair a bhair a cur air leith dha ionnsachadh mòran na bfhearr na rachadh aige air a deanamh nan do thachair don t-sìde bhith stoirmeil le gaoith an ceann. Rachadh e don chrann a bàirde gun fhiamh gun eagal. Agus on a bha e aotrom, òg, is ann air a thigeadh a dhol gu ceann am muigh na slait-shiùil an am a bhithpasgadh nan seòl. Ciod sam bith cho cunnartachs a bhiodh an obair, ghabhadh e os làimh a deanamh, nan leigteadh leis. Ach on a bha meas mòr aig an sgiobairs aig na sgiobadh air, bainneamh leotha leigeadh leis làmh a chur ann an obair a bhiodh ro chunnartach no ro throm air a shon.

An uair a ràinig an long am baile-puirt agus a thòisicheadh ri cur am mach an luchd, cha robh an obair cho trom air. Bha àireamh mhath de shluagh cumanta na dùthchadh air an tuarasdalachadh gus an obair a dheanamh comhladh ris an sgiobadh.

Bha ioghnadh gu leòr aige dhe na daoine dubha agus dhen chainnt a bha iad alabhairtnam measg fhein. Agus cha bu lugha na sin an t-ioghnadh a bhaige dhe na Spaintich, agus dhen cainnts dhen dòighean.

Bhan obair adol air aghart air an t-Sàbaid dìreach mar gum be latha seachdain a bhiodh ann; ach cha robh so acur uiread a dhioghnadh air on a bha e fhein air a chleachadh ri bhithg obair air latha na Sàbaid mar a bhiodh e air latha eile. Ach air a shon sin, bha efaicinn iomadh na a bhacur dragh air an inntinn aige. Bha fhios aige gum be obair na h-eiginn a bhaig na seòladairean ri dheanamh, agus on a bha obair na h-eiginn air a h-òrdachadh, bha e tuigsinn nach robh peacadh innte.

Air an turus air ais don rioghachd so cha robh an soirbheas cho fàbharrachs a bha e an àm dhaibh a bhithdol a null. Bhan t-side iomadh latha cho feathails nach robh an long adeanamh aghartais sam bith. Ach an déigh an fheath so thàinig stoirm mhòr orra, agus bha iad uair is uair fo eagal gun rachadh iad a dhìth. Ach ged a be Domhull fear a boiges bu laige agus a baineolaiche air seòladh a bhair bòrd, cha robh a h-aon aca a bheireadh barr air ann am misnich. Is dòcha nach robh e aig an àm atuigsinn meud achunnairt anns an robh iad. Ach bhan long làidir, agus bhan sgiobair agus an sgiobadh nan daoine treuna, tapaidh dom baithne cia mar bu chòir dhaibh a dhol an ceann an gnothaich gu sgoinneil. Gu fortanach cha déirich beud dhaibh, ged a bha iad uair is uair ann an cunnart mòr o na marannan uamhasach a bha tighinn gu bòrd an dràstas a rithist.

Thugadh iomadh ni air falbh bhar bùird, agus bhristeadh iomadh ball dhen achduinn; ach o nach deachaidh duine a bhair bòrd a chiurramachadh, agus o nach drinneadh dolaidh sam bith air an luing a chuireadh o fheum i, bha iad toilichte gu leòr.

Gu fortanach thàinig sìde bhriagha an déigh na stoirme, agus mun dràinig iad am baile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach, is gann gun robh cuimhne aca air achunnarts air aghàbhadh anns an robh iad.

Cho luaths a fhuair Domhull a thuarasdal chuir e an earrann bu mhò dheth a dhionnsuidh a mhàthar agus a pheathraichean, mar a gheall e anns acheud litir a chuir e dhachaidh.

Mar a dhfhaodar a thuigsinn, bha toileachadh mòr air a mhàthair an uair a fhuair i acheud airgiod uaithe. Agus cha bi an litir a thainig uaithe dad bu lughathug de thoileachadh dhi. Anns an litir thug e cunntas dhi mu thimchioll iomadh ni a chunnaic e air a thurus ga ruige America. Chuir e ioghnadh air gach neach a leugh an litir, gun rachadh aige air a smaointeanan a chur an òrdugh cho maths a rinn e. Ach dhionnsaich e mòran beurla o na seòladairean eile, agus air chomhairle an sgiobair, bhiodh eleughadh nan leabhraichean a bhair bòrd an uair nach biodh obair eile aige ri dheanamh. An ùine ghoirid thainig e gu bhith anabarrach déidheil air leughadh.

Cha robh an long fada anns an rioghachd so an uair a fhuair an sgiobair luchd eile air bòrd, agus cho luaths a fhuair e gach ni a bha dhith air air son a thuruis a chur air bòrd, sheòl e rithist gu ruige Ceanna-deas America. Ach bha am baile-puirt anns an robh aige ris an luchd a chur am mach gu math na bfhaide air falbh na am baile-puirt anns an robh e air an turus roimhe sid. Air cho fabharrachs gum biodh an soirbheas bheireadh iad seachd mìosan air an turas.

Ged a bhan sgiobairna dhuine cho furasda cur suas leis ri duine sam bith dhesheòrsa, dhealaich triuir no cheathrar dhen sgiobadh ris mun dfhalbh e air an turus so. Cha bann agearain air an sgiobair no air an luing a bha iad idir. Is ann a bha iad an aghaidh a dhol air turus cho fadair falbh. Ach ged a dhealaich iad so ris cha robh e fad afaotainn feadhainnn an àite.

Ged a bha iad son an deadh sheòladairean, cha robh iad cho cneasdas cho caoimhneil ris Domhulls a bha càch. Bhiodh iad aconus ris a h-uile uair a gheibheadh iad an cothrom, agus ged a bha so acur dragh gu leòr air, bu shuarach e seach an dragh a bha iad acur air leis na bha iad a deanamh de mhionnan agus alabhairt de dhroch cainnt.

Ged a bha Domhull aotrom, gòrach gu leòr, mar bu tric a bha iomadh giullan òg dhesheòrsa, bhan teagasg math a fhuair e oathair agus o mhàthair, agus an eiseimpleir mhaiseach a chuir iad roimhe, ’ga chumail o bhith gabhail tlachd anns an dòigh anns am bu ghnàth leis na seòladairean so a bith cur seachad na h-ùine an uair a bhiodh iadn an tàmh. Mar bu trice bhiodh eg an seachnadh. Bfhearr leis suidhe leis fhein na suidhen an cuideachd. Air latha na Sàbaid bu tric leis e bhith leughadh aBhiobuill, agus an uair chitheadh na fir so am Biobullna làimh, theannadh iad ri magadh air, agus ri labhairt briathran toibheumach a chum dragh a chur air an inntinn aige.

Bhan obair soa dol air aghart gun fhios don sgiobair fad iomadh seachdain. Nan robh fhios aige air mar a bha cùisean, bha e air stad a chur orra anns amhionaid; oir bu duine e a bha air a theagasg le pàrantan diadhaidh an uair a bha e òg. Agus ged dhfhàs e glé chaoin-shuarach mu thimchioll nithean spioradail an déigh dha dhol a sheòladh, cha do dhichuimhnich e riamh na nithean a theagaisg a mhàthair isathair dha.

Mu dheireadh an uair a dhfhàs Domhull sgìth dhen dragh a bha na seòladairean aingidh so acur air, dhinnis e don sgiobair gach a bha iad adeanamh air. An uair a chualan sgiobair mar a bha cùisean, bha e glé dhiùmbach dhiubh, agus thuirt e riutha nach robh e air a h-aon aca fhastadh nan robh fhios aige ciod an seòrsa dhaoine a bhannta. Mhol e Domhullnan làthair, agus thuirt e riutha gum bu chòir dhaihh nàire bhith orra air son an dol am mach a bhaca; agus chomharraich e mach dhaibh gun robh Domhull acur eisimpleir mhath fan comhair an àite iadsan a bhith cur eisimpleir mhath fa chomhair Dhomhuill mar bu chòir dhaibh.

Ged nach do chòrd comhairlean an sgiobair riutha, cha bu dana leotha freagairt mhìmhodhail a thoirt air. Ach cha bu luaithe a fhuair iad aséisdeachds as a shealladh na thug iad ruith chàin[ ? ] . Bhagair iad air Domhull ann am briathran garga, agus thuirt iad ris gun dioghladh e latha no latha eiginn air an innsearachd a rinn e orra. Ach ged a thuirt iad so ris cha do chreid e gun deanadh iad cron sam bith air.

