[Vol . 8. No. 41. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 18, 1900. No. 41.
NA SPUINNEADAIREAN.
(Air a leantuinn.)
A buanachd an rathaid, thug na ceatharnaich choille iad fein as thun a bhaile. Cha do nochd a h-aon do ’n luchd tòir fhathast; agus bha chùis coltach gu robh iad cheana air faighinn as an ribe. Anns a bhaoth bharail so lasaich na fogaraich an ceum air seol ’s nach aobharaicheadh am mor chabhag amharus air iad a bhi air theicheadh. Re na h-ùine so smid cha deach a labhairt eatorr ach na dh’ ainmich sinn. Rinn iad an t-astar mar so ann a samhchair, agus bha iad a nis gus a bhi aig a’ bhaile ’n uair a dh’ fhairich Mac a Phearsain a bhi ’ga ghlachdadh air dha ghaoirdean bho chùlthaobh. Rinneadh a mach an taobh a ghabh iad ’s chaidh an lorgachadh. Mac-a- Phearsain a cur a neart anabarraich an gniomh, le aon spionadh cumhachdach, dh’ fhuasgail e e-féin a lamhan a luchd casaidh—oir bha dithis ann—thilg e, le sineadh clis de ghaoirdeanan treun an dithis aca ris an talamh. Air dha e-féin fhaotainn mar so bhuapa ghrad spion e a chlaidheamh as an truaill ’s sheas e airson e fhéin a gheard. Tharruinn a chairid Aonghas e fein a chlaidheamh, oir fhuair iad iad-fein a nis ri aghaidh, air a chuid bu lugha, dusan fear; bha an dithis a leum air Mac-a- Phearsain a nis air an neartachadh leis a chuid eile de’n bhuidhinn a thighinn nan còmhail. Gun taise, gun sgàthachas ro àireamh na bha m’an coinneamh dhe ’n dearg nàmhaid, agus muthachail air an staid na’n glacte iad, shuidhich na fogarraich ghaisgeil air stri gun athadh a chur riutha. Am measg gach buaidh eile ’bha fuaighte ri Mac-a- Phearsain bha e na shar fhear-claidheamh, agus bha e faireachdainn ann fein nach robh moran de reusan eagail dha airson na gràisg gun eòlas a bha na aghaidh, cho fad ’s a gheibheadh e ’n cumail gun dlùthachadh air—bha e mar sin gu soimh a’ feitheamh ri ’n teachd air. Bha e beagan mhionaidean mu’n do thachair sin; oir bha ’n nàmhaid, làn oillt ro’ neart, ro ghaisg’ agus ro’ eòlas, a’ fuireach air ais. Ach mu dheireadh bha iad uidh air n uidh a glacadh seòrsa de mhisnich, mar a bha iad gu mall a gluasad air aghart, gus an robh iad mar astar a dha na tri ’cheumannan do Mhac-a- Phearsain ’s dha chompanach, ’n-uair a thug dithis dhiubh bu dàine na càch roid ga’n ionnsaidh, ann an dùil gu faigheadh iad cho dlùth dhaibh ’s nach biodh cothrom ac’ air an cuid airm uisneadh; ach bha ’n oidhirp bàsmhor dhaibhsan a thug i A toirt iollach gharg dhùlanach, bhuail Mac-a- phearsain sios a chiad fhear dhiubh le bhuille chinnteach a sgoilt a cheansios gu smig, am feadh ’s a bha chompanach ag aiseag an fhir eile le chlaidheamh a sparradh troi bhodhaig. An àm toirt na buille so leum an da cheatharnach ceum no dha air ais, air chor ’s gu’m biodh cothrom iad féin a chluich ac’ eadar iad ’s an namhaid, a bha a ghnàth a teannadh riutha. Ach, a gabhail maoim air faicinn ciad-thoradh na h-ionnsaidh a thug iad, dh’ fhuirich iad car tamuill far a robh iad; chuir iad an comhairle ri cheile, agus thainig iad gu co-dhunadh gu’m b’e doigh a b’ fhearr iad a thighinn cearta còmhla air an da cheatharnach gus an smàladh sios mar so nan aon bhuidhinn. ’S ann mar sin a bha; bhrùchd iad orra uile, comhla, le àrd iollach; bha cath eagallach eatorra. Re ùine mhor, bha Mac-a- Phearsain ’s a chairid’ cha’n e mhàin ga’n geard féin o gach buille, gearradh agus stobadh a bha’n nàmhaid a’ feuchainn riutha, ach leag iad iomadh aon dhiubh, fear an deigh fir; agus bha bhuaidh gle mhor air mheidh ciu taobh an rachadh i, a dh’ aindeoin ’s na bha nan aghaidh. Aig an àm cheudna ged a bha Mac-a- Phearsain a cath cho uamhasach ’s a bha e, gidheadh b’ eigin dha bhi dol an comhair a chùil an earalas nach faigheadh iad a mhuchadh ’s a chuartachadh; oir bha dòmhladas an t-sluaigh an nis gu mor air dol am meud le muinntir a bhaile, a bha nis air toirm na comhstri, a chluinntinn, a teann-ruith, airson a dh’ fhaicinn a chath agus a chuideachadh leo-san a bha glacadh nan spuinneadairean. A’ faicinn a chunairt gun tigte air o thaobh a chùil, ruith e gu taobh na sraide, agus a’ cur a dhroma ri balla taighe, thog e chlaidheamh, thug e dulan dha na bha iad ann ’s iad a teannadh air; ach cha robh a h-aon na measg a ghabhadh air fein de mhisnich na thigeadh mar aite ruigheachd do chlaidheamh a chuiridh mhisneachail a bha gun athadh ga gheard féin uatha.
Re làn chairteal na h-uarach chum e cuairt àireamh shlatan réith timchioll air agus anns an ùine sin bha e air anail fhaotainn gu math; ’s ann a bha chùis glé theagamhach gu ’n glacte idir e, oir cha robh e do-chomasach gu’m faodadh e mire-chatha ghabhail agus slighe ghearradh dha féin agus tarsuinn as. Le firinn, a muthachadh gealtachd a nàmhaid, do bhrigh nach robh gin dhiubh a ghabhadh a dhànachd tighinn faisg air, bha e da rireamh a suidheachadh so na inntinn. Ach bha cluip eile ’ga chuir an gniomh aig an àm nach do cheadaich so a bhi deante, agus a chuir an ceatharnach ann an lamhan a nàmhaid. Chaidh fear de’n chuideachd a stigh air dorus cùil an taighe aig an robh Mac-a- Phearsain na sheasamh, dhirich e thun na lotadh, agus a togail uinneig a bha os-a- chionn agus mu thri troighean uaithe, thilg e plaide mhor thairis air cho sgaoilte s’a ghabhadh i, ga mhùchadh agus ’ga chur o chomas e féin a chuideachadh. Bha an nàmhaid a’ faicinn a h-uile car a bha ’m fear a bh’ anns an uinneig a’ cur dheth ach cha do thuig an duine mi-fhortanach a bha ’ga gheard fhéin dad de na bha dol air aghart. Cho luath ’s a thilgeadh a’ phlaide, bhruchd an còmhlan air ’s fhuair iad a chur fo smachd ma ’m b’ urrainn e e fhein fhaighinn mar sgaoil. Chaidh Aonghas a dhealachadh bh’ uaithe trath anns an tuasaid, agus do bhrigh nach robh uiread de shuim aca ghlacachd cha robh iad cho furachail air agus mar so fhuair e tarrsainn as. An uair a fhuair iad an ceatharnach a ghlacadh cheangail iad gu teann, cruaidh e, agus thug iad do’n phriosan e, agus geard làidir thairis air. Air an ath latha chunnacas seann bhoirionnach air a còmhdach ann an trusgan do fhior sheann fhasan na dùthchadh—Tir nam Beann—a coiseachd air ais ’s air aghart aig aghaidh a phriosain anns an robh Mac-a- Phearsain; bha i a ghnàth a coimhead le sùil iomagaineach an taobh a bha ’m priosan. Le tighinn ni b’ fhaisge oirre chitheadh neach gu robh a sùilean dearg bho thuireadh; ach bha deòir uile mar tha air sileadh, ’s a chiad spàirn da bristeadh cridhe seachad; oir bha araon a coltas, s’a gnath’chadh, ged a bha iad a nochdadh a mòr dhoilghios, bha iad stolda suidhichte, bha, eadhon gruamach. Ach, air son sin, chite i an dràsd ’s a rithist, ’n uair a sheasadh i dh’ amharc air an àite ’s an robh an duine mi-fhortanach, bhiodh i turraman a nunn ’s a nall a sealltainn gu robh i fo throm bhròn. Cha robh i ’graitinn smid ri neach; ’s ann bha i mar nach biodh i mothachadh a h-aon de