[Vol . 8. No. 4. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 4, 1899. No. 4.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXII.
AIR GHLUASAD A RITHIST.
Air eagal gu’m biodh an fheadhain a dh’ fhàg sinn ’nar deigh a’ gabhail fadachd, thill sinn far an robh iad. Agus ged a chuir sinn comharraidhean air cuid dhe na craobhan an uair a bha sinn a’ falbh, bha ar diol againn ri dheanamh ar rathad a dheanamh am mach an àm dhuinn tilleadh. Ach rainig sinn far an robh iad beagan mu’n do thuit an oidhche.
Bha iad a’ teannadh ri gabhail an eagail gu ’n deachaidh sinn iomrall anns a’ choille, agus nach fhaigheamaid ar rathad air ais idir.
Bha deadh shuipear deiseil aca dhuinn, agus bha sinn gle fheumach oirre. O’n a bha sinn a’ creidsinn nach robh duine, no creutair sam bith eile dlùth dhuinn a chuireadh dragh sam bith oirnn, ghabh sinn ar biadh na bu shunndaiche, agus na bu lugha dragh inntinn na rinn sinn o’n a dh’ fhalbh sinn o’n taigh.
Ach cha do chaidil sinn uile na ’s mò na b’abhaist dhuinn; oir, an riaghailt a shuidhich sinn an uair a dh’ fhalbh sinn, chuir sinn romhainn gu’n seasamaid rithe gu dlùth gus am biomaid lan chinnteach nach tigeadh cunnart no beud ’nar rathad air latha no air oidhche. Air an aobhar sin, bha luchd-faire againn a h-uile oidhche. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Is fhearr a bhith cinnteach na bhith ’s an amhrus.”
Gu math moch an la-iar-na-mhaireach, thog sinn oirnn agus dh’fhalbh sinn le ceum gle shunndach; oir thug an fhois inntinn a bha againn an latha roimhe sid, agus an cadal math a fhuair sinn, misneach nach bu bheag dhuinn gu leir.
Mu ’n do leig sinn ar n-anail, rainig sinn mullach a’ mhonaidh air an robh mise agus mo chompanaich an latha roimhe sid. An deigh dhuinn ar n-anail a leigeadh, agus beagan de’n bhiadh a bha againn a ghabhail, thug sinn ar n-aghaidh air a’ chomhnard mhòr a bha sinn a’ faicinn mu’r coinneamh.
Cha robh e’n comas dhuinn mòran astair a chur ’nar deigh, do bhrìgh gu’n robh a’ choille cho tiugh, agus am feur cho àrd ’s gur gann a gheibheamaid ceum a dheanamh.
Ann am beul anamoch na h-oidhche, rainig sinn bruaich na h-aimhne. Agus b’ e sin an amhainn! Far an robh am fearann comhnard, bha i gle leithinn. Ach far an robh am fearann àrd, creagach, bha i cho caol ’s gu’n tilgeadh duine clach bheag thairis oirre. Bha’n t-uisge a bh’ innte anabarrach soilleir; oir mur b’e luaths an t-sruth, chitheadh duine an grunnd aice, ged a bhiodh tri aitheamh de dhoimhneachd innte. Ach eadhoin far an robh am fearann comhnard, bha i ruith le luaths a bha anabarrach.
Anns a’ cheud aite freagarrach a thachair ruinn, shuidhich sinn gu’n cuireamaid an oidhche seachad ann. Cha do chuir creutair sam bith dragh oirnn fad na h-oidhche; oir, mar bu ghnath leinn, bha braitseal mor teine againn air, agus ma thainig creutair sam bith an rathad re na h-oidhche cha do chuir e dragh sam bith oirnn.
Gu math tràth ’s a’ mhadainn, bha sinn uile air ar bonn, agus o’n a bha biadh a’ dol an deireadh a ruith, dh’ fhalbh Tomas agus triuir no cheathrar eile, le’n cuid ghunnachan, feuch am faigheadh iad sealg, no rud sam bith eile a dheanadh cuideachadh leinn. Cha robh iad fad air falbh an uair a thill iad agus àireamh aca de dh’ eoin. Bha na h-eoin a thachair riutha cho ciallach ’s gur gann a theicheadh iad rompa. Agus cha do stad iad dh’ e ’marbhadh gus an robh barrachd is gu leor aca dhiubh.
Cha robh an còcair a bh’ againn fada ’deasachadh nan eun dhuinn; oir bha sinn uile cho toileach cuideachadh a thoirt dha ’s gu’n do spion sinn na h-eoin dha ann an tiotadh.
Tha mi ’creidsinn nach robh a ’chocaireachd ach gle mheadhonach; oir cha robh poit againn a bhruicheadh na h-eoin. Bha iad air an ròstadh air teine mor giuthais, mar a bha ’n fheoil a fhuair sinn. Ach an uair a bhios daoine slan, fallain, agus càileachd mhath aca gu biadh, cha chuir iad cùl ri biadh glan sam bith, ged nach biodh e air a dheasachadh cho math ’s a ghabhadh deanamh. A’ bharrachd air so, an uair a bhios daoine air uidil ’s air anastachd car uine, cuiridh iad suas le iomadh rud nach fhuilingeadh iad, nam biodh iad ’na chaochladh de shuidheachadh.
Choisich sinn air aghart ri strath na h-aimhne gus an robh a’ ghrian air cromadh gu math. Cha’n fhaca ’s cha d’ fhairich sinn creutair sam bith a chuir dragh oirnn. Bha ioghnadh oirnn nach robh fiadh-bheathaichean a’ tachairt ruinn. Cha robh iarraidh sam bith againn air am faicinn; ach o’n a dh’innseadh dhuinn gu math tric roimhe sid, gu’n robh na fàsaichean làn de dh’ fhiadh-bheathaichean dhe gach seorsa, bha suil am mach againn air an son fad na h-ùine.
Beagan uine mu’n do thuit an oidhche, thainig sinn gu fearann ard, creagach, anns an robh craobhan a bha anabarrach àrd. Aig fior bhruaich na h-aimhne, fhuair sinn uamha mhor, anns am faodadh fichead fear an geamhradh a chur seachad, nan togradh iad. Bha ’m beul aice cho àrd ’s gu’n rachadh fear sam bith dhinn a steach gun a cheann a chromadh. Cha robh coltas gu ’n do chuir duine riamh an oidhche seachad innte. Thug so misneach mhath dhuinn; oir b’e feasgar Di-sathairne bh’ ann, agus chuir sinn romhainn gu’n cuireamaid seachad an Domhnach aig fois, na’s lugha na thigeadh oirnn teicheadh le ar beatha.
Bha Tomas, mar a b’ abhaist dha, ag ràdh gu’n robh làmh an fhreasdail ’gar stiùireadh anns gach ceum, agus gu’m b’ann le stiùireadh an fhreasdail a thachair an uamha oirnn air an fheasgar ud.
Gun dail sam bith chaidh sinn uile gu obair. Ghearr sinn geugan matha, garbha bhar nan craobhan gus an cur gu math dluth air a cheile tarrsuinn ann an beul na h-uamha, air eagal gu’n tigeadh fiadh-bheathach sam bith an rathad a chuireadh dragh oirnn ré na h-oidhche. Fhuair sinn connadh gu teine fhadadh, agus am pailteas de sheann fheur agus de dhuilleach chraobh gus a chur fodhainn air urlar na h-uamha an uair a bhiomaid a’ dol a ghabhail mu thàmh.
Fhad ’s a bha sinn ris an obair so, bha ’n còcair gu trang a’ fadadh an teine, agus a’ deasachadh na suipearach. Cho luath ’s a chuir sinn crioch air an t-suipear, rinn sinn deiseil gus gabhail mu thàmh. Chuir sinn torr math bhioran air an teine; agus an uair a dhùin sinn dorus na h-uamha cho math ’s a rachadh againn air, leig sinn sinn-fhein ’nar sineadh air urlar na h-uamha, agus ar gunnachan làn ri ar taobh. Agus an uair a ghuidh sinn gu dùrachdach gu’m biodh cumhachd Dhe ’gar dion ’s ’gar gleidheadh fad na h-oidhche, thuit sinn uile gu trom ’nar cadal, agus cha do dhuisg sinn gus an robh greis dhe’n mhadainn air a dhol seachad.
An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, ghabh sinn uile suas air ar socair ri bruaich na h-aimhne feuch ciod a chitheamaid, agus an dòchas gu’m faiceamaid aite tana air am faigheamaid tarsuinn a dh’ionnsuidh an taoibh eile. Ann an aiteachan bha e furasda gu leor dhuinn a dhol air ar n-aghart; ach ann an aiteachan eile, bha creagan àrda, casa air bruaich na h-aimhne, agus bha làn ar cridhe againn ri dheanamh faotainn thairis orra. Cha deachaidh sinn fada an uair a shuidh sinn, o’n a chuir sinn romhainn an latha roimhe sid, gu’m gabhamaid fois fad an latha. An uair a leig sinn ar n-anail gu math thill sinn air ar socair do’n uamhaidh. O’n a bha toil againn ar diol cadail a dheanamh, agus gun fhios againn c’uin a gheibheamaid a rithist cadal ann an àite cho sabhailte, chaidh sinn a laidhe gu math trath, agus chaidil sinn cho trom ris a’ chloich.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. V.
