[Vol . 8. No. 43. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 1, 1900. No. 43.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. IX.
Am feadh ’s a bha Abraim air falbh ag iarraidh gach ni a bhiodh feumail air son an suipearach, bha Nouredin agus Bean na Maise ag imeachd sios is suas air feadh a’ gharaidh. Mu dheireadh thainig iad gu pailliun nan dealbhannan a bha ann am meadhain a’ gharaidh. Sheas iad greis ’ga amharc, agus ioghnadh gu leor orra aig cho mor ’s cho ard ’s cho briagha ’s bha e. Agus an uair a ghabh iad sealladh math dheth o gach taobh, dhirich iad suas an staidhir de mharmoir geal a bha air a bheulaobh gus an d’ rainig iad an dorus. Bha ’n dorus glaiste, agus cha ’n fhaigheadh iad a steach.
Thill iad air an ais, agus mu ’n àm ’s an robh iad aig bonn na staidhreach bha Abraim air tilleadh agus eallach a dhroma de bhiadh de gach seorsa air a mhuin.
“Abraim,” arsa Nouredin, agus ioghnadh gu leor air, “nach duirt thu rium gur ann leat fhein a tha ’n garadh?”
“Thubhairt,” ars’ Abraim, “agus tha mi ’g a radh fhathast.”
“Agus an ann leat a tha ’m pailliun mor, maiseach so?” arsa Nouredin.
Cha robh fhios aig Abraim gu ro mhath ciod a theireadh e an uair a chual’ e so. Thuirt e ’na inntinn fhein, “Ma their mi nach ann leam a tha ’m pailliun, feoraichidh iad dhiom cia mar a tha ’n garadh leam mur a leam am pailliun.” O ’n a thug e orra ’chreidsinn gu ’m bu leis an garadh, smaoinich e gu ’n tugadh e orra ’chreidsinn gu ’m bu leis am pailliun mar an ceudna. “A mhic,” ars’ esan, “is leamsa am pailliun mar is leam an garadh.”
“Ma tha sin mar sin,” arsa Nouredin, “o ’n a tha thu ’g iarraidh oirnn fuireach maille riut an nochd, ni thu de dh’ fhabhar ruinn gu ’n seall thu dhuinn an taobh a staigh dheth, oir ma tha e cho briagha ’na bhroinn ’s a tha e an taobh am muigh, feumaidh gu ’m bheil e anabarrach maiseach.”
Cha fhreagradh do Abraim am fabhar so a dhiultadh do Nouredin an deigh na nochd e dha de chaoimhneas roimhe sid. A bharrachd air so, bha e ’smaointean nach tigeadh an righ do ’n phailliun an oidhche ud o nach do chuir e fios g’ a ionnsuidh mar bu ghnath leis, agus air an aobhar sin chuir e roimhe gu ’n gabhadh e fhein agus na h-aoidhean an suipear anns a’ phailliun. Chuir e am biadh aig bonn na staidhreach, agus fhalbh e do ’n t-seomar aige fhein a dh’ iarraidh na h-iuchrach. Thill e ann an uine ghoirid agus dh’ fhosgail e an dorus.
Chaidh Nouredin agus Bean na Maise steach do ’n talla, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad cho maiseach ’s a bha e. Gun ghuth a thoirt air an aireamh mhoir dhealbhannan maiseach a bha ’n crochadh mu-thimchioll na ’m ballachan, bha na langsaidean agus gach ball eile dhe ’n innsreadh a bh’ anns an talla anabarrach riomhach agus maiseach. A bharrachd air na coillearan a bha air taobh am muigh nan uinneag gus a bhith ’cur seillse o ’n phailliun an uair a bhiodh an oidhche [ ? ] bha aireamh choillearan air taobh a staigh gach uinneig, agus coinneal cheireach anns gach fear dhiubh. An uair a bha Nouredin a’ gabhail beachd air na nithean so thainig an suidheachadh greadhnach anns an robh e ’s an am a dh’ fhalbh as ur gu ’chuimhne.
Aig a’ cheart àm bha Abraim a’ deasachadh an suipearach, agus an uair a bha gach ni deas, shuidh e fhein agus Nouredin agus Bean na Maise aig a’ bhord.
An uair a chuir iad crioch air an t-suipear agus a nigh iad an lamhan, thug Nouredin na comhlachan bhar te dhe na h-uinneagan, agus thuirt e ri Bean na Maise, “Trobhad an so, a cheisd agus seallamaid air a’ gharadh mhaiseach so ri solus na gealaich; cha ’n fhaca mi riamh sealladh a’s briagha na e.”
Chaidh i thun na h-uinneig comhladh ris, agus thug iad greis air gabhail beachd air gach ni a bha iad a’ faicinn. Bha Abraim aig an àm a’ togail air falbh gach ni a bha air a’ bhord.
An uair a thainig Abraim far an robh iad, dh’ fheoraich Nouredin dheth an robh deoch sam bith aige a bheireadh e dhaibh.
“Ciod i an deoch a b’ fhearr leibh?” ars’ esan. “An e sherbet? Tha sherbet agam cho math ’s a gheibhear an aite sam bith. Ach tha fhios agaibh nach bi duine sam bith ag ol sherbet an deigh a shuipearach.”
“Tha fhios agam air sin gle mhath,” arsa Nouredin. “Cha ’n e sherbet a tha mi ag iarraidh idir ach seorsa dibhe eile; agus tha ioghnadh orm nach ’eil thu ’g am thuigsinn.”
“An e fion a tha thu ’ciallachadh?” ars’ Abraim.
“Tha thu ceart gu leor,” arsa Nouredin; “agus ma tha e agad, bidh mi fada ’na do chomain ma bheir thu dhuinn botul dheth. Tha fhios agad gu ’m bheil botul fiona an deigh na suipearach ’na chompanach cho math ’s is urrainn a bhith gus an uine a chur seachad.”
“Gu ’n gleidheadh Dia mise o fhion a chumail ’nam thaigh, agus o dhol gu brath a dh’ aite anns am bithear ’ga ol!” ars’ Abraim. “Duine mar a tha mise a chaidh ceithir uairean air turus-crabhaidh gu ruige Meca, agus a chuir gu brath dubh-chul ri fion.”
“Nochdadh tu caoimhneas mor dhuinn,” arsa Nouredin, “nam faigheadh tu beagan dhuinn ri ol. Agus mur bi e ’na thuilleadh ’s a’ choir de dhragh dhut, cuiridh mise thu air doigh anns am faigh thu dhuinn e gu ’n dol a steach air dorus an taigh’ -osda, agus gun uiread ’s do lamhan a chur air an t-soitheach anns am bi e.”
“Air a’ chumhnanta sin theid mi g’ a iarraidh dhut,” ars’ Abraim; “ach feumaidh tu innseadh dhomh cia mar a theid mi ann an ceann mo ghnothaich.”
“Innsidh mise dhut mar a ni thu, ma ta,” arsa Nouredin. “Chunnaic sinn asal ceangailte aig geata a’ gharaidh. Feumaidh gur ann leatsa ’tha i, agus faodaidh tu falbh leatha uair sam bith a thogras tu. So agad da bhonn oir eile. Thoir leat iad agus an asal agus na cleibh a dh ’ionnsuidh an taigh-osda a’s fhaisge dhut. Faodaidh tu seasamh astar math o ’n dorus. Thoir beagan airgid do ’n cheud neach a thig an rathad am bi thu, agus iarr air a dhol do ’n taigh-osda agus da phige fhiona a cheannach dhut, agus fear dhiubh a chur anns gach cliabh, agus mar so thugadh e an asal air ais g’ ad ionnsuidh. Cha bhi agad ri dheanamh ach an asal iomain romhad. Bheir sinne am fion as na cleibh. Ma ni thu mar so cha bhrist thu air do bhoidean.”
An uair a chunnaic Abraim an da bhonn oir a bha e ’dol a dh’ fhaotainn, thainig saod math air. “Ah! mhic,” ars’ esan, “tha thu anabarrach innleachdadh; agus mur b’ e an innleachd a dhealbh thu, cha bhiodh e an comas dhomhsa fion a thoirt g’ ad ionnsuidh gun fhoirneart a dheanamh air mo chogais.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e, agus ann an uine ghoirid thainig e air ais agus am fion aige. An uair a thill e chaidh Nouredin sios an staidhir, agus thug e suas leis am fion do ’n talla.
An uair a chuir Abraim an asal air ais far an aobh ì roimhe, chaidh e air ais do ’n talla mar an ceudna.
“Cha ’n urrainn duinn a bhith taingeil gu leor dhut, Abraim,” arsa Nouredin, “air son an dragh a tha sinn a’ sior chur ort, “ach tha rud a dhith oirnn fhathast.”
