[361]

[Vol . 8. No. 46. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 22, 1900. No. 46.


Mar a Fhuair Eoghainn Ban Bean.

Air a leantuinn.

Thòisich e air a dhol gu math tric air chéilidh do thaigh Alasdair. Agus bha Mairi, air son cur seachad ùine dhi fhein, agus air son spòrs, atoirt a h-uile misneach dha gus a dhol air chéilidh.

Ged a bha toil gu leòr aige tairgse pòsaidh a thoirt dhi, cha robh efaighinn cothrom cho freagarrachs bu mhath leis gus bruidhinn rithe mun chùis. Thuig ise gun robh toil aige bruidhinn rithe, agus thuirt i ris oidhche araidh, agus iad abruidhinn aig an dorus, gum biodh cothrom aca air am barrachd comhraidh a dheanamh an oidhche a bhiodh abhanais ann an Lionacro. Ged a fhuair muinntir an taighe gu léir cuireadh gus a dhol thun na bainnse, cha fhreagradh dhaibh a dhol ann gu léir. O nach robh gus a bhith aig an taigh an oidhchud ach i fheins a h-athairs a màthair, bhiodh cothrom gu leòr aca air an inntinnean a leigeadh richeile.

Bha fadachd gu leòr air Eoghainn gus an dthainig oidhche na bainnse. Chuir e roimhe gun cuireadh e an gnothach an darna taobh an oidhchud air a h-uile cor. Rainig e taigh Alasdair am beul na h-oidhche, agus an uair a thuig e gun robh an fheadha bhadol thun na bainnse gun fhalbh dhfhalaich e e-fhein eadar na cruachan anns an iodhlainn gus an dfhalbh iad. Chaidh Mairi ceum dhen rathad comhladh riutha, agus an uair a bha itilleadh, choinnich Eoghainn rithe aig oisinn na h-iodhlann. Chuir iad fàilte air a chéile gu cridheil mar bu ghnàth leotha, agus chaidh iad a steach.

Chaneil a stigh ach mi fhein. Chaidh mo mhàthair do thigh na bainnse aird fheasgair, agus tha mathair anns amhuillean o fheasgar an . Chaneil dùil againn ris dhachaidh gus an éirich aghealach gu math. Than rathad gu h-olc, agus an t-astar fada; agus ma thuiteas fear dhe na h-eich leis an t-sac anns amhonadh, cha bhi an gnothach ach cearbach, nas lugha na bhios daoine eile tighinn dhachaidh comhladh ris, Ma thig mathar dhachaidh agus tusas taigh, cha teid e laidhe gus am falbh thu; ach mur faic e duine staigh ach mise, theid e chadal cho luaths a ghabhas eshuipear. Bidh suil agam fhein am mach, agus an uair a chluinneas mi tighinn e, theid thusa don chiste mhòir. Than darna ceann dhith falamh anochd. An uair a chriathras sinn amhin a thatighinn as amhuillean, cuirear innte i. Cuiridh mi fhein bioran maide fon bhòrd-uachdair aice air eagal gun tachdar thu. An uair a theid mathair a laidhe, gheibh thu am mach aisde, agus faodaidh sinn comhradh gu leòr a dheanamh.

Dhaontaich Eoghainn gu toileach gun deanadh e mar a bha Mairi ag iarraidh air; oir bha esmaoineachadh gum biodh cothrom anabarrach math aige air tairgse pòsaidh a chur mu choinneamh Mairi an uair a rachadh a h-athair a laidhe.

An ceann greise, agus iad an deigh greis a thoirt air comhradh, dhéirich Mairi, agus chaidh ishealltainn am faiceadh i a h-athar atighinn as amhuillean. Bhaghealach air éirigh gu math, agus chitheadh i tighinn e, nam biodh e faisge air an taigh. Chuali coiseachd a nuas thun an taighe, agus stad i aig ceann an taighe feuch co bhann. Co bhann ach Aonghas Mac Callum, agus e tighinn a chur seachad greis dhen oidhche comhladh rithe fhein. Bha i fhein is Aonghas gu math mòr aig a chéile ged nach robh fhios aig Eoghainn air, agus bha i glé thoilichte gun dthainig e. Dhinnis i ann am beagan fhacal dha gun robh Eoghainn a staigh, gun robh idol ga chur anns achiste mhòir, agus thuirt i ris gun e dhol a steach gus an saoileadh e gum biodh Eoghainn air a dhol don chiste.

Cha bu luaithe chaidh i steach na thuirt i ri Eoghainn gum bfhearr dha a dhol don chiste, on a bha amhrus aice gur e fuaim casan nan each a bha icluinntinn a nuas an rathad. Chaidh Eoghainn don chiste agus air eagal gum biodh e air a thachdadh, chuir i bioran maide eadar am bòrd-uachdair is beul na ciste.

An ceann beagan uine thainig Aonghas Mac Callam a steach. Chuir e fàilt air Mairi mar nach fhaiceadh e i fad mhios roimhe sid. Shuidh e air abheingidh, agus shuidh Mairi ma choinneamh air an taobh eile dhen teines a cùlaobh ris a chiste mhòir. Bha am bioram a chuir Mairi fo bhord-uachdair na ciste cho tiughs gun robh dol aig Eoghainn, an uair a chuireadh e a cheann air fhiaraidh, air aghaidh Aonghas fhaicinn le a leith shùil. Bha fhios aig Aonghass aig Mairi gun cluinneadh Eoghainn a h-uile facal a theireadh iad; ach cha robh iad idir a smaointean gum faiceadh e aon seach aon aca.

Thoisich Aonghas mun do tharr e ach gann suidhe, ri tarruinn a Mairis ri ràdh rithe, gun cuale gun robh i fhein is Eoghainn Bàn a dhol a phòsadh gun dàil.

Cha chuala mise guth air a leithid,” arsa Mairi, ’s i caogadh ri Aonghas. “Ma tha leithid sinna bheachd cha do leig e ris dad dhen t-seorsa dhomhsa riamh fhathast. Tha etighinn uair is uair an rathad so gun teagamh; ach chaneil e ach a tighinn air chéilidh mar a tha thu fhein. Is ebheatha tighinn an so uair sam bith a chi e iomchuidh. Tha e na dhuine òg measail, modhail, tlachdmhor gu leòr.”

Fan a nis sàmhach, a Mhairi. Is math a tha fhios agad car son a tha e tighinn air an astar so. Chan ann gun ghnothach a theid fear sam bith coig mìle air droch astar ann an oidhche fhuar fhluich gheamhraidh. Agus mur can mi breug, bidh tu glé fhortanach dheth. Tha deagh thaigh aige, agus thachuid fearainn stochdaichte gu leòr. Tha boirionnach còirna màthair dha, agus theid mi an urras nach cuir i mialachd sam bith ort, ar neo is ann agad fhein a bhios achoire,” ars Aonghas, agus e caogadh ri Mairis acur am mach a theangann.

Gu mi-fhortanach thug Eoghainn an aire dha, agus thuig e gur ann amagadh air a bha e. Smaoinich e cruinn leum a thoirt as achistidh, agus an dorus a thoirt air, ach bha eagal air gum biodh diumbadh air Mairi ris o nach robh esmaointean aig an àm gun robh fhios aig Aonghas gun robh e anns a chiste.

Anns acheart àm thainig Seumas dhachaidh as amhuillean. Thug Aonghas Mac Callum cuideachadh dha gus na saic mhine a thoirt bhar muin nan each. Nan robh de mhisnich aig Eoghainn na leum am mach as achiste fhads a bha na fir a muigh atoirt nan sac bhar nan each, bha e air gnothach glic a dheanamh. Ach bha eagal air nach biodh ùine gu leòr aige gus e fhein a thoirt as mun tilleadh iad a steach. An uair a thainig na fir a steach leis na saic mhine, chan fhac iad dad a bfhearr nan cur air druim na ciste mòire. Mar a bha Aonghas Mac Callum cho lan dhen olc, thug e am maide a bha eadar achistes am bòrd-uachdair leis, agus dhruid e a chiste air Eoghainn truagh.

Bha Eoghainn ann an fior dhroch staid. Cha robh rathad aige air faotainn as achiste. Agus bhan cridhe air chrith aige leis an eagal gum fanadh Aonghas tuilleadh is fadacomhradh ri Seumas aig an teine.

