[Vol . 8. No. 47. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 29, 1900. No. 47.
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE. IAIN.
CAIB. XXII.
Cha robh Domhull is Callum ach latha no dhà a’ cladhach an uair a thachair an t-òr riutha. Mar bu doimhne a bha iad a’ dol is ann bu mhò a bha iad a’ faotainn dhe ’n òr. Ann an ceann thrì miosan bha iad riaraichte gu leòr leis na bhuinig iad, ach lean iad air cladhach gus an do chuir iad an taobh a bha fodha dhe ’n fhearann as a chionn. Mu’n do sguir iad bha iad cho beairteach ’s a dh’ iarradh iad, agus cha bu bheag sin.
An déigh dhaibh am fortan a dheanamh bha cunnartan anns an rathad orra a bha ’cur eagail gu leòr orra. Bha àireamh nach bu bheag de dhaoine aig na meinnean a bha ’tighinn beò air a bhith ’spùinneadh a h-uile duine air am faigheadh iad fàth, agus aig an saoileadh iad am biodh a’ bheag a dh’ òr. Bha iad so cho cruaidh-chridheach ’s cho brùideil ’s gu’m mortadh iad duine sam bith air ghaol greim fhaotainn air beagan òir. Mar bu trice bhiodh buidheann dhiubh ri feall-fhalach anns na coilltean air an rathad a bhiodh an fheadhainn a bhiodh a’ tilleadh dhachaidh o chladhach an òir a’ gabhail. Bhodh cuid eile dhiubh aig na meinnean agus suil am mach aca feuch co bhiodh a’ tilleadh dhachaidh, agus ciod an rathad a bhiodh iad gus a ghabhail.
Cha robh barail sam bith aig Domhull ’s aig Callum an toiseach gu’n robh na cunnartan so rompa, agus air an aobhar sin cha robh iad air am faicill ciod a theireadh ’s a dheanadh iad cho math ’s bu chòir dhaibh. Ach bha fhios aig an Fhrangach a ghabh ceann orra, agus a bha cho caoimhneil riutha, gu’n robh na cunnartan so rompa, agus chuir e ’nam faireachadh iad. Ged a bha e fhein deiseil gu tilleadh dhachaidh, chuir e roimhe gu’m fanadh e gun fhalbh gus am biodh iadsan agus buidheann no dhà eile ’falbh comhladh ris. Bha fhios aige gur ann mar bu lionmhoire a bhiodh an àireamh bu shàbhailte a gheibheadh iad air ais do ’n bhaile-puirt a dh’ ionnsuidh an robh ’nam beachd a dhol.
Gus an luchd-spùinnidh a chur as am faireachadh bha iad gu faoilidh, foscarra ag innseadh gu’n robh dùil aca falbh gun dàil, agus gu’n robh iad gus dhol gu ruige am baile-puirt a b’ fhaisge dhaibh.
Leis na bh’ aca de dh’ òr b’ eiginn dhaibh beagan dhaone ’thuarasdalachadh gus falbh comhladh riutha. Dh’ fhalbh iad àird-fheasgair, agus o’n a bha fhios aca nach cuirteadh dragh sam bith orra gus an rachadh iad àireamh mhòr miltean air an aghart, lean iad rompa, mar gu’m biodh iad a’ deanamh dìreach air a’ bhaile-puirt a b’ fhaisge dhaibh. Champaich iad ann an iomall na coille, agus an uair a leig iad an anail gu math agus a ghabh iad biadh, rinn iad deiseil gu falbh an oidhche sin fhein. Bha ’n oidhche air tuiteam fada mu’n d’ fhalbh iad, ach o’n a bha àirde gealaich ann bha e fursada gu leòr dhaibh am frith-rathad a dheanamh am mach. Lean iad rompa air an socair fhein gus an robh e gu math seachad air a’ mheadhain-oidhche. Rinn iad stad car uair no dà uair, agus shuidhich iad gu’n atharraicheadh iad an cùrsa, agus gu’n deanadh iad car-ma-chnoc air na meirlich, ma thachair gu’n robh iad air an tòir. Cha robh am fear a bha gus an treòrachadh air an t-slighe glé chinnteach gu’n rachadh aige air an cur air an rathad cheart. Ach co dhiubh dh’ fhalbh iad.
An uair a shoilleirich an latha thuig iad gu’n deachaidh iad fada far an rathad. Bha deireadh na h-oidhche glé dhorcha, agus ged a bha combaiste aca, bha eagal orra solus a lasadh ro thric gus amharc air; oir ghabh iad amhrus gu’n robh an tòir orra, agus bha fhios aca nan lasadh iad solus gu’m faodadh an luchd-tòrachd boillsgeadh dheth ’fhaicinn. Cha robh aca ach feuchainn ri ’n aghaidh a chur an latha sin air a’ bhaile ’dh’ ionnsuidh an robh dùil aca ’dhol.
An uair a bha e suas ri deich uairean de latha, bha teas na gréine air fàs cho làidir ’s gu ’n do shuidhich iad gu’m fanadh iad gu àird-fheasgair far an robh iad. Chaidh iad a steach do ’n choille, agus leig iad as na h-eich, agus an uair a ghabh iad fhein biadh, chaidil cuid dhiubh, agus chaidh cuid eile dhiubh suas gu mullach cnoic àird a bha mu leith mhile air falbh feuch ann faiceadh no ’n cluinneadh iad an robh neach sam bith air an tòir. An uair a bha iad greis air falbh thill iad, agus thuirt iad nach fhaca ’s nach cuala iad ni a bheireadh orra bhith ’smaointean gu’n robh neach sam bith air an tòir.
O’n a bha coltas gu’m biodh an oidhche gu math soilleir cha d’ fhalbh iad gus an robh a’ ghrian air cromadh gu math. Lean iad rompa fad na h-oidhche; oir ged a b’ ann a’ dol iomrall fhein a bhitheadh iad b’ fhearr leotha cumail rompa na stad, air eagal gu ’m faodadh neach sam bith am faicinn a bheireadh sgeul do ’n luchd-tòrachd mu’n déidhinn.
Ged nach fhaca iad neach sam bith fad an dà latha so a bheireadh orra bhith ’creidsinn gu’n robh tòrachd orra gidheadh bha làn amhrus aca, a reir gach sgeul a chuala iad mu’n d’ fhalbh iad as na mèinnean, gu’n robh iad ann an cunnart an cuid dhe ’n t-saoghal a chall. Ged nach robh fhios aca air, bha buidheann mhòr de dhaoine làidir eucorach air an tòir, agus bha iad air greim fhaotainn orra mur b’e gu’n deachaidh iad cho fada bhar an rathaid an oidhche an déigh dhaibh falbh.
Ann an soilleireachadh an latha stad iad aig bruaich aimhne mòire a thachair riutha. Bha ’n amhainn so cho leathann, agus a réir choltais, cho domhain ’s nach robh e sàbhailte dhaibh oidhirp a thoirt air a dhol tarsuinn oirre gus an éireadh a’ ghrian ’s am faiceadh iad àite freagarrach.
Ann an ùine ghoirid thuig iad nach robh e’n comas dhaibh faotainn tarsuinn air an amhainn. O’n a bha iad cho sgìth an deigh na rinn iad de choiseachd, agus iad air dhroch cadal, o’n a dh’ fhalbh iad, stad iad ann an iomall na coille. An uair a ghabh iad biadh, agus a rinn cuid dhiubh greis chadail, thog iad orra, agus ghabh iad air an aghart suas ri taobh na h-aimhne. Cha deachaidh iad glé fhada air an aghart an uair a thòisich na fir a thug iad leotha gus an t-òr a ghiulan, agus gus an dìon o na robairean, ri cur rompa nach rachadh iad na b’ fhaide. Chuir so miapadh mòr orra; oir anns a’ cheud àite cha robh rathad aca air na bh’ aca dh’ òr a ghiulan leotha gun chuideachadh, agus a bharrachd air so, bha eagal orra nan tilleadh na daoine so air an ais gu’n tachrach na robairean riutha, agus gu’n innseadh iad dhaibh mu ’n déidhinn, agus gu’m biodh iad air an spùinneadh, agus ma dh’ fhaoidte air am mort.
