[Vol . 8. No. 45. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 15, 1900. No. 45
Mar a Fhuair Eoghainn Ban Bean.
Fada mu’n d’ rugadh a h-aon dhinn, bha duine còir, glic, soitheamh ann, do’m b’ ainm Fionnladh. Cha ’n ’eil fhios aig duine beò ciod bu shloinneadh dha. O nach robh Fionnladh anns an àite ach e fhein, cha chainteadh ris ach Fionnladh.
An uair a chunnaic Fionnladh an t-àm iomchuidh phòs e, mar is minic a rinn iomadh fear dhe sheòrsa, te nach robh glé fhreagarrach air fear a bh’ anns an t-suidheachadh anns an robh e. Cò an té ’phòs e ach Mairi Bhàn nighean a mharsanta. Tha e air aithris nach robh té eile ’san dùthaich gu léir cho mòr ’s cho briagha rithe an uair a bha i eadar ochd deug is fichead bliadhna. Bha i cho dìreach ri saighead, agus bha gach ball dhe a ballaibh cho dealbhach ’s cho cuimir ’s a’ b’ urrainn a bhith. Bha dà shuil mhòra, ghorma, mheallach ’na ceann a bheireadh air fear sam bith tuiteam ann an gaol oirre; bha sròn fhada dhireach oirre, agus bha a beul boidheach, cuimir, agus a smig goirid. Agus bha falt réidh, fallainn, buidhe-bhàn oirre a ruigeadh sios gu bann a gùin an uair a bheireadh i a pasgadh e. A dh’ aon fhacal, bha i ’na boirionnach òg cho dreachar ’s cho eireachdail ’s gu’n deachaidh a h-ainm fad is farsuinn.
Tha e air aithris gu’n robh i ciuin, modhail, soitheamh, glic, gu leòr. Agus, mar a bha nàdarra gu leòr, bha h-uile gille òg bu bhragaile ’s bu spaideile ’s bu spòrsaile a bh’ anns an dùthaich a’ bristeadh an cridhe ’s an cnàmh as a déigh. Chumadh i an aon aoidh air a gnùis ris a h-uile fear a thigeadh. Agus cha b’ urrainnear a dheanamh am mach cò am fear bu docha leatha dhiubh. Ged a bha an dòigh a bh’ aicese a’ còrdadh gle math rithe fhein, cha robh i a’ cordadh cho math ris na fleasgaich bhragail, mhòr-chuiseach a bha i, mar bu trice, a’ cur o chadal na h-oidhche, leis an toil a bh’ aca greim fhaotainn oirre. Is e thàinig as a’ chùis air a cheann mu dheireadh, gu’n d’ fhàgadh Mairi, mòr, briagha, ciùin, sìobhalta ’s mar a bha i, ’na seana mhaighdinn. Tha e air aithris, ma ’s e no nach e an fhìrinn a th’ ann, gu’n do chuir na leannainn an cùl rithe, cha b’ ann a mhàin a chionn gu’n robh i a’ cumail laimhe ris a h-uile fear a thigeadh, ach a chionn gu ’n d’ fhuaradh am mach nach robh sgillinn airgid aig a h-athair ma seach. Aig an àm ud dh’ fheumteadh an tochradh a bhiodh a h-athair gus a thoirt dh’ a nighinn ainmeachadh oidhche an réitich. A bharrachd air so, bha e air aithris gu’n robh Mairi gaolach air an tì. Anns an àm ud bha barrachd dimeas air te a ghabhadh an tì gun fhios, na tha ’n diugh air te a ghabhas an dram gun fhios. Ach nan robh na fir a’ saoilsinn gu’n robh deannan math airgid aig Mairi, phòsadh fear sam bith dhiubh i ged a bhiodh an “te bheag ruadh” ann an oir na luathadh gun tighinn as.
An uair a chaidh an t-ainm fad’ is farsuinn gu’n robh Mairi trom air an tì, agus a sguir gillean òga na dùthchadh a dhol rathad an taighe, thug i dùil thairis car ùine nach fhaigheadh i tairgse pòsaidh gu brath. Ach an uair a thainig Fionnladh do’n dùthaich, agus a ghabh e cruit fhearainn faisg air fearann a mharsanta, thoisich e ri deanamh suas ri Mairi. Agus mu’n robh eolas leith bhliadhna aca air a chéile, phòs iad.
Cha robh de theaghlach aca ach an aon mhac, Eoghainn. Agus a chionn gu’n robh Eoghainn no dha eile anns an aon bhaile riutha, agus o’n a bha pailteas de dh’ fhalt buidhe-bhàn air mar a bh’ air a mhàthair, b’e Eoghainn Bàn a theireadh a h-uile duine ris.
Dh’ fhàs Eoghainn suas gu bhith na ghille òg cho àrd o thalamh ri fear a bha beò ’s an aite ri’ linn. Bha sia troidhean is ceithir òirlich a dh’ àirde ann. Agus a bha e direach gu leòr air a bhonnan. Cha robh e cho garbh ann an cnaimh ri iomadach fear. Rud eile dheth, bha e anabarrach fad-chasach, no, mar a theirteadh aig an àm ud, “bha moran sgoilte dheth.”
Cha robh e a leith cho làidir ’s a bha e fhein an dùil. Ach b’ ainneamh àite anns am faighteadh cosanaiche cho math ris. Cha robh car a dh’ obair tuathanaich nach deanadh e gu snasail. Bha athair ’na dhuine cho dòigheil ’s a bh’ anns an àite, agus ged nach robh e comasach air mòran obrach a dheanamh ’s an àm ’s an d’ thainig Eoghainn gu neart, dh’ ionnsaich e dha mar a dheanadh e gach obair gu snasail.
Ged a bha Eoghainn àrd o thalamh agus ’na dheadh chosnaiche, agus cho iomchuidh ’s cho modhail ri fear sam bith eile, bha e car socharach. Chreideadh e, cha mhòr, a h-uile naigheachd a dh’ innseadh daoine dha. Bu ghlè thoigh leis a bhith ’ga mholadh, gu h-àraidh nam biodh na h-igheanan òga ’ga mhòladh.
Bha caileag bhoidheach, thapaidh anns an àite, agus bha i anabarrach cuireadach. Bha i ’leigeadh oirre gu ’n robh gaol aice air Eoghainn, agus bu ghlé thoigh le Eoghainn a bhith gu tric ’na cuideachd ’s ’na comhradh. Bha e ’smaointean gu’n deanadh Anna Bheag, mar a theirteadh rithe, bean anabarrach math dha. B’e an aon chron a bh’ aige oirre gu’n robh i cho beag ’s nach ruigeadh i ach an uileann dha. Ach ged a bha e sìor fhàs na bu mheasaile oirre a h-uile latha mar a bha e ’fàs na b’ eòlaiche oirre, is gann gu’n leigeadh a mhisneach dha aon fhacal leannanachd a radh rithe. Bha i cho math gu tarruinn as, ged nach robh gaol sam bith aice air, ’s gu ’n d’ thug i air mu dheireadh thall gu’n d’ innis e dhi gu’n robh e deònach a pòsadh. Is e thainig as a’ chùis air a cheann mu dheireadh gu’n robh e a’ cur roimhe gu’m pòsadh e i am muigh ’s am mach.
Cha robh fhios aig Anna ciod air an t-saoghal a dheanadh i. Bhiodh e air an troidh ’s air an òirlich as a deadhaidh. Is gann gu’m faigheadh i a dhol a fad fhein o’n taigh gun e thachairt rithe.
Latha de na laithean thachair e rithe ’s i ’dol air cheann turuis do ’n Chlachan. Lean iad greis air bruidhinn mu chaochladh nithean. Ach mu dheireadh thug Eoghainn iomradh air posadh. “A nis, Anna,” ars esan, “ged nach do gheall thu as is as mo phòsadh, cha do dhiult thu mi Thoir domh an darna fios mu’n teid sinn as a so. Biodh an gnothach air no dheth gun an corr a bhith m’a deidhinn. An uair a thuirt e so, rug e air laimh oirre gu teann cruaidh.
Cha robh fhios aig Anna ciod a theireadh i. Cha bu toil leatha cur am mach air, agus idir cha’n aidicheadh i gu’m pòsadh i e. An uair a bha i greis ’na tosd, agus a sùil air an làr ’s i ’dol gu dlùth fo a smaointean feuch ciod bu chòir dhi a radh, sheall i air an clàr an aodainn, agus thuirt i, “Posaidh mise thu gun teagamh ma gheallas tu gu’n dean thu dail gus am fàs feusag ort. Agus is cinnteachd nach bi an ùine sin fada; oir tha mi ag aithneachadh air do pheirceall nach ’eil thu leigeadh moran fois do ’n ràsair.”