Cha robh e ùine fhadas achiste an uair a thòisichfhallus ri brùchdadh am mach. Mu dheireadh thòisich an cadal ri tighinn air; agus a dhaindeoin na bha edeanamh gus e fhein a dhusgadh, thuit e ann an trom chadal mu dheireadh.

Cha dthug Mairi an toiseach an aire gun dthug Aonghas am maide air falbh o bhòrd-uachdair na ciste. Ach cha bu lu luaithethug i an aire mar a bha na ghabh i an t-eagal gum biodh an duine bochd a bhanns achiste air a thachdadh. Bha icrathadh a cinns acur gruaim oirre ri Aonghas feuch am falbhadh e; oir bha i cinnteach nach rachadh a h-athair a laidhe fhads a dhfhanadh Aonghas abruidhinn ris. Ach ma bha Aonghas atuigsinn ciod a bha i ciallachadh, cha robh e leigeadh dad air. Mu dheireadh thòisich am fear a bhanns achiste ri tarruinn srann mar gum biodh e anns na mionaidean deireannach. Agus tha aobhar a bhithcreidsinn nach biodh e ùine fhada beò anns achiste; oir bhachiste an uair a bhiodh i druidte, cho dionach ri botul.

An uair a chualas an t-srann, sheall Seumas is Aonghas is Mairi air a chéile. Dhfhàs Mairi cho geal ris an anart leis an eagal gum faigheadh Eoghainn an grad bhàs. Ghabh Aonghas fhein an t-eagal; oir bha fhios aige gum bann lechoireannan a bhan duine bochd anns an staid anns an robh e. Ach cha leigeadh an t-eagal dha fhein no do Mhairi innseadh do Sheumas mar a bha. Thuig Seumas gum banns achiste a bhan t-srann, agus ghrad dheirich e, agus eagal gu leòr air fhein, agus cho ealamhs abhaige thog e na saic mhine bhar na ciste, agus dhfhosgail e i. Thog e leis an crùisgean bhar an stuib air an robh e an crochadh, agus an uair a sheall e anns achiste, ciod a biongantaiche leis na Eoghainn Bàn Mac Fhionnlaidh fhaicinnna lùban air ùrlar na ciste, agus e, a réir choltais, anns na mionaidean deireannach.

Thionndadh e ri Mairis ri Aonghas, agus thuirt e, “Chan ann gun fhios dhuibhsetha-



[362]

[Vol . 8. No. 46. p. 2]

chair so. Tha bàs an duine air bhur lamhan le chéile.”

Cha burrainn Mairi gluasad as an aitesan robh ina suidhe. Cha robh smaointean sam bith aice an uair a chomhairlich i do dhEoghainn a dhol don chiste gun tachradh dha mar a thachair. Agus cha mhò a thug Aonghas freagairt air. “Is ionnan stad is aideachadh,” arsa Seumas. “Tha mi tuigsinn gum bheil sibh le chéile ciontach. Ach mun dean sinn an corr mu dheidhinn aghnothaich mhaslaich so, feumaidh sinn an duine bochd a thoirt as achiste an toiseach.”

An uair a dhfheuch iad ri thoirt as a chiste, bha ena shlaoid cho troms gur gann a chaidh aca airnan dithis. An uair a chuireadhna shineadh air a bheingidh e, agus a fhuair e àile gu leòr, cha robh e fadabeothachadh.

Bha barrachd mòr de nàire airsan na bha air Mairis air Aonghas. Cho luaths a chunnaic Aonghas gun robh e air beothachadh gu math dhfhalbh e.

Chaidh Mairi do cheann shuas an taighe, agus nàire gu leòr oirre air son mar a thachair. Agus thug Seumas air Eoghainn innseadh dha mar a thachair dha a bhith anns a chiste. Dhinnis Eoghainn dha gu saor, soilleir mar a bha, agus an t-aobhar air son an do dheònaich e a dhol don chiste.

Ma ta, Eoghainn, gheibh thusa do rogha dhe mo thriuir nighean-sa— ’se sin, ma ghabhas iad thu. Agus ma ghabhas iad mo chomhairle-sa, gabhaidh dhiubh thu gun teagamh. Is math is airidh mac dathar air sam bith dhe mo chuid nighean-sa. Agus chan i do mhathair dad is lugha orm. Ach chan urrainn mise toirt air seach dhe mo chuid nighean do ghabhail mur bi i fhein deònach. Cuiridh mi fhein an tairgse fan comhair, on a tha mig aithneachadh gum bheil thu fhein car diùid. Ach fagaidh sinn an gnothach gus an maireach. An uair a thig latha thig comhairle.”

Dhéigh a h-athair air Mairi a nuas a ceann shuas an taighe, agus thug e oirre greim suipearach a dheasachadh do dhEoghainn. Agus an uair a chaidh an t-suipear seachad, chaidh an dithis fear a laidhe, agus dhfhan Mairi aig an teine gus an tigeadh a màthair dhachaidh bhar na bainnse.

Bha Eoghainn greis mhath anns an leabaidh mun dthàinig norradh air a shùil; oir bha e air a thàmailteachadh air son mar a dhéirich dha.

Bha greis dhen latha air a dhol seachad mun déirich e fhein no Seumas.

An uair a chaidh am biadh-maidne seachad, chuir Seumas fios air a thriùir nighean do cheann shuas an taighe. “Is ann air do shon-sa, a Mhairi, a tha Eoghainn Bàn atathaich an taighe so o chionn ùine, agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa pòsaidh tu e. Ciod a tha thug radh?”

Ged nacheil dad cearr agam ri chur as a leith, chaneil mi deònach a phòsadh idir; oir an deigh obair na h-oidhche raoir, tha eagal orm nach bi e réidh rium.”

Am phòs thusa e, a Phigidh?” arsa h-athair.

Cha phòs mi gu dearbh. Tha car ga dhìth; agus an uair a phòsas mise, chan e duine faoin dhen t-seòrsa ud a phòsas mi.”

Am pòs thusa e, a Sheonaid?”

Bha Seonaid greisna stad. Sheall a h-athars a màthair, agus a dithis pheathraichean oirre mar gum biodh ioghnadh aca dhi. Mu dheireadh thuirt i, “Posaidh mi e gun teagamh, ma ghabhas e mi. Ma tha car ga dhith-san, tha sibh uile ag ràdh gum bheil car a bharrachd annamsa. Ni sinn suas an gnothach eadrainn.”

An uair a ghairmeadh air Eoghainn agus a dhinnseadh dha gun robh Seonaid toileach gu leòr a phòsadh, bha e cho aoibhneachs ged a bheirteadh oighreachd mhòr fhearainn dha.

An ùine gun bhith fada phòs iad; agus tha e air aithris gun robh iad cho toilichte le chéile, agus cho math air an dòigh ri càraid a bhanns an dùthaich rin linn.

Sin agaibh mar a fhuair Eoghainn Bàn bean.

IAIN.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. XXI.

A dholc nodhéiginn gun dfhuair iad chaidh aca air fuireachnan dùsgadh gus an dthàinig an latha. Bhan t-side anabarrach briagha, ciuin, agus bhan cuan mòr, fad an seallaidh mor-thimchioll orra, cho lom airuachdar ri siota glaine; ach on a bhan doimhneachd mòr, bha maolaidhean balbha, fadalach ag éirigh air.

Beagan an deìgh don ghréin eirigh, uair dhe na h-uairean a bhan ràth air barr fir dhe na maolaidhean so, thug iad an aire gun robh coltas siuìl luinge atighinnn am fradharc. Ach an uair a bhiodh an ràth anns na glinn a bheadar na maolaidhean so, cha robh ni rifhaicinn ach an cuan mòr, agus na speuran gorma. Sgith, fanns mar a bha iad, chaidh aca air achrann a thogail, agus an seòl a chur ris. Bha iad an dochas gun faìceadh sgiobadh na luinge iad, agus gun tigeadh iad gan teanacsadh. Ach on a bhan t side cho ciuin cha robh an long acarachadh nas na bhan ràth. Cha robh de neart annta fhein na dheanadh buille iomraidh, ged a bha toil aca a h-uile oidhirp a thabhairt air faotainn cho dluth dhis a ghabhadh deanamh.