Ach ged a bha na fir a’ cumail am mach gu’n robh toil aca tilleadh, cha robh iarraidh sam bith aca air tilleadh. Is ann a bha iad air son tuilleadh tuarasdal fhaotainn; agus an uair a fhuair iad gealladh gu’n rachadh an tuarasdal a dhùblachadh dhaibh, dh’ aontaich iad gu toileach a dhol air an aghart. Cha robh ’choltas gu’m faigheadh iad tarsuinn na h-aimhne ann an aithghearrachd; oir ged a bha i ’fàs na bu chaoile mar a bha iad a’ dìreadh suas thun a bràighe, gidheadh bha ’n sruth cho bras ’s nach robh de mhisnich aca na bheireadh oidhirp air a dhol tarsuinn oirre. Mu dheireadh thòisich na h-eich ri toirt thairis, agus mar sin b’ éiginn dhaibh stad far an robh iad. Bha na thug iad leotha de bhiadh air ruith am mach, ged a bha iad ’g a chaomhnadh cho math ’s a b’ urrainn daibh.
Bha gunnachan is fudar is luaidhe gu leòr aca, ach bha eagal orra urchair a losgadh air eagal gu’n cluinneadh neach sam bith iad. Ach an uair a bha iad air an tolladh leis an acras, agus gun fhios aca c’uin a ruigeadh iad àite anns am faigheadh iad biadh ri cheannach, b’ eiginn daibh oidhirp a thoirt air ni eiginn fhaotainn a chumadh beò iad. Aig an àm bheireadh iad gu toileach a chòig luachan air seòrsa bìdh sam bith a gheibheadh iad. Bu mhath an t-òr fhad ’s a gheibheadh iad biadh air a shon, ach as aonais a’ bhìdh cha deanadh an t-òr feum sam bith dhaibh.
Bha iad ann gu léir dluth air fichead fear, agus cha b’e am beagan bìdh a shàsaicheadh iad aig an àm. Dh’ fhalbh deichnear dhiubh feuch an tachradh sealg riutha, agus dh’ fhan càch a’ gleidheadh an òir. Na ’m faigheadh iad sealg mu’n tilleadh iad feasgar, bu mhath; ach mur faigheadh bha iad suidhichte gu’m marbhadh iad fear dhe na h-eich agus gu’n itheadh iad e.
Ghabh an deichnear so air an aghart le ceum cho cabhagach ’s a rachadh aca air a dheanamh, agus iad an dòchas gu’n tachradh sealg riutha; ach cha robh creutair a’ tachairt riutha. An uair a bha iad air thuar dùil thairis a thabhairt nach fhaigheadh iad sealg, thug iad an aire gn’n robh àth air an amhainn, agus gu ’n robh làthrach casan each is dhaoine eadar bruaich na h-aimhne agus a’ choill’ àrd, thiugh a bha faisge orra. Lean iad an làthrach so a steach do ’n cholle ged a bha na cridheachan air chrith aca leis an eagal. An uair a chaidh iad pìos math a steach do’n choille, thachair àite falaich riutha anns am biodh na robairean a’ stòradh an òir a bhiodh iad a’ toirt o na meinneadair-
[Vol . 8. No. 47. p. 2]
ean. Chunnaic iad leac aig bonn craoibhe, agus an uair a thog iad i, fhuair iad òr gu leòr foidhpe. Ghrad dh’ aontaich iad ’nam measg fhein gu ’n tugadh iad leotha an t-òr. B’ e Domhull an aon fhear nach robh deònach gnothach a ghabhail ris an òr; ach thuirt fear dhe na bha ’s a’ chuideachd, “Goid air an laimh a ghoid, sin mo chreud-sa.” Thog iad leotha na thachair riutha dh òr, agus dh’fhal’bh iad. Mu’n deachaidh iad ach ceum no dha air an aghart, thug iad an aire gu’n robh pios de chlosnach ainmhidh mhoir an crochadh air craoibh faisge orra. Bu mhò a rinn iad de thoileachadh ris a so na rinn iad ris an òr. Ged a bha ’n t-ainmhidh so àireamh laithean marbh, agus toiseach aig fàileadh breun ri tighinn as, thog iad leotha e, agus thug iad an casan as cho cabhagach ’s a b’ urrainn daibh.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. XII.
An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n iasg, sheall Nouredin air an righ, agus thuirt e ris, “Iasgair, cha d’ ith duine riamh greim eisg a b’ fhearr na ’n t-iasg so; chuir thu fo chomain anabarrach mor sinn.” Aig a’ cheart am chuir e a lamh ’na bhrollach, agus thug e am mach sporran anns an robh deich buinn fhichead oir—a’ chuid nach do chosg e dhe ’n da fhichead bonn oir a thug Sangiar, oifigeach an righ ann am Balsora, dha an latha ’bha e ’falbh. “Thoir leat so,” ars’ esan; “na’n robh an corr agam bheirinn dhut e gu toileach. Na’n robh eolas agam ort an uair a bha mi beairteach bheirinn dhut na chumadh suas thu fad uile laithean do bheatha. Na diult an tiodhlac beag so tha mi ’toirt dhuit, ach gabh e cho toilichte ’s ged a bhiodh e moran na bu mho.”
Ghabh an righ an sporran, agus thug e moran taing do Nouredin. Agus an uair a thuig e leis a’ chudram a bh’ ann gu ’n robh aireamh mhath de bhuinn oir ann, thuirt e ris, “Cha ’n urrainn domh a bhith cho taingeil dhut ’s bu choir dhomh air son cho fialaidh ’s a tha thu rium, agus tha mi ’g am mheas fhein gle fhortanach gu ’m bheil gnothach agam ri duine cho fialaidh riut. Ach mu ’m falbh mi tha fabhar agam ri iarraidh, agus tha mi ’n dochas nach diult thu mi. Tha mi ’faicinn inneal ciuil anns an talla, agus tha sin a’ toirt orm a chreidsinn gu ’n teid aig a’ mhnaoi uasail air ceol a chluich. Na ’n comhairlicheadh tu dhi aon phort a chluich, dh’ fhalbhainn dhachaidh gle thoilichte; oir tha mi anabarrach toigheach air ceol.”
“A bhean na Maise,” arsa Nouredin agus e tionndadh rithe, “tha mi ag iarraidh mar fhabhar ort gu ’n cluich thu port dhuinn, agus tha mi an dochas nach diult thu mi.”
Ghrad rug i air an inneal chiuil air a chomhairle, agus an uair ghleusaich i e, chluich agus sheinn i fonn a thug mor thoil-inntinn do ’n righ. ’Na dheigh sin chluich i port no dha ann an doigh cho cinnteach ’s cho tlath ’s cho-fonnmhor ’s gu ’n robb cridhe agus inntinn an righ air an glusad le aoibhneas do-labhairt.
An uair a stad Bean na Maise de chluich, thog an righ a ghuth, agus thuirt e, “An cuala duine riamh a leithid sid de ghuth! Am faca duine riamh eile a bheir barr air an laimh ud gu cluich air inneal ciuil! Cha chualas seinn agus cluich riamh a leith cho math sid.”
Bha e mar chleachdadh aig Nouredin a bhith ’toirt gach ni a bhuineadh dha do dhaoine a bhiodh ’g a mholadh agus thuirt e, “Iasgair, tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil meas mor agad air ceol; agus o ’n a tha ’n doigh anns an do chluich a’ bhean uasal a’ cordadh riut cho math, bheir mise dhut fhein i mar thiodhlac; agus thoir leat dhachaidh i.”
Aig a’ cheart am dh’ eirich e o ’n bhord, agus chuir e ’fhalluinn uime, agus bha e ’dol a dh’ fhalbh ’s a dh’ fhagail Bean na Maise aig an iasgair ’s gun fhios sam bith aige gur e an righ a bh’ ann.
Ghabh Bean na Maise ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic i mar a bha Nouredin a’ dol a dheanamh. Rug i air agus an uair a thug i suil bhlath air ann an clar an aodainn, thuirt i, “C’aite am bheil thu ’dol, mo thighearna? Suidh far an robh thu, tha mi ’guidhe ort, agus eisd ris na bheil mi ’dol a sheinn agus a chluich.”
Shuidh e mar a dh’ iarr i air. An uair a rug i air an inneal chiuil agus a i air agus na deor a’ sruthadh le a gruaidhean, sheinn i ceathrannan a rinn i anns an am, leis an robh i a’ cur coire air a chionn e bhith cho suarach m’ a deidhinn ’s gu ’n robh e ’g a toirt seachad do Cherim, an t-iasgair. Chuir i sios a faireachduinean ’na leithid de dhoigh ’s nach tuigeadh an t-iasgair ciod a bha i a’ ciallachadh; oir bha araon i fhein agus Nouredin an an-fhios gu ’m b’e an righ a bh’ ann, agus nach b’e an t-iasgair. An uair a sguir i de chluich, chuir i an t-inneal ciuil uaipe, agus chuir i a neapaigin pocaid ri ’suilean a dh’ fhalach nan deur a bha i ’sileadh gu frasach.
