[305]

[Vol . 8. No. 39. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAY 4, 1900. No. 39.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. XIV.

An -iar-na-mhàireach on a bhan t-sìde ciùin, briagha, agus gun choltas sam bith gun atharraicheadh a ghaoth, dheònaich an sgiobair gun leigeadh e le àirmeah dhe na seòladairean a dhol air tìr anns an eilean, agus greis dhen latha chur seachad ann. Ged a bha uisge gu leòr aca air bòrd, bha e teannadh ri blas a ghabhail, agus on a bha iad adol gu tìr co dhiubh, thug iad leotha buideal no dhà gus uisge a thoirt leotha gu bòrd, nan tachradh uisge math riutha. Thug iad leotha gunnachan, agus fùdar is luaidhe, araon a chum sealg a dheanamh, agus a chum iad fhein a dhìon o fhiadh-bheathaichean.

Bha Domhull air thoiseach anns abhàta an uair a leigeadh leis achliathaich i; oir ged a bha e cho déidheil air seòladh ri fear sam bith, bha toil aige faighinn gu tìr air chors gum faigheadh e cothrom air a dhìol ruith is leumnaich a dheanamh. Bha e mun àm ud dlùth air a bhith bhliadhna aig muir, agus ged a bha efaighinn gu tìr gu math tric an uair a bhiodh an long ann am baile-puirt, cha robh aige mar bu trice ach a bhith coiseachd còmhladh richompanaich air sràidean cruaidh abhaile. Cha robh so acòrdadh ris idir.

Air an lathud an uair a chuale gun robh e gu faighinn gu tìr don eilean, bha e anabarrach toilichte. Thionndaidh e ridhlùth-chompanachbe sin an seòladair a thug misneach dha gus a dhol air bòrd an oidhchetheich eagus thuirt e, “Gheibh mise mo dhìol ruith mun dthig sinn air ais gu bòrd. Cha robh mi ruith air talamh lom, glas on oidhchetheich mi.”

Cha dubhairt mi nach fhaigheadh tu barrachd ruith air na tha thun dùil, a Dhomhuill,” arsa chompanach, Callum Ros, ’s edeanamh gàire. “Chaneil fhios nacheil daoine fiadhaich agus fiadh-bheathaichean air an eilean. Ach lean thusa mise on tha gunna agus fùdar is luaidhe gu leòr agam. Fhads a mhaireas fùdar is luaidhe dhomhsa chan eagal dhuinn. Cha dinnis mi riamh dhut gun robh mi anabarrach cuimiseach. An uair a bha mi aig an tigh mu dheireadh tha mi cinnteach gun do chosg mi cho math ri punnd fùdair alosgadh air comharradh. Aig astar ceud slat air falbh, chuirinn an amhach bhar botuil leis apheilear. Is e mosgaid Spàinteach a thagam a cheannaich mathair o Dhomhull saighdear, agus chuala mi iad ag ràdh nach robh gunnas an dùthaich gu léir a chaitheadh peilear cho fadas cho cinnteach rithe. Chaneil de chron agam oirre ach gum bheil i tuilleadh is trom air son losgadh bhar mo làimhe leatha. Ach nam faighinn air sorochan i, chuimisichinn rud sam bith leatha. An geamhradh mu dheireadh a bha mi aig an taigh, thug mi iomadh geadh mòr, trom, bhar Loch-nan-Geadh leatha.”

Cha do chuir mi srad a gunna riamh, agus ona tha sinn adol gu tir, thoir thusa leat fudar is luaidhe gu leòr, agus bheir thu dhomhsa cothrom air mo làmh fheuchainn air losgadh air comharradh,” arsa Domhull.

Na biodh eagal ort nach toir mise leam pailteas dhe gach a shaoileas mi a bhios feumail dhuinn. Than sgiobair ag ràdh gum faod sinn fuireach air an eilean gu beul dubh na h-oidhche o nacheil coltas sam bith gum bheil aghaoth gu atharrachadh ann an aithghearrachd.”

An uair a bha iad adeanamh deiseil gu falbh gu tir, thug an sgiobair òrdugh dhaibh biadh is deoch a thoirt leotha; oir bha fhios aige mar bu chaoimhneile a bhiodh e riutha gur ann a bùmhla bhiodh iad dha, agus bu togarraiche a rachadh iad an ceann na h-obrach an uair a gheibheadh iad soirbheas fàbharrach.

Chaidh fhear dheug dhiubh air bòrd anns abhatfhada, agus dhiomair iad gu tìr ann an ùine ghoirid. Tharruinn iad am bàta a fhad fhein os cionn tiùrr an làin, agus choisich iad suas on chladach. Bha gunnachan aig coignear no siathnar dhiubh, agus on a bha dùil aca beagan seilgfhaotainn, shuidhich iad mun do dhealaich iad richéile, gum falbhadh iadn an trì buidhnichean, agus gun gabhadh buidheann dhiubh air aghart ris achladach air aon taobh dhen eilean, agus buidheann eile air an taobh eile, agus gun gabhadh an treas buidheann suas troimh mheadhain an eilean. Ach o nach robh buidheann seach buidheann dhe na trì deònach gabhail troimh mheadhain an eilean, bfheudar dhoibh croinn a thilgeadh, agus bann air abhuidhinn anns an robh Domhull a thàinig gabhail troimh mheadhain an eilean. An uair a chunnaic an dithis eile a bhanns abhuidhinn comhladh ri Domhulls richompanach gur ann orra thuit a dhol troimh mheadhain an eilean, thuirt iad nach rachadh iad mòran astair air an aghaidh; agus on a bham biadhs an deoch a bhaca air son an dinneir a ghabhail an uair a thigeadh iad air an ais feasgar, anns a bhàta, gum bfhearr dhaibh fuireach faisge air làimh air eagal gun éireadh dad dha.

Cha do mhi-chòrd so ri Dòmhull agus ri Callum Ros idir. On a bha iad cho mòr aig a chéile, bu cho math leotha bhithn an ònair ri bhith ann an cuideachd dhaoine air nach robh mòran meas aca.

Ghabh iad gu sunndach air an aghart suas on chladach. Bhachoille gu math tiugh an àites an àite; ach bha àiteachan ann anns nach robh ach preasarlach goirid, agus craobhan air an robh measan afàs. Cha robh eòlas sam bith aig Domhull air craobhan no air measan; oir cha robh craobhan de sheòrsa sam bith afàs anns an àites an drugadh e. Ged a bha coille nàdarrafàs anns an àites an drugadh Callum Ros, cha robh mòran eòlais aige air craobhan mheas. Dhaithnicheadh e craobh ùbhlan seach craobh phéirean; ach cha robh aon chuid craobh ùbhlan no craobh phéirean ri faicinn anns an eilean. Ach bham pailteas de chraobhan còco afàs ann. Bha cuid dhe na cnothan còco air tuiteam air an talamh, oir bha iad abuich aig an àm. Bha Callum eòlach gu leòr orra, agus an uair a bhrist e dhiubh thug e air Domhull blas achòco fheuchainn. Cha do mhì-chòrd am blas Domhull idir; ach thuirt e gur e fìor acras mòr a bheireadh air abheag dhethghabhail;

Cha deachaidh iad glé fhad air an aghaidh troimh choille an uair a thachair amhainn riutha. Cha robh doimhneachd mhòr sam bith innte ach ann an corra àite anns an robh glumagan far an robh easan. Ged a bha e furasda gu leòr dhaibh a dhol thairis oirre, smaoinich iad gum bu cho math dhaibh coiseachd suas ritaobh, on a bha e na bfhasa dhaibh coiseachd ri srath na h-aimhne na dhol troimhn choille thiugh a bha air gach làimh dhiubh. Thug iad an aire gun robh iasg air an amhainn. Bha Domhull ag ràdh gur e bric a bhann, ach bha Callum ag ràdh nach be. Chuir Domhull roimhe gum feuchadh e ri fear dhiubh a ghlacadh. An uair a chunnaic e fear no dhà dhiubh an àite tana, leum e don amhainn, agus a dholc no dhéiginn gun dfhuair e, ghlac e aon fhear, agus bha moit gu leòr air air a shon.