Ged a thug sealladh de shiùil na luinge misneach mhor dhaibh an uair a mhothaich iad dhi an toiseach, mu dheireadh chaill iad am misneach buileach glan an uair a chuimhnich iad gur dòcha nach tigeadh deò shoirbheis gus an tuiteadh an oidhche. A bharrachd air so, bhuail e anns an inntinn aca gur dòcha nach bann an taobh a bha iad a sheoladh i idir. Bha iad le cheile anns an t-suidheachadh inntinn anns an robh iomadh a h-aon rompasnan déigh, bu mhò a bha na trioblaidean a bha iad ag àrachn an inntinn acur de churam orra na na trioblaidean cuirp a bha iad afulang.

Bha iad afaicinn nach robh rompa ach am bàs. Ged nach robh an dara fear acluinntinn guth an fhir eile, bha iad le cheile gu dùrachdach aguidhe air Dia gun deanadh e tròcair orra.

Bha smaointean Dhomhuill gu tric air a mhàthair, air a pheathraichean, agus gu sonraichte air an aon bhrathair a bhaige. Bha en comhnuidh atoirt air fhein a chreidsinn gun deanadh efhortan mun tilleadh e dhachaidh, agus gun cuireadh e iad ann an suidheachadh cho math ri h-aon a bha eadar da cheann na dùthchadh. Ach an latha ud, cha robh coltas fon ghrein gun cuireadh e a chas air tir gu bràth.

Ged a bha cairdean aig Callum, cha robh mòr shium aige dhiubh on lathachaidh e sheòladh. Agus o nach robh roimhe aig àm sam bith cuideachadh a deanamh leotha, cha robh ni acur dragh air an inntinn aige ach eagal a bheatha. Mar a chaidh ainmeachadh cheana, dhfhas e suas ann an aineolas air an Dia bheò, agus air gach ni a bhuineadh don bheatha spioradail. Ged a thug cainnt is comhairlean Dhomhuill ni eiginn de mhothachadh dha air a staid a thaobh nàdair, gidheadh bha aineolas is cruas a chridhe fhein afaighinn làmh an uachdar air a h-uile smaointean mhath a bha o àm gu àm adùsgadh suasna chridhe.

Mu dheireadh thall thuit iad le cheile ann an trom chadal as nach duisgeadh iad gu brath leotha fhein. Anns an àms an do thuit iadnan cadal, bha iad striochdte gu leòr ris abhas fhulang.

Is iomadh neach a thug e fhein suas don bhas a bha iomadh bliadhna beòna dheigh sin, agus bann diubh an dithis ghillean òga so. Mun do thuit an oidhche thainig feothachan math soirbheis, agus ann an dorchnachadh na h-oidhche, an uair a bhan long air thuar a dhol seachad orra, thug am fear-faire an aire don ràth. Ghrad dhòrdaich an sgiobair bàtachur am mach agus na gillean bochda a thoirt air bòrd. An uair a thugadh air bòrd iad bha iad ann an dùsal trom cadail, agus ann an toiseach fiabhrius. Thugadh dhaibh a h-uile ceartas agus frithealadh air an robh feum aca, agus ann am beagan làithean thainig an tùrs am mothachadh fhein uca. Cha robh fhios aca an toiseach co dhiubh bha iad da rìreadh air bòrd luinge, no bha iad afaicinn bruadair, an uair a bha iadg am faireachadh fhein air an tulgadh anns na leapannan mar is minic a bha iad. Ann an ùine ghoirid thuig iad gur ann air bòrd luinge a bha iad. Ach cha robh fios aig an dara fear co dhiubh bha no nach robh am fear eile air bòrd maille ris. Chuir so dragh inntinn glé mhòr orra le chéile; oir, riamh on lathachuir iad eòlas air a chéile, bha iad cho miadhail air a chéile ri dithis bhràithrean.

An ceann greise thàinig fear dhe na seoladairean far an robh iad, agur an uair a chunnaic e gun robh iad le cheile air duagadh as an t-suain anns an robh iad, ghrad labhair e riutha; ach cha tuigeadh iad aon fhacal dhe na bha elabhairt, agus idir cha tuigeadh esan facal dhe na theireadh iadsan. Thàinig fear an déigh fir dhe na seòladairean feuch an deanadh iad am mach ciod a chànain a bhaca. Mu dheireadh thuig iad gur e Beurlabha iad alabhairt. Ben sgiobair an aon fhear aig an robh de Bheurla na dheanadh comhradh, agus thàinig e gun dàil a bhruidhinn riutha. Bha e gle chaoimhneil riutha, agus air eagal an sgitheachadh le mòran comhraidh an déigh dhaibh a bhith ann am fiabhrus brualleanach, cha do labhair e uine fhada sam bith riutha. Dhiarr e orra fois a ghabhail far an robh iad fad latha no dhà, agus an uair a bhiodh iad làidir gu leòr, gun innseadh iad dha mar a thainig iad gu bhith air an ràth ann am meadhain achuain mhòir.

Bha iad latha gun fhaicinn. Anns an ùine sin dhfhàs iad gu math làidir seach mar a bha iad. Bha iad air an deadh bheathachadh, ach ged a bha, bha iad cho lags gur gann a rachadh aca air dìreadh suas air an fhàradh gu bòrd.

Dhinnis iad don sgiobair a h-uile car mar a dhéirich dhaibh on lathadhfhàgadh air an eilean iad. Ghabh e ioghnadh gu leòr an uair a chuale mar a thachair dhaibh. Thuirt e riutha gum fàgadh e iad anns acheud bhaile-puirt anns an taghladh e.

Bha e aig an àm air a thurus gu ruige Calefornia, àite don robh mòran dhaoinedol aig an àm ud a bhuinig an òir. Bha àireamh mhath de luchd-turuis aige air bòrd, a dhfhalbh as an Fhraings as an Eadailt gus a dhol a bhuinig an òir, agus bha aige rin cur air tìr anns abhaile-puirt a bfhaisge air na mèinnean òir.

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, foghnaidh dhuinn a ràdh gun dfhàs Domhull is Callum cho làidirs a bha iad riamh ann am beagan ùine. Bha iad gu toileach, togarrach adeanamh gach obair a geibheadh iad ri dheanamh. Bhan sgiobair agus an sgiobadh glemheasail orra.

Ghabh fear dhen luchd-turuis a bhair bòrd beachd sònraichte air cho sgionneil agus cho dìleasa bha iad a



[363]

[Vol . 8. No. 46. p. 3]

dol an ceann gach obair a gheibheadh iad ri dheanamh air bòrd, agus rùnaich e gun cuireadh e fastadh orra gus a dhol a bhuinig an òir comhladh ris. Bha etuigsinn gum biodh iadnan seirbhisich glé dhìleas, earbsach dha. An uair a bhruidhinn e riutha mun cnùis, ghabh iad fastadh aige gu toileach. Agus faodar a ràdh nach robh aobhar aithreachais aon chuid aigesan no acasan; oir dhearbh esan gun robh ena dheagh mhaighstir, agus dhearbh iadsan mar an ceudna gun robh iadnan seirbhisich cho cruadalach, cho tapaidh, cho sgoinneil, agus cho dileass a burrainn maighstir sam bith iarraidh.

An uair a ràinig an long am baile-puirt, chaidh an luchd-turuis gu tìr gun dàil sam bith. Agus an uair a cheannaich iad gach ni a bhiodh feumail dhaibh, rinn iad deiseil gu falbh a bhuinig an òir. Bha astar math aca ri churn an déigh mun ruigeadh iad. Agus on a beiginn dhaìbh achuid mhòr dheth a choiseachd, bha iad claoidhte gu leòr mun drainig iad ceann an turuis. Ach ràinig iad uile gu sàbhailte ged a fhuair iad uidil is allaban gu leòr adìreadh bheanns atearnadh ghleann, agus adol troimh gharbhlaichean is aìmhnichean.

An déigh dhaibh an ceann-uidhe a ruighinn, bha iad beagan làitheann an tàmh aleigeil dhiubh gach sgìos is airsneul a bhorra.

Bhamaighstir a bhair Domhulls air Callum glé fhortanach; oir thachair gun robh pailteas òir anns an fhearann a cheannaich e. An uair a rinn e fastadh ri chuid seirbhiseach, thug e dhaibh tuarasdal suidhichtes an latha, agus nan tachradh dha mòran òir fhaotainn, bha e fo ghealladh sùim àraidh a bharrachd a thoirt dhaibh. On a thachair gun robh am pailteas de dhòr anns an fhearann a cheannaich e, bha e pailt cho math righealladh dhaibh. Ann an ceann leith bhliadhna, bha fiach mòran mhìlltean punnd Sasunnach de dhòr aige.