An uair a chual Eoghainn so bha e toilichte gu leor. Bha e ùine mhath roimhe sid a’ sgriobadh a pheircill gu math tric leis an ràsair; ach ma bha, bu bheag a bh’ aige air son a shaoithreach. Bha a dha pheirceall fad uile laithean a beatha cho lom ’s cho mìn ri aghaidh maighdinn. Ach cha d’ thug e riamh dùil thairis nach fhàsadh feusag air.
Air an fheasgar ud fhein, chaidh Eoghainn far an robh Domhull Tàillear, agus dh’ innis e dha gu’n do gheall Anna a phòsadh cho luath ’s a dh’ fhàsadh feusag air. “A nis, o’n is duine fiosrach th’ annad, a Dhomhuill,” ars’ Eoghainn, “innis dhomhsa ciod an dòigh leis an toir mi air an fheusaig fàs. Bheirinn na chunnaic mi riamh air son uiread a dh’ fheusaig a bhith orm ’s a th’ ort fhein. Cha chreid mi gun d’ fhuair thusa mòran dragha leatha an uair a thòisich i ri fàs ort.”
Bha Domhull Taillear ’na dhuine cho éibhinn ’s cho aucaideach ’s a bh’ anns an dùthaich ri’ linn. Ciod sam bith cho éibhinn no cho mi-choltach ’s a bhiodh aon naigheachd a dh’innseadh e, cha tigeadh uiread is fiamh gaire air a ghnùis. Bha fhios aige gu’n creideadh Eoghainn Bàn a h-uile facal a theireadh e, agus thuirt e, agus aghaidh air cho fada ri fear a bhiodh aig torradh, “Innsidh mise dhut, Eoghainn an rud a’s fhearr dhut a dheanamh. Sguir dhe ’n obair a th’ agad air d’ aodann. Tha thu a deanamh tuilleadh ’s a’ chòir de nigheadh air. Na cuir boiseag air ach uair ’s an t-seachdain, agus suath cuid mhath de shiapunn ri do dhà pheirceall a h-uile oidhche an uair a bhios tu ’dol a laidhe. Fasaidh an fheusag mòran na’s fhearr anns an t-salachar na dh’ fhasas i anns a ghlaine. Ma ghabhas tusa beachd air, chi thu gu’m bheìl mòran feusaig air na daoine nach bi tric a’ nigheadh an aodainn.”
Chreid Eoghainn a h-uile facal dhe na thuirt an taillear ris. An oidhche ud fhein chuir e siapunn gu leòr ri dhà leithcheann, agus an uair a dhùisg e ’s a’ mhadainn, is gann nach d’ fhalbh an craicionn bhar nam peirclean aige mu’n d’ fhuair e e-fhein a nigheadh o’n t-siapunn. Ciod a thachair a bhith ann ach siapunn geal—droch shiapunn, tha iad ag radh, —agus an uair a thiormaich ’s a chruadhaich e air peirclean an duine bhochd, cha b’ urrainn da an nigheadh gus an do
[Vol . 8. No. 45. p. 2]
ghabh e dhaibh gu math le uisge blàth.
An uair a fhuair a mhàthair am mach mar a bha cùisean, thòisich i ri ’chomhairleachadh. “Nach bu tu an t-amadan truagh le d’ obair ort! Fasaidh feusag ort an uair a thig an t-àm freagarrach. Agus mur fàs, nach coma dhut co dhiubh. Cha ’n ’eil a ghobach bheag, charach ach a’ feuchainn ri culaidh-mhagaidh a dheanamh dhiot. Na biodh cuid no gnothach agad rithe. Ise, an creutair beag, suarach, ciod a dheanadh i do d’ leithid-sa de dhuine mòr, eireachdail. Ged a phòsadh tu i, bhiodh an treas cuid dhiot ’na bhantraich. A bharrachd air sin, cha ’n ’eil i o theaghlach ceart. Bha h-uile aon dhe ’n treibh o’n d’ thainig i cho magail ’s cho math gu ruith sios dhaoine eile ’s gu’n cuireadh iad leamhadas air na coin. Ma phòsas tusa i, cha bhi latha toilichte agad fhein, no idir agamsa, ri ar beo. Tha nigheanan ciùine, còire, dreachar aig Seumas Mac Alasdair, anns a’ Bhail, Ard, agus ma theid thu dh’ iarraidh te dhiubh, is neònach leamsa mur faigh thu i. Ma theid iad ri am màthair, theid mise an urras gu’n dean iad mnathan-taighe cho math ’sa bhios anns an dùthaich. Ach tha ceathrar nighean air an tabbh so dhe ’n dùthaich, agus, ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, seachnaidh tu iad mar gu’n seachnadh tu a’ phlàigh. Cha bhi rath air fear gu bràth a phòsas té seach té dhe’n cheathrar. Is iad so, nighean ruadh bheag Lìrinnis, nighean ruadh mhòr Thaobh an Locha, tuba dubh Dhomhuill ’ic Iain, ’s nighean sgleòt-shuileach Neill.”
Dh’ éisd Eoghainn glé fhoighidneach ris na thuirt a mhàthair ris. Bha meas anabarrach mòr aige oirre. Bha e an dùil nach robh a leithid eile air uachdar an t-saoghail. Bha e aig an àm air fàs car suarach mu Anna bhig ruaidh Lirinnis; oir thuig e gur ann a’ magadh air a bha i an uair a thuirt i ris gu’m pòsadh i e an uair a dh’ fhàsadh feusag air. Bha amhrus làidir aige gu’n robh Domhull Taillear a’ fanaid air mar an ceudna, ach cha do leig e dad air. Bha e gleusda gu leòr, ged a bha car g’a dhìth.
An ùine gun bhith fada, chaidh e air chéilidh do thaigh Sheumais ’ic Alasdair. Bha Seumas Mac Alasdair glé chaoimhneil ris; oir bha eolas math aige air ’athair ’s air a mhàthair. Bha bean Sheumais agus an triuir nighean aoidheil, caoimhneil, fosgarra ris mar bu ghnàth leotha a bhith ri duine sam bith a rachadh thun an taighe. Bha Mairi gu math na bu chomhraitiche gu nàdarra na Peigidh is Seonaid, agus air an aobhar sin bhuail e anns a cheann aig Eoghainn gu’n do thuit i ann an gaol air. Ach cha robh Mairi cho fada air a h-ais ’s gu’n tuiteadh i ann an gaol air fear sam bith a rachadh air chéilidh do’n taigh aca. Dh’ aithnich i glé mhath an oidhch’ ud gu’n robh toil aig Eoghainn deanamh suas rithe, agus cha d’ thug i mi-mhisneach sam bith dha. Bha i coltach ri iomadh te eile dhe seorsa—bha i deas gus greis dhe’n ùine a chur seachad comhladh ri gille òg modhail sam bith a rachadh rathad an taighe.
O’n a thainig Eoghainn air astar math, agus o’n a bha eòlas math aca air ’athair ’s air a mhathair, cha leigeadh Seumas no a bhean air falbh an oidhch’ ud e gus an gabhadh e greim suipearach. Bha Mairi, a thaobh gu ’n robh i glé chòir gu nàdarra ag iarraidh air fuireach fad na h-oidhche, agus a’ réir choltais, bha i na bu deònaiche air Eoghainn a chumail ri’ shuipear na h-aon de’n dithis eile. Thug Eoghainn an aire dha so, agus o nach robh eolas aige air muinntir an taighe, bha e an dùil gu robh iad uile a’ toirt misnich dha gus Mairi a phòsadh.
Bha greis mhath dhe’n oidhche air a dhol seachad mu’n d’ fhalbh e a taigh Alasdair. Bha e cho geanail ’s cho sunndach ri mac mathar a bh’ anns an dùthaich. Cha robh sùrdag a bheireadh e as a’ falbh dhachaidh nach robh faisge air dà shlait air fad. Cha shealladh e c’ait an cuireadh e a chas, agus an uair a rainig e an taigh, bha bhriogais salach thun nan glùinean. Bha e ’g a dheanamh fhein làn chinnteach nach biodh an ùine fada gus am biodh Mairi nion Alasdair ’na laidhe air an aon chluasaig ris.
(Ri leantuinn.)
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XX.
An déigh do’n aoradh a bhith seachad ghrad thòisich iad ri deasachadh bìdh. Bha iad le chéile acrach gu leòr; oir thug sealladh dhe ’n phailteas bìdh a bha fo’n t-seòl géireag mhath dhaibh. B’ aithne dhaibh le cheile beagan còcaireachd a dheanamh. Ach ged a bhiodh a’ chòcaireachd na bu mhiosa na bha i, dheanadh i an gnothach dhaibh aig an àm. Mar a thuirt am fear roimhe:—
“Is math an cocaire an t-acras;
’S mairg a ni tailceis air biadh;
Fuarag eorn’ a sail mo bhroige
Biadh a’s fhearr a fhuair mi riamh.”
An uair a ghabh iad dhe’n bhiadh na thàinig riutha ’s a leugh iad litir an sgiobair, thug iad taing do Dhia air son a chaoimhneas-graidh agus a chaomh-thròcairean dhaibh.