Bha Callumg a mholadh air son cho ealantas a bha e an àm a bhith glacadh an éisg. “Nam biodh fhios agad a liuthad breac math a ghlac mi air Amhuinn na Béiste, is ann a dhfhaodadh tu mo mholadh,” arsa Domhull. “Ach bhiodh tàbh agam: cha deanadh fear feum sam bith gun tàbh air na h-aimhnichean a thanns an dùthaich againne. Cha chreid mise nacheil na bric a bhios orra mòran nas glices nas gleusda na na bric a thair an amhuinn so. Is minic a ghlac mi fear dhiubh le mlàmhan an uair a rachadh an t-uisge troimh a chéile. Cha deachaibh uisge na h-aimhne so troimh a chéile idir fhads a bha mi air a feadh. Chaneil e coltach gum bheil ùir no eabar sam bith innte. Chan fhaca mise uisge riamh roimhe cho fìor shoilleir ris an uisgethinnte.”

An uair a chuir Domhull crìoch air na briathran so, choisich iad suas air an socair fhein ri taobh na h-aimhne. Bha iad ag amharc air an iasg a bhanns an amhainn, agus ar leotha gur ann mar a bàirde a bha iad adìreadh, bu mhò a bha de dhiasg air an amhainn. Bha so acur ioghnaidh gu leòr orra an toiseach; ach mu dheireadh an uair a thug iad an aire nach robh an amhainn afàs abheag na baimhleithne, no na beudoimhne, thuirt iad á beul a chéile, gum feumadh gur ann á loch a bha iruith. Mar a thubhairt, bfhìor; oir mun do choisich iad ceud slat air an aghart, thàinig iad ann an sealladh an locha.

Bhan loch mu mhìle air fad, agus mu leth mhìle air leud, agus bha en a laidhe ann an glaic a bha anabarrach briagha. Bhaghlaic so gu lèir còmhdaichte le coille thiugh a bha anabarrach àrd, agus on a bhan latha ro-chiùin, agus aghrian an àirde nan speur, bha aghaidh an locha cho loms cho dealrach ri shiota glaine, saor o na bha na h-eòin a bhasnàmh, agus an t-iasg a bha cluich, adeanamh de ghluasad air aghaidh an uisge.

Leis cho taitneachs a bhan



[306]

[Vol . 8. No. 39. p. 2]

sealladh a bha fan comhair leotha, cha robh aca ach ceum glé shocrach gus an dràinig iad beul na h-aimhne. On a bhan latha anabarrach teith agus gun deò ghaoithe ann, bha iad nam fallus. Shuidh iad air blionaig bhòidhich aig bòrd an locha gus an anail a leigeadh. Thug Callum làmh air aphiob thombaca, agus on bu ghnàth leis a bhith giulan cuach-theine agus spor agus ascart, cha robh e tiotadhg a lasadh. Bhashùil air na h-eòin a bha snàmh air an loch, ach on a bha iad uile gu math fad o thìr, bha fhios aige nach robh en comas dha aig an àm faighinn cho dlùth dhaibhs gum faodadh e losgadh orra. “Is mòr a bfheairde sinn biadh, nan robh e againn,” arsesan.

Chaneil sin falamh idir,” arsa Domhull, “oir lìon an còcaire mo phòcaidean le brioscaideans le feoil mnn dfhalbh mi. Cha robh mi deònach an gabhail; ach cha leigeadh e bhar bùird mi gus an do lìon e mo phòcaidean. Nach ann is fhearr dhuinn an t-iasg a bhruich, on a theid againn air teine fhadadh? Theid mise a chruinneachadh connaidh fhads a bhios tusagabhail smoc.”

Gun tuilleadh a ràdh, dhéirich Domhull, agus glé fhaisge air làimh fhuair e ultach de bhiorain thioram. Ann an ùine ghoirid dhfhadaidh iad deadh theine. Sgoilt iad an t-iasg air a dhruim; oir bha deadh sgian-luthaidh am fear aca, agus ròst iad e air na biorain.

An uair a bhlais iad an t-iasg, chord e riutha anabarrach math. “Nan robh gràinean salainn againn air, bhiodh e glé bhlasda,” arsa Domhull.

Nach fhad on a chuala tusa, gun toir am fiadh a shalann as abheinn ged nach toir an t-iasg a shalann as amhuir,” arsa Callum.

Chualas an seanfhacal sin o chionn iomadh linn; ach cha bann as amhuir a thàinig an t-iasg idir ach as an amhainn far nacheil deur sàile.”

Thòisich thu air abhearradaireachd, a Dhomhuill”—

Anns an fhacal chualiad fuaim air an loch a thog an aire bhar achòmhraidh a bheatorra, agus a chuir clisgeadh orra. Sheall iad air a chéile, agus an sin sheall iad an rathad on dthàinig am fuaim. Bem fuaim a chualiad, am fuaim a rinn na h-eòin an uair a dhéirich iad air iteig bhar an locha. Dhaithnich iad gun do chuir ni eiginn fiamhlach fo na h-eòin; ach cha burrainn daibh a thuigsinn ciod a bhann. Bhan sùil air an loch feuch ciod a chitheadh iad, agus bhan cluas ri claisneachd feuch ciod a chluinneadh iad. Mun do mhothaich iad do ni sam bith, chualiad séideil, agus ghrad thuig iad gun robh creutair air choireigin asnàmh air an loch. An uair a chunnaic iad e, cha burrainn daibh a dheanamh am mach ciod an creutair a bhann; ach mar a bha etighinn na bu dlùithe dhaibhoir bha e mar gum biodh edeanamh dìreach orradhaithnich iad nach bu duine a bhann. Thug so misneach dhaibh; oir bluail e anns an inntinn aca le chéile an uair a chunnaic iad e, gum faodadh gun robh daoine fiadhaich air an eilean, agus gur dòcha gur e fear dhiubh a bhann. An uair a bhan t-ainmhidh so mu dhà cheud slat on àite anns an robh iadn an suidhe, dhatharraich echùrsa, agus chaidh e air tìr mu thrì fichead slat an taobh thall dhiubh. O nach robh sorachan eile bu fhreagarraiche aig Callum, chuir emhoscaid air gualann Dhomhuill, agus loisg e air an ainmhidh. Be fras math garbh a bhaig Callum anns amhosgaid, oir bha en dùil gum faigheadh e cothrom air losgadh air na h-eòn; agus ged a leòn en t-ainmhidh cho mòrs gun do thuit e anns abhad an robh e, dhéirich e mun dràinig iad e, agus ruith e steach don choille cho luaths ged nach rachadh srad luaidhe ann. Ruith iadn an dithis a steach as a dhéigh.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Nouredin agus Bean na Maise.

CAIB. V.

Thainig an caraid a bhag eisdeachd fad na h-uine, agus a chuala h-uile facal a thuirt an stiubhard, a steach sa mhionaid, agus dhinnis e don chuideachd a h-uile guth a chuale. “Is e bhur gnothach-se, a dhaoinuaisle,” ars esan, “bhur feum fhein a dheanamh dhen rabhadh so. Air mo shon fhein dheth, tha mi ag aideachadh gu foillaiseachnur lathair, gur e so an turus mu dheireach a chi Nouredin mi an taobh a staigh dhedhorus.”

Ma tha cuisean mar a tha thug innseadh dhuinn,” arsa cachs iad afreagairt a beul a cheile, “chaneil aobhar dhuinne tighinn an so nas mo na thagad fhein. Agus na dheigh so bheir sinn an aire mhath nach cuir sinn dragh sam bith air.”

Thainig Nouredin a steach anns an am; agus ged a bha e deanamh na burrainn e gus a bhith cho aoidheil richairdeans bu ghnath leis, cha robh e an comas dha an dragh inntinn a bhair a chumail am falach. Thuig iad gu soilleir gun robh an fhirinn anns na chualiad.

Cha robh e fadana shuidhe an uair a dheirich fear dhe na cairdeanna sheasamh, agus thuirt e, “Mo thighearna, tha mi ro dhoilich nach urrainn domh fuireach nas fhaide, agus air an aobhar sin tha min dochas gun toir sibh mathanas dhomh a chionn a bhith cho mi-mhodhails gum bheil mi falbh cho trath.”

