[Vol . 8. No. 40. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAY 11, 1900. No. 40.
Litir a Ceap Nor.
An dhigh an droch cliù a thug “Iain” air na leisgeulan ann an aon d’a litrichean, ’s gann a dh’fhaodas mi innseadh de bu choireach nach do sgriobh mi gu MAC-TALLA air a mhios s’a chaidh. Bha MAC-TALLA tri seachduinean gu’n tighinn a mach idir, air chor ’s gur beag nach d’thug cuid againn suas an dùil ri aghaidh shuilbhir fhaicinn gu bràtb tuilleadh. Thainig e co-dhiu, agus b’e ’luchd-leughaidh a rinn an togail ris. Anns an àireamh mu dheireadh de’n mhios s’a chaidh tha òran do’n Transbhaal le bean Fhearchair Bheutoin, ’s an Iar Thuath. Is piuthar do Iain ise, agus tha sinn duilich gu bheil aobhar aice air a bhi cho muladach a chionn nach robh duin’ idir dlùth dhi “a thogadh, no thuigeadh, no sheinneadh an dàn.” Cha’n ann mar sid a bhiodh nan robh a crannchur aice ’s an àite so. Ann an so tha chuid is lionmhoire dhinn a fantuinn cho Gáidhealach ’s a bha sìnn riamh. O nach ’eil muilleann-luaidh an àite ruigheachd oirre anns a’ gheamhradh, tha chuid mhor de’n chlò air a luadh air a chliath-luaidh mar a b’abhaist. Eadhon a nis fein cha’n ainmig a chithear an oigridh a’ dol seachad nan deann am beul na h-oidhche, a dh’ionnsuidh nan luadh, ’s iad cho sona ’s ged bhiodh am fortan saoghalta cinnteach dhoibh ma’s till iad dhachidh mu’n mheadhon-oidhche. ’Sann an sin a bhios am fuaim air luadh a chlò an trath gheibh na h-òganaich agus na gruagaichean suidhe sios air gach taobh de’n chléith, ’s iad le’n uile chomas a seinn òrain nuadh agus sean, a bheir air na deòir a bhi sileadh o shùile nan aosmhor, le bhi toirt gu’n cuimhne iomadh atharrachadh doilgheasach a ghabh àite ’s an tim a dh’aom. ’S iongantach agus is brònach an ni gu bheil iomadh aon dhiubhsan a sheinneas òrain de’n t-seòrsa ud, nach cluinnear aig àm sam bith a’ deanamh comhnadh ri seinn sailm Dhaibhidh ’s an aoradh fhollaiseach.
Ged tha moran a fantuinn cho Gàidhealach ’s a thuirt mi cheana, ’s gann nach faighear cuid a Ghàidheil anns gach àite a tha cho mor asda féin ’s gur h-i an fhior eiginn a bheir orra smid Gàidhlig a labhairt aig àm sam bith. Tha iad ag amharc oirre mar chainnt nach fiù, ged nach robh i riamh an eisiomail chainntean eile, mar bha chainnt Ghallda da’m bheil iadsan a toirt a leithid a spéis, ged is cearbach a labhrar i le moran dhiubh.
Ged bha geamhradh briagh againn, cha’n eil an t-earrach idir cho blàth ’s a bu tric leis a bhi, agus air a mhaduinn an diugh tha mu throidh de shneachd ùr air an talamh.
Tha Alasdair Domhnullach, a chaill a’ bhean agus a thriùir chloinne o chiònn da bhliadhna, agus a bha uaithe sin air chuairt anns na Stàidean, air tighinn dhachaidh o chionn ghoirid, agus e’n droch shlàinte. Tha sinn an dòchas, le atharrachadh earrain-saoghail, agus meadhonan eile bhi air an cleachdadh gu’m bi e fhathast air aiseag gu ’shlàint àbhaistich. Air maduinn a bhon-de rainig Iain mor Mac-a- Phearsain agus naoinear dhiùnnlach eile nach ruigear a leas ainmeachadh, tigh Alasdair, agus a dh’aindeoin sileadh uisge agus sneachda, a thòisich mu’n mheadhon-la, as a sid cha rachadh iad gus na shàbh iad suas de dheadh chonnadh na dh’fhoghnas fad bliadhna. Ged tha so air a sgriobhadh mu na diùnnlaich so, cha’n eil sinn idir a di-chuimhneachadh truacantachd nan seòid a ghearr an connadh ud anns a choille ri fuachd a gheamhraidh.
M. D.
Ceap Nor, April 26, 1900.
NA SPUINNEADAIREAN.
(Air a leantuinn.)
’Ga shuidheachadh fein air sorchan àrd cloiche thòisich e air cluich nam port bu shunndaiche; ’s aig cho drùighteach ’s a bha chuid ciùil, cha b’ fhada gus na chuir e air falbh gach gruaim us mighean a bh’ air a luchd-éisdeachd; thainig aoidh us tlachd air na h-aodainn a bha titeadh beag roimhe sin fo mhùig us fo antlachd. An sàr-fhear-ciuil, a’ faicinn éifeachd a chiùil-ni, gu dearbh, a bha soilleir dha iomadh uair roimh sud—dh’ atharraich e nis fonn a chiùil, bhuail e air cluich gach caoin bu tiamhaidh a ghabhadh toirt na ’chuimhne, g’an cluich le blas us drùighteachd anabarrach. Ge b’ e ghabhadh beachd air aodann garg, grian-dhaithte nan daoine bha ag éisdeachd ann an dubh-shàmhchair ri pongannan àluinn na fidhleadh, chitheadh e ann am barrachd is aon sùil deòir gun sireadh, agus bha gach gnùis a sealltainn faireachdainean bàigheil le taladh a chiùil. Fa dheòigh sguir e chluich, ach aig cho làidir is a bha sian a chiùil bha greis a dh’ ùine m’an deach an t-shàmhchair a bhriseadh. ’Nuair a sguir an fear-ciùil a chluich, car eadar feala-dha is da-rireabh thug e’n fhidheal ’s dh’ fhàisg e ri bhroilleach i mar gu bu rud beò i, agus an sin, ghrad chaidh e agus chuir e gu cùramach i anns a cheist’ as an tug e i. Bu mhor an caochladh a thainig air a chùis air dha tighinn a nis nam meas seach mar a bha iad ’n uair a thainig e stigh an toiseach. Bha e soilleir gu robh fraoch an corruich gu tur air a thionndadh gu bàigh agus faoilteachas leis mar a bhogaich ’s a thalaidh a chuid ciùil iad. Bha nis caoimhneas air a nochdadh an aogas ’s ann am briathran gach aon air do’n fhear-chiuil tighinn agus àite ghabhail maille riutha gu pártachadh anns a bhiadh a bha ’nis deiseil airson iad ’ga ghabhail.
A’ fagail nan spuinneadairean a’ còmhradh agus a’ gabhail an lòin so, a bha gu h-iomlan de mheann-fheòil bheir sinn air n-aghaidh air foillseachadh na diomhaireachd mu thiomchioll an fhir a dhùisg ar naigheachd dhuinn, ni bha sinn cho faiceallach air a chumail an cleith roimhe so. Cha b’e duine sam bith eile bha so, ma ta, ach am fear-reubainn ainmeil sin Mac-a- Phearsain. B’e an duine so, mar is math tha fios, mac diolain a bh’ aig duine uasal de theaghlach feir-fearainn shaoir ann an siorrachd Inbhernis bho bhan-fhiosaiche. Chaidh a thogail an tigh ’athar, ach air bàs ’athar thagair a mhàthair e, agus thug i leatha e; ’n uair a lean e comunn na cuideachda shior-fhalbhach so dha ’m buineadh e, ghnàthaich e ’n cleachdannan, gus air deireadh na cùise an d’ thainig e gus a bhi mar a dh’ ainmich sinn ’na cheannard air buidheann spuinneadairean. Bha thàlann agus a choimhliontachd thar tomhais, bha phearsa ’s aghaidh neo-chumanta briagha agus a neart d’a reir, is ged a bha ’dhreuchd an aghaidh lagha us ceartais, fhathasd, bha e do nàdur caoimhneil truacanta. Sin agaibh gearr-chunntas air ceann ar sgeòil—leannan Eilidh Mhàrtuinn, ged is beag a bha dh’fhios aig an nighinn bhochd cho mi-shona ’sa shocraich i a gaol. Do bhrigh nach eil gnothach againn ri dol na deanadas Mhic-a- Phearsain ’s a chuideachda rè na h-ùine eadar e ’dhealachadh ri Eilidh agus an t-àm air an robh aca ri coinneachadh—oir cha robh co-cheangal sam bith aig sin ri’r naigheachd—aisigidh sinn gun dàil thairis air an aimsir so gus an tig sinn ionns’ an latha air an robh aig Mac-a- Phearsain ri imeachd air an turas gu ionad na coinneimh. Cha do leig e rùn a bheachd is a dhòchais anns a ghnothach so ri neach sam bith ach aon charaid àraidh de’n bhuidhinn. B’e ainm an duine so Aonghas Siosal, mac fear-an-taighe anns na chuir an luchd turuis seachad an oidhche, mar a tha cuimhne agaibh, air dhaibh a dhol air seacharan anns a mhonadh. Bu duine òg am fear so, glé choltach na dhòigh ri Mac-a- Phearsain féin. Bha e cheart cho blàth-chridheach ’s cho dileas ris; ach bha thalann ’s a dhreach fad air deireadh air. A’ gabhail cothrom ’n uair nach robh gin de chàch an lathair dh’ innis Mac-a- Phearsain do’n fhear so gu robh dùil aige dol do Bhanff air an fheasgar sin a rithisd.