Chord na briathran a labhair am fathach crotach, crubach, ri Maimoun agus ri Danhash gle mhatn. Ghrad chuir Maimoun i fhein ann an riochd cuilleig, agus lot i amhach a’ phrionnsa cho goirt ’s gu ’n do dhuisg e sa’ mhionaid, agus chuir e a lamh air a’ bhad a chaidh a lot dheth. Theich Maimoun air falbh, agus chuir i i-fhein a sealladh, mar a rinn an da fhathach a bha comladh rithe, air eagal gu’m faiceadh e iad, agus a chum gu’m biodh an cothrom na b’ fhearr aca ’nan triuir air fhaicinn ciod a dheanadh esan.
An uair a tharruinn e air ais a lamh, thachair dha a leigeadh as air nighean righ Shina. Dh’ fhosgail e a shuilean, agus bha ioghnadh anabarrach mor air an uair a chunnaic e an aon bhoirionnach a b’ aille snuadh a chunnacas riamh, na trom-chadal air uachdar an aodaich ri ’thaobh. Dh’ eirich e air uilinn, agus bheachdaich e gu dluth oirre. Agus ann an tiotadh thuit e ann an trom-ghaol oirre, ged a bha e roimhe sid an duil nach tigeadh an latha ’ghabhadh e gaol air te sam bith.
[Vol . 8. No. 4. p. 2]
Leis cho trom ’s a thuit e ann an gaol oirre, thuirt e, “Am faca duine riamh boirionnach cho maiseach agus cho gradhach rithe so! Gaol mo chridhe ’s m’anama!”
An uair a thuirt e so, phog e clar a h-aodainn, a da leith-cheann, agus a beul; ach o’n a bha i ’na suain chadail le draoidheachd an fhathaich, cha do dhuisg i idir.
“Nach tu tha trom ’nad chadal!” ars’ esan; “is neonach nach ’eil thu ’dusgadh an uair a tha mise ’nochdadh gu’m bheil a leithid de thlachd agam dhiot. Ge b’ e air bith co thu, dh’ fhaodadh tu gaol a ghabhail ormsa.”
Bha e ’smaointean a dusgadh, ach chuir e stad air fhein.
“Cha ’n ’eil fhios nach i so a’ cheart bhoirionnach a bha m’ athair gus a thoirt orm a phosadh? Cha d’ rinn e ceart nach d’thug e dhomh sealladh dhi roimhe so. Nan d’ rinn e sin, bha mise fhathast gun a dhiumbadh a chosnadh leis a’ chainnt eas-umhail agus mhi-iomchuidh a labhair mi ris, agus bha e fhein air a bhith na bu lugha dragh inntin na tha e.”
An uair a labhair Alsaman na briathran so ris fhein, thoisich e ri gabhail aithreachais air son cho eas-umhail ’sa bha e dha athair, agus smaoinich e rithist gu’m bu choir dha am boirionnach maiseach a bha ri thaobh a dhusgadh.
“Is docha,” ars’ esan, agus e tighinn g’a ionnsuidh fhein, “gu’m bheil toil aig m’ athair clisgeadh a chur orm, agus gu’n do chuir e a’ bhean-uasal og so do’n t-seomar gus mo chur fo dhearbhadh, feuch an robh mi cho fad an aghaidh posaidh ’s a bha mi ’cumail am mach. Co aig’ tha fhios nach e fhein a thug an so i, agus nach ’eil e ’g a fhalach fhein air chul nan cuirteanan, gus mo naire thoirt asam, ma chi e gu’n do thuit mi ann an gaol oirre? Bhiodh droch bharail aige orm, agus bhiodh e na bu diumbaiche dhiom na bha e roimhe. Ach foghnaidh leam am fainne thoirt bhar a meoire mar chuimhneachan oirre.”
An uair a thuirt e so, thug e air a shocair fhein fainne bhar na meoire aice, agus chuir e fear dhe na fainneachan a bha air a mheoir fhein ’na aite. ’Na dheigh sin thionndaidh e a chulaobh rithe, agus thuit e ’na chadal cho trom ris a’ chloich; oir chuir na fathaich fo dhraoidheachd e.
Cha bu luaithe thuit Alsaman ’na throm-chadal na chuir Danhash e fhein ann an riochd cuileig, agus lot i nighean righ Shina air a gruaidh. Ghrad dhuisg i; agus ciod a b ’iongantaiche leatha na duine og cho briagha ’s a chunnacas riamh fhaicinn ’na shineadh ri’ taobh anns an leabaidh. An uair a bheachdaich i air car tiotaidh, thuit i ann an trom ghaol air.
“Ciod is ciall dha so!” ars’ ise. “An tusa am fear a bha m’ athair ag iarraidh orm a phosadh? Is bochd nach d’fhuair mi fios air na bu traithe, agus a bharrachd air sin, is fhad’ o ’n a dh’fhaodainn a bhith posda ri fear air am bheil a nis gaol mo chridhe agam. Duisg, ma ta; duisg; oir cha ’n ’eil e coltach dhut a bhith cho trom ’nad chadal air oidhche do bhainnse.”
An uair a thuirt i so, rug i air ghairdean air Alsaman, agus chrath i gu math e. Bha i air a dhusgadh mur b’ e gu’n do chuir Maimoun le ’draoidheachd ann an cadal anabarrach trom e. Chrath i caochladh uairean e, agus an uair a chunnaic i nach rachadh aice air a dhusgadh, thuirt i, “Ciod a th’ air tighinn ort? An do chuir a h-aon sam bith aig an robh eud riumsa draoidheachd ort, a thug ort cadal cho trom ’s nach urrainnear do dhusgadh?”
An sin thug i pog dha laimh. Agus an uair a thug i an aire gu’n robh am fainne a bha air a mheoir anabarrach coltach ris an fhainne a bha air a meoir fhein, agus a dh’ aithnich i mu dheireadh gur e am fainne aice fhein a bh’ann, an uair a chunnaic i fainne eile air a meoir ’na aite, cha robh fhios aice ciod a theireadh i. Mu dheireadh thug i oirre fhein a chreidsinn, gur ann air ur-phosadh a bha i. An uair a bha i sgith a’ feuchainn ris a’ phrionnsa dhusgadh, thuirt i, “O nach urrainn dhomhsa do dhusgadh, leigidh mi leat do dhiol cadail a dheanamh.”
An uair a thug i dha pog air an leith-cheann, leig i i-fhein ’na sineadh, agus ann an uine ghoirid, thuit i ann an trom-chadal.
An uair a shaoil Maimoun gu’n robh a’ bhana-phrionnsa gu math trom ’na cadal, thuirt i ri Danhash, “Fhathaich mhollaichte, nach ’eil thu nis a’ faicinn gu’n do chaill thu ’n geall? Nach ’eil thu ag aideachadh gur e am prionnsa moran a’s maisiche na ’bhana-phrionnsa? Ach cha ’n iarr mi ort an geall a phaigheadh.”
An sin thionndaidh i ris an fhathach eile, agus thuirt i ris, “Tha mi ’toirt taing dhut air son do dhragha.” Thuirt i ri Danhash, “Thoir leat a’ bhana-phrionnsa so air ais gu ruige Shina, agus fag ’na sineadh i anns a’ cheart leabaidh anns an d’fhuair thu i.”
Rinn am fathach mar a dh’ iarr Maimoun air, agus chaidh Maimoun a ghabhail fois do ’n tobar mar bu ghnath leatha.
An uair a dhuisg Alsaman gu math moch ’s a’ mhadainn, sheall e feuch an robh a’ bhean-uasal ri ’thaobh. An uair a chunnaic e nach robh i ann, ghlaodh e, ag radh, “Bha amhrus agam gu’n robh toil aig m’ athair fealag a thoirt asam, agus tha mi gle thoilichte gu’n do thuig mi ciod a bha ’na bheachd.”
Aa sin dhuisg e an seirbhiseach, agus dh’ iarr e air tighinn far an robh e gus ’aodach a chur uime. Ach cha d’ innis e facal dha mu na thachair dha fad na h-oidhche. Thug an seirbhiseach a steach uisge g’a ionnsuidh, agus an uair a nigh e e-fhein, agus a ghabh e urnuigh, thug e greis air leughadh.
Na dheigh sid, dh’iarr e air an t-seirbhiseach tighinn far an robh e, agus thuirt e ris, “Trothad an so, agus thoir do cheart aire nach innis thu facal dhomhsa ach an fhirinn. Bha bean-uasal ’na laidhe ri mo thaobh-sa greis dhe ’n oidhche raoir; am bheil fhios agadsa cia mar a fhuair i steach an so? no co thug a steach i?”
“Mo thighearna,” ars’ an seirbhiseach, agus ioghnadh mor air, “cha ’n ’eil mi ’tuigsinn co uime tha sibh a’ bruidhinn.”
“Tha mi ’bruidhinn,” ars’ Alsaman, “mu’n bhoirionnach a thugadh a steach do ’n t-seomar so an raoir, agus a bha greis ’na laidhe ’s an leabaidh ri m’ thaobh.”
“Mo thighearn,” ars’ an seirbhisich, “air m’ fhacal nach ’eil fhios agam air rud sam bith mu dheidhinn na mna-uaisle sin; agus cia mar a b, urrainn i tighinn a steach an so gun fhios dhomhsa, o’n a bha mi ’nam shineadh aig an dorus?”