Ciod e an gnothach cadhagach a thagad thoirt air falbh cho trath?” arsa Nouredin.

Mo thighearna, dhfhas mo bhean tinn an diugh, agus ann an tinneasan dhen t-seorsa, mar a tha fhios agaibh, feumaidh fear an taighe a bhith aig an taigh an comhnuidh.” Rinn e beic le mor umhlachd do Nouredin, agus dhfhalbh e.

Beagan uine na dheigh sid dhfhalbh an dara fear, agus ghabh e leithsgeul eile. Dhfhalbh fear an deigh fir dhen deichnear leis am bu ghnath a bhith aig cuirm comhladh ri Nouredin, agus dhfhagadhna onar e.

Cho luaths a dhfhalbh iad, chaidh Nouredin, agus gun fhios aige gun do shuidhich iad nach tigeadh iadna choir tuilleadh, de sheomar Bean na Maise; agus dhinnis e dhi a h-uile facal a thuirt an stiubhard ris. Agus bha choltas air gun robh e fo mhor dhragh mun chuis.

Mo thighearna,” arsise, “ceadaich dhomhsa a radh nach gabhadh tu facal dhe mchomhairle-sa. Bfhearr leat gnothaichean an taighe a riaghladhna do dhoigh fhein, agus tha thu nis afaicinn mar a dheirich dhut. Tha mifaicinn nach robh mi mealltanam bharail an uair a roimh-innis mi gun tugadh tu mi-fhortan ort fhein air acheann mu dheireadh. Ach is e an dragh as mo a tha orm, nacheil thu fhathast afaicinn meud amhi-fhortain a thainig ort. Ge be uair a ghabh mi orm fhein comhairle a thoirt ort, theireadh tu rium, ‘Biomaid subhach, agus gabhamaid ar sath de thoileachadh an t-saoghail fhads a tha am fortan atoirt cothrom dhuinn. Math dhfhaoidteadh nach bi am fortan an comhnuidh cho fialaidh ruinn.’ Ach am bu choir coire a chur orm an uair a dhinnis mi dhut, gur e sinn fhein a tha deanamh ar fortain le bhith gu glic, curamach ariaghladh gach ni a bhios againn? Chan eisdeadh tu rium, agus bfheudar dhomh, an aghaidh mo thoile, leigeadh leat a dhol air aghartna do dhoigh fhein.”

Feumaidh mi aideachadh,” arsa Nouredin, “gun robh mi fada cearr an uair a dhiult mi do chomhairle ghlic a ghabhail. Tha e fior gu leor gun do chaith mi mo chuid dhen t-saoghal; ach chaneil thu toirt fa near gun do chaith mi e am measg chairdean taghta air an robh eolas agam o chionn fada; agus tha mi lan chinnteach gum bheil iad nas caoimhneile agus nas taingeile na gun treig iad mi an uair a tha minam eiginn.”

Mo thighearna, mureil ni sam bith agad gus do chuideachadh ach taingealachd do chairdean, tha thu ann an suidheachadh gle thruagh; oir, creid mise, tha do dhochas meallta, agus aidichidh tu fhein sin dhomhsa fhathast.”

An uair a chuala Nouredin so, thuirt e, “Mo bhean ghaoil, tha barail nas fhearr na sin agam air taingealachd mo chairdean. Tha duil agam a dhol far am bheil iad am maireach, mun tig an t-am dhaibh tighinn an so; agus chi thu gun till mi dhachaidh le deadh shuim ann am laimh a bheir iad dhomh gus mo chuideachadh. Tha mi cur romham nach lean mi nas fhaide air an doigh a bhagam. Agus toisichidh mi ri marsantachd leis an airgiod a bheir iad dhomh ann an isad.”

Air an ath mhadainn chaidh Nouredin a thaghal air a dheichnear chairdean. Bha iad afuireach air an aon t-sraid ris fhein. Bhuail e aig an dorus aig an fhear bu bheartaiche dhiubh. Thainig seirbhiseach a dhfhosgladh an doruis; ach mun dfhosgail e e, dhfheoraich e co a bhann.

Abair ri do mhaighstir,” arsesan, “gur mise Nouredin, mac Chacain, an t-ard-chomhairleach nach maireann, agus gum bheil toil agam bruidhinn ris.”

Dhfhosgail an seirbhiseach an dorus, agus an uair a thug e Nouredin a steach don talla, chaidh e dhinnseadh dha mhaighstir gun robh Nouredin toileach bruidhinn ris.

Nouredin!” arsesan, agus ebruidhinn le guth ard, taireil a bha furasda gu leor a chluinntinn anns an talla far an robh Nouredinna shuidhe. “Bi falbh, agus abair ris nacheil mis aig an taigh. Agus ma thig e uair sam bith eile, abair na ceart bhriathran ris.”

Chuala Nouredin a h-uile facal a thubhairt e, agus bha ioghnadh anabarrach air.

An uair a thainig an seirbhiseach air ais, thuirt e ri Nouredin gun robh e an duil gun robh a mhaighstir a staigh, ach nach robh estaigh idir.

Dhfhalbh Nouredin am mach as an taigh agus inntinn gle mhor troimh a cheile. “Ah! nach be sid an duine suarach, neo-thaingeil!” arsesan, “a rinn orm mar sid an deigh boideachadh gu tric an de gun robh agus gum bitheadh ena dhluth charaid dhomh.”

Chaidh e gu dorus caraid eile, ach dhordaich an caraid sin da sheirbhiseach a radh ri Nouredin nach robh e aig an taigh. Thugadh acheart fhreagairt dha aig dorus an treas caraid. A dhaon fhacal, cha tugadh fear seach fear dhen deichnear chairdean uiread de thoileachadh dhas gun rachadh iad thun an doruis a bhruidhinn ris.

Aig an am thoisich Nouredin ri smaointean gu dluth air mar a thachair dha, agus air cho amaideachs a bha e an uair a chuir e earbsa ann am briathrans am boidean nan cairdean mealltach a bha gach latha fad na bliadhna gu greadhnach, soghail aig an aon bhord ris, agus don dthug e a mhnaoin gu leir. “Tha e fior gu leorarsesan ris fhein, agus esileadh nan deur, “gum faodar duine fortanach mar a bha mise a shamh-



[307]

[Vol . 8. No. 39. p. 3]

lachadh ri craoibh a tha luchdaichte le measan, mu thimchioll am bi daoinecruinneachadh gus na measan itheadh fhads a mhaireas iad; ach cho luaths a theirgeas na measan falbhaidh iad gu craoibh eile.”

Bha ecumail air fhein cho maths a burrainn e gus an drainig e dhachaidh; agus an sin, gu tursach, deurach, dhinnis e do Bhean na Maise mar a dheirich dha.

Cha bu luaithe a chunnaic Bean na Maise e na thuig i gu math nach deachaidh cuisean leis mar a bha e an duil, agus thuirt i, “Mo thighearna, nacheil a nis dearbhadh gu leor agad gur e an fhirinn a bha mise ag innseadh dhut?”

Ah! mo cheist,” arsesan, “bha dfhaisneachd fior gu leor. Cha leigeadh a h-aon dhiubh orra gum faca iad riamh mi, agus cha tugadh iad uiread de thoileachadh dhomhs gum bruidneadh iad rium. Co burrainn mi a chreidsinn gum biodh daoine a bha cho fadanam chomain, agus air an do chaith mi mo chuid dhen t-saoghal cho cruaidh chridheach rium? Tha mi air thuar a dhol as mo chiall. Agus tha eagal orm gun dean mi gniomh a bheir masladh orm. Anns an eiginn anns am bheil mi chaneil fhios agam ciod a ni mi mur toir thusa le do chomhairle ghlic cuideachadh dhomh,”

Mo thighearna,” arsise, “chan eil mise faicinn gum bheil doigh sam bith agad air thu fhein a chumail suas anns an àm mhi-fhortanach so, ach na seirbhisich agus an t-innsreadh a reic, agus feuchainn ri bhith beo air na gheibh thu orra, gus an cuir an Cruithfhear doigh eilenad rathad a bheir as an eiginn thu.”