na bha dol seachad. Ach mu dheireadh chaidh i tarsuinn an t-sràid, agus bhuail i aig dorus mor a phriosain, ’s dh’ fheòirich i am faodadh i fear cumail a phriosain fhaicinn. Chaidh a thoirt ’ga h-ionnsaidh. ’N uair a thainig e— “Tha fiadh nam beann,” ars’ ise, “ann an ribe ’n t-sealgair. O latha dubh brònach a chaidh an gallan uasal treun clis, a bha cho saor, seasgair, a chur taobh stigh ceithir bhalachan toll-dubh sgreataidh—gu’m biodh na luath-chasan sìn air an cur ann an iarainn—agus an claidheamh air a dhiultadh do’n laimh threun a bha aon uair cho deas gus an lag a dhidean!” “Gu de tha thu ciallachadh, a bhoirionnaich choir?” arsa fear a phriosain, ’s gun e tuigsinn gu de bu bhrigh dha briathran. “De tha mi ciallachadh?” ars’ ise, le guth gruamach. “Nach eil mi ciallachadh gu bheil an curaidh misneachail na phriosanach aig na gealtairean, gu’n do thuit an treun ma choinneamh an anfhann—gu bheil an neo-sgàthach nach obadh air a mhealladh le sluagh fann cealgach? Nach eil mi ceallachadh sin? agus nach eil sin fior? Nach eil Seumas Mac-a- Phearsain ’na phriosanach taobh stigh nam ballachan so, agus nach tusa a tha ga chumail?” “Tha sin mar sin,” ars’ an deantach. “Tha fios’am air,” ars’ ise. “An doir thu so ’ga ionnsaidh ma ta?” thuirt i, ’s i toirt fiodhuill a luib a breacain. Choimhead fear a phriosain le mor ioghnadh, an toiseach oirre fein agus a sin air an ionnsramaid. “De!” ars’ esan, “fiodhull a thoirt gu duine tha gu bhi air a chrochadh! tha sin tur neònach.” “Se iarratas fein e,” ars ise; “iarratas duine tha dol thun a bhàis. An toir thu uige i?” “Oh, ma ’s e iarratas e, ghabh e gu ’m teagamh i,” arsa fear a phriosain, “ach ’se iarratas a’s neonaich’ a chuala mi riamh.” Bheir thu thuig’ i ma ta?” ars’ ise. “Bheir,” ars’ esan. A deanamh modh dha dh’ fhàg i e. Nuair a dh’ fhalbh i, thug fear a phriosain gu Mac-a- Phearsain an ni sin a chaidh earbsa ris; agus a bha cho neònach leis a bhi ga chur gu neach a bha crioch a shaoghail co faisg air. Nuair a chunnaic an duine bochd a bha ’san toll dhubh an fhiodhull dh’ aithnich e air a chiad shùil i; rug e gu grad oirre, ga spionadh a làmhan an fhir eile le mor
[Vol . 8. No. 41. p. 2]
aoibhneas ag radh, “Do bheatha, do bheatha, a chompanaich ghràdhaich; re laithean mo sholais ’s tu ’s minic a dh’ fhuadaich bhuam smuairean ’s trioblaid, a chinn-aobhair m’ aigheir re iomadh uair. Aonghas dileas!” Agus gun dàil thòisich e ri cluich na fioidhle a toir an aon chùil sin bu bhinne chuala cluas pongan a bha an druighteachd gu mor air am meudachadh bho shuidheachadh an fhir a bha cluich pairt de fhuinn thiamhaidh a dhùthchadh, agus bho’n uair sin gu uair a chur gu bàs cha mhor nach robh an ceòl àluinn a taomadh gun sgur troi uinneagan beaga an tuill dhuibh anns a robh e. Ach cha robh an uine fada gus an robh iad ri sgur gu bràth. Chaidh Mac-a- Phearsain, an ceann beagan lathaichean, a thoirt gu cùirt, agus a dhiteadh gu bhi air a chrochadh air a chroich aig Banff.
Air a latha sin air an d’ fhuiling e peanas deireannach an lagha, dh’ iarr e air fear a phriosain an fhiodhull a thoirt ionns’ an àite ’s an robh e ri bhi air a chur gu bàs. Chaidh so a dheanamh. Chaidh a cur na làmh an ’s e na sheasamh aig bonn na croiche; chluich e ’m port tiamhaidh sin dha ’n ainm “Cumha Mhic-a- Phearsain,” port a rinn e féin am feadh ’s a bha e anns a phriosan. Air criochnadhadh cluich a chiùil dhruightich chianail so rug, e air amhaich na fiodhla agus ’ga bualadh ri maidh na croiche rinn e criomagan dhith, ’s thilg e na piosan anns an uaigh a bha deiseil gus e fein a chur innte. Ann am beagan mhionaidean an deigh sin bha ’na bha làthair do Mhac-a- Phearsain, an spuinneadair, air a chàradh anns an uaigh sin.
Tha sinn a nis ann am beachd, gus an leughadair a riarachadh, nach eil ach aon phuing eile ri toirt as n-aird—agus ’se sin tilleadh car tamuill ri Eilidh Mhàrtuinn. Thuig an nighean mhi-shona so, ach ’sann ùine mhor an deigh a chur gn bàs, co b’e a leannan diomhair air na ghabh i gaol; ach cha d’ fhuair neach riamh a mach a bheag no mhor m’u dheighinn an dlùth chàirdeas a bh’ eatorra ach Aonghas oir cha d’ thuirt e smid ri neach air bith eile m’a deighinn, ni motha labhair e smid m’a dheighinn re na h-ùine ’bha e ’m priosan. Thug e seo fanear a thaobh ’s nach deante dimeas oirre-se air a thàileabh-san. Dhruigh a chùis gu trom air Eilidh Mhartuinn bhochd, ’n uair a fhnair i ’mach dearbh bhiuthas a leannain. Cha b’ urrainn i a choltas àluinn, a ghiùlan beusach, agus a chonaltradh taitneach, fhuadach as a h-inntinn. Cha robh fios aig neach air gu robh i fein ’s Mac-a- Phearsain cho mor m’a cheile; leis a sin cha robh neach ann ri’ leigeadh i a h-inntinn, ni a dh’fhàg a chùis ni bu truime oirre. Tharmaich linn-ndubh air a cridhe ’s air a h-inntinn, nach do dhealaich riamh rithe, ’s chuir i roimpe nach posadh i ’m feasda. Bha fo ’n fhòd ann an uaigh Mhic-a- Phearsain ceann aobhair a ciad ghaoil agus cha d’ fhiosrach i an corr. —Eadar-theangaichte o ’n Bheurla le V. A. Mac Gille-fhaollain.
(A’ chrioch.)
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XVI.
Cha robh Domhull fada ’n a shìneadh an uair a thuit e ’n a shuain chadail. Leis cho trom ’s cho sàmhach ’s a bha e ’n a chadal cha dùraigeadh Callum a dhùsgadh. Cha robh norradh cadail a’ tighinn air fhein co dhiubh; agus bha fhios aige, ged a chuireadh e Domhull air a chois gus e fhein a dhol ’na shìneadh ’n a àite, nach leigeadh an t-eagal ’s an iomaguin cadal dha. A bharrachd air sin, na ’n tigeadh creutair sam bith an rathad a chuireadh dragh orra, bha fhios aige nach deanadh Domhull feum mòr sam bith leis a’ ghunna. Thug so air nach do dhùisg e Domhull gus an robh an latha geal ann.
Bha deadh theine aig Callum air an uair a dhùisg Domhull. Gun dàil sam bith ròst iad tuilleadh dhe ’n fheòil. Ach cha do ghabh iad mòran dhi; oir bha iad le chéile a’ gearan a’ phathaidh. Bha eagal orra gu ’n cuireadh an fheòil ròiste, ged a bha i ùr, an tuilleadh pathaidh orra, agus o nach robh fhios aca c’uin a thachradh uisge riutha, b’fhearr leotha ’bhith air bheagan bìdh na mòran pathaidh fhulang.
Gun dàil sam bith dh’ fhalbh iad feuch an amaiseadh iad air an àite as an d’ fhalbh iad o’n chladach an latha roimhe sid. Ach gu mi-fhortanach, an àite bhith ’deanamh dìreach air an àite as an d’fhalbh iad, is ann a bha ’n aghaidh, mar bu trice, air taobh eile an eilean. Bha iad uair is uair a’ dol mu ’n cuairt mar dhaone a bhiodh air a dhol iomrall ann an ceò. Ach an deigh dhaibh mòran coiseachd a dheanamh, thàinig iad ann an sealladh a’ chladaich mu dheireadh. Cha b’ e toileachadh a rinn iad ris an t-sealladh a chunnaic iad. Cha robh fa’n comhair ach an cuan mòr, farsuinn. Cha robh long sam bith ri fhaicinn faisge air tìr, no fad’ air falbh. Thuit an cridheachan cho mòr le mi-mhisnich ’s gu ’n do shuidh iad far an robh iad.