“Ciod e tha dhith oirbh? Ciod an tuilleadh seirbhis bu mhiann leibh mi dheanamh dhuibh?” ars’ Abraim.
“Cha ’n ’eil cupanan againn leis an ol sinn am fion, agus cha bu mhisde sinn beagan mheasan, nam biodh iad agad.”
“Iarraibh gach ni a’s aill leibh, agus bheir mise dhuibh iad,” ars’ Abraim.
Chaidh e am mach as an t-seomar, agus ann an uine ghoirid thill e, agus chomhdaich e am bord le soithichean maiseach lan dhe gach uile sheorsa mheasan milis blasda; agus thug e dhaibh cupanan oir is airgid gus am fion ol asda. Agus an uair a dh’ fheoraich e an robh rud sam bith eile a dhith orra, dh’ falbh e am mach as an talla, ged a bha iad ’g a choiteach gu fuireach comhladh riutha.
Shuidh Nouredin agus Bean na Maise aig a’ bhord a rithist, agus dh’ ol iad cupan an t-aon dhe ’n fhion. Chord am fion riutha gle mhath. “A nis, a cheisd,” arsa Nouredin ri Bean na Maise, “nach sinn daoine cho fortanach ’s a th’ air an t-saoghal an uair a fhuair sinn dh’ a leithid so a dh’ aite an deigh a liuthad cunnart a thachair ruinn? Biomaid subhach, agus na tugamaid smaointean air gach cruadal troimh an deachaidh sinn air ar turus. An urrainn sonas a’s mo a bhith agam anns an t-saoghal so na thusa bhith air aon taobh dhiom, agus am botul fiona air an taobh eile.” Dh’ ol iad cuid mhath dhe ’n fhion, agus bha iad a’ cur seachad na h-uine le comhradh taitneach agus le gabhail oran.
O ’n a bha guth math aca le cheile, gu h-araidh aig Bean na Maise, chord na h-orain gle mhath ri Abraim, agus e am falach ’g an eisdeachd an taobh
[Vol . 8. No. 43. p. 2]
am muigh dhe ’n dorus. Mu dheireadh cha b’uarainn e cumail air fhein, agus o ’n a bha e an duil gu ’n robh Nouredin air mhisg, chuir e a cheann a steach air an dorus, agus thuirt e, “Biodh misneach mhath agad, mo thighearna; is math leam d’ fhaicinn cho toilichte.”
“Is e duine cliuiteach a th’ annad, Abraim,” arsa Nouredin, “agus tha sinn anabarrach fada ’na do chomain. Cha dana leinn iarraidh ort cupan dhe ’n fhion ol; ach thig a steach, agus cuir a dh’ urram oirnn gu ’n suidh thu comhladh ruinn.”
“Leanaibh romhaibh, leanaibh romhaibh; tha mise toilichte gu leor le bhith ’g ur n-eisdeachd,” ars’ Abraim ’s e tilleadh am mach a dorus an talla.
Sheall Bean na Maise am mach troimh ’n uinneig, agus chunnaic i Abraim ’na sheasamh air an staidhir an taobh am muigh dhe ’n dorus. Agus thuirt i ri Nouredin, “Tha thu ’faicinn gu ’m bheil e fad’ an aghaidh an fhiona; ach cha ’n ’eil an teagamh a’s lugha agam nach tugamaid air rud dheth a ghabhail, nan deanadh tusa mar a dh’ iarrainn ort.”
Dh’ fheoraich Nouredin dhi ciod a bha i ag iarraidh air a dheanamh. “Thoir thusa an t-ordugh dhomh, agus ni mise rud sam bith a dh’ iarras tu orm,” ars’ esan.
“Thoir air tighinn a steach agus cuideachd a chumail ruinn; an ceann uine lion cupan dhe ’n fhion, agus tairg dha e. Ma dhiultas e ghabhail uat ol fhein e, leig ort gu ’m bheil thu air tuiteam ’na d’ chadal, agus fag an corr dhe ’n ghnothach agam fhein.
Thuig Nouredin gu math ciod a bha Bean na Maise a’ ciallachadh, agus ghlaodh e ri Abraim tighinn thun an doruis. “Abraim, tha sinne air aoidheachd agad,” ars’ esan; “nochd thu gu toileach aoidheachd agus caoimhneas mor dhuinn, agus an diult thu nis a dh’ urram a chur oirnn cuideachd a chumail ruinn car uine? Cha ’n ’eil sinn ag iarraidh ort deur ol, ach bu mhath leinn thu bhith ’nar cuideachd.”
Mu dheireadh dheonaich Abraim tighinn a steach do ’n talla, agus shuidh e air langsaid faisge air an dorus.
“Cha ’n ’eil thu ’na do shuidhe ann an aite ceart,” arsa Nouredin; “cha ’n urrainn sinn d’ fhaicinn. Guidheam ort thig na ’s dluithe dhuinn, agus suidh ri taobh na mna-uaisle. Is ro thoigh leatha thu bhith laimh rithe.”
“Gabhaidh mi do chomhairle,” ars’ Abraim. An uair a thuirt e so, thainig e, agus e mar gu ’m biodh car de naire air, agus shuidh e gu diblidh faisge air Bean na Maise. Dh’ iarr Nouredin oirre oran a ghabhail mar urram do Abraim; agus ghabh i oran a thaitinn ris gle mhath.
An uair a chuir Bean na Maise crioch air an oran, lion Nouredin cupan dhe ’n fhion, agus thairg e do Abraim e, ag radh, “Tha mi ’guidhe ort, Abraim, gu ’n ol thu so air ar slainte.”
“Mo thighearna,” ars’ esan, agus e ’tarruinn air ais mar gu ’m biodh oillt air roimh shealladh dhe ’n fhion, “tha mi guidhe ort gu ’n gabh thu mo leithsgeul; dh’ innis mi dhut mar tha gu ’n do bhoidich mi o chionn iomadh bliadhna nach blaisinn air deur fiona.”
“Ma tha thu ’miugh ’s am mach a’ cur an aghaidh ol air ar slainte,” arsa Nouredin, “ceadaich dhomhsa na bheil anns a’ chupan ol air do shlainte fhein.”
(Ri leantuinn.)
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XVIII.
“Is e ’n diugh Di-sathairne,” arsa Domhull, “agus feumaidh sinn feuchainn ri biadh is connadh gu leòr fhaotainn airson an latha màireach. Tha mi fhein suidhichte nach dean mi gu bràth tuilleadh obair sam bith air Di-Dòmhnaich ach obair na h-éiginn agus na tròcair. Cha ’n i ’n an obair a bh’ againn air bòrd na luinge a dh’ fheumas a bhith againn an so idir. Agus ma bhios mi air luing ’n a dhéigh so, tha dòchas agam nach bi mi ’cur seachad na h-ùine air Di-dòmhnaich mar a b’ àbhaist dhomh.”
“Ma gheibh sinn de bhiadh ’s de chonnadh na dh’ fhoghnas dhuinn gu Di-luain, cha’n ’eil mi ’faicinn ciod an obair a ruigeas sinn a leas a dheanamh am màireach. Tha sinn feumach gu leòr air fois; oir tha sinn gun tàmh o ’n a thàinig sinn an so, ach fhad ’sa bha sinn ’n ar cadal. Agus gu cinnteach ceart, cha robh mo chadal fhéin ach luaineach gu leòr; oir bha eagal mo chridhe orm gu’n tigeadh creutair fiadhaich air choireiginn an rathad a chuireadh dragh oirnn. Chaidleadh tusa cho trom ris a’ chloich. Na ’n tigeadh uile-bhiast an rathad, dh’ itheadh i thu mu’n tàrradh tu dùsgadh.”
“Cha ’n ’eil mise faicinn c’arson nach caidlinn trom gu leòr, oir tha mi ’gam chur fhein air cùram an Athair shiorruidh an uair a tha mi ’dol a laidhe. Tha iomadh earrann de dh’ fhacal Dhé, agus iomadh facal a chuala mi aig m’ athair ’s aig mo mhàthair a’ tighinn gu tric ’n am chuimhne o’n a thàinig sinn do’n eilean.
“An uair a bha m’ athair an galair a bhàis bhiodh e gu math tric a’ toirt misnich dh’ am mhàthair, agus a’ cur earrannan dhe’n Bhìobull na cuimhne. Cha’n eil air chuimhne agam an dràsta ach na briathran so:— “Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu.” “A’ tilgeadh bhur n-uile chùram airsan; oir tha cùram aige dhibh.” An déigh a bhàis bhiodh i fhein is mnathan eile ’bruidhinn mu na h-earrannan so.”