Ged a bha’n t-Sàbaid ann, thug iad anns ’a mhionaid làmh air àite ’dheanamh anns an cuireadh iad seachad an oidhche. Bha’n cuid dhe ’n t-saoghal an làthair fa’n comhair, agus cha robh iad a’ faicinn gu’n robh e ceart dhaibh ni sam bith dheth a leigeadh a dholaidh.
Ghearr iad maidean freagarrach anns a’ choille faisge orra, agus ann an ùine ghoirid rinn iad bùth a bha farsuinn gu leòr air son gach ni a bh’ aca a thasgadh gu cùramach, agus àite cadail a bhith aca. Bha iad cho sona ’s bha ’n latha cho fad; oir bha iad a’ smaointean, eadar na bh’ aca de bhiadh agus na chothaicheadh iad le iasgach ’s le sealgaireachd air muir ’s air tìr, nach biodh éis sam bith orra ged a bhiodh iad latha ’s bliadhna air an eilean. Am beul anamoch na h-oidhche sgaoil iad an t-aodach-laidhe air an làr, chuir iad dhiubh, agus chaidh iad a laidhe an déigh dhaibh iad fhein a chur air chùram Dhe. B’ e so a’ cheud uair a chuir iad dhiubh an aodach o’n a dh’ fhalbh iad as an luing, agus, mar a dh’fhaodar a thuigsinn, chaidil iad gu samhach, trom gus an robh a’ ghrian greis air éirigh.
Dh’ éirich iad le sunnd ’s le aoidh nach robh orra fad iomadh latha roimhe sin. An deigh dhaibh am biadh a ghabhail thòisich iad ri cur gach ni an òrdugh cho mhath ’s a ghabhadh deanamh. Mu ’n d’ fhuair iad gach ni deiseil gu am miann, bha earrann mhath dhe’n latha air a dhol seachad.
Aird fheasgair thog iad orra agus dh’ fhalbh iad a shealgaireachd. Shoirbhich gu math leotha, oir mu ’n do thuit an oidhche thill iad dhachaidh agus eallaich an droma orra de sheilg.
An la-iar-na-mhàireach shuidhich iad eatorra fhein gu’m feuchadh iad ri ràth a dheanamh gus a bhith ’dol am mach beagan o’n chladach a dh’iasgach. Cha robh e furasda dhaibh an ràth a dheanamh ged a thoisich iad ris; oir cha robh dòigh aca air na maidean a cheangal ri ’cheile ach le cranntairnean. Agus cha robh inneal aca leis an deanadh iad tuill do na cranntairnean ach a’ bhiodag. Coma co dhiubh, o’n a bha iad le chéile aontach agus suidhichte gu’n deanadh iad an ràth, ghearr iad maidean fada, direach anns a’ choille, agus shnaidh iad na taobhannan aca cho math ’s cho comhnard ’s a b’ urrainn daibh leis an tuaidh, far an robh meuran annta, air dhoigh ’s gu’n robh iad air an dlùthachadh ri’ cheile na b’ fhearr na shaoileadh duine. Chuir iad maidean eile tarsuinn orra so, agus cheangail iad gu math iad le crann-tairnean. B’ e tuill a dheanamh anns an rachadh na crann-tairnean an obair bu doirbhe a bh’ aca ri dheanamh. Thug iad an toiseach oidhirp air na tuill a dheanamh le bhith cur na biodaig mu’n cuairt mar gu’m biodh iad a tolladh le tora; ach cha robh iad a’ deanamh aghartas mòr sam bith leis an obair so. Bha ’m fiodh cho ùr ’s cho ruidhinn ’s nach robh e furasda ri tholladh. An ceann latha no dhà an déigh dhaibh a bhith ’g obair gu trang air tolladh, dh’ fhàs iad cho sgith dheth ’s gu’n robh iad ag ràdh ri cheile gu ’m bu cho math dhaibh stad. Ach bha iad cho diorrasach ’s gu’n do chuir iad rompa gu’n cuireadh iad crìoch air an obair ged a bheireadh iad leith-bhliadhna oirre. Mar so lean iad rompa o latha gu latha gus mu dheireadh an do chuir iad crìoch air an ràth. Ged a chaith iad corr is mios ag obair air, bha iad toilichte gu leòr dhiubh fhein an uair a bha iad ullamh dheth.
A chum gu’m biodh e na b’ fhusa ri ’iomradh rinn iad an toiseach aige biorach agus an deireadh leathainn air chumadh geòla. Rinn iad dà ràmh dha, agus crann, agus seòl beag.
Ach ma fhuair iad dragh a’ deanamh an ràth is ann a fhuair iad an dràgh ’g a chur am mach. A chum gu’m biodh e furasda dhaibh a chur am mach chuir iad ’ra cheile e cho dlùth air a’ mhuir ’s a b’ urrainn daibh. Ged nach robh e dà shlait o’n chladach, bha e cho trom ’s nach tugadh iad noideadh as an uair a thòisich iad ri chur am mach. Na’n do smaoinich iad an am a bhith ’ga dheanamh gu’m biodh e cho trom au uair a bhiodh e ullamh, bha iad air lunnan a chur fodha, a chum gu’m biodh e ’na b’ fhusa ri chur am mach. Ach ged a bhiodh lunnan aca fodha, bhiodh an diol aca ri deanamh mu’n cuireadh iad air flod e.
An uair a chunnaic iad mar a bha cuisean, cha robh aca ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a’ dheanamh dhe’n bheairt bu mhiosa. A chum gu’m biodh e gu math socrach, sabhailte an uair a rachadh iad gu muir leis, rinn iad e na bu mhò na ruigeadh iad leas. An uair a thug iad fad an latha air obair chruaidh feuch am faigheadh iad a chur air bhog, thuig iad nach rachadh aca air a chur air bhog gu brath mar a bha e. Mu dheireadh cha robh aca ach tòiseachadh ri dheanamh beag leis an t-sàbh ’s leis an tuaidh. Thug an obair so dà latha dhiubh; oir cha robh air an t-sàbh ach droch fbaobhar agus bha cuid dhe’n fhiodh anns an robh mòran bìth. Ach a dh’ olc no dh’ éiginn g’ an d’ fhuair iad chaidh aca mu dheireadh air a dheanamh cho beag ’s gu’n gabhadh e togail gus lunnan a chur fodha. Air a’ chòigeamh latha chaidh aca air a chur far an togadh an làn e. Bha iad anabarrach toilichte chionn gu’n deachaidh an obair leotha air a’ cheann mu dheireadh ged a fhuair iad dragh is saothair gu leor rithe mu’n do chuir iad crìoch oirre.
An uair a dh’ éirich an làn ’s a chaidh an ràth air bhog, cha mhòr nach robh e uile fo’n mhuir. Bha ’m fiodh cho ùr ’s cho trom ’s gur gann a dh’ fhanadh e an uachdar. Cha robh aca an uair sin ach teannadh ri tuilleadh dhe’n fhiodh cho eutrom ’s a gheibheadh iad a chur air uachdar a chum gu’n snàmhadh e na b’ aotruime.
An là-iar-na-mhàireach fhuair iad uidheam iasgaich air dòigh, agus an uair
[Vol . 8. No. 45. p. 3]
a dh’ iomair iad an ràth mu dhà cheud slat o thir ’sa chuir iad am mach cruaidh, leig iad sìos na duirgh. Cha robh iad fada gus an d’ fhuair iad cuid mhath éisg. Cha robh fhios aca ciod an seòrsa éisg a bh’ ann, oir cha’n fhac’ iad a leithid riamh. Ach bha fhios aca gu’n robh e math gu leòr air son itheadh.
Aird fheasgair dh’ iomair iad gu tìr, agus ged a bha iad sgìth is acrach gu leòr, bha iad glé thoilichte gu’n deachaidh gach cùis leotha gle mhath.
A chum sgeul goirid a dheanamh dheth foghnaidh dhuinn a ràdh, gu ’n robh iad fad thrì miosan a’ cur seachad na h-ùine cho toilichte ’s a b’ urrainn a bhith. Bhiodh iad latha ri sealgaireachd, latha eile ri iasgach, agus latha eile a’ cruinneachadh connaidh ’s ga chur ma seach air son a’ gheamhradh. A dh’ aon fhacal, b’ ainneamh leotha bhith latha seachdain ’n an tàmh.
Ged a bha iad a’ faotainn pailteas éisg faisge air a’ chladach, bha car de thoil aca ’dhol na b’ fhaide o thìr, an dùil gu’m faigheadh iad seòrsa éisg bu mhò ’s a b’ fhearr na’n seòrsa bha iad a’ faighinn faisge air tìr.