“Cha’n ’eil annad ach am breugaire suarach,” ars’ am prionnsa, “agus tha thu fhein agus feadhainn eile ’feuchainn ri dorran agus dragh gu leor a chur orm.”
An uair a thuirt e so, bhuail e dorn air an t seirbhisich ann an toll na cluaise, agus leag e air an urlar e. An uair a thug e ruith air a bhreabadh cheangail e rop fo ’achlaisean, agus thug e bogadh math no dha dha anns an tobar. “Bathaidh mi thu,” ars’ esan, “mur innis thu dhomh anns a’ mhionaid co bhean-uasal a bha stigh an so a’ raoir, agus co thug ann i.”
Cha robh fhios aig an t-seirbhiseach ciod a theireadh no ’dheanadh e; oir bha e air a leith phronnadh leis na fhuair e de bhreaban; agus cha b’ e am bogadh bathaidh a fhuair e dad bu lugha thug a mhisneach uaithe. Thuirt e ris fhein, gu’n robh am prionnsa air a dhol as a rian, agus nach fhaigheadh e a bheatha as a lamhan mur innseadh e na breugan dha. “Mo thighearna,” ars’ esan ann an guth fann, bristeach, “tha mi ’guidhe oirbh gu’n leig sibh mo bheatha leam, agus innsidh mi dhuibh an tul-fhirinn.”
An uair a chual’ am prionnsa so, tharruinn e an seirbhiseach suas as an tobar, agus dh’ aithn e dha an fhirinn a ghrad innseadh dha.
“Mo thighearna,” ars’ esan ’s e air chrith, “faodaidh sibh a thuigsinn gu’m bheil e neo-chomasach dhomhsa mo naigheachd innseadh dhuibh ’s mi anns an t-suidheachadh anns am bheil mi. Tha mi ’guidhe oirbh gu’n leig sibh leam a dhol a chur aodach tioram umam an toiseach.”
“Tha cead agad sin a dheanamh,” ars’ am prionnsa, “grad bi falbh; agus bi cinnteach gn’n innis thu an fhirinn ghlan dhomhsa an uair a thilleas tu.”
(Ri leantuinn.)
BRUTUS.
“Is e Farmad a ni Treabhadh.”
EARANN III.
Is mor m’ ioghnadh ris an t-socair anns a bheil cuid a’ cur thairis am beatha; tha iad mar bha Donnachadh Ban ’nuair thubhairt e
“Sguiridh mi g’ am phianadh, oir thug mi ’n aire
Gur e’n duine diomhain as fhaide mhaireas.”
Ach ’n am bheachd-sa cha ’n ’eil a’m beath gach duine ach a bhi dian-ruith chum fein-smachdachaidh; tha sinn mar shealgairean a’siubhal nan Gleann. Ceum air cheum air ar n-aghaidh, ’s ceap-tuislidh ùir an ceann gach tacain. Nis cha deanar ni sam bith gun ghnothach araidh a bhi ’s a bheachd. Tha ghnothach sonruichte aig an t-sealgair ar n-eadh cha bhiodh e a’ sealg; tha smuaintean agus dochasan araidh an inntinn an tuathanaich ar n-eadh cha bhiodh e treabhadh na talmhainn. Leothasan leis an aill a bhi treabhadh airson na firinne, feumaidh gu bheil meas aca air firinn; leothasan leis an ionmhuinn a bhi tlachdmhor an sùilean chaich, feumaidh gu bheil spéis aca ann a bhi tabhairt tlachd do chach. Tha chuid as mugha de dhaoine a tighinn beo air “diomhanas;” tha iad air am mealladh agus is maith gu’m bheil. Faodaidh e bhi gu’n robh ’s gu bheil an Saoghal air a’ riaghladh le Gliocas, le Ughdarras ’s le Eisempleir, ach tha’n radh sin a mhain fior ann an comh-bhoinn ris an radh so eile “Tha gach duine air a riaghladh le fein-chreideas.” Mur ’eil theid e gus an otrach. Ach mar an ceudna tha e air a mhealladh ’s air a riaghladh leis an aon ni. Rud tha do-dheanta. Nis, tha e ’n a ni maiseach an nadur an duine gu ’m feum e aoradh a’ thoirt do ni-eigin, agus cha ’n eil e anabarrach mi-choltach gu ’m fad an uine gus an goirear dhe ’n chinne-daoine “Teampull nan Iodhalan.” Ach do bhrigh ’s nach eil e comasach do dhuine sam bith air leth a bhi creidsinn nach ’eil ann fein ach fein-iodhal, tha e a’ toiseachadh le bhi ’toirt meas air duine eile, agus aig an am sin tha’n duine eile so air a’ thionndadh, leis an neach tha ’gabhail meas air, gu bhi ’na fhein-chuspar do ’n duine sin. Mar so tha gradh-daonnach ag éirigh agus ag cur ’n ar comas a bhi gabhail toirte am barailean a chéile; aig an aon am tha uiread de fhein-anearbsa ’g ar leantuinn ’s a tha ’g ar fagail anns an dochas gu’n d’ toir muinntir eile dhuinn iomadh cobhair ris a bheil dùil againn ged dh’ fhaoidte air nach airidh sinn. Tha ’n anearbsa so ag éirigh, mar is trice, ’nuair a bhacar sinn; tha t-atharrach ag éirigh ’nuair a bhuannaichear leinn. Is e an t-atharrach Uaill; ni tha ag éirigh bho ’bhi mothuchadh gu bheil “Cumhachd” againn. An taic ri gach mothuchdainn mu ’n chumhachd so tha “farmad,” no mar theirear le
[Vol . 8. No. 4. p. 3]
Tacitusgloriae aemulatio;agus is e crioch araid na buaidh so an lamh-an-uachdar fhaotainn. Tha cuilbhroinn mhor de dheineas agus de dhiorrasachd na buaidh so ag éirigh bho ’bhi a’ sior-dhùil ri dà ni a chur fo smachd aig an aon am. Nach robh a phannal a ghabh beatha Chæsair an duil ris an lamh-an-uachdar fhaotainn thairis air Cæsar fein maille ris ann an uachdranachd a bhuineadh aig an am sin do Cheasair a ghabhail nan laimh féin? Nach b’e rùn gach fear dhiubh gu’m biodh Ceasar marbh agus gu’m biodh iadsan féin a’ sealbhachadh a mhaoin ’s a chliu? Gun amhrus. Ach aig an aon am bu bhuidhe leo a bhi cosnadh cliu dhaibh fein fuidh shuilean nan Romanach. Bhiodh e ’na ni do-chomasach dhaibh farmad no“gloriae aemulatio”bhi aca mur biodh luchd-coimhead a seasamh ag gabhail beachd orra. Saoilidh mi gu’n robh am fiughair so a’ tabhairt solais, misnich is rabhaidh chum ’s gun ruitheadh iad le cinntealas an réis a chuireadh romhpa. Nuair a chaidh an reis a ruith, rinn cuid dhiubh gairdeachas is aighear; bha cuid eile air an lionadh le eud no tnu. Air an aobhar sin chithear gu bheil eadar-dhealachadh eadar farmad agus tnu; abraidh sin gu bheil “farmad” ag ciallachadh “gloriae aemulatio,” agus tnù “aemulatio vitosa.” Nis tha tnù a’ deanamh gairdeachais ri gach tubaist agus droch fhortan a thachras ri fear na soirbheachaidh, ni tha neo-cheadaichte. Cha’n aobhar gairdeachais dhomhsa ged a chaidh an saoghal an aghaidh an duine so, no ’n duine ad eile. Rè uine ma dh’ fhaoidte gu’n tig rath air fear na mi-fhortain, agus ciod a thachradh a réisd? Sheargadh mo thnù-sa a chionn ’s gu’m biodh mo charaid no mo namhaid air fàs aoibhneach. Gu dearbh ’s ann a bheir tnù fuath do na mhaitheas agus do ’n ard-mhòrachd air nach lamh e ruigsinn. Cha ’n ’eil so mar bu chòir, oir tha inntinn an duine sin an còmhnuidh air a lionadh le choir fhein. Ach ’s cinnteach mi nach ann mur so bha na Gaidheil rè an Eachdraidh lubach agus choigailtich, oir cha b’àbhaist daibh bhi ’gabhail gnothuich ri muinntir eile an ’nuair bu ghann a b’urrainn daibh an gnothuch fein a dheanamh. Tha Cassius, tha mi meas, a’ cur f’ar comhair gu bheil an cridhe tnuthail buailteach do thuislidhean ’s do mhearachdan, agus a dh’aindeoin meud a dheifir nach d’fhàs duine riamh ’na shlaoightir a dh’ aon leum. Feumaidh atharrachadh tìm. Dearbhaidh nadur fhéin so. Gabh beachd air seann chraoibh ’s a choille. Am bliadhna bheir am peothair an aire do dhuilleag no dha seargta aig a barr: mus tig an ath shamhradh mu’n cuairt, no ma dh’fhaoidte mus deasaich an lon-dubh a nead, tha geug no dha seargta, freumhach no dha air crionadh, agus fead a’ bhais ’na cluais, mar chomharradh gu bheil a h-uair air beireachd oirre. Air an aobhar sin cha’n e an tuilleadh tnu tha dhith oirnn ach an tuilleadh gradh: oir cha’n ’eil neart daimh ’s an dreathan-donn ’s cha’n ’eil e iomchuidh a smuaineachadh gu’m faigh amadan buaidh air duine glic. Tha cuid slan agus cuid euslan; cuid laidir agus cuid lag. Theid tnu, mar is cubhaidh, a bhathadh gu tric; ach snamhaidh gradh air na h-uisgeachaibh, agus air na cluaintibh glasa ni e laigh’ sios le sith. Ach air son aon ni, tha farmad feumail; tha e a’ toirt oirnn a bhi leantuinn daoine taghta agus bunaiteach oir is e so cron an aineolais gu bheil an duine nach ’eil math no glic gidheadh toilichte leis fein. Nuair a tha Tacitus a’ comh-dhunadh Eachdraidhe druighteiche Agricola—tha e ag guidhe orrasan a ta fathast an lathair a bhi toirt fainear gniomharan euchdach ’athar-céile chum ’s gun séidear suas aignidhean nan Romanach a los gach fearra-ni treun a chur an gniomh. Is doigh do ’n t-saoghal-so bhi dol mu’n cuairt oir tha gach ni a tha ann ’na cheo; gidheadh tha annain bith neo-bhasmhor air nach gabh tarruing le dealbhadair. Tha dealbh an anama air a tharruing ann an gniomharaibh a mhain. Uime sin is mithich dhuinne bhi subhach annain fein. Is e ar dleasdanas-ne bhi measail mu gach ni tha fior ’nar beathaibh fein, fior is fiosraichte am beathaibh chaich, gach ni tha mor am measg nam beo agus miorbhuileach am measg nam marbh, uamhasach is grasmhor ’s na h-uile tir is am. Tha Tactius, uime sin, ag iarraidh oirnn “farmad” a ghleidheadh ri a leithid do dhuine ’s a bha ann an Agricola. “Admiratione te potius quam temporalibus laudibus, et, si natura suppeditet, aemulatione decoremus. ”Cha robh Bard riamh na bu mhion-eolaiche mu dheas-ghnathaibh nan Romanach na bha Shakespeare, agus creididh mi gu’n robh a’ chleachduinn sin gle mheasail ’na shealladh-san ’nuair a sgriobh e chum ar leas-ne a bheachd a bha aige mu Bhrutus.”