Bha iad gu fannachadh le cion a’ bhidh; oir ged a dh’ fhaodadh iad eòin is ainmhidhean a mharbhadh, bha leithid de chabhaig orra gu faotuinn thun a’ chladaich ’s nach robh iad a’ gabhail sùim do ni sam bith eile.
Shuidh iad far an robh iad. Cha robh facal a’ tighinn à ceann fir seach fir dhiubh. Bha ’n cridheachan gu bristcadh leis a’ bhròn ’s leis an dragh-inntinn a bh’ orra. An uair a bha iad greis ’n an suidhe, thuirt Callum, “Cha dean so feum, a Domhuill; feumaidh sinn sinn-fhein a chothuchadh cho math ’s a theid againn air, cho fad ’s a bhios sinn air a chomas. Tha iasg is eòin is ainmhidhean gu leòr air an eilean, agus a bharrachd air sin tha còco agus iomadh seòrsa meas eile ri fhaotainn ann am pailteas. Agus cruaidh ’s mar a tha ar suidheachadh, dh’ fhaodadh cùisean a bhith mòran na bu mhiosa na tha iad.”
“Bidh sinn beò cho fad ’s a chì Dia iomchuidh; ach feumaidh sinn gach oidhirp a thabhairt air sinn fhein a chothachadh,” arsa Domhull.
Dh’éirich iad as an àite ’s an robh iad ’n an suidhe, agus chaidh iad air feadh na coille a bha dlùth air a’ chladach feuch an tachradh measan riutha. Cha deachaidh iad fad’ air an aghart an uair a thachair measan gu leòr riutha. Cha b’ fhiosrach fear seach fear dhiubh ciod a b’ ainm do chuid dhe na measan, no co dhiubh a bha e sàbhailte dhaibh an itheadh no nach robh; ach o ’n a bha ’n t-acras orra, dh’ ith iad na thàinig riutha dhe gach seòrsa a thachair riutha.
Chuir na dh’ith iad dhe na measan an t-acras agus am pathadh dhiubh. Cha do thuig iad riamh gus an lath’ ud gu ’n cuireadh measan am pathadh bhar dhaone; oir cha robh eòlas aca ’nan òige air measan.
An uair a chaidh iad sios thun a’ chladaich, dh’ aithnich iad nach b’ ann air an taobh ud dhe ’n eilean a chaidh iad air tìr idir. Thug so orra ’bhith smaointean gu ’m faodadh gu ’n robh an long aig acaire an àit eiginn eile, ged nach robh iad ’g a faicinn.
Gun dàil sam bith chaidh iad mu ’n cuairt a’ chladaich air an taobh a tuath dhe ’n eilean, an dòchas gu ’m faiceadh iad long air acaire; ach an uair a ràinig iad an t-àite anns an d’thàinig iad gu tìr an latha roimhe sin, cha robh an long ri ’faicinn. Dh’ aithnich iad gu ’n d’ fhalbh i.
Bha ioghnadh gu leòr orra gu ’m falbhadh an sgiobair ’s gu ’m fàgadh e air an eilean iad. Bha fhios aca gu’m bu duine caoimhneil, cneasda ’bh’ ann, agus gu ’n robh meas mòr aige orra le chéile. Agus ged a fhuair e soirbheas fàbharrach, bha iad a’ smaointean gu ’m faodadh e fuireach aig acaire na b’ fhaide na dh’ fhan e, ann an dochas gu ’n tigeadh iad.
Chunnaic iad nach robh aca ach feuchainn ri iad fhein a chumail beò cho math ’s a dh’ fhaodadh iad. Chaidh iad astar math mu ’n cuairt a’ chladaich, agus thàinig iad gu bun na h-aimhne a thachair riutha an latha chaidh iad gu tìr.
Faisge air bun na h-aimhne so bha creagan àrda, agus aig bonn te dhe na creagan so, shuidhich iad gu ’n togadh iad bothag anns am biodh iad a’ cadal air an oidhche. Thog iad air an fheasgar sin fhein pàirt dhe ’n bhalla. Ach o nach rachadh aca air a’ bhoth aig gu léir a thogail mu ’n tigeadh an oidhche orra, chaidh iad suas do ’n choille gus maidean a ghearradh a chuireadh ceann air a’ bhothaig. Cha robh e furasda dhaibh maidean a ghearradh a chionn nach robh inneal-gearraidh aca ’b’ fhearr na sgeinean-luthaidh. Ach o ’n a bha iad dichiollach, aontach, chaidh aca air fiodh gu leòr a ghearradh air son ceann na bothaig mu ’n d’ thàinig an oidhche. Mu ’n do stad iad chuir iad an ceann air na bha togte dhe ’n bhalla.
Fhuair iad connadh gu leòr, agus thog iad deagh theine air beulaobh na bothaig. Chruinnich iad ultach math am fear de dhuilleach nan craobh gu leaba ’dheanamh. Cha robh de bhiadh aca an oidhch’ ud ach beagan de mheasan a thachair riutha an uair a bha iad air feadh na coille ag iarraidh an fhiodha air son na bothaig.
Air eagal gu ’n tigeadh creutair sam bith ’nan rathad a chuireadh dragh no tuairgneadh orra fad na h-oidhche, chuir iad tòrr de mheanglain chraobh an taobh a muigh dhe ’n dorus, agus rinn iad deiseil gus gabhail mu thàmh. Mu ’n do leig iad iad-fhein ’n an sìneadh, lùb iad an glùinean, agus chuir iad suas ùrnuigh na bu dhùrachdaiche na rinn iad riamh. Dh’ fhairich iad mar nach d’ rinn iad riamh roimhe, gu ’n robh feum aca air dìon agus gleidheadh a’ Chruithfhir. Agus a bharrachd air so, thug iad fa near nach robh iad a’ deanamh an dleasdanais do Dhia agus do dhaoine cho math agus cho dùrachdach ’s bu chòir dhaibh. Cha robh iad fada ’n an sineadh an uair a thuit iad gu trom ’n an cadal, agus bha ’ghrian an àirde nan speur mu ’n do dhùisg iad.
Ged nach ’eil trioblaidean na beatha so ion-mhiannaichte annta fhein, gidheadh tha iad gu tric ’n am beannachd mhòir do dh’ iomadh neach, gu sònraichte dhaibhsan a tha ’faotainn eòlais air nithean spioradail ann an làthean an òige. An uair a tha iad so ’n an éiginn, tha iad air an toirt gu bhith cuimhneachadh nach ’eil neach eile ann a bheir fuasgladh dhaibh an uair na h-éiginn, no ’ghleidheas iad o na cunnartan lìonmhor leis am bheil iad air an cuartachadh, ach Dia a mhàin.
Bha ’n dithis sheòladairean so air an teagasg le am pàrantan mu thimchioll nithean spioradail an uair a bha iad óg. Agus ged nach robh iad a’ gabhail mòran sium de na nithean so fhad ’a a bha iad saor o chunnartan ’s o ghàbhaidhean, gidheadh an uair a fhuair iad iad-fhein air an gearradh às o chomunn ’s o chuideachadh dhaoine, thug na chual’ iad ’n an òige mu thimchioll cùram, caoimhneas, agus freasdal Dhé a thaobh dhaoine, misneach mhòr dha ’n cridheachan.
An uair a dh’ éirich iad, thug iad taing do Dhia air son na fois a fhuair iad, agus air son mar a ghléidh e iad o chunnartan ré na h-oidhche. Bheothaich iad an teine, agus dh’ fhalbh iad mu ’n cuairt a’ chladaich, agus air feadh na coille feuch am faigheadh iad
[Vol . 8. No. 41. p. 3]
biadh. Shuidhich iad eatorra fhein nach tugadh iad ceum air falbh gun an gunna, agus nach mò na sin a dhealaicheadh iad ri chéile, air eagal gu ’n rachadh fear aca air chall air an fhear eile anns a’ choille.
Cha robh iad fad air falbh an uair a chaidh sgaoth eun seachad dlùth dhaibh. Loisg Callum orra, agus gu fortanach leag e dhà dhiubh. Thug so toileachadh mòr dhaibh. Thill iad air ais gun dáil; agus o ’n a bha iad le chéile suas ri beagan còcaireachd a dheanamh, cha robh iad fad’ a’ deasachadh fir dhe na h-eòin.
“Nach e am fortan fhein a chuir na h-eoin oirnn?” arsa Domhull. “Tha gu leòr dhe ’n seòrsa mu ’n cuairt air cladach an eilean, agus o ’n a tha thu fhein cho ealanta air a gunna cha bhi éis oirnn.”