Latha de na làithean chaidh iad am mach o thìr gu math na b’ fhaide na b’ àbhaist dhaibh. Bha’n latha ciùin, blàth, agus b’ fheudar dhaibh iomradh gu cruaidh gus an d’ ràinig iad an grunnd iasgaich a chuir iad rompa ’ruighinn. O’n a dh’ fhalbh iad gu math tràth, thug iad leotha beagan bìdh air eagal gu’m buaileadh an t-acras iad mu’n tilleadh iad air ais. Thug iad leotha ’n seòl mar a b’ abhaist dhaibh; oir bhiodh a’ ghaoth a’ séideadh thun an fhearainn mar bu trice a h-uile feasgar. Thug iad an gunna leotha mar an ceudna, gun fhios ciod a thachradh.
An uair a chaidh iad fada gu leòr o thìr ’s a leig iad am mach a’ chruaidh cha robh de ròp’ aca na leigeadh thun a’ ghrunna i. An uair a chunnaic iad so,thug iad oidhirp air tilleadh Ach ma thug, cha deanadh sin feum dhaibh. Anns an àm bha sruth an tràghaidh air beothachadh gu làidir, agus ged a bhiodh bàta beag aotrom aca, bhiodh an dìol aca a h-iomradh gu tìr. Ach ged a bha amhrus làidir aca nach rachadh aca air tìr a thoirt am mach, chuir iad rompa gu’n tugadh iad oidhirp cho math ’s a b’ urrainn daibh. A dh’ aindeoin na rinn iad a dh’ iomradh, bha ’n sruth ’g an sìor thoirt air falbh. Mu dheireadh an uair a chunnaic iad nach deanadh e feum dhaibh a bhith strìth na b’ fhaide, shaor iad na raimh agus shuidh iad gu socrach ’s iad air an claoidh gu mòr. An ùine gun bhith fada thuit an oidhche, agus chaill iad sealladh air an eilean.
Bha iad a cumail suas am misneach cho math ’s a b’ urrainn daibh le bhith smaointean gu’n rachadh aca air faighinn air falbh a coileach an t-sruth an uair a bhiodh e faisge air muir làn, agus gu’n ruigeadh iad an t-eilean gu math tràth ’s a’ mhadainn.
Ach cha robh sin cho furasda dhaibh ’s a bha iad an dùil. Chaill iad an cùrsa gu buileach mu ’n d’ thainig an latha; oir ged a chaidh aca, an uair a bha’n sruth a’ teannadh ri tilleadh, air an ràth iomradh pìos math air falbh, cha b’ ann air tìr an thug iad an aghaidh idir. An uair a shoilleirich an latha, cha robh fearann sam bith ri ’fhaicinn ach gann air eiginn. Am beagan fearainn a bha iad a faicinn, cha robh iad ’g a choltachadh ri fearann an eilean as an d’ fhalbh iad, oir bha iad aig an àm a’ dichuimhneachadh nach e an sealladh a bhios aig daoine air an fhearann an uair a bhios iad air tìr a bhios aca air an uair a chì iad bhar na mara e.
Aig an àm bha iad cho sgìth ’s nach b’ urrainn daibh buille iomraidh a dheanamh. Bha iad mar an ceudna air thuar am misneach a chall buileach glan. Bhuail e anns a cheann aca nach robh rompa ach an grad bhàs. Ged a bha ’n t-acras orra cha b’ e bu mhò a bha ’cur dragh orra; oir bha biadh aca air an ràth. Ach bha iad air tìormachadh leis a’ phaghadh. Chuir iad mòran falluis dhiubh ag iomradh, agus air an aobhar sin bha paghadh anafarrach mòr orra. Ach gu mi-fhortanach, cha do smaoinich iad air deur uisge a thoirt leotha. Thòisich iad ri òl an t-sàile; ach mur bu mhisde iad sin, cha b’ fheairrde iad dad e. Mu dheireadh, eadar sgios, agus fannachadh a chion bìdh is dibhe, thuit iad ’nan cadal. Dhùisg iad le crith fhuachd; oir ged a bha ’n t-sìde cho blàth ’s nach biodh fuachd sam bith orra fhad ’s a dh’ fhanadh iad ’n an dùsgadh, dh’ fhàs iad glé fhuar ’n an cadal.
Anns an àm bha ’n sruth air an toirt air falbh cho fada ’s nach robh ploc fearainn ri fhaicinn. Thug iad dùil thairis dhe ’m beatha buileach glan; ach ged a thug, thug iad oidhirp air beagan dhe ’n bhiadh a bh’ aca itheadh. Bha iad a’ tumadh nam brioscaidean anns an t-sàile agus ’g an itheadh. Ged a thug am biadh beagan do neart dhaibh, bha iad cho trom-inntinneach ’s nach dùirigeadh iad ach gann facal dhe ’n bhruidhinn a dheanamh. Bha iad, mu ’n do thuit an oidhche, cho coma dhe ’m beatha ’s gu ’m b’ fhearr leotha a bhith marbh na bhith beò.
Am beul anamoch na h-oidhche an uair a bha iad air thuar tuiteam anns an ath chadal, chual’ iad fuaim mar gu ’m biodh muir a’ bristeadh an taobh thall dhiubh. Ciod a bha ’n so ach àireamh dhe ’n iasg ris an canar, an sarc, agus iad a’ deanamh dìreach air an ràth. Ann an tiotadh chuartaich iad an rath, agus bha iad a’ cur an cinn an uachdar feuch am faigheadh iad gréim orra. Thug Callum làmh air a’ ghunna, agus thoisich e ri losgadh orra; agus o ’na bha iad cho dlùth dha, bha e ’cur nan sùl asda, agus ’g am marbhadh. Bha Domhull a’ gabhail dhaibh leis na ràmh a h-uile uair a chuireadh fear dhiubh a cheann an uchdar dlùth do ’n ràth. An uair a mharbhadh ’s a leònadh àireamh dhiubh, dh’ fhalbh càch.
Rinn so feum do Dhomhull ’s do Challum nach do shaoil iad aig an àm. Chuir e dhiubh an cadal; oir ged a bha iad aig an àm an déigh dùil thairis a thoirt dhe ’m beatha, b’ fhearr leotha bàs sam bith eile fhulang na bhith air an cagnadh ’s air an itheadh le uile-bhiastan na mara. Agus na ’n do thuit iad ’nan cadal air an oidhche ud, is docha gu ’n robh iad air bàs fhaotainn leis an sgios mu ’n d’ thainig an ath mhadainn, no air an itheadh beò. Shuidhich iad eatorra fhein, an uair a thuit an oidhche, nach leigeadh an dara fear leis na fhear eile cadal ged a b’ eiginn daibh a bhith ’ga chrathadh ’s ’ga bhualadh ’s a’ stealladh an t-sàile air a cheile.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. X.
Am feadh ’s a bha Nouredin ag ol an fhiona, ghearr Bean na Maise ubhal ’na da leith agus thairg i an darna leith dhith do Abraim, ag radh, “Ged a dhìult thu am fion ol, tha mi ’creidsinn nach diult thu blasad air an ubhal so; tha i anabarrach math.”
Cha robh e ’n comas do dh’ Abraim an ubhal a dhiultadh as a laimh, agus an uair a ghabh e uaipe i rinn e beic, agus thoisich e ri ’h-itheadh. Bha i ’labhairt ris gu h-iriosal caoimhneil aig an am; agus leig Nouredin e fhein ’na shineadh air an langsaid mar gu ’m biodh an cadal ’ga thoirt am mach.
Tharruinn Bean na Maise dluth ri Abraim, agus thuirt i gu beag ris, “Seall air; sid mar a ni e a h-uile uair a bhios cuirm againn; cha luaithe a dh’ olas e cupa no dha dhe ’n fhion na thuiteas e na chadal, agus fagaidh e mise ’nam onar; ach tha mi ’n dochas gu ’m bi thusa cho math ’s gu’n cum thu cuideachd rium gus an duisg e.”
An uair a thuirt Bean na Maise so, lion i cupa dhe ’n fhion, agus thairig i do Abraim e, ag radh, “Ol so air mo shlainte; tha mise a’ dol a dh ’ol air do shlainte fhein.”
Bha Abraim an toiseach a’ diultadh an cupa a ghabhail as a laimh, agus a’ guidhe oirre a leithsgeul a ghabhail. Ach mu dheireadh le coiteach ’s le comhairleachadh thug i air gu ’n do ghabh e as a laimh e, agus dh’ ol e a h-uile boinne dheth.
Bu ghle thoigh leis an t-seann duine choir deur math dhe ’n fhion, ach bu choma leis a bhith ’ga ol am fianuis choigreach. Bu tric leis a dhol gun fhiosda do ’n taigh-osda, mar a bhiodh gu leor eile a’ deanamh. Agus an oidhche ud fhein chaidh e direach do ’n taigh-osda far am bu ghnath leis a bhith ’dol, o ’n a bha ’n oidhche ann, agus nach fhaicteadh e, agus chum e aige fhein an t-airgiod a thug Nouredin dha gus duine eile a thuarasdalachadh.
