[329]

[Vol . 8. No. 42. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 25, 1900. No. 42.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Nouredin agus Bean na Maise.

CAIB. VIII.

Gun mhionaid dalach; dhinnis Nouredin do Bhean na Maise mar a bha, agus gum feumadh iad a bhithgrad fhalbh. Cho luaths a chuir i an srol air a h-aghaidh, dhfhalbh iad le cheile am mach as an taigh, agus gu fortanach fhuair iad am mach as abhaile gun duineg am faicinn. Cha robh an acarsaid fada uapa, agus an uair a rainig iad i bha long adeanamh deiseil gu seoladh. Chaidh iad air bord innte gun dail,

Beagan uine an deigh dhaibh a dholair bord, thainig an sgiobain far an robh an luchd-turuis, agus thuirt e, “A chlann, am bheil sibh uile an so? Am bheil tuilleadh gnothaich agaibh ri dheanamh anns abhaile? No, an drinn sibh dichuimhn sam bith?”

Fhreagair iad uile gun robh iad lan dheas gu falbh ge be air bith uair a thogradh e seoladh.

An uair a chaidh Nouredin gu bord, dhfheoraich e caite an robh an long gus a dhol, agus an uair a chuale gum bann gu ruige Bagdad a bha idol, bha e anabarrach toilichte.

Thogadh an t-acaire, agus sgaoileadh na siuil bhoidheach, bhaidealach ri crann; agus on a thachair gun robh an soirbheas fabharach, cha robh iad fadacall seallaidh air Balsora.

Thugamaid a nis fa near mar a bha cuisean adol air aghart ann am Balsora, am feadhs a bha Nouredin agus Bean na Maise an deigh teicheadh gu sabhailte o chorruich an righ.

Thainig ceannard an fhreiceadain lechuid shaighdearan gu taigh Nouredin, agus bhuail e aig an dorus. Ach o nach dthainig duine a dhfhosgladh an doruis, thug e ordugh do na saighdearan a bhristeadh. Rannsaich iad an taigh gu maths gu ro mhath; ach cha robh Nouredin agus Bean na Maise rim faotainn. Dhfhiosraich ceannard an fhreiceadain mun deidhinn o na coimhearsnaich, feuch am facas o chionn ghoirid iad; ach cha robh neach ann a bheireadh am fiosrachadh bu lugha dha mun deidhinn. Bha leithid de mheas aca air Nouredins nach abradh a h-aon aca aon fhacal a shaoileadh iad a dheanadh cron dha.

Am feadhs a bha na saighdearan aspuinneadh an taighe, agusg a leagadh gu talamh, chaidh an ceannard a dhinnseadh don righ mar a bha. “Seall air an son anns a h-uile aite; oir tha mi suidhichte gun glac mi iad,” arsan righ.

Chaidh ceannard an fhreiceadain a rithist gan sireadh, agus chuir an righ Saoudhaidh dhachaidh le urram. Thuirt e ris, “Bi falbh dhachaidh; na cuir an corr dragha ort fhein mu dheidhinn dioghaltas a dheanamh air Nouredin. Ni mise dioghaltas air air son a dhroch-bheirt.

Gun dail sam bith thug an righ ordugh fios a thoirt do shlugh abhaile gum faigheadh neach sam bith a ghlacadh Nouredin agus Bean na Maise mile bonn oir, agus gun deanteadh trom-dhioghaltas air neach sam bith a chumadh am falach iad. Ach a dhaindeoin gach saothair a ghabh e, agus gach dichioll a ghnathaich e, cha robh guth no iomradh ri chluinntinn mun deidhinn. Cha robh de thoileachadh [ ? ] dhaidh ach gun do ghabh an [ ? ] a phairt.

Anns acheart am, bha Nouredin agus Bean na Maise, an deigh turus fabharach fhaotainn, gu sabhailte air tir ann am Bagdad. Cho luaths a thainig sgiobair na luinge ann an sealladh abhaile, air dha bhith ro thoilichte leis cho fabharachs a chaidh a thurus leis, thuirt e ris an luchd-turuis, “Deanaibh gairdeachas a chlann, sin agaibh am baile mor agus iongantach, dom bheil moran sluaigh atighinn as gach cearn dhen t-saoghal. Tachraidh moran sluaigh ribh anns abhaile so; agns chan fhairich sibh fuachd geamhraidh, no teas samhaidh, ach mealaidh sibh carrach agus foghar do ghnath len cuid dhitheannan biodheach, agus mheasan blasda, fallainn.”

An uair a thainig an long gu aite acaire, beagan astair on bhaile, chaidh an luchd-turuis gu tir, agus chaidh gach aon a dhionnsuidh na dachaidh a bhuineadh dha.

Thug Nouredin coig buinn oir don sgiobair a phaigheadh an fharaidh air a shon fhein agus air son Bean na Maise; agus on a bha iadnan coigrich ann am Bagdad, cha robh fhios aca caite an rachadh iad a dhfhuireach. Bha iad car uine afalbh ri cios nan garaidhean a tha ri taobh na h-aimhne; agus bha iad acumail dluth air fear dhiubh a bha air a chuartachadh le balla mor, ard. Mu dheireadh thainig iad gu sraid bhriagha, ghlan, agus an uair a choisich iad suas beagan astair oirre, chunnaic iad dorus garaidh, agus fuaran anabarrach briagha faisge air.

Bhan dorus anabarrach maiseach, agus bha e duinte anns an àm; ach bha am for-dhorus(porch)fosgailte, agus bha langsaid air gach taobh dheth.

Than t-aite so gle fhreagarrach dhuinn,” arsa Nouredin ri Bean na Maise; “than oidhchetighinn oirrn; agus ged nach dith sinn greim on a thainig sinn air tir, tha mi toileacch an oidhche a chur seachad ann an so fhein agus bidh uine gu leor againn am maireach gu sealltainn air son aite-fuirich; ciod e do bharail fhein?”

Mo thighearna,” arsa Bean na Maise, “tha fhios agad gum bheil mise deas gu rud sam bith a dheanamh a thogras tu fhein; on a tha thu fhein toileach fuireach an so, fanamaid ann.”

An uair a dhol iad deoch as an fhuaran, leig iad iad-fheinnan sineadh air aon dhe na langsaidean; agus an deigh dhaibh beagan comhraidh a dheanamh, thuit iad gu tromnan cadal.

Bu leis an righ an garadh; agusna mheadhain bha taigh ard, maiseach, ris an cainte Pailliun nan Dealbhannan, a chionn gur ann a bha na dealbhannan agus gach ni maiseach, iongantach, agus luachmhor eile a bhuineadh don righ air an gleidheadh gu curamach, tearuinte. Bha ceithir fichead uinneag air aphailliun ard mhaiseach so; agus ge be feasgar a mhiannaicheadh an righ tighinn a chur seachad greis dhen uine ann, bhiodh solus boillsgeach anns gach uinneig. Chiteadh an dearrsadh a bhiodh as na h-uinneagan air feadh earrann mhor dhen bhaile, agus air feadh na duthchadh mun cuairt dha.

Bhan garadh so air curam seann duine dom bainm Abraim; duine a rinn seirbhis mhath ann an arm an righ. Bha ordugh teann aige on righ gun a h-uile seorsa dhaoine a leigeadh a steach a dhamharc nan ioghnaidhean a bhanns aphailliun, ach gu sonraichte gun leigeadh le neach sam bith suidhe no laidhe air na langsaidean a bha anns an fhor-dhorus air eagal gun rachadh an salach; agus nam faigheadh e neach sam bithna shuidhe orra, bha ordugh aige peanas cruaidh a dheanamh air.

Air an fheasgar ud thainig air Abraim a dhol a dhaiteginn a cheann gnothaich. An uair a thill e ann am beul anamoch na h-oidhche, fhuair e dithis nan suain chadail air aon de na langsaidean a bhanns an fhor-dhorus, anus aodach sgaoilte thairis air an cinn gus na cuilleagan a chumail uapa.