Thug Domhull is Callum an aire mhath don tuarasdal a choisinn iad fad na leith bhliadhna.

An uair a bha ceann na leith bhliadhna seachad, rinn am maighstir suas inntinn gun tilleadh e air ais don Fhraing leis na bhuinig e dhen òr. Chomhairlich e do Dhomhulls do Challum fearann a cheannach dhaibh fhein leis na choisinn iad de thuarasdal. On a bha meas mòr aige orrachionn cho dìleass a bha iad dha, agus cho glics cho measarras a bha iad a caitheamh am beatha, thuirt e riutha gun ceannaicheadh e fhein fearann dhaibh, on a bann dha a bfhearr a baithne ciod an seòrsa fearainn anns am bu dócha òr a bhith.

An latha sin fhein an uair a bha iadn an triuir ag amharc am mach air son pìos freagarrach fearainn thachair duine riutha a thairg dhaibh pìos fearainn a cheannaich e fhein. Chuir an duine so na choisinn e fad bliadhna de thuarasdal anns aphìos fearainn a cheannaich e. Agus an déigh dha bhith fad mhios acladhach an fhearainn, cha do thachair gràinne dhen òr ris. Chaill emhisneach, agus bha etairgseadh an fhearainn do dhfhear sam bith a bheireadh dha leith na sùim air an do cheannaich e fhein e. Ach cha robh efaotainn duine a ghabhadh uaith e. Chaidh iadsannan triuir a dhfhaicinn an fhearainn.

Thuirt am maighstir ri Domhulls ri Callum, “Ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, ’illean, ceannaichidh sibh am fearann. Mureil mise air mo mhealladh gu mòr, ni sibh bhur fortan air. Fhaic sibh, ’illean, tha mòran dhen chladhach air a dheanamh mar tha. Ma theid sibh fodha anns an talamh mu thrì troidhean eile, tha micreidsinn gun tachair òr ann am pailteas ribh.”

Gn leith aindeonach dhaontaich iad gun ceannaicheadh iad am fearann. Aig an àm bha am fear a reic am fearann mòran na bu toilichte dhen ghnothach na na fir a cheannaich e. Bha esang a dheanamh fhein cinnteach gur ann aige a bhan cunnradh a bfhearr, eadhon ged nach dfhuair e air an fhearann ach a leiths na thug e fhein air a shon. Mar a than seanfhacal ag ràdh, “Is math achreach a dhfhàgas a leith.”

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Nouredin agas Bean na Maise.

CAIB. XI.

Dhaithnich Giafar air an doigh anns an do labhair an righ nach robh na chunnaic e anns an talla acordadh ris. Ach air a shon sin choisich e suas an staidhre. An uair a sheall e gu caol a steach air dorus an talla agus a chunnaic e an triuir a bhanan suidhe ann, bha eagal a bhais air. An uair a thill e far an robh an righ bha e cho mor troimh a cheiles nach robh fhios aige ciod a theireadh e.

Ciod e an ruidhtearachd a thadol air aghart an so?” arsan righ ris. “Co iad na daoine so a ghabh orra de dhanadas a bhith ri ols ri cridhealasnam gharadh agusnam phailliun-sa? Ach tha mi ag aideachadh nach fhaca mi dithis riamh cho maiseach agus co freagarrach air a cheile riutha; agus air an aobhar sin, bidh fios agam mun nochd mi mo chorruich dhaibh, co iad, agus ciod a chuir an so iad.”

Chaidh e fhein agus Giafar a rithist gu dorus an talla gus beachd a ghabhail na bfhearr orra. Chualiad le cheile h-uile facal a bha Abraim ag radh ri Bean na Maise. Arsesan rithe: “Mo bhean uasal ro thlachdar am bheil rud sam bith eile ann a dheanadh na tha de sholas againn air an fheasgar so nas coimhlionta?”

Chaneil dad ach inneal-ciuil,” arsa Bean na Maise; “agus tha mismaointean nam faigheadh tu inneal-ciuil dhomh gum biodh a h-uile gnothach ceart gu leor.”

An teid agad air a chluich?” arsAbraim.

Faigh thusa dhomh e, agus bidh fios agad co dhiubh a theid no nach teid,” arsise.

Dheirich Abraim on bhord, agus thug e inneal-ciuil am mach a preasa a bha faisge air laimh, agus thug e dhi e. An uair a bha ig a ghleusachadh thionndaidh an righ ri Giafar, agus thuirt e, “Tha bhean uasal oga dol a chluich air an inneal-chiuil; agus ma chluicheas i gu math, bheir mi mathanas dhi fhein agus don duine og a tha comhladh rithe. Ach air do shonsa dheth, bheir mi fa near do chrochadh.”

A cheannaird nan creidmheach,” arsa Giafar, “mas ann mar sin a thachuis gus a bhith, is e mo ghuidhe ri Dia gun cluich i gu h-olc.”

Car son so?” arsan righ.

A chionn gur ann mar is fhaide a bhios sinn beo anns an t-saoghal so, is mo a bhios de dhaobhar againn a bhithtoirt comhfhurtachd dhuinn fhein leis an dochas gum faigh sinn bas ann an cuideachd dhaoine tlachdar.”

Bu toigh leis an righ feala-dha, agus thoisich e ri gaireachdaich an uair a chuale so; agus an uair a chuir e a chluas ris an dorus dheisd e ri Bean na Maise acluich air an inneal-chiuil.

Cha bu luaithethoisich Bean na Maise ri cluich na dhaithnich an righ gun cluicheadh i anabarrach math. An deigh dhi greis a thoirt air cluich, thoisich i ri gabhail oran agus ri cluich an fhuinn aig acheart am, agus chord an ceol agus a guth cho math ris an righs gun robh esmaointean nach robh a h-aon eile air an talamh a chluicheadh a leith cho math rithe.

An uair a stad i de chluich, chaidh an righ agus Giafar sios gu bonn na staidhreach. “Cha chuala mi riamh fhathast ceol is seinn a leith cho math sid. Bha min duil gum be Isaac fear-ciuil cho maths a thair an t-saoghal, ach chaneil e faisge cho math rithe-se. Chord an ceol cho math riums gum bheil micur romham gun teid mi steach don talla gus a cluinntinn acluichnam lathair. Ach feumaidh sinn an toisich a smaoineachadh cia mar a theid mi ann.”

A cheannaird nan creidmheach,” arsa Giafar, “ma theid sibh a steach, is docha gun aithnich Abraim sibh, agus cinnteach gu leor theid e a cochull a chridhe leis an eagal.”

Is e sin a thacur dragh orm,” arsan righ; “agus cha bu mhath leam a bhithnam mheadhain bais dha an deigh dha a bhith iomadh bliadhnanam sheirbhis. Tha smaointean air bualadhnam cheann an drasta fhein leis an teid agam, tha min dochas, air an ni a thanam bheachd a dheanamh. Fan thusa agus Mesrour faisge air an tobar gus an till mi.”

Bhan garadh faisge air bruaich na h-aimhne, agus thug so cothrom don righ air an uisge a thoirt a steach ann far an drinn e lochan boidheach dom biodh moran a dhiasg na h-aimhne adol gu tric a ghabhail taimh. Bha fhios aig iasgairean abhaile air so gle mhath, agus bheireadh iad rud sam bith air son cead fhaighinn a dhol a dhiasgach ann. Ach thug an righ ordugh teann do Abraim gun leigeadh le h-aon aca a dholna choir. Ach air acheart oidhche ud fhein, thachair gun robh fear dhe na h-iasgairean adol seachad air dorus agharaidh; agus an uair a chunnaic e gun robh e fosgailte, ghabh en cothrom air a dhol a dhiasgach don lochan.

Bhan t-iasgair direach adol a thogail nan lion an uair a thainig an righ far an robh e. Agus ged a bha aodach duine chumanta air an righ, dhaithnich an t-iasgair anns amhionaid e. Leig e e-fheinna shineadh aig casan an righ, agus dhiarr e mile mathanas air. Ghabh e a leithsgeul ris an righ, ag radh, gur e an eis agus abhochdain a thug air an cothrom ud a ghabhail air a dhol a dhiasgach don lochan.