“Ma ta, ’Dhomhuill, is math dhut fhein gu’n robh pàrantan agad a bha ’ga do theagasg anns an doigh sin. Ged nach d’ fhuair mise mòran eòlais air a’ Bhìobull, tha mi ’làn chreidsinn nach ’eil leabhar eile ann o’m faigh duine uiread de mhisnich an àm na h-eiginn ’s a gheibh e o’n Bhìobull. O’n a thainig againn air bruidhinn mu’n chùis faodaidh mi innseadh dhut nach robh mi ach glé og an uair a dh’ eug mo mhàthair. Ma bha gus nach a robh bheag a dh’ eòlas aice air facal Dhé cha ’n urrainn mi bhith cinnteach. Phòs m’ athair an ceann bliadhna, agus an uair a cuuala bràthair mo mhàthair cho olc ’s a bha mo mhuime dhomh, thug e leis mi. Ach cha bu duine e aig an robh suim sam bith do nì a bhuineadh do’n ath shaoghal. Bha baile beag fearainn aige, agus, mur do mheall mo bharail mi, cha robh ni fo ’n ghréin air an aire aige ach gnothaichean an fhearainn agus na spréidhe. Cha ’n fhiosrach mise gu’n do leugh e riamh caibidil dhe’n Bhìobull ’na thaigh fhein, no ’n àite sam bith eile. Agus cha’n eil mi ’creidsinn gu’n do lùb e ’ghlùinean riamh a dh’ urnuigh moch no anamoch. Ma’s e sin fhein, cha deanadh e altachadh aig àm bìdh na ’s lugha na thachradh coigreach a bhith aig a’ bhòrd maille ris. Bha ’bhean a cheart cho dìon thun an t-saoghail so, agus cho coma dhe’n ath shaoghal, ris fhein. Na’n robh teaghlach trom aca, shaoilinn gu’m biodh beagan dhe ’n leithsgeul ri ghabhail. Ach cha robh teaghlach idir aca. Tha seanfhacal ann a tha ’g ràdh, gu’m bheil sannt seachdnar ann am fear gun mhac gun nighinn. Agus gu cinnteach ceart tha’n seanfhacal so fìor gu leòr dh’ an taobh-san.”
“A réir mar a dh’ innis daoine eile dhomhsa, bha bràthair mo mhàthair a’ smaointean an uair a thug e mise leis a taigh m’ athar, gu ’n deanadh e dìleabach dhiom; ach tha chuis coltach nach robh ’bhean toileach so a dheanamh. Bha i air son gach ni fhagail aig nighean a peathar fhein. Agus a chum inntinn bràthar mo mhàthar a thionndadh gu buileach ’n am aghaidh-sa, bhiodh i ’g am shior chàineadh ris. Is cinnteach nach robh mise cho glic ’s cho iomchuidh ’s bu chòir dhomh bhith; ach nan robh a’ bheag de thlachd aicese dhiom cha bhiodh a sùil cho biorach ag amharc am mach air son a h-uile rud a dheanainn cearr. Agus a bharrachd air a so, bha i deanamh na b’ urrainn i, gun fhios dhasan, gus toirt orm falbh as an taigh. Eadar a h-uile olc a bha i ’deanamh orm, bhrosnaich i mi gu leithid de dhroch nàdar ’s gu’n d’ rinn mi iomadh nì a bha cur corruich gu leòr air brathair mo mhàthar. Mu dheireadh an uair a thuig mi nach robh rathad agam air aon seach aon aca ’thoileachadh, chuir mi romham nach fhanainn na b’fhaide. Anns an àm fhuair mi cothrom air teicheadh gun fhios dhaibh, agus a dh’ olc no dh’ éiginn gu’n d’ fhuair mi chaidh agam air faotainn air bòrd luinge gun fhios, mar a fhuair thu fhein.
“Bha truas gu leòr agam riutsa an uair a thuig mi gu’n robh droch bhana-mhaighstir agad, agus b’e sin a thug orm cuideachadh a thoirt dhut gu faighinn air bòrd.
“Tha thu nis a’ tuigsinn nach robh e ’n comas dhomhsa eòlas fhaotainn air facal Dhé o na daoine a bha ’gabhail cùraim dhiom ann an làithean m’ òige. Mur b’e na dh’ fhoghluim mi o sheana chìobair a bh’ aig bràthair mo mhàthar, bhithinn a’ cheart cho aineolach mu Dhia ris na brùidean. Bhiodh an duine so a leughadh air taobh a’ chnuic, a h-uile uair a bhiodh ùine aige. Cha’n fhoisrach mi gu ’n robh e latha riamh, fhad ’s a b’ aithne dhomhsa e, gun earrann dhe’n Bhiobull aige ’na phòcaid. Mar bu trice b’e gnàthfhacail Sholaimh a bhiodh e ’leughadh dhomhsa. Bhiodh e ag innseadh dhomh gu ’m b’ e Solamh duine bu ghlice a bha riamh air an t-saoghal, agus gu’n robh na gnàthfhacail làn de theagasg a bha anabarrach freagarrach air daoin’ òga.”
“Tha thu ’cur ’n am chuimhne ceathramh de laoidh bhriagha ’bhithinn a’ cluinntinn aig m’ athair an uair a bha mi ’n am ghille beag. Air feasgar Di-domhnaich bu tric leis a bhith ’seinn laoidhean dhuinn. So an ceathramh a tha mi ciallachadh, agus tha e glé fhreagarrach air do chor-sa an diugh:—
“Cha d’ fhuair mi comhairl’ parant’
Is braithrean cha robh ann,
No neach ’ghabh curam trath dhiom;
Chaidh m’ fhagail anns a’ ghleann;
Ged bha mi ’measg mo chairdean,
Cha b’ abhaist dhaibh bhith ’cainnt
Air ni ’n taobh thall de’n bhas
Dheanadh sta dhomh aig a cheann.”
Bha mòran de chomhradh eile eadar Callum is Domhull ’s a mhadainn ud nach riugear a leas aithris an so. Foghnaidh na dh’ aithris sinn a chum a leigeadh ris dhuinn am feum mòr a th’ ann a bhith ’cur eisimpleir mhath agus teagasgan glana na fìrinn fa chomhair cloinne an uair a tha iad òg agus maoth. Faodaidh sìol an fhacail a bhith fada ’na laidhe anns a’ chridh mu’n tòisich e ri fàs ’s ri toirt am mach toraidh.
Mar is trice, tha éisean is trioblaidean lionmhor na beatha so air an tabhairt le cumhachd an Spioraid Naoimh, gu bhith ’n am meadhoinean éifeachdach a chum iomadh neach a thearbadh o’n t-saoghal. Na ’m faigheadh daoine gach nì a réir am miann, sheachnadh iad éisean is trioblaidean gu buileach. Ach o’n a tha’n t-slat-smachdachaidh ro fheumail do dhaoine an t-saoghail so, do bhrìgh gu ’m bheil seacharan is eas-umhlachd an co-cheangal riutha gu nàdarra, tha smachdachadh dhe gach seòrsa air a leagadh orra, o àm gu àm, mar chomharradh,
[Vol . 8. No. 43. p. 3]
araon gu’m bheil iad seachranach agus eas-umhail, agus mar an ceudna, gu’m bheil sùim is cùram aig an Athair nèamhaidh dhiubh. So mar a tha ’n salamadair a’ labhairt mu ’n chùis; “Mu ’n robh mi ann an amhghair, chaidh mi air seachran; ach a nis tha mi ’gleidheadh d’ fhacail.” “Is math dhomhsa gu’n robh mi ann an amhghair, a chum gu ’m foghlumainn do reachdan.”
Tha’n t-abstol a’ labhairt mu smachdachadh anns an dòigh so:— “A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich an uair a chronaichear leis thu; oir an tì a’s ionmhuinn leis an Tighearna, smachdachaidh e e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e. Ma ghiùlaineas sibh smachdachadh, tha Dia a’ buntuinn ribh mar ri cloinn: oir cò am mac nach smachdaich an t-athair.”
Ged a chaith iad na bha rompa dhe ’n latha gu dubh bheul na h-oidhche a’ siubhal air son seilge, cha do shoirbhich leotha ach gle mheadhonach. Chosg iad barrachd fudair is luaidhe air na bu mhath leotha, agus ged a leòn iad fear dhe na h-ainmhidhean ris an canadh iad fhein, “na feidh,” agus fear no dhà dhe na h-eòin a bha cho lìonmhor air an loch, cha d’ fhuair iad greim idir orra. Bha ’choille cho tiugh ’s nach fhaiceadh iad a’ bheag a dh’ astar rompa, agus cha robh toil aca ’dhol fada air thòir nan creutairean a leòn iad air eagal gu’n rachadh iad iomrall mar a chaidh iad an latha ’chaidh iad gu tìr.