Is ciatach an gnothach so,” arsesan ris fhein, “tha na daoine easumhail do dhordugh an righ; ach bheir mise orra nach dean iad a leithid a rithist.”

Dhfhosgail e an dorus gu bog, balbh agus chaidh a steach. An ceann tiotaidh thill e agus slatna laimh, agus a mhuilichinn truiste thun na h-uile. Bha e dol a ghabhail dhaibh le uile neart; ach chuir e stad air a laimh, agus thoisich e ri reusanachadh ris fhein anns an doigh so: “Bha thudol a bhualadh nan daoine so gun toirt fa near ciod a bha thudol a dheanamh. Is docha gur e coigrich a thannta aig nacheil aite-fuirich, agus a tha tur aineolach air ordugh an righ. Air an aobhar sin bu choir dhut an toiseach fios fhaotainn co iad.”

An uair a thuirt e so thog e gu socrach an t-aodach a bha sgaoilte air an cinn. Ghabh e ioghnadh an uair a chunnaic e iad. Ar leis nach fhrca e riamh dithis bu mhaisiche na iad. An sin rug e air chios air Nouredin, agus dhuisg e e.

Ghrad thog Nouredin a cheann, agus an uair a chunnaic e seann duine tlachdar, le feusaig fhada ghillna sheasamh aig a chasan, dheirich e, agus an uair a leig e e-fhein air a ghluinean air a bheulaobh agus a thug e pog dha laimh, thuirt e, ‘Athair mhath, gun gleidheadh Dia thu!”

Ciod a tha dhith ort, a mhic?” arsAbraim. “Co thu, agus co as a thainig tu?”

Is coigrich sinn a tha air ur thighinn don bhaile,” arsa Nouredin, “agus bu mhiann leinn cead fhaighinn fuireach an so gus am maireach.”

Chaneil an t-aite so freagarrach dhiubh,” arsAbraim; “thigibh comhladh riumsa, agus gheibh mi aite cadail dhuibh as freagarraiche na so; agus bheir sealladh dhen gharadh mhaiseach so toileachadh dhuibh an uair a chi sibh e ri solus an latha maireach.”

An leibh fhein an garadh so?” arsa Nouredin.

Is leam,” arsAbraim, agus fiamh gaire air a ghnuìs; “is oighreachd a thann a dhfhag mathair agam; thigibh



[330]

[Vol . 8. No. 42. p. 2]

a steach, guidheam oirbh, oir tha mi cinnteach nach bi aithreachas oirbh air sonfhaicinn.”

Dheirich Nouredinna sheasamh, agus thug e moran taing do Abraim air son cho siobhaltas a bha e riutha; agusna deigh sin chaidh e fhein agus Bean na Maise steach don gharadh. Ghlas Abraim an dorus, agus threoraich e iad a dhionnsuidh aite anns am faiceadh iad le aon sealladh meud agus maise, agus suidheachadh agharaidh.

Ged a chunnaic Nouredin iomadh garadh braigha ann am Balsora, chan fhaca e garadh cho briagha ris an fhearr udAn uair a ghabh e beachd air gach ni a bha ri fhaicinn anns agharadh, thionndaidh e ri Abraim, agus dhfheoraich e dhe co dhainm a bhair. Cho luaths a chuala e gur e Abraim a bainm dha, thuirt e ris, “Abraim, feumaidh mi aideachadh gum bheil an garadh so anabarrach maiseach da rireadh. Gun deonaicheanh Dia dhut a bhith fada beog a shealbhachadh. Chan urrainn sinn a bhith taingeil gu leor dhut air son an garadh maiseach so a shealltuinn dhuinn. Ach bhiodh e iomchuidh dhuinn paigheadh a thoirt dhut air son do chaoimhneis. So agad da bhonn oir; thoir leat iad agus faigh dhuinn rud a dhitheas sinn a chum gum bi sinn subhach maile ri cheile.”

Bha Abraim gle ghaolach air an or, agus rinn e gairdeachasna inntinn an uair a chunnaic e an da bhonn. Ghabh e gu toileach iad. Dhfhag e Nouredin is Bean na Maise anns agharadh, agus dhfhalbh e a dhiarraidh gach ni a bhiodh feumail dhaibh. Thuirt e ris fhein agus e gle aoibhneach, “Is e daoine coire a thann so. Bha mi air gnothach amaideach a dheanamh nan robh mi air droch dhiol a dheanamh orra agus am fuadach air falbh. Ni an deicheamh cuid dhe so an gnothach gus biadh a cheannach dhaibh, agus bidh an corr agam fhein air son mo dhragha.

(Ri leantuinn.)


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. XVII.

Fàgaidh sinn Callum agus Domhull anns an eileang an cothachadh fhéin cho maths a dhfhaodas iad, agus bheir sinn seachad gearr chunntas air an oidhirp a thug an sgiobair agus an sgiobadh air am faotainn anns an eilean.

An uair a thill na seòladairean eile a chaidh mun cuairt cladach an eilean a dhionnsuidh abhàta far an dfhàg iads a mhaduinn i, fhuair iad an dithis air an do thuit an crann còmhladh ri Domhulls ri Callumn an suidhe aig abhàta, agus iad air leith iomall na daoraich. Dhòl na fir so, an uair a fhuair iad an cothrom an déigh do chàch falbh air feadh an eilean, achuid bu mhò dhen deoch làidir a dhòrdaich an sgiobair don fhear dheug a chaidh gu tìr. Bhan sgiobairn a dhuine a bha anabarrach stuama anns gach dòigh, ach ged bha, bu mhath leis gach ceartas is toileachadhn a chomas a thoirt do na seòladairean aig gach àm.

An lathud a chaidh iad gu tìrs an eilean, dhòrdaich e na shaoileadh e a dheanadh feum dhaibh dhen deoch làidir a thoirt dhaibh gus toileachadh a thoirt dhaibh, agus saod a chur orra an uair a ghabhabh iad an dinneir air tìr. Ach on a bha na dhòrdaicheadh dhaibh ,òl tuilleadh is beag leis na fir a thill thun achladaich, smaoinich iad gum biodh ciab is comaidh aca; sin ri ràdh, gum biodh an cuid aca an toiseach dhe na dhòrdaicheadh dhaibh gu léìr, agus gum biodh an roinn fhein aca dhe na dhfhàgadh iad, an uair a thilleadh càchs an fheasgar a dhionnsuidh achladaich. An uair a chunnaic iad cho beags a dh’, òrdaicheadh dhaibh, thuirt iad, mar a thuirt Alasdair Uaibhreach mun t-saoghal, “Cha mhor is fheairrde cuideachd e, ’s bu rudeiginn a dhaon duine e.” Ach an uair a bhlais iad aon uair air, lean iad air gus an do dh, òl iad an earrann bu mhò dheth. Is gann a burrainn daibh an casan a sheasamh. Ach rachadh aca air mionnan gu leòr a dheanamh, agus an cainnt thruaillidh, sgráthail a labhairt.

Is iongantach da rìreadh a bhuaidh a thaig amhisg air daoine. Chan eil ni truaillidh a than taobh a staigh dhuibh nach toir i gu follais. Is glic an duine sin a thacaitheamh a bheatha gu measarra aig gach àm. Cuiridh a mhisg call mòr air daoine; oir bheir i uatha am maoin, agus an cliù, agus an slàinte, agus an deadh bheus. Agus chan e mhàin sin, aca beothaichidh agus brosnaichidh i a h-uile gnè thruaillidh a than co-cheangal riutha gu nàdarra. Chuneil meadhain eile aig Sàtan as cumhachdaiche gus anam an duiue sgrios na mhisg.