“Nach abair sinn gu’n deachaidh Brutus am mearachd?” dh’ fheoraich an Seanalair.
“Tha mi ’n amharus,” ars’ am fear eile ’s e freagairt, “nach robh e dligheach dha a bhi cur an teagamh na smuaintean a bu doimhne na chridhe, agus rinn e cli ann a bhi caitheamh a leithid de ùin a’ reusonachadh a’ chionn ’s nach b’ urrainn dha a ghabhail a steach cho allail ’s cho cumhachdach ’s a bha Cæsar. Ach do dhuine a bha feadh a bheatha ni bu dheigheile air eolas na air mor-chuis, agus air firinn na air coslas na firinne, cha bhiodh e idir furasd a bhi tuigsinn gu ’n robh suailc air bith an Cæsar. Air an laimh eile bha aig Brutus inntinn cho druighteach agus cho farsuing ’s nach ’eilear comasach gun a bhi fo ioghnadh ciamar a chlaon e bho an reis sin air an d’ thug e gealltanas ruith le tapachd. Bha sealladh fada a dhith air maille ri barail chothromach agus cheart, nuair a shaoil e gun atharraicheadh Cæsar a nàdur nan rachadh an crùn chur air a cheann. Ach a chum ’s nach paidh e airson a bhi diobradh na smuaine sin a b’annsa leis riamh a bhi aig altrum, tha e a’ tagair a chùis féin le leithid do iomaguin ’s nach urrainn mi a bhi ’ga ainmeachadh ach le pian.
Ciod e an ni bu mhaith leat a thoirt dhomh?
Mas e ’s gu bhell e chum ar leas coitchionn
Cuir onoir mu choinneamh na dara suil bas
Mu choinneamh na suil eile ’s coimhdim orr’ gun sgath;
Ni Maith ’g am chuideachadh! is annsa leam
A bhi ’s an onoir na ’s mugha na ’s eagal leam am Bas.
Agus a rithist ’nuair tha Shakespeare a’ cur fa nar comhair an t-aobhar bh’aig Brutus airson ’n gniomh marbhtach sin a dheanamh, tha m’ aignidhean is m’ inntinn ag osannach mar tha na facal a’ gluasad air feadh astair m’ anama.
‘Faodaidh Cæsar sin a dheanamh:
Ach na leig leis. ’S bho ’n nach ’eil ’n am chomas
Cur as da do bhrigh do’n staid ’s a bheil e,
Seall air a ghnothuch mar so; cha ’n fhan e ’n sin,
Ni e fas ni ’s miosa agus ni’s miosa
Agus coltach ri droch sheorsa uibhe fo chirc.
Bheir e mach re uine eun cho dona ris fein
Uime sin marbh e anns a’ ghuc.”
“Marbh e anns a’ ghuc.’ Ah! ’s e’n dan a thachras; cha b’ urrainn dha a leasachadh ged nach robh cron ri fhaotainn ann an Cæsar. Chaidh Cæsar a dhochann ’s a mhort a’ chionn gu’n deachaidh Brutus am mearachd; chaidh Brutus am mearachd do bhrigh gu’n robh e neo-fhior do ’chogais.”
Rinn am fear neonach so stad a nis chaidh aran is fion-spiosraichte mu’n cuairt, agus chuir a chuideachd ris gu grad. Rinn mise mar a b’ fhearr a b’ urrainn mi. Bha am fion air leam moran ni bu thaitniche na bhlais mi airson iomadh bliadhna. Ach cha robh cùisean gle fhad mar so, oir dh’ fhas am Mor-dhiuchd gle bheothail, agus dh’ ath-sgrùd e moran de na beachdan air an d’ rinn mi iomradh a cheana. Fhad ’s is cuimhne dhomh labhair e mar a leanas:—
“Cha ’n ’eil thusa ach òg,” ars’ esan ’s e tionndainn ris an fhear, “agus cha ruigear leis bhi ag altrum an dochais gun rachadh leat ann a bhi faotainn a mach gach aobhair bh’ann an inntinn Bhrutuis gu bhi mort ard-uachdarain nan Romanach. Ré uine fhada, mar tha fios agaibh, b’e mo ghnothuch-sa a bhi cumail fodha na ceannairce a chuir a ordugh ar cuisean ’s an Eadailt, agus re linn a’ chogaidh thiamhaidh mu dheireadh bha iomadh comas air a’ bhuileachadh orm chum a bhi ag gabhail beachd air gne-naduir an t-saighdeir. ’S ann do bhrigh ’s nach ’eil aithne dhomhainn agaibhse mu dhoighean agus mu rianean inntinn an fhir-chogaidh, tha sibh a saoilsinn nach robh e comasach do Bhrutus a bhi faotainn coire do Chæsar. Cha’n e sin mo bheachd-sa; ù cha ’n e. ’S e mo bharail-sa nach do sheall Cæsar gle fhada roimhe, nach robh ann ’na oige ach graisg-fhlath ana-measarra agus anacneasda aig nach robh suim ann an ni air bith ach ann an graisge na Roimhe a mhain. Am measg mi-riaghailteachd an latha sin fhuair e comas gu bhi ag éirigh, agus nochd e mor-thuigse agus seoltachd le ’bhi ’riaghladh gu diongmhalta is gu gramail. Cha do thaisbeanadh leis riamh gu’n robh e deigheil air a bhi steidheachadh smuaine choitcheanna sam bith; bha e coma mar bu trice do na h-uile ni nach buineadh do mhodh-riaghlaidh cathrach moir’ na Roimhe. An ceann beagan bhliadhnachan chaill e ’chail eadhon ann a bhi deanamh sin, gus anns a’ Chogadh Shiobhalta bha thograidhean gu leir pearsanta. ’S ann aig an am sin a thoisich a bheachdan air bhi dol am farsuingeachd, agus dar bha ’n tir rointe na h-aghaidh fein theagaisg esan di, ann an tomhas le ’threubhantas, ann an tomhas le ’fhad-fhulangas, gu ’n robh traillealachd na ni nadurra. Ciod le ’thiodhlaicibh, agus ciod le fheisdibh, choisinn e an sluagh cumanta uile gus a bheachd sin, air chor fa dheireadh ’s gu’n robh e comasach e-fein a’ chur fos cionn an lagha. Mhùch e spiorad na saorsa ann ar n-aithrichean ’nuair bha iad fathast treubhach, ’s cha mhor m’ ioghnadh ged bha a laithean deireannach fo neul le dubh-ghruaim agus breoite-chrom.
Biodh agam daoine mu’n cuairt domh a ta reamhair,
Daoine sleamhuinn a choidleas aig an oidhche;
Tha Cassius ud ’n a dhreach mar neach air ocras
Le cus smuaineachaidh; cha ’n ’eil e leithid-sa cneasda.”