Bha lathas lathadol seachad, agus ged nach robh iad acur abheag de dhragh air, gidheadh bha e soilleir gu leòr do neach sam bith gun robh fuachd is coimhicheas gu leòr nan cridhe dha. Bha so mar so, cha bann uile gu léir a chionn gun dìnnis e don sgiobair gun robh iad ri magadhs ri mìmhodh ris a chionn e bhithleughadh aBhiobuill, agus ag ùrnuigh an uair a gheibheadh e an cothrom, ach gu h-àraidh a chionn gun robh meas mòr aig an sgiobair agus aig achuid eile dhen sgiobadh air.

An deigh dhaibh a dhol timchioll Ceanna-deas America thàinig sìde anabarrach briagha; agus mar bu trice cha bhiodh a bheag de shoirbheas aca ann an teas an latha. Ach an uair a thigeadh dubhar an fheasgair bha feothachan gasda soirbheis ag eiridh on airde tuath. On a bann aseòladh gu tuath a bha iad, dhfheumadh iad a bhith beiteadh fad na h-oidhche.

On a bha fhios aig an sgiobair gun robh sgeirean còrail ann an iomadh àite anns achuid ud dhen Chuan Chiùin, bha e gu tric fo eagal gun tachradh dhaibh bualadh air te dhe na sgeirean so an àm dhaibh a bhith beiteadh air an aghaidh feadh na h-



[298]

[Vol . 8. No. 38. p. 2]

oidhche. Neo-ar-thaing nach robh e eòlach gu leòr air achairt-iùil, ach ged a bha, bha fhios aige gun robh na sgeirean còrail so asìor fhàs o bhliadhna gu bliadhna, agus air an aobhar sin, gum faodadh te dhiubh a bhith far am bu lugha shaoileadh e. Is e bhuail anns acheann aige gun acraicheadh e anns acheud àite freagarrach a thachradh ris, agus gum fanadh e ann gus an atharraicheadh aghaoth. Air an latha sin fhein chunnaic e eilean mòr astar math anns an aird an iar air, agus smaoinich e gum feuchadh e ri dhol thun an eilein so, agus acrachadh faisge air gus an tigeadh an soirbheas na bfhabharraiche na bha. Bha fhios aige gun robh an sgiobadh ann am feum beagan de dhfhois fhaotainn an deigh na bha aca de bheiteadh ri dheanamh fad iomadh latha roimhe sid.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Nouredin agus Bean na Maise.

CAIB. IV.

An aite feitheamh gus am feoraicheadh an righ dheth an do cheannaich e boirionnach ro bhriagha dha, is ann a bha Cacan gu math tric ag iomradh air aghnothach ris an righ, agus ag innseadh dha cho duilichs a bha an gnothach dheanamh, agus gun robh eagal mor air nach rachadh aige air boirionnach fhaotainn a bhiodh freagarrach anns gach doigh dha.

A dhaon fhacal, chaidh e ann an ceann aghnothaich cho glic agus cho gleusdas gun deachaidh an gnothach beag air bheag air dichuimhn air an righ. Ged a fhuair Saoudhaidh am mach beagan fiosrachaidh mun chuis, bha eagal air facal a radh ris an righ ma dheidhinn, on a bha fhios aige gun robh meas mor aige air Cacan.

Mu thimchioll bliadhna an deigh do na nithean ud tachairt bha Cacan latha araidh anns an taigh fharagaidh, agus thainig e air falbh as tuilleadh is cabhagach. Thachair gun robh an latha gle fhuar, agus laidh am fuachd cho mor airs gun dfhas e tinn le droch fhiabhrus. Bhathinneas adol na bu mhò a h-uile latha. Mu dheireadh an uair a thuig e gun robh am bas gu math dluth dha, thuirt e ri Nouredin, a bha ghnath aig taobh na leapadh, agus afrithealadh dha, “A mhic, chaneil fhios co dhiubh a rinn no nach drinn mi feum iomchuidh dhen t-saoibhreas a bhuilich Dia orm, ach tha thu fhein afaicinn nach cum an t-ionmhas a thagam am bas uam. Is e an rud mu dheireadh a tha mi ag iarraidh ort, agus mi gus a bhithmach as an t-saoghal, gun cum thu air chuimhne an gealladh a thug thu dhomh mu dheidhinn Bean na Maise. Ma ni thu so, gheibh mise am bas sona gu leor.”

Beagan mhionaidean an deigh do Chacan na briathran so a labhairt, thilg e an anail, agus bhatheaghlach fhein, maithean na cuirte, agus sluagh abhaileg a chaoidh gu trom. Bhan righga chaoidh; oir bha ena sheirbhiseach glic, eudmhor, agus dileas dha. Cha robh tiodhlacadh riamh ann am Balsora cho mor ris an tiodhlacadh aige. Bha ard mhaithean, agus ard uaislean, agus ceannardan an airm astri gus cothrom fhaighinn gus achiste laidhe a ghuilan air an guaillean a dhionnsuidh na h-uaghach. Agus bha am bochds am beairteach gu tursach aleantuinn aghuilain.

Bha Nouredin anabarrach bronach, agus bha e uine mhor gun dol do chuideachd sam bith. Mu dheireadh thainig dluth charaid dha ga amharc. Dhfheuch a charaid ri comhfhurtachd a thoirt dha; agus an uair a chunnaic e gun eisdeadh e ri comhairle ghlic, reusanta, thuirt e ris, on a rinn e am bron a bha dleasdanach dha air son athar, gun robh lan àm aige e fhein a thaisbeanadh am measg an t-sluaigh, agus a chairdean a leigeadh a steach dha thaigh mar a bha iomchuidh do dhuine a bha anns an inbhe anns an robh e. Arsesan, “Dheanamaid peacadh an aghaidh nadair, agus an aghaidh cleachdadh dhaoine, agus shaoileadh daoine gun robh sinn air ar ciall a chall nan cuireamaid gu buileach ar cul riutha an uair a dheanamaid ar dleasdanas a thaobh ar parantan, agus a leigeamaid fhaicinn dhaibh nach burrainn daibh le ceartas coire fhaotinn duinn, bhiodh e iomchuidh dhuinn toiseachadh ri ar beatha chaitheamh mar bu ghnath leinn. Sguir de shileadh nan deur ma ta, agus toisich ri cur seachad do bheatha mar a babhaist dhut, agus mar so bheir thu toileachadh do na daoine aig an robh de dhurram a bhithg eisdeachd ri do chomhradh tlachdmhor.”

On a bhachomhairle so coltach ri bhith reusanta gu leor, lean Nouredin i gu toileach. Agus nan do lean e i mar bu choir dha, bha e air am mi-fhortan a thainigna rathad a sheachnadh. Nochd e mor chaoimhneas dha charaid; agus an uair a bha efalbh dhiarr Nouredin air tighinn ga fhaicinn air an ath mhadainn, agus dithis no triuir dhe a luchd eolais a thoirt leis.

Air an doigh so rinn e gun fhios dha fhein suas companas ri deichnear de daoine oga a bha mun aon aois ris fhein, agus bha ecur seachad na- h-uine am a bhith toirt cuirm mhor dhaibh gach latha. Mar bu trice bheireadh e dhaibh cuid dhemhaoin.

Gus toileachadh a thoirt dha chairdean, chuireadh Nouredin fios air Bean na Maise gus a bhith anns achuideachd maille ris. Agus ged nach bu mhath leatha a bhith eas-umhail dha, bha i fad an aghaidh dha a bhithdeanamh ana-caitheamh air a mhaoin gus toileachadh a thoirt dha chaìrdean. Bu tric a labhair i ris mun chuis, agus a thuirt i, “Chaneil teagamh agam nach dfhag dathair fortan mor agad; ach ged a tha dfhortan mor, na gabh gu h-olc uamsa innseadh dhut nach mair e fada, ma leanas tu air an obair a thagad. Faodaidh sinn gun teagamh sam bith cuirm a thoirt uair is uair do ar cairdean, agus a bhith subhach maille riutha; ach is e bhithdeanamh so a h-uile latha an aon doigh as cinntiche leis an cur sinn sinn-fhein gu bochdainn. Bhiodh e moran na bfhearr agus na burramaiche dhut deanamh mar bu ghnath le dathair nach maireann a dheanamh, a chum gum faigheadh tu ri uine a dhionnsuidh an t-suidheachaidh aird anns an robh e.”