Cha dfhalbh na seòladairean bhar an eilean gue an dthàinig an t-anamoch, agus an dthug iad dùil thairis nach tigeadh Callum is Domhull air an ais thun achladaich. An uair a chaidh iad air bòrd na luigge, dhinnis iad don sgiobair gun robh Domhull is Callumg an dìth, agus nach robh fhios aca ciod a dhéirich dhaibh. Chuir so dragh gu leòr air an sgiobair; ach bha esmaointean gur e dhol iomrall a rinn iad. Agus ged a bha coltas gun robh an soirbheas fàbharrach ris an robh dùil aige, air thuar tighinn gun dàil, chuir e roimhe gum feitheadh e latha eile far an robh e ann an dòchas gum faigheadh an dithis a bhair an eilean an rathad thun achladaich uair eiginn mun tigeadh am feasgar an la-iar-na-mhàireach. Ach ged a bha dragh air a chionn gun robh dithis dhe na seòladairean cho dìleass a bhaige air bòrdg a dhìth, bha pailt uiread de dhragh air an uair a chuala e gun do ghabh dithis eile dhe na chaidh don eilean amhisg. Aig an àm bha e ag ràdh ris fhein nach gabhadh e seòladair gu bràth tuilleadh ach fear a bhòidicheadh nach blaiseadh e air deur dhen dibh làidir. Cha dubhairt e gum bolc riutha; oir cha robh ecreidsinn gun deanadh càineadh feum sam bith dhaibh aig an àm. ’N a inntinn fhein bha eg ràdh gun cuireadh e air falbh iad cho luaths a gheibheabh e dithis eile a dheanadh feumn an àite.

Gu math moch an -iar-na-mhaireach chuir e bàta le seisear de sgiobadh gu tìr don eilean, agus dhiarr e orra a dhol mun cuairt cladach an eilean feuch an tachradh Domhull is Callum riutha, agus thuirt e riutha iad a dhfhuireach air an eilean gus an tigeadh beul anamoch na h-oidhche.

Rinn iad mar a dhiarradh orra, ach cha robh dad aca air son an saoithreach; oir thill iad thun na luinge anamoch feasgar, agus cha robh sgeul aca air Domhulls air Callum.

Air an fheasgar sin fhein dhatharrraich aghaoth, agus on a bhan long air acaire còrr is latha, chuir an sgiobair roimhe gum falbhadh es amhaduinn. Bha cùisean acur dragh mòr air; oir cha robh toil aige an dithis ghillean òga fhagail air an eilean. Cha robh fhios aige co dhiubh bha daoinefuireach air an eilean nonach robh. Ach ma thachair gun robh daoinefuireach air an eilean, bha fhios aige gum feumadh gur e daoine fiadhaich a bhannta; agus cha robh teagamh aige nach cuireadh iad Domhull is Callum gu bàs nam faigheadh iad greim orra.

Cha deachaidh e don leabaidh an oidhche ud idir; oir bha e fo mhòr dhragh inntinn mu na seòladairean a bhag a dhith. Uair a smaoinicheadh e gum falbhadh e cho luaths a shoilleiricheadh an latha, agus uair eile theireadh e ris fhein nach robh e ceart dha falbh agus dithis dhe chuid dhaoinefhàgail air an eilean. Mu dheireadh shuidhich e gum falbhadh e air a h-uile cor; oir bhan soirbheas cho fàbharrachs a dhiarradh e, agus bha h-uile coltas gun leanadh an soirbheas gus an ruigeadh e am baile-puirt anns an robh aige ris an luchd a chur am mach.

Mun gann a shoilleirich an latha e chuiran sgiobadh air an cois, agus dhòrdaich e dhe na bàtaichean a leigeadh leis achliathaich, agus ceathrar dhen sgiobadh a bhi deisil gu falbh gu tìr le nithean a bha e gus fhàgail anns an eilean an dòchas gun tachradh iad ri Domhulls ri Callum uair no uair eiginn an àm dhaibh a bhithsiubhal timchioll achladaich. Chuireadh na nithean a leanas anns abhata: —Cuid mhath de bhriosgaideans de dhfheòil; poit no dha; sàbh is tuadh; cuid mhath de dhfhùdars de luaidhe; biodag; cuibhle de bhall caol; pasg de shreanganan caola gu beairtean-iasgaich; caochladh sheòrsachan dhubhan; aodach-laidhe, agus na cisteachan anns an robh gach a bhuineadh do Dhomhulls do Challum. Dhòrdaich e dhaibh na nithean so a chur air tìr ann an àite sàbhailte, agus seann seòl dhe na bhair bòrd a thoirt leotha agus a sgaoileadh gu dòigheil, cùramach air an uachdar.

Sgrìobh an sgiobair litir don ionnsuidh, agus chuir e an àite sàbhailte i am measg nan nithean a chuireadh air tìr. Bhan litir mar a leanas:—

Nam bithinn asmaointean gur e mi-chùran a thug oirbh fuireach air an eilean o chionn tri latha, bhithinn glé dhiumbach dhibh, agus bhithinn coma ged a bhiodh sibh air gu bràth. Ach a thaobh gun robh sibh an còmhnuidh umhail, dleasdanach gu leòr, tha mismaointean gur e dhol iomrall anns achoille a rinn sibh. Tha min dòchas nach déirich mi-fhortan as na sin dhuibh, agus gum faic mi fhathast sibh. Chan fhaod mise fuireach nas fhaide; oir feumaidh mi an soirbheas fàbharrach a ghabhail fhads a gheibh mi e. On a tha sibh le chéileg am dhith, bidh e mòran nas duilighe dhomh an long a thoirt gu calla, ma shéideas aghaothn am aghaidh. Tha micur nas urrainn dhomh dhe gach a tha misaoilsinn a bhios feumail dhuibh gu tìr don eilean, an dòchas gun tachair iad ribh an ùine gun bhith fada. Dhinnis an fheadhain eile a chaidh gu tir maille ribh dhomh gum bheil eunliath gu leòr air an eilean, agus on a tha gunna agaibh chuir mi fùdar is luaidhe gu leòr am measg na tha micur gu tìr. Tha mi mar an ceudna acur gach a bhuineas dhuibh gu tìr, gun fhios nach tigeadh oirbh a bhith ùine mhòir air an eilean. Ach tha dòchas agam nach bi an ùine fada gus am faigh sibh as an eilean. Ged nach robh mise riamh riomhe aig acaire an so, tha fhios agam gur tric le loingeis acrachadh ann car ùine ghoirid gus uisgethoirt air bòrd, ma thachras dhaibh a bhith gann de dhuisge. Faodaidh gun cuir am freasdal dòighnur rathad leis am faigh sibh as an eilean. Ma bheir sgiobair air bith bhar an eilean sibh, agus gum bi eg iarraidh faraidh oirbh, cha neil agaibh ach an litir so a shealltainn dha, agus theid mi an urras gun toir e leis sibh. Chan urrainn dhomhsa bhith cinnteach an e so taobh e thilleas mi, no cuin a thilleas mi,ma thilleas mi idir; ach mas e so rathad a thig mi, cha teid mi seachad air an eilean gun sibhse a thoirt leam, ma bhios sibh ann an uair a thig mi. Rinn mise na burrainn mi gus ar toirt bhar an eilean. Dhfheith an fheadhainn a chaidh gu tir còmhladh ribh aig achladach gus an do thuit an oidhche, an dùil gun tigeadh sibh, agus chuir



[331]

[Vol . 8. No. 42. p. 3]

mi daoine gu tìr an gur n-iarraidh, agus ged a chaith iad an latha gu léirgur n-iarraidh, cha dfhuair iad sibh. Ma chuireas sibh bhur n-earbsa ann am freasdal aChruithfhir, chan eagal dhuibh. Mo bheannachd agaìbh

SEUMAS BRUNTON.
Sgiobair na Samaracand.

On a bha cabhag air an fheadhainn a chuireadh gu tir, cha drinn iad ach gach ni a bhacas abhàta a chur gu sàbhailte ann an àite tearainte os cionn achladaich agus an seann seòl sgaoilte air am muin.

Cho luaths a thill iad thun na luinge thogadh an t-acaire, agus chuireadh rithe a h-uile snaithne aodaich a ghiùlaineadh i. On a bhan soirbheas cho làidirs cho fabharrachs a dhiarradh iad, cha robh iad fada seòladh a sealladh an eilean.

(Ri leantuinn.)