Cha robh Nouredin deonach an doigh so a ghabhail; ach ciod a burrainn e dheanamh anns an eiginn chruaidh anns an robh e? Reic e na seirbhisich an toiseach; oir cha robh aon chuid feum aige orra, agus cha mho a bha doigh aige air am beathachadh. Chum an t-airgiod a fhuair e air an son suas e car uine; agus an uair a theirig an t airgiod, thug e ordugh an t-innsreadh math, luchmhor a bhaigethoirt don mhargadh far an do reiceadh e air leith prise. Chum na fhuair e air son an innsridh suas greis mhath e; agus mu dheireadh an uair a bha e lom, falamh, agus gun doigh sam bith aige air bonn airgid fhaotainn, thoisich e gu bronach ri deanamh a ghearain ri Bean na Maise.

(Ri leantuinn.)


Buinidh a chathair as fiachaile thair an t-saoghal an diugh don Phàp. Tha achathair air a deanamh air airgead, agus is fhiach i da fhichead mile dolair. Chuireadh an chathair so ga ionnsuidh mar ghibht le bancair beairteach a mhuinntir nan Stàitean.


NA SPUINNEADAIREAN.

(Air a leantuinn.)

Bha nis grabadh air a chuir air an seanachas air a chuid eile den bhuidhinn a thighinn. Air cluinntinn dhaibhsean gu robhm fear-iùil a nis a brathm fagail dhath labhair iad ach beag na briathran anns na labhair Eilidh risga chuireadh. Ach cha banns an dòigh cheudna fhreagair e iadsan agus a fhreagair e ise. Thuirt e riuthsan gu robh gnothach àraidh aige ri fhreasdal an aite eile, agus gum feumadh iad deallachadh far an robh iad. Ach gheall e, achs ann mar neach aig nach robh fior dhùil a choimhlionadh, gun taghaladh e aca chiad uair a bhiodh em Banff. “On nach teid thu maille ruinn ma ta,” ars fear do na daoin’ -uaisle, “innis dhuinn air a chuid is lugha co e aig a bheil sinn cho mor ann am fiachan airson a chaoimhneis gun àireamh a nochd thu dhuinn. Dean de dhfhàbhar ruinn tainm innse mase do thoil e.” “Mainm!” arsm fear-iùil, le gaire, “chan fhiù e. Aithnichidh sibh mi ge be cuine na càit an amais sinn a rithisds docha, ’s ni sin an gnothach. Le so a labhairt, rinn e crathadh làmh ris gach aon dhiubh agus dhimich e air falbh leis a cheart cheum shunndaich leis an dthainig e thucan oidhche roimhe sin, us bha e thiotadh as an t-sealladh. Cha bhitheadh e soirbh a radh le cinnt, gu de bharail a bhaig a chuideachdair an duine bhlàth-chridheach neònach a bha nis air am fàgail. Bha thrusgan a ghniomh, agus oilean a dearbhadh gu robh e fad os cionn a chumantais. Bhachuideachda gu aon-inntinneach ag radh gum bu duine uasal, ionnsaichte agus talainteach e. Ach thug gach aon dhiu an aire nach deachaidh, aon chuid, ainm, a dhreuchd na àite-còmhnuidh a labhairt re na h-ùine bha iadna chuideachda. Cha tug a h-aon dhiu, gu so, os-near a chuid àiridh so don chùis. Gach aon aca nis, afairid dhen aon eile, le ioghnadh, na thuig iad ni air bith a bheireadh solus air a ghnothuch; ach be freagairt uile nach do thuig. Agus rud a banabarraich buileach, on thug iad a nis an aire, cha deachainm a labhairt aon uair fein le fear-an-taighe far na chuir iad seachad an oidhche. Am measg a rannsaichidh so thug e gun cuimhne mar a dhiult e ainm innse an am deallachadh. Thainig iad gu co-dhunadh gum bu ghnothach tur iongantach a bhann; ach o nach robh e nan comas solus air bith a chur air, leig iad seachad e. Cia air bith ciod an drùghadh a rinn gach teagamh us amharus a bha a nis air a ghluasad an inntinn gach aon den bhuidhinn ma thimchioll an fear-iùil air inntinn Eilidh, tha e an fhiosrach oirnn; achse ar barail gu robh a breithneachadh air a chùis cala-dhireach an aghaidh mar a bha inntinn a chuid eile den bhuidhinn. Na beachdse cha robh co-cheangal air bith aig na nithean doilleir so ri dad a bha neo-fhàbharach do chliù an duin’ -uasail. Bha ifaicinn, gun teagamh, gu robh nith-eiginga chumail an cleith leis; ach cha dthainig e aon uairn a h-inntinn gum bann ag eiridh o ghnothach eas-uramach air bith a bha so. Aig cho morsa bha i ma dheighinn, bha i deanamh dheth nach gabhadh ni cearr a bhi fuaighte ri fear cho caoimhneil blàthchridheachna ghiùlan, agus cho eireachdail na phearsas na chruth. Bhacridhe féin gun gho gun cheilg agus be a lan-bheachd gu robh esan, a daindeoin gach diomharachd a bha timchioll air, anns an dòigh cheudna. Bha chuideachd a nis a teannadh dlùth ri ceann na slighe, agus ann an ùine gle bheag bha iad aig an dachaidh.

Ma leigeas sinn a nis seachad de dhùine mu thuaiream mios, agus ma choimheadas sinnn sin, ann an g[ ? ]nanaich feasgar àraid air caol-shraid dhiomhair, aig astar nis lugha na cairteal a mhile fo dhachaidh Eilidh Mhàrtuinn, dluth do bhaile Bhanff, chi sinn, a sraidimeachd ann a sin da urra aig fior chonnaltradh diomhair. Ma theid sinn nis faisge orra, tuigadh sinn gur leannainn iad; chi sinn gur i Eilidh Mhàrtuinn agus a leannan diomhair a thann; agusse so an coigibh nan siathamh feasgar air an drinn iad coinneamh anns an àite cheudna on a dhealaich iad anns an àm roimh-aimichte. “Ciods ciall don diomhaireachd so a Sheumais?” —oir fhuair i mach an urrad so de ainmdhfhaodte Eilidh a chluinntinn ag radh ri leannan aig an àm so, ’s i coimhead gu deothasachna aodann, “Ciod is ciall don ghnothach do thuigsinneach so? Carson nach tigs nach falbh thu ach fo sgleò na h-oidhche? Ciod is reusan gu bheil thu le leithid do chùram a seachnadh gnùis duine fhaicinn? agus carson gu sonraichte tha thu daonnan cho cùramach air t-armachadh? O, nis a Sheumais, earb asam, agus innis dhomh an t-iomlan. Thoir am bruaillean so bharr minntinn. Innis dhomh aobhar nan nithean so. Tha thu deanamh cearr orm lebhi ceiltinn; tha e sealltainn gum bheil thu cur teagamh na mo threibhdhireachdtha e sealltainn gum bheil thum beachd nach airidh mi air earbsa.” “Gun cuirinnsa teagamhna dthreibhdhireachdsa, Eilidh! na an-earbsa urad!” ars esan. Bu luaithe chuirinn teagamh ann gun eireadh a ghrian a chaidh fodha na nach bairidh thusa air earbsa, ’ghaoil; ach chan urra mi, chan fhaod mim fiosrachadh a tha thu sireadh a thoirt dhuit; oir le sin a dheanamh bha mi gad chall gu bràth; agus cuimhnich fhein ciod a ghabhainn us a leithid sin do phian a thoirt orm féin? “Bi riaraichte, Eilidh, aig an àm co-dhiù, le dearbhadh mo ghaoil dhuit cho neo-airidhs gu bheil mi, gaol cho neo-chealgachs a ghluais riamh ann an cridhe duine.” “Tha mi cinnteach as a sin, a Sheumais, cha do chuir mi teagamh riamh ann,” ars Eilidhs na deòir a sileadh gu frasach o sùilean, ’s i leigeadh taicciun air a ghuallainn; “agus cha chuir mi impidh ort nis fhaide airson am fiosrachadh a bha dhith orm on a tha en aghadh dinntinn innse. Bidh mi riaraichte, aig an àm, mar tha thu ag radh le earbsas dfhirinn, agus an còrr fhàgail gu àm is freagarraiche agus uair is sòlasaich.” “Uair is sòlasaich, Eilidh,” ars a companach, le seòrsa do shearbh aoidh. “Mo chreach, chaneil uair is sòlasaiche na so an gealltainn dhomhsa. Achs leoir am feobhas so féin;” agus ghabh e, le guth iosal ach anabarrach binn, rann de dhòran,

Ged is ainmeil beartas nan Innsean,
Ged a gheibhinn coir dhomh fhin air
Bheirinn bhuam e le toilinntinn,
Arson aon uair de dchomhradh diomhair.”