Anns a’ chearn ud dhe’n t-saoghal, tha’n oidhche cho dorcha ’s a bhitheas i ann ceann beagan mhionaidean an déigh do’n ghréin a dhol fodha. An latha chaidh iad gu tìr cha robh fhios aca air so, agus na’n robh, is docha gu ’n robh iad air tilleadh thun a’ chladaich na bu tràithe. O’n a bha iad a’ tuigsinn mar a bha cùisean thill iad air an ais ann an àm math.
Cha robh de bhiadh aca ach beagan mheasan a chruinnich iad air an rathad dhachaidh thun na bothaig. Bha’n earrann bu mhò dhe na measan so anabaich; oir thàinig an oidhche orra cho ealamh an am dhaibh a bhith ’g an cruinneachadh ’s nach bu leur dhaibh co dhiubh a bha na measan làn abaich no nach robh. Ach ged a bha iad gann de bhiadh, bha connadh aca ann am pailteas. Cha b’ ann a mhain air son deasachadh a’ bhìdh a bha iad a’ cruinneachadh pailteas connaidh, no idir gus an cumail blath; oir bha’n t-eilean blàth gu leòr aig gach àm dhe’n bhliadhna, ach gu sònraichte gus fiadh-bheathaichean—ma bha iad anns an eilean—a chumail uapa fad na h-oidhche; oir bha iad a’ creidsinn gu ’n cumadh fàileadh an teine air falbh gach fiadh-bheathach a dh’ fhaodadh tighinn an rathad a bha iad.
Ged a bha iad gann de bhiadh, cha do chaill iad am misneach. Bha fhios aca nach b’ eagal dhaibh, ged a bhiodh iad gun ghréim bìdh gu madainn Di-luain. Agus ged nach robh iad cho toilichte ’s a bhitheadh, na ’n deachaidh an t-sealg leotha cho math ’s bu mhiann leotha, gidheadh cha d’ thainig facal gearain as am beoil. An uair a chuir iad deagh theine air, agus a dh’ ith iad beagan dhe na measan a bh’ aca, chuir iad iad-fhein air cùram an Tighearna, agus ghabh iad mu thàmh. O’n a bha iad gu math sgìth an deigh na rinn iad de choiseachd fad an latha, thuit iad ann an ùine ghoirid na’n cadal, agus cha do dhùisg iad gus an robh a’ ghrian air éirigh gu math àrd ’s a’ mhadainn.
(Ri leantuinn.)
Imcheist.
Highland News.
FHIR-DEASACHAIDH, —Tha mi ann an imcheist nach beag aig an am, ’s bho’n a tha fios agam gu’m bheil faighidinn mhath agaibhse, feuchaidh mi ris a ghnothach a dheanamh soilleir dhuibh, ann an dòigh cho aithghearr ’s a dh’ fhaodas mi. So agaibh, mata, mar a tha ’chuis. Thainig an luiriste bhochd sin, Iain a’ Mhuilleir, an là-roimhe, ’s an déigh dha tighinn a stigh, sheas e greis air meadhon an ùlair a’ spleuchdadh air a bhrògan, dìreach mar gu’m biodh iongantas air iad a bhi air a chasan. Thug mise sùil an rathad a bha e fein ag amharc, ’s gu dearbh, cha b’e m’ ioghnadh fein dad a bu lugha, ’nuair thug mi fainear leud nam bròg. Bha h-uile te dhiu a’ cùirneachadh leac de ’n ùrlar; ach bha fhios agam nach ann a leigeil fhaicinn dhomh meud a choise a thainig Iain bochd thun an tighe, ’s dh’ iarr mi air suidhe a dheanamh. Rinn e sin, le osann throm;ach an àite bruidhinn, thoisich e air spliugail ’s air séideadh a shroine ann an leòb de nèapaiginn-poca a bha ’g amharc mar gu’m biodh e air a dheagh chartadh. “Ciod, a laochain,” arsa mise, ’s mi ’cur mo làmh air a shlinnean leathann; “ciod, a loachain, a tha cearr?” Thuirt e, ’s guileag mhuladach na mhuineal— “Mo mhàthair-chéile.” Dh’fheith mi greis a thoirt ùine dha ciùineachadh, ’s gu’n rachadh aig air innseadh ciod an sgiorradh a thachair d’a mhathair-chéile, ach a reir coltais, cha robh smid tuillidh dol a thigh’n as a cheann. Chuir mi fein mo làmh ’s a bhudhailt, ’s thug mi mach soire beag anns an robh deuran de dh’ uisge-beatha Cheann-loch, ’s thuirt mi ris; “so Iain, fliuch do bheul leis a so, ’s fheaird thu e ann ad thrioblaid?” Rinn Iain mar a dh’iarr mi; ’s tha mi meas—ged nach ann g’a mhaoidheadh air a tha mi—gu bheil beul Iain cho farsuing r’a bhròig, leis na ghabhas e de dh’ uisge beatha g’a fhliuchadh. An deigh dha an deur dibhe ’chur thar cioch a mhuineil, rinn e gnùsd no dhà, ’s thuirt e, “Is aithne dhuit mo mhàir-cheile, Dhòmhnuill.” “S aithne gu math,” arsa mise. “Boirionnach steidheil,” ars’ Iain; boirionnach air am bheil eagal—bu! hu! hu-u- u! Theab ’s nach rachadh aig Iain air innseadh, ciod a chuir eagal air a mhàthair cheile ach an déigh beagan bùraich, thuit e mach gur e, eagal an Tighearna, ’bha toil aig Iain a ràdh; ni a bha ceart gu leòir. “Boirionnach,” ars Iain, “cho eireachdail, na latha, ’s a bha ’dol do dh’ eaglais Chill a chlamhain, mur bhitheadh sgiorradh a thachair dhi, ’s i na caileig oig, ’s i dol le dinneir a h-athar, ’s a thachair an tarbh buidhe aig Còirneal Seumas oirre ’s a thàr e as a déigh, ’s dìreach, ’nuair a shaoil i nach robh dol na b’fhaid aic, ’s gu’n robh latha-bhreitheanais air a sàil; thionndaidh i ’s thilg i dinneir a h-athar air adharc an tairbh. Chuir sin stad air; ach leis an eagal thuit a’ chaileag bhochd, ’s chaidh i á alt a chruachainn; ’s ma thug thusa ’n- [ ? ]e Dhòmhuill, bha seòrsa do cheum gu leth na coiseachd air tàilleabh an tairbh bhuidhe—mac-an-fhir-ad! —Ach ciamar a tharruing a leithid de bhoirionnach eireachdail, stuama, suas ri Eoghan a Ghlinne, cha d’ fhuair mi riamh a mach. Tha fhios agad a Dhomhuill, ’s e duine aotrom, fiadhaich a bh’ ann an Eoghan, ’s e sin a ghiorraich a bheatha fein mu dheireadh e shuidhe air an each chuthaich sin air nach do shuidh duine riamh roimhe, ’s e ’thàradh as leis, mar eun air ite, trasd na sgire, gus an d’ rainig e binnein mullaich Creig-nam-meann, creag, mar a tha fhios agads’ a tha dlùth air ceithir cheud troidh air àirde, ach cha bhacadh sin do’n chreutair choirbte, duibh leum a thoirt bhàrr mullach na creige sin, le Eoghan air a dhruim. Fhuaradh iad le chéile, ann an glomhas aig bonn na creige, ’s iad air am spuacadh ’na cheile nan aona mheall air chor ’s nach robh fhios co e Eoghan no co e’n t-each. Cha robh ac’ ach tuairmeas a dheanamh orra, agus tomad mu mheud Eoghain a thoirt leotha as an tòrr ’s a chur do’n Chil; ach ’s math a tha fhios agamsa ’Dhòmhuill gur iomadh latha na dhéigh sin a bha e na shac gle throm air a bhainntrich, nach robh i cinnteach gu de na bh’ aice de dh’ Eoghan ’s a’ Chill. B’e duine glé dheas air a chasan a bha’n Eoghan, ’s nan d’fhan e air a chasan fein, dh’fhaodadh e bhi beò gus an latha-diugh; agus, neò ’r thaing, mar an robh e cho deas leis na duirn. Nach do ghabh e air Ailein an Torr-mhoir, latha faidhir na Lùnasda, gus an d’fhàg e ceann an duine cho mor ri’ buideal is aisnean air an cur troimhe cheil’ air chor ’s gu’n d’thug e a leòir r’a dheanamh do’n dochtair MacCalman an cur air an ais ’san òrdugh anns an d’fhag am freasdal iad, agus bu duine gle sgileil a bh’ anns an doctair; gu dearbh, nan creideamaid na chluinneamaid, bha cuid de sgil an dochtair nach robh thaobh an t-saoghail so. Nach do chuir e uair, ubagan na rudeigin, ann poit thearra ’bha Torcaill Mac Ruaraidh a bruich air son a cur ris a bhàta, ’s nach do leum peileir de’n teàrr ghoilicheas a phoit ’s nach do ruaig am peileir tearra sin an duine bochd ceithir thimchioll na leana air an robh iad, gus an do theab e’n deò ’chall leis an eagal. Thug Torcaill, mu