I Challuim Chille,

(Air a leantuinn.)

Ràinig sinn Riédhlig Orain, —cladh farsuing lan de leacan lighe, fom beil rìghrean, cinn-fheadhna, agus ceatharnaich, a bha cumhachdach agus ainmeilnan latha fein, acadal taobh ri taobh ann an suain abhàis. Ann an so than t-àite ris an abair iad, Iomaire-nan-rìgh, far am bheil ochdus fhichead de rìghrean na h-Alba, ceathrar de rìghrean na h-Eirionn, ochdnar de rìghrean Lochlainn, agus a h-aon no dhà de righrean na Frainge. Air cuid de na leacan tha ainm nan daoinetha fopas aGhàelic, mar air lic Mhurchaidh-a- Ghuinn. ’S i an eaglais bheag a than Réidhlig Orain a cheud tigh a thog Calum Cilles an Eilein. Aig ceann na h-àirde deas dhi tha cruiste Lachainnic Ionmhuinn,athair an Aba; agus leac Aonghais Oigic Dhòmhnuill, tighearn Ile agus Chinn-tìre, —an triath ainmeil sin a chuir an cath le buaidh air blàr ainmeil Bhannockburn le Raibeart de Bruce. Dlùth dha so tha leac agus uaigh Ailein-nan-sop, —ceatharnach de ChloinnIlleathain, on dthainig teaghlach Thorrloisg. Tha leac Thighearna Chola an so mar an ceudna, le chlogaids lelùirich; Mac-Illeathain Dhubhairt, agus Locha-buidhe; MacGuaire Ulbha, agus Iain Beaton, an t-Olla Muileach, len suaicheantaiss len airm-catha os an ceann. A bhàrr orrasan tha àireamh mòr de laoich threuna, leis am bu mhiann an ainm a bhi air chuimhne, ach bham beatha mar shlighe na saighid on speur, a shiubhlas gu luath seachad, agus air ball a tha air a druideadh suas. An iar-thuath de dhorus na h-eaglais so tha leac mhòr anns am bheil dòirneagan cruinne ris an abair iad, ‘Clacha-bràth,’ a bàbhaist doibh, ann an laithibh an dorchadais, a thionndadh mun cuairt air mhodh àraidh, gu h-amaideach acreidsinn nach tigeadh àbhràth, no deireadh an t-saoghail, gus am biodh an leac sin air a caitheamh gu buileach troimpe.

Than eaglais àrd taobh na h-àirde tuath den chladh so; tha i coig-troidhe deug agus coig fichead air fad, agus tri-troidhe-fichead air leud. Tha tùr àrd, dreachmhor ag éiridhna meadhon, ’s tha na h-uinneagan air an snaigheadh gu h-ealanta. Air cuid de chlachan bàrra-bhallan tighe so, tha dealbhan agus cuid de dheachdraidh aBhìobuill air an gearradh gu ro innleachdach.” (Is e so an aitreabh a thug an Diuc don Eaglais Steidhichte an uiridh.) “Bha altair de mharmor geal aon uairs an eaglais so, ach bhristeadh i, agus thugadh gu buileach air falbh i, lebhi gu faoin asmaointeachadh gun robh buadh agus éifeachd àraidh fuaighte ris amhìr a bu lugha dhi. Làmh ris an altair tha uaigh an Aba Mhic-Ionmhuinn, air am bheil leac a thug bàrr air gach aon eile ma timchioll. Air ùrlar na h-eaglais tha leac Mhic-Leòid Dhunbheagain, agus iomadh aon eile air nach eil eachdraidh againn. Air cùlaobh na h-eaglais so tha larach Tigh-nam-Manach, far am bheil na Clacha-dubha a bha aon uair cho ainmeil ann an Gaidhealtachd Alba, air am bàbhaist dan uaislean an cumhnantan a nasgadh le mionnan os ceann uaigh Chaluim Chille. Dlùth do Thigh-nam-Manach tha tigh an Easbuig, far an do ghabh Easbuigean Earraghàidheal còmhnuidh, an déigh don Eilean Mhanainneach a bhi air a dhealachadh uaithe. Tha ra fhaicinnan so iarmad nan liosan a bhaig na Manaich, far an robh moran de luibhean ìocshlainteach. Tha larach a mhuilinn agus na h-àtha fhathast air an comharrachadh a mach; than t-àites an robh an linne-mhuilinn a nis gun uisgann, aguss ann aisde a bha iad, o cheann àireamh mòr bhliadhnachan, abuain na mòinebha iad alosgadh. Tha e cosmhuil gun robh callaid àrd chloiche mu thimchioll na h-aitreibh naomh so; gu h-àraidh aig an taobh mu thuath, chum an dìon on luchd-creachaidh a thigeadh on àirde sin aig nach robh ach beag suim de dhiadhachd, no de na daoine maitha bhatàmh an sin.

Is tiamhaidh muladach na smaointean a dhùisgear anns an inntinnn uair a ghluaisear tre làraichean aosmhor I Chaluim Chille. Is firinneach a labhair esan aig an robh cridhe gu so a thuigsinn, agus cainnt a bu shnasmhoire guchur an céill. “Bha sinn a nis,” deir Dr. Johnson, “ ’n ar seasamh air an Eilean ainmeil sin a bàrd lòchran, fad linntean, do Ghàidhealtachd na h-Albaas an dfhuair Cinnich fhiadhaich, agus ceathairne bhorba sochairean eolais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dhfheuchtadh ris, an inntinn a thogail o na smuaintean a dhùisg an t-àite so, agus bamaideach an oidhirp, ged a bhiodh e comasach. Ge be ni a thairngeas sinn air falbh o chumhachd ar ceud-faithean; ge be ni a bheir do na shiubhail o chian, no do na tha fathast ri tachairt, lamh-an-uachdar air na thalàthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar chreutairean tuigseach. Gu ma fada uam-sa, agus o mchàirdean, na teagasgan fuar sin a dhaomadh mi gu gluasad gu caoin-shuarach, eutrom, thar aon àita dhfhàgadh urramaichte le gliocas le fearalas, no le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghradh da dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharatoin, no a chràbhadh a blàthachadham measg làraichean briste I Chaluim ChilleAgus co esan a bha riamhs an àite so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so? Tha chuid as mo de na leacan a nis gu dearbh air am folach fon ùir; ach tha gu leòir fhathast ram faicinn gu gliocas a tharruing uatha. Chì sinn an oidhirp a thug daoinuaibhreach gus an ainm a chumail air chuimhne; ach mo thruaighe! chan i an eachdraidh a tha air a gearradh air leac-lighe a choisneas an cliu nach teid as, no a dhfhagas an t-ainm neo-bhàsmhor— ’s iad na h-ionracain a mhàin a chumaran cuimhne siorruidh. Iadsan aig am bheil an ainm sgriobhta air nèamh, —is coma càitean càirear cuirp nan daoine sin, co dhiubh is in leac-lighe rìomhach, no fòid gorm a chuirear thairis orra; faodaidh daoine an di-chuimhneachadh, ach bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh aig Dia. ’Se so a choisneas an cliù nach searg. Chan eil gach cuimhne thalmhaidh ach geàrr; bithidh iad ann an latha no dha balbh. Na litrichean a thair an gearradh air achloich as buaine, no air an deargadh le peann iaruinn air achreig as maireannaiche, ann an linn no dha cha bhi an comas nan sùl as géire a leughadh; tuitidh an leacn a smùr, agus failnichidh a chreag fein; ach cliù, agus ainm nan naomh a chaoidh cha chaochail.

N an luidhes achladh so, ’s cinnteach mi gum bheil iomadh aon a bha suarach ma cheile fhads a bha iad beo, —seadh, aco-stris a cath an aghaidh a cheile, —cinn-fheadhna threuna, len ceatharnaich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlar-catha, agus theagamh a thuit le claidheamh nan ceart daoinethanisn an luidhes an ùir ran taobh. ’S i so gu deimhin, thubhairt mi, “Tir na di-chuimhnfar nach eil othail no stri. Ma bha leapaichean na h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, ’s ann an uaigneas fasail I Chaluim Chille!