“Tha thu as do rian,” ars’ Aonghas, “buileach glan as do rian. Cha ’n urrainn e bhith gu bheil thu toirt fa-near an cunnart anns a bheil thu ga d’ thiligeadh féin, air na tursan eagalach sin air a bheil thu dol, air a bhi air do ghlacadh. ’Se rud is faisge air miorailt a th’ ann gu’m bheil thu tearnadh.” “Cha’n eil cùram, Aonghais,” arsa Mac-a- Phearsain, ’s e ’n làn earbsa as a neart ’s as a thapachd. “Rinn mi nithean bu dalma na so na m’ latha air reusan moran bu lugha; agus,” ars’ esan, gu h-uaibhreach, faigheam ceartas, Aonghais, mo chlaidheimh mor am laimh, ’s cha ’n eil sia daoine ’m Banff a ghlacas Seumas Mac-a- Phearsain beo.” “Ach faodaidh iad a ghlacadh marbh, ged tha, ’Mhic-a- Phearsain,” ars’ Aonghas “agus is gann is urrain thu radh gur e tearnadh a bhios an sin, tha mi smaointinn.” “C’arson nach gabhamaid toileachadh na tinn a th’ againn— ’Se amaideachd a chur seachad gus a màireàch,” fhreagair Mac-a- Phearsain, ’se toirt buille dhe làimh le fealla-dha air guallainn chairide, “A mhìc-a- chridhe, Eilidh Mhartuinn feumaidh mi fhaicinn, agus Eilidh Mhartuinn ni mi fhaicinn, biodh an cunnart mar a bhitheas e—O, ged a bhiodh ròpa crochte ris a h-uile craoibh eadar so ’us Banff agus lub-ruith air gach aon dhiubh air mo shon. “Air a char is lugha leig le triùir na cheathrar againn falbhadh chuideachd an earralas gu’m faod tub-
[Vol . 8. No. 40. p. 2]
isd éiridh am mach,” ars Aonghas. “Cha deid, cha deid, aon duine, Aonghais,” arsa Maic-a- Phearsain, “cha deid beatha neach sam bith ann cunnart na ’m aobharsa ach mo bheatha féin. Ma thachras mi-fhortan ’s ann dhomh fhein, ’s e mi fein a mhain a dh’ fheumas duais mo ghòraich a hioladh. Cha leiginn beatha coin an cunnart gun ghuth air do bheathasa ’na leithid so de chàs. Ach their mi so riut,” ars’ esan, “feumaidh tu gealltannas a thoirt dhomh Aonghais.” “Ciod e sin?” ars am fear eile. “Tha,” fhreagair Mac-a- Phearsain, “ma theid mise ghlacadh, agus sin beò, ni thu do dhiochioll air an fhidhioll a thoirt ugam ge b’e àite ’n teid mo chur.” “Is annasach an t-iarratas a tha thu deanamh,” ars an Siosallach us fiamh gàirair; ach tha mi gealltainn gu’m bi sin deante o tha thu ’ga shireadh.” “Ma ta, se sud m’ iarratas,” arsa Mac-a- Phearsain. Leis a so sguir an seanachas eadar e fein agus a chairide; agus goirid na dheigh sin an deigh dha e fein a chuir fo làn armachd thriall e na aonar air a thurus cunnartach. Mu’n d’ fhag e’n gleann bha ghrian cheana air a dhol sios fad anns an iar; a gathainn a dealradh gu boisgeil air na beanntan ’s na creagan a bha coimhead ris an àirde ’n iar. Bha taobh eile nan cnoc agus nan gleann a tarruing duathar an fheasgair. Ach mheas Mac-a- Phearsain an ùine ’s an t-astar gu freagarrach. Bheireadh tri uairean dhe choiseachdsan e ionns an àite ’n robh e ri ruigheachd. Bhiodh an uair sin an dubh-thràth ma dhorcha. Agus bha sin mar sin a h-uile turus a thainig e ann. ’N uair a rainig e’n t-àite-coinneimh ainmichte cha robh Eilidh air tighinn. Mar sin, shuidh e air tolman uaine bha air a chuartachadh le preasan dlùth, a’ feitheamh ri teachd. A’ fàgail Mhic-a- Phearsain bhuainn car tamùll bheir sinn aire ’n aire gu gnothach nach robh dad do fhios aige san ma dheidhinn ged a bha’n gnothach roimh-orduichte gu tur ma thimchioll. Chaidh fhaicinn agus aithneachadh. Iadsan—oir bha dithis ann—a fhuair am mach e, lorgaich iad an spuinneadair neo-shealbharra thun an ionaid anns a robh e ri coinneamh a chumail ri Eilidh; ’n uair a chunnaic iad e stad ann a sin, chaidh fear dhiubh gu grad a thoirt an fhios thoirteil so do’n t-siorram am feadh a dh’ fhuirich am fear eile ’cumail faire air an neo-amharasach mhi-shona. ’N uair a rainig a chiad fhear an Siorram “Ciod a’ bheireadh sibh a Mhr. Sìorram,” ars’ esan, “arson fios fhaotainn air a cheart bhad anns am bheil am fear reubainn, Mac-a- Phearsain air a mhionaid so?” “Cha mhor sin a dhuine,” ars an Siorram, “ni ’s lugh na bhiodh e ann an suidheachadh a bhiodh e coltach gu’m b’ urrainn mi ghlacadh. Bha fiosam féin far an robh e ciad uair ach cha robh chridhe agam beantuinn dha.” “Ach tha mise ciallachadh mar tha sibh ag rathainn, tha mi ciallachadh ann an suidheachadh ’s gu ’n gabh e glacadh gu furasda,” ars an duine. “Tha fiosam far am bheil e air an dearbh mhionaid so, agus sin na ònarachd gun aon duine maille ris.” “Tha!” fhreagair an Siorram le mor aoibhneas, oir b’e ard-mhiann fada roimhe sud greim fhaotainn air Mac-a- Phearsain. “C’àite, c’àite’ bheil e, dhuine?” ars esan le boile. “Faigheam leth-dusan duine fo làn-armachd maille rium,” ars’ an brathadair, “agus air son leth-chiad mairg ni mi priosanach dhuit dheth.” “Daoine!” deir an Siorram le gairdeachas, “Is leat na tha thu sireadh de dh’ airgead glan air a mhionaid a chuireas tu Mac-a- Phearsain fo ’m smachd-sa; agus an àite leth dusan duine, gheibh thu lan dhusan agus mi fein air an ceann. Am bheil e fad as?” “Cha ’n ’eil thar mile.” “Na ’s fhearr, ’s na ’s fhearr,” ars an Siorram, ’s e suathadh a làmhan le mire. “Ma ghlacas sinn e, cha d’ rinneadh gniomh ni b’fhiachaile an Albainn o chionn iomadh bliadhna. B’ fhiach e mile mairg ’s a bhliadhna do shiorrachd Bhanff fhein.” Ann ni bu lugha na coig mionaidean-deug a dh’ ùine an deigh a chomhraidh so bhi seachad, dh’ fhaodte iorghaill us drip fhaicinn mu sheann tigh-cùirte Bhanff. Bha so aobharanchadh le àireamh dhaoine agus an Siorram nam measg, nan cabhaig a rannsachadh tigh nan arm airson gach ball airm a b’ fhearr na chéile a h-uile fear a taghadh dha fhein agus ’ga chuir fein ann an òrdugh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Cha robh an taghadh, an deigh sin, do na h-airm. Cha robh ’s a chuid bu mhotha dhiubh ach seann tuaghannan meirgeach Abrach agus beagan de chlaidhean nach robh dad ni bu lugha meirg a bha air an cumail airson riaghailt’ us geard air amannan araid, uair airson gàirdeachais is uair arsan coigaidh. ’N uair fhuair a bhuidheann iad fein aramachadh, chaidh an tarruinn ann an òrdugh aig aghaidh an taighe, chuir an Siorram e fein air an ceann agus thug e an t-òrdugh meirseadh; agus ghluais iad air treòireachadh an fhir “a bha thall ’s a chunnaic is a thainig a nall a dh’ innis.” ’Nuair a chaidh iad mu mhile air aghart thug am fear so òrdugh dhaibh iad a stad, agus a toirt an t-Siorraim a dha no tri cheumannan air adhart sheòl e dha an t-àite anns na dh’ fhàg e Mac-a Phearsain agus a reir mar a dh’ innis am fear faire, a bha nis air tighinn nan còmhail, gu robh e ann fhathast. Chaidh comhairle shuidheachadh a dh’ fheuch de’n seòl a b’ fhearr a ghabhail gus cur ris a chulaidh-eagail, gniomh nach robh air a chunntas aon chuid soirbh na sabhailt dhaibhsan a bha ’nis ’ga rùnachadh; oir bha fios ac’ uile air a neart ’s air a mhisnich airson a robh e sònraichte. Bha Mac-a- Phearsain anns an àm chranda gun amhrus sam bith air a chunnart anns an robh e, na shuidhe gu socrach air an tolman uaine far na dh’ fhàg sinn e. Cha do nochd Eilidh fhathasd, agus bha esan ga neo-umhailleach a tarruing sgrioban anns an talamh le barr a chlaidheamh ’nuair a chaidh maoim a chuir air le fuaim a dh’ fhairaich e measg nam preas mar a dh’ fhairich e uair roimhe. Leum e air a chois, spion e daga as a chrios le laimh dheis, sheas e a feitheamh ris a ni bha e nis a’ faicinn ’s a cluinntinn. Bha an upraid air feadh nam preas a’ dol ni bu mhotha, dh’ fhosgail na preasan o cheile agus ann an tiotadh de b’ iongataiche leis na a charaide Aonghas a bhi ’na sheasamh air a bheùlthaobh. “Aonghais!” ars’ esan, le guth iosal ’s le mor ioghnadh. “Uist, uist!” ars’ Aonghas, ’s e glacadh a chairide air laimh, “na can smid. Ann an coig mionaidean bidh tu air do chuartachadh. Chaidh d’ aithneachadh ’s do lorgachadh. Tha dusan de dhaoin’ an t-Siorram mar uidhe coig ceud slat dhuit, a suidheachadh rib’ arson do ghlacadh. Biodhmaid a mach cho ealamh ’sa ghabhas deanamh, a Mhic-a- Phearsain,” ’s e ag asluchadh an fhir eile leis. “Ma ni sinn am baile dheth aon uair, faodaidh sinn tarrsuinn as. ’S àithne dhomhs’ àite falaich ann.” “Seadh, ach Eilidh, Eilidh, Aonghais!” arsa Mac-a- Phearsain, ’s e fuireach air ais, ’s a cur an aghaidh oidhirpean a charaid ’ga thoirt air falbh.
“Amadain, amadain!” ars Aonghas, le boile, ’s e sior asluchadh an fhir eile air falbh. “Tiotadh beag de dhàil, agus tha, araon, thus’ agus mise ann an làmh anna nàmhaid is marbhtaiche” “Theid againn air comhrag a thoirt dhaibh, Aonghas.” “Deich uairean amadan!” ars Aonghas, ’s a chorruich a’ miadachadh. “Gun tugadhmaid comhrag do dhusan fear cho math air an armachadh ruinn fhéin! —agus a bharr air sin thoir fainear,” ars’ esan, “gu’m bheil thu ga’m thoirt-sa thairis dhaibh cho math riut fein.” “Ah, fhuair thu mi nis,” fhreagair Mac-a- Phearsain, “Cha’n fhaod sin a bhith; na leigeadh Dia!” Aig an dearbh àm sin chualas fead anns an preasan. “Tha iad air ar muin,” ars Aonghas, ’s e le aon leum a dol thar balla choig troighean a bha eadar iad ’s an rathad mor gu Banff. Air ball bha Mac-a- Phearsain as a dheigh, a tilgeadh a chlaidheamh air thoiseach air; chaidh e thar a bhalla eadhon ni bu chlise na ’chairide.
(Ri leantuinn.)
Tha e coltach gu ’n d’ fhuair Aguinaldo, ceannard na Phlippinos, bàs; cha chualas guth no iomradh air o chionn àireamh sheachdainean, agus ’si fharail nach eil e beò. Ma tha sin fios, ni e cisneachadh nan eilean nàs soirbhe do ann nan Staidean.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XV.
Lean Dòmhnull agus Callum a steach do ’n choille an déigh an ainmhidh a leòn iad; ach ann an ùine ghoird chaidh e buileach glan as an sealladh. O ’n a bha e ’sileadh fala gu bras, bha iad comasach air an rathad a bha e ’gabhail a dheanamh am mach. Bha ’lethid de thoil aca gréim fhaotainn air ’s gu ’n do lean iad gu math fada steach do ’n choille air a thòir. Mu dheireadh chaill iad sealladh air an fhuil, agus cha robh feum dhaibh a dhol na b’ fhaide.
An uair a bha iad air thòir an ainmhidh air feadh na coille, cha robh iad a’ faireachadh ha h-ùine ’dol seachad, agus idir cha robh smaointean aca air an rathad a bha iad a’ dol. Mar sin chaill iad an rathad. Thug iad greis air connsachadh mu ’n rathad. Ach cha robh iad dad na bu ghlice ’sgur na bha iad a’ tòiseachadh; oir cha robh fhios aig fear dhiubh co ’n taobh air an tugadh iad an aghaidh.
Cha robh smaointean sam bith aca gu ’n deachaidh iad cho fad’ o ’n loch ’s a chaidh iad. Agus bha fhios aca na ’m faigheadh iad aon uair a dh’ ionnsuidh an locha, gu ’m faigheadh iad an rathad na dhéigh sin thun a’ chladaich.
Mu dheireadh an uair a chunnaic iad nach deanadh e feum sam bith dhaibh fuireach na b’ fhaide ’n an seasamh far an robh iad, smaoinich iad gu ’m bu cho math dhaibh ceum a thoirt air falbh taobh eiginn; ach an uair a chaidh iad beagan air an aghart, bha ’choille cho tiugh ’s cho àrd ’s nach bu leur dhaibh a’ ghrian.
Ann an dòchas gu ’n ruigeadh iad iomall na coille an ùine gun bhith fada, lean iad rompa; ach mar a b’ fhaide a bha iad a’ dol air an aghart, is ann bu tiuighe ’s a b’ àirde a bha ’choille ’fàs.
Cha robh a’ bheag de chomhradh eatorra. Bha làn-fhios aca le chéile gu ’n deachaidh iad iomrall, agus bhuail an t-eagal iad.
Ged a bha iad uair is uair a’ smaointean gu ’n robh an aghaidh air an taobh as an d’ fhalbh iad ’s a’ mhadainn, is ann a bha ’n cùl ris fad na h-ùine.
Bha iad a’ sìor ghabhail air an aghart agus iad an dùil an dràsta ’s a rithist gu ’n tachradh loch no amhain riutha, no gu ’m faiceadh iad sealladh air a’ chuan. Ach mu dheireadh thuit an oidhche, agus cha robh aca ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a dheanamh dhe ’n bheairt bu mhiosa
Ged a bhuail an t-eagal iad an uair a thuig iad gu ’n deachaidh iad iomrall, cha b’ eagal riamh e gus an d’ thainig an oidhche orra. Bha iad a’ smaointean gu ’m faodadh daoine fiadhaich agus fiadh-bheathaichean a bhith anns a’ choille, agus gu ’m faigheadh iad greim orra mu ’n tigeadh an latha.
[Vol . 8. No. 40. p. 3]
Ged a bha Domhull gu math na b’ òige na Callum, is e gu mòr a b’ fhearr ceann gu innleachd a dhealbh leis am faigheadh iad sàbhailte as na cunnartan ’s an robh iad. Thuirt e ri Callum:— “Innsidh mise dhut ciod a ni sinn. Fadaidh sinn teine math an so, oir tha pailteas de chonnadh faisge òirnn, agus cumaidh solus agus fàileadh an teine na fiadh-bheathaichean air falbh. Bha mise ’leughadh ann am fear de leabhraichean aig an sgiobair, gur e so an dòigh a’s fhearr sam bith gus na h-nilebhiastau a bhios anns a’ choille a chumail air falbh fod na h-oidhche. Thig iad ann an sealladh an teine, ach cha tig iad cha faisge oirnn ’s gu ’n teid aca air cron sam bith a dheanamh oirrn. Ma thig creutair sam bith faisge oircn a bhios air son dragh a chur, oirnn faodaidh tusa an gunna chur ris.”