Malairt gle bhochd, a Sheumais,” ars Eilidh us aoidh ghàire oirres ruthadh a tighinnna h-aodann. ’S bard math thu, ach ar leam nach deanadh tu ach ceannaiche bochd.”

Faodaidh sin a bhith, Eilidh,” arsa companach, “gidheadh, bhithinn gle riaraichte le mbhargan.” Aig a cheart am so chual iad fuaim am measg phreasan a bha fagus don àitesan robh iad nan seasamh. Ghrad spion an coigreach a chlaidheamh as an truail, us e dùrdail aig an am chiadna. “Ha! tha iad air mo luirg? Ach bidh ceannach acair! cha bhi e saor dhaibh mis a ghlacadh!” Bhan claidheamh deiseil aiges e feitheamh ris an ath fhuaim a chluinntinn; ach cha do chualen còrr; agus chaidh, mar sin geilt leannan an darna taobh, agus thòisich iad ri dian-chòmhradh a rithisd. Aig ceannuair ghoiriddhealaich na leannain, agus sin gus gun choinneachadh rim beò tuilleadh, mi-fhortan ris nach robh dad de dhuil aca; oir bha gealladh sòlaimte air a thoirt leis an dithis gun deanadh iad coinneamh aig an aon àm agus anns an aon àite seachdain on oidhchud.

S dualach gur riarachadh air inntinn a leughadair, a thaobh a leannain annasaich aig Eilidh Mhartuinn, ma leanas sinn a cheuman an deigh dha dealachadh rithe mar a dhainmich mi. ’S co math dhuinn anns a chiad àite thoirt fainear do leughadair nach robh na ceilidhean aig an duine so air seòlsam bith soirbh an comhlionadh. Bha aige ri dhol thar beinn us sliabh còrr agus fichead mile dhastar; ach bha e luath laidir, agus cho clis ri fear do dhfhéigh nam beann us cha robh an gniomhna ni cudtromach leis a dheanamh. Ma leanas sinn e ma ta mar a thuirt mi air an oidhche so, gheibh sinn e dol thairis air an astar mar a dhainmich sinn agus air deireadh a ruigheachd gleann cumhang

(Air a leantuinn air taobh 310.)



[308]

[Vol . 8. No. 39. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, MAY 4, 1900.

AN COGADH.

Tha aobhar sonruichte aig paipearan naigheachd an t-saoghail a bhi taingeil gu bheil cogadh mor agus iongantach adol air agaidh ann an ceann mu dheas Africa. Tha, air feadh an t-saoghail gu leir, iarrtus làidir, gach latha, air eòlas fhaotainn agus air fios pongail mu dheibhinn na comhstri tha na Breatunnaich le gaisge fearail agus le feachd lionmhor a deanamh an aghaidh nam Boeireach ann an Africa. Tha MAC-TALLA an dràsdasa rithist atabhairt iomraidh air a chogadh so. Tha na Gàìdheil a thaleughadh gach eachdraidh a tha tighinn bho dhùthaich a chogaidh fior measail air na réiseamaidean Gàidhealach, mar is cubhaidh daibh a bhi. Is ann le doilgheas, nach falbh seachad ann an ùine ghearr, a tha na Gàidheil ann an Canadas ann an ionadan eile, ’gabhail beachd air na gaisgich fhoghainteach ghasda, threunmhor, a bha air an sgabadh sios mar a sgabas am buanaichen t-arbhar ann an làithean an fhogharaidh. Bha meas da rireadh mor aig na h-Albannaich air acheannard Wachoupe, a chaill a bheatha dluth air an amhainn mhosaich iomraiteach Mhorro. Bha e air ceann nan Gàidheal, agus bha gràdh aig gach saighdear air. Rinn cuid-eiginn mearachd eagalach, agus thainig leis a mhearachd narach so call bhàsmhor air na réisimeidean Gàidhealach a a ghleachd iomadh blàr agus a thug iomadh iomadh buaidh roimhe ann an stri chruaidh mar lann air machair us faichen àir. Tha e nis cho soilleir ri solus an latha, gu feum doigh ùr a bhina dheigh so air a chleachduinn ann an ionnsachadh a thabhairt do na saighdearan dearga. Ged nach dfhuair na Boeirich foghlum air bith ann an innleachd a chogaidh, tha iad anabarrach tapaidh, agus theid aca, cosmhuil ri gillean-mirean, air dol gu luath, luath bho aon àite gu cnoc no glaic eile, far am faigh iad cothrom air feachd Bhreatuinn a mhilleadh agus a ghlacadh. Chan ann le toileachas air bith a tha sinn a cluinntinn gu deachaidh tri no ceithir no coig ceud saighdear Breatunnach a thoirt mar phriosanaich gu Pretoria, no baile mor nan Boereach. Is olc an naigheachd gu bheil tri fichead mile saighdear dearg aig Bloemfontein, agus gu deachaidh mile saighdear Breatunnach, ma dhfhaoidte, threorachadh air falbh nam priosanaich fo chumhachd us smachd nam Boeireach gu Pretoria. Bithidh iomadh Gàidheal, cosmhuil rium féin, a foighneachd le feirg, beag no mor, “Ciod abham Morair Roberts, agus a cheannardan lionmhor agus a thri fichead mile saighdear adeanamh an uair a leig iad do na Boeirich mar fhichead mile do Bhloemfontein, far am bheil Roberts agus fheachd a tuineachadh bho cheann se seachduinean, ruith air falbh le mile saighdear Breatunnach mar phriosanaich?

Rinn na gaisgich chumhachdach fhoghluimte aig tùs a chogaidh, mearachd anabarrach, do bhrigh gu do chuir iad coisridh, no saighdearan coise, ’s nach do chuir iad eachraidh gu leòir, a dhionnsuidh a chogaidh. Is e eachraidh air am bheil feum anabarrach ann an cogadh an aghaidh nam Boeireach, anns an tir chnapaich, shlochdach, chnocach, shruthach, ghlacach ud. Tha eich làidir, ghasda tighinn a nis gu ceann mu dheas Africa bho gach cearna dhen t-saoghal. Tha miltean de eich chruadalach làidir aruigheachd tir a chogaidh gach seachduin a nis. Tha iomradh anns gach àite gu bheil am Morair Roberts, agus na saighdearan lionmhor (oir tha còrr us da cheud mile saighdear Breatunnach an diugh ann an ceann mu dheas Africa, agus chan eilnam measg saighdearan as modha treòir, us aghartais, us sgil no na saighdearan Canadianach), adol air ball a dheanamh oidheirp dhuineil eile air na Boeirich a chiosnachadh, agus air crioch a chur air aramach us aimhreit nan daoine ceannairceach ann an Africa mu Dheas.