Tha lagus laidir, beag us mor,
Co-shinten so lecheil’;
Tha naimhdean samhach taobh ri taobh
Us luchd na co-stri reidh.

Bho cheann iomadh linn bhan t Eilean ainmeil so, far an robh a cho-lion duine naomh agus diadhair urramaichte, agus a cho-pàirtich solus an t-Soisgeil do dhùthchaibh agus do rioghachdaibh eile, air fhagail e fhein gun eaglais, gun fhear-teagaisg suidhich e, no aoradh follaiseach; ged a tha àireamh mor sluaigh a chòmhnuidh ann. Bu chianail an t-atharrachadh so do I, agus bu neo-chliùiteach e ra aithris; ach tha linn a’ ’s fhearr a’ [ ? ]eachd mun cuairt. Tha e air innseadh gun dubhairt Calum Cille, tamull beag mun do chaoehail e:—

I mo chridhe, I mo ghraidh,
An aitgut Manaich bidh geum ba;
Ach mu-n tig an saoghl gu crich,
Bidh I mar a bha.

Thàinig acheud chuid den fhàidheadaireachd gu h-eagnaidh mun cnairt; ach dhiubh a bhios i gu brath cho urramaichtes a bha i, tha e deacair a ràdh. Ann an iomadh atharrachadh an t-saoghail chaochlaidich so, s urrainn innseadh ciod a dhfhaotas tachairt? Ach ged nacheil e ro choltach gum bi I gu bràth mar a bha i ri linn Chaluim Chille, gidheadh is sòlasach ri thoirt fainear gum bheil, ’s a cheart am so (1828), eaglais a rithistg a togail ann an I, agusan ùine ghearr gum bi Neach ann ris an canar Ministeir I Chaluim Chille! ’S e dùrachd manama gum bi esan agus gach aon a thasaothreachadhs an obair cheudna, anns na cearnaibh gràdhach sin, ’n an spiorad agusn an giulan cosmhuil ris-san air an dainmichidh an t-Eilean so, —air an lasadh le gradh do Dhia, dìleas do Chriosd, agus durachdach airson math anaman. Nach mòr an t aobhar taing a thagainn leis an obair bheannaichta tha nis adol air a h-aghaidhs aGhàidhealtachd agus an Eileinibh na h-Alba? Chan eil gleann tìorail, no innis uaigneach, anns nach bi fuarain fhionnar a dhuisge beò air an fosgladh. Air a shon so ni am fàsach gàirdeachas, agus bithidh lionmhoireachd nan eilean ait.

Canaibh don Tighearn oran muaeh.
Airainm biodh luaidhs gach ait
Feadh muir, ’us tir, ’us innse cian,
Biodh moladh Dhe gu brath

S e sin mata an cunntas a sgriobhCaraid nan Gàidheal,” anns anTeachdairemu Eilein I bho chionn a nis tri fichead bliadhnagus a deich. Chan fhaighear a nis anTeachdairera cheannach aig luchd-reic leabhraichean, ’chionn gun do theirig na chlò-bhualadh dhiubh an toiseach. Ach is airidh e air a dheanamh aithnichte gun do chuireadh a mach o chionn ghoirid, airson an dara uair, leabhar anns am bheil co-chruinneachadh taghta de sgriobhaidhean an Dr. Macleoid. Rinneadh suas agus chuireadh a mach an leabhar so fon ainmCaraid nan Gaidheal,” leis an Dr. Clark ann an 1867. Gheibhear ann moran de na thanns anTeachdaire,” agus ann anCuairtear nan Gleann” —leabhar eile a chuir an Dr.

(Air a leantuinn air taobh 334.)



[332]

[Vol . 8. No. 42. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, MAIGH 25, 1900.

DIUC EARRAGHAIDHEIL.

Thainig crioch air cuairt thalmhaich an Diuc uasail, thapaidh, ealanta so. Be ceannard ard us foghluimtes uaibhreach nan Caimbeulach gu leir. Bha aobhar sonruichte aig gach Caimbeulach feadh an t-saoghail a bhi toilichtes proiseil gu robh an diuc co morail gasda neo-choireach. Is e sean duinebha ann, oir ruig e tri fichead agus seachd bliadhna deug. Is ann le tinneas nan alt a chaill e a threòir agus a thainig am bàs air. Is e duine beag le falt ruadh a bhann. Nam beigin da oidheirp chruaidh a dheanamh ann an stri nan lann, cha bann le neart làidir a ghàirdein a gheibheadh e buaidh. Be Cailean a bainm do aon de shinnsirean a thionail moran maoin us fearainn anns na linntean a dhaom. Tha Cailean mar sona ainm a tha gle chumanta ann an teaghlach Earraghaidheil. Mac Cailein Mhoir: is e so an doigh air an coir luaidh a dheanamh air oighre nan Caimbeulach. Is àbhaist do gach Gàidheal aig am bheil eòlas air eachdraidh nan Caimbeulach, a bhi deanamh iomraidh an Diuc Earra-ghaidheil marMac Chailein Mhoir.” Bithidh na Sasunnach a tabhairt an ainm Mac Callum Mor, no Mac Chaluim Mhoir, don Diuc. Mac Chaluim: than t-ainm air tus aciallachadh Mac Chaluim Cille, ’s air an aobhar so, tha e gu tur eadar-dhealaichte bho Mhac Chailein Mhoiran t-ainm a tha iomchuidh do Dhiuc Earraghaidheil.

Cha robh an Diuc a chaochail ach gle òg an uair a thainig am bàs airathair, agus a chaidh e a reir lagh na rioghachd do thigh nam Morairean. Is e sgoil ghasda airson deasboireachd a tha ann an tigh nan Cumantan. Am feadh a tha cuisean cudthromach fa chomhair luchd-riaghlaidh na dùthcha, tha iomadh beachd air a ghabhail us air a thabhairt seachad. Tha buill na parlamaid afaotainn cothroim maith, mar so, air geiread inntinns air tapadh ann an cainnt fhoghlum agus a thrusadh, maille ri fàs deas-bhriathrach us ur-labhrach. Ann an tigh nam Moraman tha sith us samhchair ann an tomhas mor. Bha an Diuc fileantana sheanachas. Burrainn da labhairt gu pongail gleusda. Bha e deas-chainnteach, agus bha comas sònruichte aige air gach cùis a bionmhuinn leis a chur ann an sgeadachadh grinn bòidheach an làthair a luchd-efsdeachd. Bha e iomadh uair asealbhachadh àite measail am measg luchd-riaghlaidh urramach na rioghachd. Bha e féin agus Gladstonenan càirdean dileas. Chaidh an Diuc gu buileach an aghaidh Ghladstonenuair a rinn e oidheirp air féin-riaghladh a bhuileachadh air na h-E- rionnaich. Cosmhuil ri iomadh Eirionnach glic, turail, chunnaic an Diuc gu soilleir gu deanadh féin-riaghladh a reir beachd Ghladstone coire eagalach do Eirinn féin agus do Rioghachd farsuing Bhreatuinn mar an ceudna, agus air an aobhar so, rinn e gach dichioll an aghaidh beachd us eud us iarrtuis a sheana charaid agus a chompanaich dhaimheil, Gladstone.

Am feadh a bha spàirn anabarrach air a cur an gniomh airson cor bhochd nan Croitearan a leasachadh ann an Gaidhealtachd Albainn, cha robh an Diuc idir eudmhor air taobh nan Croitearan. Bha e daonnan aseasamh air taobh nan Tighearnan dam buineadh fearann us oighreachdan na dùthcha. Bhan Diuc re làithean uile stuama, curamach, guanach. Fhuair e oighreachdan farsuing, beartach bhoathraichean; agus thug e aire shuonruichte daibh uile. Nochd e iomadh caoimhneas do a thuathanaich agus rinn e iomadh comhnadh leo, ged a bha moran acreidsinn nach robh e truacanta no blàth-chridheach.