Dheisdeadh Nouredin ri briathran dhen t-seorsa so le foighidin; agus le fiamh gaire air a ghnuis, theireadh e rithe, “A bhean mo ghraidh, na abair an corr mu dheidhinn sin. Na abramaid facal mu rud sam bith ach mu sholas agus mu thoileachas inntinn. Fhadsa bha mathair beo bha mi an comhnuidh fo stamhnadh mor; agus a nis tha micur romham gum meal mi an t-saorsa air an robh mi cho mor an geall mun dthainig am bas air. Tha uine gu leor agam gu bhithsmaointean air fas glic, agus teannadh ri caomhnadh mar a tha thusa ag iarraidh orm. Bu choir do dhuine og mar a tha mise blasad gu math air solasan na h-oige.

Ged a bha Nouredin a ruith triomhchuid gu luath leis na bha e cosg richairdean, is e dhfhoghainn gu buileach dha cho aindeonachs a bha e cunntas a dheanamh ris an stiubhard a bhariaghladh a thaighe; oir a h-uile uair a bheireadh an stiubhard a steach na cunntasan, thilleadh Nouredin air falbh e gun uiread is sealltainn orra. Agus theireadh e, “Bi falbh, bi falbh, tha mi lan chinnteach gum bheil thu onarach gu leor. Feuch gun toir thu dhomhsa a h-uile rud a bhios mi ag iarraidh.”

Mo thighearna, is sibh fhein as maighstir,” arsesan, “chaneil annamsa ach stiubhard; ach air a shon sin, bu choir dhuibh smaoineachadh air an t-sean-fhacal a thag radh, ‘Feumaidh am fear a chosgas moran agus aig nacheil ach beagan, tighinn gu bochdainn air acheann mu dheireadh.’ Chan fhoghainn leibhse cosgais mhor a dheanamh ann am biadhs an deoch, ach feumaidh sibh a bhith cosg bhur codach le bhur laimh. Agus ged a bhiodh bhur maoin cho mor ris na beanntan, cha chumadh i suas sibh.”

Bi falbh as mo shealladh,” arsa Nouredin, “chaneil mi ag iarraidh do chomhairlean. Thoir an aire gun cum thu riumsa pailteas ri itheadhs ri ol, agus coma leat de ghnothaichean eile.”

Aig acheart am bha cairdean Nouredin a ghnath maille ris aig abhord, agus bha iad a ghnath abuannachd gu math air an doigh shocair anns an robh ecaitheamh a bheatha. Bhiodh iadga shior mholadh agus abrosgal ris; agus os cionn gach ni bhiodh iad amoladh gach ni a bhuineadh dha. Agus leis a so bha iadg an cur fhein a staigh air gu mor.

Mo thighearna,” arsa fear dhiubh, “chaidh mi an latha roimhe seachad air an fhearann a thagaibhna leithid so de dhaite; agus chan fhaca mi taigh riamh cho briaghas cho math ann an ordugh ris an taigh a thagaibh air. Agus mu dheidhinn a gharaidh a tha timchioll air, chaneil nas briagha na e air an talamh.”

Tha mi toilichte gum bheil e cordadh ruit,” arsa Nouredin. Thugaibh dhomh peann is inc is paipear; gun tuilleadh a bhith ma dheidhinn, is leat fhein iad. Tha mig an toirt dhut a nasgaidh.”

Cha bu luaithe a mholadh fear dhe chairdean a h-aon dhe na taighean a bhaige anns abhaile, agus a bhacur moran mail dhiubh, na bheireadh Nouredin dha e saor as aghrunnd. Bhiodh Bean na Maise ag innseadh dha gun robh edeanamh dolaidh mhor dha fhein; ach an aite eisdeachd rithe agus a comhairle a ghabhail is ann a bha e leantuinn roimhe air sgapadh gach ni a bhuineadh dha gus an robh e mu dheireadh air bheul a bhith falamh.

A dhaon fhacal, cha drinn Nouredin car fad bliadhna ach acumail feusd agus greadhnachais ris fheins richairdean; a caitheamh agus asgapadh gu struidheasach an fhortain mhoir a chuirathair agus na daoine on dthainig e cruinn gu glic, curamach.

Air latha araidh aig ceann na bliadhna an uair a bha Nouredin agus a chairdeannan suidhe gu subhach, sunndach mu bhord na cuirme, agus iad an deigh ordugh a choirt don luchd frithealaidh a dhol am mach as an t-seomar a chum gum biodh am barrachd saorsa aca fhein, chualiad bualadh aig dorus an t-seomair. Thairg fear dhe na cairdean eirigh a dhfhosgladh an doruis; ach dheirich Nouredin on bhord, agus bha e aig an dorus air thoiseach air a charaid. Co bhann ach an stiubhard; agus o nach robh toil aig Nouredin gun cluinneadh na cairdean a bha comhladh ris mun cheann gnothaich a bhaig an stiubhard ris, choisich e ceum no dha air falbh o dhorus an t-seomair, agus dhfhag e an dorus leith fhosgailte.

An uair a chunnaic an caraid a thairg an dorus fhosgladh gum be an stiubhard a bhann, agus on a bha toil aig an comhradh a bha eadar Nouredin gus an stiubhard a chluinntinn, chaidh e am falach fo na



[299]

[Vol . 8. No. 38. p. 3]

cuirtearan a bhan crochadh air cul an doruis; agus mar sin chuale an comhradh a bha eadar an stiubhard agus a mhaighstir.

Mo thighearna,” arsan stiubhard, “tha mi ag iarraidh mile mathanas air son dragh a chur oirbh an uair a tha sibh ann an airde bhur solais. Ach tha na bheil agam ri innseadh dhiubh cho cudthromachs gum bfheudar dhomh tighinn ga innseadh dhiubh. Thainig mi far am bheil sibh gus na cunntasan mu dheireadh a dheanamh suas, agus a dhinnseadh dhuibh gun dthainig am mi-fhortan air an robh fhios agamsa roimhe so, agus mu thimchioll an do chuir minar faireachadh sibh iomadh uair, mu dheireadh dor n-ionnsuidh. Theirig a h-uile bonn dhen airgiod a thug sibh dhomh gus cosgais an taighe a phaigheadh. Agus theirig an t-suim a bha tighinn a steach air son an fhearainn agus nan taighean. Tha na daoine a bha paigheadh mail air son nan taighean agus an fhearainn atoirt dearbhaidh dhomh gun dthug sibh na taighean agus am fearann seachad do bhur cairdean, agus mar sin nach ruig mi leas duil a bhith agam ris an tuilleadh mail fhaotainn uapa. So agaibh na leabhraichean cunntais; agus mas e bhur toil e, faodaidh sibh sealltainn thairis orra feuch am bheil iad ceart. Mas math leibh mise a dhfhuireachnur seirbhis, thugaibh dhomh airgiod leis an cum mi gnothaichean an taighe ann an ordugh, ar neo thugaibh cead dhomh falbh as bhur seirbhis.” Chuir na briathran so a leithid de dhragh inntinn air Nouredins nach dthug e freagairt sam bith air an stiubhard.

(Ri leantuinn.)


NA SPUINNEADAIREAN.

(Air a leantuinn.)

Ann an ceann mu uair a thim ràinig a bhuidheann lem fear-iùil, tigh aonaranach ann an gleann beag no strath air an robh creagan àrd a crochadh thairis agus troimhn robh rathad caol cam a ruith, a dol air an darna làimh thairis air na cnoic a bha sineadh ris an àirden iar, agus air a làimh eile sios thun an talamh iosal on robh na beanntan ag éiridh. Bhan tigh, ged a bha e sealltainn aosda, dhen t-seòrsa bfhearr de thaighean na Gàidhealtachd aig an àm ud. Bha e da urlar air àirde, air a thubhadh le sgliat ghlais, agus uinneagan beaga fad o chéile. Bha e sealltainn gum bu tigh duina bha ann an àrd-inbhe. ’Nuair a bhabhuidheann a ruigheachd an taighe bha gach ni sàmhach a stigh agus timchioll. Cha robh solus ri fhaicinn no ni ri chluinntinn. Bhan uair anmoch agus bha na co-thamhaich fad air cadal. ’Nuair a bha iad faisge air an tigh thuirt am fear treòrachaidh na cuideachd riu: “Bidh sibh cho math agus feitheamh, a chàirdean, car beagan mhionaideanfeadhs a bhios mise cur Mhr. Siosal air a chois airson gabhail ribh. ’S e seann chairide dilleas dhomh a thann agus bidh e ro-thoileach, air mo shonsa, a h-uile coimhneasna chomas nochdadh dhuibh.” Le so a radh, dhfhàg e iad agus ann an uine bhig bha e air ais, gus an toirt thun an taighe far an deacha gabhail riutha le mor chaoimhneas le fear-an-taighe, leth-sheann duine uasal, ciùinna choltas.