Eirichna do sheasamh, agus na biodh eagal sam bith ort,” arsan righ; “tog na linn a chum gum faic mi ciod an seorsa eisg a thannta.”

Ghrad thog an t-iasgair na linn mar a dhaithn an righ dha, agus bha coig no sia de dheisg mhora annta. Thagh an righ an dithis bu mho dhiubh agus chuir e air gad iad. Na dheigh sin thuirt e ris an iasgair, “Thoir dhomhsa daodach fhein, agus bheir mise dhut maodach fhin. Dhiomlaidich iad an aodach on bhroig gus an ceann-aodach. “Tog leat na linn, agus bi gabhail air falbh as a so,” arsan righ.

Bhan t-iasgair gle thoilichte leis an fhortan a thainigna rathad, agus ghrad dhfhalbh e. Thog an righ leis an gad eisg, agus chaidh e feuch am faiceadh e Giafar agus Mesrour. An uair a thachair e riutha cha daithnich iad e, agus mhaoidh iad gun cuireadh iad an sas e mur tugadh e a chasan as gu h-ealamh. An uair a chualan righ mar a labhair iad rinn e gaire, agus dhaithnich Giafar e. “A cheannaird nan creidmheach,” arsesan, “am bheil e comasach gur sibh a thann? Cha daithnich mi idir sibh. Tha mi ag iarraidh mile mathanas air son labhairt cho mimhodhail ribh. Chuir sibh sibh fhein as aithne cho mors gum faod sibh dhol don talla. Chan aithnich Abraim gu brath sibh.”

Fan thusa agus Mesrour far am

(Air a leantuinn air taobh 366.)



[364]

[Vol . 8. No. 46. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, IUN 22, 1900.

Litir a Ceap Nor.

Tha mios eile air dol seachad gun fhocal uam gu MAC-TALLA.. Se dhaobharaich sin mi bhi feitheamh gus am faighinn pilleadh air ais o mthurus don bhaile-mor Sidni. O nacheil a bheag a naidheachdan eile agam ri sgriobhadh aig an am, cha bhi e mi-iomchuidh iomradh goirid a dheanamh air beagan dheth na chunnaic agus na chuala mi air mo chuairt.

Dhfhag min t-aite so an cuideachd Alasdair agus Mairearad, air an dara la fichead dhen Mhaigh. Rainig sinn Acarsaid Neill traths an fheasgar, far an robh duil againn dol air bord a bhata-smuide Weymouth an la-iar-na-mhaireach, ach fhuair sinn a mach gur ann a bha ise gus an la ud den t-seachduin gun ghluasad a Sidni. Coma co dhiubh, thaghail soitheach seolaidh a bha air a turus gu Sidni-a- Tuath, agus on bha an soirbheas math chaidh sinn air bord, agus rainig sinn am baile sin an ceann sia uairean a thim. Do bhrighs gun robh an oidhche dorcha cha dfhag sinn an soitheach gus na shoilleiriach an la maireach gu math. ’S an fheasgar chaidh mis am mach gu ruige am Bras dOr Beag, a dhamharc air mo charaid Iain agus a theaghlach, far am bheil MAC-TALLA faotuinn aoidheachd chairdeil gach seachduin. Air feasgar am maireach chaidh mi fhein agus Mairearad a null air bata-smuide gu Sidni. Be oifis a MHIC-TALLA an ceud aites an do thaghail sinn, agus feumaidh mi aideachadh gun dthug e toileachadh mor dhomh fhaicinn, gum bheil am fear-deasachaidh fada nis oige na bha mim barail mun dfhag mi mo dhachaidh. ’S ann an sin a chunnaic min ceud sealladh deChlarsach an Doire,” leis a bhard ghasda Niall Mac Leoid. Cheannaich mi aon diubh sin, agus dithis de Leabhar nan Cnocleabhraichean a bu choir a bhi aig gach aon de leughadairean na Gaidhlig anns gach cearna dhethn domhan. ’S math an sgeula ri innseadh gu bheil luchd-gabhail MHIC-TALLA a sior fhas nas lionmhoire, agus gu bheil an aitreabhs a bheil e air a chlo-bhualadh a dol mun am so, an ordugh nis fhearr na bha e riamh.

Thill sinn air ais gu Sidni-a- Tuath anamochs an fheasgar. Air madainn Di-luain dhfhalbh Alasdair gu ruige tigh-eiridinn Halifax. An deigh dhuinn fhaicinn air bord na train phill sinn air arn ais gu muladach, a guidhe gum biodh fear-coimhid Israeil, air nach aom cadal no suain, a gabhail curam dheths ga thoirt a ris air ais dar n-ionnsuidh ann an deadh shlainte. Faodaidh mi radhs an dol seachad gum besan an duine thainig dhachaidh tinn as na Staideans an earrach, agus air an drinn mi iomradh aig an am.

An deigh dealachadh ris mar thuirt mi cheana, chaidh mise null a dhfhaicinn na h-obair iaruinn a tha dluth do Shidni, agus tha mi creidsinn gur beag nach robh uiread ioghnaidh orm ris na chunnaic agus na chuala mis air ban-righinn Sheban uair thainig i o iomall na talmhainn a dheisdeachd ri gliocas Sholamh. Bha cuid ag radh rium nach robh e comasasach do neach sam bith a thuigsinn an t-anbharr saothair a rinneadh mus dthainig an grunnd ud gu bhis an t-suidheachadhs am bheil en diugh, ach neach a chunnaic a shuidheachadh mus do thoisich an obair.

O nach urrainn mi cunntas a thoirt air gach obair a tha dol air adhart, ’s fearr dhomh a leigeil seachad aig an am so. ’S mor an t-airgiod a tha air a phaidheadh don luchd-oibre gach seachdain, ach mo thruaighe! tha Satang am feitheamh le moran da chuid theachdaireanluchd-reic na deoch laidirchan ann a mhain a chum an cuid a bhuntuinn o moran dhiubh, ach gu h-araidh a chum na than a chomas a tharruing sios anns an doigh ud gu truaighe neo-chriochnach.

Iun 12, 1900. M. D.


Chaidh fear Iain D. Domhnullach, a bhag obair anns a mhèinn an Glace Bay, a ghoirteachadh air an t-seachdainsa chaidh le tuiteam guail, agus chaochail e uaithe sin. Bhuineadh e do Phort Morien, agus bha e da fhichead bliadhnasa ceithir a dhaois.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Cum suil air a chuil so air son Sanas bho
A . W. REDDEN & CO.
luchd-reic Bhrog, Bhotainnean agus chuaran, do shean us og.
June 7, 1900 1yr


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


Clo-Bhualadh de sheorsa sam bith an a dheanamh gu snasail air oifis a phaipeir so.



[365]

[Vol . 8. No. 46. p. 5]

NAIGHEACHNDA.

Chaidh tigh morna theine ann an New York Di-haoine sa chaidh, agus bha deichnear dhe na bha comhnuidh ann air an losgadh gu bàs.

Bhitheamaid an comain an luchd-gabhail nan cuireadh iad air adhart pris a phaipeir cho luaths is urrainn daibh. Tha bliadhna ùr aphaipeir a tòiseachadh air a cheud latha dhen ath mhios.

Tha tigh-sgoile ùr ri bhi air a thogail an Sidni air an t-samhradh so. Bidh e air làrach an t-seann taighe, agus bidh e ceud us ceithir troigh a dhfhad agus tri ficheadsa dha dheug a leud. Bidh e air a dheanamh air cloich us bric, da stoiri a dhàirde, agus air a chur an uidheam cho math ri togalach da sheòrsa ann an Nobha Scotia.

Tha nise da expresss an latha tighinnsa falbh á Sidni; a falbh aig cairteal gu seachds leth-uair an deigh deichsa mhaduinn, ’sa tilleadh aig cairteal gu h-ochds aon uair deug feasgar. Tha aon diubh nach eil astad ach aig naodh no deich cala eadar so us Halifacs, agus tha i deanamh an astair gu math nas luaithe na bhatarga dheanamh roimhe so. Than da charbad adol a stigh gu Sidni Tuath.