Cha robh anns an rioghachd Diuc aig an robh inntinn a bu ghéire no bu treise na bhuineadh do Dhiuc Earraghaidheil. Is e sgoilear mor us foghluimte bha ann. Bha e min-eòlach air gach cuspair a bu doimhne ann am feallsanachd agus an ealdhain. Sgriobh e iomadh leabhar anns an do chuir e an ceill smuaintean oidheirc, agus fiosrachadh priseil. Is ann da féin a baithne Beurla ghlan chruaidh sgairteil, aluinn a sgriobhadh, agus a leughadh. Thog e riamh a ghuth gu duineil, dùrachdach es leth acheartais, na saorsa, ’s na fireantachd. Bha e na bhard fonnmhor mar an ceudna. Sgriobh e duain a choisinn moran cliùs moladh dha. Bha meas mor aig aBhan-righ air, agus fhuair e iomadh onoir àrd uaithe. On thainig crioch air a chuairt, tha moladh dileas gu leòr air a dheanamh air, do bhrigh gu robh e co comasach, uasal, onarach; agus gu do chaith eneartsa làithean ann an dichioll agus am measg cùisean no gnothuichean a bha geamnuidh, measarra, firinneach, cliùiteach. Bithidhainmsa chliù beò thar iomadh linn.

Tha sinn ann an Canadagleidheadh cuimhne bhlàth air Marcus Lathuirnes air a cheil erioghail, a Bhana-Prionna Liusaidh. Rinn am Marcus moran maith am feadh a bha e na ard-uachdaran ann an Canada. Tha Bhana-Phrionnsasa fear daonnan muirneach mu dheibhinn ar duthchas tha iad ullamh gach àm a labhairt focal càirdeil agus a dheanamh gniomh furanach do Chanada. Tha Marcus Lathuirne nis na Dhiuc agus tha Bhana-Phrionnsana Ban-Diuc. Gu cinnteach, tha MAC-TALLAsa chàirdean aguidhe gum bi saoghal fadas sonas us slàinte aig Diuh ùr agus Ban-diùc Earraghaidheal. Is fonnmhor, bòidheach briathran Mhàiri Nic Eallaie, a bhana-bhard, thròma, laghach:—

Failt air an oighre, failt air re buaidh,
Chan ioghnadh mo ghradh a thoirt barr air an t-sluagh,
S nacheil am poraibh Iompairno righ thig thar tuinn
Boinnes uaisle nan fhior-fhuil tham fior Mhic oDhuinn.

Failt air an Daoimein tha boillsgeadh ad chrun.
A Bhana-phrionnsa ailtthug a lamh dhutsa run,
Chan ioghnadh sinn thoirt uigh dhi an duthaich nam beann,
S i simplidhna morachd mar neoinean nan gleann.”

CONA.


Chaidh mo shinnsirean,” ars abhean uaibhreach, “fhògradh à Sarunn air son an creideamh.” “O,” air am fear ris an robh i bruidhinn, “chan eil sin acur ioghnadh sam bith ormsa. Chaidh dithis dhe mo shinnsirean fhèin air son a cheart ahbhair fhògradh á Gáradh Eden.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B



[333]

[Vol . 8. No. 42. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha am Marion a nise ruith esdar an da Shidnis Hogamah, a taghal anns na puirtsam bàbhaist dhi air an turus.

Tha baile Cape Town, an Africa Deas, a cur da mhile dolair a dhionnsuidh muinntir Hull us Ottabha. Bhan t-suim sin cruinn aig an t-sluagh an ceann thri lathan deigh dhaibh an sgeul a chluinntinn.

Bha teine millteach ann am baile St. Catherines’, Ont., air an t-seachdain sa chaidh. Bhafactoryair an losgadh anns an robh mu choig ceud duineg obair. Tha an call air a mheas aig leth muillein dolair.

Chaidh buntainn gle fhialaidh ris an t-sluagh a chaill an cuid dhen t-saoghal ann an teine Hull. Tha airgiod gu leòr air a chur cruinn dhaibh cheana, agus tha iad atòiseachadh ri togail nan taighean air na làraichean loisgte.

Chaidh còrr us tri cheud gu leth mile ròn a mharbhadh le iasgairean Newfoundland ann an da mhios air an earrach so. ’S fhiach na chaidh a ghlacadh leotha de dhiasg dhe gach seòrsa, o thoiseach na bliadhna, gle fhaisg air leth muillein dolair.

Tha dithis dhaoine fo bhinn bàis an Cuebec; fear Dube air son tuathanach a mhort aig Lake Beauport, an October sa chaidh, agus fear Cazes air son a bhean a mharbhadhse air an daoraich ann a February sa chaidh. Tha iad ri bhi air an crochadh air an deicheamh latha de Iulaidh.

Thatar ag radh gu bheil coig ceud Frangach acogadh air taobh nam Boereach ann an Africa mu Dheas, a bharrachd air àireamh Ghearmailteach agus muinntir dhuthchannan Eòrpach eile. Tha mar an ceudna buidheann de dhEirionnaich fo bhratach Chrugair; dhfhalbh amhor-chuid dhiubh sin as na Staidean.

Sgaoil Volskraad, no pàrlamaid an Transvaal, air an t-seachdamh latha dhen mhios so. Chan eil teagamh nach e sin an turus mu dheireadh a gheibh Pol Cruger cothrom pàrlamaid a dhùthcha a sgaoileadh. Mun tig am a fosgladh no dùnadh a rithist, tha dòchas againn gum bi na Breatunnaich an ùghdarras am Pretoria.

Shil beagan sneachda ann am Boston air an deicheamh latha dhen mhios so. Ann an New York, beagan lathaichean an deigh sin, bha teas cho mor acas gu robh àireamh dhaoine air am bualadh leis aghréin, fear dhiubh cho donas gun do chaill ebheatha. Tha e coltach gu bheil an t-side anns na Staidean faisg air a bhi cho caochlaideachsa tha i anns an dùthaich so fhéin.

Tha aghort gun lasachadh ann an cearnan de dhIndia, agus than cholera a bristeadh a mrch am measg an t-sluaigh, ’g an toirt air falbhnan ceudan. Ann an àite ris an canar Mandivee, chaochail ceithir cheud ann an tri latha; tha na bàis cho lionmhors nach urrainnear na cuirp a chruinneachadh air son an tiodhlacadh, agus tha moran dhiubh air am fàgailnan sineadhsa ghréin o latha gu latha.

Chaidh ùmhladh a chur air dithis dhaoine ann a Halton, Ontario, o chionn ghoirid, airson a bhi feuchainn ri bhòtaichean a cheannach aig am taghaidh fir-pàrlamaid anns an t-siorrachd sin. Tha aca ri da cheud dolair an urra a phàigheadh, air neo a bhi air an cur fad shia miosan dhan phriosan. Bàil le fear dhiubh a dheanamh a mach nach robh e achmar mhagadh,” ach rinn an luchd-ceartais a mach gur ann a bha ea cheart-da-rireadh,” agus thug iad an aon bhreth airsa thug iad air an fhear eile.

Tha litrichean a thainig o chionn ghoirid o chuid de na daoine dhfhalbh á so don chogadh, ag innse gu robh iad afulang ana-cothrom mor le truimead an uisge bha sileadh. Bha aca ri cadal air an làr na h-uile oidhche, agus an t-uisge sileadh cho troms gum biodh e lòin timchioll orrasa mhaduinn. Cha robh an nàmhaid, aig àm sgriobhaidh, faisg orra, agus bha chuid mhor dhiubh ann an deagh shlàinte, dhaindeoin na cruadalan troimhn robh iad a dol. Bha iad amearsadh o àite gu àite an toir air na reubaltaich, agus a chuid bu mhotha dhen ùinesehard tackbu bhiadh dhaibh. Latha nan Amadan, cha dfhuaìr iad sin fhéin: chaidh am flùr a chur gan ionnsuidh gun deasachadh, agus bfheudar do na h-uile fear bonnach beag nopancakea dheanamh dha fhein! Ach chan eil na gillean gasda ri gearan sam bith.