Air dol astigh dhan bhuidhinn chaidh an treòireachadh do sheòmar mor far an robh searbhanta gu trang afadadh teine mòine. Bha so gu grad suas na lasair, ’s bhan luchd turais ann am mionaid a mealtuinn blàths sàr theine. Ach cha robh caoimhneas fir-an-taighe aig crich le comhartachd an taobh am mach. Le aoidhealachd an fhior Ghàidheil, bham bòrd air a lionadh le bhiadh do iomadh seòrsa; cruach de dharan math coirce, le dhiol de dhuighean de chàise, im, bradan fuar, agus muilt-fheoil, agus ge be deireadh cha bu diù, botul cruinn dubh de shàr driùchd nam beann.

Air an lionadh leis an aoidheachd a fhuair iad, riarraichte le gach a cheile, agus air an sparradh ionnsan ard spiorad sin a thogas luathghair agus cairtealan comhartail anns an inntinn, gu h-araidhn uair a thig iad cho obann agus cho amail mar a thachair aig an àm mu bheil sinn a labhairt, dhfhàs a chuideachd cho cridheil ann an ùine ghoirid, ’s gur ann a chuir iad rompa, oir bha amhaduinn cheana a tighinn faisg orra, nach rachadh iad idir do leabaidh, ach gur ann a chuireadh iad seachad am beagan uairean a bha dùil aca fuireach, far a robh iad. Anns a rùn so bha iad gu sònraichte air an daingneachadh le gluasad araidh a rinn am fear a threòirich thun an taighe iad, a bha a co-fhreagradh ri faireachdainean sùnntach na h-aimsir. Be sin gun tug e thuige fiodhal a bhan crochadh ris a bhalla, agus a cluich nam port bu bheothaile do cheòl a dhùthchadh. Bha chùis do-chuir na aghaidh, oir chluich e le leithid do sgil, gach pong cho soilleir, ealanta, toirt lan éifeachd dha gach fonn sunntach a bha e cur an cluasan a luchd éisdeachd. Bhachuideachd air an lionadh leis acheòl. Leum na fir air an cois, chaidh am bòrd a thogail beo mar a bha e leis na bhair gu aon taobh, agus ann an tiotadh bha na maighdeannan mar an ceudna air an ùrlar, ann an tiotadh eile bha iad a cuidhleadh troimh chuairtean nan ruidhlean Gaidhleach. Ni muthasguir an aighear so gus an
tug grian na maidne rabhadh dhaibh legathanne soluis a boisgeadh a stigh don t-seòmar. Le so, sguir an ceòls a mhire gu grad; agus thoisich a bhuidheann air deanamh deas arson gluasad air an turas.

Chuir fear-an-taighe impidh orra fuireach rim bris-thraisg; ach do bhrìgh gu robh iad air son falbh gun dail agus fiionnachd na maidne a ghlacadh cha do ghabh iad a thairgse. Bha na h-eich a bha mar an ceudna air gabhail aca gu ro mhath, air an toirt ionnsan dorais, agus ann am beagan mhionaidean bha iad gu leir air muin nan each agus a dol a dhfhalbh, ’n uàir a thainigm fear iùil a bhacan oidhche roimh, agus a rithist, a glacadh sreinn an eich aig Eilidh, gus a reir coltais, an gniomh ceudna chur an ceill aig an àm so; chuir so beagan maille air an gluasad, iad uile cur an aghaidh gun cuireadh e air dòigh sam bith a ni bu lugh de thrioblaid air fein air an son-san. Chan fhiosrach sinn gu den treidhireas leis na chuir Eilidh a guth an aghaidh e dhfhalbh, oir chuir i am facal annach tha e cinnteach nach robh i cho durachdach ri cach. Bha cunnuil na buidhinn air a chuir gu h-ealamh a thaobh lem fear iùilnuair a thuirt e riutha nach amaiseadh iad am feasd air an t-slighe, air feadh nan cnocs nan glac, agus a bharrachd air a sin gu robh aige, co-dhiu, ridhol àireamh mhiltean air a cheart rathad air a robh aca ri dhol. Cha dfhàg na dearbhaidhean so, gu àiradh an t-aon mu dheireadh, cothrom an a chorr a ghrath, agus dhimich a bhuidhinn air an turus, a am fear-iùilus Eilidh mar a bha iad roimhe, air thoiseach. On a bha nis an lathaca, cha robh e gu mor dheifir ged a bhiodh iad beagan astair o cheiles bhiodh iad am bitheantas ni bfhaide air thoiseach na bu gnàth leo bhith an oidhche roimh, eadhon cho fadas gum biodh iad greis a dhùine, air uairibh, a sealladh chaich. Cha robh làmh aig Eilidh ann a sin, ged tha. Bha companach cho ro-eòlachs an t-slighe agus tha e cinnteach nach bu mhiste leis a conaltradh diomhair a bhi aige ris a mhaighdinn mhaisich a bha na chuideachd. Fhuair iad, eadar a h-uile rud a bhann, de chothrom gun daidich gach aon dhiu an gradh a bha iad air a ghabhail dha cheile. Aig àm dhiu so, air dha-san a bhi aginn se dhi a mhor mheas a bha e air a ghabhail oirre, thuirt i ris, “Tha sinn tur aineolach air a cheile agus chan eil a leithid sin de sheanachas freagarrach gun a bhi gle eòlach air a cheile, ma tha e eadhon an uair sin fein. Chan eil ar n-eòlas-ne ach bhon , ach gun teagamh sheall thusa de chaoimhneas anns an uine bhig sin na ghabhadh sparradh ann; agus tha mis agus mo chàirdean gu firinneach na dchomain. Fhathasd, tha sinn aineolach.” “Aineolach!” ars esan, ’se labhairt cho eifeasach sa ghabhadh deanamh, “Chan eil sinn aineolach, chan eil mise co-dhiu, a cùnntas gu bheil mi aineolach ortsa. Bhon chiad shealladh a chunn aic mi dhiot bha mi eòlach ort. ’S a cheart mhionaidh sin theothaich mo chridhe riut, agus dhaidich mi air a spot air a robh mi gun tug thu bàrr am maise air na chunnaic mi. Gu den corr a burrainn ùine de dheòlas a dheanamh? ciod tuilleadh a tha ri thuigsinn?” Aig an àm sin chuir glaodh o fhear de dhaoin-uaisle na buidhinn grabadh air a labhart dhealasach agus thug e gu crich, car tamuill, an comhradh a bha eatorra. Gidheadh, cha robh an glaodh so ach a mhain gus a bhi cinnteach nach rachadh iad air chall air a cheile, agus fhuair am fear-iùil an ùine ghoirid cothrom air a chuis a thoirt os-nàird a rithisd. Chan eil mim beachd gu bheil e riatanach min-chunntas a thoirt air an seanachastaitneachs mar a bhios an còmhradh le luchd-suiridh iad fhein tha e fad o bhi cho taitneach sin leis an treas pearsa. Cha chan mi ach so ma tha, gu robh gaol Eilidh air a shocrachadh gu neo-atharraichte air a fear-treòirich òg eireachdail man do dhealaich iad.