Innis domh am b’urrainn do Bhrutus a’ bhi faicinn a dhuthaich fuidh riaghladh dhuine aig nach robh suim do mhaitheas an giulan, no ann an lamhaibh phairtidh aig nach robh smuaintean choitcheanna sam bith? ’S e bh’ ann am Brutus laoch agus bha e fior-chinnteach gu’n robh dealachadh eadar math is olc. Nach robh an eadar-dhealachadh so a’ tabhairt geuraid do chonaltradh nam ban, agus brigh do sgealmhas a’ chlachain? Nach robh e a’ tabhairt a’ chumhachd dhligeach do lagh na Rioghachd, ’s nach robh e gniomhach bhos is thall? Bha Brutus a creidsinn gu ’n robh, agus uime sin b’e fhocal-faire ’aoradh Dhé;’ b’e focal-faire Chæsair—
Iarr air an t-sagart iobairt a chur suas
Chum ’s gu’m biodh beannachd mo shaoid ’s mo shiubhail agamsa.’
Gu cinnteach chuir spiorad na Saorsa i fein ann an riochd nach d’ thainig a
(Air a leantuinn air taobh 30.)
[Vol . 8. No. 4. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh.
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., OGUST 4, 1899.
LEABHRAICHEAN GAIDHLIG.
Tha moran daoine ’creidsinn gur ann an Siorramachd Inbhirnis a’s fhearr a labhras Gaidheil Gaidhlig agus Beurla. Tha e fior gu leoir gu bheil fuaim gasda ’s blasda ann an seanachas agus ann an guth nan Gaidheal d’ an ionad comhnuidh Inbhirnis. Tha teaghlaichean measail agus uasail a’ tuineachadh anns an t-siorramachd so. Is ann faisg air baile Inbhirnis a tha Cuil-fhodair, far an deachaidh cath cruaidh a chur, agus far an deachaidh Prionnsa Tearlach agus na Gaidheil mhearganta ’s dhileas a dh’ eirich leis a chasgairt gu muladach, truagh. B’ abhaist do ’n t-sluagh a bhi ’g radh gu b’e Inbhirnis baile mor na Gaidhealtachd, agus gur anns an aite so ’bha ’Ghaidhlig agus gach ceol ’us abhaist Gaidhealach a faotainn a’ chaoimhneis agus an eiridinn agus an aoidheachd a b’ fhearr ’s a bu mhodha. Tha baile ’n Obain a’ tighinn air aghaidh co gleusda, tapaidh, neartmhor, air chor ’s gu bheil a chairdean lionmhor a’ cumail a mach gur esan an diugh Baile mor, riomhach na Gaidhealtachd. Tha rathad iaruinn a nis a’ ruigheachd an Obain. Tha Beinn Nimheis, Loch Obha, a Mhorairn, ’us Fionnairidh, ’us Staffa, Iona, us na h-eileanan eile ’tha air taobh an iar Albainn, gle dhluth air an Oban. Tha bataichean smuide ’gluasad gun tamh on bhaile so gu iomadh eilean ’us aite ’tha measail ’us taitneach ann an suilean nan Gaidheal. Is ann an Inbhirnis a tha ’n Comunn Gaidhealach a’s fhearr a tha ann an Albainn. Tha ochd bliadhna fichead on chaidh an comunn so ’shuidheachadh, agus da rireadh is iomadh caoimhneas ’us cairdeas a nochd e ’sa rinn e do chainnt aosmhor nam beann ’us nan gleann. Bho thus a laithean bha Gaidheil uasail, ionnsaichte, urramach, ’us dileas, ’n am buill de ’n Chomunn, agus is mor ’s is fiachail an t-eolas a thrus iad, agus an solus a chuir iad air fineachan an duthcha anns na linntean a bha ’sa dh’ fhalbh. Chuir an Comunn a mach cheana aon leabhar thar fhichead, anns am bheil moran foghluim ’us fiosrachaidh air an tabhairt seachad. Is e ionmhas luachmhor a tha aig na Gaidheil anns na leabhraichean a chuir an Comunn ri cheile ’s a chlodh-bhuail iad airson maith ’us tabhachd nan Gaidheal ’us na Gaidhlig. Thainig a’ cheud leabhar thar fhichead a mach bho cheann miosa no dha. Tha faisg air coig ceud taobh duilleig ann. Anns an roimh-radh tha iomradh tiamhaidh air a dheanamh air na laoich ghasda Ghaidhealach a chaochail bho cheann uine ghearr ’s a tha tosdach ann an suain a’ bhais. Tha iomradh muladach air a dheanamh air Alasdair Mac Coinnich, duine comasach agus foghluimte, a rinn iomadh seirbhis mhaith do na Gaidheil agus d’ an canain. Thug MAC-TALLA luadh cheana air beatha Mhic Coinnich agus air na h-euchdan lionmhor a rinn e ’na inbhe fein as leth nan Gaidheal.
Cha ’n ann gun aobhar sonruichte ’tha na briathran so air an sgriobhadh mu Ghilleasbuig Mac-na-Ceardadh, a chriochnaich a’ chuairt am feadh a bha e fathast og. Deagh mhac an deagh athar. “Is e Ileach foghainteach, stuama, gleusda ’bha ’na athair. Bha ’n t-ainm ceudna aca. Bha iad le cheile ’n an clodh-bhualadairean ann an Glaschu, ’s ’nan cairdean maith ’us muirneach do gach neach ’us ni a bha Gaidhealach. Ann an 1879, thainig a mach an t-Oranaiche, no co-thional taghta de orain ur agus sean—a’ chuid mhor dhiubh nach robh riamh roimhe ann an clo—le Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh. Is ro-mhaith agus is ro-ghrinn a b’ aithne dha Gaidhlig a sgriobhadh, mar a dhearbhas na briathran so: “Tha ’n t-Oranaiche ’nis air a chasaibh le lanachd ciuil ’na chridhe, ’s le iomadh duanag thaitneach ’na bheul. Is e a run eolas a chur air na Gaidheil anns gach aite ’s am bheil iad a tuineachadh—tuath ’us deas, an ear agus an iar, aig an tigh agus on tigh. Tha mi ’guidhe gu ’m bi an t-Oranaiche cosmhuil ri sgoth-long eutrom, thapaidh, loma-lan de rogha ’s tagha bathair, —iubhrach ghasda, chomhnard, a sheolas troimh gach caol ’us camus, a shiubhlas air gach loch ’us linne, a thathaicheas air gach uig ’us ob, a thaghaileas aig gach port ’us lamhraig, gus coimh-ionnan ri iadhadh na gréine, an cuir i cuairt shunndach, shoirbheachail air an t-saoghal Ghaidhealach gu leir.”
Leabhar nan Gleann, Leabhar na Ceilidh, maille ri leabhraichean eile a thainig bho ’n chlodh-bhualadair bho cheann ghoirid, tha iad uile ’dearbhadh gu bheil sgoilearan Gaidhlig fathast dichiollach agus eudmhor. Tha daoine foghluimte ’g innseadh dhuinn gu bheil air an t-saoghal tri muillean agus ceathramh a tha ’labhairt Gaidhlig, no canain eile de na canainean Ceiltich. Tha ann am Breatunnaidh, anns an Fhraing, corr mor agus muillion a tha ’labhairt an canain Cheiltich fein. Tha ann an Uallaidh dluth air muillion a tha ’labhairt canain bhrioghmhoir nan laoch iomraiteach bho ’n tainig iad. Tha dluth air seachd ceud mile Gaidheal ann an Eirionn a tha fileanta ’n an canain fein, agus a tha fior-mheasail air a chainnt a bu nos do luchd-aiteachaidh an duthcha a labhairt gu pongail, milis anns na laithean a bha ’sa dh’ aom. Ann an Albainn, no an tir an fhraoich ’s an rainich, tha da cheud gu leth mile ’labhairt na Gaidhlig, agus muirneach mu ’n chanain a labhair agus a sheinn Oisein agus laoich na Feinne ann an Seallama. Thatar a’ creidsinn gu bheil ann an Canada fein da cheud gu leth mile Gaidheal aig am bheil speis anabarrach do chainnt an sinnsirean, agus a tha comasach air a labhairt ann an doigh fhonnmhor, ghrinn. Tha Gaidheil ann an aitean eile de ’n t-saoghal a tha ’g altrum cainnt an athraichean gu curamach agus gu caomh. Air feadh na Galldachd tha moran Gaidheil a tha ealamh ann an labhairt na Gaidhlig ann an tir nan Gall, agus am measg bailtean ’us comhnardan a tha air taobh mu dheas Albainn. Tha da no tri mhiltean anns an Eilean Mhanainneach a tha ’labhairt fathast Gaidhlig an eilein bhoidhich ’us iomraitich ud. Co nach aidich a nis gu bheil na canainean Ceiltich lan brigh ’us neirt ’us beatha, ’s nach ’eil amharus air bith gu tig crioch air an cuairt an da latha so. Tha fuil bhlath, fhallain ann an cuislean nan canainean ud; agus ma bhitheas na Ceiltich daimheil, mar is cubhaidh doibh, d’ an canain fein, thig iomadh atharrachadh air an t-saoghal, agus ruithidh iomadh latha ’s bliadhna seachad mun teid an fhoid ghorm a chur air uaigh na Gaidhlig agus a peathraichean. Is e Niall Mac Leoid, am bard teoma, binn ’us ceolmhor, a tha ’na bhard do Chomunn Inbhirnis. Is gaisgeil a bhriathran:
“Duisg suas a Ghaidhlig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgath,
Tha ciadan mile dileas duit,
Nach diobair thu ’s a’ bhlar:
Cho fad ’s a shiubhlas uillt le sruth,
’S a bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gu teid do chur gu bas.”