Bhatar a bruidhinn an uiridh aìr Raointean Abrahaim, os ceann baile Chuebec, a chreic air son taighean a chur suas air, ach tha sin air a leigeil seachad, ’s tha iad gu bhi air an ceannach leis an àrd-riaghladh, ’s air an toirt seachad don bhaile, air son math an t-sluagh. ’S ann air na raointean so a chuireadh am blàr mor a choisinn Canada do Bhreatuinn, agus cha bhiodh e iomchuidh an leigeil fo thaigheans fo shràidean a bhaile.

Tha Feill mhor ann am Paris, ceanna-bhaile na Frainge, air an t-samhradh so. Chaidh fhosgladh o chionn còrr us mios, ach chan eil na togalaicheans gach ni eile air an cur an uidheam ceart ach gann fhathast. Tha earann den ghrunnd air a chur air leth air son gach dùthaich, agus bha na Frangaich an toiseach acur rompa gum biodh gach earann dheth fosgailte la na Sàbaid cho math ri lathaichean eile. Ach chan aontaicheadh na Staidean no Canada ri sin idir, agus tha an cuid-san a mise duinte na h-uile latha Sàbaid. Tha cuid Bhreatunn gu ruige so fosgailte gach latha dhen t-seachdain.

Tha Pol Crugar air an udalais on dhfhàg e Pretoria. Bha a cheanna-bhaile aige car greis ann am Machadorp, agus bu chaisteal dha carbad-iaruinn. Thainig air am baile sin fhàgail, agus a nise thacheanna-bhaile aige ann an Alkamr, far an deach e fheinsa lùchairt a ghiulan deireadh na seachdain sa chaidh. Thathar ag radh gu robh Crugar toileach striochdadh cho luathsa thainig air Pretoria fhàgail, ach nach leigeidh Steyn leis sin a dheanamh. Bha cumhachan air an deanamh eatorra mun do thòisich an cogadh nach burrainn fear seach fear dhiubh ni sam bith a dheanamh gun aontan fhir eile. Chum Crugar Steyn air ais roimhe so o thoil féin a dheanamh, agus tha Steyn a nise cur roimhe nach bi a dhòigh fhéin aig Crugar a thaobh striochdadh, ach gun toir e air leantuinn air a chogadh gus am bi e gle shearbh dheth.

Chaidh fear Seumas King, ann a Westmorland, N. B., a thachdadh an oidhche roimhe le greim feòlase gabhail a shuipearach. Bu sheann duine, tri fichead us deich bliadhna dhaois.

Thainig an soitheach-smùideFloridaa stigh dhan phort so Di-luain sa chaidh, acheud soitheach dhen Phlant Line a ruith direach eadar so us Boston. Bha mu dha fhichead a gabhail an turuis oirre. Bidh an soitheach so a ruith fad an t-samhraidh, agus bidh a tursanna dheisealachadh mor do mhuinntir siorrachd Cheap Breatunn.

Tha moran dhen bharail nach eil anns an arm Bhreatunnach ach daoine cumanta na dùthcha, gu bheil na h-uaislean agus daoine thainig gu inbhega sheachnadh. Chan ann mar sin a tha achùis idir; tha ann an ceann a deas Africa aig an àm so acogadh os leith an dùthcha, sia deug air fhichead de na morairean, agus a h-ochd air fhichead de bhuill tigh nan cumantach.

Sgaoil pàrlamad Eilean aPhrionnsa air an t-seachdain sa chaidh. Ged nach robh an suidhe bhaca air an turus so cho sitheils a bàbhaist, chaidh aca air gnothuichean na roinne chur air dòighs air obair air son bliadhneile. Rinneadh aon lagh leis a phàrlamaid so is fiach iomradh a dheanamh air, ’se sin lagh a bacadh creic deoch làidir. Tha an lagh-bacaidh sin ri bhi air a chur air obair a cheud latha de Iun, an ath bhliadhna. An deigh sin bidh e mi-laghail stuth làidir de sheòrsa sam bith a chreic air an eilean, agus bidh luchd-bristidh am lagha air am peanaisteachadh air son na ceud chionta le ùmhladh ceud dolair, no tir miosan priosain; an darna cionta, da cheud dolair no ceithir miosan priosain; agus gach uair an deigh sin, sia miosan priosain. Rinneadh lagh dhen t-seòrsa cheudna ann am Maintoba deireadh an earraich. Tha mar sin a dha de roinnean Chanada gu bhi fo lagh bacaidh mun àm son ath bhliadhna.

Tha cùisean a sior dhol nas miosa ann an Sina. Tha comunn uaigneach am measg an t-sluaigh ris an canarBoxersaguss iad sin a tha air cheann na ceannairc. Tha e fior choltach gu bheil a bhan-impire gu h-uaigneachg am misneachadhsg am brosnachadh, oir tha a cheart ni aig naBoxers” ’san amharcs a bhaice fhéin o chionn iomadh bliadhnana coigrich fhògradh as an dùthaich. Tha cuid de na paipearan-naigheachd Breatunnach dhen bharail gu bheil Ruisia air chùl na ceannairc cuideachd, gu bheil i cur nan Sineach gu buaireas an dòchas gun teid aice fhein air a cumhachd a mheudachadh mun tig crioch air a chogadh, ma bhios cogadh ann. Ma tha sin fior, tha cothrom nas fhearr aice na bha aice o chionn iomadh bliadhna oir tha Breatunn gu trang anns an Transvaal, agusse Breatunn an aon rioghachd bu dòcha cur na h-aghaidh. Loisg gearasdan Sineach ann an Taku air an arm Eòrpach Di-luain sa chaidh amarbhadhsa leònadh àireamh dhiubh; ach chaidh na dùin aca ghlacadh, an deigh ceithir cheud dhiubh a mharbhadh.


Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.

Luach airgeid cho mathsa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonnsa dhuachdar.

Tha prisean arn aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.

Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhen t-seorsas fhearr, ’s dhen deanamh as uires as fasanta.

H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.


SYDNEY CASH STORE.
Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig,
J . C. MILLS, - - - Sidni.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad. Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.



[366]

[Vol . 8. No. 46. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 363.)

bheil sibh fhads a bhios mise anns an talla.”

Chaidh an righ suas an staidhre, agus bhuail e aig dorus an talla. Chuala Nouredin an toiseach e, agus dhinnis e do Abraim, gun robh duine abualadh aig an dorus. “Co tha sid?” arsAbraim.

Dhfhosgail an righ an dorus, agus choisich e ceum no dha steach don talla, agus thuirt e, “Abraim, is mise Ceirim, an t-iasgair. Dhinnseadh dhomh gu robh cairdean agad an so aig cuirm. Thug mi ugad an da iasg bhriagha so; oir bha mismaointean nach bu mhisde leat iasg ur a bhith agaibh aig achuirm. Tha iad direach air an toirt as an lion an drasta fhein.”

Bha Nouredin agus Bean na Maise anabarrach toilichte an uair a chualiad iomradh air iasg. “Guidheam ort Abraim,” arsa Bean na Maise, “leig leis tighinn nas dluithe dhuin a chum gum faic sinn an t-iasg.”

Bha Abraim aig an am neo-chomasach air faighneachd dhen iasgair cia mar a thachair dha tighinn don talla; oir bhainntinn gu buileach suidhichte air a h-uile toileachadh a thoirt do Bhean na Maise. Bha e air an dearg dhaoraich, agus air eiginn thionndaidh eaghaidh rathad an doruis, agus ann an cainnt liutaich thuirt e ris an righ, agus e an duil gur e iasgair a bh ann, “Trobhad an so a dhearg mheirlich na h-oidhche, agus seall dhomhsa ciod a thagad.”

Chaidh an righ air aghart, agus e anns gach doigh cho coltach ri iasgairs a burrainn a bhith, agus leig e fhaicinn an da iasg dha.

Than t-iasg sin briagha da rireadh,” arsa Bean na Maise, “agus nanrobh e air a dheasachadh gu math, dhithinn rud dheth gu toileach.”

Tha bhean-uasal ceart gu leor,” arsAbraim; “ach ciod am feum a ni an t-iasg sin dhuine o nach robh e air a dheasachadh. Bi falbh leìs amns amhionaid, agus deasaich gu math e, agus thoir dor n-ionnsuidh e. Gheibh thu a h-uile deisealachd a bhios a dhith ort anns achitsin agamsa.”