Co-dhius ann gu rath na gu mi-rath a bhuilich i agaol air mar so ni crioch mo naigheachd a shealltainn. An deigh a dhol thar iomadh cnoc us glac, thainig iad gu mullach cnoic far a robh sealladh fad as acair Baile Bhanff, ’n uair sin chuir am fear-iùil grad stad air an each. “Eilidh,” arsesanso far am feum sinn dealachadh. Chan urrainn dhomh a dhol nis fhaide leat; ach thig e gle chruaidh orm mur a faic mi thun ùine ghoirid a rithisd.” “Chan e sin as fhearr dhuit,” arsEilidh, “ach o na thainig thu cho fada leinn feumaidh tu ar leantuin beagan nis fhaide. Feumaidh tu am baile ruigheachd, agus cothrom a thoirt dhuinn air pairt dher taingealachd a shealltainn dhuit airson do mhor chaoimhneis ruinn. Bidh mathair ro-thoilichte dfhaicinn.” Thainig fiamh mhi-thoilichte air gnuis aluinn a choigrich. Chrith a bhilibh, chas a mhala gu grad mhi-ghean; ged a bha e soilleir gur ann le stri, mhùch e ge be air bith na faireachdainean a dhaobharaich an coltas goirteas inntinn so dha, agus fhreagair e an deigh tacan a bhi na thosd. “Cha teid, Eilidh, cha ghabh e deanamh. Chan fhaod michan eil a chridhagam dol do Bhanff, ri solus latha.” “Chan eil a chridhagad!” ars Eilidh, le ioghnadh. Carson nach eil? Ciod no co roimhm bheil an t-eagal agad?” “Eagal?” fhreagair a chompanach, le seorsa de dhiomcheist, “Chan eil eagal orm ro aghaidh aon neach air bith, arm ri arm; ach, nan rachainn do Bhanff dhfhaodte nach faighinn an ceartas sin. Tha feadhainn anns a bhaile tha aimhreit eadar iad féins mi féin; agus bhiodh mo bheathan cunnart leo. ’Se sin a bha mi ciallachadhn uair a thuirt mi nach fhaodainn a dhol a stigh do Bhanff. Gidheadh, chan e nach fhaodainn a dhol ann nis mo,” ars esan, ’s e ga thogail fhéin gu làn-airde us a cur neart a ghuth le dullain leis an fhacal; “ach bamadanach ebhiodh e buileach neo-ghlic. Chan urra michan fhaod mi dhol nis fhaide leath Eilidh.”

(Ri leantuinn.)



[300]

[Vol . 8. No. 38. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, APRIL 27, 1900.

AFRICA MU DHEAS.

Tha gach duines pàisde ann am Breatunn agus ann an Canada min-eòlach a nis air ceann mu dheas Africas air achogadh a tha dol air aghaidh anns achearna so den t-saoghal. Is e cogadh cruaidh, fuileachdach, duilich a tha ann, agus chaill iomadh ceannard us saighdear cumhachdachd, comasach a bheatha cheana anns an stritha Breatunn a deanamh air son a h-ùghdaras féin a chumail suas, agus airson saorsas fireantachd aisig air an ais do na miltean a tha tuineachadh ann an ceann mu dheas Africasa tha bho cheann iomadh bliadhna fulang eucorach is mi-cheartais bho na Boeirich bhrùideil, fheineil, mhosach. Is e dùthaich anabarrach corrach a tha ann au ceann mu dheas Africa. Tha cnuic us sluichd, tha uamhan us glaic gle lionmhor, agus mar so tha comas gasda aig na Boeirich air cogadh a dheanamh bho chulthaobh nam meall us nan dùn a dheasaich nàdur fèin dhaibh. Tha fhios cinnteach aig càirdean MHIC-TALLA gun dfhuair am feachd Breatunnach buaidh mhath no dha nis, agus gu faca na Boeirich gu soilleir gum bi iad air an ciosnachadh gun teagamh agus gun teid uamhar us ana-ceartas Chrugair agus a chàirdean a thilgeadh gus an làr. ’Nuair a thòisich an cogadh, cha robh Breatunn idir deas, agus o nach robh ach beagan shaighdearan aice ann an Africa, fhuair na Boeirich an toil féin ann an tomhas mor, agus chuir iad sios feachd lionmhor, ladarna do Natal, agus do Ros Africa, da roinn a bhuineas do Bhreatunn gu direach, diongmhalta. Bha moran ann am Breatunn agus ann an Canada acreidsinn gum biodh e gle fhurasda buaidh fhaotainn thairis air na Boeirich ann an stri nan lanns nan gunnachan mora, ’s on bhan dòchas so air feadh na rioghachd, bha monmhur làidir us coire rin cluinntinn an aghaidh nan ceandardan aig nach robh sgil no comas air na Boeirich a chiosnachadh agus air ainm us onoir an fheachd Bhreatunnaich a dhion agus a chumail bho thàir us bho thàmailt. Chunnaic luchd-riaghlaidh Bhreatuinn fa dheireadh gur e cogadh oillteil a bha aca ri dheanamh an aghaidh nam Boeireach, agus le deifir us dealas iongantach chuir iad réiseamaid an deigh réiseamaid a dhionnsuidh achogaidh. Chuir iad am Morair Roberts, ceannard nan iomadh euchd us leòn us cliu, maille ri Citchener, an laoch meamnach a chiosnaich ar-a- mach amaideach an t-Soudain, —gu ceann mu dheas Africa, agus nochd iad cheana ann am blàr no dha gu bheil inntinn us treòir us seòltachd us innleachd fhoghainteach us ghasda aca. Ghleidh iad an comhairle doibh féin, am feadh a bha iad a deanamh deas airson fuasgladh a thabhairt do Chimberli, agus crioch a chur air feachd us cumhachd Chroinie. Shoirbhich leo gu math us gu ro-mhath. Fhuair iad ann an ùine ghearr sealbh air baile-mor Bloemfontein na Staide Shaoire a ruisg an claidheamh gun aobhar an aghaidh Bhreatunn. Tha uabhar us ùghdarras achinn-shuidhe Stein an diugh air an làr, agus tha miltean ag altrum an dòchais nach tig an latha gu bràth an t-saoghail anns nach bi suaicheantas Bhreatuinn a crathadh anns an t-soirbheas anns gach ionad àrd us comhnard iosal anns an Staid Shaor Orange. Tha bho cheann ùine mhaith a nis Roberts us Citchener a rithist a gleidheadh an comhairle daibh fèin gu diongmhalta, ’s tha sinn uile feitheamh le foighidinn mhor airson an ath cheum ghaisgeil, chomasach, bhuadhmhoir a ghabhas an da cheannard ghlic us threun ud, a chum buaidhean eile fhastainn thairis air Crugair agus a Bhoeirich. Ged fhuair am feachd Breatunnach lamh an uachdar air na Boeirich ann an iomadh blàr, tha iad fathast acur achath gu dàna seòlta, ’s leis gach cuilbheart us feall-fholach air am bheil iad gle-eòlach, tha iad a nis agus a rithist a glacadh nan saighdearan deargas a marbhadhs a deanamh priosanaich diu.

Tha gach duine ann an Canada aig am bheil spèis air bith do Bhreatunn, fior thaingeil gun do chuir sinn saighdearan bho Chanada a chum còmhnadh neo cuideachadh a dheanamh le Breatunn ann an ceann mu dheas Africa. Is maith agus is ro-mhaith da-rireadh, a fhuaradh laoich òga Chanada aig iomadh àm cheana, ’s gu sòuraichte anns an spairn uamhasaich a chuir crioch air nearts air ùghdarras Chroinie. Ged tha mulad trom oirnn gun do chaill moran de laoic àluinn ar dùthcha am beatha anns an stri, tha sinn proiseil gun drinn iad euchdan cho gaisgeil agus cho sònruichtes gu bheil mar so an gniomharan treunas an cruadal sgairteil air an aithris thallsa bhos le tlachd us moladh mor. Tha e soilleir gu leòr nach tig crioch ann an ùine ghearr air a chogadh. Feumaidh am feachd Breatunnach iomadh deuchainn eile fhulang agus iomadh spàirn chruaidh, churanta eile ndeanamh, mum faighear greim air Crugair agus air a bhaile mhor Pretoria, mun teid gach tnù us naimhdeas a chur bun os cionn anns gach aites am measg gach fine far an drainig na Boeirich us an cuilbheartan agus òr us cealgaireachd Chrugair. Tha da cheud mile saighdear aig Breatunn anns achogadh a nis, agus is còir doibh ainm mor a chosnadh gu sgiobalta doibh féin.

CONA.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L . L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

dec . 8, ’99. —1yr.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.



[301]

[Vol . 8. No. 38. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha amhuinn St. Lawrence a tilgeadh na deighe, agus an ùine ghoirid bidh i fosgailte agus bidh cothrom aig na soithichean-smuide air ruith air aiss air adhart gu Montreal.

Tha riaghladh na roinne a bruidhinn air drochaid a chur thairis air na Narrows Bheaga. Tha cuid an aghaidh a togail air eagal gun cuir i maill air ruith nan soithichean a machsa stigh á Baighe Hogomah. Cosgaidh an drochaid, ma theid a togail, deich mile fichead dolair.