Is e an t-òr dearg a thionndaidh ceann Chrugair agus a chompanaich. Tha iad a faicinn cheana, mureil iad gu tur dall agus aineolach, gu be latha duaichni, muladach a bha anns an latha ud a thòisich air òr us maoin a thabhairt ann am pailteas da féin agus do na luchd-comhairle aineolach a bhuineadh da. Theid e féin agus òr agus a chompanaich a chur gu buileach as an àite; cha bhi cumhachd no iomradh orra. Tha Leids (Leyds) aon de na companaich dan dthug e moran òir, anns an Roinn-Eòrpa deanamh gach oidheirp as urraìnn da air an Fhraing agus dùthchannan eile chur an aghaidh Bhreatuinn. Tha na h-amadain thruagha tha cumail paipearan naigheachd anns an Fhraing agus anns aGhearmailt, agus anns an Olaint, agabhail cuibhrinn làidir de mhaoin Leids, agus a sgriobhadh nithean narach, salach, sgainnealach mu dheibhinn Bhreatuinn agus na Ban-righ aosmhor, àluinn, gheamnuidh, ghlic, eireachdail, chaoimhneil a tha rioghachadh tri fichead agus tri bliadhna thairis air rioghachd farsuing, beartach agus oidheirc Bhreatuinn. Loisg amadan air Prionnsa Uallaidh ann am baile mor na h-Olaint. Tha gach duine ro-thoilichte nach deachaidh am Prionnsa gasda, measail a mharbhadh. Cha dfhuair e leòn air bith. Tha Breatunn gu leir afaicinn gu soilleir gu bheil naimhdeas eagalach air fhadadh suas le òr Chrugair agus Leids ann am mor-roinn na h-Eòrpa an aghaidh Bhreatuinn agus a teaghlaich rioghail. Tha dòchas mor agam nach teid am Prionnsa measail idir gu coinneamh iomraiteach nam Frangach, oir cha bhitheadh a bheatha tearuinte am measg nan daoinethagabhailòir Chrugair airson amaideachd agus thùs fearg a sgriobadhn am paipearan-naigheachd baoghalta bochd. Innsidh MAC-TALLA mar tha e ruigheachd righrean us luchd-riaghlaidh na h-Eòrpa. Is coir daibh uile iad a chumail an teanga, ’sa bhi modhail, do bhrigh gu bheil comas gu leòr aig Breatunn air na h-uile mac màthar aca sgiùrsadh gu maith agus gu ro-mhaith.

CONA.


Tha sinn an dochas gun dean an luchd-gabhail an dichioll air paigheadh aphaipeir a chur air adhart gun dàil. Tha moran againn ri phaigheadh a mach, agus chan eil doigh againn air sin a dheanamh mur bi e tighn a stigh.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


STOR ADAN.

Sin an t-aite dhan coir dhut a dholnuair a tha thug iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn asealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thigg am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh.

H . H. MAGEE.
Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY.
May 3, ’001 yr.



[309]

[Vol . 8. No. 39. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Dhfhàg aBhan-righ Bail-a- cliath Dior-daoin sa chaidh agus rainig i Windsor Di-haoine. Tha i anabarrach buidheach dheturus do dhEirin.

Tha comhairle na siorrachd cruinn o Di-mairt sa chaidh. Cuiridh iad crioch air na tha fan comhair an diugh nom maireach, agus bidh iad a sgaoileadh gu toiseach na h-ath bhliadhna.

Chaochail Diùc Earraghaidheal air acheathramh latha fichead de dhApril, aig aois tri fichead bliadhnasa seachd. Bha ena dhuine tapaidh, aig an robh làmh ann an riaghladh na rioghachd uair us uair. Bha ena bhall de thigh nam Morairean on bhliadhna 1847. Tha a mhac, Marcus Lathuirn, a tha aig an àm sona bhall de thigh nan Cumantach, gu bhina Dhiùcna àite.

Tha an t-im anabarrach daor an so aig an àm, an seòrsas fhearr a creic air bho thri gu ochd sentichean fichead am pùnnd. Ann an Glace Bay, thatarga chreic air deach sentichean ficheadpris air nach cualas ach gann riamh iomradh anns an dùthaich so. Ach chan eil teagamh nach bi e afàs pailt an ùine ghoirid, agus an uair sin tuitidh aphris.

Tha da eilean bheag anns na h-Innsean an IarSt. Thomns agus St. Croixa bhuineas do rioghachd Denmark. Tha na Stàiden deonach an ceannach, agus tha Denmark, a reir coltais, deònach an creic, oir tha iad fad air falbh uaipe, agus ro-chosdail chi. Ach chan eil muinntir nan eileanan fhèin idir toileach an iomlaid a bhi air a deanamh; tha iad air son fuireach fo bhratach an dùthcha, agus chan eil iad air son a bhi air an creic ri dùthaich eile.

Tha an t-Urr. Uilleam A Moireastan, a fhuair cead searmonachaidh bho cklèir Bhoston air amhios sa chaidh, an deigh gairm fhaotainn à Graniteville, Vermont, agus tha e ri bhi air a phòsadh ris an eaglais an sin air a choigeamh latha deug dhen mhios so. Tha Mr. Moireastan a mhuinntir an eilean so, agus tha moran timchioll so eòlach air. Is e coithional Gàidhealach a tha e faotainn, anns am bi aige ri Gàilig a shearmonachadh na h-uile Sàbaid.

Tha sgeul neònach a tighinn a Michigan mu thuathanach a tha fuireach ann an àite ris an canar Kalamazoo. Bha e aon latha o chionn ghoirid am mach aigobairnuair a thainig sgaoth fhitheachsa thug iad an sàs ann. Thainig daoineilega chuideachadh, agus an deigh ochd air fhichead dhe na h-eòn dhubhamharbhadh, fhuair iad càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh ithe beò leotha.

Tha sgoilean a bhaile air an domhlachadh gu mor o thoiseach na bliadhna so. Thatar a nise bruidhinn air tigh-sgoilùr a chur suas anns am bi farsuingeachd gu leòr air son na tha de chloinnsa bhaile. Tha triuir de luchd-teagaisg ùr ri bhi air am fasdadh toiseach an fhoghair, agus tha iadsan a tha teagasg cheana dol a dhfhaotainn barrach tuarasdail. Tha mile dolair ri bhi air a chosg acàradh tigh na h-ard-sgoil, agus coig ceud deug dolair air son an taighe-sgoile tha faisg air aPhier a mheudachadh.

Tha tuathanaich Mhanitoba faisg air bhi ullamh de chur a chrithneachd. Tha an t-side gle bhriagha, agus than aimsir nas tràithe na bha i anns an rionn sin o chionn iomadh bliadhna.

Dhen cheud reiseamaid a chuir Canada do dhAfrica Deas, faisg air aona ceud deug duine, chan eil a nise comasach air airm a ghiùlan ach seachd ceudsa coig deug. Mharbhadh da fhichead, chaochcil cuid le tinneas, agus tha càch nan laidhe tinn, cuid air an leòn agus cuid air an claoidh leis gach cruadal troimhn deachaidh iad.

Thathas a nis air fhaotainn a mach gu bheil moran de bhoirionnaich anns an arm Bhoerach, air an éideadh ann an deiseachan fhirionnach, a giùlan arm, agus a cogadh cho math ri cach. Tha e air a radh, gu dearbh, gum biad gu tric a bha ris na gniomharan a bfhuileachdaichesa ban-iochdmhoire bha air an deanamh leis na saighdearan Boereach on thòisich an cogadh.

Thugadh ruith mhillidh air sinagog nan Iudhach ann an Ottawa Di-donaich na Càisge. Bha coignear ghillean air an glacadhs air am feuchainn air a shon. Fhuaireadh ciontach iad, agus chuireadh umhladh orraleth-cheud dolair air gach fear; mur pàigh iad sin gheibh iad sia miosan dhen phriosan. ’Ses docha nach cuir iad an còrr dragh air na h-Iudhaich no air an tigh-aoraidh.

Chaid an soitheach Favourite a bha air a turus gu Sidni, air tir aig Tracadie, mu fhichead mile bho Antigonish Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Dhfhàg i Georgetown, P. E. I., le luchd coirces buntàta, Di-màirt, agus mun drainig i cladach Nobha Scotia dhfhàs i ao-dionach; chan obraicheadh na pioban-taomaidh, agus bfheudar don sgioba a fàgail. Bha aon duine deug air bòrd; fhuair iad uile as lem beatha. An deigh a fàgail chaidh ina mirean air a chladach, agus chailleadh an luchd gu h-iomlan.

Bha teinne mor ann am baile Hull a sheachdain gus an ; bha a chuid bu mhothasa bfhearr dhen bhaile air a sguabadh air falbh gu buileach, afágail da mhile dheug sluaigh gun dachaidh. Tha an call air a mheas aig coig muillein deug dolair; am measg nan togalachan eile chaidh a losgadh, bha muillnean-paipear Eddy, na muillnean as motha dhen t-seorsa bhan Canada. Tha Hull ann an roinn Chuebec, direach mu choinneamh Ottawa, air an taobh eile dhen amhuinn. Than sluagh a chaill an dachaidhean gle fheumach air cuideachadh, agus tha moran de bhailtean na dùthcha an deigh suimeannan airgid a chur cruinn air an son cheana.