“Cha ’n fhaod sinn a bhi ’losgadh air na h-eóin ach glé ainneamh. Feumaidh sinn am fùdar ’san luadhe ’chaomhnadh cho math ’s is urrainn duinn; oir cha ’n eil fhios nach fhaod daoine fiadhaich agus fiadh-bheathaichean a bhith air an eilean. Ma chaitheas sinn ar cuid fùdair is luaidhe ’sealg air eóin, is dòcha gu ’m bi sinn glé éiseil as an aonais an ùine gun bhith fada. O ’n a tha thu fhein cho math air glacadh éisg, cha bhi dìth oirnn. Am freasdal a chuir na h-eòin oirnn an diugh, is dócha gu ’n cuir e ni eiginn eile ’nar rathad am màireach. Mur ’eil daoine fiadhaich no fiadh-bheathaichean air an eilean cha ’n eagal dhuinn ged a bhiomaid latha ’s bliadhna ann. Cùm thusa suas do mhisneach, a Dhomhuill; cha ’n eagal dhuinn ma bhios làmh a’ Chruithfhir leinn, agus bidh i leinn gun teagamh ma chuireas sinn ar n-earbsa ’n a fhreasdal.”
“Ach ma bhios sinn fad air an eilean so teirgidh ar cuid aodaich, agus bidh sinn rùisgte,” arsa Domhull.
“Na biodh cùram ort mu dhéidhìnn sin. Nach math na deiseachan a ni sinn air craicinn nam fiadh? Nach bu mhath an deise a dheanadh an craicionn a bh’ air an fhear a mharbh sinn air a mho’n de! Na biodh mór-chùram ort mu thimchioll an latha màireach. Is leòr do ’n latha ’olc fhein. Is ann an diugh a tha mi cuimhneachadh gu ’n dubhairt mo mhàthair rium uair is uair gur e an dóigh a’s fhearr do dhuine feuchainn ri ’dhleasdanas a dheanamh a h-uile latha mar a thig, agus ’earbsa ’chur ann am freasdal Dhé.
(Ri leantuinn.)
Tha a ghorta fhathast gle chruaidh anns na h-Innsean an Ear. Ann an Madras, shil uisge o chionn ghoirid, agus rinn sin leasachadh air cor an t-sluaigh, ach ann an cearnan eile de dh’ India ’s ann a’ dol na’s miosa tha ghort a’ dol gach latha. Tha biadh us uisge gle ghann, agus tha’n sluagh bochd a fulang gu mor leis an teas.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. VII.
Chaidh Hasan air ais do ’n t-seomar; agus ann am beagan fhacal, dh’ innis e do Bhean na Maise, mar a bha eadar e fhein agus Nouredin, a chum nach gabhadh i gu h-olc ged a bhuailteadh buille no dhà oirre. Thug e leis air laimh i far an robh Saoudhaidh, agus e air muín an eich aig an dorus. “Mo thighearna, sin agaibh an t-searbhanta; is e ur cuid i; thugaibh leibh i,” ars esan.
Mu ’n do tharr Hasan ach gann na facail so a radh, rug Nouredin air Bean na Maise, agus tharruinn e g’a ionnsuidh i; agus an uair a thug e buille dhi anns a’ chluais, thuirt e, “Trobhad an so, a chreutair gun mhodh, agus bi gabhail dhachaidh a rithist. Air son do dhroch nadair thug mise mo mhionnan gu ’n tugainn an so thu, ged nach robh duil sam bith agam do reic. Tha obair agam dhut fhathast; agus foghnaidh dhomh do reic an uair nach bi feum sam bith agam ort.”
Chuir an ni so a rinn Nouredin corruich mhor air Saoudhaidh. “A thruillich thruaillidh,” ars’ esan, “am b’ aill leat a thoirt orms a ’chreidsinn gu ’m bheil ni sam bith eile agad leis an dean thu airgiod ach do shearbhanta?”
An uair a thuirt e so, thug e spuir do ’n each an rathad a bha Nouredin, agus thug e ionnsuidh air Bean na Maise a thoirt leis. Bhrosnaich so nadar Nouredin cho mor ’s gu ’n do leig e as an greim a bh’ aige air Bean na Maise, agus an uair a rug e air srian an eich, chuir e a dha no tri cheumannan air ais e. “A sheann sgraoit,” ars’ esan ris an ard-chomhairleach, “chuirinn an t-anam asad air a’ mhionaid mur b’ e gu ’m bheil meas agam air an t-sluagh a tha ’lathair.”
Cha robh tlachd aig neach sam bith de Shaoudhaidh; an aite sin, is ann a bha grain aig na h-uile air. Bha iad gu leir toilichte a chionn gu ’n d’ thug Nouredin tamailt mhor dha. Agus leig iad ris do Nouredin gu ’m faodadh e, nan togradh e, a dhiol dioghaltais a dheanamh air an ard-chomhairleach, agus nach rachadh a h-aon diubh anns an eadraiginn.
Thug Saoudhaidh oidhirp air srian an eich a thoirt a laimh Nouredin; ach bha e ’na dhuine og, laidir, agus o ’n a chunnaic e gu ’n robh an sluagh air a thaobh, leag e Saoudhaidh bhar muin an eich ann am meadhain sruthain, agus ghabh e dha leis na duirn gus an robh e sgith, agus bhuail e a cheann ris na clachan gus an robh ’fhuil ’g a dhalladh.
Thug na seirbhisich a bha comhladh ri Saoudhaidh lamh air na claidhnean a bh’ orra gus Nouredin a mharbhadh, ach chaidh na marsantan anns an eadraiginn. “Ciod a tha sibh a’ dol a dheanamh?” arsa fear dhiubh. “Nach ’eil sibh a’ faicinn gur ard-chomhairleach fear dhiubh, agus gur mac ard-chomhairlich am fear eile? Leigibh eatorra fhein. Is docha gu ’m bi iad fhein reidh gu leor uair eiginn fhathast. Ach ma mharbhas sibhse Nouredin, cha ’n urrainn bhur maighstir, a dh’ aindeoin cho cumhachdach ’s gu ’m bheil e, bhur dion o ’n lagh.”
An uair a bha Nouredin sgith a’ gabhail air Saoudhaidh, dh’ fhag e ’na shineadh ann am meadhain an t-sruth e; agus dh’ fhalbh e dhachaidh le Bean na Maise, agus an sluagh ’na dheigh, agus iad a’ deanamh iolach ghairdeachais a chionn mar a rinn e.
Bha Saoudhaidh, an t-ard-chomhairleach, air a bhruthadh gu mor leis na fhuair e de throm bhuillean, agus bha e air a thamailteachadh an uair a a chunnaic e e-fhein lan puill agus fala. Le cuideachadh nan seirbhiseach, chaidh aige air eirigh. Dh’ fhalbh e mar a bha e, agus seirbhiseach fo gach achlais aige, direach do chuirt an righ, ann an sealladh an t-sluaigh, agus gun truas aig duine sam bith ris. Cho luath ’s a rainig e an luchairt, thoisich e ri gul ’s ri caoidh, agus ri iarraidh ceartais. Thug an righ ordugh a leigeadh a steach, agus cho luath ’s a chaidh e steach, dh’ fheoraich an righ dheth, co rinn an droch dhiol air, agus a dh’ fhag anns an t-suidheachadh thruagh ud e. “Le ’r cead, a righ,” arsa Saoudhaidh, “is e am fabhar a tha bhur morachd a’ toirt dhomh, agus a chionn gu ’m bheil mi ’nam ard-chomhairleach, is aobhar gu ’m bheil mi anns an t-suidheachadh so.”
“Na abair an corr m’ a dheidhinn sin,” ars’ an righ; “innis dhomhsa an naigheachd gu leir, agus co rinn an droch dhiol ort. Ma tha e ciontach, faodaidhh tu bhith cinnteach gu ’n deanar dioghaltas air.”
