[Vol . 8. No. 44. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 8, 1900. No. 44.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XIX.
An uair a dh’ éirich iad ’s a’ mhadainn, agus a thug iad tàing do Dhia air son fois is tàmh na h-oidhche, agus a ghuidh iad gu dùrachdach gu ’n gleidheadh e iad o gach cunnart, chaidh iad air feadh na coilte a chruinneachadh mheasan. An ceann beagan ùine chaidh iad cuairt timchioll a’ chladaich feuch ciod a chitheadh iad, agus a chur seachad na h-ùine; oir, o ’n a chuir iad rompa nach deanadh iad car sam bith saor o obair na h-éiginn, bha fhios aca gu ’m fairicheadh iad an latha glé fhada. Ged a bha iad cho taingeil ’s bu choltach dhaibh a bhith anns an t-suidheachadh ’s an robh iad, bha iad le chéile glé shàmhach. Bha iad ag imeachd air an aghart taobh ri taobh, agus cha robh ach gann facal comhraidh eatorra. Bha’n gunna aig Callum, oir bha iad a’ creidsinn nach robh e sàbhailte dhaibh ceum a dheanamh as aonais.
Lean iad rompa ceum air cheum, agus ged a bha iad a’ gabhail beachd air iomadh ni a bha ’tachairt riutha, cha robh nì sam bith comasach air an aire ’thogail bhar an t-suidheachaidh anns an robh iad. B’ e so a’ cheud uair bha iad riamh ’nan aonar air latha ’n Tighearna, agus ni a bha nàdarra gu leor, bha ’n cianalas orra.
Bha smaointeanan Dhomhuill gu tric air an àm a dh’ fhalbh. Bha ’n dòigh air am biodh ’athair agus a mhàthair a’ cur seachad latha ’n Tighearna a’ tighinn as ùr gu ’chuimhne, agus a’ dùsgadh smaointeanan muladach ’na chridhe ’s ’na inntinn. Anns na làithean a dh’ fhalbh, bha latha ’n Tighearna ’na latha cùingeil leis, oir cha ’n fhaodadh e a dhol a chluichd air na cnuic comhladh ri ’choimhaoisean mar bu mhiann leis. Ged a bha e umhail gu leòr dha phàrantan, cha robh mòran tlachd aige ann a bhith fo stamhnadh air latha ’n Tighearna. Ach ged a bha e ’g ionndrainn mòran nithean ris an robh e cleachdte ’na òige, cha robh ni ann a bha e ’g ionndrainn an lath’ ud anns an eilean fhàsail, uaigneach, cho mòr ri cothrom air a dhol do ’n taigh aoraidh mar bu ghnàth leis fhad ’s a bha e fo chùram ,athar ’s a mhàthar. Dh’ fhalbh na làithean ud, agus cha robh dùil ri iad a thilleadh gu bràth. Mar is trice, is ann an uair a chailleas daoine cothroman is tròcairean luachmhor a thig iad gu bhith ’faicinn cho amaideach ’s a bha iad an uair nach d’ rinn iad feum math dhiubh.
Ged a bha Callum trom-inntinneach gu leòr, agus ag ionndrainn iomadh nì ris an robh e cleachdte ’s an àm a dh’ fhalbh, cha robh ionndrainn sam bhith aige an lath’ ud air cuideachd no air comunn dhaoine a bha ’g aideachadh na diadhachd. Is e comunn nan daoine air an robh e eòlach air bòrd ua luinge an nì bu mhò a bha e gionndrainn.
O ’n a bha na smaointeanan so a’ greimeachadh cho làidir air na h-inntinnean aca le chéile, cha robh guth aca car ùine air biadh no air deoch, ged nach d’ith iad ach fìor bheagan dhe na measan a chruinnich iad.
Bha Domhull ag iarraidh tilleadh air ais a dh’ ionnsuidh na bothaig, ach b’ fhearr le Callum iad a leantuinn rompa car ùine. Cha deachaidh iad fad’ air an aghart an uair a thug iad an aire do ’n t-seòl a bha sgaoilte thairis air na nithean a chuir sgiobair na luinge air tìr air an son. Cho luath ’s a thug iad an aire dha sheas iad far an robh iad; oir bha iad a’ smaointean gur e bùth a bh’ ann a rinn daoine a bha ’fuireach anns an eilean mar a bha iad fhein. Ach ghrad thuig iad gu ’m feumaidh gur e daoine nach buineadh do ’n eilean aig an robh seòl thairis orra, agus ghabh iad minseach gus a dhol air aghart far an robh an seòl.
Cha deachaidh iad fad air aghart an uair a chunnaic iad gur e bh’ ann seòl a bha sgaoilte thairis air nì éiginn. Cha b’ urrainn daibh a smaointean ciod a bhiodh ann; oir cha do bhuail e riamh ’s a’ cheann aca gu ’n robh uiread de shùim ’s de chùram aig an sgiobair dhiubh ’s gu ’n cuireadh e ni sam bith gu tìr dhaibh mu ’n d’ fhalbh e.
An uair a ràinig iad ’s a thog iad an seòl, bha ioghnadh is toileachadh orra nach gabh innseadh. Ann am beagan ùine bha fios aca air a h-uile ni bha fo ’n t-seòl, ach litir an sgiobair.
“Nach dubhairt mi riut an dé,” arsa Domhull, “gu ’n robh cùram aig Dia dhinn? Cha robh thu ’g am chreidsinn, ach tha thu nis a’ faicinn gur e mise bha ceart.”
“Bha cùram aig an sgiobair chòir dhinn co dhiubh,” arsa Callum. “Nach coma dhuinne co aige bha cùram dhinne o ’n a chuir am fortan so ’nar rathad. Cha robh mi mionaid riamh dhe mo bheatha cho toilichte ’s a tha mi ’n dràsta.”
“A nis, a Challum, éisd thusa riumsa tiotan beag. Nach ’eil fhios agad gur e Dia a chuir ann an cridhe an sgiobair na nithean so a chur gu tir dhuinn? Is e Dia a tha ’cur a h-uile smaointean mhath ann an cridheachan dhaone. Tha daoine ann, gun teagamh sam bith, a tha glé chaoimhneil gu nadarra, ged a dh’ fhaodas iad a bhith glé aineolach air Dia. Agus, a Challum, is tu fhein fear dhìubh. Gus an dé, an uair a dh’ innis thu fhein dhomh e, cha robh fhios agam gu ’n robh thu cho fìor aineolach air Dia ’s air fhacal ’s a tha thu. Ach air a shon sin bha thu glé chaoimhneil riumsa o ’n a’ cheud latha ’thachair sinn ri ’chéile. Agus cuimhnich gur e Dia a chruthaich thu, agus gur e a chuir an caoimhneas ’na do chridhe mar a chuir e eanachainn ’na d’ cheann, agus smear ’na d’ chnàmhan.”
“Is math a ni thu searmon, a Dhonhuill. Is mòr am beud nach d’ rinneadh ministear dhiot; ach tha thu òg gu leòr fhathast. Agus ma leanas tu romhad mar a tha thu, tha e neònach leamsa mur bi thu ’na do mhinistear mu ’m faigh thu bàs.”
“B’ fhearr gu ’m b’ fhior d’ fhiosachd, a Challum; ach aig Dia tha fhios ciod a thachras dhomhsa ’s dhutsa mu ’m faigh sinn bàs. Ach so mar a bhitheas an dràsta co dhiubh. Tha ’m Biobull a thug an sgiobair dhomh anns a’ chiste, agus ged nach dean mise searmon feuchaidh mi ri aoradh a dheanamh cho math ’s is aithne dhomh. Bhòidich mi ’s a’ mhadainn an diugh gu ’n tugainn mi fhein suas do Dhia, agus tha mi suidhichte, le cuideachadh Dhe, gu ’n dean mi mar a bhòidich mi.”
Am feadh ’s a bha ’n còmhradh so a’ dol air aghart eadar Domhull is Callum, bha iad gu trang a’ dol air feadh nan nithean a bha fo ’n t-seòl. Dh’ fhosgail Domhull a’ chiste, agus cha bu luaithe a fhuair e am Biobull na thuirt e ri Callum, “Mu ’n teid sinn na ’s fhaide air aghart, ni sinn aoradh do Dhia.”
Cha dubhairt Callum am math no ’n t-olc; oir ged nach robh dad aige an aghaidh teannadh ri aoradh aig an àm, b’ fhearr leis gu mòr teannadh ri gabhail rud dhe ’n bhiadh mhath a fhuair iad fo ’n t-seòl.