Cha d’ thug Nouredin freagairt mhath no olc oirre, agus leis mar a dh’ fhan e samhach, bha ’chuis coltach nach robh aithreachas sam bith air air son mar a rinn e.
Chuir na chual’ e ioghnadh gu leor air an righ, agus thuirt e, “Mo thighearna, a reir choltais gur i do shearbhanta fhein am boirionnach og, maiseach, fiosrach, foghluimte a thug thu dhomhsa an drasta mar ghean math.”
“Tha sin fior gu leor, a Cherim,” arsa Nouredin; “agus bhiodh moran a bharrachd ioghnaidh ort na tha ort nan innsinn dhut a liuthad mi fhortan a thainig ’nam rathad air a saillibh.”
“Ah! guidheam ort, mo thighearna,” ars’ an righ, agus e ’leigeadh air fad na h-uine gur e iasgair a bh’ ann, “innis dhomh cuid dhe na nithean a thachair dhut.”
O ’n a chuir Nouredin comain air ann an doigh no dha roimhe sid, cha robh dad aige an agaidh mion-chunntas a thoirt dha air gach ni a thachair dha. Dh’ innis e mar a fhuair ’athair, an uair a bha e ’na ard-chomairleach aig righ Bhalsora, ordugh boirionnach ro briagha agus ro fhoghluimte a cheannach do ’n righ; agus cha do dhichuimhnich e iomradh a thoirt air a h-uile rud a thachair dha o ’n am ud gus a’ cheart mhionaid anns an robh e ’labhairt ris an righ.
An uair a chuir Nouredin crioch air a naigheachd, thuirt an righ ris, “C’aite am bheil duil agad a dhol a nis?”
“Far an stiuir am freasdal mi,” arsa Nouredin.
“Ma chreideas tu mise,” ars’ an righ, “cha teid thu na ’s fhaide na so fhein. An aite sin is ann a thilleas tu gun daìl do Bhalsora. Sgriobhaidh mise litir ghoirid a bheir thu do ’n righ an uair a ruigeas tu. Agus an uair a leughas e i, chi thu gu ’n gabh e riut le mor-chaoimhneas, agus cha dana le duine sam bith aon fhacal a radh ’nad aghaidh.”
“A Cherim,” arsa Nouredin, “tha do bhriathran a’ cur annais gu leor orm. Cha chuala mi riamh gu’m biodh iasgair bochd mar a tha thusa ’sgriobhadh litrichean a dh’ ionnsuidh righ.”
“Na cuireadh sin annas sam bith ort,” ars’ an righ; “oir feumaidh mi innseadh dhut gu ’n robh sinn le cheile air ar foghlum fo na h-aon mhaighistirean, agus gu ’n robh sinn riamh o ’n am ud ’nar cairdean cho dluth agus cho miadhail air a cheile ri dithis a bha riamh air an t-saoghal. Tha e fior gu leor nach do bhuilich am fortan an aon seorsa suidheachaidh oirnn; oir tha esan ’na righ, agus tha mise ’nam iasgair. Ach cha do lughdaich so an dluth chairdeas a bha eadrainn. Thairg e iomadh uair cuideachadh leam, ach bha mi an comhnuidh ’ga dhiultadh. Agus tha toileachadh mor agam ann a bhith ’creidsinn nach diult e cuideachadh a thoirt do aon sam bith dhe mo chairdean. An uair a ruigeas tusa e leis an litir chi thu gu ’m bheil mise ag innseadh na firinn dhut.”
Dh’ aontaich Nouredin gu ’n deanadh e mar a bha an righ ag iarraidh air. O ’n a bha gach deisealachd a bha feumail gu sgriobhadh ri fhaotainn anns an talla, sgriobh an righ litir anns a’ mhionaid gu righ Bhalsora. Aig toiseach na litreach, dluth air oisinn a’ phaipear, chuìr e tri litrichean beaga a bha ciallachadh, “Ann an ainm an De uile throcairich,” gus a nochdadh gu ’m feumadh righ Bhalsora lan umhlachd a thoirt do ’n ordugh a bh’ anns an litir. B’ e so briathran na litreach:
“Tha Haroun Alraschid, mac Mhandi, a’ cur na litreach sò gu Mahomed Sinebi, mac bhrathar athar. Cho luath ’s a ruigeas Nouredin, mac Chacain, an t-ard-chomhairleach nach maireann, agus a bheir e duut an litir so, agus a leughas tu i, cuiridh tu dhiot an fhalluninn rioghail, agus cuiridh tu uime i, agus cuiridh tu e gun dail ’na shuidhe air a’ chathair rioghail ’nad aite fhein. Slan leat.”
Phaisg an righ an litir, agus sheulaich e i. Thug e do Nouredin i; ach cha d’ innis e dha ciod e ’bh’ innte. Thuirt e ris, “Bi falbh anns a’ mhionaid, agus thirig air bord na luinge a tha ’deanamh deiseil gu seoladh. Faodaidh tu cadal an uair a theid thu air bord.”
Ghabh Nouredin an litir, agus gun dail sam bith dh’ fhalbh e, agus e am freasdal nam beagan bhonn airgid a thachair a bhith aige an uair a thug Sangiar an sporran dha. Bha Bean na Maise aig an am an impis a dhol glan as a ciall le tuirse a chionn e falbh, agus an uair a leig i i-fhein ’na sineadh air aon dhe na langsaidean, thoisich i ri gul ’s ri caoidh gu goirt.
Is gann a bha Nouredin air a dhol am mach as an talla au uair a labhair Abraim, an deigh dha bhith roimhe sid gu tosdach ag eisdeachd ris na bha e cluinntinn, ris an righ, agus e fad na h-uine an duil gur e an t-iasgair a bh’ ann. An cluinn thu so, a Cherim,” ars’ esan, “thug thu da iasg g’ ar n-ionnsuidh a b’ fhiach fichead sgillinn, agus fhuair thu sporran lan agus searbhanta mhaiseach air an son. Ach am bheil thu ’smaoitean gu ’m bi sin agad uile dhut fhein? Tha mise ag radh riut gu ’m feum thu uiread de choir a thoirt dhomhsa air an t-searbhanta ’s a bhois agad fhein. Agus mu dheidhinn an sporran, seall dhomhsa ciod a tha ’na bhroinn. Ma ’s e airgiod a th’ ann, bheir mi dhut aon bhonn dheth; ach ma ’s e or a th’ ann, bidh e uile gu leir agam fhin, agus bheir mi dhut am beagan sgillinnean a th’ agam anns an sporran.”
(A chum gu ’n tuigear na ’s fhearr mar a thachair ’na dheigh so, feumar ainmeachadh gu ’n do chuir an righ air falbh Giafar do ’n luchairt le ordugh ceathrar sheirbhiseach a thoirt leis agus trusgan rioghail, agus bha iad gu bhith ’feitheamh aig a’ phailliun gus an iarraidh an righ orra a dhol a steach. Rinn Giafar mar a dh’ aithneadh dha, agus bha e fhein ’s na seirbhisich aig an dorus gus an cuirteadh cuireadh orra).
Ach gu tilleadh ris an naigheachd: “Cha ’n ’eil fhios agamsa,” ars’ an righ, agus e ’sior leigeadh air gur e
[Vol . 8. No. 47. p. 3]
iasgair a bh’ ann, “ciod a th’ anns an sporran. Ma ’s or no airgiod a th’ ann gheibh thusa an darna leith dheth. Ach mu dheidhinn na searbhanta, bidh i agam dhomh fhin. Mur bi thu riaraichte leis a so, cha ’n ’eil agad ach a bhith falamh.”
An uair a chuala Abraim so bha corruich mhor air, o ’n a bha e ’smaointean fad na h-uine gur e iasgair a bha bruidhinn ris. Rug e air fear dhe na soithichean a bh’ air a’ bhord, agus dh’ fheuch e ris an righ a bhualadh anns a’ cheann leis. Ach o ’n a bha e air mhisg cha d’ amais e an righ. Bhuail an soitheach air a’ bhalla, agus chaidh e ’na mhile bloigh. An uair a chunnaic Abraim nach d’ amais e an righ bha an tuilleadh corruich air. Dh’ eirich e o ’n bhord, agus thug eleis coinneal, agus dh’ fhalbh anns an turraman sios air staidhre chuil a dh’ iarraidh slaite gus gabhail air an righ.