Thoisich Saoudhaidh ri innseadh a naigheachd, agus thuirt e, “Le ’r cead, a righ, thachair gu ’n robh feum agam air bana-chocaire, agus chaidh mi do ’n mharagadh a cheannach te. An uair a rainig mi, bha te air a cur suas aig ceithir mile bonn oir. Thug mi ordugh a toirt ’nam lathair, agus tha mi ’smaointean nach do sheall mo shuil air aon bhoirionnach riamh cho briagha rithe. Cha bu luaithe a chunnaic mi cho briagha ’s a bha i na dh’ fheoraich mi co dha bhuineadh i. Agus fhuair mi am mach gur e Nouredin, mac Chacain, an t-ard-chomhairleah nach maireann a bha ’g a reic. Tha cuimhne aig bhur morachd gu ’n d’ thug sibh o chionn a dha no tri bhliadhnachan, deich mile bonn oir do ’n ard-chomhairleach ud gus searbhanta maiseach a cheannach dhuibh. Gun teagamh sam bith thugadh seachad an t-suim ud air son a’ cheart shearbhanta a chunnaic mise; ach an aite a toirt dhuibhse, thug e dh’ a mhac fhein i, o ’n a bha e ’smaointean gu ’m b’ e a b’ fhearr an airidh oirre. Chosg Nouredin a chuid gu leir o ’n a dh’ eug ’athair; agus o ’n a chosg e a chuid ann an ruidhteireachd agns ann am mi-bhuil, cha robh dad aige ri reic ach an t-searbhanta, agus mu dheireadh bha i air a reic ’na ainm. Chuir mi fios air; agus gun ghuth a thoirt air na mearachdan a rinn ’athair, agus air an doigh chealgaich anns an do bhuin e ruibhse, thuirt mi ris gu modhail, “A Nouredin, tha mi ’faicinn gu ’n do chuir na marsantan suas do shearbhanta aig ceithir mile bonn oir, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach cuir iad, leis an strith a tha eatorra, suas a’ phris gu math na ’s airde. Bheir mise ceithir mile bonn oir oirre. Tha mi ’dol g’ a ceannach do ’n righ ar tighearna agus ar maighstir. Bheir so cothrom math dhut air thu fhein a chur a staigh air; agus is fhearr dhut fabhar an righ na na gheibh thu de dh’ airgiod a bharrachd o na marsantan.”
An aite freagairt mhodhail a thoirt dhomh, is ann a sheall an truilleach mi mhodhail orm le gruaim thaireil, agus thuirt e, “A sheann sgraoit sgreamhail, b’ fhearr leam gu mor mo shearbhanta a thoirt an nasgaidh do dh’ Iudhach na ’toirt dhutsa air son airgid.”
“A Nouredin,” arsa mise, agus mi ’labhairt gu ciuin, siobhalta ris, ged a bha a h-uile aobhar agam a bhith ann an corruich, “cha ’n ’eil thu ’toirt masladh do ’n righ le bhith ’labhairt air an doigh sin, an deigh dha urram mhor a chur ormsa agus air d’ athair.”
“An aite fas siobhalta an uair a thug mi a’ chomhairle so air, is ann a bha e na bu chrosda na bha e roimhe. Agus mar sin, ghabh e dhomh mar gu ’m biodh an caothach air, agus gun urram a thoirt dhomh air son m’ aoise agus mo shuidheachaidh, leag e bhar muin an eich mi, ghabh e dhomh gus an robh e seachd sgith, agus dh’ fhag e mi anns an t-suidheachadh thruagh anns am bheil sibh ’g am fhaicinn. Tha mi guidhe oirbh gu ’n toir sibh fa near gur ann air bhur son a dh’ fhuiling mise am masladh follaiseach so.” An uair a chuir e crioch air na briathran so, thionndaidh e a chul ris an righ, chrom e a cheann, agus thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach.
An uair a chual’ an righ mar a thachair, air dha bhith meas gu ’n d’ thugadh masladh mhor dha, agus o ’n a bha e gu nadarra lan cuilbheirt is miruin, thainig coltas na teas chorruich air a ghnuis. Thionndaidh e gu grad ri ceannard an fhreiceadain a bha ’na sheasamh laimh ris agus thuirt e, “Thoir leat fichead saighdear, agus spuin an taigh aig Nouredin; agus an uair a bheir thu ordugh a h-uile clach dhe ’n taigh a leagadh gu lar, thoir e fhein agus an t-searbhanta an so do m’ ionnsuidh-sa.”
Mu ’n gann a dh’ fhalbh ceannard
(Air a leantuinn air taobh 326.)
[Vol . 8. No. 41. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, MAIGH 18, 1900.
A Framboise.
FHIR-DEASACHAIDH: —Faodaidh e bhi gu’n robh thu ’n dùil gun deachaidh mi gu ruige Africa mu Dheas a chogadh ris na Boerich ’nuair nach cuala tu bhuam bho cheann fhada. Ach cha deachaidh mi ann; chaidh feadhainn a b’ fhearr na mi ann, agus gu leòir a chaidh ann, mo thruaighe, nach tig as. Nach muladach an ni gu e bhi air aithris gu bheil cuid de na ceann ardan Breatunnach air uairibh a’ call dhaoine nach ruigeadh a leas a bhi air an call. Tha e doirbh dhuinn a thuigsinn co-dhiu tha no nach eil, ach tha sinn cinnteach nach eil ainm no tiodal a dol a dhearbhadh nach faod neach uair is uair tuisleadh ann an cluich airm cho math is ann an dòigh air bith eile. Agus ged nach biodh ann ach gillean an fhéillidh féin tha sinn a’ creidsinn gu dean iad ni sam bith ach ni a tha do-dheannta an àm dhaibh a bhi cogadh ’n namhaid, ach feumaidh Breatuinn iomadh laoch a chall, ach thig buaidh air a cheann mu dheireadh, agus cha bhi guth air riaghladh Chrugair bhochd tuilleadh, mar a bithear ’ga leughadh ann an eachdraidh na naothamh linn deug.
Bha moran bruidhne ’s othail ’ga dheanamh fad a gheamhraidh mu thimchioll rathad-iaruinn a bhi air a thogail air taobh a deas an eilean eadar Caolas Chanso agus Louisburg, ach a nis cha cluinn sinn guth mu dheibhinn. Thug an riaghladh againn ionnsuidh air a thogail da uair bho cheann aireamh bhliadhnaichean agus a nise tha da chuideachd a mhuinntir na Staidean air ionnsuidh fa leth a thoirt air, aon diu sin air an fhoghar s’a chaidh, agus cha’n eil fhios co aca ’s fhearr no is miosa dhiubh gu leir. Shaoileamaid gur a h-iadsan a tha gabhail os laimh ar dùthaich a riaghladh gu ceart, a bu choir feuchainn ri feum a dheanamh dhuinn ach mur a h-ann airson am math fein a mhain a tha iad ri leithid a chleasachd, cha’n aithne dhomh gu de an ni eile tha ’san amharc aca. ’Nuair a thig iad sud air feadh na duthcha saoilidh neach gur h-iad cairdean a’s fhearr a th’ agad, agus bheir iad ma’s urrainn daibh, a chreidsinn ort gu bheil rathad iarainn ri bhi air a thogail air ball, ’s gu’n tig e cho faisg air gach neach ’s gu’n teid e eadar a chlann bheag ’san teine; ach an uair a gheibh iad buaidh meallaidh mar so thairis air iomadh neach, an sin basaichidh gach gealltanas, gach each-iaruinn, ’s gach ni eile, agus fa-dheòidh bàsaichidh iad fein mar an ceudna.
Ged nach robh dad sam bith de shneachda againn ’sa gheamhradh s’a chaidh, tha sinn cho fada air deireadh leis a churachd ’sa bha sinn bho chionn fhada, ’s ged nach robh rothadh faisg cho cruaidh ’sa b’ àbhaist, fhuair e cothrom air a dhol ni bu doimhne d’an talamh na bha sinn an duil ’s dh’ fhag sin an talamh fuar airson an t-sil.
Tha iasgairean nan giomach gu trang a deanamh deiseil airson a chreutair spàgaich ud a ghlacadh. Tha pris meadhonach math air am bliadhna, ach tha gach ni a dh’fheumas an t-iasgair a cheannach moran ni’s daoire na bha e bho chionn fhada. Tha na ròpan faisg air a dha phris ’sa àbhaist, ach tha daoine ag radh gur e is aobhar dha sin an cogadh tha aig na Stàidean anns na Phillipines, aiteeachan anns am bheil moran de stuth nan ropan a fàs. Ach ni gle iongantach, cha d’ thainig dad idir de’n deigh mhoir air na cladaichean so am bliadhna; ’se bliadhna ro ainneamh nach facas i gus am bliadhna, ’s ge be taobh a thug na cailleachan mora deigh ud orra cha d’ thainig iad an taobh-sa, “agus seachd suil mhara dhaibh.” Ach air a shon sin dheth, ged a chagnas ’sa phrannas iad gach lion ’s gach ròp a bhios aig na h-iasgairean an cur ’nuair a thig iad, cha dubhairt iad riamh gu bu dubh an t-sùil a bha na d’ cheann. Agus ged nach eil na cailleachan a tha againn air tir a faisg cho mor ruitha ni iad air uaidh moran a bharrachd gleadhraich.
Maigh, 1900. CEANN LIATH.
$400 do luchd-ceannaichUnion Blend Tea.Iuchair agus cairt anns gach pasg puinnd.