An uair a dh’ fhosgail Domhull am Biobull, cha robh fhios aige gu ro mhath cia mar a rachadh e ann an ceann an aoraidh. Cha d’ rinn e aoradh riamh roimhe, agus mur b’ e an suidheachadh anns an robh e aig an àm, cha smaoinicheadh e air gnothach a ghabhail ri aoradh. Ach o ’n latha ’dh’ fhàgadh air tìr ’san eilean e, cha robh na nithean a chunnaic ’s a chual’ e aig athair ach gann a’ dol bhar na h-inntinn aige. Agus dhrùigh na nithean so gu mòr air.
Bha e ’tionndadh nan duilleagan ’s gun fhios aige cia mar a thoisicheadh e. Fhuair e oisinn duilleig lùbte aig a’ chòigeamh caibidil dhe ’n t-soisgeul a réir Mhata, agus an uair a sheall e aig toiseach na caibidil, chunnaic e na briathran so, “An searmon air a’ bheinn.” Ghrad bhuail e anns an intinn aige gu ’m bu chòir dha an searmon so a leughadh. Leugh e e gu socrach, pongail, agus an uair a chuir e crioch air an leughadh, thionndaidh e duilleag an deigh duilleig dhe na Sailm gus mu dheireadh an d’ rainig e na laoidhean. Bha comharradh air a chur le peann aig toiseach na dara laoidh, agus tharruinn so aire g’ a h-ionnsuidh, agus cha bu luaithe sheall e gu math oirre na chuimhnich e gu ’m bu tric le ’athair a bhith ’g a seinn. Sheinneadh e fhein glé mhath an uair a bha athair beo; ach o ’n latha ’laidh ’athair air leabaidh a bhais, cha do sheinn e, ach gann, aon salm.
Bha ’n laoidh anabarrach freagarrach air an cor le cheile aig an àm. Ged nach robh ’ga seinn ach an aon ghuth, oir cha b’ aithne do Challum aon fhacal a sheinn—chluinnteadh air astar fada an guth sin fhein, gu h-àraidh o ’n a bha ’n latha ciùin, briagha, agus an t-àite fasail. Cha bhiodh e mi-iomchuidh a cur sìos an so, a chum gu ’m faic sinn cho fìor fhreagarrach ’s a bha i air an suidheachadh le cheil:—
Dhe Bheteil! le d’ laimh thoirbheartaich,
’S tu bheathaich d’ Isra’l fein;
’S a threoraich feadh an turuis sgith,
Ar sinnsearan gu leir.
Ar boid ’s ar n-urnuigh nis a ta
Aig lath ’r do chathair ghrais;
Bi leinn, O Dhe ar n-athraichean,
’S na diobair sinn gu brath.
Tre cheumaibh dorch’ ar beatha ’n so,
O treoraich thusa sinn;
O la gu la ar teachd-an-tir
’S ar n-eideadh cuirp thoir dhuinn.
[Vol . 8. No. 44. p. 2]
Fo sgail do sgeith, O dean ar dion
Gu crich ar seachrain sgith,
Is thoir do ’r n-anamaibh fois fadheoidh
A’ d’ chomhnuidh shuas an sith.
Na tiodhlacan so, Dhe nan gras,
Thoir dhuinn o d’ laimh gu fial;
’S a nis, ’s o so am mach gu brath,
Is tu a ghnath ar Dia.
Ged nach robh Callum comasach air seinn a dheanamh, bha e comasach gu leòr air na deoir a shileadh gu frasach. An uair a bha ’n t-seinn seachad, lub iad le chéile an glùinean far an robh iad, agus ged nach cuala an dara fear ùrnuigh an fhir eile, chuala Dia iad. Is cinnteach nach robh briathran glé òrdail, ach bha na h-ùrnuighean gun teagamh sam bith dùrachdach gu leòr. Cha’n ann air fileantachd ’s air òrdugh na h-ùrnuigh a tha Dia ag amhare idir, ach air miann agus air durachd a’ chridhe. An uair a tha ’n cridhe làn, co dhiubh is ann le bròn no le aoibhneas, tha ’n t-iarrtus agus an taingealachd a tha ’n t-anam a’ faireachadh gu tric air an dòrtadh am mach an làthair Dhe ann an ùrnuigh dhiomhair, agus ann an osnaibh do-labhairt.
(Ri leantuinn.)
Seoras IV.
Goirid an déigh do Sheoras IV. tighinn thun na caithreach fhuaradh a mach comhfheall eagalach a bha ga h-ullachadh le buidhinn de dhaoine dàn’ am baile Lunninn, aig an robh fear Thistlewood ’na cheann-iùil. ’S e bha iad a’ gealltuinn doibh fhein gu marbhadh iad uile mhinisteirean an righ an uair a bhiodh iad cruinn aig dìnneir ’an àit’ àraidh; gu’n cuireadh iad Lunninn ri thein’ ’an caochladh àitibh aig an aon àm, ’s gu’n gabhadh iad féin sealbh air an tighearnas. Ach bhrathadh iad le neach éigin, ’s chaidh an glacadh an dearbh oidhch’ a bha dùil ac’ an t-olc a dheanamh. Chrochadh cuigear dhiubh. Mu ’n cuairt do’n àm so dh’ éirich buidheann bheag eile, mu leth-cheud ’an àireamh, ’an ceannairc ann an Cill-Saoidh ’an taobh ’s iar Alba. Bha iad armaichte le spealaibh ’s le dagaichibh. Chaidh an sgapadh leis an arm dhearg, ’s naoi deug dhiubh a ghlacadh, dheth ’n robh dithis air an crochadh, ’s an còrr air an cur do dhùchaibh céin, mar chiomaich. An uair a chual’ a’ bhan-phrionnsa, Carolin, gu ’n tàinig a fear-pòsda thun na caithreach, thàinig i nall as an Eadailt, far an robh i air chuairt o cheann iomadh bliadhna, ’s thagair i bhi air a h-ardachadh gu inbhe ban-righ Bhreatuinn. Cha robh an righ no chuid mhinisteirean deònach sin a leigeadh air aghart. Thug iad oidhirp air Reachd a dhaingneachadh ’an Tigh na Morairean ’na h-aghaidh, a’ dearbhadh gu’n robh i neo-dhìleas d a’ fear-pòsda. Ach bha sluagh na rioghachd co mòr air an gluasad leis an fhòirneirt a rinneadh oirre ré ùine co fada, ’s gu’m b’ éigin a’ chùis-dhìtidh a leigeadh fa làr. ’Nuair a bha’n righ ga chrùnadh air an naoidheamh là deug de threas mios an t-samhraidh, 1821, dh’ iarr a bhan-righ cothrom a dhol a steach a dh’ fhaicinn a’ chrùnaidh. Ach cha d’ fhuair i eadhon an cothrom sin. Bhàsaich i tri seachduinean an déigh sin, mar tha cuid ag ràdh, leis a’ bhriseadh cridhe. Goirid an déigh a chrùnaidh, chaidh an righ cuairt do Eirinn, ’s an ath mhìos do Hanobhar, rioghachd a shìnnsir. Air a’ chuigeamh là deug de cheud mhìos an fhoghair, 1822, thàinig an righ do Alba, rioghachd air nach do chuireadh an t-urram sin o àm na Righchuairt. Dh’ fhan e’n Alba gus an t-seachdamh là fichead dhe’n mhios. Bha e ’caitheamh na h-ùine sin am fleadhachas còmhladh ri àrd-mhaithibh na tìre.
Bha’n dà bhliadhn’ ’an déigh so, neo-àbhaisteach soirbheachail a thaobh malairt air feadh Bhreatuinn uile. Bha ’n t-airgiod anabarrach pailt. Thòisich daoin’ a’ toirt ’an iasachd do gach Stàite ’s an Roinn-Eorpa ’s an America. Thòisich cuideachda, no Luchd-pàirt, ag éiridh anns gach ceàrna. Ach bha mòran a’ mealladh ’s a’ caradh a’ chéile, ’s bha na gnothuichean air an robh iad a’ tòiseachadh a’ dol ’n an aghaidh. ’S e bun a bh’ ann, ’an ceann bliadhna no dhà thòisich na comunnan a’ seargadh ’s a briseadh o chéile cho cabhagach ’s a bha iad a’ dol cuideachd. ’S an dà bhliadhna, 1825-6, bhris iomadh Banc air feadh Bhreatuinn, ’s moran de na comunnan ud a chuireadh suas air son malairt a’ chur air aghart ’an caochladh àitibh de’n rioghachd. Thug na nithe sin air mòran cheannaichean briseadh, agus sgaoil an call a measg gach inbhe sluaigh. Ach le misneachadh fhaotainn o Bhanc Shasuinn, bha creideas a lion cuid ’us cuid air aiseag a measg luchd malairt.