(Ri leantuinn.)
Na Marbhrannan.
(Air a leantuinn.)
B’e so, tha mi meas, brigh teagaisg “Oisean” Mhic Mhuirich, cha b’e chuir ri cheile e. B’e modh no doigh an teagaisg cliu an àm a dh’ fhalbh agus nan daoine treuna a bha. Seall ais na Dain fa seach. ’Se cheud sreath de “Chath-Loduinn.”
“Sgeul ri aithris air am o aois.”
agus tha’n sgeul a sin a’ toiseachadh. Tha “Carraig-Thura” a fosgladh le sealladh greadhnach air luidhe greine; agus tha Fionn ag iarraidh fonn o “Shonn nam Bard” mar so:
A ghutha Chona, ’s airde fuaim,
A Bharda tha luaidh mu aois,
D’a n-eirich air ar n-anam suas
Feachdan mor nan gorm-chruaidh laoch;
’S taitneach leam aoibhneas a’ bhroin,
Mar dhriuchd mothar earraich chaoin
Fo’n lub geug dharaig nan torr
’S an duilleach òg ag eiridh maoth.
Togaibhse, mo Bhaird, am fonn
Am maireach bithidh long fo sheol, &c .
agus tha sin na Baird a’ togail an fhuinn. ’Se steigh “Charthuinn:”
Sgeul ri aithris air am o aois;
Gniomh’ran laithean nam bliadhna dh’ aom.
Tha “Oigh-nam-mor-shul” a’ toiseachadh:
Mar ghluaiseas solus speur fo sgleò
Air Larmon mor is uaine tom;
Mar sin thig sgeul nan triath nach beo
Air m’anam ’us an oidhche trom.
Ann an “Croma” tha Oisean aosda ag innseadh do Mhalmhina sgeul air linn oige:
Eisd-sa ri mo shean sgeul, oigh;
Tha mo chuimhne air oige nam buadh.
A rìs anns an Dàn “Calthonn ’us Caolmhal” tha ’m Bard aosda a’ feoraich:
An cluinn thu, shil na còs an craig,
Fonn o Oisean mu òg ghniomh fein?
Tha m’anam-sa mu’n aimsir mhoir;
Thill solus ’us sòlas do thriath.
Agus tha ’n Dan mu dheireadh ’s an leabhar a’ fosgladh mar so:
An cuala Oisein guth neo-fhaoin?
No ’n gairm laithean fo aomadh a th’ ann?
Tric mo smuain air aimsir nan raon,
Mar ghrein fheasgair tha claon an gleann.
Nuadhaichear mor thorman na seilg,
Sleagh fhada nam marbh a m’ laimh.
Agus ma thiunndas sinn gu euchdan Chuchullin ’s Fhionnaghail mar a gheibhear iad anns an Dàn a th’ air ainmeachadh air Fionnaghal fein, gheibh sinn an teagasg ceudna. Tha na laoich a’ cruinneachadh gus a’ chath mar so:
Chluinnte’ fuaim nan arm ’s gach ceum;
Meaghal mhiolchon, ’cleasadh ard;
Duain ’g am muchadh anns gach beul,
Gach curaidh treun ag iarraidh blair.
An deigh a’ bhlair tha ’m Bard a seinn cliu nan laoch a thuit ’s a’ chomhrag:
Bi deurach air carragh nam fuaim,
A nighean uasal innis nan long;
Lub do ghnuis aluinn thar chuan,
Thusa, is gloine na taibhs’ air thom,
A dh’ eireas suas gu mothar, mall
Mar ghath greine air samhchair nam beann;
Thuit, ghrad thuit e ’s a’ bhlar,
Tha oig-fhear do ghraidh gun tuar
o lainn Chuchullin bu shar,
(Ciod dh’fhag thu cho bàn ’s cho fuar?)
Gha ghluais e gu cruadal gu brath,
Cha bhuail e fuil ard nan saoi;
Thuit Treunfhear, og Threunfhear, gu bàs,
Oigh, cha’n fhaic thu do ghradh a chaoidh;
Tha mhiol-choin a’ caoineadh gu trom
Aig baile, ’s chi iad a thaibhse;
Tha bhogha gun taifeid ’s e lom:
Air tom tha farum a bhlair.
An uair a tha ’n oidhche teachd, gun fhios fathasd co taobh a bhuannaichd, tha Cuchullin a’ cur a’ Bhaird a thoirt cuireadh d’a namhaid thun na feille, oir
’S fhada fiadh Lochlin o’n laoch,
A thalla faoin is fada thall.
Chaidh an cuireadh a dhiultadh. An uair a tha ’n fheill seachad, tha ’n righ a’ toirt aithne do’n Bhard:
A Charuill, tog do ghuth gu h-ard
Air gach linn a bh’ ann nach beo;
Caithear oidhche ann am min dhàn;
Faighear gairdeachas ’s a’ bhron.
Tha Carull ag innseadh sgeul air Cairbre ’s air Cridhmor. An uair a tha i criochnaichte:
“ ’S binn do ghuth, a Charuill, dhomh fein,”
Thuirt triath Eirinn bu ghuirme suil;
“ ’S binn d’ fhocail, a’ Bhaird, ’s a’ bheinn
Ag eirigh o àm nan cliù;
Iad cosmhuil ri braon nan sian
’N uaìr sheallas a’ ghrian air raon,
Caol fhaileus a’ siubhal air sliabh,
’S an osag gu mall ’us gu caoin.”
An sin chaidh faire chur air coigrich a chuain; agus
“Luidh sloigh air aomadh fraoich
Fo reula ’s gaoth na h-oidhche;
Tanais churaidh thuit ’s a’ bhlàr
Neoil ghruamach mu’n cuairt a’ snamh;
’Us fada thall air machair Lena
Chluinntear eigh a’ bhais.”
Mar so tha cheud Duan de “Fhionnaghal” a’ criochnachadh. Is co-ionann teagasg do’n Bhardachd oirdheirc so g’ a crich; agus tha mi meas gur mor an call air iomadh doigh nach ’eil oigridh na Gaidhealtachd na’s eolaiche oirre na tha iad.
Ged nach ’eil “Seann Dana” Mhic-a- Ghobhainn a’ nochdadh, ma dh’ fhaodte, neart ’us cumhachd inntìnn cho mor ri “Oisean” Mhic-Mhuirich, tha cuid de na Dain, agus gu sonruichte cuid de na Marbhrannan, a bheir barr, ann am fior mhaise, a reir mo bheachd, air aon a gheibhear anns an t-saothair is ainmeile. Ann an “Dan an Deirg,” gheibhear, ma ’s maith mo bharail, an dà “Chumha” is maisiche agus is druightiche, ann an cainnt agus an smuain, a gheibhear an Gaidhlig. ’Se sin “Tuireadh Armhoir” agus “Caoidh Chrimine. Thuit Armor air ceann an airm Lochlainnich ann an Eirinn agus so mar a sheinn an seana Bhard a chliu:
Bha d’ airde mar dharaig ’s a ghleann,
Do luas mar iolair nam beann, gun gheilt;
Do spionnadh mar osann Loda ’n a fheirg,
’S do lann mar cheo Léige gun leigheas.
O! ’s moch do thuras gu d’ neoil,
Is og leinn, a laoich a thuit thu!
Co dh’ innseas do ’n aosda nach beo thu,
No co do d’ og-mhnaoi bheir furtachd?
Chi mi d’ athair fo éire aois’,
Gu faoin an dochas ri d’thigheachd;
A làmh air a shleagh ’s i air chrith,
’S a cheann liath lom, mar chritheach ’s an t-sin.
Meallaidh gach neul a dhall-shùil.
’S e ’n dùil gu’m faic e do bhàrca.
Thig deo gréin’ air aghaidh aosda,
’S a ghlaodh ri oigridh— “Chi mi ’m bàta!”
Seallaidh a chlann a mach air lear,
Chi iad an ceathach a’ seoladh.
Crathaidh esan a cheann liath;
Tha osna tiamhaidh ’s a ghnùis bronach,
Chi mi Crimin’, a’s fiamh-ghàir’ oirr’,
A’ saoilsinn bhi air tràigh ’g ad fhaicinn
A bilibh ’n a suain a’ cur failt’ ort,
’S i le gàirdeinean aite ’g ad ghlacadh,
Och! og-bhean, ’s faoin do bhruadar;
An t-uasal gu brath cha’n fhaic thu!
Fad o dhachaidh thuit do ghràdh,
An Innis-fàil fo smal tha mhaise.