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seachad air riabh.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


SYDNEY CASH STORE.

Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan
Do na Mnathan.

Deiseil gun cosg,
aig
J . C. MILLS,Sidni.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


Tha comhairle na siorrachd adol a chur naScott Actair obair air an t-samhradh so. Tha an duine aig am bi a chùis an làimh ri bhi air a shonrachadh am màireach. Tha e gle iomchuidh do uaislean na comhairle sin a dheanamh, bhiodh e nàrach cùisean a leigeil air adhart mar a tha iad aig an àm so.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B



[310]

[Vol . 8. No. 39. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 307.)

no glamhus, fada suas anns na cnoic, agus gun doigh air faighinn a stigh ann ach air aon slighe, agus sin féin cho doirbhs nach burrainn duine ach neach a bha eòlach an gnothach a dheanamh air faighinn ann. Bha e soilleir gu robh am fear a tha sinn a leanailt aig an àm so min eòlachs an t-slighe. Sthreup e suas an daingneach a chuir nàdur a dhunadh a ghlamhuis, le ceum luath ach cinnteach; ’n uair fhuair e air mullach a chnapstarra so, agus mun do theann e ri teirneadh an taoibh eile dheth, thug e fideag ibhri á luib a bhreacain agus rinn e fead ghoirid leatha. Nan do chum e air adhart gun a rabhadh so a thoirt seachad bha bheathan geall na bfhiach i; oir bha fear-faire le ghuna làn am falach anns na preasan, deis airson grad losgadh air neach air bith a thigeadh air an t-shlighes nach tugadh sanais gum bu chairid e. Air dhan fhideag a sheinn, chum an duine ma bheil sinn a bruidhinn, gun feitheamh ri freagairt oir cha robh freagairt riatanach, air leum sios don ghlamhus, a leum bha sgor gu sgor mar ghabhar air a ruagadh, agus a bheatha gu tric an earbsa ri làn a dhuirn do phreasan, a bha fàs a mach eadar na creagan, ris am biodh en dràsdas a rithisd ga chrochadh fein mar a bha edol sios gu grunnd an t-sluic. ’Nuair a fhuair e gu grunnd an t-sluic chum e air gus an drainig e a mhiadhoin agus dhirich e suas ri taobh na glaic gu tom dlùth do phreasan a bha fàs ann. A ruigheachd so, chuir e na geugan an nunns a nalls ghabh e stigh do dhuamhaich a bha a dorus dorch air fhallach leis na preasan. Ga leantainn a stigh a so, chi sinn fear-iùil an luchd turais a ruigheachd seòmar mor far am bheil teine mor mòne na mheadhon air seòrsa do dhobair chlachaireachd, agus ma thiomchioll am bheilnan suidhe naoidh na deich do dhaoine. An suds an so ri ballan t-seòmair chitear claidheamh mor, ann an oisin thalls a bhos tha dun de bhreacains de bhonaidean. Rud eile bheir sinn fainear. ’Se sin aireamh de cheathrannan de mhairt-fheòil agus charcaisean de fheòil chaorach uile deis airson a chòcaire. Chan urra sinn mearachd a dheanamh a thaobh coltas an àite na nan daoine thann. ’S e gairidh de spuinneadairean Gàidhealach a thann. ’S ann air seòl àiride fuar a dhfhàiltich an comunn a bhas an uamhaich am fear a thainig a nis a stighnam measg; bha e sealltainn eadhon ni bu nochdta leis an eadar-dheallachadh a bhas an dòigh anns na chomhallaich esan a thainig a stigh iadsan agus iadsan esan. Bha esan cridheal agus reiteachail, iadsan gruamach doicheallach. “Chaneil nead na h-iolaire a nis an sgor na creige,” arsa fear, “sann a tha i ann an iadh-lann an t-shabhail.”

Ud, ud, tha fiadh an deigh a bheinn a threigsinn agus dol an cuideachda nam muc,” arsa fear eile. “Tha mi gur tuigsinn a chàirdean,” ars am fear a thainig, “Chan eil seibh toilichte leis na tursan seachrannach so air am bheil mis a dol. Tha sibh a smaointean gum bheil min deigh caltachadh sios mar chreutair coltach ri ceannaiche na figheadair agus theagamh gum bheil sibh ceart, air doigh, ach chan urra mi chuideachadh. Tha mi ag aideachadh gu bheil uile thabhachd mo nàdair uile fhaireachdainean mo chridhe, an deigh atharrachadh gu tur, araon, ann an gnes ann a riaghailt. Air chinnt chan e an aon duine thannam. Tha miga fhaireachdain, agus mar sin tha mi faireachdain nach eil mi nis fhaide freagarrach airson a bhi nam cheannard oirbhse.”

A Mhic-a- phearsain,” arsa fear do na daoine, “tha thu tuigsinn pàirt dher faireachdainean, ach cha eil an t-iomlan. Tha anns na faireachdainean so air a chuid is lugha urrad do chùram a thaobh do thearuinteachd féin, air na tursan amaideach so, ’s a tha de mhi-thoileachadh mu ddhearmad oirnne agus air ar gnothach. Tha fios agad gum bheil gaol againn ort a Mhic-a- Phearsain, oir se do lamhsa lamh fhosgailteach fhiallaidhsi do lamhsa nach deach a thogail riamh ann an corruiche an aghaidh a neo-choireich no neach lag, agus nach deachaidh riamh a dhùnadh air an fheumach.” “Cha deachaidh, taing do Dhia,” ars esan a chaidh mar so a chliuthachadh, “air a mhiad is a rinn mi de dholc cha robh cuid agam ri dortadh fola. Cha drinn mi dochann riabh air pearsa duine agus cha dean mar a tig orm a dheanamh ann am fein-gheard. Ni mutha is urrainn do bhochd a radh gun do leig mi riabh air falbh e falamh. Ach, a chàirdean,” ars esan, “chan eil a so ach bruidhinn chianail. So, nach fiach sinn ri rudeigin is sunntaiche na so, agus ar-leam gun toir mi féin am folais e.” Air dha so a radh chaidh e gu oisinn na h-uamhadh gu ciste mhor a bhann. Dhfhosgail e i agus thug e mach fiodhull. Bidh fidheall dhen drinn e roghainn a bhann agus bu mhath na làmhan anns na thachair i.

(Ri leantuinn.)


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Biga phaigheadh. Biga leughadh.


Are You Deaf??

All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Daltons Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


Men often dress in bad taste without knowing it.

If you wear Shoreys Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed.

Shoreys
4 Button Sack
Kilmarnoc Tweed Suits,
Retail at $12 .00.

They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20 .00.

Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular.

Not made to order, but made to fit.



[311]

[Vol . 8. No. 39. p. 7]

Am Biobull.

Tham facalBiobull’” aciallachadh, “an leabhair.” Is e an leabhar a tha os cionn gach leabhair eile, do bhrìgh gur ann a tha cunntas air a thoirt dhuinn mu thimchioll obair achruthachaidh, obair an fhreasdail, agus obair na saorsa. Ach ged a theirearan leabharris, tha e air a dheanamh suas de thri fichead leabhars a sia. An àm dhuinn a bhithlabhairt mun Bhiobull, bidh sinn gu tric ag iomradh air na leabhraichean dhem bheil e air a dheanamh suas, mar a thaCoig Leabhraichean Mhaois;” “Leabhar nan Salm;” “Leabhar nan Gnathfhacal;” “Leabhar nan Gniomharan;” “Leabhar an Taisbeanaidh,” agus mar sin sios t-àm anns an do sgrìobh Maois naCoig leabhraichean,” agus an t-àm anns an do sgriobh Eoin an DiadhairLeabhar an Taisbeanaidh.” Anns an ùine sin sgrìobhadh an tri fichead leabhars a sia le daoine dhe gach inbhe, anns na dearbh amannan anns am faca Dia iomchuidh a Spiorad a dhòrtadh air gach fear dhiubh fa leith. Biad na daoine a sgriobh fo stiùireadh an Spioraid, luchd deanamh laghannan, priomh-athraichean, luchd-cogaibh, fàidhean, sagairt, rìghrean, luchd-riaghlaidh rioghachdan, buachaillean, cìs-mhaor, lighichean, luchd-ceairde, iasgairean, agus mar sin sìos Sgriobhadh e ann an tri chanaineanEabhra, cainnt nan Caldeach agus Greugaisg.