Tha muinntir nan Staidean gu bhi taghadh ceann suidhe air an fhoghar s’a tighinn. Air taobh naRepublicans ’se McKinley a bhios a ruith air son nn dreuchd, ach cha’n eil cinnt fhathast co chuireas naDemocratsa ruith. Tha cuid dhe’n bharail gu ’m bi Grover Cleveland air a roghnachadh leotha, ach bha esan anns an Tigh Gheal ochd bliadhna roimhe, an ùine ’s fhaide, a reir cleachdadh na duthcha, dh’ fhaodas aon duine bhi ann, agus cumaidh sin an sluagh o ghabhaail ris mar a ghabhadh iad ri duine nach do chuir a stigh an aonnta sin. Tha Uilleam J. Bryan air ainmeachadh le feadhain eile; b’ esan a ruith ann an 1896. Tha’n t-Admiral Deorsa Dewey deònach ruith, ma gheibh e ’n cothrom, ach tha e car teagmhach am faigh e sin. A reir gach coltais, cia air bith a ruitheas na aghaidh ’se Mac Fhionnlaidh a gheibh a stigh, oir ged nach eil e-fhéin no a phairtidh a toirt làn riarachadh do ’n t-sluagh no a riaghladh na dùthcha cho math ’sa dh’ fhaodadh iad, tha iad gun teagamh na’s airde ann am meas an t-sluaigh na tha iadsan uile tha nan aghaidh
Iain Mac Phaidein.
Rugadh am bàrd so ann am Baile-mhuilinn anns an Eilean Mhuileach. ’Nuair a bha e na ghill’ òg bha e greis mhath a chòmhnuidh mu Ardrishaig. Thainig e as a sin do Ghlaschu far a bheil e nis a chòmhnuidh. Anns a bhliadhna 1890 chaidh a bhàrdachd, cho math ri sgeul ait no dha a chlo-bhualadh ann an leabhar ris an abrar “An t-Eileanach.” Bha a leithid de mhiadh air an leabhar so ’s gu bheil e nis tearc ra fhaotinn. Bho ’n a chaidh am Mòd a chur air bonn tha e bliadhna ’n deigh bliadhna am measg na muinntir a tha cosnadh dhuisean an da chuid airson bàrdachd agus sgeulachdan. Tha moran de na h-òrain a sgriobh e ait, agus tha iad da rireadh aighearrach ’nuair a sheinneas e fhéin iad.
Tha e moran ni’s fearr géilleadh ann an mthibh beaga, na connsuchadh a dhùsgadh suas. Tha e ’na chleachdadh aig cuid a bhi ’seasamh gu dian air son an dlighe fein dh’ aindeoin a shuaraichead. Is minic tha ’n giulan so a’ togail aimhreitean nach furasd an casgadh. Tha beatha an duine tuilleadh ’s goirid aìr son connsnchaidh gu’n diu dhe’n t-seorsa so. Agus mar bi a’chùis mòr agus cudthromach ’se a’s glice gu’n teagamh agus a’s lugha trioblaid striochdadh ann an neoni, na bhi coisreach an comhstri sam bith a dheanamh. Tha fior ghliocas “air tùsan, agus an deigh sin siochail.”
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
’GAN CREIC SAOR.
C . V. Wetmore,
Urrasachad Teine, Beatha, Sgioarrdh, agus Leac Glaine.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
STOR ADAN.
Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh.
H . H. MAGEE.
Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY.
May 3, ’00—1 yr.
[Vol . 8. No. 41. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Thainig a cheud shoitheach smùide á Montreal air an earrach so a stigh air an t-seachdain s’a chaidh.
Bha duin òg a mhuinntir Arichat air chall ann an Sidni fad dha no tri sheachdainean o chionn ghoirid, ach an deigh beagan saoithreach a fiosrachadh mu dheibhinn, fhuaireadh e beò, slan, am measg nan Eadailteach, ’s e ’g obair a h-uile latha.
Tha dubhar iomlan gu bhi air a ghréin air an ochdamh latha fichead dhe ’n mhios so, a toiseachadh mu naodh uairean ’sa mhaduinn. Bidh an dubhar so ri fhaicinn an Ceap Breatunn, a cheud uair ann an àireamh mhor bhliadhnaifhean.
Anns an àireamh mu dheireadh dhe’n phaipeir so, rinneadh iomrall a thaobh ainm a mhinisteir a tha tighinn do Phort Morien. Rinn sinn Coinneach I. Mac Coinnich dheth, ach ’se th’ ann Coinneach I. Domhnullach, air am bheil moran de ar leughadairean ann an Ceap Breatunn eòlach.
Chaidh dithis Eadailteach bhar a cheile Di-satharna s’a chaidh, agus anns an tuasaid a bh’ aca, chaidh fear dhiubh a lot gu dona mu’n amhaich le sgian an fhir eile. Theich am fear a rinn an stobadh, ach an ceann dha no tri lathaichean chaidh a ghlacadh, agus tha e nise ’sa phriosan feitheamh ri bhi air fheuchainn aig cùirt.
Chaidh Eadailteach a mharbhadh aig an obair-iaruinn air an t-reachdain s’a chaidh, le bhi air a ghlacadh ann an aon de chuidhlichean na h-inneil a bha ’g obrachadh ancement .Bha e air a mhilleadh gu h-eagallach. Chaidh a thiodhlacadh Di-dónaich, agus lean àireamh mhor de cho-luchd-dùthcha a dh’ ionnsuidh na h-uaghach e.
Oidhche Di-satharna s’a chaidh bha duine daoraich air a ghlacadh air son a bhi ri bóilich ’s ri troimhe-chéile air an t-sraid. Chuir e ’n aghaidh nam maor a chaidh g’a thoirt doir phriosan, agus ’nuair a bha iad a’ feuchainn ri cheannsachadh, thuirt e, agus bhristeadh a chas beagan os cionn an aobrainn. Tha e nise ’na laidhe ’san tigh-eiridinn far am bi e gus an slánuich a chas. Cha ’n eil coire ’n giorraidh ri chur air neach sam bith ach air fhéin.
Chaidh aon de charbaid an rathaid-iaruinn a losgadh gu dona, aig a chala oidhche na Sàbaid s’a chaidh. Bha dithis dhaoine ’nan cadal innte ’nuair a ghabh i teine, agus cha robh ann ach gu’n d’ fhuair iad as le ’m beatha. Caaill iad an cuid aodaich oidhche ’s latha leis cho cas ’sa thainig an teine orra. Fhuaireadh an teine chur as mu’n do loisgeadh ach an taobh a stigh dhein charbad; agus an ath latha chaidh a chur air falbh gu Moncton gu bhi air a chàradh.
Chaochail fear Iain Lockerby anns an Charlottetown, E. P. I., air an darra latha deug dhe’n mhios so, ’se ceud us da bhliadhna ’s ceithir miosan a dh’ aois. Rugadh e ann an Alba agus thainig e nall ’nuair a bha e da bhliadhn’ aìr fhichead. Bha e fuireach ann an Cavendish a chuid mhor dhe bheatha, ’far an robh e na dhuine gle mheasail, cliùiteach. Bha e ’na eildear anns an eaglais Chleirich. O chionn dheich bliadhna fichead bha e fuireach anns a bhaile.
Cha’n eil moran ri aithris mu’n chogadh air an t-seachdain so, oir cha’n eil moran naigheachdan a’ tighinn. Tha e fàs soillear gach latha gu bheil na Boers a fàs lag, agus a’ call an misneich, agus ’si bharail chumanta measg dhaoine nise gu’n bi crioch air a chogadh mu mheadhon an t-samhraidh.
Chaidh baile Sandon, an Columbia Bhreatunnach, anns an robh da mhile sluaigh a losgadh air a cheathramh latha dhe’n mhios. Tha àireamh de na meinnean a’s fhearr ’s an roinn timchioll air a bhaile sin. Bha an sluagh an deigh suim airgeid a chur cruinn air son muinntir Hull latha no dha mu’n d’ thainig an sgrios orra fhéin.
Air Dior-daoin, an treas latha dhe’n mhios bha dithis bhràithrean d’ am b’ ainm Redoubt air am bàthadh aig New Haven, an siorrachd Victoria. Bha iad a mach ag iasgach, agus air an tilleadh chaidh am bàta thairis. Chunnacas bho thir iad, ach cha robh bàta ri fhaotainn gus a dhol g’un cuideachadh. Cha d’ fhuaireadh an cuirp fhathast. Cha robh fear de na gillean ach seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear eile seachd bliadhna fichead.