“Na ’m biodh dòigh againn air streap suas do na craobhan, is ann bu shàbhailte a bhitheamaid; ach tha mi faicinn gu ’m bheil na bunhn aca cho garbh ’s cho lom ’s cho àrd ’s nach ’eil e comasach dhuinn streap suas annta. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil e cho math dhuinn teine math fhadadh, agus feuchainn ris an oidhche a chur seachad far am bheil sinn,” arsa Callum.
Ann an ùine ghoirid chruinnnich ’ad torr math de chonnadh, agus dh’ fhadaidh iad teine ri bun na craoibhe bu mhò a chunnaic iad dlùth dhaibh, agus shuidh fear aca air gach taobh dheth, air chor ’s gu ’m biodh e na b, fhasa dhoibh creutaìr sam bith a thigeadh an rathad ’fhaicinn, ge b’ e air bith taobh o ’n d’ thigeadh e.
Cha robh comhradh sam bith eatorra fad ùine mhath, oir bha inntinn gath fir diubh làn do smaointeanan bruailleineach mu thimchioll na staid chunnartaich anns an robh iad. Mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, bha iad a cur coire orra fhein a chionn gu ’n deachaidh iad cho fada ’steach do ’n choille ’s gu ’n do chaill iad an rathad. A dh’ aon fhacal, bha mile smaoitean air nach biodh e feumail dhuinn iomradh a thabhairt, ag éirigh suas anns na h-inntinnean aca an uair a bha iad ’nan suidhe aig an teine.
Bha ’n oidhche cho ciùn ’s cho balbh ’s gu ’n cluinneadh iad gu soilleir am fuaim bu lugha. Ach rè ùine mhath cha robh fuaim ré chluinntinn ach am fuam a bha ’n connadh a’ deanamh an uair a bha e ’gabhail anns an teine. Agus an uair a chnàmh an téine gu math, robh fuaim ri ’chluinntinn ach fuaim an analach fhein.
Bha iad le cheìle ’smaointean gu ’n robh an t-àm aca tuilleadh connaidh a chur air an teine, ach cha robh fear seach fear a’ gluasad as a’ bhad ’san robh e ’na shuidhe, no ag ràdh facail. Ged nach b’urrainn daibh innseadh c’ar son, bha iad le ’cheile fo gheilt agus fo uamhunn mòr aig an àm.
Ar le Domhull gu ’n cuala e fuaim air a chulaobh coltach ri fuaim a dheanadh anail beathaich. Thug e sùil thar a ghuaille, ach cha do mhothaich e do chreutair sam bith. Dh’ éirich e agus thilg e tuilleadh dhe ’n chonnadh air an teine. Agus an àite suidhe far an robh e riomhe, is ann a sheas e ri taobh Challuim, agus gun fhacal a ràdh, thug e fàsgadh air a’ ghualainn aige. Thuig Callum gu ’m faca no gu ’n cuala Domhull ni èiginn a chur faragradh air, agus sheall e gu geur air gach ni a bha mu choinneamh Thug e an aire do dhà shùil ainmhidh ’s iad a’ dealradh ann an solus an teine mar gu ’m biodh dà runnaig ann. Bha ’n gunna air an talamh ri thaobh ’s a làn, agus rug e air, agus chuir e air a làn-togail e. Ann an tiotadh ghabh an connadh, agus le solus an teine bha e ’faicinn an ainmhidh gu math soilleir. Chuir e ’n gunna ri ’shuil agus loisg e air. Agus o nach robh an t-ainmhidh ach mu dheich slatan uaithe, mharbh e gun sgrid e. Mu’u do leig Callum an guna as a laimh, chuir e urchair eile ann, a chum gu ’m biodh e deiseil gu losgadh a rithist ’n am biodh feum air.
Thuig iad glé mhath gu ’n robh àireamh mhath dhe na h-ainmhidhean mu ’n cuairt dhaibh, oir chual’ iad fuaim an cas a’ ruith air falbh an uair a loisgeadh an urchair. Agus bha iad a’ smaointean nach tilleadh iad a chur dragh’ orra an oidhche sin tuilleadh. Agus bha iad ceart gu leòr ’nam barail, oir cha d’ thainig creutair sam bith ’nan còir fad na h-oidhche.
Gun dàil sam bith thug iad an creutair a mharbh iad gu solus an teine feuch an deanadh iad am mach ciod an creutair a bh’ ann. An uair a bheachdaich iad gu math air, thuirt iad a beul a chéile gu ’n robh iad a’ smaointean gur e seòrsa dh’ fhiadh a bh’ ann.
“Is e am fortan a chuir oirnn e,” arsa Callum. “Faodaidh sinn a bhith ùine fhada air an eilean so; oir ma gheibh an sgiobair soirbheas fabharrach, seòlaidh e gun dàil sam bith, agus fàgar an so sinn.”
“Agus ged a bhiodh e ’feitheamh ruinn, is dòcha nach amais sinn air an rathad cheart thun a chladaich gu cionn iomadh latha,” arsa Dòmhull. “Agus o ’n tha sinn feumach air biadh, is ann is fhearr dhuinn ’fheannadh gun dàil, agus pìos dheth ’bhruich. Cha ’n ’eil agamsa ach dà bhrioscaid, agus cha ’n fhad’ a chumas iad beò sinn mur faigh sinn biadh eile.”
Gun tuilleadh dàlach, thòisich iad ri feannadh. an fhéidh, Ged nach robh a h-aon aca eòlach air a leithid a dh’ obair, cha robh iad fada ’toirt a’ bhéin dheth. Ghearr iad dà dheadh chulaig as a’ cheathramh dheiridh aige, agus ròst iad air an teine iad. An uair a bhlais iad an fheòil, thuirt iad á beul a chiéle, gu ’n robh iad a’ smaointean nach d’ ith iad greim feòla riamh cha blasda rithe.
An ùine gun a bhi fada ’n a dhèigh sin thòisich an cadal ri tighinn orra. Bha eagal orra cadal le chèile aig an aon àm gun fhios nach tigeagh creutair an rathad a dheanadh cron orra. Ach dh’ aontaich iad gu ’n caidleadh fear ma seach dhiubh, agus gu ’m biodh am fear a bhiodh ’n a dhùsgadh a’ sràidimeachd sìos is suas air eagal gu ’n tuiteadh e ’n a chadal.
O ’n a b’ e Domhull a b’ òige agus bu truime air a’ chadal, thuirt Callum ris, gu ’m b’ fhearr dha e fhein a leigeadh ’n a shìneadh agus cadal gus an dùsgadh e fhein e. Rinn Domhull so gu toileach.
Ach cha robh uaireadair aig fear seach fear dhiubh, agus mar sin, cha b’ urrainn daibh a dheanamh am mach cia mar a bha ’n oidhche ’dol seachad. Ged a bha uaireadair aig Callum, b’ ainneamh leis i bhi air a chliathaich, na ’s lugha na bhiodh e air tìr ’s gun dad aige ri dheanamh. Agus anns a’ mhaduinn roimhe sid, an uair a bha e ’deanamh deìseil gus a dhol gu tìr do ’n eilean, dh’ fhàg e an crochadh air staing i anns an àite ’s am biodh e ’na chadal. B’fhearr leis na ’dà luach gu ’n robh i aige an uair ud; oir bha e faireachadh na h-oidhche anabarrach fada.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. VI.
Bu bheag a bha dhill aìg Nouredin ris an fhreagairt a thug am boirionnach glic air. Ars’ ise, “Is mise do shearbhanta; agus tha fhios agad gu ’n cheannaich d’athair mi air son deich mìle bonn oir. Tha fhios agam nach fhiach mi uiread sid an drasta; ach tha mi creidsinn gur fhiach mi gu math faisge air an t-suim ud. Guidheam ort, ma ta, thoir do ’n mhargadh mi gun dail gus mo reic, agus leis an t-suim mhath airgid a gheibh thu air mo shon, faodaidh tu toiseachadh ri marsantachd ann am baile anns nach bi daoine eolach ort, agus air an doigh so theid agad air thu fhein a chumail suas math gu leor.”
“A bhean mo ruin,” arsa Nouredin, “am bheil e comasach gu ’n smaoinicheadh tu air a leithid sin? An robh mise cho suarach mu d’ dheidhinn ’s gu ’m bheil thu smaointean gu ’n deanainn gniomh cho oic ri sin? Ach ged a bhithinn cho truaillidh ’nam inntinn ’s gu ’m bithinn toileach sin a dheanamh, am b’ urrainn domh a dheanamh gun bristeadh air mo mhionnan, an deigh dhomh boideachadh do m’ athair nach reicinn gu brath thu? B’ fhearr leam gu mor am bas fhulang na bristeadh air mo mhionnan, agus dealachadh riusta; oir tha moran a bharrachd graidh agam ort na th’agam orm fhein. Ach tha ’n gnothach mi-reusanta a tha thusa ’g iarraibh orm a dheanamh a’ nochdadh dhomhsa nach ’eil uiread tlachd agad dhiom ’s a bha mi ’n duil.”