Bha ministeirean a’ chrùin ag atharrachadh mu’n àm so co tric ’s ged a bha iomadh lagh feumail air an deanamh leò, nach biodh e gle thaitneach a bhi ga ’n ainmeachadh uile. ’An toiseach na bliadhna 1828, thainig Diùc Uelington gu bhi ’na Prìomhair. Bha Mr. Peel (an déigh sin Sir Raibeart), a measg a chomh luchd dreuchd. Goirid roimhe sin, ’am meadhon an t-samhraidh 1827, sheulaicheadh còrdadh ’an Lunninn eadar ministeiribh Bhreatuinn, ’s na Frainge, ’s Rusia air son stad a chur air a’ chogadh fhuilteach a bh’ eadar an Turcach, agus na Greugaich a bh’ air éiridh ’na aghaidh gus a chuing a thilgeadh dhiùbh. Agus air an fhicheadamh là de threas mìos an fhoghair sgrios càbhlaichean aonaichte nan trì rioghachdan sin an càbhlach Turcach ann am Camus Nabharìno. Anns a’ bhliadhna 1830 fhuair na Greugaich an saorsainn o chuing an Turcaich. Tha iad o’n uair sin ’n an rioghachd air leth leò féin. ’S e ni araidh air son a bheil tighearnas Uelingtoin ainmeil, gu ’n d’ rinneadh dà lagh ro fheumail ri linn e bhi air ceann an tighearnais. B’e ’n ceud aon diubh atharrachadh a dheanamh air an Reachd a rinneadh ri linn Theàrlaich II. a reir nach feudadh duine sam bith a bhi air a ghabhail a steach do dhreuchd fhollaisich gun e ghabhail na sàcramaid a réir riaghailtean na h-eaglais stéidhicht’ ann an Alba ’s an Sasunn. Bha so a’ cumail a mach as gach dreuchd fhollaisich ’s an dà rìoghachd mòran de dhaoine saibhir, comasach, ni a bha ’g aobharachadh mòran nì-thoileachaidh a measg an t-sluaigh. Chaidh an lagh atharrachadh aig an àm so, air sheòl ’s gu’m feudadh duin’ uasal sam bith a bhi air a ghabhail a steach do dhreuchd fhollaisich gun a chreud atharrachadh. Chaidh lagh ’eil atharrachadh ’am fàbhar nam Caitliceach. Cha ’n fheudadh aon diùbhsan roimhe so o àm na Rìghchuairt dreuchd fhollaiseach sam bith fhaotainn ’s an rioghachd. Ach bha na Caitlicich aig an àm so, gu h-àraidh ’an Eirinn, air tighinn gu buaireas mòr air son an leth-bhreth a bha air a deanamh orra. Bha fear Daniel O’Connel ’na churaidh aca, gu bhi tagairt an cùisean feadh Shasuinn. Anns a’ bhliadhna 1829 thug ministeirean a chrùin Bil a steach do’n Phàrlamaid air son an lagh so atharrachadh air sheòl ’s gu’m feudadh Caitliceach sam bith a bhi ’na fhear-dreuchd le e mhionnachadh gu ’m biodh e dìleas do’n righ, ’s aideachadh nach ’eil tighearnas aimsireil aig Pàpa no aig neach sam bith eile ’s an rìoghachd so, ach luchd riaghlaidh dligheach na rìoghachd féin. Air an treas la deug de mhìos meadhonach an earraich chuireadh an Seula Rìoghail ris an Achd sin; agus o’n uair sin tha na Caitlicich a’ faotainn nan aon chòraichean ri ìochdarain eile na rioghachd. Chaochail Seòras IV. air an t-seathamh là fichead de mhìos meadhonach an t-samhraidh 1830, ’s an ochdamh bliadhna thar an trì fichead de ’aois, agus thàinig a bhràthair a b’ fhaisge, Diùc Chlarens, thun na caithreach, fo’n tiodal, Uilleam IV.
UILLEAM IV.
Mu’n cuairt do mhìos ’an déigh do rìgh Uilleam tighinn thun na caithreach thachair Rìghchuairt eile ’s an Fhraing a chuir buaireas mòr air na Breatunnaich. Chuireadh air falbh o’n chaithir Teàrlach X., bràthair Luthais XVIII., a mheur bu shine de’n teaghlach rìoghail, ’s thugadh a steach Diùc Orleans, meur a b’ òig’ an teaghlaich fo’n tiodal, Luthais Philip, Rìgh nam Frangach. Bha gluasad mòr roimhe sud a measg nam Breatunnach, ag iarraidh co-shuidheachadh na rìoghachd a dheanamh ni b’ fharsuinge, air sheòl ’s gu ’m biodh guth aig cuid mhaith ann an roghnachadh Buill Pàrlamaid, aig nach robh fathast còir air sin. Roimhe sud bha mòran de Bhuill na Pàrlamaid air an cur a stigh le seana Bhuirgh, anns nach robh ach tearc de luchd àiteachaidh, an uair a bha Buirgh ùr air éiridh suas anns an robh mòran luchd àiteachaidh, aig nach robh còir idir air Ball a chur a steach. Mar bu trice ’s ann do theaghlaichibh nam Morairean a bhuineadh na Buirgh ud, no ’m fearann air an robh iad, ’s gheibheadh iad an càirdean féin air an cur a stigh; ’s theirteadh Buirgh Pòcaid riu air son sin. Bha iad ag iarraidh co-cheartas ’s an t-seadh so. Agus ni eil’ a bha iad ag iarraidh atharrachadh, gu’m biodhVoteaig cuid do nach buineadh sin roimhe, a thaobh lughad an cur a stigh; cuid ag iarraidh an cur a stigh a bhi ’n t-suim so, ’s cuid an t-suim ud eile, mu’m faigheadh iadVote .Thug Morair Iain Rusel Bil a steach do’n Phàrlamaid air son an co-shuidheachadh a leasachadh a reir nan nithe so. Ach bha’n àireamh bu mhò ’na aghaidh, agus sgaoil an righ a’ Phàrlamaid, ’s roghnaicheadh Pàrlamaid nuadh aig àm ris am feudtadh da rìreadh àm carraideach a ràdh. Bha’n àireamh bu mho de’n Phàrlamaid sin air taobh a’ Bhil; ach bha mòran de Thigh nam Morairean ’na aghaidh, ’s b’ éigin tuilleadh Mhòrairean a dheanamh mu ’n d’ fhuaradh troimh ’n Tigh-san e. Thàinig a’ chuid dheth a bhuineadh do Shasunn gu bhi ’na lagh air an t-seachdamh là de mhios meadhonach an t-samhraidh, 1832, agus a chuid deth a bhuineadh do Alba ’s do Eirinn air an dà mhìos ’an déigh sin. Thug an lagh so a bhi air a dhaingneachadh mòr shìth do ’n rìoghachd aig an àm; ach bha mòran de na h-àrd-uaislibh ’na aghaidh. Bha ’n reachd so a’ toirtVoteair son Ball Pàrlamaid a roghnachadh do gach Albannach a bha pàigheadh lethcheud Punnd Sasunnach de mhàl tigh ann am baile mòr, no ma’s sealbhadair e air tigh ann am baile mòr is fhiach deich Puinnd Shasunnach ’s a’ bhliadhna. Tha ’chuid de ’n lagh a bhuineas do Shasunn ’s do Eirinn faisg air a bhi coslach ri so.
Anns a’ bhliadhna 1834 dhaingnich a’ Phàrlamaid Reachd leis an robh na Daoine Dubha ’bha ’nan tràillibh ’s na h-Innsibh a’s iar air an cur gu brath saor o fhòirneart ’us ain-tighearnas an luchd-sàrachaidh. Bha ’n Reachd maith so gu bhi air a chur ’an gniomh o’n cheud la de cheud mhìos an fhoghair. Ach ’an àite na Daoine Dubh’ a’ leigeadh air an gurt féin, gun neach a’ sealltuinn as an déigh, bha ’n t-Achd a’ solarachadh gu’m feumadh gach aon diubh fantuinn còmhladh ’ri ’mhaighstir, mar fhòghluide ré thrì no cheithir bliadhna, agus a bhi ’n ceann seirbhis dà fhichead uair ’s a cuig de thìm ’s an t-seachduin. A chum ’s nach fuilingeadh neach sam bith air son an Achd oirdheasaich ud a bhi air a dhaingneachadh dh’ aontaich a’ Phàrlamaid ri fichead muillean Punnd Sas-
[Vol . 8. No. 44. p. 3]
unnach a’ phàigheadh do no maighistiribh air son an saorsainn a thoirt do na tràillibh.
Air a’ bhliadhna 1835 bha aire na Pàrlamaid gu mòr air a togail le gnothuichibh Eirinn, gu h-àraidh staid na h-eaglais Shuidhichte ’s an tìr sin. Ach an déigh mòran deasboireachd ’us connsachaidh dh’ fhàg iad nithe dìreach mar bha iad roimhe. Anns an ath bhliadhna rinn a’ Phàrlamaid caochladh Achdan a bha feumail do Bhreatunn. Ach ’s e ’n t-aon is ainmeile dhiubh sin an t-Achd coitchionn air son cur air chuimhne Breith ’us Pòsaidh ’us Bàis anns na trì rioghachdaibh.