Deas Fhreagairtean.

Tha e air aithris gun robh dithis bhraithrean, agus an dara fear dam bainm Iain no Eoin fon ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a lathair a dhaithnicheadh e ach a bhrathair fhein; agus bham brathair sin air a mhionnachadh gun innseadh e air, no gun comharraicheadh e mach a bhrathair don luchd torachd nan tigeadh es an rathad. Air dhabhrathair fhaicinn a tarsuinn air falbh ann an eatharsheinn e an rann a leanas; oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gun a bhrath. Agus air dhoibhsan smuaineachadh gun robh e faicinn fhaoileagan no eoin eile den t-seorsa, cha dchuir iad umhals am bith

Chi mi es cha cheil mi e,
S air mhile bonn cha bhrath mi e,
Chi mi Eoin a snamh air sruth,
Sud agaibh e, ’s beiribh air.”

Bha duine a bha ro theoma air guidheachdan a falbh an rathad ann an carbad. Chuir clach a bhas an rathad, maille air a charbad aige. Ghlaodh e ri seann duine a bha goirid uaithe; “e thogail na cloiche, ’s a tilgeil a dhifrinn.” “Cha tilgars an seann duine, gu socair, ’s e ga togails ga tilgeil a leith-thaobh, “air neo nan tilggeadh, dhfhaodadh i bhith rithisd na do rathad.”


Mur eil iuchair anns gach pasg puind, chan en fhiorUnion Blend Teaa thann.


Mairi, Nighean Iain Bhain.

Bu bhan Domhnullach i a rugadh anns an Eilean Sgiathanachsa bhliadhna 1821. Phòs i greusaiche dam bainm Mac-a- Phearsoin, an am baile Ionarneis. Chaochail esansa bhliadhna 1871, ga fàgail le ceathrar chloinne. Dhfhàg i Ionarneis agus thàinig i do Ghlaschu far an do thog i a teaghlach. Chaidh a bàrdachd a chlo-bhualadhsa bhliadhna 1891. Rinn i aon òran a tha fior thaitneach, gu sonraicht, do no Sgiathanaich.

EILEAN ACHEC.

Ged tha mo cheann air liathadh,
Le diachainnean is bron,
Is grian mo leth-chiad-bliadhna
Dol sios fo na neòil,
Tha maigne air a lionadh
Le iarratas ro mhor,
Gum faicinn Eilean Sgiathach
Nan siantanansa cheò.

Tha corrs da fhichead bliadhna,
Bhon thriall mi as ga mdheoin,
S a chuir mi sios mo lion
Ann am miadhon baile-mòir;
Ns ged a fhuair mi iasgair
A lion mo thigh le stor,
Cha ddhi-chuimhnich mi riamh
Eilean Sgiathanach acheò.

Ach co aig a bheil cluasan,
No cridh tha gluasad beò,
Nach seinneadh leam an duan so
Man truaigh a thàinig òirnn?
Na miltean a chaidh fhuadach
Atoirt uath an cuids an coir,
Asmuaintean thar na cuantan
Gu Eilean uaine cheò.

Beannachd leibh, a chairdean
Anns gach ceàrn tha fo na neòil
Gach macus nighean màthar,
A Eilean àrd acheò;
Is cuimhnichidh sibh Màiri,
Nuair bhios i cnàmh fon fhòid
Se na dhfhuiling mi de thàmailt
A thug mo bhàrdachd beò.


Guidh aGhaidheil.

Thuirt Gordonach leointe, a tha air pilleadh airais on Aifric mu dheas da dhachaidh an Earraghaidheal, gun do chruinnich moran de na saighdearan an ceann a cheile air uairibh, anns an fheasgar, airson aoradh a dheanamh, agus buidhhachais a thoirt do Dhia.

Aig cruinneachadh àraidh taobh Abhainn Mhodder, thuirt saighdear a bha a deanamh urnuigh ann an Gàillig— “O, Dhia, mur bi thu leinns an stri, na binar n-aghaidh co dhiu, ach fàg eadar sinn fheins na Boerich e.”


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C.B.

L . L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B



[312]

[Vol . 8. No. 39. p. 8]

Oran aCheilidh.

LE NIALL MAC GILLEAIN, AN TIREADH.

SEISD.—
Ill a horinn hugus horinn
S mi tha coma de their cach ris,
S toigh leam fhein bhi anns acheilidh
G eisdeachd sgeulachdansaGhaidhlig.

Bithdh iad leinn a Eilein Leodhais
Siol non daoine coire baigheil,
Far am faigh an coigreach biadh
Us far nach d-iarradh riamh air paidheadh.

Ged tha na h-Earradh creagach ciar,
Gan dean chuid nighnag sniomhus cardadh
S ainm an diugh dhiubh feadh an t-saoghail
S cuid den aodach air a bhan-righ.

Bithdh iad leinno dha cheann Uidhite
Tir amhuireins tir na h-airidh,
S iomadh gruagach bhanail bheusach
Bhiodh air feilo Loch aCharnainn.

Bithdh na Sgiathanaich on tuath ann,
S fallain uasail fuaim an canain,
S fagaidh misan cliu oirrsgriobhte,
Aig an linn nach deachaidh arach.

Bithdh na Rumaich leinns na Canaich
Eigichs Rathasaich gun aireamh,
S Mucanaich on Eilein iosal
Sheasamh dileas taobh na Gaidhlig.

Sliochd nan laoch on Eilein Cholach
S tric fhuair onoir anns na blaran,
Cait an cualas riamh orrcunntas
Far an d-thug iad cul ri namhaid.

Bithdh iado Mhuile nan craobh ann,
Innis nam ba-laoighs nan Ard-bheann,
S fhurasdaithneachadh air an snuadh
Nach b ann mu bhruaichean Chluaidh a dhfhas iad.

Bithdh iad leinn o chriochan Dhiura;
Sliochd nan diulnachstuireadh bata
Cul an cinn mar sgiath an lon-duibh
S an gruaidhean mar ros an garadh.

Bithdh na Finnich ann an toir oirr
Sgriob am poig air fear no dha dhiubh
S iomadh rud a dhfhaotainn innseadh
Ghaol na sith gum bi mi samhach.

Bithdh iadsa cheilidh leinn gach oidhche
Cailean grinn a seinn nan dan dhuinn
S cuid aca nam buill den Chomunn
Taobh Lochodha chaidh an arach.

Cha di-chuimhnich min t-eilein uaine
Asiars a tuath an Earraghaidheal
Ged nach fhasadh craobh amdhuthaich
Gheibht ann flur nan cailean Gaidhealach.

A chuid mhac cho fallain fuasgailt
Cha do sheol a Cluaidhthug barr oirr
S bhuinig fear dhuibhn reis aChina
Choisinn cliu don tir a dhfhag e.

Leanaibh dlu ri cliuur sinnsre,
Seasamh dileas taobhur canain,
S mor a chulaidh-phroisus uaill dhiubh
Nuair their sluagh gum bheil sibh Gaidhealach.


Chaidh fear a mhuinntir Newfoundlnnd, Uilleam Lynch, a mharbhadh aig làrach na h-obair iaruinn Di-satharnasa chaidh. Bha e fhein us daoineile ag obair timchioll nan carbadan; agus dhfheuch esan ri dhol tarsuinn fodhpa, ach mun dfhuair e thairis ghluais fear de na carbadan, agus bhuail te dhe na cuidhlicheanna cheannga mharbhadh air ball. Chan eil coire ri chur air neach sam bith a thaobh an sgiorradh.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

dec . 8, ’99. —1yr.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIGGAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An seorsas fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.

titleIssue 39
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 39. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page