Di-haoine sa chaidh, thainig an sgeul aoibhneach gu robh Mafeking air fhuasgladh. Rainig buidheann dhèn arm Bhreatunnach am baile Dior-daoin, agus theich na Boerich. ’S ann á Pretoria, ceanna-bhaile nam Boereach fhéin, a thainig an sgeul; bha gàirdeachas mor anns gach cearna den Impireuachd Bhreatunnaichnuair a fhuaireadh i. Aig fios thoiseach achogaidh, chuir na Boerìch seisd ri tri bailtean Breatunnach, Ladysmith, Kimberly agus Mafekiug. Ach gu fortanach cha dfhtair iad aon diubh a ghlacadh. Sheas na saighdearan agus an sluagh a bhanntanan aghaidh gu duineil gus an drainig cobhair iad. Lean seisd Mafeking na bfhaide na càch, agus bhan sluagh mu dheireadh cho gann dhen bhuadhs gu robh aca ri bhi beò air feòil each us mhiulaidean, agus beagan dhe sin fhein: ach a dhaindeoin na dhfhuiling iad, cha do chaill iad am misneach. Tha e nise fàs coltach nach seas na Boerich ris an arm Bhreatunnach moran nas fhaide. Thatar ag radh gun do bhruadar Crugar gum biodh crioch air achogadh an ceann thri seachdainean, agus cha chuireadh e mor ioghnadh air daoine ged a thigeadh am bruadar sin fior gu leór.

Thuirt am Morair Roberts, o chionn ghoirid, nach cuireadh eaghaidh air Pretoria, ceanna-bhailen Transbhaal gus am biodh na réiseamaidean Gàidhealach agus na réiseamaidean à Canadas as nacolonieseile an uidheam gu faibh còmhla ris. Tha e coltach gu bheil emeas gun drinn saighdearan nancoloniesdeagh obair, ’nuair a tha eg an coimeas ris na Gàidheil, ’sgan cur air thoiseach air na saighdearan eile.


POSADH.

Ann an Sidni, Maigh 22, leis an Urr. F. C. Simpson, Seoras S. Mac Amhlaidh, a Glace Bay, ri Mairearad Ros, a Port Morien.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


SYDNEY CASH STORE.
Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig,
J . C. MILLS, - - - Sidni.


STOR ADAN.

Sin an t-aite dhan coir dhut a dholnuair a tha thug iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn asealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thigg am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh.

H . H. MAGEE.
Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY.
May 3, ’001yr.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C.


URRASACHADH.
Beatha, Teine, Glaine, Sgiorradh, Longan, etc
A . M. CROFTON,
ROSS BLOCK, - - - SIDNI.



[334]

[Vol . 8. No. 42. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 331.)

Macleoìd a mach, agus mar an ceudna de na thann amFear-tathaich nam Beann,” a chuir an Dr. Clerk fhein a mach. Theirig na chuireadh a’ ’n clò dhiubh so, agus is ni taitnich e ra innseadh gum bheil a nis an leabhar so, “Caraid nan Gaidheal,” air a chuir a’ ’n clò an dara uair le fear de mhuinntir Shléibhte, Tormoid Macleoid, a tha na fhear-cuir-mach, agus reicidh leabhraichean a’ ’n Dunéidin. Gheibhear an leabhar leis a Phost airson sia tasdain agus ochd sgillinn, agus cha mheasar daor e le duinesam bith a gheibh e.

SLEIBHTE.

La Fheill Phoil, 1900.


A Tragic Comedy.

LE DONULL MAC CALLUM.

Cha luaithe dhfhàg The MacDodo na firs aphrìosan, a feitheadh air latha mhoid, na chaidh e far an robh biodh Lady Myshrym, air eagals gum Capt Goblets roìmhe air, a thagradh a làmh, a reir a chumhnant a rinn i ris, agus air dha fàth a thuiris a chuir an céil ag ràdh: —“Having now, my dear lady, as your ladyships faithful and valiant knight errant, fulfilled your behest, I come here before your noble ladyship to claim my reward. ”Bha fios aig a bhantraich mhòir air tuile mun chùis na bha duil aige, agus mar so fhreagair i—“My dear lord, The MacDodo, will your noble lordship have the goodness to wait for my answer till the trial of the poachers is over, on the understanding that it will be ruled by what happens? ”

Cha robh dol ás aig an triath ach a bhi riaraichte leis an fhreagairt so agus aontachadh lethe. Teagamhs am bith cha robh aige nach feumadh a freagairt a bhi fabharach air an ath latha. Air doigh cha robh e duilich nach deach a chùis a thoirt gu ceann. Bha beagan laithean aig fathast da shaorsa agus da shonas a bha e, na aineolas, deònach ìobairt air altair an Iodhol Dioghaltas.

Fa-chomhair a mhòid anns an robh e ga dheanadh féin cinnteacham biodh Loirean is an Gille Bàn air an diteadh, agus, troimh an làmh a bhiodh aige féinsa chùis, am biodh misneach aige gu bhi tagradh làmh na bantrach mhòir, dhullaich Henry V. cuirm air son a chàirdean, math ritheatricalsair son an t-slòigh.

Air son a chluich air na clàir sgriobh e

VON MICHAEL,
OR
THE POACHERS POACHED;
A TRAGIC COMEDY
BY
THE MACDODO, HENRY V.

Air beuladh anstagerinn e suas cathair rioghail, anns an cuireadh e an lady na suidhe, agus air gach taobh dhiths air a cùlthaobh chuir e aiteachan suidhe do na h-uaislean mòr eile. Air an cùlthaobhsan bha na daoine cumanta ri bhi nan suidhe no nan seasadh mar a thachaireadh.

Air na deuchain chrunnaich na h-uaislean mòra do thalla mhóid a dhfhaicinn ciod a dhéireadh do napoachers .

Air dhoibh neo-chiontachd(not guilty)a thagradh chaidh an dearbhadh(proof)air aghaidh. Mar so thuirt an Fiscal—My lord, I am to prove that these men at the Bar, Loran and Gilbain, are guilty of the crime of poaching, and to plead that they be punished according to law. I shall lead evidence to show that a scoundrel calling himself Von Michael (one, I doubt not, of his many aliases), feloniously induced these poor simpletons to trespass in pursuit of game on the property of the lord The MacDodo.

Air dha siod a dhearbhadh le fianaisean dhfheòraich Loirean am faotadh Henry V. a bhi air a chuir ann am bocsa na mionn(witness box)agus a bhi air a mhionachadh a chums gum freagradh e aona cheisd a bha aige ri chur air. Thuirt an Siorra gum faodadh siod a bhi air a dheanadh. Chaidh The MacDodo do bhocsa na mionnan agus a mhionachadh, agus so a cheud cheist a dhfheòraich Loireand heth—Is your lordship, The MacDodo, the individual disguised in horses mane and an artists pock suit, calling himself Van Michael, who engaged us to shoot game on your property, and promised to pay us well for the same?Dhfheum The Mac Dodo aideachadh gum be, agusnuair a sguir an gàire mòr a thog an sluagh, ’s an lacharstaich, a deir an Siorra—I dssmiss Loran and Gilbain from the Bar without a stain on their character.


Tha Breatunn am bliadhna dol a thoirt do na h-iasgairean Geancach a bhios ag iasgach tìmchioll Newfoundland na ceart shochairean a tha ri bhi air am buileachadh air na h-iasgairean Frangach. Bha na Frangaich roimhe so ag agairt lan chòir air a chladach a deas, ach cha ruig iad a leas a bhig agairt sin nas fhaide; bidh iad an deigh so air an aon ruith ri muinntru dhuthchannan eile.

Tha sinu acreidsinn nach robh latha-breth na Ban-righnn riamh air a chumaich na bfhein na fha e air a bhliadhna so. Tha an cogadh an deigh an Impiuachd Bhuatunnach a thàthrdh ri cheilt mar nach robh i riamh roimhe.