Dùisgidh tus’, a Chrimine,
’S chi thu gu’n robh d’ aisling mealltach,
Ach c’uin a dhùisgeas esan o shuain,
No bhios cadal na h-uaighe crìochnaicht’?
Fuaim ghaothar no buillean sgiath
Cha chluinnear ’n a chriadh-thigh caol;
’S a dh’ aindeoin gach iomairt a’s seilg,
Caidlidh ’s an leirg an laoch.
A shil na leirg’ na feithibh an treun!
Guth sèimh na maidne cha chluinn e;
’S a shil nan sleagh, na h-earbaibh á chomhnadh!
Cha dean eighe-comhraig a dhùsgadh,
Beannachd air anam an laoich!
Bu gharg fraoch ri dol ’s gach greis,
Ard-righ Loi’eann, ceann an t-sluaigh,
’S iomad ruaig a chuireadh leis!
Phos Crimmine, Ban-Lochlannach, an Dearg; agus a chum a gaol a dhearbhadh dh’iarr Conan crion, maol, rosadach gu’n rachadh an Dearg a shuaineadh ann am fuil tuirc, agus a thoirt dhachaidh ann an riochd mairbh. Rinneadh so; agus chaoidh Crimine a fear:
O thaibhse, bho àirde nan nial
Cromaibh a dh’ iarraidh ur Deirg!
A’s thigibh, òighean an Tréin, o’r talla,
Le ùr-fhalluinn leibh do ’m ghràdh;
C’uime Dheirg, an robh ar crìdh’
Air an snìomh co dlù ’n ar com?
A’s c’uim’ a spìonaadh thus a uam,
’S an d’fhàgadh mise gu truagh trom?
Mar dha lus sinn ’s an drùchd ri gaire,
Taobh na creige ’m blàs na greine,
Gun fhreumh air bith ach an aon,
Aig an da lus aobhach aoibhinn.
Shèun oighean Chaothain na luis,
Is boidheach leo fhein am fàs!
Shèun a’s na h-aighean eutrom;
Ged thug an torc do aon diu ’m bàs,
Is trom, trom, ’s a cheann air aomadh;
’N t-aon lus faoin tha fathasd beo,
Mar dhuilleach air seargadh ’s a ghrein—
O! b’ aoibhinn bhi nis gun deo!
A’s dh’iadh orm oidhche gun chrìch
Thuit gu sìor mo ghrian fo smal.
Moch bu lannair air Mor-bheinn a snuadh
Ach anmoch chaidh tual an car.
’S ma threig thu mi, sholuis m’ àigh!
Tha mi gu là bhràth gun ghean.
Och! mur éiricb Dearg o phràmh
Is duibh-neul bràth a bhean!
’S duaichnidh do dhreach; fuar do chridh’;
Gun spionn ad laimh, no clì ad chois.
Och! ’s balbh do bheul a bha binn;
Och! ’s tinn leam, a ghràidh, do chor!
Nis chaochail rughadh do ghruaidh,
Fhirnam mor bhuadh anns gach cath!
’S mall, mar na cnuic air ’n do leum,
A’ chas a chuir éilde gu stad.
A’s b’annsa Dearg seach neach fo ’n ghréin!
Seach m’ athair deurach, ’s mo mhàthair chaomh.
Tha’n suil ri lear gu tric ’s an éigheach;
Ach b’ annsa leamsa dol eug le m, ghaol,
A’s lean mi ’n céin thar muir a’s glinn thu
’S laidhinn sinte leat ’s an t-sloc;
O! thigeadh bas no torc do’m reubadh,
Neo ’s truagh mo chàramh féin an nochd,
A’s rinneadh leaba dhuinn an raoir,
Air an raon ud cnoc nan sealg;
’S ni’n deanar leabair leth an nochd dhuinn
’S ni’n sgarar mo chorp o Dhearg!
Tuirlibh, o thaibhse nan nial,
O ionadan fial nan flath.
Tùirlìbh air ghlas-sgiathan ur ceo
A’s glacaibh mo dheo gun athadh
Oighean tha ’n tallaibh an Tréin,
Déilbhibh ceo-éideadh Chrimìne;
Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dhearg;
A’ d’ sgiobuls’, a Dheirg, bìom.
Chuir e uair no dhà ioghnadh orm mu’n dà Mharbhrann, ma dh’ fhaoidte is fearr a tha againn, gur ann do Lochlannach a rinneadh an dara aon, agus gur ann am beul Ban-Lochlannach a chuir an Bard an t-aon eile. Cha’n eil sinn a nis cho deas a thoirt a leithid so de urram d’ ar naimhdean Saoilidh mi gu bheil am Bard a’ nochdadh a thuigse agus a chomais anns an tuireadh throm, fhearail a tha e deanamh air an t-saighdeir; agus anns a’ chaoidh chraiteach, ghoirt a tha e ’cur am beul na mnà. Mur biodh fios gur i a Chrimine a lean Armor á Lochlainn agus, an uair a thuit e,
“A rinn a leaba gun luadh ri eirigh,”
a luidh goirid ’na dheigh sin marbh ri taobh an Deirg, bhiodh m’ earbsa á dilseachd nam ban na bu mho; ach is ni-eigin de thoilinntinn gu bu Bhan-Lochlannach agus nach bu Bhana-Ghaidheal Crimine. D. Mc K.
Tha luchd-creic us ceannachUnion Blend Teaag aideachadh gur h-i luach a’s fhearr. Agus tha iuchair anns gach pasg puinnd.
Tha na mathain a deanamh sgath mor am measg nan caorach an ceann a tuath siorrachd Victoria. Cha’n eil bliadhna dol seachad gun call mor a bhi air a dheanamh leis na béisdean so, agus ’s bochd an gnothuch nach eilear a’ faotainn cur as daibh gu buileach.
Chaidh pàisde nighinn d’am b’ainm Leo Cochlin, aois choig bliadhna, a mharbhadh ann an Sidni Tuath feasgar Di-ciaduin. Chaidh ruith thairis oirre le carbad da each, ’s na h-eich air eagal a ghabhail romh fhideag aon de na bàtaichean-aiseig.
[Vol . 8. No. 47. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, IUN 29, 1900.
Uallaichean Troma.
NAIGHEACHD AIGHEARRACH.
“Tha a smùdan fhein a ceann gach foid.” Tha ’ullach, no ’chrois fhéin aig gach aon r’ a ghiùlan: agus is ainmic a gheibhear duine nach ’eil gearanach mu ’chuis—seadh, farmadach r’ a choimhearsnach, ’s ag ràdh “Mur biodh a dh’ uallach orm ach na tha airsan bhiodh mo cheum eutrom, us mo chridhe sunndach gach latha” Bha e mar so o thùs: agus tha na Greugaich a’ cur an céill am beachd air leis an sgeulachd a leanas. Bha Iupiter—an t-àrd dhia acasan—air a chlaoidh ag éisdeachd ri sìor-ghearan dhaoine mu na h-uallaich a chàirich e orra; ’s a h-uile fear a’ miannachadh cor fir-eigin eile. Mu dheireadh dh’ iarr e air sluagh mòr dhiubh tighinn ’n a làthair, agus an eallachan a’ thilgeadh dhiubh air faiche fharsuinn réidh a dh’ ainmich e. Thainig iad ’n an ruith ’s ’n an deann ruith, agus ann an tiota bha gach uallach gu làr. An sin thubhairt e riu gach aon a thaghadh na h-ealacha a bu roghnaiche leis. Rinn iad sin, agus dh’ fhalbh iad làn dòchais, agus taingealachd. Ach an ùine glé ghoirid bha fear us fear a’ tilleadh, ag iarruidh na seann eallacha; agus mu-n tàinig ceann na bliadhna cha robh gin diubh nach d’ rainig air an turus cheudna, uile ag éigheach gu-n robh gach aon mòran na b’ fhearr dheth le eallaich fhein na le té a choimhearsnaich, agus a’ grìosad gu-m faigheadh e a chrois fhein air a h-ais.
Cunnaic mi o chionn ghoìrid sgeul beag Frangach a’ soilleireachadh an ni cheudna, agus ged a tha e car àbhach, tha mi am beachd gur fhiach e ’eadar-theangachadh, ’s a chur sìos.