Tha duine fuireach an siorrachd St. John, an New Brunswick, dan ainm Seumas Ros, a tha ceud us deich bliadhna dhaois. Tha e fhathast gu slàn, tapaidh, agus chan eil ach mu thri bliadhna on sguir e dhe bhi deanamh a chuid fhéin den spealladh an àm an fheòirs na buana. Bha an seann laoch so coig bliadhna fichead a dhaois nuair a chuireadh blàr Waterloo, agus tha deagh chuimhnaig air an àm. Aig an taghadh mu dheireadh, bhòt e cho math ri fear sam bith, agus tha làn dhùil aige bhi beò agus comasach air sin a dheanamh aig an ath thaghadh cuideachd!

Tha cuid de dhotaireans de luchd-sgil ag radh gu bheil feumsan tombaca, agus cuid mhor ag radh nach eil, achsi bharail chumanta thaca uile gu bheil an tombaca tha daoine smocadh ann an cruth nacigarettesanabarrach cronail do neach sam bith a bhios ris, agus gu h-àraid do dhaoinòga. Tha eg obrachadh air an eanchainn air dhòighs gu bheil neach a call a chomais smaoineachaidh us obrachaidh ann an tomhas mor. Tha moran cheannaichean agus luchd-gnothuich eile am bailtean mora nan Stàidean nach gabhs nach cum duinòg mar chléireach no mar sheirbhiseach ma tha e ris nacigarettes .

Chaidh seana bhean a mhuinntir nan Narrows Mhora, bana-Chaimbeulach, aois thri fichead bliadhna, a ghoirteachadh gu dona maduinn Di-luain sa chaidhsi gabhail turus air a charbad-iaruinn gu Acarsaid Chloinn Fhionghain. Le dearmad lean an carbad roimhe gus an robh e astar math seachad air a challa sin, ach an uair sin chuireadh stad air gus ise leigeil dheth, leis a chabhaig a bhoirre gus an carbad fhàgail, leum i dheth mun do stad e, agus chaidh a goirteachadh. Bha a h-aobrann air a bhristeadh agus a gualasa ceann air am bruthadh gu dona leis an leagadh a fhuair i.

Tha na daoine-dubha ann an Africa mu dheas anabarrach deònach air a dhol a chuideachadh an airm Bhreatunnaich an aghaidh nam Boereach, ach cha cheadaich Breatunn sin dhaibh, oir chan eil i air son daoine dubha chur don àraich an aghaidh dhaoine geala. A bharrachd air na Basutos agus na Zulus an Africa, tha moran de shaighdearan dubha aig Breatunn fhéin anns na h-Innsean, agus tha iad uile air bhoil gu faighinn don chogadh, ach cha chuirear ann iad air son an aobhair cheudna. Chan eil rioghachd eile air an t-saoghal a chumadh a cuid shaighdearan air ais o chogadh a chionn nach eil iad den aon dath craicinn ris na naimhdean.

Gheibhear litir oC. C.” air taobh eile dhen phaipear so. Than t-òran mum bheil esgriobhadh ri fhaotainn air an taobh mu dheireadh. Tha tri rainn ann a bharrachd air na bhaigEarraghael,” agus chan ionann do chuid de na sreathan anns na rainn eile. On a fhuaireadh an t-òran mar so o mhac an ùghdair chan eil teagamh sam bith nach eil e ceart mar a rinneadh e.

Maduinn na Sàbaid sa chaidh, bha da iasgair air am faotainn marbh ann am bàta fhuaireadh air acair mu mhile mach air acairaid St. John, N. B. Tha e coltach gun do thuirt fear dhiubh a mach as abhàta agus gun dfhuair a chompanach a thoirt air bòrd a rithist, ach gu robh iad le chéil air an claoidh cho mors nach burrainn dhaibh feuchainn ri tir a thoirt a mach, agus gun deach am meileachadh leis an fhuachd re na h-oidhche.

Di-haoine sa chaidh, chaochail Miss Minnie Ghrannd, nighean don Urr. Uilleam Grannd, ministeir Ghrand River, ann an sgoil nam Balbh, ann a Halifacs, far an robh i o chionn dha no tri bhliadhnaichean a teagasg. Chaidh a corp a thoirt dhachaidh gu Grand River gu bhi air amhlacadh. Tha Mr. Grannd agus a bhana-chompanach air am fiosrachadh gu tric leis a bhàs; ’si so an treas neach den teaghlach a thugadh air falbh o chionn dha no tri bhliadhnaichean.

Bha an t-side air an t-seachdain so gle fhuar, greannach, le sileadh mor sneachda oidhche Di-màirts Di-ciaduin. Than deigh mhor timchioll nan cladaichean, agussi is coireach ris an aimsir a bhi cho ao-coltach ris an t-samhradh. Chan eil anns an deigh mhoir, ’sa chearna so den dùthaich, ach olc nach urrainn daoine leasachadh, ’s chan eil aca mar sin ach a bhi an dòchas gun tog i oirre don chuan mhor an ùine gheàrrs gun leig i le blàths us fallaineachd an earraich tighinn.

Tha Morair Roberts us Kitchener, mar a thaConaag radh an àit eile, a gleidheadh an comhairle dhaibh fein; chan eil naigheachd is fhsiach a tighinn uapa o chionn ùine mhath air ais. Chan fhaodar a smaoineachadh, air son sin, nach eil iad a deanamh dad. ’Ses dòcha gun cluinneas sgeul uapa an ùine ghoirid. Tha Morair Roberts le ceithir fichead mile saighdear deiseil gu falbh air an t-slighe gu Pretoria. Chaeil Robert, a reir coltais gle bhuidheach de Chitchener air son mar a bha e gluasad an airm; ’si a bharail gum be bu choireach na h-uiread de shaighdearan Chanada a bhi air am marbhadh aig Paardeberg an uair a bha iad a cur a bhlàir mu dheireadh ri Cronje,


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seachad air riabh.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


SYDNEY CASH STORE.

Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan
Do na Mnathan.

Deiseil gun cosg,
aig
J . C. MILLS,Sidni.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


Bhuail da charbadna chéile aig anJunctionfaisg air Sidni Tuath, ’sa mhaduinn Di-ciaduin, agus bha an da inneal air am bristeadh gu dona. Bha fear de naconductors ,Mac Neill, air a dhroch ghoirteachadh.

Air son luach airgeid cha toirear barr airUnion Blend Tea.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B



[302]

[Vol . 8. No. 38. p. 6]

Ailein-Nan-Sop.

Tha corr as tri chiad bliadhna bhon a bha Ailein am bithibh an t-saoghail so. Bu mhac e do Lachann Catanach triath Dhubharts ceann-feadhna Chloinn-Ghilleathain: ’s bu leth-bhràthair e do dh-Eachann Mòr, am mac a bhaig Lachann ri nighean Mhic-Cailein. Cha ruig mi leas a chur sìos an so, an seol mi-chneasda air an do chuir Lachann Catanach bhuaithe Nic-Caileinchitear es achiad leabhar den Ghaidheal; cha mhò tha romham dearcnachdadh no liadachadh air ana-cleachdaidhnean nan aintighearnan a bhann rilinn: foghnaidh dhomh innse gun do ghabh e, an déigh dealachadh ri mhnaoi, le nighinn do dh-Fhear-Threisinnis, agus gur h-i so bu mhàthair do dh-Ailein-nan-sop.

An eilein daingean air cùl Mhuile, is ann a fhuair Ailein-nan-sopàrach: is ann a bha Lachann Catanachs an àm ud afuireach. Is e an ciad iomradh a thagainn air Ailein, e bhi air son cionta air choir-eiginn, air a thilleadh thair creig; ach, ged a tha na creagan a tha ceithir-thiomchioll an eilein cho uamhasach cas, ’s gur gann a sheasas ian air iteig orra, stad esan air stac aig oir na fairge; ’s ris achreig so theirear gus an an diughUrraigh Ailein-nan-sop.”

Mun àm ud, bhan Airde-niar ag cur thairis le creachadairean-cuain. Thuit do shoitheach dhiubh so tighinn an ud an rathad; agus faicear an sgioba Ailein agus e leth-mharbh air an stac, ’s thugar air bòrd e. Cha robh a chridhe aige nise dol dachaidh; agus, ’s e bhann gun do lean e ris an t-soitheach, gus mu dheireadh an dfhuair e dha fhein e. Bha en a shàr mharaiches atighinn beo air achreachadaireachd; air chors gun robh en a chulaidh eagail as oilltes an àirde-niar. An ceann-tuath na h-Eireann bhàtar cho eolach air Ailein, airainms air a ghnìomh, ’s ge bu choimhearsnach bun an doruis e; ’s cha bann aon uair a chrom e air feudail-chorra nan Gall am mach mu Ghlaschu. Is ann le bhi creachs alosgadh mar so a thugadhAilein-nan-sopair.