dheireadh, ionnsaidh air lamh throm a thoirt air an dochtair; ach fhir mo chridhe! Cha robh sealladh de’n dochtair aige r’a fhaicinn, ged nach robh uidhir an tomain dhris anns am b’ urrainn dha e fein fhalach taobh a stigh de mhile dh’astar. Ach gu dé a bha sin a Dhomhuill ach an sgoil-dhubh! ObairShàtain! Thuirt Torcaill rium, ’s tha mi g’a làn-chreidsinn, oir bu duine foghainteach a bh’an ann Torcaill; bha e se traidhean air àirde, ’s cho leathann ’san druiun ri dorus na h-eaglais”— “An gabh thu mo leisgeul, Iain” arsa mise, “tha coineamh agam r’a ghleidheadh, agus ’s eigin domh ’bhi falbh; ach chi mi thu rithist ma bhios an t-slàint’ agam. Slàn leat.” Chunnaic mi gu soilleir nach robh ceann no crioch, no bun no barr, áig sgeul Iain, ’s gu’n robh mi cheart cho fhad o fhios fhaotainn air aobhar na trioblaid a thainig air a mhàthair-cheile, ’s a’ bha mi mu’n d’fhosgail e ’bheul. Ach ciod a nis is còir dhomh dheanamh? Tha mi lan-chinnteach, leis an spliugail a bh’air Iain, gu bheil am boirionnach sinnt’ air an eislinn; ach ma theid mise thun an tighe anns e bheachd so, agus gu’n tuit e mach gu’n tigeadh i-fein thun an doruis leis a cheum gu leth sin air an d’thainig Iain thairis, leumaidh mo chridhe-sa as a chochull leis an eagal. Ciod am buaireas, an t-seamsanachd a bh’ air aire a bhlao mastair uilc, nach d’ innis, a muigh ’s am mach, co dhiu a tha ’m boirionnach beò no marbh, no ciod an truaighe a thachair? An e’n sac a dh’fhàg bàs Eoghain oirre—co dhiu ’chaidh roinn chothromach a dheanamh eadar e fein ’s an t-each—a bha ’fàs do-ghiùlan? No an e’n cruachan a chuir i as an alt a teicheadh roimh ’n tarbh bhuidhe, a bha air bristeadh a mach ann an àit eile? No ciod idir an seadh a ghabhas foirt as an dreamsgal sgeòil a fhuar mi o ’n chreutair spadchasach? Ciod is fheairde mise fios fhaotainn air mar a ghiorraich Eòghan a bheatha le suidhe air an each sin, no c’arson a shuidh e air? Mur ann a’ dol g’a mharcachd a bha e, nach robh cho math dha suidhe air sorchan iomchuidh eile. No ciod idir mo ghnothach-sa ri aisnean fhir an Torr-mhoir; biodh e ’gan reiteach mar is fearr a dh’ fhaodas e; ’s nach b’fhearr do’n dochtair a sgil a chur gu buil a b’ fhiachaile, na bhi ruagadh le peilearean tearra, duine cho ionraic, onarach, ri Torcaill Mac Ruaraidh? Tha mi ’g ràdh ribh nach d’ eisd m r’a leithid de ruais bho ’n is cuimhne leam; ’s cha d’ theid mo chas thun an tighe aca gus an cuir iad fios g’am ionnsaidh, le urra phoncail, co dhiu a tha iad beò no marbh.
DOMHNULL MACEACHARN.
Dunéideann.
[Vol . 8. No. 43. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, IUN 1, 1900.
Litir a Africa Deas.
BLOEMFONTEIN, April 17, 1900.
A DHEAGH CHARAID:— ’S fhada ’n ùine o’n a sgriobh mi ugad roimhe, agus is iomadh rud neònach a thachair o’n uair sin. Cha do thachair moran sam bith fhad ’sa bha sinn am Belmont. Dh’ fhalbh sin as a’ bhaile sin air Februaidh 11, gus bristeadh a stigh air anOrange Free State.Ghabh sinn an rathar-iaruinn gu Graspan; as a sin chaidh sinn gu Ramsdaw, agus á sin gu Amhuinn Klip far an d’ fhuair sinn na seòid a bha dhith oirnn. Cha do sheas iad ruinn gle fhada an sin, agus cha robh againn ri moran bhlàr a chur riutha gus ’n do chrò sinn seann Chronje a stigh aig Pardesburg. Dh’ fholuich iad iad-fhein an tuill ’s an claisean am bruaich na h-aimhne an sin, agus sheas iad ruinn treis mhath. Theid aca air blàr diorrasach a chur, agus rinn iad sin air an turus ud; ach mu dheireadh b’ fheudar dhaibh toirt suas. Dh’ fhuiling a bhuidheann againne barrachd ’sa dh’ fhuiling buidheann sam bith eile de shaighdearan Chanada, agus b’e an Caiptean againn an aon oifigeach a chaidh a mharbhadh. Bha e ’na shuidhe air cnoc-sheangan ag amharc troimh ghloine, ’nuair a chuireadh peilear troimh cheann ’s troimh ghàirdean, agus chaochail e an ath latha. Chaidh dithis dhaoine ’ga ghiùlan air falbh, agus bha iadsan le chéile air an leònadh ’nuair a bha iad a’ falbh leis. Bha fear eile air an leònadh aig a cheart chnoc. Bha na craobhan taobh na h-aimhne làn de dhaoine, agus ’se fear dhiubh sin a bha losgadh air an àit ud. Bha blàr eile againn mu ’n d’ rainig sinn Bloemfontein, far ’n do ghlac sinn gunna mor orra; bha sinn da thurus air an tòir an deigh sin, ach bha iad a cumail as an t-sealladh, agus rinn sinn sia mile fichead a dh’ astar mu’n d’ rug sinn orra. Mu’n d’ fhuair sinn ’g an ionnsuidh, shéid iad suas na h-innealan-taomaidh, chuir iad as d’ an obair-uisge, agus theich iad. Bha timeannan gle chruaidh againn o chionn tri miosan le teas ’san latha, fuachd ’san oidhche, agus uisge trom a sileadh a chuid bu mho dhe’n uine, ’s gun uiread ustentagainn a chumadh fo dhion sinn. Tha natentsagainn a nise agus tha sinn gle comhfhurtail, ged a tha ’n t-uisge ann cha mhor a h-uile latha, a fàgail gach ni gle shliubach. Tha am fiabhrus na’s miosa ’n dràsda na bha e fhathast. Chaochail ceathrar dhe ar daoine air a bho’n dé, dithis eile ’n dé, agus chaochail dithis no triùir an diugh fhéin. Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, chaochail ceithir fichead ’sa tri anns an ospadal le fiabhrus ’s le gearraich. Tha mi ’n dochas nach fhada gus an ruig sìnn Pretoria, neo gu’n toir seann Chruger suas. Tha sinn a’ faotainn stocainnean, leintean, tombaca, agus moran nithean eile o na càirdean ann an Canada, agus tha sin feumail dhuinn, chionn feumaidh sinn ar tuarasdal a chosg air nithean eile nach urrainn sinn deanamh as an aonais. Tha mi ’faicinn am paipearan Chanada gu bheil sin a’ dol a dh’ fhaighinn tuarasdail o Chanada cuideachd. Tha mi ’n dòchas gu bheil sin fior; cuidichidh e leinn gu math ’nuair a gheibh sinn dhachaidh. Slan leat an dràsda. Cha’n eil fhios ’am nach cluinn sibh an ùine ghoirid gu’m bi sinn air an turus dhachaidh. Faodaidh an cead tighinn latha sam bith.
AONGHUS CAIMBEUL.
7062 Pte., A Co., 1st Canadians,
South Africa, Field Force.
Na Rionnagan.
Tha astar nan rionnagan suidhichte on talamh, agus o aon a cheile, ceart cho iongantach ris an aireamh aca. Tha’n teallsanach, Bessel a’ deanamh dheth gu’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faigse do’n talamh tri fichead muillean mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faigse co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu’n timchioll-san a tha co fad as is gur gann a chi thear idir iad? Tha’n solus a’ gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar a’ ghrian agus an talamh, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Cha’ n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peilear gunna-moir, dh’ aindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu tighinn o’n rionnag ris an abrar Draconis a dh’ ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh ’s nach d’ rainig an solus aca fathast an talamh so, o àm a chruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a tha ’g an stiuireadh ’n an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe!