An uair a bha Abraim ag itheadh na h-ubhal an deigh dha am fion ol, lion Bean na Maise cupa eile dha, agus gun moran coitich sam bith dh’ ol e a h-uile deur dheth. Agus ghabh e an treas cupa uaipe gun choiteach sam bith. A dh’ aon fhacal, bha an ceathramh cupa ’na laimh an uair a dh’ eirich Nouredin ’na shuidhe air an langsaid an deigh dha ’bhith ’cur mar fhiachaibh gu ’n robh e ’na chadal fad na h-uine. Rinn e lasgan mor gaire, agus thuirt e, “Ha! ha! Abraim, an do ghlac mi thu mu dheireadh? Nach d’ thuirt thu rium gu ’n do bhoidich thu nach oladh tu deur fiona gu brath? Agus a nis dh’ ol thu a h-uile deur a bh’ agam.”
O nach robh duil sam bith aig Abraim gu ’n rachadh a ghlacadh air an doigh ud, ghabh e beagan athaidh; ach air a shon sin dh’ ol e air a shocair fhein a h-uile deur a bh’ anns a’ chupa. Agus an uair a thraigh e an cupa, thuirt e ri Nouredin, “Mo thighearna, ma tha cionta anns an ni a rinn mi, cha ’n ann orm is coir a’ choire a chur, ach air a’ mhnaoi-uasail mhaisich. Cha ’n ’eil duine air an talamh a b’ urrainn cumail o umhchlad a thoirt dhi.”
Thuig Bean na Maise gle mhath ciod a bha Nouredin a’ ciallachadh, agus ghabh i taobh Abraim. Thuirt i, “Biodh esan a’ bruidhinn, Abraim; na cuir suim sam bith anns na tha e ag radh; gabhamaid tuilleadh dhe ’n fhion, agus biomaid subhach.”
Beagan uine ’na dheigh sid, lion Nouredin cupa dha fhein agus do Bhean na Maise; ach an uair a chunnaic Abraim gu ’n d’ rinn Nouredin dichuimhn air, chuir e a chupa air beulaobh Bean na Maise, agus thuirt e, “A bhaintighearna, am bheil sibh a’ smaointean nach teid agamsa air fion ol cho math ribh fein?”
An uair a chuala Nouredin agus Bean na Maise na briathran so, bha iad an impis sgaoileadh a’ gaireachdaich. Lion Nouredin an cupa dha agus bha iad ’nan triuir a’ gaireachdaich, a’ comhradh, agus ag ol gus an robh e gu math dluth air meadhain-oidhche.
Mu ’n am ud thoishich Bean na Maise ri thoirt fa near nach robh air a bhord ach an aon choinneal. “Abraim,” ars’ ise, “car son a tha sinn am freasdal aon chionneal air a’ bhord am feadh ’s a tha iomadh coinneal cheireach gun lasadh an sid? Guidheam ort, las cuid dhiubh, a chum gu ’m faic sinn a cheile na ’s fhearr.”
Bha am fion air a dhol ’na cheann aig an am, agus o nach robh toil sam bith aige eirigh o ’n bhord, thuirt e rithe, “O ’n is tu fhein a’s oige is ann dhut a’s fhasa eirigh na dhomhsa;
(Air a leantuinn air taobh 358.)
[Vol . 8. No. 45. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, IUN 15, 1900.
Bha taghadh Parlamaid ann an Columbia Bhreatunnach Di-satharna s’a chaidh; tha Eosaiph Martuinn, a bha air ceann an riaghlaidh o chionn mios no dha, air call gu buileach. Cha d’fhuair ach ochdnar no naodhnar dhe luchd-leanmhuinn a stigh, aireamh nach bi ach gle lag ann an tigh ’s am beil ochd deug air fhichead. Fhuair Mr. Martuinn air ceann an riaghlaidh o chionn beagan ùine air ais tre chlaonbhaigh an riaghladair, Mac Aonghais, a rinn feum mi-iomchuidh de ’ùghdarras air son a charaid ardachadh; ach cha robh ann ach “seòladh àrd ’s tuiteam ’san t-salchar.” Buinidh an Riaghladair Mac Aonghais do’n eilean so, agus tha duilichinn oirnn nach urrainnear a radh gu bheil a riaghladh ann an Columbia Bhreatunnach air a chomharrachadh le moran gliocais.
SEANN SGEUL.
Bha Gilleasbuig na ghille a mach, aig Tighearna Loch-buidhe, “Murcha Mor.” ’Se tha mi ciallachadh le “gille a mach”— ’n uair a bhiodh Loch-buidhe dol ri muir na ri monadh bhiodh Gilleasbuig na chuideachd. Bha Lochbuidhe, air latha àraidh air a thuras gu Rughadh-n- fhiarain, agus bha Gilleasbuig còmhla ris.
Bha iad le chéile a marcachd. Chunnaic iad fear a tighinn na ’n còmhail, dh’ aithnich iad le chéile an duine bh’ann do nach robh tlachd sam bith aig Gilleasbuig, a chionn bha e air fhàgail air an duine gu’m biodh e ag innse naigheachd do Loch-buidhe nach biodh a chum math sam bith, aona chuid do ’n tuath na do ’n Tighearna. ’N uair a chòmhlaich iad ri chéile chuir an duin’ a làmh na bhoineid, agus leig e a thuigsin gu robh toil aige bruidhinn ri Loch-buidhe. Stad Loch-buidhe ’n t-each agus ghabh Gilleasbuig air aghaidh.
Ach cha b’ fhada gus an d’ rinn Loch-buidhe suas a rithist ris, agus ’s math a dh’ aithnich Gilleasbuig, air fuaim casan an eich gu robh fearg air a mharcaiche. ’S bha sud mar sud. Bha Murcha ann a mullach na meall. Agus ars’ esan “Nach b’e mac an—am fear a dh’ fhalbh a nunn do’n Chaigean, agus a sgath an t-uinnseann agam as a cheann caol.” “Co air thalamh,” arsa Gilleasbuig, “a rinn a leithid sin de ghniomh? “Rinn,” arsa Loch-buide “a leithid so do dh’fhear.” Cha d’ thuirt Gilleasbuig a bheag car greis ach an ceann tacain, thuirt e— “Mata a Loch-buidhe, tha e cur moran ioghnaidh orm gu ’n rinn an duine a dh’ ainmich sibh dad de leithid.” “Ioghnadh ann no ás,” arsa Loch-buidhe, “tha’n gniòmh diante.” “An aon ni,” arsa Gilleasbuig, “is fhiosrach mise a bheireadh air an duine a leithid a dhianamh se sin cion an tombaca.” “Cion an tombaca,” arsa Loch-buidhe, “agus an ann a ’g irrraidh tombaca ’san uinnseann bha e?” “Ma bha’n duine gun tombaca,” arsa Gilleasbuig, cha ’n aithneadh a uinnseann seach calltainn.” “Ubh, ùbh,” arsa Loch-buidhe, “ ’sann tha sin gnothach fuasach.” “Is suarach sud dheth,” arsa Gilleasbuig, “ ’n uair tha ’n duine fada gun tombaca cha’n aithnich e bhean fhéin ged a thachradh i air, air an rathad mhor.” Thog Loch-buidhe a cheann, ’s tharrainn e e fein an comhair a chùil anns an diolaid ’s rinn e lachan mor gàire ’s bha’n latha le Gilleasbuig tuilleadh.”
’Nuair a rainig iad Rudha-n- fhiarani bha Loch-buidhe dol thar an aisig agus bha Gilleasbuig ri tilleadh dhachaidh leis na h-eich. Bha fear a gleidheadh marsandachd san aite ud aig an am. Chaidh Loch-buidhe stigh do ’n bhù agus thainig e mach ’s pùnnd tombaca aige ’s thuirt e, ’s e ga shinneadh do Gilleasbuig, “so thoir so do mhac an fhir ud, agus abair ris ’n uair theid mise dhachaidh, gu’n cuir mi cheann air stob ann sa Chaigeann, ma dh’ fhàg e stob ann air an d’ teid e.”
Thug Gilleasbuig an teacaireachd agus an tombaca dh’ionnsaidh an duine, ach b’e na rinn e do sgathadh gu’n do bhuain e dà shlat-iasgaich, ’s cha b’e uinnseann a bh’ annta ach leamhan. Ach co dhiu fhuair e a shlatan-iasgaich ’sa phùnnd tombaca, ’s cha chreid mi nach d’thug e cheann fo’n talamh leis ’n uair a chuir iad a cholunn ann.