Chaochail Uilleam IV. ’an Lunuinn air an fhicheadamh là de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1837. Cha robh aig an rìgh ach dithis de chloinn dhlighich; agus bhàsaich iad sin ’n an cloinn bhig. B’e ’bhràthair a b’fhaisge Diùc Chent, oighr’ a’ chrùin aig bàs Uilleim IV. Ach bha Diùc Chent air bàsachadh iomadh bliadhna roimhe so, agus gun aige de theaghlach ach aon nighean, a’ bhan-phrionnsa Uictoria. B’ i so a nis a’ bhan-oighre dhligheach, agus chaidh a h-éigheach ’na ban-righ Bhreatuinn an déigh bàis bhràthair a h-athar. —Eachdraidh na h-Alba.
Na Marbhrannan.
Thuirt mi cheana, arison na bheil de ghnothuch agam an traths ris a’ Bhardachd a tha air a h-ainmeachadh air Oisean agus air na seana Bhaird eile, nach dean e bheag de mhuthadh co-dhiu is e Mac-Mhuirich ’us Mac-a- Ghobhainn no Mac-Fhinn a sgriobh i. Cia b’e a sgriobh i, tha e air aideachadh leis gach neach gur Bardachd i a tha airidh air gach urram a fhuair i anns gach cearn de’n t-saoghal. Anns a’ Ghaidhealtachd cha do chuireadh riamh an teagamh nach e fior shaothair nan seana Bhaird a gheibhear ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich agus ann “Sean Dana” Mhic-a- Ghobhainn. Ach air Galldachd agus ann an Sasunn tha fios againn uile gu’n do chaitheadh moran dragh agus moran airgid a’ feuchainn ri dhearbhadh, mu “Oisean” Mhic-Mhuirich gu sonruichte, gur e Mac-Mhuirich fein agus nach e Oisean a sgriobh a’ Bhardachd oirdhearc sin. Cha d’thugadh seachad fathast ann an Gaidhlig, cho fad agus is aithne dhomh, cunntas air a chonnsuchadh agus air an deasboireachd a thachair mu’n chuis so. Cha ’n e mo rùn an traths an sgeul innseadh. Cha sgeul ro thaitneach i; agus cha chualas fathast, anns a’ Bheurla fein, am focal mu dheireadh dh’i. Their cuid gu’n do sgriobh Mac-Mhuirich “Oisean” an toiseach anns a’ Bheurla; agus, ’na dheigh sin, le cuideachadh a chairdean, gu’n d’eadar-theangaich e a Bhardachd fein gu Gaidhlig. Cha ’n ’eil neach do nach aithne an dà chanain comasach air breith a thoirt air a’ chuis so; agus cha’n aithne dhomh aon d’an aithne an dá chanain ach Caimbeulach Ile a tha de’n bheachd gur anns a’ Bheurla a sgriobhadh “Oisean” an toiseach. Their cuid eile gu’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de sheana Bhardachd agus de Sgeulachdan anns a’ Ghaidhealtachd; agus gu’n do chuir a fein agus a chairdean, leis na chruinmich e mar bhonn-steigh, ri cheile “Oisean” air an doigh air an do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar e. Cha ghabh e nis dearbhadh co-dhiu tha ’m beachd so uile gu leir fior no nach ’eil. Tha dearbhadh cinnteach gu leoir gu’n d’fhuair Mac-Mhuirich moran Bardachd anns a’ Ghaidhealtachd o bheoil dhaoine agus ann an sgriobhaidean a tha nis air chall. Tha e fior nach faighear anns a’ Bhrrdachd Oiseinich a chaidh a sgriobhadh roimh linn Mhic-Mhuirich no chaidh a chruinneachadh o’n am sin, agus a tha nis ri fhaotainn, ach beagan rannan a fhreagras, focal air fhocal, ri “Oisean” Mhic-Mhuirich. A ris their na h-Eirionnaich gur ann daibh-san a bhuineas na tha de sheana Bhardachd ann an leabhar Mhic-Mhuirich; gu’n de ghoid Mac-Mhuirich “Oisean” á Eirinn; agus gu’n d’atharraich e e mar a thoilich e fein. Cha ’n ’eil mi meas gur airidh am beachd so air a rannsuchadh. Cha do dhearbh na h-Eirionnaich fathast gu’n robh aona chuid a’ mheirle no am meirleach riamh ann an Eirinn. Gus an dean iad sin saoilidh mi gu’m faod sinn an coir air “Oisean” aicheadh.
Tha mi deanamh dheth nach abair neach ’sam bith a rinn a’ bheag de rannsuchadh air Eachdraidh agus air Litreachas nan Gaidheal ann an Albainn gu bheil againn an an “Oisean” Mhic-Mhuirich Bardachd Oisein anns an dearbh chainnt agus anns a’ cheart ordugh anns an d’fhag Oisean e fein i cuig no se-ceud-deug bliadhna roimhe so. Ach cha mho tha fios cinnteach againn, agus cha ’n ’eil m’fhiughair gu’m bi gu brath fios cinnteach againn, air meud an atharrachaidh a rinneadh le Mac-Mhuirich no le neach eile air Bardachd Oisein mu’n do chuireadh an t-saothair ann an clo. Tha fios againn gu’n robh anns gach linn Fionn ’us Oisean, Goll ’us Oscar—an clù ’s an euchdan—am beul an t-sluaigh. Tha fios againn gu’m b’e Oisean mac Fhinn Bard na Feinne. Tha fios againn gu’n robh Bardachd a bha air a h-ainmeachadh air Oisean siubhlach am measg nan Gaidheal Albannach o chionn ceithir-cheud-bliadhna air a chuid is lugha. Tha fios againn gu’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de’n t-seana Bhardachd so a tha nis air chall mur faighear ’n a leabhar fein i. Tha fios againn gu’n d’thug moran de dhaoine tuigseach fianuis seachad gu’n robh iad, ’n an oige, cleachdta ri bhi cluinntinn roinn mhor de’n Bhardachd mar gheibhear i ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich. Ach cha ’n ’eil fios cinnteach againn air na fhuair Mac-Mhuirich de sheana Bhardachd air a thuruis anns a’ Ghaidhealtachd; agus cha ’n ’eil agus cha bhi fios cinnteach againn air cho cosmhuil agus a tha Bhardachd a thug e seachad ris a’ Bhardachd a fhuair e. Cha ’n ’eil teagamh agam fein nach d’ thug e seachad roinn d’a chuid fein ann an ainm Oisein. Ach co am Bard no na Baird a chuir an t-seana Bhardachd anns a’ chainnt anns an d’fhuair Mac-Mhuirich i; agus cia meud a thug Mac-Mhuirich seachad d’a obair fein, cha ’n ’eil mi meas gu’n gabh e dearbhadh gu brath.
Ach airson fior luach na Bardachd agus a feum dhuinne cha ’n ’eil mi meas gu’n dean e bheag de mhuthadh co rinn i. Bu toigh leinn gun teagamh a bhi creidsinn gu’n robh Fionnaghal ’n a righ cumhachdach ann an Morbheinn o chionn se-ceud-deug bliadhna; gn’n deachaidh e tric a mach a sheasamh coir a’ dhuthcha ’s a’ shluaigh; agus gu’n robh “fonn nan oighean ’s guth nam Bard” a’ dol na chomhdhail an uair a
“Thill righ nam buadh le ’shluagh gu ’thir.”
Ach airson fior fheum dhuinne an diugh, tha a’ Bhardachd cho cumhachadh ged rachadh a dhearbhadh am maireach nach robh Fionnaghal riamh ann am Morbheinn ach ann an smuain a’ Bhaird a mhain. Co a shaoil riamh gu’m biodh Milton no Shakespeare no Tennyson na bu chumhachdaiche mar luchd-teagaisg nam b’e agus gu’m biodh Eachdraidh na cul-taice d’an smuain na bu laidire na tha i. Cia b’e chur “Oisean” ri cheile mar tha Bhardachd againne nis is aitreibh ghreadhnach e. Tha sinn cinnteach á aon ni. B’e cridhe Gaidhealach a dhealbh i; agus b’e lamh Ghaidhealach a sgriobh i. Feudaidh e bhi nach buineadh an cridhe ’s an ceann ’s an lamh do’n aon duine no do’n aon àm; ach bhuineadh iad do’n aon fhuil agus do’n aon àite. An fhad so tha mi meas gu bheil “Oisean” a’ giulan fhianuis agus a bharantais fein air clar eudain. Is Gaidheal e ’n a ainm, ’n a chainnt, agus ’n a nadur. Cha saoil mi gu bheil neach is urrainn an leabhar a leughadh anns a Ghaidhlig a chuireas so ann an teagamh.