Cha ’n eil neach air bith nach tug fa near an crios soilleir sin a chithear air oidhche reota, ann an airde nan speur, do’n ainm “An t-slighe bhainneach.” Cha’n eil anns a chrios so, ach miltean agus muilleanan do ghrianaibh a tha air an suidheachadh co teann air a’ cheile ’s gu’m faicear tri mile agus corr diubh ann an leud na gealaich dhe’n t-slighe dhealraich so. Mar so, chithear na rionnagan sin le gloineachaibh, dluth do aon a’ cheile ach an deigh sin uile tha e air a dhearbhadh gu’m bheil muilleanan de mhuilleanaibh mhiltean eatorra! Ghabh na reultairean beachd air buaidh iongantach eile a bhuineas do cuid de na rionnagaibh suidhichte, agus ’s e sin gu’m bheil iad caochlaideach ’n an soileireachd. Chithear iad aig aon am anabarrach dealrach, agus aig am eile, ’s ann air eigin a chithear idir iad. Tha cuid eile dhiubh a chithear gu soilleir re uine shonraichte, agus an deigh sin a theid as an t-sealladh; agus cuid eile a tha ’g an nochdach fein do’n t-sealladh, nach fhacas riamh roimhe. Sea fichead agus cuig bliadhna mu’n d’ rugadh ar slan uighear beannuichte, nochd rionnag shoillseach de’n ghne so i fein nach fhacas riamh roimhe; agus chunncas rionnag eile tri cheud, ceithir fichead agus naoi bliadhna an deigh breith Chriosd, a bha co dealrach ri Bhenus, ach ann an tri seachdainibh chaidh i gu h-iomlan as an t-sealladh! Mar so, tha caochlaidhean ri ’m faicinn ann am feachd nèimh ceart cosmhuil ris gach caochladh a chithear air an talamh. Cha ’n eil ni air bith seasmhach no bunaiteach fo righ-chaithir an De shiorruidh agus neo-chaochlaidich, a tha ’riaghladh os ceann nan uile. Air an talamh tha sinn ’faicinn gu ’m bheil samhradh agus geamhradh a’ tighinn agus a’ falbh—gu ’m bheil luibhean a’ teachd fo blath agus a’ crionadh—gu’m bheil linn a’ greasad linne do’n uaigh, mar a ghreasar tonn le tonn gu traigh, agus mar so, gu ’m bheil “aon ghinealach a’ siubhal agus ginealach eile a’ teachd,” mar dhearbhadh gu’n “teid sgiamh an t-saoghail so seachad.”
Gheibhear ainmean “Iadsan a Phaigh” air taobh eile. Bidh tuilleadh dhiubh anns an ath àireamh.
ThaUnion Blend Teaa’ toirt bàrr ann an neart ’s am blas.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B
C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
[Vol . 8. No. 43. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Thainig fios ’sa mhaduinn an dé (Dior-daoin) gu robh Pretoria, ceanna-bhaile an Transvaal, air a ghlacadh. Ma tha sin fior, tha da bhaile-mor na dùthcha air an glacadh, agus faodar a radh gu bheil an cogadh seachad.
Cha’n eil aon de roinnean Chanada aig nach eil lagh air choireiginn air son riaghailt a chumail air reic stuth làidir. Ach tha iomadh baile agus siorrachd anns na roinnean, anns nach eilear a’ cur nan laghannan a th’ aca air obair, agus am measg nam bailtean sin tha àite gle urramach aig Sidni.
Tha Ruisia an deigh port-guail a ghabhail ann an Corea. Bha sùil aice air an duthaich bhig sin o chionn iomadh bliadhna, agus tha gu leòr dhe’n bharail nach eìl an so ach a’ cheud ghreim a tha i deanamh air an dùthaich, agus gu lean i roimpe gus am bi i fo a riaghladh gu h-iomlan.
Tha sgeul a’ tighinn as an Transvaal gu’n deachaidh fiach seachd ceud gu leth mile dolair ( $750 ,000) de dh’ òr a chur air falbh le riaghladh na dùthcha sin o chionn ghoirid do’n Roinn-Eorpa. Thatar a’ deanamh am mach gu’m b’e Cruger a chuir air falbh e air choinneamh an latha fhliuch a tha e faicinn a tha dh’ fheitheamh air fhéin.
Fhuaireadh àireamh de bhuinn òir air a’ chladach ann an St. Peter’s, o chionn ghoirid, far an robh iad air an tilgeadh le neart nan tonn. Is buinn Fhrangach ris an canar Louis d’Or a th’ annta, agus bha iad air an cùinneadh ’sa bhliadhna l729. Thatar a deanamh a mach nach robh iad air an cur gu feum riamh, ach gu robh an soitheach air an robhas ’gan cur a nall dh’ an dùthaich so air a long-bhristeadh faisg air a chladach.
Tha ’n t-arm Breatunnach a nise air bristeadh a stigh air criochan an Transvaal, agus a dlùthachadh air baile mor Johannesburg. Roimhe so bha an cogadh a’ dol air adhart air fearann Bhreatuinn agus anns anOrange Free State;cha’n eil ach beagan us seachdain o’n chaidh a cheud bhuidheann de na saighdearan dearga thairis air an amhuinn Vaal, crioch deas na dùthcha aig Cruger. Cha ’n urrainn ùine ro mhor a dhol seachad gus an cuirear am blàr a ni a chùis a chur an darna taobh. A reir gach sgeòil tha na Boers fhéin dhe’n bharail sin, oir tha iad a call am misnich gu mor, ’s cha’n eil iad a’ toirt oidhearp sam bith air cur an aghaidh arm Roberts.
Bha Di-luain sa chaidh ’na latha briagha, soilleir, agus fhuair daoine deagh chothrom air dubhradh na gréine fhaicinn. Thòisich e beagan an deigh naodh uairean ’sa mhaduinn, agus bha e thairis mu aon uair deug. Bha an saoghal gu math dorcha fhad ’sa mhair e. Rinn na speuradairean ullachadh mor fa chomhair an latha so. Bha buidhnean dhiubh a’ gabhail seallaidh air a ghrein ann an caochladh chearnan dhe ’n t-saoghal. Ma bha an t-side cho fàbharrach anns gach àite ’sam robh iad ’sa bha i an so, cha ’n eil teagamh againn nach eil iad làn riaraichte leis na chunnaic iad.
Dh’ fheuch càraid ann am Boston ri pòsadh an la roimhe, ach ’nuair a chaidh iad dh’ ionnsuidh an fhir o’n robh an cead, no anlicenseri cheannach, cha toireadh e dhaibh i. Bha ise gle shean agus gle bheairteach, ’s esan òg ’s cho gann de chuid an t-saoghail so ’sa b’ urrainn dha a bhith.
Tha cuideachd a ghuail an deigh an laimhrig a th’ aca ann an Louisburg uidheamachadh le innealan ùra leis an gabh da mhile dheug tunna guail cur air bòrd shoithichean ann an deich uairean obrach. Roimhe so ’se ceithir mile tunna an tomhas bu mhotha ghabhadh lòdadh ’sam uine sin.
Tha Morair Roberts le ’armailt air baile Johannesburg a ruigheachd; am fios mu dheireadh a fhaireadh roimh sgriobhadh, cha robh an t-arm air a dhol a steach dh’ an bhaile, ach tha iad gun teagamh ann roimhe so. Cha do chuir na Boerich dragh mor sam bith air an arm air an t-slighe. Tha e coltach gu bheil iad air am misneach a chall, agus gu bheil iad an impis striochdadh gu buileach.
Tha mu cheithir ceud deug tigh fàs ann am baile Halifacs. Tha moran dhiubh mar sin a chionn gu bheil iad seann-fhasanta, agus moran eile chionn gu bheilear ’gan cumail air son màl ard. Na ’n gabhadh na taighean sin toirt do Shidni, cha bu chrùam nach faighte màl sam bith a dh’ iarrte orra, co-dhiu bhiodh iad seann-fhasanta no nach bitheadh.
Chaidh an t-arm Breatunnach thairis air an amhuinn Vaal air latha beth na Ban-righ’nn. Cha do chuir na Boerich ’nan aghaidh idir. Tha iad a’ teicheadh roimh armailt Robert air a h-uile ceum. Tha iad a teicheadh cho a chluinneamaid gu bheil iad ’ga dheanamh dh’ aon ghnothuch air son na Breatunnaich a ghlacadh ann an ribe mar a rinn iad uair us uair roimhe. Ach teagamh gu bheil “Bobs” a mise air fàs cho seòlta ’s cho carach ri ceannardan nam Boereach fhéin.