Chaidh an righ air ais far an robh Giafar, agus thuirt e ris, “Ghabh iad rium gle chaoimhneil; ach tha iad ag iarraidh orm an t-iasg a dheasachadh dhaibh.”

Deasaichidh mise dhaibh e,” arsa Giafar, “agus bidh e deiseil ann an uine gle ghoirid.”

Chan ann mar sin a bhitheas,” arsan righ, “tha mi cho toileach mo ghnothach a dheanamhs gun deasaich mi-fhin e; oir on chaidh agam cho math air mi-fhin a chur ann an riochd iasgair, cuiridh mi-fhin a nis ann an riochd-cocaire. An uair a bha mi og rinn mi uair beagan cocaireachd agus chaidh an obair leam gle mhath.”

An uair a thuirt e so, chaidh a fhein is Giafar agus Mesrour don chitsin aig Abraim, agus thoisich iadnan triuir gu trang ri deasachadh an eisg.

Ged nach robh an citsin aig Abraim mor bha h-uile deisealachd air am biodh feum aig cocaire ri fhaotainn ann. Ann an uine ghoirid dheasaicheadh an t-iasg. Chuir an righ air trinnsearan e, agus chuir e lemon air gach trinnsear, a chum gum faisgeadh iad anns an eanraich e nam faiceadh iad iomchuidh. Dhith iadnan triuir an t-iasg gu sunndach, ach gu h-araidh Nouredin agus Bean na Maise. Agus bhan righna sheasamh aig abhord mun coinneamh.

(Ri leantuinn.)


Na Marbhrannan.

(Air a leantuinn.)

Bha an teagasg so gun teagamh easbhuidheach. Cha robh abheag de leughadh, de sgriobhadh, no de chunntas ann. Cha sheasadh clann Ghaidhealach an ud ach dona aig ceasnachadh ar latha-ne agus cha choisneadh iad moran cliu no airgid don Mhaighstir-sgoile. Cha labhradh iad focal Beurla agus, cuis is iongantaiche, cha robh naire orra dheth. Ach aineolach, cianail, mar a bhan cor, a reir teagaisgus creidimh ar latha-ne, tha mi meas gum faigheadh ar luchd teagaisg-ne leasan no dhà uapa a bairidh air iunnsachadh A dhaon ni, thuigeadh na sgoilearan o shean cainnt am maighstir; agus is mor an ni so. A rìs bham Bard ateagasg da luchd-eisdeachd gun robh Duthaich aca, gun robh Sinnsearachd aca, agus nach bu ni mi-choltach gum biodh Sliochd aca. Bha e teagasg gun robh dleasdanais chudthromach, sholuimte air an leagadh orra, nach faodadh iad gun chionta mor a dhearmad, do thaobh an Duthcha, an Aithrichean, agus an Cloinne. Coir do Dhuthcha agus do Shluaigh a sheasamh agus an am a cliu a chur am farsuingeachda bhi cuimhneach air na daoine on dthainig thuna beannachdan a mheal thu fhein aisign an lan neart do dchloinndo bheatha orduchadh a chum agus gun seall na ginealaich a thig addheigh air an ais le tlachd agus le urram ri cuimhne nam parantan a ghin iada bhi anns gach ceum do dbheatha agleidheadh air chuimhne gur tusa an ceangal ann an Eachdraidh do Shluaigh eadar an t-àm a bha agus an t-àm a bhitheas; —be ni-eigin cosmhuil ri so, air a thoirt seachad le teangadh cheolmhor aBhaird, an teagasg a gheibheadh an t-oganach Gaidhealach o shean, agus easbhuidheachus mar bha e, saoilidh mi gur ann easbhuidheach da rireadh a than teagasg anns nach faighear a bheag no mhor den t-seorsa air a chur fa chomhair na h-oigridh anns gach linn.

Be so, tha mi meas, brigh teagaisgOiseanMhic Mhuirich, cia be chuir ri cheile e. Be modh no doigh an teagaisg cliu an àm a dhfhalbh agus nan daoine treuna a bha. Seall air na Dain fa seach. ’Se cheud sreath deChath-Loduinn

(Ri leantuinn.)


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.

DEAR SIR:

The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies,


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L . L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


Are You Deaf??

All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Daltons Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Gheibhear tuilleadh ainmeanIadsan a phaighanns an àireamh so.



[367]

[Vol . 8. No. 46. p. 7]

AN DUANAG ULLAMH.

LE BARD MHIC-GILLEAIN.

Triallaidh mi le mdhuanaig ullaimh
Gu righ Ghaidheal;
Fear aig am bim baile dùmhail
Sona, saibhir.

Triath Earragheals fearr faicinn,
S is mo maitheas;
Cailein, iarla fo chliu farsuinn,
S es fial flaitheas.

Abhall uasal, maiseach, freumhach,
Dam buin moladh;
Crann as ùire dhfhàs troimh thalamh,
Làn de thoradh.

Seahhags uaisle theidsna neultaibh,
Crann thar chrannaibh;
Mac rathachum Dia gu h-ullamh
Don chliar-ealain.

Leoghann neartmhor, nimhneach, làidir
An àm trioblaid;
S beag nach deachaidh Albair udal
Gusn do theasraig.

An trath thriallas Cailein Iarla
S a shluagh bunaidh,
Cuirear leis air fairgochala
Càbhlach ullamh.

Luingeas leathann, làidir, luchdmhor,
Dealbhach, dionach;
Slios réidh sleamhainn dholsan fhuaradh,
S ràimh chruaidh, dhireach.

Togar leo na geal chroinn chorrach
Suas len lònaibh,
S iomadh ball gu teann ga dheanamh
N am dhaibh seòladh.

Nitear an stagh direach, ’s dualach
Mun bhràigh thoisich;
S togar na siùil mhora, mhaiseach,
Le sgod crosach.

Cuirear a chluassa chìch thoisich
Dholsan fhuaradh;
Mar steud luath i, sruth fo sàiltibh,
S muir ga bualadh.

S iomadh laoch fulangach, meanmnach,
Dorn-gheal, treubhach;
Dhiomaireas lùb air a h-àlach,
Socrach, séisteach.

Deagh shluagh lionmhor bhiodh a dbhàrcaibh,
Fo làn armaibh;
S air a dheas laimh neart nan Duibhneach
Aig righ Alba.

Reir a cheartais, nuair a beiginn,
Le cruaídh chogadh,
Bhuidhinn thu buaidhs tha thu oirdheirc,
Fhuair thu toiseach.

Nin aithne dhomhsa do chàirdean,
Ge math meólas;
Achs ro chinnteach leat gun éireadh
Mac-Leoid Leodhais.

Fuil Mhic-an-Tòisich gu h-ullamh,
S feachd Mhic-Shimi,
S mairg air an leagadh iad buillean
An am iomairt.

Clann-Ghilleoin gu làidir, lionmhor,
Bhon tir Mhuilich;
Dream a thug buaidh anns gach bealach,
S a bfhearr fuireach.

Clann-Domhnaill, dan cliù buaidh-larach
Ort a feitheamh,
S uais lean Innse-Gall gu coimhlient,
Mar a deiream.

Fhuair thu bhon righbhitht ard cheannard
Air fir Alba,
S, mar a bairidh, ’bhitht ard bhritheamh
Nitheans anman.

Tha thut ard fhear-coimeads gleidheadh
Air a chrich thall;
Rainigs cheannsaich thu na naimhdean,
S fhuair thu siochaint.

Air ard-chomhairle na h-Alba,
S tus stiuir uile;
Do cho math nin robh an seanachas
O lìnn Uilleim.

Wallas, flath nam fear, gun choimeas
Am measg dhaoine;
Cailein na dheidh-san gun choimeas,
An t-iarl Aorach,

Ge mor tinbhe, taimn, is tonair
S do ghliocas;
Rinn thu bun a stéidh na firinn
Is a cheartais.


Tha Breatunn a cur àireamh mhiltean de shaighdearan air falbh a Africa mu Dheas gu Sina, far am bheil e gle choltach gun cuirear feum oirre an ùine ghoirid. Tha ena ni gle fhàbharraah dhi gu bheil cogadh nam Boereach beul ri bhi seachad.


Tha gach neach a dhfheuchUuion Blend Tea ’ga moladh.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbry,
Nov. 2799. Cape Breton.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Biga phaigheadh. Biga leughadh.