Airson aobhar no dhà tha ’n t-seana Bhardachd so dhuinne ro luachmor; ach feudar a radh le firinn ma bheirear air falbh á “Seann Dana” Mhic-a- Ghobhainn na Marbhrannan, gun toirear air falbh a’ chuid is luachmhoire d’am Bardachd. Tha moran de na “Seann Dana” a’ giulan an ainm Cumha no Caoidh no Tuireadh—mar so Tuireadh Armhoir; Caoidh Chrimine—a ris Bas Dhiarmaid; Tiomnadh Ghuill; agus mar sin sios. Agus a thuilleadh air so, is Cumha no Marbhrann ann am firinn a mhor chuid de’n chorr, cia air bith an t-ainm. A rìs cha ’n eil teagasg eile, saoilidh mi, cho luachmhor ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich no ni, a reir mo bheachdsa, a tha togail na Bardachd sin cho ard os cionn gach Bardachd Ghaidhealach eile a tha againn, ris an urram a tha cuimhne nan laoch a thuit ’s a’ chath, a’ cogadh gu gaisgeil airson cuis ’us aobhair an Sluaigh ’s an Duthcha, a’ faotainn o gach neach, agus gu sonraichte o gach neach is airde inbhe agus is cluitiche ainm. Cha’n fhaighear, ma dh’fhaodte ann an “Oisean’ na ceudan sreath air an lionadh leis gach buaidh a bhuineadh do’n treun a thuit, agus gach buaidh a b’aithne do’n Bhard a chur ann an caint, co-iu bu bhuaidh i bha dligheach do aon dh d’a luchd-eolais na nach b’eadh; ach gheibhear air gach taobh duilleig de “Oisean” feart gu mor is urramaiche na so agus air gach doigh is freagarraiche airson teagaisg Sluaigh. Gheibh thu daoine calma, treuna air an aonadh a sheasamh coir an Duthcha agus an Sluaigh. Gheibh thu mnathan malda, maiseach, an seilbh air urraim mhoir agus fo dheadh chliu. Gheibh thu na Baird ard ann an urraim, airson an treuntais, an gliocais, agus an gluasaid. ’Se dleasdanas nan daoine so a bhi giulan chumhnantan sithe eadar naimhdean. Mur ’eil e comasach sith a dheanamh, tha ’m Bard a’ dusgadh misneach ’us gaisge an t-Sluaigh, agus ’g an leantainn do’n chath, “le cruaidh bhrosnachadh nan Dàn.” ’Se am Bard is Seanachaidh no Fear-eachdraidh, agus is e ’dhleasanas an deigh a’ bhlair cuimhne ghleidheadh air mar a ghluais gach neach e fein, agus cliu nan treun a thuit ’s a’ chath a sheinn. ’S e is Fear-teagaisg; oir an uair a tha ’n t-arm a leigeadh an sgìths’ air an turus, no anns an anmoch an deigh cath an latha a chur seachad, tha ’m Bard ag innseadh “Sgeul air am a dh’ fhalbh.” Tha ’n oigridh a’ faighinn eolais o a bheul air an doigh is taitniche agus is druightiche air an gabh foghlum toirt seachad—le eisempleir nan daoine a chaidh romhad—an doigh air an do ghluais iadsan iad fein ri uchd cruadail, agus an t-urram a choisinn iad airson an deanadais.
(Ri leantuinn.)
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
[Vol . 8. No. 44. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, IUN 8, 1900.
Chualas mor an air a bhliadhna chaidh seachad mu’n dlùth chàirdeas a bha air eiridh eadar Breatunn ’s na Stàidean, ach tha e fas gle cho ltach nach eil an càirdeas sin ach air son aon taobh—air taobh Bhreatuinn. Nochd Breatunn càirdeas nach bu bheag do na Stàidean an àm a chogaidh Spàinntich, ach cha’n eil na Stàidean cho ullamh sin idir gu càirdeas a nochdadh do Bhreatuinn. An àite sin ’s ann a tha mhor chuid de ’n t-sluagh ag altrum gamhlais do’n t-seann dùthaich agus mar is dlùithe tha am an Taghaidh a tighinn orra, ’s ann is follaisiche tha’n gamhlas sin air a nochdabh. An la roimhe, chuir Sasunnach ann an New York suas bratach a dhuthcha ri thigh fhein; thainig grunnan dhe choimhearsnaich far an robh e a dh’ iarraidh air a toirt a nuas, agus nuair nach deanadh e sin, thug iad fhéin a nuas i ’s loisg iad i. Dh’ fhaodadh bratach nan Stàidean a bhi ’n crochadh ri crann gu la Luain an Canada no ’m Breatunn mu’n deante ni cho suarach ’sa losgadh.
Ged nach robh an sgeul a thainig air an t-seachdain s’a chaidh, gu ’n robh Pretoria an lamhan nam Breatunnach, uile gu leir fior, bha tomhas mor firinn innte. Bha Cruger us ’ard luchd-dreuchd air teicheadh, agus bha muinntir a bhaile an deigh aontachadh eatorra féin nach feuchadh iad ri cur an aghaidh nam Breatunnach idir, ach gu ’n toireabh iad am baile suas dhaibh. Di-màirt s ’a chaidh, rinn Morair Roberts air ceann armailt lionmhor a dhol a stigh dh’ an bhaile, agus ghabh e seilbh air an ainm na Ban-righ’nn. Tha bratach Breatuinn a nise snàmh os ceann tigh-an-riaghlaidh ann an ceanna-bhaile ’n Transvaal, agus faodar a radh gu bheil an cogadh seachad. Faodaidh pairt de na Boerich leanailt air cur an aghaidh nam Breatunnach, ach cha bhi sin ach a cur am barrachd call orra fhéin. Bha an cogadh ris na Boerich ’na cogadh searbh, agus is math an ni e bhi seachad.
An Samhradh.
Is lionmhor maise agus cùis shòlais a tha fuaighte ris an t-samhradh. Is eibhinn an sealladh an driùchd air bharr an fheòir, fiamh gach braoin dheth mar bhogha frois nan speur, na beanntan àrda air an òradh le gathaibh soilleir na gréine, agus craobhan na coille a’ bruchdadh am mach an duillich uaine. Is cubhraidh fàileadh na meala bho bharr an fhraoich, agus is binn torman ciùin nan allt a’ ruith seachad gu siubhlach réidh, agus còisridh cheòlmhor nan eun a’ ceileireadh air gach meangan. Cò ’n cridhe an diugh nach cuir an ceill tàingealachd do’n Ti ghràsmhor agus uile-chumhachdach sin a chruthaich na saoghail, agus a tha toirt mu ’n cuairt ràidhean na bliadhna le aimsir fhàbharraich ’na àm iomchuidh fhein?
Is mòr an t-aoibhneas agus an gean a tha’n diugh air gach ni air uachdar an t-saoghail seach mar a bha o chionn beagan mhiosan air ais, an uair a bha na beanntan a tha’n diugh air snuadh an òir air an comhdach bho ’m mullach gu ’m bonn le leine gheal na h-oidhche gheamhradh; gach craobh ’na crann rùisgte ’s a duilleach seargte m’ a thimchioll; glas-ghuib ach beag air uile eunlaith nan speur; an cuan a tha ’n dràsta mar sgàthan do thìr-mòr is eileanan ’s an àm ud air at le doinionn; a thonnan uaibhreach a’ beuchdaich seachd mile na’s buirbe na ’n leomhann bho’n buinte a chuileannan gun a chridhe aig neach a dol ’g an còir, no ach gann amharc orra gun chùram is eagal.
A leughadair, thugamaid fa near ged a shéideas doinnion agus dùdlachd thairir oirnn, nach bi a chùis mar so a chaoidh. Thig earrach na beatha—madainn ghlòirmhor na h-aiseirigh—anns an éirich sinne leis a’ chorp cheudna leis am bheil sinn beò a’ gluasad an diugh air an talamh. So mar a tha ’n t-abstol ag ràdh a thaobh nan nithean so:— “Cuirear e na chorp nàdarra, éirigh e ’na chorp spioradail,” agus “an sin sluigear suas am bàs le buaidh.”
B ’fhearr gu’m biomaid glic, agus gu’n tugamaid fa near ar crìch dheireannach, a chum nach bi aobhar againn, aon chuid an tìom no ’m bith-bhuantachd air a bhith ’caoidh no a’ cur iomachair òirnn fhein air son gu’m bheil “an samhradh seachad, agus an fogharadh crìochnaichte, agus nach ’eil sinne air ar saoradh.”