Cha robh fathamas aig Ailein ri caraide no ri nàmhaid. Ghabh e fàth air tighearna na Leithir ceanntighesliochd achlaidhimh iarainn,” a charaide fhein, ’s chuir e gu bàs e, agus ghabh e fhein seilbhs an tigh aguss an fhearann. A chur a stigh air, thug Mac-Dhònuill dha eilein Ghìogha, agus fhuair e Cille-Charmaig bho Mhac-Cailein; ach bha Ailein air a shean each bàn’ —cha do leig e dhe achreach.

Chuala e uair a bhan sid, gun robh gamhlas no farmad-cùirte aig tighearna-Chola ris; aguss e bhann gun dthug e eilein Chola air. Thachair tighearna-Chola airs e sraidimeachd aig taobh achladaich; agus gun ghuth mor, gun droch fhacal, glacar es thugar air bòrd e, agus cheangail e ris an tobhta e, ’s togar na siùil don Tairbeart. Bhiodh tighearna-Chola ris abhàrdachd, ’n a uaireannan, agus an turus so rinn e òran do dh-Aileina réir a h-uile coltais a’ “Chaismeachd.” Chòrd e gu math ri Ailein, ’s anns na cuir a bhann, thug e a chead do thighearna Chola; ach thuirt e ris, “thoir an aire, ciod a their thu an deigh so mu mthimchioll-satha ian beag ann an Cola tha tighinn a dh-innseadh dhòmhsa do chainnte aig do bhòrd fheinleigidh mi as thu, ach bid earalas á so suas.”

Am feasgar a bheatha, thionndaidh e a smaointean ris an ath shaoghal, ’s leig e dhe achreachadaireachd. Thug e I Chaluim-chille airs rinn e réits a dhleasnas ris a chléir; ach bannsa le chuid ghillean an t-seann chèaird. Bha fear dhiubh latha ri bhiadhs thuit gun dthàinig aisne air de nach robh moran ri ghabhail, ’s thuirt e, “Is ann air an tigh so a thàinig an latha, an uair a tha na cnaimhean cho lom.” “Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal,” agus thuig Ailein mar a bha chùis; agus dhòrduich e do na ceatharnaich a bhi deas agus dol leis air tòir cobhartaich. Thog iad orra mach ri Cluaidhs cha bu chobhartach e gus an turus sin. Bi so achreach mu dheireadhs achreach bu mhò a thog Ailein; ’s thug iadCreach-na-h- aisnemar ainm oirre.

Fhuair Ailein saoghal fada, ’s dhfhàg e mac as nighean. Chuireadh gu dìth a mhac, air son ionnsaidh a thoirt air bràthairathar, agus phòs a nighean Murchadh Gèarr Lochabuidhe. Dhéug e mun bhliadhna 1555, eadar sins 1560, ’s chaidh a thiodhlaiceadh an cairidh Chlann-Ghilleathain, an Réilig Orain, an I Chaluim-chille, far am faicear an uaigh aige gus an an diugh.


Bha Eireannach uair abruidhinn mu mheudachd America agus ars esan, “Tha iad ag radh riumsa gum faodadh tu Sasunn a chuidhleadh troimh America agus nach deanadh i uiread us làrach fhàgail; tha cuaintean uisge ann anns am faodadh tu seann Eirinn a bhàthadh; agus Alba, dhfhaodadh tu an dùthaich sin a thilgeil ann an cùil de dhAmerica, ’s theagamh nach amaiseadh tu gu bràth tuilleadh oirre mur fairicheadh tu fàileadh an uisge-bheatha.”

Tha tri fichead duinesa tri de shliochd na Ban-righ beò, seachdnar chloinne, tri deug air fhichead de dhoghaichean, agus a tri air fhichead de dhiar-oghaichean.

Tha iad adeanamh a mach gu bheil muillein de dhaoine dall air an t-saoghalno aon as gach ceithir cheud deug dhen t-sluagh.

Cheannaich Eireannach uair sia asail air féill; chaidh e mharcachd fir dhiubh agus shaodaich e càch roimhe. Mun d thainig e bhar muin an asail aig a dhachaidh, thòisich e air na h-ainmhidhean a chùnntas, ach cha robh ri fhaicinn ach a còig. “Feumaidh gun do stad am fear eile air an rathad,” arsa Pàruig. Thill e, agus chaidh e sios us suas, a feorach de gach duine thachradh ris am face asal fuadain, gus an robh am beothach bochd a bha e marcachd air a shàruchadh cho mors gun do dhiùlt e dhol ceum na b fhaide, agus bfheudar do Phàruig tighn dheth. Air dha sin a dheanamh thug en aire dhan asal, agus ars esan, “Nach mi-fhin an dearg amadan! A siubhal na dùthcha ag iarraidh an asail, agus mi fad na h-uinega mharcachd!”

On bhliadhna 843 gus a bhliadhna 1107 bha aGhaìlig air a labhairt feadh na h-Alba air fad. Bha i air a labhairt leis na Righrean agus leis an luchd àiteachaidh gu leir. Bha innleachd, agus ealain, agus litreachas na Gàidhlig air an cumail suas re an ama sin. Achnuair a thàinig an ciad Alasdair gu caithir-rioghal na h-Alba anns a bhliadhna 1107, thòisich e air cur dimeas air cainnt a shinnsear, ach ged a thoisich cha bi a Bheurla bu mhath leis a churna h-aite, oir bi cainnt nan Normanach (seorsa Fraingeis) a bu toigh leis, agus bàbhuist da a radh gum bi an t-aon chànain uasal a bha anns an t-saoghal.

Anns abhliadhna 1695 thug an treas Uilleam, Righ Shassuin, òrdugh airson màil Easbuigeachd Earraghaidheil agus nan Eileanan a bhi air a thional leis na saighdearan aige, a chums gum bitheadh an t-airgiod aige airson Sgoilean Beurla a thogail, oir chuir e roimhe aGhaidhlig a chur as gu buileach, glan. Is fada on uair ud ach tha a Ghailig beò fathast, agus is e dùrachd grch fior Ghaidheil nach faigh i bás gu bràth. Bann ri linn an Righ so thugadh an t-òrdugh air son mort Ghlinn Comhainn.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


Are You Deaf??

All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Daltons Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.



[303]

[Vol . 8. No. 38. p. 7]

Litir a Strathalba.

FHIR-DEASACHAIDH:—

ThugEarraghaelá New Zealand dhuinn anns a MHAC-TALLA o cheann ghoirid iomradh gasda air oran a bhaird Uigeich. Tha e beagan cearn a thaobh an ughdair. Cha be Calum Domhnullach a rinn idir e, ach Iain a brathairIain MacDhomhnuill Mhic Alasdair. Thainig Calum do Cheap Breatunm anns a bhliadhna 1840 no41, agus ghabh e fearann ann an Baddeck mhor ach dhfhàg e sins chaidh e don Rudha Tuath (Cape North) far na dheug e o cheann àireamh bhiladhnaichean. Dhfhàg e dithis mhac agus dithis nighean. Tha Tearlach, am mac a bòige, na chomhairliche an siorrachd Bhictoria o cheann iomadh bliadhna. Chan fhiosrach mi gun robh spiorad bardachd idir aig Calum, ach rinn Iain iomadh òran. Cha dthainig esan riamh don duthaich so. Nuair bha e òg ghabh e anns an arm, anns an Reisimeid Dhuith, ach cha do chòrd an t-saighdeireachd ris agus ann an beagan bhliadhnachan cheannaichathair as e. An deigh an t-arm fhagail thainig e air ais do Ghleann Uiges an Eilean Sgiathanach. Thug e fichead samhradhs a h-ochd aig iasgach an sgadain, agus acur seachad gach geamhradh aig an tigh. ’S ann aig an iasgach a bha enuair a rinn e n t-òran so. Chaochail esa bhliadhna 1875.