BUSINESS CARDS.


J. E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.


ALBERT HARTY,
Greusaiche,
Brogan agus Botainnean air an Deanamhs air an Caradh gu snasail.
Ri taobh stor D. L. MacFhionghain,
SIDNI, - - C. B.



[368]

[Vol . 8. No. 46. p. 8]

Rinneadh riamh leat dlighe cheart
Do lags do làidir;
Beannach i gach aon duinad chuideachd,
Ghall is Ghaidheal.

N t-Athair cumhachdach gad ghleidheadh
S am Mac siorruidh,
N Spiorad Naomh a dhion do nàire,
Righ Loch-fine.

Nin dfhuaras do cho math de dhurrainn,
S nim dhiarras;
Chinn nam fear bu phailte cùram
Leat a thriallainn.

Tha e air a radh gun do rinneadh an t-oran so mun bhliadhna 1528.


CEAD DEIREANNACH NAM BEANN.

LE DOMHNALL MAC FHIONNLAIDH.

S mim shuidhair sìth-brugh nam beann,
Goirid o cheann Locha-tréig,
Creag-Guanach am biodh an t-sealg,
Grianan àrd am biodh na féidh,

Chi mi Coir’ -an-Rath a bhuam,
Chi mi a Chruach is Beinn-Bhreac;
Chi mi Srath-Oisean nam fiadh,
S chi mi ghrian air Meall-nan-Leac.

Chi mi Gairbinn nan damh donn,
Agus Lap-Bheinn nan tonn sìth’;
Mar sin is an Leitir-Dhubh;
S tric a rinn mi fuil na frìth.

Chi mi srath farsuinn a chruidh,
Far an labhar guth nan sonn,
S Coire-creagadh a Mhàim-Bhain,
Mminig a rinn mo làmh toll.

Chi mi bràigh Bhidein nan dos
N taobh so bhos de Sgurra-Lìth;
S gurra Chòinnich nan damh seang’;
S ionmhuinn leam an diugh na chi.

Chi mi Beinn-Nibheis gu h-àrd,
S an Carn-Dearg an taica buin;
N tulach air am fàs am fraoch,
Monadh maol gu ruige muir.

Gur riomhach an Coire-Dearg,
Farm bu mhiannach leinn bhith sealg;
Coire nan tulachanan fraoich,
Innis nan laoghs nan damh garbh’.

S aoibhinn an obair an t-sealg,
S aoibhinn a meanmnas a beachd;
S mor gum bannsa leam a fonn
Na long is idol fo beairt.

Càit an cualas ceol bu bhinne
Na mòthar gadhair mhòir a teachd;
Daimh sheanga nan ruith le gleann,
S miolchoin a dol anntas asd’.

Is binn leam torman nan dos
Ri uilinn nan corra-bheann cas,
S an eilid bhiorach as caol cos
Naclos fo dhuilleach ri teas.

Gun do chéilaican damh,
S es muime dhimfeurs an creamh;
Màthair an laoich mheanbh-bhric mhir,
Bean an fhir mheall-rosgaich ghlain.

Eilid bhinneach, mheargant’, bhallach,
Odhar, eangach, uchd-reidh, àrd,
S damh togbhalach, croic-cheannach, sgiamhach,
Crònanach, ceann-riabhach, dearg.

S aigeantach shiubhleas in raon,
Cadal cha dean isan smùr;
Bfhearr leathna plaide ritaobh
Bàrr an fhraoich, ghaganaich ùir.

S glan rishloinneadh an damh donn,
Thearnas o uilinn nam beann;
Mac na h-eilde ris an tom,
Nach do chrom le spìd a cheann.

Is gasda ruitheas e suas
Ri leacainn chruaidh agus chas;
Moladh gach aon neach an
Ach molam-san trùptha dol as.

Bha mi on rugadh mi, riamh
An caidreamh fhiadh agus earb’,
S chan fhaca mi dath air am bian
Ach buidhe, riabhach, is dearg.

Dhfhàg misan righe so shios
M fear bu phudhar dhomhsa bhàs,
S tric chuir e chagar an cruas
N cluais an daimh chabraich an sàs.

Raonull Mor Mac Dhomhnaill Ghlais,
Fear a fhuair foghlum gu deas;
Deagh Mhac Dhomhnaill a chuil chais,
Nim beo neach a chomhraig leis.

Alasdair cridhe mar lann,
Gun e bhith ann is e mo chreach;
S tric a leag e air an tom
Mac nan sonn leis a chu ghlas.

Bratach Alasdair Bhoth-Loinn
Bu shról farumach ri crann;
Suaicheantas soilleir Siol Chuinn;
Nach dchuir suim an clannaibh Ghall.

Alasdair Mac Ailein Mhòir,
S tric a mharbhsa bheinn na feidh,
S a leanadh fad air an tòir,
Mo dhòigh bu Domhnullach treun.

Fhads a bhithinn beo air thalamh,
S deo den anail am chorp,
Dhfhanainn am fochair an fheidh,
Sin an spréidhsan robh mo thoirt.

Soraidh gu Beinn-Allair bhuam,
Bhons i fhuair urram nam beann;
S gu slios Loch-Eireachd an fhéidh,
Gum bionmhuinn leam fhéinbhith ann.

Thoir soraidh bhuam thun an loch,
Far am faicteadh bhos is thall;
S gu uisge Leamhna nan loch,
Muime nan laogh breacs nam meann.

Se loch mo chridhe-san loch,
An loch air am biodh an lach,
Agus iomad eala bhàn,
S bhiodh iad a snamh air mu seach.

Soraidh bhuam gu Bac-nan-Craobh,
S gu da thaobh Bealach-nan-Sgùrr,
S dhfhios an Eadar-Bhealaich mhòir,
Mun cluinnteadh cronan an daimh dhuinn

Mo shoraidh gu Coire-nan-Clach,
N coiram bu toigh leam bhith tàmh;
S gu Uisge-Labhar nam faobh,
Cùilidh nan agh maols nam mang.

Is beannachd leat-sa, Chreag Mhor;
S ionmhuinn an lòn tha fo dcheann;
S gur h-annsan lag thair do chùl
Na machair is mùr nan Gall.

On labhair mi umaibh gu leir
Gabhaidh mi-fein dibh mo chead,
S dearmad cha dean san am
Air fiadhach ghleann nam Beann-Beag,

Cead as truaighe ghabh mi riamh;
Don fhiadhach bu mhor mo thoil;
Chan fhalbh mi le boghfo msgeith,
S gu la-bhrath cha leig mi coin.

Nuair bha mi air an da chòis,
S moch a shiubhlainn bhos is thall;
Ach an nis on fhuair mi tri,
Cha ghluais mi ach gu mìn mall.

Tha blaigh dem bhoghann am uchd,
Le agh maol odhar is ait;
Ise gionachs mise gruamach,
S truagh an diugh nach buan an t-slat.

Nis on sguir mishiubhal bheann,
S o nach teann an t-iubhar cruaidh,
S o nach seasamh mi air sgeir,
S truagh nach h-fheil mi anns an uaigh.


Fleadh Dhun-bheagain.

LE NIALL MOR MAC-MHUIRICH.

Se oidhche dhomhsasan Dun,
S nin robhn comunn fallsa, fuar;
Cuirm lionmhor gah-ibh a or,
Fionbhrugh mors am faicear sluagh.

Teaghlach an taighe air gach taobh,
S be an fhine mheadhrach mhor;
S feairde suaimhneas rathan righ
Luchd cathan ua gneas fo ol.

Gair na clarsaichs nan cuach trom,
Aig nach gnathach fuath no feall;
Gair nam fear, ’s nam fleasgach fionn,
Lionn misgeach is teine teann.

Righ on oilear aigneadh ur,
Cumaidh a chaidreamh gach cliar.
Narioghbhrugh nin aisling ol
Da shlogh lionmhor, farsuinn, fial.

Fichead misge dhuinn gach la,
S cha bu leisge leinn na leis.
Bha gach deoch a dol na bfhearr,
Na se oidhchbu fhearr a ghreis.

Lionmhor, abundant .Fionbhrugh, a wine mansion.Rioghbhrugh, a royal manions.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhen ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,

Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a thaga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dailBathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


J. D. W. CAIMBEUL.
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.

titleIssue 46
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 46. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page