Bidh cuimhne aig moran de ’r leughadairean rir a mhort ainmeil a rinneadh ann a “Phoenix Park,” an Eirinn ’sa bhliadhna 1882. Bha ceathrar air fhichead air an glacadh an deigh a mhort, agus bha coignear dhiubh air an crochadh, ’s moran de chàch air an cur dh’ an tigh-obrach. Bha dithis dhiubh sin, Tomas Fitzharris, ris an cante“Skin the Goat”mar fhar-ainm, agus Eosaiph Mullett, air an leigeil m’a sgaoil o chionn ghoirid, an deigh dhaibh a bhi ’nam priosanaich fad sheachd bliadh’n deug. Air an t-serchdain s’a chaidh thainig iad a nall gu New York, ach air dhaibh port a ruigheachd, fhuair iad a mach nach ceadaicheach lagh nan Stàidean dh’ an seòrsa dhol air tir idir, ’s gu feumadh iad a dhol air ais do ’n dùthaich as an d’ thainig iad.
ALBERT HARTY,
Grensaiche,
Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail.
Ri taobh stor D. L. MacFhionghain,
SIDNI, - - C. B.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
SYDNEY CASH STORE.
Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig,
J . C. MILLS, - - - Sidni.
STOR ADAN.
Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh.
H . H. MAGEE.
Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY.
May 3, ’00—1yr.
Tha an drochaid a thatar a togail thairis air an amhuinn St. Lawrence a’ dol a chosg ceithir gu leth muillein dolair. Tha i gu bhi cho àrd os cionn an uisge ’s nach cuir i dragh sam bith air soithchean a bhios a’ gabhail na h-aimhne.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
[Vol . 8. No. 43. p. 6]
Nach d’ Thuirt Mi Riut?
LE DONULL MAC CALAM.
Air a’ chuideachd a bha cruinn ’an tigh Chaluim Bhàin air a cheud là de ’n bhliadhn’ ùr cha robh mòran coslais Nolaig. ’An ait a’ chiùil, ’s an aighear a bhuineadh do ’n là, ’siad gul ’us gruaim ’us tùrsadh a bh’ aca. Bha duil ri trùir ghillean òga a mhuinntir a’ bhaile—Baranribidh—a bha ’g ionnsuchadh na saorsnachd ’an Glasachu, gu bhi leo fad seachdain. An àite sin ’s ann a chuir iad litir uapa ag innseadh gu ’n do ghabh iad anns an arm, agus nach robh iad a tighinn dhachaidh idir.
Cha ’n e sin a bu mhiosa ’s a chùis ach anns an litir gu ’n robh na facail so—“We are all very sorry now. It was while we were in the horrors after a spree we took the Queen’s money; and when we came to our senses it was too late to take it back. ” “Tha coltach,” thuirt Iain Beag, “gur h-e brath a ghabh iad air na ballaich bhochda. Nach ann is còir dhuinn fios chuir air a mhinisteir, agus iarraidh air sgrìobhadh a mach a dh’ fheuchainn am faigh e saor iad? Air do na daoine co-labhairt a bhi aca mu ’n chùis dh’ aontaich iad uile le Iain Beag, agus chuir iad teachdaire air son a mhinisteir—Mr Iain.
Thainig Mr Iain agus ’n uair a leugh e an litir agus a chuir iad f’a chomhair tagradh a dheanadh air son nan gillean ris na cumhachdaich, so mar labhair e riu—“My dear friends, my heart bleeds for you; but at the same time I am bound to say that you are now reaping the reward of your negligence in the up-bringing of these young men. You have neither obeyed my precepts nor followed my example. If I had not forbidden my sons, Archibald and Hector, the companionship of your boys, would they be the ornaments to society they are now? You will be glad to hear that they are coming to-morrow to spend their College vacation with us. Let us all rejoice in them. There is a promise to those who bring np their children in the way they should go. My interference in the matter would only be encouraging evildoing. ”
’Nuair a chaidh Mr Iain dhachaidh dh’ innis e d’a mhnaoi mu ’n chuis agus an fhreagairt a thug e do na daoine. ’Se so a thuirt a bhean ris—“My dear John, I cannot tell you how sorry I am you were so foolish as to say all that. You should have written in the interest of the poor boys.” “I knew, ”deir Mr Iain, “that is what you would say, dear Maggie. But if I had taken yonr advice and allowed our own boys to associate with those of the township would they not now in all human probability be as bad as themselves—a disgrace to the parish. I hope you have their bedrooms aired and everything ready against their coming to-morrow. ”
Bha e air a fhreagairt le gal ’s le eibheach chruaidh. “My dear Maggie” ,ars’ esan, “what is the matter with you? ”Cha b’ urrainn i a fhreagairt, ach chuir i a làmh na pòcaid agus thug i dha an litir so:—
“Glasgow,
“Friday.
“My dear Mater, —Hector and I got tired of learning to be joiners, and as we knew you could not send us any more money, we have joined the regular army. Don’t tell the governor till we sail. Our regiment is ordered to India. We will write you again when we will be off. Don’t break your heart, dear ‘mater’. We may get on in the army all right. —Your affectionate son,
“Archibald. ”
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dce . 8, ’99. —1yr.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Are You Deaf??
All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies,
L. L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
J. D. W. CAIMBEUL.
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
[Vol . 8. No. 43. p. 7]
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Eoghan Mac Eoghan, Maxville , Ont.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont.
An t-Urr. G. Mac Mhuirich, Sonya , Ont.
Iain A. Domhnullach, Bridge End, Ont.
Alastair Mann, Acton , Ont.
Iain Mac-an-t- Saoir, Strathroy , Ont.
Iain Mathanach, Armon , Ont.
Iain Mac Artair, Beaverton , Ont.
An Sar-Urramach Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ont.
Aonghas MacFhearghais, Pt . Hamond, B. C.
Domhull Mac Ille-mhaoil, Fernie , B. C.
Domhull mac Neacail, Wellington , B. C.
R. A. Domhnullach, Harbor -au-Bouche, N. S.
Aonghas Sutharlan, Elmfield , N. S.
An t-Urr Iain I. Siosal, Pictou , N. S.
Aonghas Caimbeul, Allt an Dotair, N. S.
Iain M. Domhnullach, Stellarton , N. S.
A. A. Mac Gille-bhrnth, Dunmaglas, N. S.
Iain Moraidh, Pleasant Valley, N. S.
C. H. MacGille-mhaoil Eilean Coille, E. P. I.
Mor Nic-a- Mhunna, Eilean Coille, E. P. I.
Antoni Buchanan, Eilean Coille, E. P. I.
Alasdair Mac Mhuirich, Red Jacket, Assa.
Fionnlahd Mac-an-Toisich, Red Jacket, Assa.
Aonghas E. Moireastan, Marrisboro , Assa.
Padruig Mac-an-t- Saoir, St . Andrew, Assa.
Gilleasbuig Mac Fhionghain, Uidhist, Alba.
Iain Domhnullach, Uidhist, Alba.
Raibeart Turnbull, Bourke , N. S. Wales.
Mairi A. Mhoireastan, Boston , Mass.
A. Domhnullach, Newton Center, Mass.
An t-Urr. U. Moireastan, Graniteville , Vt.
Niall D. Mac Iomhair, Graniteville , Vt.
R. A. Robertson, Detroit , Mich.
Aonghas Mac Leoid, New York.
J. L. Lister, Tacoma , Wash.
Martuinn Mac-a- Phearsain, Cleone , Cala.
I. S. Ros, Casper , Cala.
Iain D. Domhnullach, Salamanca , N. Y.
Padruig MacGilleain, Cul Eilean Xmas, C. B.
An t-Urr I. I. Mac Neill, Iona,
A. R. MacNeacail, Barrachois Harbor.
Alasdair Mac Amhlaidh, Milton .
Iain A. Mac Isaic, Sydney Mines.
Tormod Gillios, Beinn Bhreagh.
R. N. MacGilleain, Cul na h-aimhne Duibhe.
P. A. Domhnullach, Sidni.
M. I. Mac Neill, Sidni.
D. A. Mac Leoid, Sidni.
Iain Gillios, Sidni.
D. M. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie.
Aonghas MacGilleain, Augerville .
D. Domhnullach, Beann nan Sgitheanach.
Iain A. Domhnullach, Gleann-garaidh.
Iain S. Mac Neill, Xmas Islakd.
M. R. Johnstone, an Pon Mor.
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira.
Mairi B. Nic a Bhiocair, Enon .