Tha coltas gle ghruamach a tigh’nn air cùisean ann an Sina, dùthaich a bha ’cur iomguin air a’ chuid eile dhe’n t-saoghal o chionn iomadh bliadhna. Tha an dùthaich sin aig an am so air a’ cur triomhe-chéile le ceannairc, agus a reir coltais ’s ann a dol am meud a tha cheannairc na h-uile latha. Tha Sina o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais fo thighearnas boirionnaich, bantrach Impire, agus tha an sluagh air fàs gle mhi-fhoiseil fo a riaghladh. Tha beatha choigreach air fas mi-thearuinte, oir tha ’san amharc aig luchd-na-ceannairc an cur as gu buileach. Tha rioghachdan na Roinn-Eòrpa a’ dol a ghabhail na dùthcha os laimh, agus an deigh armailt a chur air tir a tha deanamh direach air Pekin, ceanna-bhaile na rioghachd. Tha mu dha mhile saighdear ’san armailt sin, agus is Breatunnaich corr us naodh ceud dhiubh. Tha dòchas gu’n ruig iad Pekin gun mhaille, oir gus an ruig iad, cha’n eil beatha na tha an de dhaoine geala sàbhailte.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Cum suil air a chuil so air son Sanas bho
A . W. REDDEN & CO.
luchd-reic Bhrog, Bhotainnean agus chuaran, do shean us og.
June 7, 1900 1yr
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 8. No. 45. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha dha no tri lathaichean gle theth ann deireadh na seachdain s’a chaidh, atharrachadh mor o’n t-side bh’againn o’n thainig an samhradh. Bidh dùil ri side bhriagha bhlàth o so a mach.
Thainig fear Uilleam Wheeler, a mhuinntir Sidni Tuath, ri bheatha fhéin ann an New York, ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Tha a bhean ann an Glace Bay, a’ cumail tigh-òsda.
Bhrist teine mach ann an aon de thogalaichean cuideachd an iaruinn feasgar Di-ciaduin, ach fhuaireadh a chur as mann am beagan mhionaidean Chaidh moran de mhuinntir a bhaile null g’a fhaicinn, ach ’se aireamh gle bheag a rainig mu’n deach a chur as.
Shil uisge trom ann an ceann a deas nan Innsean deireadh na seachdain s’a chaidh, agus ged a tha ’n teas anabarrach mor fhathast, tha dùil ri faoth’chadh o’n ghort ’s o’n phlàigh. Tha mu choig muilleinean dhe’n t-sluagh am feum cuideachaidh, agus a’ faotainn bidh o riaghladh na dùthcha na h-uile latha.
Tha Ard-Sheanadh na h-Eaglais Sheanaireach an Canada cruinn ann am bhaile Halifacs air an t-seachdain so, agus mar an ceudna Seanadh na h-Eaglais Shasunnaich. Tha mu dha cheud de na ministearan Seanaireach ann, agus mu cheud de na ministearan Sasunnach. Tha anns a bhaile mar an ceudna ceud no dha de na Saor Chlachairean, a frithealadh an coinneamh bhliadhnail fhéin.
Cha robh ann an Canada o chionn fhada bliadhna cho soirbheachail ’sa bha ’n da mhios dheug a chaidh seachad. Cha’n eil ach gann cearna de’n dùthaich, agus tha i gu math farsuing aig nach eil an aon sgeul mhath ri innseadh. Bha am bàrr math, bha ceannachd math, agus bha deagh phrisean air gach ni. Choisinn na ròidean-iarruinn barrachd ’sa choisinn iad bliadhna riamh roimhe.
Tha cuideachd an iaruinn a pàigheadh a mach ’sa stigh mu ochd mile fichead us coig ceud dolair ’san t-seachdain, mar thuarasdal do’n luchd-obrach. Tha chuid mhor dhe’n t-suim sin a’ fuireach anns a’ bhaile, ach tha moran dheth air a chur air falbh a dh’àiteachan eile; tha sin ann an tomhas mor air aobharachadh le taighean-comhnuidh a bhi cho gann ’s nach urrainn do’n àireamh a’s motha an teaghlaichean a thoirt do’n bhaile.
Tha baile Mhontreal a toirt anaceartas mor do na Sineich. Tha moran dhiubh anns a’ bhaile sin, mar a tha ann an iomadh baile eile, a deanamh am beòlaind aìr nigheadaireachd. O chionn ghoirid chaidh lagh a dheanamh le luchd-riaghlaidh a bhaile leis am feum gach neach a mhuinntir Shina, mu’m faigh e cead tòiseachadh air a cheaird sin, coig ceud dolair a phàigheadh do’n bhaile. Tha àireamh mhor dhe na daoine bochda nach urrainn an t-suim sin a phàigheadh, agus tha iad uime sin air an tilgeadh dh’ an phriosan. Cha’n eil na Sineich mar shlugh cho grinn ’s cho adhartach ’s bu mhath leinn fhaicinn a’ tigh’nn do’n dùthaich, ach a dh’ aindeon sin, bu choir a bhi toirt an ceartais fhéin dhaibh.
Di-luain s’a chaidh, thug coig ceud deug de na saighdearan Boereach iad-fein suas do’n arm Bhreatunnach aig Ficksberg, leis na bh’ aca de dh’ arm ’s de bhiadh.
Nuair a dh’fhag Pol Cruger Pretoria, thug e leis fiach muillean punnd de dh’ òr, ach dh’ fhàg e a bhean as a dheigh. Tha e a nise ann am Machadorp baile beag a tha nise air a ghairm an cheanna-bhaile do ’n dùthaich; ’se ’s dòcha nach fhada gus am feum e ceanna-bhaile eile fhaotainn. Tha Pol fhéin ag radh gu bheil an cogadh a’ dol a leantuinn ùine mhor fhathast.
La na Sàbaid s’a chaidh, thug Iain Lamond, ann a Hillside, Mira, ionnsuidh air crioch a chur air fhéin, le a sgornan a ghearradh. Bha e air falbh o’n tigh aig an àm, agus cho luath ’sa rainig e dhachaidh, leth mharbh, chuireadh a dh’iarraidh dotair ’s tha dòchas gu’m faigh e thairis air. Bha an tinneas tuiteamach air, agus thathar a deanamh a mach gu’m b’ann ’nuair a bha e dol ann an laigre thug e ’n ionnsuidh air fhein. Cha’n eil e ach seachd bliadhn’ deug a dh’aois.
Ann a Newfield, an Stait Maine, Di-luain s’a chaidh, bha ceathrar ’san aon teaghlach air am mort, ’san tigh air a chur na theine. Cha’n eil fhios co rinn an gnomh, ach thatar a deanamh a mach gur ann air son airgeid a rinneadh e; fhuair fear-an-taighe, Goodwin, suim mhor airgeid ( $2 ,300) o chionn dha no tri seachdainean air ais, agus tha na coimhearsnaich dhe’n bharail gu robh an t-iomlan aige stigh ’nuair a chaidh e-fhein ’san triùir eile chur a dhith. Chaidh moran mhort us meairle dheanamh ann an ceann a deas na staite sin o chionn mios no dha air ais.
Chaidh mort oillteil a chur an gniomh air an t seachdain s’a chaidh, an tigh fir Alasdair Mac Artair, ann a Welmyn, faisg air Moosomin, ’s an Iar Thuath. Bha a’ bhean, ’s dithis mhac dha air am marbhadh air ball, chaochail Mac Artair fhéin agus fear eile dhe mhic leis an leònadh a fhuair iad, agus tha triùir eil dhe’n chloinn cho teann air a’ bhàs ’s nach ’eil dùil ri iad a dhol am feobhas. Cha d’ fhuair as de’n teaghlach air fad ach aon nighean, aois choig bliadhn’ deug. ’Se fear Moireastanach, a bha ’na sgalaig aig Mac Artair fhéin, a mhort iad; thug e ionnsuidh air a bheatha fhéin cuideachd, agus tha e coltach gu faigh e ’m bàs. Cha’n eil e a toirt seachad reusan sam bith air son na rinn e.
Ged a chaidh bailtean mora nam Boereach a ghlacadh, cha do sguir iad a chogadh fhathast, agus tha iad a cur call nach beag air an arm Bhreatunnach. Latha no dha an deigh dhaibh Pretoria fhàgail, ghlac iad reiseamaid Eirionnach a chaidh a chur a mach ’nan aghaidh, agus toiseach na seachdain so bha reiseamaid Shasunnach air a glacadh, a chuid sin dhith nach deachaidh a mharbhadh ’sa leònadh. Tha e soilleir o chionn fhada nach e ’m furasda na Boerich a thoirt fo chis; tha fhios aca roimhe so nach urrainn daibh buadhachadh, ach tha iad cho diorrasach ’s gu bheil iad a’ cur rompa leantuinn air stir fhad ’s is urrainn daibh buille bhualadh. Bidh an call a’s motha orra fein, ach faodaidh iad air son sin call mor a chur air Breatunn mu’n sguir iad a chur na h-aghaidh.
Tha Deise Mhath Dhomhnach.
a dhith ort, agus gun teagamh ’s coir dhut a ceannach o
H . H. Sutherland & Co.
Tha ’m bathar a’s fhearr air a phris a’s isle uat, agus
Tha sin againne dhut
Deiseachan o $3 .50 gu $18 .00,
a fhreagras air gach seorsa dhaoine sean us og; agus bathar eile a reir do thoile ’s do sporain.