Bha ann am baile àraidh de ’n Fhraing duin’ uasal d’ am b’ ainm “Lelong” aig an robh mòran thighean a bha e a’ suidheachadh air tuath. Am measg a thuathanach bha seann saighdear d’ am b’ ainm “Duval” a chaill a chas ann am blàr, agus aig an robh, mar bu dugh, saor-dhuais—“pension, ”no “Sealsi” *mar a chuala mi air a radh ris o chionn fhada ’s a Ghàidhealtachd. Bha esan, mar a bhios an deadh shaighdear daonnan, riaghailteach, cinntech anns gach dleasnas, ’us ghleidh e an latha ’s an uair gu mion ann am pàigheadh a mhàil. Bha coimhearsnach aige ris an abairteadh “Tardif;” duine car dùr, doichiollach ’n a nàdur, agus glé leisg ’n a dhòigh. Cha ghleidheadh esan a latha aig àm air bith, ’us an uair a rachadh e le earran de’n mhàl cha robh e ach ag iarraidh dàil ’us isleachaidh gun stad, ’s ag ràdh leis a’ h-uile crois ’us càs a bha ’tighin ’n a charadh nach b’ urrainn da am màl a phaigheadh.
“Nach faic thu, mar a tha do choimhearsnach “Duval” a’ deanamh?” thubhairt fear na h-aitreibh.
“ ‘Duval!’ Beag buidheachais dha. Nam bithinn-sa mar a tha esan le saor-dhuais o’n arm phàighinn co maith ris fhéin,” ’s e fhreagair e. “Cha’n ’eil a dhuais ach gle bheag, agus is goirt a choisin e i, an duine bochd, a bhi air lethchois fad a bheatha,” thubhairt am fear eile.
“Is mi a bheireadh gach cas ’us làmh a tha agam nam faighinn prìs co maith orra ’s a fhuair esan air an aona chois. Tha mi ann an cor searbh dheth: ach ’s e ’m màl crois a’s truime a tha orm gu leir,” fhreagair “Tardif.”
Bha “Lelong” ’n a dhuine geur, smaointeachail, agus bha beagan feala dhà ann; mar sin thubhairt e “Mata bheir mise dhiot a’ chrois trom sin air son crois glè eutrom ma thogras thu.”
“ ’S mi a thogras; ciod i”? fhreagair easan.
Ghabh “Lelong” crioman cailce ’n a làimh. “Leig leam da stiall le so—crois gheal—a chur air druim do chota, cuir ort e a’ h-uile latha ciod air bith a bhios tu ’deanamh: agus fhad ’s a ni thu sin gheibh thu do thigh saor—cha ’n iarr mise peghinn mhàil ort.”
“Mile taing dhuibh. Is sibh a tha fial, agus rinn sibh duine sona dhiomsa,” fhreagair e.
Chuireadh an comharradh air a dhruim, agus dh’ fhalbh e gu h-aighearach, sunndadh. Ach is gann a ràinig e a dhachaidh an uair a ghlaodh bean an tighe, “A dhuine, rinn cuid de ’r companaich droch cleas oirbh. Tha crois gheal, troigh am fad, air cul ’ur còta; stadaibh gus an glan mi e.”
“Cha ghlan thu fhein, leig leis mar a tha, ’s e sin mo thoil-sa,” thubhairt esan gu gnù.
“Cha leig mi,” thubhairt ise. “Cha’n ’eil mise ’dol a dh’ fhulang gu’m bi fear mo thighe ’n a chulaidh mhaghaidh feadh a’ bhaile.” ’Us thug i ionnsaidh air a chòta a shuathadh. Thàinig iad gu crosdachd ’us trod mu’n chùis. Agus mar is ann aice-se ’bha an teangadh a bu sgaitiche ghabh esan an ruaig. Leum e mach air an dorus, an duil gu-m faigheadh e sith an sin. Ach cha b’ fhada a chaidh e air aghaidh an uair a ghlaodh an gobhainn ris, “Stad, stad, fhir mo chridhe. Rinn cuid eigin prat mhi-mhodhail ort. Tha stiallan grannd’ air do chota. Chruadhaich e a cheum gun fhacal a fhreagairt. Ach a thiota thubhairt fear eolais eile ris “Ciod an suaicheantas iongantach a tha ort an so, a ghoistidh?” “D é sin duit-sa? Thoir an aire air do ghnothaichean fhéin,” thubhairt esan gu fearagach. Ach cia b’e taobh a ghabhadh e bha an éigh as a dheaghaidh. “Chuir bean an tighe comharradh air, eagal as gu’n rachadh e air chall,” ghlaodh aon ris. “Cha’n e sin a th’ ann’ thubhairt fear eile “ach tha an duine air tionndadh gu cràbhadh. Tha e a’ dol air thurus do’n Ròimh, ’us chuir e suas crois a Phàpa.” Dh’ fhalbh e, a’ cur roimhe nach tugadh e feairt air ni a theirteadh ris, ’us gu’n tugadh a bhi saor o’n mhàl comhfhurtachd a bu leoir gu a ghleidheil a suas. Cha deanadh e feum; cearn air bith a thionndaidh e a cheum, bha gaire magaidh ’n a chluasan, bha gach aon a toirt tearrachd air chor-eigin air. Mu dheireidh, ’us e ach beag air a bhreith as eadar nàire ’us feirg, ruith e ’n a dheannan air ais gu a thigh fhein. Shuath e a’ chailc bharr a chota. Thug e leis airgiod, agus bhuail e gu tigh mòr Lelong. “Sin agad do chuid màil. B’ fhearr leam a dhioladh tri uairean na bhi ’fulang na sgeig ’us na truaighe a tharruing do chrois dhona orm.”
“Direach! Bha fhios agam gur ann mar sin a bhitheadh e,” fhreagair maighstir an tighe gu socrach. “Ach bha toil agam beagan gliocais a theagasg dhuit. Tha á chrois trom, no eutrom a reir inntinn an fhir a tha ’g a giùlan. Tha a’ dheuchainn agus ’uallach fein aig gach aon. Ma tha sinn a leirsinn gur e an Ti uile-ghlic agus uile-ghràsmhor a shònraich iad air ar son, agus sinn a’ dol riutha le spiorad striochdta, foighidneach, fearail, neartaichidh E Féin sinn agus cha dochainn iad sinn. Ach ma tha sinn a’ dol gu frionas, gu gearan, ’us farmad, cuiridh an eallach a’s suarraiche gu làr sinn, dìreach mar a rinn cor ‘Duval,’ agus a’ chrois-chailc’ ortsa.”
Sin an sgeulachd Frangach. Is minic a tha feum againn air beachdachadh air an fhirinn a tha ann. —Highland News.
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
Are You Deaf??
All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.
[Vol . 8. No. 47. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh duine ghlacadh ann an London, Ontario, an la roimhe, aig an d’ fhuaireadh innealan air son crùinneadh airgead meallta. Fhuair e da bhliadhna gu leth dhe’n tigh obrach.
Tha a’ phlàigh an deigh bristeadh a mach ann an Australia; bha mu dha cheud gu leth air am bualadh latha cheana, agus dhiubh sin chaochail còrr us ceithir fichead. Ach tha an galar a nise, a reir coltais, a dol air ais.
Oidhche na Sàbaid s’a chaidh, aig àite ris an canar McDonough, faisg air Atlanta, an staid Georgia, chaidh na carbaid iaruinn bhar an rathaid, ghabh iad teine, agus bha coig duine deug air fhichead air am marbladh no air an losgadh gu bàs. Cha d’ fhuair ach àireamh gle bheag dhiubh-san a bh’ air bòrd as le ’m beatha.
Tha aig gach Sineach a thig do Chanada ri leth-cheud dolair a phàigheadh an tigh na cusbuinn mu’m faigh e cead fuireach. A dh’ aindeoin sin tha barrachd dhiubh a tighinn ’sa tha n luchd-riaghlaidh a meas a tha a chum math na dùthcha, agus tha a chis a nise ri bhi air a h-àrdachadh gu ceud gu leth dolair am fear. Tha bill air son sin a dheanamh fa chomhair na h-àrd-phàrlamaid.
Chaidh fear Seumas Mac Gill-fhaollain a ghoirteachadh gu dona oidhche Di-satharna sa chaidh, le buille fhuair e ’sa cheann o fhear ris an robh e a connsachadh. Fhuair am fear a thug a bhuille dha teicheadh, agus cha’n eil fhios co e, ach tha na maoir a feuchainn ri ’lorgachadh a mach. Bha Mac Gill-fhaollain gle iseal fad latha no dha.