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
Gheibhear tuilleadh ainmean “Iadsan a phaigh” anns an àireamh so.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
dce . 8, ’99. —1yr.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
Cum suil air a chuil so air son Sanas bho
A . W. REDDEN & CO.
luchd-reic Bhrog, Bhotainnean agus chuaran, do shean us og.
June 7, 1900 1yr
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
[Vol . 8. No. 44. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha a’ bhreac ann am baile Winnipeg; chaochail sianar leatha o chionn ghoirid.
Nuair a gheibh thu pasg deUnion Blend Tea,dean cinnteach gu bheil iuchair ann; tha te anns gach pasg puind; 25, 30, 35 is 40 sent am punnd.
Fhuair sinn òran beag blasda bho ar caraid Seumas A. Mac Ille-mhaoil a bhios air a chur an clo air an ath sheachdain.
Tha aoibhueas mor air feadh na h-Impireachd Bhreatunnaich o ’n fhuaireadh fios gu bheil an t-arm Breatunnach ann an Pretoria.
Tha muinntir Fox Bay, an Anticosti a deanamh deiseil gu dhol a mach gu ruige Dauphin, am Manitoba, far an tog iad fearainn. Bha dùil aon uair gu robh iad a dol a tighinn do Cheap Breatuinn.
Tha an reul Bhenus, a bha dlùthachadh air an talamh o chionn treis a dh’ ùine, a nise cho faisg air ’sa bhitheas i. Bha i aig a h-àrd shoillse air a cheud latha dhe ’n mhios so. Tha an reul so da fhichead us da mhuillein de mhiltean o ’n talamh.
Tha soitheach-smuide de’n “Phlant Line” gu bhi ruith direach eadar Sidni us Boston air an t-samhradh so. Tha a’ cheud thurus ri bhi air a dheanamh mu mheadhon a’ mhios so. Bidh am faradh $10 air son turus aon rathad, no $18 air son falbh us tighinn.
Tha pàriamaid Eilean a’ Phrionnsa cruinn, ach leis cho faisg ’sa tha da thaobh an taighe air a chéile ann an àireamh, cha ’n eil moran gnothaich ’ga dheanamh. Tha chuid mhor dhe ’n ùine air a caitheamh le connsachaidhean mu nithean beaga nach eil a chum moran feuma do ’n dùthaich.
Chaidh fear Daibhaidh Dumas a losgadh gu bàs aig a dhachaidh ann an Ontario o chionn da sheachdain air ais. Chaidh an tigh ’na thein’ air, agus chaill e ’bheatha feuchainn ri chur as. Chaidh na saibhlean a losgadh aig an àm cheudna, agus da fhichead ceann cruidh ’nam broinn.
Dh’ òrduich riaghladh nan Staidean o chionn ghoirid o chuideachd chruadhach ann a Philadelphia nithean àraidh a bha dhith orra air son soìthichean cogaidh. ’Se ’m fios-freagairt a fhuair iad o ’n chuideachd nach deanadh iad ni sam bith a bha gu bhi air uisneachadh ann an cogadh—a cheud fhreagairt dhe ’n t-seòrsa thugadh riamh do uachdaranachd dùthcha sam bith. Tha a chuideachd dhe ’n fharail nach eil cogadh ’na ni ceart, agus cha ’n eil iad air son cuideachadh leis ann an dóigh sam bith.
Tha trioblaid eadar na Stàidean ’s an Tuirc—na Stàidean ag iarraidh diolaidh air son milleadh a rinn na Tuacaich air cuid mhissionartes a mhuinntir nan Stàidean, agus an Tuirc a’ gealltuinn sin a dheanamh ach gun a bhi ’ga choilionadh. Tha na Staidean a mise maoidheadh port Trucach a ghlacadh agus a chunnail gus am faigh iad an cuid fhéin á cisean na cusbuinn. Tha an Tuacach cho carach ’sa bha e riamh; geallaidh e ni sam bith, agus bristidh e gach gealladh a ni e.
Chaidh triuir no cheathrar de dhaoin’ òg a bhaile a ghoirteachadh le spraidheadh fùdair oidhche Di-luain, ’s iad a’ deanamh caithream gàirdeachais air na straidean, mar a bha mhor chuid dhe’n t-sluagh, an deigh sgeul tuiteam Pretoria fhaotainn. Chaill fear dhiubh, d’an ainm Dumbreck, dha dhe mheòirean; cha d’rinneadh air cach ach dathadh losgaidh, agus bidh iad slàn gu leor an ùine ghoirid.
Bha a Bhan-righ ann an chisteal Bhalmoral ’nuair a fhuair i an sgeul gu robh a cuid airm ann am Pretoria, agus air an fheasgar sin thug i òrdugh tein-eibhneis a bhi air a lasadh air mullach Creag Eoghain. Thatar a deanamh gàirdeachais mor anns gach cearna dhe ’n Impireachd Bhreatunnaich, agus cha ’n ioghnadh, oir tha Breatunn a nise na ’s àirde ann an sùilean an t-saoghail na bha i riamh.
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
Sim. R. Mac Gill-fhinnein, an Similear.
Eoin Beutan, Gleann nan Sgitheanach.
Iain B. Gillios, Gleann nan Sgitheanach.
F. N. Mac Gill-fhinnein, Whitney Pier.
Alasdair Caimbeul, Brook Village.
Iain Domhnullach, Beinn Ghillanders.
Alasdair Dughlach, Nyanza .
Aonghas D. Mac Raing, Mabou .
Calum A. Mac Leoid, Premier P. O.
Fearchar Mac Leoid, Rudna ’n Rothaich.
Iain C. Mac Neill, Narrows Mhora.
Bantrach C. Dhomhnullaich, Fourchu .
Gilleasbuig Moireastan, Horn ’s Road.
R. MacCoinnich, (Eildear) Loch Bhlackett.
Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett.
A. H. Dughlach, Amhuinn nam Breac.
An t-Urr. Coinnich Mac Coinnich, am Beighe ’n Iar.
Bean A. Chamaran, Gleann Uilleim, E.P. I.
A. Mac Isaic, Oakland , Cala.
An t-Urr. Brathair Ananias, San Francisco.
Bean D. MacFhionghain, Moreton , N. Dak,
Mairearad Dhomhnullach, Mattaponsett .
C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
Tha Deise Mhath Dhomhnach.
a dhith ort, agus gun teagamh ’s coir dhut a ceannach o
H . H. Sutherland & Co.
Tha ’m bathar a’s fhearr air a phris a’s isle uat, agus
Tha sin againne dhut
Deiseachan o $3 .50 gu $18 .00,
a fhreagras air gach seorsa dhaoine sean us og; agus bathar eile a reir do thoile ’s do sporain.
Am bheil thu dol a cheannach PAIDHIR BHROG?
Mur do dh’ fheuch thu stor nan SUTHARLANACH bu choir dhut. Nach eil fhios agad gu’n caomhain thu arigead ann am PRIS ’s am BUAINEAD nam Brog a gheibh thu againn. Faic ar stoe co-dhiu ni no uach dean thu dad a cheannach. Gheibh thu an cunnradh a’s fhearr ’sa bhaile againn.
H . H. SUTHERLAND & Co.
Stor Airgeid na h-Aon Phrise.
Far an robh TORMAD DOMHNULLACH,
SYDNEY CASH STORE.
Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig,
J . C. MILLS, - - - Sidni.
STOR ADAN.
Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh.
H . H. MAGEE.
Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY.
May 3, ’00—1yr.
[Vol . 8. No. 44. p. 6]
Sarachadh a Cheisdeir.