Am bheil thu dol a cheannach PAIDHIR BHROG?
Mur do dh’ fheuch thu stor nan SUTHARLANACH bu choir dhut. Nach eil fhios agad gu’n caomhain thu arigead ann am PRIS ’s am BUAINEAD nam Brog a gheibh thu againn. Faic ar stoe co-dhiu ni no uach dean thu dad a cheannach. Gheibh thu an cunnradh a’s fhearr ’sa bhaile againn.
H . H. SUTHERLAND & Co.
Stor Airgeid na h-Aon Phrise.
Far an robh TORMAD DOMHNULLACH,
SYDNEY CASH STORE.
Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig,
J . C. MILLS, - - - Sidni.
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
[Vol . 8. No. 45. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 355.)
eirich ma ta agus las coig no sia dhiubh; bheir sin solus gu leor dhuinn.”
Ghrad dh’ eirich Bean na Maise, agus gun suim a chur anns na thuirt Abraim, las i a h-uile aon dhe ’n cheithir fichead coinneal.
Greìs na deigh sid an uair a bha Abraim ann an dluth chomhradh ri Bean na Maise mu thimchioll caochladh nithean, dh’ iarr Nouredin air feadhain dhe na soluis a bha air taobh am muigh nan uinneag a lasadh, mar nach boidh e ’toirt fa near gu ’n robh a h-uile coinneal a bha ’n taobh a staigh dhe ’n dorus laiste roimhe sid. “Gu cinnteach ceart,” ars’ Abraim, “feumaidh gu ’m bheil thu anabarrach leasg, ar neo na ’s lugha sgoinn na mise an uair nach teid agad fhein air an lasadh. Bi falbh agus las iad; ach bi cinnteach nach las thu ach na tri.”
Ghrad dh’ eirich Nouredin; ach an aite na tri a lasadh mar a dh’ iarr Abraim air, las e a h-uile aon dhe na ceithir fichead mu ’n d’ thug Abraim an aire ciod a bha e ’deanamh.
Anns an am bha righ Haroun Alrashid gun dol a laidhe. Bha e fein agus Giafar, an t-ard-chomhairleach, ’nan suidhe ann an seomar as am faiceadh iad sealladh air a’ gharadh agus air a’ phailliun. Thachair dha aon de na h-uinneagan fhosgladh. Agus ciod a b’ iongantaiche leis na na soluis fhaicinn laiste anns a h-uile uinneig a bh’ air a phailliun. Shaoil leis an toiseach aig cho boillsgeach ’s a bha na soluis gur ann a bha earrann dhe ’n bhaile air dhol ’na theine. Las an righ le corruich mhoir, agus ghairm e Giafar far an robh e aig an uinneig. “A dhuine gun churam,” ars’ esan, “greas a nall an so. Seall air pailliun nan dealbhannan, agus innis dhomhsa c’ar son a tha na soluis gu leir laiste aig an uair so a dh’ oidhche, agus gun mise anns a’ phailliun.”
An uair a chuala Giafar na briathran so, chaidh e air chrith leis an eagal. Ach an uair a rainig e an uinneag, agus a chunnaic e le ’shuilean fhein mar a bha, bha barrachd eagail air Dh’ fheumadh e leithsgeul air choireiginn a ghabhail gus sith a chur air an righ. “A cheannard nan creidmheach,” ars’ esan, “cha ’n urrainn dhomhsa dad a radh mu ’n ghnothach ach gu ’n d’ thainig Abraim far an robh mi o chionn choig no sia laithean, agus gu ’n dubhairt e rium gu ’n robh ’na bheachd luchd-dreuchd na h-eaglais a chruinneachadh a chum cuideachadh a thoirt dha ann a bhith ’cur ghnothaichean an ordagh air son comhdhail mhor araidh a tha e gus a chumail mar chuimhne air an doigh mhath anns am bheil bhur morachd a’ riaghladh na rioghachd. Dh’ fheoraich mi dheth am bu mhath leis mi thoirt cuideachaidh sam bith dha, agus ghuidh e orm iarraidh oirbhse cead a thoirt dha a’ chomhdhail a chumail anns a’ phailliun. Thuirt mi ris gu ’m faodadh e a’ chomhdhail a chumail anns a’ phailliun, agus gu ’n innsinn dhuibhse m’ a dheidhinn; agus tha mi ag iarraidh moran mathanais a chionn gu ’n d’ rinn mi dearmad air innseadh dhuibh. Is cinnteach gur e so an latha a shuidhich Abraim air son na comhdhail; agus an deigh cuirm a thoirt do luchd-dreuchd na h-Eaglais, bha toil aige gu ’m faiceadh iad na soluis gu leir laiste.”
Bha corruich an righ air traoghadh beagan an uair a chual’ e so, agus thuirt e, “A Ghiafar, a reir na cunntas a thug thu dhomhsa mu ’n chuis, chuir thu tri uilc an ghiomh air son nach bu choir mathanas a thoirt dhut. An toiseach, thug thu cead do Abraim a’ chuirm a thoirt seachad ’na mo phailliunsa, urram nach bu choir dha leithid de dhuine fhaotainn; ’s an dara aite, cha d’ innis thu dhomh a dad m’ a dheidhinn; agus anns an treas aite, a chionn nach d’ thug thu cuideachadh do ’n t-seann duine choir. Air mo shon fhein dheth, tha mi cinnteach gu ’n do chuir e a chomhairle riut feuch am faigheadh e airgiod uat gus beagan dhe ’n chosgais a phaigheadh. Ach cha do smaoinich thusa air a sid idir. Agus cha dean mise dioghaltas sam bith air ged a rinn e mar a rinn e.”
Bha aobhneas mor air Giafar an uair a chual’ e mar a labhair an righ agus dh’ aidich e gu ’n d’ rinn e cearr a chionn nach tug e beagan bhonn oir do Abraim.
“O ’n a tha gnothaichean mar a tha iad,” ars’ an righ “tha e iomchuidh dhomh dioghaltas a dheanamh ortsa air son mar a chaidh thu as an rathad; ach cha bhi mi trom ort. Bidh agad ris na bheil romhad dhe ’n oidhche a chaitheamh, mar a tha duil agamsa dheanamh, comhladh ris na daoine coire ud a th’ anns a’ phailliun, agus bidh mi gle thoilichte ’nan cuideachd. Agus am feadh ’s a bhios mise a’ cur deise duine chumanta orm, cuiridh tusa agus Mesrour deiseachan cumanta oirbh mar an ceudna, agus falbhaidh sibh le cheile maìlle riumsa.”
O ’n a bha fhios aig Giafar nach robh facal firinn anns na dh’ innis e do’n righ, thuirt e gu ’m b’ fhearr dhaibh gun dol do ’n phailliun idir. “O ’n a tha moran dhe ’n oidhche air a dhol seachad,” ars’ esan, “bidh a’ chuideachd uile air falbh dhachaidh mu ’n ruig sinn.”
Ach chuir an righ roimhe gu ’n rachadh e ann co dhiubh. Chuir so an cridhe air chrith aig Giafar; oir bha eagal air gu ’m faigheadh an righ am mach gu ’n d’ innis e na breugan dha. Ach dh’ fheumadh e falbh maille ris an righ.
An uair a chuir an righ deise duine chumanta uime, dh’ fhalbh e fhein is Giafar is Mesrour gu bog, balbh am mach as an luchairt. Choisich iad troimh shraidean Bhagdad gus an d’ rainig iad am pailliun. Fhuair iad
Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies,
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
J. D. W. CAIMBEUL.
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
[Vol . 8. No. 45. p. 7]
geata a’ gharaidh fosgailte, mar a dh’ fhag Abraim e an uair a thill e air ais o cheannach an fhiona. Bha ’n righ gle fheargach an uair a chunnaic e an geata fosgailte. “A Ghiafar,” ars’ esan, “saoil thusa am bheil e mar chleachdadh aig Abraim a bhith ’fagail geata ’gharaidh fosgailte mar so? Is docha leam gur e a’ chabhag a bh’ air gus a’ chuirm a chur an ordugh a thug air nach do dhuin e e,’ ars’ an righ.
Chaidh an righ a steach do ’n gharadh; agus o ’n a bha toil aige fios fhaotainn ciod a bha ’dol air aghart anns a’ phailliun mu ’n rachadh e steach ann, thuirt e ri Giafar gu ’n robh e ’smaointean streap suas ann an te dhe na craobhan a bha mu choinneamh nan uinneag feuch am faiceadh e co a bh’ anns an talla. Aig a’ cheart am thug Giafar an aire gu ’n robh dorus a’ phailliun fosgailte, agus dh’ innis e do ’n righ e. Tha e coltach gu ’n d’ fhag Abraim an dorus fosgailte an uair a dh’ iarr Nouredin air a dhol a chumail cuideachd ris fhein agus ri Bean na Maise.