Chaochail Diùc Wellington, ogha do’n Diùc ainmeil a rinn an gnothuch air Bonaparte, ann an Sasunn air an 8 mh latha dhe’n mhios so. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois, agus bha e ’na Dhiùc o’n bha eochd bliadhna. Bha e ’na dhuine anabarrach socair, sàmhach; cha d’ thug e ionnsuidh air labhairt ann an tigh nam morairean riamh ach aon uair, agus an uair sin fhéin, cha do labhair e aon fhacal!
Dh’ fhàgadh dileab muillion dolair aig nighinn òig Innsenaach ann an Texas o chionn ghoirid le fear Iain Dillon, a bha na fhear-togail cruidh ’san staid sin. ’Se b’ aobhar dha a dheanamh, gu’n do shàbhail a chaileag a bheatha dha uair a thugadh ionnsaidh air le fear a bha air ti a mhort. Tha seachd bliadhna uaithe sin, agus cha robh a’ chaileag aig an àm ach seachd bliadhna dh’ aois. Tha i nise ri bhi air a foghlum ’s air a togail le mor chùram. Is nighean cinn-feadhna na tréibhe i.
Bha tiormachd mhor ann am Manitoba air an t-samhradh so, agus bha e aon uair coltach gu’m biodh am bàrr air a chall gu buileach. Ach shil uisge trom ann air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha adhartas mor air tighinn air gach seòrsa barra. Thatar a’ meas a nise nach bi an crithneachd ach mu’n treas cuid na’s lugha na b’ àbhaist. Anns an Iar Thuath, bha uisge gu leòr a sileadh o’n thainig an samhradh, agus tha am bàrr ag amharc anabarrach math.
Tha a’ chùirt mhor ’na suidhe anns a’ bhaile air an t-seachdain so. Tha còrr us fichead càs m’a coinneamh, ach ’se ’s dòcha nach urrainnear a’ chuid mhor dhiubh fheuchainn aig an t-suidhe so.
Tha àireamh de’n luchd-obrach air Belle Island air seasamh a mach agus an deigh seilbh a ghabhail air gach ni mu’n obair. Tha an t-àite fad air chùl, agus bha e mar sin siorbh dhaibh an dòigh fhéin fhaotainn. Chaidh leth-cheud maor a chur ann á St. John’s, toiseach na seachdain sa chaidh, agus tha dòchas gu’n teid aca sin air sith a dheanamh an ùine ghoirid.
Honour Among Thieves.
LE DONULL MAC CALUM.
Na ’m b’e ursgeul a bhithinn a sgriobhadh chumainn Loirean bochd, mar dh’ fhàg an Siora e, “gun smal air a theasdas,” ach ann a bhi dìleas do’n eachdraidh, feumaidh mi innseadh gu’n deachaidh a ghlacadh a sealg an fhéidh, a dhiteadh, agus a phriosanachadh fad tri fichead là. So mar a thachair e dha.
Air duais nach bu bheag—ceud punnd Sasunnach—ghabh Caomhan as laimh do Chaptain Goblets gu’n cuireadh e napoachersna làmh a glacadh an fhéidh, agus rinn e féin agus an Gille Bàn a suas eadar riu gu’n roinneadh iad an duais, a leth do gach fear air chunant gun innseadh an Gille Bàn do Chaomhan an là bhiodh e féin agus Loirean a sealg an fhéidh air Beinn-a’ -Chladaich ’s gu ’m bitheadh iad le chéile air an glacadh le Captain Goblets. Rinn an Gille Bàn gu dìleas mar a gheall e, agus chaidh e féin agus Loirean a ghlacadh, a dhiteadh, ’s a phriosanachach.
’Se sin na bhuineadh dhomh, gu coramach a sgrìobhadh ’s an earrann so, ach, o’n a chuir mi ann am beagan fhacal e, innsidh mi dhuit mu’n taing a fhuair an Gille Bàn air son a shaothair a cheilg ’s a pheanas.
Air dha tigh’nn o’n phriosan chaidh e, os ìosal, far an robh Caomhan a dh’ fhaotainn leth na duais, a réir na cùnant, agus ’nuair a chuir e oiseanachd an céil dha, so mar thuirt Caomhan ris,— “A Iùdais Iscariot, nach ’eil gu leòir de pheacadh air do cheann do chompanach a bhrath thairis do làmhan na nàimhdean gun duais a ghabhail air a shon? Leth cheud punnd Sasunnach! ha! ha! ha! Mur bi thu am mach às m’ fhianais ann an leth mionaid cuiridh mi na coin riut.
A Chaomhain, a Chaomhain, na’m b’e briseadh ’fhacail ris a chealgaire so am peacadh bu mhotha de ’n robh thu ciontach b’ ualach a laidheadh iad air do shlinnean. Cha’n ’eil thu gu’n bhràithrean agad. Is aithne dhomh gu leòir tha’n daimh riut—daoine ni gu math ’n uair phaigheas sin gu math dhoibh, ach air a bhann sin a cheart cho toilichte ni’n eucoir.
Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.
Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar.
Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.
Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta.
H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.
SYDNEY CASH STORE.
Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig,
J . C. MILLS, - - - Sidni.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad. Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
[Vol . 8. No. 47. p. 6]
A’ Mhaighdeann Lochlunnach.
Bhasaich clann Alastair III, uile roimhe féin. Bha a nighean Mairireat, air bhi posd’ aig Eiric, mac righ Lochluinn, air lorg còrdaidh a rinneadh eadar an dà rioghachd ’an àm nasgaidh na sìth’ an déigh blàr Làirg. Thàinig Eiric an déigh sin gu bhi na rìgh air Lochlunn. Ach bi aon nighean a bh’ aig ban-righ Mairireat air an robh a h-ainm féin. Bhàsaich Prionns’ Alastair, mac an rìgh, an déigh tighinn gu fearachas, agus ged a bha e pòsda cha d’ fhàg e duine cloinne. Cha bu luaith’ a chual a phiuthar, ban-righ Lochluinn mu bhàs na dh’ fhàs i fein tinn, ’us bhàsaich i goirid an déigh sin. Cha robh, mar so, duine beò dheth ’n teaghlach rioghail ’n uair a dh’ fhalbh an righ ach an aon ogha nighinn a bh’ aig an Lochlunn. Chaidh a bhan-phrionnsa sin éigheach ’na ban-righ Alba gun dàil an déigh bàis a seanar, ’s gun i ach ochd bliadhn’ a dh’ aois. ’S i ’Mhaighdeann, Lochlunnach a theirear rithe mar is tric’ an eachdraidh. Chuireadh luingeas ’an òrdugh air son a toirt a nall gu rioghachd a sinnsir. Bha Sir Michel Scot, duine ro chliuiteach, ’na aon de na cùirt-theachdairean a bha ga coimheadachd a nall thar chuan.
Aig an àm so bha duine ro “shaoghalta, dàn” air righ-chaithir Shasuinn, Eideard I. B’ esan bràthair seanar Maighdeinn Lochluìnn. Bhiodh e’n tràths ’us a ris a’ tilgeadh sùil dhéigheil a nall air Alba. Bha ’cheud oidheirp a thug e air Alba a cheangail ri ’rioghachd féin, laghail gu leòir na ’m biodh e air soirbheachadh leis; be sin cùmhnant pòsaidh a dheanamh eadar a mhac féin ’us ban-righ òg Alba, agus i fathast ’s an tìr ’s an d’ rugadh i. Ach ’s e bha ’n sud cùmhnantachadh dhaoine, ’s ged bu daoine cumhachdach iad, cha robh cumhachd ac’ a bheireadh an rùintean gu crìch. Ged bu leanabh rioghail, agus ro mhùirneach ’s an àm ud a bha ’n Lochlunn, bha i co buailteach do thrioblaid ri leanabh eile. Chaidh gach ni gu maith leis na teachdairean Albannach gus an d’ ràinig iad Acru a tighinn air ais. Dh’ fhàs a bhan-phrionnsa tinn, ’s bhàsaich i ’n sin. Bha rioghachd Alba gun oighre, ach feadhainn a bha fad as, ’s c’àit a nis an robh cumhachan rìgh Shasuinn. Shaoileadh daoine gu’n leigeadh Eideard dheth a dhùil ri Alba fhaotainn tuilleadh. Ach cha b’e sin fear a bh’ ann. Tha e air a shamhlachadh le cuid de luchd-eachdraidh ris an rìgh air a bheil an sgriobtur a’ labhairt, “a’ mheudaicheas a mhiann mar ifrinn agus a tha mar am bàs, agus nach urrainn a bhi air a shàsachadh, ach a chruinnicheas thuige féin na h-uile shlòigh.’ Bha e, goirid roimh sud an déigh na Ueilsich a cheannsachadh, agus an rioghachd bheag ac’ a chur ri rioghachd Shasuinn. B’iadsan sliochd ceud luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas, a bh’ air am fuadachadh leis na Sacsonaich do oisinn an iar-dheas na dùthcha, mar dh’ ainmicheadh cheana, agus a chuir suas prionnsa dhiubh féin os an ceann, ’s a sheas mar rioghachd, le’n laghannaibh ’s an seana chainnt féin ré còrr is ochd ceud bliadhna gus an do chuir Eideard so ’na cheann an ceannsachadh. An déigh dha buaidh fhaotainn orra ’an cogadh, dh’ fhàisg e uatha cumhachan cruaidhe; agus an ùine ghoirid dh’ éignich e iad le fòirneirt gus na cumhachan sin a bhriseadh, agus éiridh ’an ceannairc ’na aghaidh. Chaidh e’n sin a mach nan aghaidh le feachd cumhachdach leis an do sgap e o chéil’ an armailt-san. Fhuair e ’n làimh ’us chroch e Liu-ellen, am prionnsa, agus rinn e ’ni ceudna air a’ mheud de’n cuid bàird ’s air an d’ fhuair e greim a chum ’s nach biodh iad le’m bàrdachd a’ cumail suas misneachd an luchd-dùthcha, le bhi seinn gniomharan euchdaidh an sinnsireachd. O’n àm so tha Ueils aonaichte ri crùn Shasuinn, agus theirear prionnsa Ueils ri tànisteir rioghachd Shasuinn. Ach air a shon so uile ghléidh iad an seana chànain féin gus a nis, ’s tha caochladh phaipearan naigheachd, ’us eòlasan eile de gach seòrs’ air an craobh-sgaoileadh innte. Theirear Gàeltachd Shasuinn ri Ueils, mar eadar-dhealaichte o Ghàeltachd Alba.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$7 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
A thaobh Caiseart.