“Mo thighearna,” ars’ ise, “tha mi deimhin gu’m bheil a’ cheart uiread graidh agad orm ’s a tha thu ’g radh. Agus tha fhios aig Dia gur ann an aghaidh mo thoile a tha mi ag iarraidh ort a an ni sin a dheanamh a tha toirt ort a bhith smaointean gu ’m bheil mi coma dhiot, agus gu ’m beeil a’ cheart uiread graidh agam ort ’s a th’ agad orm. Ach gus toirt ort mo chomhairle ’ghabhail, feumaidh mi ’chur ’nad chuimhne nach ’eil duine ’na eiginn gu bhith geilleadh do lagh. Tha gradh cho mor agam ort ’s a th’ agad orm; agus faodaidh tu a bhith cinnteach, ge b’e air bìth maighstir aìg am bi mi gu ’m bi uiread de ghradh agam ort ’s a bh’ agam riamh. Agus ma theid agad air mo cheannach air ais, rud a tha dochas agam a thachras, bheir e taitneas mor dhomh a bhith agad a rithist. Tha fhios agam gur e an fhior eiginn agus an cruaidh fhortan a bheir oirnn dealachadh ri cheile; ach cha ’n ’eil mi ’faicinn doigh sam bith eile leis am faigh sinn as an eiginn anns am bheil sinn le cheile.”
Chunnaic Nouredin gu ’n robh a’ chomhairle a thug i air cothromach gu leor; agus o nach robh e ’faicinn doigh eile leis an rachadh aca air iad fhein a chumail gun bhas fhaotainn leis a’ bhochdain, dh’ aontaich e gu h-aindeonach gu ’n deanadh e mar a bha i ag iarraidh air. Air an aobhar sin thug e leis i do ’n mhargadh anns am bithteadh reic nam boirionnach, agus ma thug, cha b’ ann gun bhron ’s gun duilichinn nach gabh innseadh. Bhruidhinn e ri ceannatche do ’m b’ ainm Hasan. “A Hasain,” ars’ esau, “so agad searbhanta a tha toil agam a reic. Feuch am faigh thu ’mach ciod a gheibh mi air a son.”
Dh’ iarr Hasan air Nouredin agus air Bean na Maise a dhol a steach do ’n t-seomar. Agus an uair a thug i an srol bhar a h-aghaidh, thuirt Hasan, “Mo thighearna, mur ’eil mi air mo mhealladh, is i so an t-searbhanta air an d’ thug d’ athair deich mile bonn oir.
Dh’ aidich Nouredin gu ’m b’ i a bh’ ann. Thuirt Hasan ris gu ’n robh e an dochas gu ’n rachadh aige air a reìc air deadh phris; agus gheall e gu ’n deanadh e na b’ urrainn e gus a phris a b’ airde fhaotainn air a son.
An uair a chaidh Hasan agus Nouredin am mach as an t-seomar, ghlasadh Bean na Maise ann.
Chaidh Hasan gnn dail far an robh na marsantan, agus o ’n a bha iad gu math trang a’ reic shearbhantan a thugadh a iomadh cearn dhe ’n t-saoghal, b’ fheubar dha dail a dheanamh gus an robh am margadh seachad.
An uair a fhuair e cruinn iad an deigh do ’n mhargadh a bhith seachad, thuirt e riutha, agus coltas geanai
(Air a leantuinn air taobh 318.)
[Vol . 8. No. 40. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, MAY 11, 1900.
TEINE MOR HULL agus OTTAWA
Tha fios air feadh an t-saoghail gu’n do loisgeadh baile Hull agus cuibhrionn de bhaile mor Chanada, le teine uamhasach bho cheann fichead làithean. Tha e fior gu leòir gu bheil teine gu tric a’ tachairt agus a losgadh iomadh aitreibh eireachdail anns an dùthaich so agus ann an tirean eile. Ma dh’ fhaoidte nach robh riamh roimh ann an Canada teine cho oillteil agus cho millteach ris an teine loisg ann an ùine ghearr iomadh tigh agus muillean-sàbhaidh us tigh ceird us innleachd ann an Hull agus ann an Ottabha, maille ri uamhas fiodha ’bha deas air son a thabhairt air falbh gu margaidhean na Roinn-Eòrpa ’s ionadan eile de’n t-saoghal. Tha fios aig gach duine gur ann am meadhon frithean giuthais a dh’ eirich air tùs baile mor Ottabha ’s Hull. Is iomadh bliadhna chaidh seachad o’n thòisich muillnean-sàbhaidh air a’ ghiuthas lionmhor, reachdmhor a dh’ fhàs agus a tha ’fàs fathast faisg air amhainn Ottabha, ’ghearradh agus a chur air dòigh airson a thabhairt gu tirean céin. Tha àireamh fhuathasach de chraobhan giuthais air an gearradh sios anns gach geamhradh agus air an tabhairt le sgil is dichioll iongantach a dh’ ionnsuidh baile mor Ottabha. Is e muillnean-sàbhaidh gasda da-rireadh a bha r’am faicinn aig eas na Chaudaiere, —tuiteam uisge tha fa chomhair baile Ottabha. Tha’n amhainn domhainn agus leathann a tha ruith eadar Ottabha ’s Hull. An uair a dh’ amhairceadh neach bho na taighean àluinn Parlamaid air Hull, chitheadh e gu furasda gu robh moran fiodha sàbhte daonnan anns a’ bhaile so ’s gu robh ann mar an ceudna moran de thaighean suarach fiodha loisgeadh gu dian nam bristeadh teine a mach ’nam measg. Is ann an luidheir aon de na tighean tioram so thòisich an teine ’sgrios gus an làr Hull leis gach dachaidh us fiodh a bhuineadh dha, ’s a chaidh leis an neart uamhasach a bha aige thairis air an amhainn agus a loisg iomadh tigh ann an Ottabha féin. Rinn an luchd casgaidh gach oidheirp us dichioll airson an teine chiosnachadh, agus dachaidhean nan daoine bha tuineachadh anns a bhaile thearnadh bho na lasraichean dearga. Bha ghaoth àrd agus làidir ag imeachd tri fichead mile ’san uair; agus mar so, fhuair an teine spionnadh eagallach leis an do loisg e gu luath gach aitreabh, us fiodh us muillean a bha ’na shlighe. Chuir bailtean mora eile inneil-casgaidh a chum comhnadh a dheanamh ann an ciosnachadh an losgaidh a bha ’bagairt gach tigh us lùchairt us gach ni ghabhadh teine. An uair a thainig crioch air an losgadh oillteil, is e sealladh brònach tiamhaidh a bha ri fhaicinn. Chaidh ma dh’ fhaodte tri mhile tigh a losgadh gus an làr. Chaidh iomadh duine bha ann an suidheachadh cothromach fhàgail gun tigh gun mhaoin ann an uair no dha. Is muladach an sgeula gu bheil mnathan ’us pàisdean gun tigh gun chomhfhurtachd air bith, do bhrigh gu’n do loisg an teine an dachaidhean maille ris gach àirneis us eudach a bhuineadh daibh.
Dhùisg a’ chall us an deuchainn uamhasach a thainig an lorg an losgaidh, doilgheas mor ann an deich mile cridhe, ’s thòisich air ball pàrlamaidean, luchd-riaghlaidh, bailtean beaga ’s mora, air comhnadh caoimhneil a nochdadh agus a thabhairt do na teaghlaichean truagha dh’ fhàg an teine ann an staid cho bochd agus cho dubhach. Tha aobhar againn a bhi taingeil gu ’n deachaidh moran airgeid cheana chur a dh’ ionnsuidh nan daoine dh’ fhuiling cho uamhasach, bho Chanada, bho Bhreatunn, bho na Stàidean, agus bho ionadan eile air feadh an t-saoghail. Tha luchd-àiteachaidh Chanada daonnan faoilidh ann an cuideachadh a thabhairt do dhaoine air bith ann an tirean eile far am bheil gort no galar no mi-fhortan anabarrach. Tha sinn a cluinntinn gu bheil faisg air coig mile dh’ fheumas cuideachadh fhaotainn re na bliadhna so. Tha gach neach toilichte gu do thòisich iadsan d’ am buineadh na muillnean agus na tighean-ceird a chaidh losgadh, air na laraichean a ghlanadh, agus air deasachadh a dheanamh airson muillnean us tighean-ceird us innleachd ùra thogail. Is ann le tlachd sònraichte ghabhas sinn beachd air cia cho fiùghanta ’sa tha moran do dhaoine beartach Chanada. Thug Morair Strathcona coig mile fichead dolar doibh-san d’ an rinn an teine call no cron muladach. Cha robh riamh anns an duthaich so duine beartach cho faoilidh le mhaoin’sa tha’m morair air an d’rinn mi iomradh. Tha sinn ag altrum dòchais làidir, gu bheil cheana an sluagh lionmhor a chaill an dachaidhean, a’ sealbhachadh ann an tomhas beag co-dhiu, comhfhurtachd; agus gu faigh iad ionadan fasgaidh anns an urrainn iad còmhnuidh a dheanamh; gus an teid tighean ùra thogail air làraichean nan tighean anns an robh sonas us dion ns soirbheachadh aca mu’n d’ eirich an teine sgaiteach, sgriosach, a thug bròn us call do mhile cridhe ’s fardach.