An uair a chunnaic an righ gu ’n robh an dorus fosgailte ghabh e steach, agus chaidh e gu failidh a dh’ ionnsuidh dorus an talla. Bha dorus an talla air a leith bheul, agus chitheadh e a’ chuideachd a bha staigh, ged nach fhaiceadh iadsan esan.
Bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e an aon bhoirionnach bu bhriagha a chunnaic a shuil riamh agus duine og maiseach ’nan suidhe aig a’ bhord comhladh rì Abraim. Aig an am bha cupan airgid luma lan fiona ann an laimh Abraim, agus bha e mar so a’ labhairt ri Bean na Maise, “A bhean uasal mhaiseach, cha ’n ol fior mhisgear am fion uair sam bith gus an gabh e an toiseach oran. Ma ’s aill leat eisdeachd rium gabhaidh mi dhut aon de na h-orain a’s fhearr a th’ agam.”
Ghabh Abraim an t-oran. Agus bha moran a bharrachd ioghnaidh air an righ an uair a chual’ e e; oir gus a sid cha b’ fhiosrach e gu ’m biodh Abraim ag ol fiona. Bha e riamh gus a sid an duil gu ’m bu duine stolda, stuama, measarra a bh’ ann. Thill an righ gu failidh air ais thun an doruis far an d’ fhag e Giafar, agus thuirt e ris: “Thig a nios an so comladh riumsa agus faic an e na daoine so a th’ anns an talla luchd-dreuchd na h-Eaglais mar a bha thu ’toirt ormsa chreidsinn.”
(Ri leantuinn.)
Thainig a’ cheud shitheach-cogaidh Frangach air an t-samhradh so a stigh do’n acarsaid ’sa mhaduinn Di-màirt. Is i ’n soitheach a th’ ann an “Isly.” Thainig i a St George, Newfoundland, far an robh i cumail sùil air na soithichean-iasgaich, agus bidh i dol air ais toiseach na seachdain s’a tighinn.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B
C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
ALBERT HARTY,
Greusaiche,
Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail.
Ri taobh stor D. L. MacFhionghain,
SIDNI, - - C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
Men often dress in bad taste without knowing it.
If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed.
Shorey’s
4 Button Sack
Kilmarnoc Tweed Suits,
Retail at $12 .00.
They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20 .00.
Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular.
Not made to order, but made to fit.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 8. No. 45. p. 8]
Laoidh.
LE DONNACHADH OG.
Tha seachd saighdean air mo thi,
’S tha gach saighead diubh gam lot,
A teachd eadar mi is Dia,
On ’s e sin is miann le m’ chorp.
A h-aon diu tha an iar dhiom,
Bith d’a an co-ainm an craos;
’S minig a mheall i mi am pòit
O laithibh m’ oige gu m’ aois.
An dara saighead an druis,
Sin a chuis a ta dhomh daor,
Bho lot na saighde na ’gho
Cha ’n fheil mise beo air aon.
An treas saighead diubh a ta
An altaibh mo chnamh a stigh.
Cha leig an leisge dhe deoin
Mis’ an slighe choir air bith.
An ceathramh saighead an sannt,
’S mairg do ’n neach ’san d’ fhuair i guin,
Furtachd cha ’n fhaigh mi ri m’ re,
Gus an deid cre air mo mhuin.
’N coigeamh saighead de ’n ghlaic thruim,
Diomas a chuir rium gu h-olc,
’Chuidich ri m’ anam a chradh,
Agus o nach slan mo chorp.
An seathamh te, an t-saighead gharg
’Chuireas fearg eadram is cach.
Criosd a chasg nan urchair diom
O nach faigh mi dion no tamh.
An seachdamh saighead an t-suil,
Farmad is tnu ris gach ni.
Na seudan do ’m faighear cion
Annta sin cha’n fieil dhuinn brigh.
A ghlac sin uile cha choir,
’S mor na mhillteadh leis an arm,
Cha tilgear aon diu nach buail,
’S cha bhuail aon diu nach marbh.
Cuream paidearan Mhic De
Is creud nan ostal gu beachd
Eadram agus gnuis nan arm,
Is coig sailin no se, no seachd.
Glac, a quiver.
Laoidh.
LE IAIN STIUBHART NA H-APUNN.
Na bi tarruinn tuirs’ gu d’ chridh’,
Air gach ni tha blath na breig’,
Anns a bhith cha ’n fheil ach sgail,
Mar na neoil tha snamh mu’n ghrein.
Mar an dealt ri latha ciuin,
Mar shneachd dluth bhios soillseach, geal,
No mar thoradh maoth air crann,
Cha mhair ni a th’ ann ach seal.
Theid an samhradh caoin le ’theas
Is am foghar as gu luath;
Seargaidh feur is seamrag sios;
Sud mar chrionas sgiamh an t-sluaigh.
Ros glan cubhraidh, plumbais lan,
Lili bhan, no siris dhearg,
Gur a gearr ’bhios iad fo bhuaidh;
Sud dhuinn sogh an t-sluaigh gu dearbh.
Leis gach neach is eibhinn dail
’Thabhairt ailgheis dhein d’an cuirp,
Ged is leir dhuinn, mur a doill,
Nach h-fheil duill’ air craoibh nach tuit.
Air an talamh cha’n fheil ti,
Crann, no ni a dh’ fhas a suas,
Ris an lar nach crion fa dheoidh;
Mo sgeul broin a bhith ga ’luaidh.
’S aobhar tuirse ’s aobhar broin
Bhith gun tuigs’ do mhorachd Dhe,
Bhith gun smuainntinn air nar cridh’;
Righ nan righ, O cobhair fein.
Bha do m’ ionnsuidh triuir gu teann,
’N saoghal meallt’, an sannt, ’s an fheoil.
Dion le d’ laimh mi, Dhe, bho’n triuir;
’Righ nan dul, na leig-sa leo.
Dion mi ’ghnath bho ’n triuir le ’m miann
Craos is riatachd, breug is straic;
Cobhair mi ad throcair dhearbht’,
Neartaich m’ earbs’ agus mo ghradh.
Bith, the world.Siris, a cherry.Ti, any one, a person.
Duanag Ghaoil.
LE NIALL MOR MAC-MHUIRICH.
Soraidh slan do’n oidhch’ ’n reir
Fada, geur a dol air cul;
Ged gheallteadh mo chur an croich,
Is truagh nach h-i ’n nochd a tus.
A ta dis ’san taigh-s’ an nochd
Do nach ceil an rosg an run.
Ge nach h-fheil iad beul ri beul
Is gearr, geur sileadh an sul.
’S truagh an cuibhreach a ni ’n ciall
Air sileadh siubhlach na sul’;
’S ni ’m fearr an tosd a ni ’m beul,
Sgeula ni ’n rosg air an run.
Cha leig do-bheart luchd nam breug
Smid as mo bheul aig an am s’,
Tuig an ni a deir mo shuil
Agus tu ’sa chuil ud thall.
Cum againn an oidhch’ an nochd,
Truagh gun i mar so gu brath,
Na leig a mhaduinn a steach,
Eiridh ’s cuir am mach an la.
Och, a Mhoire, ’mhuime ’n t-seing,
On ’s tu is ceann air ar ceill
Tarruinn agus gabh mo lamh:—
Soraidh slan do ’n oidhch’ an reir.
An reir, an raoir. Rosg, suil.
Fleadh Dhun-bheagain.
LE NIALL MOR MAC-MHUIRICH.
Se oidhche dhomhsa ’san Dun,
’S ni ’n robh ’n comunn fallsa, fuar;
Cuirm lionmhor ga ’h-ibh a or,
Fionbhrugh mor ’s am faicear sluagh.
Teaghlach an taighe air gach taobh,
’S b’ e an fhine mheadhrach mhor;
’S feairde suaimhneas rath’ an righ
Luchd catha ’n uaigneas fo ol.
Gair na clarsaich ’s nan cuach trom,
Aig nach gnathach fuath no feall;
Gair nam fear, ’s nam fleasgach fionn,
Lionn misgeach is teine teann.
Righ o’n oilear aigneadh ur,
Cumaidh a chaidreamh gach cliar.
Na ’rioghbhrugh ni ’n aisling ol
D’a shlogh lionmhor, farsuinn, fial.
Fichead misge dhuinn gach la,
’S cha bu leisge leinn na leis.
Bha gach deoch a dol na b’fhearr,
Na se oidhch’ bu fhearr a ghreis.
Lionmhor, abundant .Fionbhrugh, a wine mansion.Rioghbhrugh, a royal mansion.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbry,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
MA THA THU AIR SON
CARBAD FASANTA
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aigF . FALCONER & SON: —Buggies, Phætons, Expresses,agusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
Are You Deaf??
All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.
Gheibhear tuilleadh ainmean “Iadsan a phaigh” anns an àireamh so.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,
Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
title | Issue 45 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 45. %p |
parent text | Volume 8 |