Air an t-seachdain s’a chaidh, thug sinn iomradh air fear-deasachaidh an Telephone, am Baddeck, a bhi air a chur an greim le cléireach na siorrachd air son a bhi ’ga chaineadh ’sa phaipeir. Sheas e cùirt, agus o nach robh e ri fhaicinn gu’n d’ rinn e cionta sam bith, chaidh a shaoradh. Anns an àireamh mu dheireadh dhe’n Telesphone a fhuair sinn tha làn-chunntaair a thoirt seachad air a chàs, o thoiseach gu deireadh, agus air faireachduinean an fhir-deasachaidh roimh agus an deigh latha mor na cùrtach; air cho dorcha dubh ’sa bha ’n saoghal ’na shuilean an uair a bha am priosan a fosgladh a bheòil m’a choinneamh, deiseil gus a shlugadh, agus cho briagha, grianach ’sa bha’n saoghal ceudna ’g amharc an deigh do ’n fhear-ceartais, o nach robh sùil aige ri tròcair sam bith, breith a thoirt a mach a rinn duine saor dheth. Tha sinn toilichte gu bheil ar caraid á cunnart. Tha deuchainnean agus trioblaidean gu leòr a coinneachadh ri luchd-deasachaidh nam paipearan anns a bheatha so, ged a dh’ fhàgte saor o eagal a phriosain iad.
POSAIDHEAN.
Ann anRoxbury , Mass. ,April 25, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Domhnull I. Mac Fhearghals, agus Mairi Dhomhnullach, le cheile mhuinntir Nobha Scotia.
Ann amBrookline , Mass. ,April 25, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Iain R. Mac Sheumais, agus Iseabal Douglass.
Ann anRoxbury , Mass. ,April 25, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Uilleam B. Smith, aCharlottetown , P. E. I. ,agus Seonaid A. Dawson, a Ceap Breatunn.
Ann amBoston , April 27,leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., W. E. Doyle, a Maine’ agus Anna Harvey, a Nobha Scotia.
Ann am Boston, Mai 1, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Iain F. Kelly agus Seonaid Chapman, le cheile a Glascho.
Ann am Boston, Mai 1, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., an t-Urr. Eanruig W. Cleireach agus Mairi E. Treadwell.
Ann am Boston, Mai 2, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Padruig.Obeon, a Kingston agus Mrs Abbey Howard, a Nobha Scotia,
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
SYDNEY CASH STORE.
Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan
Do na Mnathan.
Deiseil gu’n cosg,
aig
J . C. MILLS, - - - Sidni.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
Tha a’ bhliadhna 1900, a reir gach coltais, gu bhi iomraiteach ann an eachdraidh Cheap Breatunn a thaobh side. Tha seann daoine tha ’nar measg ag radh nach fhac’ iad riamh roimhe geamhradh cho briagha blàth no earrach cho fadalach fuar ’sa bh’ againn air a’ bhliadhna so.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C.
[Vol . 8. No. 41. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 323.)
an fhreiceadain a lathair an righ, chaidh oifigeach a bhuineadh do ’n chuirt, agus a chual’ an t-ordugh a thug an righ seachad, le cabhaig far an robh Nouredin. B’ e Sangiar a b’ ainm do ’n oifigeach so; agus bha e roimhe sid ’na sheirbhiseach aig Cean. B’ e Cacan a b’ aobhar gu ’n d’ rinn an righ oifigeach dheth.
Bha Sangiar ro thaingeil air son na rinn a sheana mhaighstir air a shon; agus o ’n a b’aithne dha Nouredin o laithean ’oige, agus o ’n a bha lan fhios aige gu ’n robh fuath mor aig Saoudhaidh do theaghlach Chacain, chuir an t ordugh a thug an righ seachad dragh mor air an inntinn aige. Thuirt e ris fhein, “Faodaidh nach ’eil an obair a rinn Nouredin cho fior olc ’s a tha Saoudhaidh a’ cur an ceill do ’n righ. O ’n a thug e air an righ tionndadh ’na aghaidh, is cinnteach gu ’n cuirear gu bas e gun chead fhaotainn air e fhein a dhion.”
Rinn Sangiar a leithid de chabhaig ’s gu ’n robh e aig taigh Nouredin beagan uine mu ’n d’ rainig ceannard an fhreiceadain agus na saighdearan. Bhuail e cho laidir aig an dorus ’s gu ’n do ghrad dh’ fhosgail Nouredin fhein e, o nach robh aon de ’n luchd-muinntir aige anns an àm. Dh’ innis e gu grad mu ’n ordugh a thug an righ seachad, agus thuirt e, “Mo mhaighstir gaoil, cha ’n ’eil e sabhaite dhut fuireach na ’s fhaide ann am Balsora. Bi falbh a dh’ aite eiginn eile cho luath ’s a rinn thu riamh ’na do bheatha.”
“C’ar son so?” arsa Nouredin. “C’ar son a dh’ fheumas mi falbh cho cabhagach sin?”
“Greas ort, agus thoir leat an t-searbhanta,” arsa Sangiar. “Tha ceannard an fhreiceadain a’ tighinn le dà fhichead saighdear gus thu fhein agus Bean na Maise a ghlacadh. Thoir leat an da fhichead bonn oir so. Cuidichidh iad thu gus aite sabhailte fhaotainn. Na ’n robh an corr ’nam laimh, bheirinn dhut e gu toileach. Gabh mo leithsgeul; oir feumaidh mi grad fhalbh, ged nach ann le m’ dheoin. Is e mi ghrad fhalbh a’s fhearr dhuinn le cheile. Ged a chitheadh ceannard an fhreiceadain mi, cha chuir e dragh sam bith orm.” Dh’ fhalbh Sangiar mu ’n gann a fhuair Nouredin uine gu taing a thoirt dha.
(Ri leantuinn.)
I Challuim Chille,
MO CHAIRDEAN: —Thachair rud an uiridh a’ ’n co cheangal ri Eaglais na h-Alba ’s a Ghaidhealtachd a tha ro aiaid ri thairt fainear ’us ri innseadh. Bho chion dà bhliadhna rinneadh iomradh anns an duilleag so air mar a chumadh cuimhne air bàs an naomh ainmeil sin Calum Cille a thachair ann an Eilean I. anns a bhliadhna 597. Tha fathast ri ’m faicinn ballachan an t-seann àrd-eaglais mhòr(Cathedral)mu dheireadh a thogadh a’ ’n I., cha’n ann ri linn Chaluim Chille ach iomadh ceud bliadhna na dhéigh. Tha na ballachan so, a tha gle àrd ’us gle fhada, cho laìdir sa bha iad riamh, agus buinidh iad, mar a bhuineas an t-Eilean uile, do Dhìuc Earraghaidheal (Mac-Cailean-Mòr). Chunnaic an Dìuc iomchuidh air a bhliadhna so chaidh làrach na seann eaglais mhòr so, agus na ballachean, agus an cladh mun cuairt orra a thoirt suas do dh. Eaglais na h-Alba, agus an ceangal rithe le bann laghail gu brath. Tha ceuman gu bhi air an gabhail leis an Eaglais gun dàil gu airgisd a chruinneachadh (theirear gu’m feum e £20 ,000), chum an t-seann aitreabh so a thogail suas, agus a chuir na làn uidheam mar thigh-aoraidh. Cha ruigear a leas a radh gu’m bheil sinn mar Eaglais a saoilsinn mòran de ’n tiodhlac eireachdail so bho’n Dìuc. Is toil-intinn nach beag e gur ann fo riaghladh creidimh agus Eaglais na rioghachd bhitheas, a so suas, an t-ionadh ainmeil sin a mach bho’n deachaidh solus an t-soisgeil gus na dùthchan na so uile. Shaoil mi gu’m biodh e araon feumail agus taitneach beagan fiosrachaidh a thoirt mu eachdraidh an Eilean ainmeil so. Agus, ar leam, gur e na tha air a chuir sios anns an “Teachdaire Gaidhealach,” leis an Dr. Macleoid, ( “Caraid nan Gaidheal” ), mu thurus a ghabh e fein agus cuideigin eile do’n Eilean, an t-aon chunntas a’s fearr a th’againn mu’n chùis. Air an aobhar sin tha rùn orm an cunntas sin a tharruing as an “Teachdaire,” agus a chur sios an so mar a leanas:—
“I CHALUIM CHILLE—Buinidh an t-Eilean ainmeil so do Sgireachd an Rois Mhuilich. Tha e trì mile air fad, agus mìle air leud. Chaidh sinn air tir aig Camus-nam-Mairtireach, an t-àit’ anns am b’àbhaist doibh cuirp nan daoin’ a dh’adhlaiceadh ’s an Eilean so a chur air tìr. Beagan os ceann a’ Phuirt so tha àit’ air a chuartachadh le seana bhalla cloiche, ris an abair iad Clachan-nan-Druidhneach, far am bu ghnàth leis na Druidhnich(Druids)a bhi air an adhlachadh, ri linn an Eilein so ’bhi aca, mu’n d’thàinig Calum Cille ’s a luchd-leanmhuinn ann; oir ann an seann eachdraidh Eirinn ’s e Eilean-nan-Druidhneach a b’ainm dha. Ghabh sinn air ar n-aghaidh a dh’ionnsuidh làrach tigh nan Cailleacha-dubha(Nuns) .Bha’n eaglais aca so ochd-troidhe-deug ’us dà-fhichead air fad, agus fichead troidh air leud. Tha leac-lighe na ban-Aba(Abbess)mu dheireadh a bha ’s an Eilein r’ a faicinn a stigh air ùrlar na h-eaglais; tha a cruth air a shnaigheadh air an lic, agus aingeal air gach taobh fo thaic a cinn. Air ceann eile na lice tha dealbh na h-Oighe Muire, le coron air a ceann agus an Naoidhean Iosa ’n a gàirdeanaibh. Mu’n cuairt air an lic tha air a chuir sios ann an Laidinn—: “Na luidhe ’an so tha Baintighearn Anna ni’ ’ic Dhòmhnuill ’ic Theàrlaich, a b’ àrd bhan-Aba an I, ’s a chaochail ’s a’ bhliadhna 1511; a h-anam tha sinn a tiomnadh do’n Tì a’s àirde.’