CONA.
Tha caraid amaideach moran ni ’s trioblaidiche na namhaid aig am bheil gliocas.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
[Vol . 8. No. 4. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha trioblaid mhor ann an Chicago aig an am so—deich mile de luchd-ceairde ’s de luchd-obrach eile nan tamh air saileabhstrikea rinn luchd deanamh nan clachan-creadha.
Thainig bas gle aithghearr air fear R. J. MacNeill, ann an Shunacadie, Di-donaich s’a chaidh. Bha e coiseachd air feadh an taighe, ’se ’ga fhaireachadh fhein gu slan, fallain, ’nuair a thuit e marbh. Bha tinneas a chridhe air o chionn aireamh bhliadhnaichean, agus ’s ann air chomhairle nan dotairean a thainig e do Cheap Breatunn a Malden, Mass., far an robh a dhachaidh. Chaidh a chorp a thoirt air falbh gu Malden ’sa mhaduinn Di-mairt.
Fhuaireadh corp boirionnaich anns an acarsaid, faisg air Point Edward, Di-satharna s’a chaidh. Thugadh gu Sidni Tuath e, agus an sin fhuaireadh a mach gu’m b’e bh’ ann corp Maggie Bonner, a bha air a call air an deigh eadar Low Point us Sidni Tuath ’sa gheamhradh ’sa chaidh. Chunnacas corp aig beul na h-acarsaid mu dha mhios air ais, agus cha’n ’eil teagamh nach b’e so e, agus ’se ’s docha gu robh e ’m barr an uisge o’n dh’ fhalbh an deigh bhar na h-acarsaid. Bha e air cnamh gu mor nuair a fhuaireadh e.
Cha’n iad a mhain na daoine dubha tha air dhroch dhiol anns na Staitean a deas; tha na Mormons a nise faotainn an cuid fhein dheth. Bha triuir sheanairean Mormonach ann an cearna de Georgia a taghal gu math tric ann an tigh anns an robh dochas aca gu’n tionndaidheadh bean-an-taighe gu bhi dhe’n chreideamh ioma-mhnathach a tha iad fhein ag aidmhneil. Latha dhe na lathaichean, thainig buidheann de mharcaichean dh’ionnsuidh an taighe; thug iad leotha na seanairean, ’s cha chualas sgeul orra uaithe sin.
Tha e coltach gu bheil cogadh Innseanach ri bhi anns na Staidean. Tha treibh ris an canar na “Yaquis” air ar-a- mach a dheanamh, agus chaidh blar a chur riutha leis an arm toiseach na seachdain so anns an deach aireamh a mharbhadh air gach taobh. Tha an treibh so a deanamh an dachaidh faisg air a’ chrich a tha eadar na Staidean agus Micsico. Cha’n eil ach da bhliadhna o’n chuireadh crioch air a cheannairc mu dheireadh a rinn Innseanaich nan Staidean. Lean i aireamh bliadhnachan, agus chosg i moran airgeid agus beatha dhaoine mu’n d’fhuaireadh casg a chur oirre.
Tha na paipearan aig an am so a toirt droch sgeul air Margaree, sgeul, tha sinn an dochas, nach eil fior. Thatar ag radh gu bheil anns an sgireachd sin aireamh dhaoine tha deanamh ceaird de bhi beubanachadh sa milleadh bheothaichean eich us cruidh, ’sa deanamh iomadh cron eile, gu bheil iad ris an obair sin o chionn da bhliadhna, ’s gu bheil iad a nise air fas cho ladarna ’s nach leig an t-eagal le duine mhuinntir an aite am brath. Ma tha an sgeul fior, bu choir do’n luchd-ceartais an lagh a chur air obair, agus gun lasachadh gus am bi gach neach aig am bheil lamh anns an obair aingidh air a pheanaisteachadh a reir a chionta.
Chaidh an tigh ’s an stor aig Pol Mullins, ann am Bateston, faisg air Louisburg, a losgadh gu lar feasgar Di-satharna s’a chaidh. B’ fhiach an tigh ’san stor ’s na bha ann de bhathar mu thri mile dolair.
Tha muinntir Sidni Tuath a cur rompa stad a chur air creic stuth laidir; tha coig duine deug air an sumanadh an drasda, agus aca ri cuirt a sheasamhair an t-seachdain s’a tighinn. Cha’n eil iomradh air a leithid sin a dheanamh ann an Sidni; ’s fhada mus eil.
Chaochail Sir Seumas D. Edgar, ceann-suidhe nospeakerTigh nan Cumantach, ann an Toronto Di-luain s’a chaidh. ’Se so a cheud uair, ann an eachdraidh Chanada, a chaochail anspeaker ’s a Pharlamaid ’na suidhe. Bha Sir Seumas na duine tapaidh, air an robh deagh mheas air gach taobh dhe’n tigh. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Rugadh e ann a Hatley, an Cuebec, agus bha e de sheann teaghlach uasal a bha air Galldachd na h-Alba.
Bha stoirm mhor thairneanach us dhealanach ann ’sa mheaduinn Di-haoine s’a chaidh. Chaidh nighean bheag le Seth Boutillier, ann an Clace Bay, a mharbhadh, agus chaidh a mhathair ’sa brathair aig an am cheudna a ghoirteachadh. Bha an tigh air a chrith cho mhor ’s gu robh moran de na soithichean a bha stigh air am bristeadh. Bha an eagalais Chaitliceach ann an Glace Bay, air a bualadh, agus tigh le fear Gealleasbuig Mac-a- Phearsain, faisg air Reserve Mines.
Sguir mu dha cheud gu leth duine tha ’g obair air rathad-iarruinn Bhroad Cove, a dh’ obair toiseach na seachdain s’a chaidh, ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Cha robh iad a faotainn ach o 90c gu $1 .00 ’san latha. Chaidh ionnsuidh a thoirt air daoin’ eile chur a dh’obair ’nan aite, ach dh’aobharaich sin troimhe-cheile agus cha d’ fhuaireadh air adhart leis an obair idir, na daoine ’g iarraidh $1 .25 ’san latha. Bha ’san ainm gu robh Mac-Coinnich agus Mann, a tha cur air adhart na h-obrach, a’ dol a thoirt aireamh cheudan de dh’Eadailtich à Boston ’s a New York, air son an obair a dheanamh, ach ’si bharail chumanta nach robh an sin ach car. Am fios mn dheireadh a fhuair sinn bha iad air tighinn gu cordadh agus na daoine air a dhol air ais gu’n obair.
Chaidh dithis dhaoin’ oga mhuinntir a bhaile so, Ulleam Kehoe, agus Seumas Doyle, a bhathadh air an acarsaid feasgar na Sabaid s’a chaidh. Bha iad a’ tilleadh a Sidni Tuath ann am bata, agus air dhaibh a bhi ’g ol gu trom, chaidh iad bhar a cheile, ’s thoisich iad air sabaid. Chaidh iad an sas ’na cheile, agus an deigh dhaibh a bhi tacan a gleachd, thuit iad a mach as a bhata. Bha fear eile, Iain Moireastan, comhla riutha, ach tha e ’g radh nach b’urrainn dha sith a dheanamh eatorra no an cumail o cheile. Rinn e na b’urrainn dha air son an sabhaladh, ach chum iad greim air a cheile agus chaidh iad fodha tiotadh beag an deigh dhaibh tuiteam thairis. Gu am sgriobhaidh, cha d’ fhuaireadh na cuirp. Dh’fhag Kehoe bean agus sianar de chloinn bhig. Bha Doyle na bhantraich, agus dh’ fhag e aon duine cloinne.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 8. No. 4. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 27.)
steach air Cæsar, nuair a ghlaodh Brutus air sraididh na Roimhe ‘Sith Socair is Saorsa.’ Ach nach do sguab a shinnsrean an Tarquin bho gheataichibh na Roimhe, ’s am biodh esan air deireadh air a shinnsrean? Nar leigeadh Dia! ’S e bh’ ann an so éigh spioraid uasail urramaiche a bha air a’ lasadh le bhi beachd-smuaineachadh mu ’n olc.
‘Bu docha leibh Cæsar a bhi beo, agus sibh-fein am bas fhaotainn ’n ar traillibh, no gu ’m biodh Cæsar marbh agus sibhse ’n ar daoinibh saor? ’”
Air cluinntinn do’n chuideachd nam focal lasrach so, rinn iad fuaim-bhas agus saoilidh mi nach deachaidh iad fad am mearachd. Dh’ eirich an Seanalair, ghuidh e dhuinn oidhche mhath, agus ann an tiotan dh’ fhalbh e as an t-seombair.
(Ri leantuinn.)
SGEUL MU ’N ABSTOIL EOIN.
Tha’n sgeul a leanas mu’n diadhair Eòin air innseadh le luchd-eachdraidh na h-eaglasi, air a thoirt a nuas do’r n-ionnsuidh o linn gu linn, agus air a chunntas firinneach.