CONA.
An 1899 reic George S. de Forest & Sons, a dha uiread deUnion Blend Tea ’sa b’ àbhaist.
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seachad air riabh.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
STOR ADAN.
Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh.
H . H. MAGEE.
Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY.
May 3, ’00—1 yr.
[Vol . 8. No. 40. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha spraidheadh uamhasach ann am meinn Schofield, ann an Utah, o chionn ghoirid, leis an deachaidh tri cheud méinneadair a mharbhadh.
Tha Ban-righ Victoria cho toilichte le ’turus do dh’ Eirinn air an earrach so ’s gu bheil i cur roimpe sia seachdainean dhe h-ùine chur seachad ann air an ath bliadhna.
Tha an t-Urr. Coinneach I. Mac Coinnich an deigh gairm a ghabhail gu Port Morien. Tha Mr. MacCoinnach o chionn àireamh bhliadhnaichean a’ saoithreachadh ann an Ontario.
Bha Seumas Burton, a thug ionnsuidh air beatha a’ Chonductor Mac Gilleain air an rathad gu Louisburg, air a thoirt gu cùirt air an t-seachdain s a chaidh; fhuaireadh ciontach e, agus thugadh da bhliadhna dhe ’n tigh obrach dha.
Chaochail Alasdair Calder ann an Selkirk, ’s an Iar-Thuath air an 20mh latha dhe’n Mhàrt, le droch cnatan a ghabh e. Bhuineadh e do ’n Bhaigh ’n Iar. Bha e ’na fhear-pàirt aig Alasdair Domhnullach, “Righ a’ Chlondaic” agus bha beairteas mor aige.
Ann an Collingwod, Ontario, an la roimhe, chaidh fear Weldon dhachaidh air an daoraich, agns chaidh e fhein ’sa mhac bhar a chéile ’s thòisich iad rì sabaid. Chaidh màthair a ghille ’san eadraiginn, agus fhuair i buille a bha fhear dhiubh a mharbh i. Cha n eid fhios co ’m fear a bhuail i, oir bha ’n daorach air an dithis.
Chuir aon duine mhuinntir Parrsboro, N. S., còrr us tunna de shiùcar méipil air falbh air an earrach ’sa chaidh. Tha e ’g radh gu’n d’ thainig a’ chuid bu mhotha dheth gu ruige Sidni. Dh’ fhaodte na dh’ fhoghnadh do Shidni a dheanamh ann an Ceap Breatunn, na’n rachadh daoine ris; ach cha’n eil uiread air a dheanamh dhe’n t-siùcar air an eilean so ’s a b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe.
Tha an aon rathad-iaruinn a bhuineas do Chanada—an I. C. R., a nise ’ga phàigheadh fhéin e Roimh so bha e gach bliadhna ’cur na dùthcha aireamh mhiltean dolair ann am fiachan. Tha dòchas againn nach bi e mar sin tuilleadh, ach, an àite bhi ni uallach air an dùthaich, gu’m bi e a’ cur a stigh ris an ionmhas agus ag aotromachadh nan uallaichean eile th’ aig an t-sluagh ri ghiùlan.
Toiseach na seachdain s’a chaidh chaochail triùir sheann fheadhain an Scotch Hill, an siorachd Phictou, ’san aon tigh agus mu fhaisg beagan uairean dha cheile: —Hannah us Ceit Nic aoidh, peathraichean 78 agus 75 bliadhna dh’ aois; agus Rob McQuinnigle, a bha 68 bliadhna. Bha ’n triùir air. Toirt air falbh leis an aon tinneas (pneumonia) agus bha iad air an tiodhlacadh còmhladh Di-màirt.
Tha riaghladh Phortugal an deigh cead a thoirt do Bhreatunn saighdearan a thoirt troimh an cuid fearainn dh’ ionnsuidh an Transvaal. A reir barail cuid, tha Portugal mar so a bristeadh air lagh nan rioghachdan, ach cha’n eil an Transvaal làidir gu leòr gus dioghaltas a dheanamh oirre, ged a bhristeadh i an lagh na bu mhiosa na sin.
Tha’n eaglais Chaitliceach ’sa bhaile so an deigh naodh acraichean fearainn a cheannach anns an t-Shipyard air son cladh. Bhuineadh am fearann do Iain Caimbeul, agus phàigheadh seachd mile dolair air.
Chruinnich pàrlamaid Eilean a Phrionnsa Di-màirt s’a chaidh. Tha ’n da phàirtidh cho faisg air a chéile ’n àireamh ’s nach eil fhios ciamar a gheibh an riaghladh air adhart. Tha e cho docha gu’n teid a bhristeadh mu’m bi an suidhe seachad.
Thàinig bàs gle aithghearr air Seumas Bayne, mach do’n Urr. E. S. Bayne, ministear Mabou, ann an Glace Bay air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air bhualadh le pairileis, agus cha do sheas e ris ach ùine gle ghoirid. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois.
Tha Tearlach H. Peppy, fear-deasachaidh an Telephone, am Baddeck, air a chur an greim air son litir a bha aige anns a phaiper o chionn ghoirid a cur sios air .I. A. Domhnullach, clèireach siorrachd Victoria. Cha’n eil e sàbhailte do dhuine bhi cur a bharailean anns na paipearan.
Thatar ag radh gu bheil an carbad iaruinn gu bhi beagan na’s fhearr a thaobh falbh is tighinn air an t-samhradh so na tha e ’n dràsda. Bidh da charbad a falbh ’sa tighinn gach latha, agus cha’n eil teagamh nach bi aon diubh sin, co dhiu, a’ ruigheachd ’sa fàgail a bhaile aig àm rianail. Mar a tha an dràsda, cha’n fhaigh daoine an cuid litrichean am ’feasgar a thig iad gun caithris darna leth na h-oidhche.
Bha cuid de na ròidean-iaruinn ann an Canada re na bliadhna chaidh seachad a’ cufaradh gle mhor air olla(kerosene) ’bhiodh a tigh’nn as na Stàidean agus faradh gle bheag air olla bhiodh a’ tigh’nn á Sarnia, an Ontario, mar sin a toirt cothrom do ’n chuideachd d’ am buineadh na tobraichean olla ’sa bhaile sin air an olla dhaoradh. Bha comhairle de’n ard-riaghladh cruinn o chionn treis a dh’ ùine a’ ceasnachadh fhianuisean a thaobh na cùise, agus tha iad a nise ’n deigh breth a thoirt. Tha aig na roidean-iaruinn ris an fharadh á Sarnia fhàgail mar a tha e, agus am faradh as na staidean isleachadh gu mar a bha e roime. Ni sin, gun teagamh, pris na h-olla lughdachadh.
Bha fuaim mor air feadh an àite o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais mu shaoibhreas a bha ’n tasgadh ann am bancaichean ’s an t-seann dùthaich, a’ feitheamh air oighrerachan; agus aig an àm sin cha robh ann an duine aig nach robh sùil ri dileab ach duine gun diù. Ach an diugh tha gach dileab us fortan dhiubh sin air an leigeil air nach robh iad air iomradh a chluinntinn riamh orra. Tha oighreachd nam Balls, a reir coltair, air teirgsinn, agus tha nise dileab nan Crowells, ann an Nobha Scotia, air a dhol as an t-sealladh. Chuir iad sin suim airgid cruinn, agus chuia iad duine null do Shasnidn air son an gnothuch a dheanamh cinnteach; ach tha ’m fear sin air tilleadh o chionn ghoirid gun uiread ’s na phàigheadh ’fharadh fhaotainn. Bha dùil aca so ri deich muillean fichead dolair.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
SYDNEY CASH STORE.
Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan
Do na Mnathan.
Deiseil gu’n cosg,
aig
J . C. MILLS,Sidni.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
Tha ’n elephant air fàs cho gann ann an Africa ’s gu bheil an Riaghladh Breatunnach a bruidhinn air fearann a chur air leth dhaibh anns am faod iad còmhnnidh ann an sith, agus far nach bi cead aig duine dragh sam bith a chur orra. Tha so gle iomchuidh, oir bhiodh e na chall am beothach a’s mo air an t-saoghal a leigeil bás gu buileach.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C.