Bha mise gle eòlach air Domhnull Ruadh Màrtuinn— “Bodach an t-soluis.” Chaochail e aig Beinn-a- Mhaoir no Beinn na h-Aibhne Miadhanaich. ’S e Nic Ille Mhaoil a bha pòsda aige agus thuirt cuid eigin rium gum bisenighean bhan Mhic-Mhaoilein,” air a bheil iomradh anns an òran. Cha robh sgoil aig Domhnull no moran eòlais air eachdraidh. Chuir am ministeir aon uair ceist air Domhnullco cheud duine bhair an t-saoghal? “Gu deanbh fhein a dhuine,” arsa Domhnull, “co riamh a fhuair sin a mach!” Bha mac aige a bha beagan as a rian. Besan cùis eagail bu mhotha bhagam air an t-saoghal aon uair, cha robh bocan no rud eile na uamhas cho mor leam ri Calum Màrtuinn. Ach cha robh Calum bochdna aobhar eagail idir cho mors a bha mise an uair ud an dùil. Dhfhalbh esan mar an ceudna. ’S e mo bheachd nach eil aon an duigh beò do ghillean Dhomhnuill Mhàrtuinn; Calum, Uilleam agus Domhnull:—

Tha laithis bliadhnaidhs linn dol seach
S cha phill ri neach an triall.”

ThuirtEarraghael,” agus is fhi or dha sin, gun do tharruing am bàrd dealbh cho firinneach air cleachdaidhean natim a thriall bhuainns gun do mheas e na rainn ud airidh a bhi air an cumail air chuimhne. Bhan t òran air a sgriobhadh sios le fear do ghillean Chaluim Dhomhnullaich gu caraid àraidh a chuir an clò anns a MHAC TALLA e. Ma chi am Fear-deasachaidh iomchaidh faodaidh e thoirt dhuinn facal air an fhacal mar a bha e air a sheinn leis a bhàrd an Alba agus le teaghlach a bhraithar ann an Ceap Breatunn.

Na h-uile latha.
C. C.

Strathalba E. P. E.
An Giblean 18mh. la, 1900.


Ardsan t-Saoghal.

Tham bàta-smuide as àirde thair an t-saoghal ri fhaicinn ann an ceann a deas America. Ann am Peru tha loch ris an canar Titicaca a tha sia fichead us deich mile (130,000) troigh os cionn na fairge, agus air an loch sin tha bàta-smuìde a ghiulanas luchd coig ceud gu leth tunna. Chaidh am bàta sin a thogail ann an Dumbarton, an Albainn, a thoirt a mach gu Port Mollendo, air cladach America Deas, agus á sin a ghiùlan na phiosan suas na beanntan Andes dhionnsuidh an locha, astar thri ceud us coig mile fichead, agus an sin chuireadhna chéile a rithist e. Bha e na obair mhor agus dhoirbh so uile dheanamh. ’Se Albannach den ainm Iain Wilson a bhair ceann a ghnothuich bho thoiseach gu deireadh.

Bha cuideachd bheagnan suidhe mun ghealbhan, ann an seòmar taigh-òsda, aon oidhche, agus dhéirich deasbaireachd eadar dithis dhiubh mu dheidhinn cuis na h-Eaglaise. Mu dheireadh dhfhas achonspaid cho fuaimneachs gun do dhùisg iad mòr a bhana chadal air beulthaobh an teine. Thosich an ri donnalaich uamhasach a dheanamh. Air so dheirich seann duine agus bhreab e an , ag ràdh aig an àm cheudna, “Bi samhach a bheist! chaneil thu atuigsinn na cùise dad nis fearr na tha iad fein.”


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


PUBLIC NOTICE

Shoreys Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented.

H. Shorey & Co., Montreal.

Shoreys
All Wool Business suits
Retailed at $8 .00
Cannot be beaten.



[304]

[Vol . 8. No. 38. p. 8]

Oran.

LE IAIN MAC DHOMHNULL MHIE ALAISTAIR.

Dheirich mise maduinn chiuin
S gun thog sinn siuil ri garbh-chruinn,
Chunncas dubhradh mor is dudlachd
An dara tubh nuair dhfhalbh sinn.
S gun sheid i bras le borb-thuinn chas,
S i tighinn a mach gu gailbheach,
S i ruith le sugh air bhar gach stuchd,
Ri togail smuidsan fhairge.

Bu mhath bhi n uair sinn coire luachrach
Shuas aig airidh Uige,
Farm biodh na h-uains na caoraich luaineach
Ruith mun cuairt gu siubhlach;
Mi fhins mo chruinneag ri mo ghuallinn
S deamhais chruadhach duintaic,’
S gach fear is gille ruith mun cuairt
S bhiodh Domhnull Ruadh le chu ann.

Sud an gleann is boidhche sealladh
Ann a maduinn reota,
Le caoraich gheala, dhubh is ghlasa,
Cuid dhiu tarr-fhionn, brocach,
S bidh lair le searrachm bun gach beallaich
Suas ri strath nan lointean,
Sa dhaindeoin gaillionn no fuachd Earraich
Chan iarr mart ann crothadh.

S iomadh caileag chuimir, ghuanach
Thann ri uallach spreidhe
Le cumans buarach dol an bhuaile
S laoigh mun cuairt di geumnaich
Ben ceol nach bfhuathach leam ur nuallan
Dol a luadh na cleithe,
S mi-fhin mun cuairt duibhs piob rim ghualainn
Cluich nan duanag eibhinn.

S iomadh caileag bhoidheach, chuimir
Thann, na suidhe air cuibhle,
Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag
Bidh gach iorram binn aic
A snath is boidhche falbh bho meoirean
Cothrom comhnard sinte;
S a falt na chuaich air chul a cluais,
S e togta suas, is cir ann.

S ann leam bu deonach bhis a chomhlan
Maduinn bhoidheach cheitein,
Ag eisdeachd comhradh nam ban oga
Stoireannan ri cheile
Gach te toirt barr air e teilair bhoidhchead
Modhail eolach, speiseil,
Le cleochda gorms le coileir dearg
Nuair bhiodh iad falbh don Leughadh.

A chials a nair! bem biadhs am blaths
A bhi nur cairdeas daonnan,
Ri mires manran, cridheach, gaireach,—
Be sud gnaths mo dhaoine,—
Nan tachradh te dhibh bhis an atha
Oidhche mhart na h-aonar
Gun loisgte pairt oirre den ghran
Le gille ban Beinn Mhaoineis.

Nuair bha mi og, mun drinn mi posadh,
Bha mi gorach aotrom
Falbh gu sporsailmeasg nan og-bhan,
Sud an seol bu chaomh leam
S an te bhiodh coirs a bheireadh pog dhomh
Shuidhinn stoltri taobh-se,
S on te nach fuilingeadh ball na coir dhiom
Gheibhinn dorn mun aodann.

Nuair thig an geamhradhs am nam bainnsean
Gheibh sinn dram bhon Toiseachd;
Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean
S aig na gillean oga,
Bidh mnathan fein ann subhach, eibhinn
S iad ag eubhach oran
S bidh dram aig bodaicheann a fodar
S ogan orra storigh.

Gheibhte sgialachdan ro bhriadha,
Aig bodaich liatha, cheanna-ghlas,
Biad sud na seoidnuair bha iad og
Gu iomairt bho feadh gharbhlach,
Gum bhiodh iad trics an Eaglais-Bhric
Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch,
S cha rachadh brog a chur mun spoig
Gu ruigte an ceo on dfhalbh iad.

Iainic Thearlaich far do lamh,
Tha sinne cairdeil daonnan;
Tha thusa fas is mise cnamh,
S mo cheann cho ban ri faoileig,
S bu mhor an toileachadh do phaiste
Gheibheadh blath ri taobh thu;
S nuair thig an geamhradh bidh tu sas
Aig nighean bhainIlc Mhaoilein.

S iomadh oidhche fhliuch is fhuar
A ghabh mi suas an t-ard-chnoc
A shealltinn air a chaileig ghuainich
Dan robh ghruaidh ro narach,
Olc no math le luchd ar tuaileis,
A luaidh, gus mi ga dfhagail,
Phos mi sin thus thug mi uaththu,
S bha sud cruaidh le Padruig.

Fhir a shiubhlas gu mo dhuthaich
Sann a Uig a dhfhalbh mi
Thoir beannachd dubailte da h-ionnsuidh
Chosdas cruintean airgid,
Is can ri Seochd a thanns a Chuil,
An co-dhunadh mo sheanchais,
Gur barail leam gu faic mi ghnuis
Mun teid an nir air Armchul.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Biga phaigheadh. Biga leughadh.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIGGAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An seorsa s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.

titleIssue 38
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 38. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page