Bha Eòin air fhogradh le Domitian, aon de mhor-fhlaithean na Roimh, do dh’eilean uaigneach da’m b’ainm Patmos; ach an deigh bais an duine an-iochdmhor sin, phill e gu Ephesus, a chur air leth cleir cheart gu bhi thairis air an t-sluagh. Air dha dol gu Smyrna (baile-mor ainmeil a bha ’san tir), agus air dha ’bhi labhairt ris an t-sluagh, mhothaich e oganach eireachdail dreachmhor, a’s ni-eigin ’na aodan ’s ’na ghnuis a thalaidh a chridhe gu mor ris. Labhair an diadhair Eoin mar so ris an easbuig a shuidhich e thairis air an eaglais sin: “Beachdaich,” ars’ esan, “air an oganach ud. Gabh e fo d’ churam an lathair na h-eaglais, agus an lathair Chriosd, ceannard na h-eaglais. Tha mise ’ga earbsa ruit; cum suil air.”
Gheall an t-easbuig a dheanamh mar a dh’iarradh air, agur dh’earrailich Eòin air a ris agus a ris e ’chuimhneachadh na chuir e m’a choinneamh. Thug an t-easbuig dhachaidh an t-oganach a dh’ionnsuidh a thighe fein. Thug e dha gach gnè foghluim a’s fiosrachaidh; dh’araich, dh’altrum, agus thog se e ann an eolas air Criosd; agus fa-dheodh bhaist se e.
Ach cha do ghleidh an t-easbuig an t-suil sin air an oganach bu choir dha, agus a gheall e. Tharruing e suas le droch chompanaich, agus bha e taghal droch chuideachd. O bheag gu mor, chinn e gorach, peacach, mi-gheamhnuidh. Air dha dol aon uair air seachran, chaidh e air aghart a’ cur an gniomh gach gne gniomhradh eagallach. Chaill e a dhochas, a slainte, agus a mhaitheanas peacaidh. Chinn e dalma, dan—comharraichte airson gach gne ghiulan bu mhiosa na cheile. Chruinnich e mu ’thimchioll buidheann do dh’oganaich cosmhail ris fein—deas, uidheamaichte, agus togarach airson ni peacach sam bith a dheanamh. Chuir se e fein os an ceann mar cheannard. Chinn iad nan spuinneadairean ’s nan robairean; agus b’e an t-oganach truagh so b’fhiadhaiche, bu bhuirbe, agus bu tithich’ air dortadh fola, ’nam measg gu leir.
Beagan bhliadhnachan an deigh so, thainig an diadhair Eoin do’n aite. Chuir e fios air an easbuig ris an d’earb e an t-oganach. “Thoir air ais dhomh,” deir esan, “na dh’earb mi riut—na dh’earb mi riut an ainm Chriosd, agus an lathair na h-eaglais air an do chuir mi thusa thairis mar easbuig. C’ait a’ bheil an t-oganach a chairich mi fo d’ churam? Freagair dhomhsa, a’s freagair do’n eaglais air a shon, agus airson anmanna air na gheall thu faire ’dheanamh.”
Tharruing an seann duine osann throm. “Tha e,” ars esan, “marbh do Dhia. Chaidh e air seachran. Threig e mi. Chinn e na mheirleach, na fhear-reubainn, na spuinneadair, agus na mhortair.”
“Freagair mi,” arsa Eoin, “c’ait a’ bheil e?”
“Tha e,” ars’ an seann duine, “na cheannard air buidheann laidir de luchd-reubainn ’tha tathachadh nam beann, agus a tha nan culaidh-oillt do’n tir uile.”
“An ann mar so,” arsa Eoin, “a choimhlion thusa na dh’earb mi riut. Faighibh dhomh each a thiota, agus faighibh dhomh fear-eigin a threoraicheas mi dh’ionnsuidh an aite sa’ bheil e ’tamh, e fein agus a’ bhuidheann ’tha maille ris.”
Cha robh math cuir na aghaidh. Dh’fhalbh e féin, a’s fear eile maille ris. Rainig iad a bheinn. Choinnich cuid de na spùinneadairean e. Ghlac iad e, ’s cha do chuir e na aghaidh. “Thugaibh mi,” deir esan, “an lathair ’ur ceannaird; is miann leam labhairt ris.” Rinn iad so. Sheas an ceannard. Bheachdaich e le iongantas air an duine bha mar so a’ dlùthachadh air; ach cho luath ’sa thuig e co bh’ ann, ghrad theich e le naire—cha dùraichdeadh e a choinneachadh. Ach lean an diadhair Eoin, aosmhor mar a bha e—lean se e, a’ glaodhach na dheigh, “A mhic,” ars’ esan, “tha thu teicheadh o d’ athair! Nach stad thu? C’arson a tha thu teicheadh o sheann duine gun airm, gun chomas cioram no olc a dheanamh ort? Guidheam ort, stad!”
Stad an t-oganach. Chaidh an duine beannuichte suas dlùth dha, agus, le aogas graidh thubhairt esan do ’n d’ thug Criosd moran graidh—thubhairt e, “Na diùlt mi; pill an uchd Chriosd; pill! Fag an t-aite so; fag do chompanaich pheacach. Na caill do dhochas. Na smuainich nach ’eil dochas ann; na smuainich nach ’eil maitheanas peacaidh ri fhaotuinn. Ni mise guidh agus urnuigh air do shon. Nam b’éiginn, bhasaichinn air an am air do shon, oir bhasaich Criosd air ar son le cheile. Seas; striochd; —an ainm an Athar ’sa Mhic, tha mise ’ga d’ ghlacadh. Creid mi, ’se Criosd a chuir mi mach air do thoir.”
Theirinn an t-oganach as an diollaid—thug e a chlogaid dheth—thilg e an claidheamh as a laimh—thuit e air a dha ghlùn—agus ghuil a’s chaoin e mar phaisd a bhiodh air a sgiùrsadh. Chrom an diadhair aosmhor thairis air, agus shil e gu frasach a dheoir, air chor ’s gu’n robh an t-oganach a nis air a bhaisteadh le deuraibh goirt, ach deuraibh grasmhor. Phill e dhachaidh maille ri Eoin. Rinn e aidmheil fholaisaich an lathair na h-eaglais; rinn e iomadh, iomadh, ùrnuigh dhùrachdach. Cha do dhealaich Eoin ris a latha na dh’ oidhche, fad ùine mhoir—a’ leughadh na Sgriobtairean le cheile—a’ seanachas mu thimchioll an t-Slanuighir. Cha robh san eaglais an deigh sin aon duine bu chomharraichte a’s b’ ainmeil airson a dhiadhachd ’sa ghiùlan criosdail na’n t-oganach mu’n d’ innis sinn an sgeul taitneach so. —Cuairtear nan Gleann.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
LEIGHEAS BUAN.
Sgriobh an t-Urr. Hy, Carter, Maddock, Springfield, E. P. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Cha’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotul bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”
Tha an litir so a nochdadh an eifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n te a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, corr us bliadhna ’n deigh so, “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gu ’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaidh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
[Vol . 8. No. 4. p. 7]
A FRAMBOISE.
Is e so samhradh cho fliuch ’sa tha cuimhne againn. Tha gu leoir uisge ’san talamh a nise airson gach seorsa barra. Bithidh am feur gle mhath, ’s tha ’n t-arbhar a coimhead gu math e fein; agus, gu fortanach, cha do chuir daolag a bhuntata dad a dhragh oirnn fhathast. Cha ’n ’eil i idir cho sgriosach air na cladaichean so ’sa tha i mach ’san duthaich.
Tha cead againn am bliadhna air a bhi ’g iasgach nan giomach gus a cheud latha de ’n fhoghar; sin cead nach d’ fhuair sinn bho chionn fada. Cha ’n ’eil teagamh againn nach bi cuid a cuir cliu riaghladh Laurier air a shon sud, ’s cha ’n ’eil fhios nach buin sin dha ann an tomhas. Tha sinne gu leir air na cladaichean so ag earbsadh air teachd an tir ris an iasgach ann an tomhas mor; agus is tric a bhitheas sinn, ma dh’ fhaoidte, a cur cliu air luchd-riaghlaidh timeil, an uair a ni iad gean math ruinn, agus gu tric a dearmad cliu agus urram a thoirt Dhasan a tha buntainn ruinn gu caoimhneil an comhnuidh, agus leis an leis an talamh is a lan.
Bha ’m ministeir againn air falbh bhuainn latha na Sàbaid s’a chaidh, a cuideachadh Mr. Grannd, aig an t-sacramaid, anGrand River.Bithidh an t-sacramaid air a frithcaladh an so air an darna Sàbaid de ’n fhoghar. Tha suil againn gu ’m bi an t-Urr.Mr . Rose,a Malagawatch, againn aig an am.
Is ann bho’n a sgriobh mi thugad mu dheireadh a chaidh an duin’ og sin Ruairidh Mathanach a mhuinntir Ghrannd River a bhathadh faisg air so. Bha ’n sgiorradh ud na ni gle chianail; is gann gu bheil bliadhna dol seachad nach eil sgiorradh dhe ’n t-seorsa ud a tachairt mu na cladaichean so. Cha robh e posd’ ach uine ghoirid, agus tha co-fhaireachduinn againn uile riutha-san gu leir a b’ fhaisge dha ann an daimh. Bha e na dhuin’ og measail cliuteach agus chuir an naigheachd duilichinn air na h-uile a chuir eolas air.
CEANN LIATH.