Cha ’n eil àit’ anns am bheil daoine coinneachadh ’s na làithean so nach eil an còmhradh air an aon nì—An Cogadh—agus cha tig e dhuinne gun ghuth a thoirt do ar fairichduin d’ a thaobh. Tha sinn a deanadh caoidh air son nan gillean caomh, a dh’ fhalbh uainn an treun an neart, ’s tha ’n duigh air am fàgail air raointean agus monadhan Africa nan cobhartach do eunlach na speur agus fiadh bheathaichean na talmhain. “Ciamar a thuit na cumhachdaidh agus a tha na h-ionalan cogaidh air am briseadh air na h-ionadan àrda.” Tha sinn a deanadh gàirdeachas ann an treunachd ar bràithrean, a tha air an gairm gu seasadh n’ ar ’n àite, ’s a tha dìleas gu bàs. Tha sinn a guidhe gu ’n greas Dia an là anns an cuir e a rìs Aingeal o Néamh gu bhi g radh— “Sith air thlamh agus deadh-ghean do dhaoine.”
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Men often dress in bad taste without knowing it.
If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed.
Shorey’s
4 Button Sack
Kilmarnoc Tweed Suits,
Retail at $12 .00.
They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20 .00.
Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular.
Not made to order, but made to fit.
[Vol . 8. No. 43. p. 8]
An Te a Chaill a Ghaidhlig.
Bha duin’ og a mhuinntir a Chladaich-a- Tuath air an rathad a tighinn dachaidh as na Staidean an Iar bho chiunn beagan bhliadbnaichean, agus air a thuras thachair air ann am Boston bana-choimhearsnach dha air an robh e eolach man dh’fhalbh e, agus air dha Gaidhlig a bhruidhinn rithe ’sann a fhreagair i ’s a Bheurl ’e. Nuair a thainig e dhachaidh rinn e ’n t-oran so:—
Bha mi lath’ air mo leabaidh—
Chan ann am chadal a bha mi;
’Siomadh rud a bh’ air m’aire
Ged nach aithris mi ’n drasd iad,
Gus an cuala mi’n comhradh
An cul na comala ’sa Ghaidhlig,
’S ann a mionaid na h-uarach
Bha mo chluas ris a sgaineadh
’S mi aig an sgar.
Bha mi ’sin ann am aonar
’S mi gu bronach air m’aineoil,
Gun do smaointich mi sraid
A ghabhail sios feagh a bhaile;
Mi ri smaointinnean bronach
An iomadh doigh nach gabh aithris
’S mi ri cumha na h-iugh’naig
Te na miog-shuilean meallach
A rinn mo bhrath.
Sin ’nuair chunna’ mi Ruarai
’S e bhuam fad mo sheallaidh,
’S e tighinn na m’ chomhail
Le te cho boidheach ri aingeal;
Cha robh faillinn na h-aogasg
’S bha ’cuid aodaich ’san fhasan
Bha seudan gu boisgeant,
Air a mhaighdinn a lasadh
A chuile car.
Gun do sheas mi le ioghnadh
’S mi ri smaointinnean tamuil
C’ait ’an d’fhuair e riamh eolas
Air te cho boidheach ’s cho beartach;
Nuair a tharruinn mi dluth riuth;
Mar d’rinn mo shuilean mo mhealladh,
Se bh’ann te ’mhuinntir mo dhuthcha
’Chaidh ’thogail dluth air tigh m’athar
Air thighinn a’ mach.
Labhair mise gu cairdeil,
“Ciamar ’tha thu shean leannain;”
Gun do shin mi mo lamh dhi,
’S thuirt mi“ ’ghraidh dean a crathadh!
A bheil thu gu math ann ad’ shlainte
Na bheil thu tamh aig a bhaile?—
Ciamar ’tha d’athair ’s do mhathair
Na ’bheil mo chairdeansa fallainn
’S a chuile neach?”
Fhreagair ise gu moiteil—
“You’re a Scotchman I reckon!—
I don’t know your Gallic—
Praps you are from Cape Breton;—
And I guess you’re a fa’mah—
You’re too sassy for better!—
So I will not shake hands,
And I’d rather at present.
Be going off. ”
Las mo ghruaidhean le tamailt
’S ghluais m’ardan le caise,—
A thaobh cinneadh mo mhathar
Cha robh arach air agam,—
’S bhon ’si fhein ’bha gun naire
Thainig cail gu mo theanga,
’S thuirt mi rithe ’sa Ghaidhlig,
Gun ghuth ard gun droch fhacal,
Thuirt mi so:
“An cuimhneach leatsa nuair bha sinn
Na’r paisdean le cheile—
Mise a’s briogais bheag chlo orm,
’S droch bhrogan ga reir sin,
’S tus’ le d’ chota beag drogaid
Air a ghrobadh ri cheile?—
Sin nuair ’bha thusa boidheach
Man d’ mhill a phrois do dheagh bheusan
Mo chailinn geal.
“Bhidh’maid tric feadh na loinntean
Cha robh bron air ar n-aire;
’Se bh’ann samhradh ar n-oige—
’S truagh, ochoin! nach do mhair e!
Cha robh dhith ort dheth’n t-saoghal
Ach mise daonnan bhi mar riut,
’S tu le d’ dhubhan beag prine
’Falbh gu stigeach ’san abhuinn
A marbhadh bhreac!
“Nuair a bha thu na d’ nigh’naig
Bha thu finealta, barrail;
Cha robh meang ort ri fhaotainn
A thaobh aodaich no cais’eart;
Gur a mor ’thug mi speis dhut,
’S cha robh mi fhein ga do mhealladh;
’S tric a bha mi ga d’ phogadh
An cul a’ stobh an tigh d’athar
’S cha d’thuirt thu ‘stad.’
“Ach a nis dh’fhalbh an uair sin
’S dh’fhas thu suarach ma m’ dheidhinn,
Bho na dh’fhas thu ad’ mhnaoi uasail
’S a thug thu duthaich dhut fhein ort;
Ged ’bha mise ri stri riut
Cha d’thug mi m’inntin gu leir dhut;
’Sann ’tha cruinneag mo ghraidhsa
Ri taladh na feadal
Am Breatuinn Bheag.
“ ’S tigh Iainn-Ghrota gu siorruidh,
’S iomadh miothlachd as mollachd,
Dhut fhein ’s dha do sheorsa
Dh’fhas cho proiseil ’s cho spaideil!
’Nuair a thig sibh an tubhsa
Bidh deis’ ur oirbh a’s bonaid,
Theid a Ghaidhlig air chuil
’S theid ar cunntas na’r Geancaich—
A chinn nan creach!”
Fhuair mi ’chuid mhor dhe’n oran so bho Ghilleasbuig Caimbeal, mac Dhiarmaid, ann am Baddeck—fear aig a’ bheil moran do dh’orain mhatha, —agus thug mi-fhein leasachadh beag air—airneo mhill mi e, ’s b’olc an airidh sin.
RIDIRE NAN SPLEAGH.
Cul a Bhaile, Latha Bealltainn, 1900.
Mo Run geal dileas.
Is truagh nach robh mi an riochd an faoilinn
A shnamhadh aotram air bharr nan tonn;
Is bheirinn sgriobag do’n eilean Ileach,
Far bheil an ribhinn dh’fhag m’inntinn trom.
LUINNEAG:
Mo run geal dileas, dileas, dileas,
Mo run geal dileas nach till thu nall?
Cha till mi fein leat, a ghaoil, cha’n fhaod mi,
’S ann tha mo ghaol sa ’na laidhe tinn.
Is truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile
Air mullach shleibhte nam beanntan mor,
’S gun bhi ’gar n-eisdeachd ach eoin an t-sleibhe,
’S gu’n tugainn fhein di na ceudan pog,
Thug mi corr agus naoi miosan
Anns na h-Innsean a b’fhaide thall,
’S bean boichead t’aodainn cha robh ri fhaotainn;
’S ged gheibhinn saoghal cha’n fhanainn ann.
Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte
Gun duil rium oidhche gu’m bithinn beo;
B’e fath mo smaointean a la ’s a dh’oidhche,
Gu’m faighinn faochadh ’us tu bhi ’m choir.
Cha bhi mi strith ris a’ chraoibh nach lub leam
Ged chinneadh ubhlan air bharr gach geig.
Mo shoraidh slan leat ma rinn thu m’ fhagail,
Cha d’thainig traidh gun mhuir lan ’na deigh.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
MA THA THU AIR SON
CARBAD FASANTA
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aigF . FALCONER & SON: —Buggies, Phætons, Expresses,agusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,
Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
’GAN CREIC SAOR.
title | Issue 43 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 43. %p |
parent text | Volume 8 |