[Vol . 8. No. 40. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 315.)
aoidheil air, “A mhaighstirean, cha ’n e cno a th’ anns a h-uile rud a tha cruinn; cha ’n e fig a th’ anns a h-uile rud a tha fada; cha ’n e feoil a th’ anns a h-uile rud a tha dearg; agus cha ’n ’eil na h-uighean gu leir ur. Tha e fior gu ’m faca, agus gu ’n do cheannaich sibh moran shearbhantan re bhur beatha, ach coimeas na te a tha mise dol a shealltainn dhuibh cha’n fhaca sibh riamh fhathast. Cha ’n ’eil a leithid eile ri fhaighinn. Thigibh comhladh riumsa agus chi sibh i, agus bheir sibh bhur barail ciod a’ phris is coir dhomh ìarraidh oirre.”
Dh’ fhalbh na marsantan comhladh ri Hasan do ’n t-seomar anns an robh Bean na Maise. Agus cho luath ’s a chunnaic iad i ghabh iad ioghnadh leis cho briagha ’s a bha i. Dh’ aontaich lad uile gu ’m bu choir dha ceithir mile bonn oir iarraidh oirre anns a cheud dol am mach. Chaidh iad uile mach as an t-seomar, agus cha bu luaithe rainig Hasan an t-sraid na thoisich e riglaodhaich aird a chlaiginn “Ceithir mile bonn oir air son Bean na Maise.”
Cha do chuir a h-aon dhe na marsantan tairgse steach anns a’ cheud dol am mach, agus bha iad a’ cur an comhairle ri cheile feuch ciod an tairgse ’b’ airde a bheireadh iad oirre an uair a thainig Saoudhaidh, an t-ard chomhairleach, an rathad. An uair a chunnaic e Nouredin anns a’ mhargadh, thuirt e ris fhein, “Is cinnteach gu ’m bheil Nouredin fhathast a’ reic a chodach (oir bha fhios aige gu ’n robh e reic an innsridh), agus tha e air tighinn a cheannach searbhanta leis an airgiod.
Bha Hasan aig an am a’ glaodhaich “Ceithir mile bonn oir air son Bean na Maise.”
An uair a chuala Saoudhaidh a’ phris ard a bha Hasan ag iarraidh air son na searbhanta, thuig e gu ’m feumadh gu ’n robh i anabarrach maiseach; agus bha toil aige a faicinn. Thug e spuir do ’n each, agus chaidh e far an robh Hasan ’na sheasamh a’ glaodhaich, agus na marsantan mu ’n cuairt dha. “Fosgail an dorus, agus leig fhaicinn an t-searbhanta dhomh,” ars’ esan.
Cha robh e mar chleachdadh a bhith sealltainn nan searbhantan do dhuine sam bith an deigh do an marsantan am faicinn agus a bhith ’cur a staigh air an son; ach cha bu dana le neach sam bith cur an aghaidh ordugh ad ard-chomhailich. Agus b’ fheudar do Hasan an dorus fhosgladh, agus iarraidd air Bean na Maise tighinn am mach, a chum gu ’m faicadh Saoudhaidh sealladh dhi gun tighinn bhar muin an eich.
Bha ioghnadh gu leor air Saoudhaidh an uair a chnnnaic e Bean na Maise, ogus o ’n a bha e eolach air Hasan, thuirt e ris, “A Hasian, an e ceithir mile bonn oir aig am bheil thu ’g a cur suas?”
“Mo thighearna, is e sin direach an t-suim,” arsa Hasan; “dh’ aontaich na marsantan an drasda fhein gu ’m bu choir dhomh a cur suas aig a’ phris ud. Tha mi ’feitheamh gus an tairg iad tuilleadh oirre; agus cha ’n ’eil teagamh agam nach tairg iad cuid mhath a bharrachd oirre. ,”
“Mur tairg duine sam bìth eile barrachd oirre bheir mi fhein an t-suim sin oirre,” arsa Saoudhaidh, agus e ’g amharc aìr na marsantan le aghaidh ghruamaich a thug orra nach do chuir iad tairgse sam bith a steach. Bha eagal air na h-uile roimhe, agus cha bu dana le duine sam bith facal a radh ’na aghaidh, eadhoin ged a bhiodh e fada cearr.
Bha [ ? ] a’ feitheamh feuch an cuireadh duine sam bith tairgse a steach a b’ airde nan tairgse a chuir e, nach d’ fhosgail fear s[ ? ] dhe na marsantan a bheul, thuirt e, “C’ar son a tha thu feitheamh? Bi [ ? ] seall air son ceithir mile bonn oir air neo feoraich dheth am bheil e air iarraidh tuilleadh air a son.” Cha robh fios sam bith aige gu ’m b’ ann le Nouredin a bha am boirionnach.
Dhuin Hasan an dorus, agus chaibh e far an robh Nouredin, agus thuirt e ris, “Tha mi doilich gu ’m bheil droch naigheachd agam dhut. Tha do shearbhanta gu bhith air a reic air son suim ro bheag.”
“Cia mar sin?” arsa Nouredin.
“Faodaidh mi innseadh gu ’n deachaidh an gnothach gle mhath air aghart an toiseach; oir cho luath ’s a chunnaic na marsantan i, dh’ ordaich iad dhomh a cur suas aig ceithir mile bonn oir. Mar sin, chuir mise suas i aig an t-suim a dh’ ainmich iad. Aig a’ cheart am thainig Saoudhaidh an t-ard-chomhairleach, agus an uair a chunnaic na marsantan gu’n robh e toileach a ceannach, cha d’ fhosgail iad am beoil. ged a bha toil gu leor aca a ceannach air deadh phris, ma dh’ fhoiteadh air a’ phris a thug d’ athair oirre. Cha toir Saoudhaidh oirre ach ceithir mile bonn oir; agus cha ’n ’eil mise deonach a reic air pris cho suarach sid. Is ann leat fhein a tha i; ach cha tugainn de chomhairle ort a reic air an t-suim ud, o ’n a tha fhios agad fhein agus aig a h-uile duine gur fhiach i moran a bharrachd, A bharrachd air so, tha e suarach gu leor gus doigh fhaotainn air do chuid airgid a chumail uat.”
“A Hasain,” tha mi fada ’nad chomain air son na comhairle e thug thu orm. Na bi smaointean gu ’n reic mise gu brath mo shearbhanta ri fear a tha ’na dhearg namhaid dhomh. Gun teagamh sam bith tha mi gle mhor ’nam eiginn aig an am so; ach b’ fhearr leam gu mor am bas fhaighinn le cion a’ bhidh ’na ’toirt dhasan. Is e an aon rud a tha mi ag iarraidh ort o ’n tha thu eolach air doighean agus caran luchd reic is ceannaich, gu ’n innis thu dhomh mar a chumas mi gun reic i.”
“Mo thighearna, tha sin furasda gu leor dhomh. Feumaidh tusa a chur an ire gu ’n robh thu ann an corruich mhoir ri do shearbhanta, agus gu ,n d’thug thu do mhiannan gu’n cuireadh tu do ’n mharagadh i gus a reic, agus air son do mhiannan gu ’n d’thug thu ann an so i, ged nach robh duil sam bith agad a reic. Bidh a h-uile duine riaraichte leis a’ so, agus cha ’n urrainn Saoudhaidh facal a radh ’na aghaidh. Thig comhladh riumsa, ma ta; agus direach an uair a bhios mise ’ga toirt do Shaoudhaidh, mar gu ’m b’ann le d’ aonta fhein, tarruinng ad ionnsuidh i, thoir dhi a dhà no tri de bhuillean, agus cuir dhachaidh i.”
“Tha mi ’toirt taing dhut air son do dheadh chomhairle,” arsa Nouredin, “agus chi thu gu ’n dean mi feum dhith.”
(Ri leantuinn.)
AN TREALLAIDH,
No an “Influenza.”
Is lionmhor na h-uile air am bheil an fheoil ’na h-oighre, agus is ann dhiubh sin gun amhrus a tha’n “influenza.” Is e ainm Eadailteach a tha air an droch ghalair so. Tha co-dhàimh aige ris an fhacal Bheurla, “influence; ”agus bha e air a thoirt, faodaibh sinn a bhith cinnteach, o mhothachadh air gabhaltachd na plàighe. Tha sinn fein gu minic ’ga h-ainmeachadh air “Rusia,” a chionn gur ann o’n rioghachd sin a sgaoil i air feadh na Roinn-Eorpa beagan bhliadhnachan roimh ’n àm so fein. Ach is e cùis a’s miosa nach e aon duthaich no dhà a tha’n “influenza” a’ tathaich.
Tha fhios againn gur e “an treallaidh” an t-ainm a bha aig na seana Ghàidheil air an tinneas so. Cha biodh e neo-fhreagarrach a ràdh gur e meur dhe’n teasaich a th’ ann, Tha lighichean ag innseadh dhuinn gu’m bheil an galair so fiabhrusach ’na nàdar.