Ann an Australian Iar, chan eil ach 54,000 bhoirionnach ann mu choinneamh 114,000 fhirionnach. Sin an dùthaich anns am faigh a h-uile te leannan.

Feuchamaid uile air an t-samhradh so ri àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhublachadh. Ma theid sinn ris le dichioll gabhaidh sin deanamh furasda gu leòr.

Nuair a thig thu dhan bhaile cheannach ni sam bith, dean roghainn dhe na marsantan aig am bheil sanas anns a MHAC-TALLA.


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.

DEAR SIR:

The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies,


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


J. D. W. CAIMBEUL,
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.



[335]

[Vol . 8. No. 42. p. 7]

Anmean Dhaoine.

AM BEURLAS AN GAILIG.

Adam—Adhamh.
Albert—Ailbeart.
Alexander—Alasdair.
Allan—Ailean.
Alpin—Ailpean.
Andrew—Aindreas.
Angus—Aonghas.
Archibald—Gilleasbuig.
Arthur—Artair.
Bernard—Bearnard.
Charles—Tearlach.
Christopher—Gillecriosd.
Colin—Cailean.
Coll—Colla.
David—Daibhidh.
Daniel—Daniel.
Donald—Domhnull.
Dugald—Dughall.
Duncan—Donncha.
Edward—Iomhair.
Ewen—Eoghann.
Farquhar—Fearchar.
Finlay—Fionnladh.
Francis—Fraing.
George—Seoras.
Gilbert—Gillebride.
Hugh—Uisdean.
Hector—Eachann.
John—Iain, Eoin.
Joseph—Eosaiph.
James—Seumas.
Kenneth—Coinneach.
Lewis—Luthais.
Malcolm—Calum.
Martin—Martuin.
Mìchail—Micheil.
Moses—Maois.
Murdoch—Murcha, Muireach.
Nicol—Neacal
Niel—Niall.
Norman—Tormaid.
Paul—Pol.
Patrick—Paruig, Padruig.
Peter—Peadar.
Richard—Ruaiseart.
Robert—Raibeart.
Roderick—Ruairidh.
Ronald—Raonull.
Samuel—Somhairle.
Simon—Sim.
Thomas—Tomas.
Torquil—Torcall.
Walter—Bhaltair.
William—Uilleam.

AINMEAN BHAN.

Amelia—Aimil.
Anabella—Anabala.
Ann—Anna.
Barbara—Barbara.
Beatrice—Beitiris.
Catherine—Catriona.
Christian—Cairistine.
Clara—Sorcha.
Elizabeth—Ealasaid.
Flora—Fionnaghal.
Grace—Georsal.
Helen—Eilidh.
Isabella—Iseabal.
Janet—Seonaid.
Jane—Sine.
Louise—Leusaidh.
Margaret—Mairearad.
Marjory—Marsale.
Mary—Mairi, Muire.
Euyhemia—Oighrig.
Rachel—Rachail.
Sarah—Morag.
Sophia—Beathag.
Susan—Suisan.


Tha Impire na Germailt ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Chan eil an duine bochd afaotainn an drasda ach ochd muillein dolairsa bhliadhna, agus tha eg iarraidh muillein eile chur ri sin.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


PUBLIC NOTICE

Shoreys Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented.

H. Shorey & Co., Montreal.

Shoreys
All Wool Business suits
Retailed at $8 .00
Cannot be beaten.



[336]

[Vol . 8. No. 42. p. 8]

Bata Phort-Righ.

ro hog i o, hal dal o halo i,
Ho ro hog i o, hal dal o halo i,
Ho ho hog i o, hal dal o halo i,
Aig meud mo mhauld, chan nrrain

Dhfhalbh mi thar meolais le ordughTrustees .
Lesteamboatmhor Leoghasach a sheol a Port Righ;
Dol timchioll na Maoile bha ghaoth ruinn astri,
S bha bata na smuids mhuir dhu-ghorm fodruim.
Ho ro hog i, &c .

A nuas seach an t-Oban bha caoir air aghaoith,
Bhan fhairge atochdadh, ’s abochdachna glinn;
Nuair thaing amhaduinns a bhan cadal am dhith
Gum bfhearr leam nam faradh bhi tamul air tir.
Ho ro hog i, &c .

Dol seachad air Arainn bha sgal aig aghaoith,
Bhan fhairge astealladh mar bhainne na cich;
Se sruth Choire-bhreacaindhfhag mise ro-sgith,
S gach taland a bhagamn an luidhes chuan shios.
Ho ro hog i, &c .

Gur mistha fa mhulads misiubhal achuain,
S mi falbh do na h-Innsean ri sid an droch uair;
Croinn bhi gan rusgadh, as siuil gan toirt bhuainn
S an long mhoir air leth-taobhs igleachd ris a chuan.
Ho ro hog i, &c .

Dol seachad air Gouiarg bu chorrach a com,
Bha cair gheal mu toiseachsi sgoltach nan tonn;
A suas amhainn Chulaidhn uair a fhuair imhuir lom
Dol stigh gu Port-Glaschu gu caladh nan long.
Ho ro hog, i, &c .

Nuair rainig mi Glascho fearann nan Gall,
Thachair orm bodach le chanain nan Ghall;
Mur bithinnsro-fhoghluimte airsheorsannsan am
Cha tuiginnsa chanaincha bi Ghaidhlig a bhann.
Ho ro hog i, &c .

Nuair chaidh miDhun-eideann gu palais nam buth
Bhan t-each-iarruinnn a ghleus as gum beibhinn a ghnuis;
Nuair shineadh e reis air an rail ghlan bha dluth,
Cha be gille le srienchumadh ceum ris an dluths.
Ho ro hog i, &c .

S gur mistha fo mhi-gheans an tir so an drasd,
Bhon thug mi mo chulaobh ri duthch nam beann ard,
Tha minntinn an drasda ag raidhtinn rium fhin,
Gun till mise sabhailtle Bata Phort-Righ.
Ho ro hog i, &c .

Rinneadh an t oran so le cuid-eigin anns an Eilean Sgitheanach, ach chan eil fhios co e. Tha sinn afaicinn gu bheilFionn,” ann an aon de phaipeasan na Seann Duthcha afeorach air son ainme. Ma tha fhios aig aon de luchd leughaidh MHIC-TALLA co a bughdar doBhata Phort-Righ,” bidh sinnna chomain ma bheir e dhuinn fiosrachadh sam bith is urrainn dha thoirt ma thimchioll.


Triall AGheamhraidh.

(Gloomy Winters noo awa’. )

Than geamhradh gruamach uainn air fablbh,
Gaoth an Iar gu ciatach blath,
A measg nam bruachan uaine tamh,
Than smeorach seinn gu h-eibhinn ard.
S milis cubhraidh leam gach flur,
Tha fassan doire dhealtach dhluth,
Mar t-aogas fein a mhaighdeann chiuin,
Gur tu mo run mo grhuagach og.
Gluais mo chailin, ’s biomaid triall,
Don bhruthach dhuilleachs dealeach griau,
Nar laithibh eibhinn anns na glinn,
Caithidh sinn gun sgios gu brath.

G eiridh suass na neoil gu h-ard,
Tha n riabhag mhaidne seinn do ghnath;
Bla an t-seilich anns na blair,
Mar chanach ban nam fuaranaibh.
Man cuairt dno t-sithein fas gu dluth,
Acomhdach chreag than raineach ur;
Than t-alltan falbh fon bhruaich gu ciuin,
S gach ni gu sunndach, uallach ann;
Ach feudadh coille, fas do ghna,
S na h-eoin bhi seinns am feur afas;
Ach aoibhneas chan fhaigh mi gu brath,
Mar bi thu fein do mreir a ghraidh.


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

dce . 8, ’99. —1yr.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Biga phaigheadh. Biga leughadh.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


MA THA THU AIR SON
CARBAD FASANTA
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aigF . FALCONER & SON: —Buggies, Phætons, Expresses,agusRoad Carts.

Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhen ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,

Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a thaga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dailBathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!


Are You Deaf??

All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Daltons Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.

titleIssue 42
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 42. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page