Ged bha ’n ceisder ’n a dhuine suidhichte, bha aon ni a thug iomadh sàrachadh dha; ’s e sin cho duilich ’s bha e dha cumail air a ghàire, ’n uair chluinneadh no chitheadh e dad ’bha ullamh air gàire bhrosnachadh. Chunnaic mi uair no dhà ann an s bàirn mhòir e, ann an coimh-cheangal ri sin. Bha e ’ga ’m chobhair, mar phrecenter, air sàbaid comanachaidh ann a’ Steòrnabhadh, anns a’ phàirce air cùl a phrìosain. ’N uair thàinig Mr. Dòmhnull Macrath, ministeir Nish, a mach as a’ bhucas gu riarachadh aon de na bùird, thòisich e, is lean e air labhairt, air an naimhdeas a chaidh a’ nochdadh le daoine do Chriosd, o àm a bhreith gu àm ’aiseirigh. Bha maighstireachd iongantach aig Mr. Macrath air a’ Ghàilig, agus smachd sonraichte air féin; ionnus nach gluaiseadh féith ’na aodann féin, ged chuireadh e, le ’chainnt, làn tighe a ghàireachdainn. Cha deach e fad air aghart an là ud, gus an dubhairt e, “Dh’ fhoighnich druidhean o ’n àird an ear de Herod, ‘C’àit’ am bheil righ sin nan Iudhach a chaidh a bhreith!” ‘Righ nan Iudhach!’ arsa Herod; ‘duth-donna dhomh-sa.” Rinn so an ceisdear a chuir air chrith, agus b’ fheudar dha a cheann a’ chromadh gus an làr. Cha robh e dad ach air faochadh fhaotainn o ’ghàire, ’n uair thubhairt Mr. Macrath a ris, “Chuireadh Criosd anns an uaigh; agus thàinig na h-àrd-shagartan agus na Phairisich gu Pilat, ag ràdh, ‘is cuimhne leinn an uair a bha mealltair ud fathasd beò gu ’n dubhairt e, Eirigh mi an déigh thrì làithean. “Mealltair!” arsa iadsan. Cha ’n ’eil e ceart dhuit duine sam bith a chàineadh an déigh a bhàis. Mar biodh Pilat a’ ni a bha e, cha ’n éisdeadh e riu. Co ’m fear a bh’ ann Pilat? Bha, dhuine, fear a mhinisteireanmoderatean là ud.” Aig cluinntinn sin d’ an cheisdear bha cheann ri làr a ris, ’s cha do thàr e thogail tuilleadh gus an do sguir am ministeir; oir chaidh Mr. Macrath air aghart ag ràdh, “Thubhairt Pilat, nach eile faire agaibh? Dh’ imich iad agus rinn iad an uaigh cinnteach a’ cur seula air a’ chloich. Faic a nis, Criosd anns an uaigh, agus Ceasar air a mhuin. Cha b’ e Ceasar fein, ach seula Cheasair. Ach, O, thàinig an aingeal a nuas o néamh, agus thug e breab do ’n chloich, ’s chuir e car-a- mhuìltean dhith, agus do Cheasar còmhla ri. Rinn e sorchan suidhe d’a féin dith. Shuidh e oirre gus an d’ thainig na mnathan, d’ an dh’ innis e a’ naigheachd mhòr, gu robh Criosd air éirigh.”
An ath-bhliadhna an déigh sud, anns an àite cheudna, fhuair an ceisdear sàrachadh eile le Mr. Macrath. ’N uair thàinig e mach, gu riarachadh bùird, bha a’ ghrian dealrach, teth. ‘Eirich,’ ars’ an ceisdear riumsa, ‘agus tog anumbrellaos a chionn. Cha ’n urrainn mise a dheanamh, oir tha eagal orm gu ’n can e rud-eigin a bheir gàire orm, ’s gu ’m bi mi air mo mhaslachadh am fianuis a’ choimhthionail.’ Dhiùlt mise éirigh. Dh’ éirich an ceisdear fein, agus thog e anumbrella .Bha Mr. Macrath ag earalachadh an luchd-comanachaidh a bhi seasmhach air taobh an Tighearn, agus an aghaidh an uilc. Cha bu luaithe thog an ceisdear anumbrellana thubhairt Mr. Dòmhnull, ‘Bha e ’na chliù air Fionn, nach deach e rìamh air ais am blàr-catha, ach fad na troidhe. Tuigidh tu féin sin. Chuir e dìreach an ordag-mhòr far an robh am bonn-duth.’ Bhris air gàire a’ cheisdear; cha b’ urrainn e ’aghaidh fhollach. Air deanamh suidhe dha, thubhairt e riumsa, “Ud ud, tha mise, air mo mhaslachadh, an diugh, am fianuis an t-saoghail. O, mar shàraich an duine ud mi.”
Bha e ’na dhuine trucanta, tùrail. Nochd e ’n dà bhuadh sin, ann an coimhcheangal ri duine a bha’n Rànish—baile de ’n sgìre. Bha ’n duine sin cho lag ’s nach b’ urrainn e coiseachd do’n eaglais agus bhiodh an ceisdeir ’ga thoirt leis air a mhuin. Aon là, shaoil leis nach be laigse bh’ air an duine, ach leann-duth; agus thubairt e rìs, ‘O, mo chreach, Alasdair, sud tarbh fiadhaich Chrossboist! Is éigin domh do leigeal dhiom.’ ‘O, Mhurchaidh, a ghràidh,’ arsa Alascair, ‘na fàg mise aig an tarbh ge air bìth a ni thu. Marbhaidh e mi.’ ‘Mar fàg,’ ars’ an ceisdear, ‘is dòcha gu marbhadh e mi féin.’ Le sin, leag e Alasdair air an làr, agus ruith e. Ma ruith, cha b’ ann ’n a aonar. Bha Alasdair cho luath air a chasan ris féin.
“Ach cuimhn’ is iomradh maith a chaoidh,
Bidh air an fhìrean chòir.”
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
ALBERT HARTY,
Greusaiche,
Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail.
Ri taobh stor D. L. MacFhionghain,
SIDNI, - - C. B.
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies,
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
J. D. W. CAIMBEUL.
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
[Vol . 8. No. 44. p. 7]
Mac Iain Ghearr.
Tha cuimhn agam air latha araidh o chionn còrr agus deich-bliadhna-fichead a bhi ’g éisdeachd ri seann duine ’s e ’g ìnnseadh naidheachd mu Mhac-Iain-gheàrr.
Bha ’n duine ’g radh gu robh a sheanair fein na aon de bhuidheann a lean Mac-Iain-gheàrr agus a chuìdeachd troimh Ghleann-siolastuir gu Caolus-Ullabha, ’s e ’n déidh na h-eich a ghoid orra.
’S minig a bhios uaill orm as na daoine bh’ ann a sud, tuath na ’m bailtean, gun airm ach bataichean daraich, gun cheannard, gun uair de thìom gu dianadh deas, ach co dhiu lean iad an creachadair ainmeil ud agus thug iad bhuaidh an cuid fein agus cuid dhaoine eile ann an dòigh a bha d-arìreadh cliùteach.
Lean iad air sàiltean Mhic-Iain-gheàrr, fad an rathaid ’s gun fios aigesan gu ’n robh iad ann, agus se rinn iad direach mar a rinn “Wallace” aig Drochait Struila.
Cha do bhrisd iadsan drochait chionn cha rohh i ann. Bha sgioba Mhic-Iain-gheàrr na bu treise na iadsan, agus bha fios acasan air a sin gle mhath.
Ach dh’ fhuirich iad fad na h-uine gun smid a ràdh gus an d’ fhuair iad sgioba Mhic-Iain-gheàrr na ’n dà leath, an darna leath ann ’s na bàtaichean sa ’n leath eile air tìr ’s iad a toirt air bòrd nan each. Bha Mac-Iain-gheàrr na sheasadh ann am bàta, agus loth dhonn air thaod aige, an loth air tir agus fear eile ga putadh a stigh. An loth mar a ’s minig a bha seòrsa, a cur a casan a forcadh ’s gun i toileach dol ’n bhàta. Bha ’m fear leis am bu leis an loth ann am falach-tuìm, gun bhi fad ás, san uair a chunnaic e mar a bha dol, air a bhonnaibh a bha e, agus a chruinn-leum, bha e air a charraig ’s a tarrainn a chuaile mor daraich o chùl, bhuail e Mac-Iain-gheàrr air ghàirdein eadar an uileann sa ghualainn, ’s ag ràdh nam facail so— “Thig an loth leam fhin, a Ghilleasbuig.” Thuit làmh Mhic-Iain-gheàrr a sìos ri thaobh, leig so an loth maréir, ach leis nach robh an t-àite san robh i na seasaibh fuasach cònard, sa ’n uair thugadh spionnadh gàirdein Mhic-Iain-gheàrr bhar an taoid a bha na ceann thuit i, ach sann air muin an fhir a bha ga putadh a stigh do ’n bhàta. Ach dh’ éirich an loth ’s cha b’ fhada gus an robh i ann an làmhan an fhir a b fhearr còir oirre, ’s cha d’ fhuraich e fada shealltain co dhiu dh’ éirich an duine a thuit foidhpe ’s nach d’ éirich.
Cha robh a chompanaich dad air dheireadh air, ann a bhi bualadh bhuilleann le ’m bataichean daraich, ri solus na rionnag ’s dh’ fhàg iad Mac-Iain-gheàrr sa sgiath slaoda ris mar fhaoilinn leòinte ann am port; ’n uair a fhuair iad a ’n cuid each leum iad air an druim; ’s math a b’ aithne dhaoibh féin ’s do na h-eich an rathad.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
PUBLIC NOTICE
Shorey’s Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented.
H. Shorey & Co., Montreal.
Shorey’s
All Wool Business suits
Retailed at $8 .00
Cannot be beaten.
[Vol . 8. No. 44. p. 8]
Bas Dhiarmaid.
LE AILEIN MAC RUAIRIDH.
’N Gleann Sithe, ’n gleann so ri m’ thaobh
’S an cluinnear faodh ian is lon,
’S minic a bha laoich na Feinn’
Air a shrath an deidh an con.