Iulaidh, 31, ’99
Tha duil ri Admiral Dewey a bhi air ais do na Staidean mu thoiseach October. Tha ullachadh mor ’ga dheanamh air son cuirmean a dheanamh dha, ach cha ghabh e cuireadh gu cuirm no feisd sam bith.
Di-haoine ’sa chaidh aigLittleRivermu thri mile deug a mach a Windsor, N. S., chaidh dithis dhaoine a mharbhadh le sgiorradh a thachair air an rathad iaruinn, agus bha aireamh a bharrachd air an leonadh.
Tha a Gailig a fas na’s beothaile anns an t-seann dùthaich gach bliadhna. Tha moran de na h-uaislean aig nach eil Gàilig iad fhein ’ga h-ionnsachadh d’ an cloinn.
Tha mi-chordadh eadar Canada ’sna Staitean a thaobh na criche eadar an da dhuthaich anns an iar thuath. Cha’n eil teagamh nach tig iad gu cordadh mu thimchioll an uine ghoirid.
Tha an t-side gle chaochlaideach, agus tha e gu math doirbh do na tuathanaich an cuid feoir a ghearradh ’sa thiormachadh.
Tha an ard-pharlamaid ’na suidhe fhathast, ach tha h-obair faisg air a bhi ullamh, agus cha’n fhada gus am bhi i sgaoileadh.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am Feillire.
OGUST, 1899.
1 Di-mairt An Lunasdail.
2 Di-ciaduin
3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640.
4 Di-haoine
5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis.
7 Di-luain
8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631.
10 Dior-daoin An fheill Labhrainn.
11 Di-haoine La Dailrigh, 1306.
12 Di-satharna
13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis.
14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645.
17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766.
18 Di-haoine La Phreston, 1649.
19 Di-satharna
20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis.
21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689.
22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138.
23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305.
24 Dior-daoin
25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829
27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis.
28 Di-luain
29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722.
30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807.
31 Dior-daoin
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M.
A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M.
An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M.
An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhua.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 8. No. 4. p. 8]
Oran a Chianalais.
LE NIALL MOIREASTAN, BARD PHABAIDH.
FONN.
Och chon mar tha mi us mi ’n am aonar,
Is cianail dh’ fhag iad mi ’n seo ’nam onar;
Och, mo dhiobhail nach mi b’ air tir ann
Am mullach Bhlith-bhal, far am b’ og robh mi.
Gur mi tha cianail ’san eilean fhiadhaich,
Gur fhada ’n iar e cha ’n fhiach an t-ait’ e;
’S olc am priosan e seach na h-Innsean,
Do dh’ fhear a dhiteadh airson na meairle.
Nur ni mi lubadh a muigh mu’n chul aig,
Tha h-Iort cho dluth dhomh ’s gu ’n cunnt mi ’n t-aiteach
A th’ aig an t-sluagh ann, gur culaidh thruais mi
Bhi glaiste suas ann le cuanntan gairich.
Mo bhean cho neonach ’s mo chlann cho gorach
’S nach dian iad comhradh domh na ceol-gaire;
Ta mi gun solas ’n am aite comhnuidh,
Ach Domhnull gorach le seacaid bhan air.
’N uair thig an geamhradh bithidh mi fo champar,
Gur dlu do ’n Teampull mi ’n am na daisneachd;
Mi na m’ dhroch shaighdear air feadh na h-oidhche,
Gu’n duine dh’fhoighniceas ciamar tha mi.
Mar tha Fearagus cha dian e seanachas,
Is duine balbh e ’tha marbh ’na nadur,
Tha crith ’na ghluinean le fuachd na Dudlachd,
’S mar dh’ fhag an luths iad gun ’dhiult iad ramh dha.
Nan dianainn sgriobhadh gur fhad o dh’ innsinn
Do nabuidh dileas na thill mo nadur,
Mar chothrom luaidhe ri m’ chridhe fuaighte,
Ga m’ dhianamh gruaimeach a Luain ’s a Shabaid.
Ri tide ghailbheach bithidh toirm na fairge
Ri creagan garbha a’ stairirich laidir,
Mar thorunn geamhraidh bhiodh eadar bheanntan,
’S mar stalla teann oir an ceann ’ga spairnich.
Bithidh Druim-na-beisde ’nuair ni i eirigh,
Gu ’n cluinn thu ’beucal le seideadh graineil,
’N a steallaibh gle-gheal ’dol dha na speuraibh,
Toir’ dhiom na greine ’s Beinn Shleibhe Bhearnarai.
Ge geal le neonain na raointean comhnard,
Gu’m b’ fhearr ’bhi ’m mointeach nam mor bheann arda;
Nan gilean lughmhor, nan geugan cubhraidh
A bheireadh urachadh dha mo shlainte.
Coire Bhlith-bhal’ is tric air m’ inntinn,
Le fhuarain fhior-ghlain bu chubhraidh faileadh,
Biolair uaine a’ fas m’ a bruaichibh,
Gur mor an suaimhneas do shluagh an aite.
Gach lus is boidhch’ air an tulaich chomhnard,
A mach o’n t-sroin ’dhianamh lon us arach
Do dhaoine breoite ’am bailtibh mora,
’S e chur ri ’n sroin ’bheireadh beo o’n bhas iad.
Mu bhruach do chaochain gur pailt na caoirich,
N’ an craicionn maoth gheal ’s an fhraoch gu samhach;
’S na h-uain ’s a Cheitein air luim a rheidhlein
A ruith ’sa leamraich gun eis o’m mathair.
Cha teirigeadh Gailig ga cur ’s an dan seo,
A dh’ innseadh chasan do nabuidh eolach;
Ach bho nach fheairrde mi ’bheag an trath-sa,
Gu fan mi samhach ’s cha chan mi ’n corr dheth.
Oran an Rodain.
LEIS A BHARD CHETDNA.
Innsidh mi sgial na rodain
A thainig a bothag Ruairi,
Fhuair iad aileadh na mine
’S ann b’ mho chruinnich iad mu ’n cuairt di;
Cha robh cuip a bh’ air an culaobh
Nach dianadh a chuis gu buailtean,
’S uiread mo dhuirn orra ’shodan,
’S mo mhollachd air an cluasan.
’S dh’ aithnichinn rodain Bho-na-Cilleig,
’S iad bu ghile na cuid Chracow,
Nur a bhiodh iad gu tric gan nigh,
’S iad a frigheachd air na bairnich;
Nur a chunn’ mi iad a’ tighinn,
’S coltas millidh air na biasdan,
Thug mi oidhirp air an cunntais—
Gu ’n deach iad a null air ciadan.
Thainig uisge ma mo shuilean,
’S thionndain mi mo chul ’s mi ’g griosad,
’S gun dad agam gus mo thearnadh
Ach an seana-chu ban gun fhiaclan.
Dh’ fhalbh mi ’n uair sin as a’ liugail
Air mo ghluinean ’s air mo chliathaich,
’S nur a chithinn an corc a lubadh
Bu tric mo shuil air a fiaradh.
Mi toir oidhirp air dhol dhachaigh,
’S gun dad unnam ach am blialum,
’S mi air chrith cho luath ri duilleig,
Leum mo chuislean mar fhear fiabhruis;
Gu ’m bu diombach mi do Ruaraidh
O’n la chuir e ’n suas an stor dhuibh,
’Dhol a dh’ fhagail min us siucair
An aite gun fiu na comhladh.
Tharruing sid ead air astar
O’n aite bu chleachd leo comhnuidh,
Timchioll iothlainn Tigh-a- Chladaich
Far ’m bu phailte bhiodh an t-eorna;
Ach nan deanainn-sa sgriobhadh,
’S mi gu’n innseadh anns gach aite,
Far ’na thug thu ’n aitreabh riomhach
Meadhon dig agus lathach.
’S ged a rinn thu ’m balla dianach
Tha do chliathaich ’na cuis naire;
Fiodh air grodadh le na siantan,
Nur a thuit an sgliat gu lar dhi;
Seo an t-aite nach robh feumarach
Air an spreidh ad a thighinn pailt ann,
Bha gu leoir ann as an aonuis,
Dh’ fhair’lich air daoine cur as doibh.
Mur biodh ’cata glas ’g an sealg dhuinn,
Moch us anamoch ’s meadhon la,
Bheireadh iad asaibh na suilean,
Nan tuiteadh orr’ dusail cadail;
’S cha dean mis’ guidhe gheur no sgaiteach
Dha ’n fhear a tharruing sibh dlu dhomh,
Ach am fear is mo am fiaclan
Bhi leireadh do bhian ’s tu ruisgte.
’S greim a bhidh aig ann an ait’ ort
Eadar thu us la ’roimh d’ chulthaobh,
Gur mis’ a dhianamh an gaire
Nam bithinn slan ris an iumradh.
’S lean cuid eile dha na Baigh thu
Gu ’n d’ raineadh tu bat an Uamhais,
’S nur a rannsaich iad ’s gach ait i
’S nach d’fhuair iad cail ghabh ’d tuaileasg,
’S chum iad sios ris a chladaich,
Cho na stad ead ’sa chaol ghruamach,
’S chaidh an ceann thoirt feadh na h-airde
Gu na chur e failt air Ruaraidh.
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichcan fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 4 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 4. %p |
parent text | Volume 8 |