Cha’n fhaodar a radh gur e an t-olc aineolach a th’ anns an “influenza.” Tha suas ri ceithir cheud bliadhna o’n a bhuail i ris na crìochan so againn fein, cho fad ’s is urrain sinn a dheanamh am mach. Tha ’n dara iomradh air an “influenza,” air fhaotainn anns a’ bhliadhna 1557, an uair a thòisich i ’s an Asia, a’ ruith thairis air an Roinn-Eorpa, agus a ruigheachd America, far an do sguir a réis aig an àm.
Bho na linntibh sin tha ’n “influenza” a’ briseadh am mach an dràsta ’s a’ rithist. Faodaidh e bhith nach taobh i àite ré fichead no dà fhichead bliadhna; ach ’na dhéigh sin tha i ag ath-thilleadh cho nimheil ’s a bha i riamh.
Cha’n ’eil fear-turuis fo ’n ghréin a shiùbhlas na’s luaithe na an “influenza.” Fada mu’n robh iomradh air bàta na smùide, no air each-iaruinn,
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
[Vol . 8. No. 40. p. 7]
no air fios-dealainn(telegraph) ,bha’n “influenza” a’ ruith air ais ’s air aghart feadh an t-saoghail mu ’n iath a’ ghrian cho luath ris an oiteig. Cha chuir cuan mòr le’ fharsuinneachd, no beanntan le ’n àirde, tilleadh air an fhear-thuruis lùghmhor so. Tionndaidh e suas gun rabhadh gun aobhar far an lugha ’m bheil sùil ris—anns na luingis air àird a’ chuain, ceudan de mhiltean o gach fearann, agus seachdainean an déigh an calla mu dheireadh a thaobh iad fhàgail.
A thuilleadh air sin, is e béisd sheòlta th’ anns an “influenza.” Ma tha mìr no bad failinneach mu aoraidh neach, cha bhi an “influenza” fada ’ga fhaotainn am mach.
Tha i a nis a’ toirt an car a mòran; oir an uair a tha ’cheud bhraise seachad, agus a tha neach a’ faotainn seòrsa faothachaidh, tha e ’smaointean gu ’m bheil e cho slàn ris a’ bhreac, agus gu ’m faod e dhol a dh’iasgach, no dh’ fheamanadh, no thun a’ mhargaidh Ach mo thruaighe! is iomadh a h-aon a dh’fhàg leabadh, gu “ball,” no banais a fhrithealadh, agus a ghabh aithreachas. Fhuair an “influenza” fàth air ath-ionnsuidh, agus ionnsuidh na bo mhiosa na ’cheud té a thoirt air, agus cha d’ rinn i dearmad.
Is mòr dragh is cainnt nam mnathan a’ cumail fhir-an-taighe agus na cloinne anns an leabaidh an uair a bhuaileas an “influenza” iad; ach ciod e dha sin? An uair a bhuaileas an trioblaid iad fein, cho luath ’s is urrain dhaibh an ceann a thogail, cha chum an saoghal as an tobar iad. Tha ’n “influenza” ’gam mealladh mar a mheall a’ nathair prìomh-mhathair a’ chinne-daon.
Tha olc eile mu ’n “influenza,” agus is e sin gu’m bheil i cur sgaradh eadar cairdean is coimhearsnaich. Tha i cosmhuil ri tri nithean eile nach ’eil ri ’n iarraidh.— “An t-eagal; an t-iadach, ’s an gaol.” Tha i cho gabhaltach ’s nuair a ruigeas i baile no sgireachd ’s gur gann a dh’ fhagas i duine o fhear liath gu leanabh. Tha daoine fallain buailteach dhi mar a tha muinntir chaoin. Cha ’n fhad o ’n a chuala mi gu’n robh Callum beag, an greusaiche, ’na laidhe innte—duine nach do ghearain cnead riamh; a bha cho sgaiteach ris a’ bhioraich ged a dh’ eireadh e thun a bhidh air a gharbh mheadhain oidhche; a bha mar ròn, na dobhran, cho gleusda air muir ’s air tir; agus le ’m bu rogha ceol-gaire doctairean agus an innleachdan leighis. Bha na coimhearsnaich ag radh gur gann nach bu mhiosa leis cur a dh’ iarraidh an doctair na cur suas leis an anshocair.
Cha chuir Achd Righ no Pàrlamaid obair dùthchadh na tamh na ’s cinntiche na chuireas an “influenza.” Far am bheil i, chi sinn an fheamainn fein a’ dol a dholaidh air a chladach; agus cha toir na bodaich a’s sanntaiche sùil na còir.
Tha’n galair so a’ gabhail mu thimchioll còig laithean air son a chursa ruith. Bu chòir do na h-uile a tha ’fulang uaithe a bhith ro fhaicleach ré na h-ùine sin, agus ’na dhéigh; oir lagaichidh e neach ro mhòr.
Cha bhiodh e duilich a dheanamh am mach gu’m bheil an galair so cosmhuil ris a’ pheacadh—gabhaltach, cunnartach, mealltach. Ach is math an sgeul gu’m bheil leigheas ann air an son mar aon. —D. I. M. —Life and Work.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
PUBLIC NOTICE
Shorey’s Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented.
H. Shorey & Co., Montreal.
Shorey’s
All Wool Business suits
Retailed at $8 .00
Cannot be beaten.
[Vol . 8. No. 40. p. 8]
Luinneag an Iasgair.
LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASCHU.
Bha mi air banais am Bail’ Ionar-aora,
Bha mi air banais am Bail’ Ionar-aora,
Chaidh mi gu banais le cuideachd o’n bhaile,
’S gun d’fhuair mi mo leannan am Bail’ Ionar-aora.
Toiseach an Earraich ’s mo lin air an fharadh,
’S mi’m chlaoidh leis an fhadal, gun ealain gu saothair
Thainig an rathad, fear-cuiridh o’m charaid,
Gam iarraidh gu banais do Bhail’ Ionar-aora.
Thoisich na bodaich ri clabhas ’s ri fochaid,
Ag aireamh gach crois a ta crochadh ri faoineis,
“ ’S du dhuit, a bhalaich, ’bhi dubailt’ ad earalas,
’S caileagan carach ’am Bail’ Ionaraora!”
S a’ mhaduinn mu’n d’ fhag mi, b’i earail mo mhathar,
“Bi stuama, bi cairdeil, ’n ad nadur, a laochain;
Rach sgiobalta, sgoinneil, ’ad eideadh ’s ’ad anart,
Mu ’m bi thu ’n ad mhasladh dhomh ’m Bail’ Ionaraora”
’Nuair thog sinn ri bruthach gu h-uallagach iolagach,
Oigridh air mhire, troimh fhireach is aonach,
Bu shunndach ar cairean thar mointich is ghleannan.
’S a’ phiob a’ toirt langain air “Bail’ Ionaraora.”
’Am shuailean-sa b’ aillse bha ’n dreach bean-na-bainnse
Is croilean nam maighdean ri aoibh air gach taobh dh’i;
Cha seallainn ri barrachd aig baintighearna fearainn
’An caisteal Mhic Cailein ’am Bail’ Ionaraora.
’Nuair thoisich an dannsa ri fidhill na seann-ruith
Cuir shiubhlach, gu ’m b’ fhonnar a pong-gearradh aotrom;
Dh’ fhogradh gach smalan le solas a’ chaidreimh
Is boidhchead nan ainnir ’am Bail’ Ionaraora.
’S ann sheas i m’ am choinnimh, ’s a’ chlairidh fo ’r bannaibh,
A’ mhaldag ghlan shomalta, thogarrach aoidheil,
’Rinn rib’ o suil dhearcach mo chridhe-sa ’ghlacadh,
Mar lion mu na bradain an caisil na h-Aora.
Bu trom a dh’ fhas m’ aigne ’nuair b’ eigin dol dachaidh,
Cha togainn ri aidhear o’n dhealaich mo ghaol rium;
Bu sgith mi de ’n astar, is m’ inntinn fo airsneal,
’S mo chridhe fo ghlais, ann am Bail’ Ionaraora.
Gach taobh ni mi gluasad ma ’s Deas do ma ’s Tuath e,
Gur caochlaideach luaineach mo smuaintean-sa daonnan;
Bheir ’neoinean air machair no faoileag na mara
Am chuimhne mo Chaileag tha ’m Bail Ionaraora.
Ach bheir mi mo ghealladh dhoibh, oigridh a’ bhaile,
Ged is ann an cagar nach canainn ri daoine.
Ma shnamhas an sgadan am bliadhna mar is math leinn
Bheir mise dhuibh banais am Bail’ Ionaraora!
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dce . 8, ’99. —1yr.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal.
Gun srad pronnaisg annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
Are You Deaf??
All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.
title | Issue 40 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 40. %p |
parent text | Volume 8 |