Air an t-slighe chum na h-eaglais àirde tha crois Mhic- ’Illeathain—clach eireachdail, air a snaigheadh gu h-innleachdach. Bha e na chleachdadh cumanta anns na linntibh sin, croisean de’n t-seòrsa so a thogail, ma dh’fhaoidte chum an ainm ’s an cuimhne ’chumail suas; agus, is dòcha, mar thaisbeanadh air meud an urraim Dha-san a cheusadh air a chrann. Tha e air a radh gu’n robh trì cheud ’us trì fichead dhiubh so aon uair ’s an Eilean, ach gu’n do mhilleadh a chuid bu mhò dhiubh le òrdugh Ard-sheanadh Erraghàidal, agus ’a chuid nach do mhilleadh mar so thugadh air falbh, agus chithear iad gus an latha ’n diugh ann an iomadh àite feadh na rìoghachd.
(Ri leantuinn.)
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Men often dress in bad taste without knowing it.
If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed.
Shorey’s
4 Button Sack
Kilmarnoc Tweed Suits,
Retail at $12 .00.
They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20 .00.
Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular.
Not made to order, but made to fit.
[Vol . 8. No. 41. p. 7]
Maili Bheag Og.
Tha seann oran eile air am bu mhath leam beagan a ràdh—an t-òran tiamhaidh sin “Maili bheag òg.” Tha ’n t-òran so fior shean. Tha e ann an clò ann an leabhar an Stiùbhairtich ’sa bhliadhna 1804, fo ’n ainm “Oran Cumhaidh le fleasgach og.” A reir beachd an Ollamh Urramaich Tormaid MacLeod— “Caraid nan Gaidheal” —chaidh an t-oran so a sgriobhadh le òganach do’m b’ ainm Lachunn Ogai a bhuineadh a dh’Eirinn, mu mheadhon na linn a chaidh seachad. Thuit e’n gaol air nighinn aluinn, a b’ airde inbh na e fhein. Ghabh Lachunn ’s an arm agus an déigh beagan bhliadhnachan thill e shireadh a leannain. Bha ise dileas dha agus ’se bh’ ann gu’n do theich i leìs. Chaidh tòir as an déigh, agus air maduinn Dhi-dòmhnaich thàinig a mharc-shluagh orra ann an gleann tireil. Bha Lachunn math air a’ chlaidheah, agus tharruing e e a dhion a leannan. Mar a bha’m mi-fhortan an dan chaidh ise eadar a leannan agus a bràthair agus fhuair i buille a bàis o laimh a leannan. ’Nuair chunnaic esan mar thachair thuit a laimh ri thaobh agus liubhair e e fein suas ag radh nach bu mhiann leis a bhi beò ni b’ fhaide, o’n a bha leannan a chridhe fuar marbh. Chaidh a chur ann am priosan agus binn bàis a thoirt na aghaidh. ’Sann ’n uair a bha e anns a’ phriosan a rinn e’n t-òran tiamhaidh so. Mu ’n tainig a là a chaidh òrdachadh air son a chrochadh chaidh e glan as a riaghailt, agus mar so cha dhachaidh a chrochadh ach chaidh a chur fo ghlais. Fhuair e shaorsa mu’n tàinig deireadh a làithean agus rinn e rathad do dh’ Earraghaidheal far am b’ àbhaist dha bhi dol mu’n cuairt o àite gu àite. Anns a choille teann air Cillachreanain Taobh Loch-odha tha Eas aig Uisge Chille ris an abrar “Eas Lachuinn Ogai—oir teann air a so b’àbhaist dha fasgath a ghabhail agus a bhi seinn an orain thiamhaidh a rinn e do Mhaili bheag òg. Tha cuid a deanamh a mach gu’m bu Ghaidheal ùghdar an òrain, agus ged a thachair an sgioradh ann an Eirinn gu’m b’ Albannach Lachann, ’s gu ’m bu Mhac Lachainn e. Biodh sinn mar a thogras e, ’s math ’s airidh an t-òran air a bhi air a chumail air chuimhne. —Fionn.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
J. D. W. CAIMBEUL,
FEAR DILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, C. B.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies’
[Vol . 8. No. 41. p. 8]
Am Fraoch
TE IAIN MAC PHAIDEIN AN GLASCHU-
O’ failt’ air do bhadain
A’s cubhraidh na’n caineal’
O’ failt ’air do bhadain
’S do mheangain air raon’
Tha coisir bhinn ghreannar
A’ gleusadh gu fonnar’
’San trusganaibh samhraidh
Air gleantann mo ghaoil.
’Stu sgeadach na’n ailleachd
Na fuar bheannaibh arda—
Gheibh feudag is tarmachan
Blas o gach gaoth;
’Stu fas leis a’ mhislean
Air comhnard nam frithean
’S gu’n comhlaich thu ’n dithean
Aig isleach nan caol
Gur soghar mar bhiadh thu,
Dh’ eoin ruadha ’s do ’n liath-cheare
Tha deidh aig an fhiadh ort
Aig riasgaibh nam maol;
Gur guamach a dh’ fhas thu,
Gun saothar uan lamhan,
’S na cluaineagan fasail
Tha nadurra saor.
Theid fleasgach do’n chomhlan
’S tu’ m broilleach a’ chota
Bad ural mu’m proiseil
An oigridh ’san t-aosd’;
Nuair cheanglas an ribhinn
A dualan ’san t-sioda
’Toirt buaidh air gach riomhadh
Tha min ghasan fraoich.
Fo chaoin dhealt nan speuran,
’San og-mhaduinn cheitein
No ’lasadh nan sleibhtean
Ri grein air gach taobh;
Bith seillein le cuirnein—
A’ deoghal do chuirnein—
’Stu neamhnaid a’s muirniche
’N duthaich nan laoch.
Tha moran ’gam buaireadh
An inbhe nan uaibhreach,
’S tric cabal gle luaineach
Air chluasagan maoth;
De sholas cha d’ fhuair iad
’N am dusgadh a’m bruadar,
Na gheibh mu do bhruachan
Bm buachaille laogh.
Am An Earraich.
Bhoidh atharrachaidhean nan aimsirean gu sònruichte ’nuair nach robh mòran aca ri dheanamh. Rinn na bàird òrain do’n t-samhradh, ’s do’n earrach. Anns a’ bhàrdachd so gheibh sinn mòran do smuaintean nan seann Ghàidheal air caochladh nan aimsir. Sheinn aon diubh mar so mu choslas an Earraich:—
’S lionmhir suaicheantas an Earraich,
Nach comas domh luaidh le fileachd;
Raidhe ’s tric chaochail earraidh,
’S ioma car o thus gu dheireadh;
Raidhe ’n tig am faoileach feannaidh,
Fuar chlach-mheallain, stoirm nam peileir,
Feadag, sguabag’ gruaim a’ Ghearrain,
Crainnti Chailleach is beurra friodhan.
A réir iomradh nam bàrd bhiodh mòran dùsgaidh is obair am measg an t-sluaigh an àm an Earraich. Agus cluinnidh sinn uapasan mu’n bhiodh bhiadh a aca. Tha rann againn an so air ’a chuspair so:—
Raidhe ’s an tig tus annlainn,
Liteach, cabhrach, ladhan lapach,
Druim-fhionn, ceann-fion, brucach, riapach,
Robach, dreamsglach, riadhach, rapach;
Cal ’s feoil is cruinnbhuntata,
’S aran corca laidir, reachdmhor;
Bog no cruaidh ’ma chanar biadh ris:
’Se nach diult an ciad ni ’s faigse
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dce . 8, ’99. —1yr.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
MA THA THU AIR SON
CARBAD FASANTA
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aigF . FALCONER & SON: —Buggies, Phætons, Expresses,agusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG ’GAR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,
Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!
Are You Deaf??
All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.
title | Issue 41 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 41. %p |
parent text | Volume 8 |