’N gleann so fo Bheinn Ghuilbain ghuirm
A’s aille tulchann fo’n ghrein,
Cha b’ainneamh a shruthan dearg
An deidh shealg o Fhionn na Feinn’.
Eisdidh beag ma ’s aill leibh laoidh
Air a chuideachd chaoimh so uam;
Air Beinn Ghulbain ’s air Fionn fial,
Is air Diarmaid tha sgeul truagh.
Dh’ imir Fionn gu truagh a chealg
Air Mac O Dhuinn bu dearg li,
Le dhol do Bheinn Ghulbain a shealg
Tuirc nach faodadh airm a chlaoidh.
Mac O Dhuinn an airm aigh,
Ged thorchuir a lamh an torc,
Gheill e roimhe le foill Fhinn;
Is esan a rinn a lochd.
Dh’ fhalbhadh fo lagh teann na Feinn’
A chur na beist as a chnoc;
An ceann torc sithe bu gharbh,
A b’ allmharach calg is soc.
Ri claisteachd comh-ghair nam Fiann
An ear ’s an iar a teachd mu ’cheann,
Dh’ eirich an uamh-bheist o shuain,
Is ghluais e uatha do’n ghleann.
Chuireadh ri faicinn nan laoch
An ceann torc sith’ air fraoch bord,
Bu gheire na gainne ’fhriogh,
’S bu treine Shith na gath-bolg.
Le Mac O Dhuinn nan arm geur
Fhreagradh do bheist ghairg an uilc,
Thriall gath nimhneach trom o laimh,
’S chaidh an t-sleagh an dail na muic’.
Bhrisd an crann aice na ’thri,
’S ceann liobhte air an torc,
Chunna gaisgeach nam bas blath
Nach deach i an sas na ’chorp.
Tharruinn e ’n t-seann lann a truaill,
A choisinn mor bhuaidh an air,
Mharbh an gaisgeach calm’ a bheist,
’S thainig c-fein air ais slan.
Thuirling sprochd air Fionn na Feinn’
Is shuidh e leis fein air cnoc,
Mac O Dhuinn nach do dhiult daimh
B’ olc leis a theachd slan o’n torc.
Air dha bhith fada na ’thosd
Thubhairt e, ’s gu’m b’ olc ri radh,
Tomhais, a Dhiarmaid o ’shoc
Cia meud troigh ’san ’torc so ta.
Cha d’ dhiult e achanaic hFhinn,
Ged b’ eol da a ti ’s a goimh;
Thomhais e ’n torc air a dhruim,
An laoch cuimte bu trom troigh.
Tomhais, arsa Fionn, an nis,
An aghaidh a fhriodh an torc,
’S gheibh thu do rogha d’a chionn
De ghill nan arm rinn-gheur goirt.
Dh’ fhalbh e air turus a ghaidh,
Is thomhais e dhaibh an torc,
Ghuin am friogh nimhe geur, garbh,
Bonn an laoich bu gharg ’san trod.
Thuit e an sin air an raon,
Is fhuil a taosgadh gu luath,
Na laighe ri taobh na beist
Fhuair Fionn an treun-fhear gun chluain.
Aon deoch a d’ chuaich thoir dhomhs’, Fhinn,
’S mi a call mo bhrigh ’s mo neart,
Deoch gu brath cha’n fhaigh thu bhuams’
Fhreagair Fionn an gruaim a reachd.
An gleann na seilge fo chriadh
Tha Mac O Dhuinn cliabh nan cleachd.
Aon mhacamh buileach na Feinn’
’S an tulach so ’s leir dhuinn ’fheart.
Seabhag buadhach Easa-Ruaidh,
Fear a bhuidhneadh buaidh gach air,
An deidh a thorchuirt le torc,
Fo thulchann a chnoic so ta.
Diarmad Mac O Dhuinn nan euchd
A thuiteam troimh eud, mo bhron,
Bu ghile ’bhraighe na grein,
Bu deirg ’bheul na blath chne.
Bu bhuidhe ’s bu mhin a bha fholt,
Bu bharrghlan a rosg fo ’fhleasg,
Bha guirme ’s glaise na ’shuil,
’S maise ’s caise ’n cul nan cleachd.
Bha binne ’s grinneas na ’ghloir,
’S glle na ’dhoid bharr dhearg bhlath,
Bha meud ’s tabhachd ’san laoch,
’Bu sheang is saor na ’chneas ban.
Coimheadach is mealltair mna,
Mac O Dhuinn a b’ fhearr buaidh,
An t-suiridh cha tog a suil,
O’n chuireadh uir air a ghruaidh.
Faodh, voice .Comh-ghair, a simultaneous shout.Sith, onset .Gath-bolg, belly -dart.Bha ’n gath mharbhteach so air a chleachdndh le Cuchulainn is seann laoich eile. Ti, design .Gill, rewards .Gadh, peril .Gun chluain, without deceit.Dheanadh cuach Fhinn slan neach air bith a gheibheadh deoch aisde. Reachd, great vexation.Macamh, a young man.Buileach, handsome , courteous.Feart, a grave.Rosg, the eye.Fleasg, a wreath, a circle.Gloir no glor, talk .
Bha Diarmad na dhuine anabarrach briagha, agus cha ghabhadh e leon ach air ball beag a bha air bonn a choise. Nuair a bha Fionn na ’bhanntraich, agus e gu math sean, phos e nighean do ’m b’ ainm Grainne. Cha robh Grainne ag iarraidh Fhinn. B’ fhearr leatha gu mor Oisean a mhac, ach cha ghabhadh Oisein gnothach rithe. Air oidhche na bainnse thug i deoch-cadail do dh’ Fhionn, agus choitich i Diarmad gu teicheadh air falbh leatha. Bha Diarmad is Grainne re uine mhoir air theicheadh. Bha sluagh na duthcha gu laidir air an taobh is cha b’ urrainn Fionn an glacadh. Mu dheireadh rinn Fionn reite ri Diarmad. Fhuair e an sin a mharbhadh le a chur a shealg ’s a thomhas an tuirc. ’S e mac peathar da a bh’ ann an Diarmad. Bha Fionn na dhuine glic, ach bha e gle amaideach dha nighean og nach robh ga ’iarraidh a phosadh. ’S fhearr do dh’ fhear a tha ag iarraidh mnatha an te a tha coma air a shon a sheachnadh.
Criomag de Mharbhann.
LE IAIN GRANNDA, D’ AM BU CHO-AINM IAIN MAC EOGHAN BHAIN.
Iain mhoir bu mhath cumadh,
Thug thu barr air gach duine,
’Righ, bu shar mhath an curaidh measg sluaigh thu;
Iain mhoir, &c .
Le do thargaid, ’s do chlaidheabh,
Air do shliasaid na ’laighe,
Mar ri bogha nan saighead bu chruaidhe.
Nuair a dheanadh tu ’ghlacadh
Rachadh direach mar dhearcadh,
Naile bhrisdeadh e chairt air am buaileadh.
Cha ’n fheil an coir de ’n tuireadh so air sgeul. B’ e Iain Mor an treas Granndach a bha na ’thriath air Gleann Moireastan. Theirteadh Iain Mor a Chaisteil ris. Chaochail e ’sa bhliadhna 1637.
’S Dubh ’Choisich Mi ’n Oidhche.
’S dubh ’choisich mi ’n oidhche,
Chum na maighdne ’bu bhoidhche;
Chaidh mi corr a’s naoi mile,
Anns an tir ’s gu’n mi eolach.
’N uair a rainig mi ’m baile,
Cha robh dad mar bu choir dha;
Bha na mnathan a’ fuaghal,
’S bha na gruagaichean bronach.
Bha mo ghradh-sa ’bu dilse,
Na sineadh ’s an t-seomar—
Na sineadh fo’n ’uinneig.
Far nach cluinn’dh i mo chomhradh:
Na ’laidhe air deilidh,
Na ’leinidh fhuair, reodhta;
A falt mar an dithean
Bhios ag cinntinn ’s an eorna.
’N uair a chuireadh i oir ann,
’S ann a chiteadh fiamh ’n oir air;
Bha i maiseach a’s beusach,
Bha i speiseil neo-sporsail.
’Fhir a chruthaich an saoghal,
Cum mi gun fhas gorach;
Cum mo chiall rium ’s mo thuigse,
Gus an tig thu ga ’m fheoraich.
’S dubh ’choisich mi ’n oidhche,
Chum na maighdne bu bhoidhche;
Chaidh mi corr ’s naoi mile,
Anns an tir ’s gun mi eolach.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
MA THA THU AIR SON
CARBAD FASANTA
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aigF . FALCONER & SON: —Buggies, Phætons, Expresses,agusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,
Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!
Are You Deaf??
All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.
title | Issue 44 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 44. %p |
parent text | Volume 8 |