’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.
A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
Clo-Bhualadh de sheorsa sam bith an a dheanamh gu snasail air oifis a phaipeir so.
[Vol . 8. No. 47. p. 7]
FAILTE DHOMHNAILL MHIC IAIN.
LE CATHALL MAC-MHUIRICH.
Gheibhear fàilt le fear do sgeil,
’Fhir chaoimh a thainig o ’n tràigh.
Fhuair mi sgeul os iseal uait
Tha togail m’ uaill os cionn chàich.
’S binne na ceol croit do sgeul,
A ghille gun lot, gun chreuchd,
’Tha mar oraghan os fhion,
Ma ’s comhradh fior a tha ’d bheul.
’S ro fheaird mi eisdeachd ri m’ bheo
An sgeul leis an dainig thu,
Mheudaich leam an ceart gach la,
’S teann a ta mo neart an diu.
’S ait leam do theachd, s mi ’san riochd s’,
Dh’eisdeachd ri d’ briathraibh gu beachd.
O d’ sgeul cha tagair mi ort,
Caidlidh mi an nochd gu ceart.
Thug thu leat do naidheachd nuadh,
’Fhir oig a ’s glan gnè is fiamh;
Seul le ’n do cheangladh mo chli,
Sgeul a dhiùsg meadhair am chliabh.
Dòmhnall Mac Eoin, cùl nan cladh,
Rùn do sgeoil ghasda, ghloin:
Teachd thar cuan iomlan do ’n fhear,
Cion d’ a iomradh is dual domh.
A theachd slàn gu h-earnaidh, og,
Fàth sin do m’ mheanmna air meud;
Slat a mor lios, crann nach lùb,
’Thaobh sud m’ aoibhneas a chum m’ éig.
Theid mi d’ a fhaicinn air tùs,
’Reir riaghailt ma leanar gnàths;
Mi am leum gu chaidreamh gun chruas,
’S ceum suas ri m’ aigneadh aig fhàs.
Chi mi e ’fosgladh a shùl,
An ti le ’n d’ bhronnadh mo bhrigh
Dh’ aithnichinn thar muir e uam,
’S a ghruaidh gart’ le fuil mar fhion.
Aithnichidh mi briathran a bheoil
’S an deud mar neamhnuid gun ghaoid,
Nach nochdar gu duilbhir dhuinn,
’S an t-sùil shuilbhir, sholta, chaoin.
Dh’ aithnichinn fad urchair uam
A mhala cheart chùmte chaol,
Giallan saor ri ’n decair dréin,
’S an taobh réidh mar eatal aoil.
Dh’ aithnichinn ceum clis a chos
Gu h-ealamh a leum na lios,
Bhrangaich cridhe nam buaidh bras
Glas mo thoile uam gun fhios.
’S tu, Dhomhnaill, mo mhisneach mhor,
Mo sheise comhlainn ri m’ chùl,
Mo sheud glan d’an dug mi gradh,
Mo ré lan is m’ abhall ur.
Mo bhile buadhach fo mheas,
Mo cridhe-sa ’n cuantaibh cas;
Flath air nach falaichteadh fios,
Mo chrios cath’ am boinne geal, bras.
Ar n-uisge tobair nach tràigh,
Ar n-urra cogaidh a chlódh,
Fàth ar mire, ar muirn shaor,
Ar cuirm dhaor ga ’h-ibh a òr.
Mo chlaidheabh, mo chaol shleagh chorr,
Mo thaghadh fein as gach dream,
Fear tha nasgadh a rùin rium,
’S mo mhiann sùl ri fhaicuin leam.
Bha m’ aithrichean riamh fo d’ dhream,
Ni mi as do dhùrachd dòigh.
Tha mo neart a teachd o d’ chim,
Tromhad gheibh mi ceart is còir.
Os, os cionn. Crot, cruit. Cùl nan cladh, defence of trenches.Cion, desire , love.Earnaidh, magnificent , worthy.Bronn, grant , give.Eatal, flight , flowing.Ré, the moon.Bile, a large tree.A chlòdh, to conquer.Cuirm, ale .Cim, silver , money.
Phòs Iain Muideartach-Mor, nighean do Ruaraidh Mor Màc-Léoìd, Triath Dhun bheagain. B’ e Domhnail dh’ an do rinneadh an t-oran am mac. Chaidh Domhnall do dh-Eirinn a chogadh as leth righ Tearlach ’sa bhliadhna 1648. Chaidh a Ghiacadh ’s a chur am priosan. Fhuair e cead tighinn dachaidh mu ’n bhliadhna 1650. ’S an sin a rinneadh an t-oran.
Bha Cathall Mac-Mhuirich na ’sgoileir gasda, na ’dhuine fiosrach, agus na ’bhard math. Tha sinn de ’n bheachd gur h-e bàrd bu chomasaiche agus seannachaidh a b’ fhearr a bha san teaghlach do ’m buineadh e.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TAALA.
Thachair droch sgiorradh anns a bhaile maduinn Di-màirt. Bha fear Frank Cossitt, a bha tighinn a stigh do’n bhaile le each us carbad, air a bhualadh leis a’ charbad-iaruinn, aig àite Lorway, agus air a ghnirteachadh cho dona ’s nach eil coltas nach caill e a bheatha.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
’GAN CREIC SAOR.
J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.
ALBERT HARTY,
Greusaiche,
Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail.
Ri taobh stor D. L. MacFhionghain,
SIDNI - - C. B.
[Vol . 8. No. 47. p. 8]
ORAN NA COMHACHAIG.
LE DOMHNALL MAC FHIONNLAIDH.
AM BARD.
A chomhachag bhochd na sròine,
An nochd is brònach do leaba;
Ma bha thu ann ri linn Dhonnghail,
Cha’n ionghnadh ge trom le t’ aigneadh.
A CHOMHACHAG.
Is co-aois mise do ’n daraig
’Bha na ’faillein anns a chòinnich;
’S iomadh linn a chuir mi romham,
’S mi comhachag bhochd na sròine.
AM BARD.
Nise on a tha thu aosda,
Dean-sa t’ fhaosaid ris an t-sagairt,
Agus innis da gun euradh
Gach aon sgeula d’a bheil agad,
A CHOMACHAG.
’S furasd dhomhsa sin innse
Gach aon là millteach a rinneas;
Cha robh mi mionnach no breugach,
Ged a bha mo bheul gun bhinneas.
Cha d’ rinn mi riamh braid no meirle,
No cladh no tearmunn a bhrisdeadh;
Air m’ fhear féin cha d’ rinn mi iomluas,
Gur cailleach bhochd ionraic mise.
’S ann a bha chuid mhòr de m’ shinnsre
Eadar an Innse ’s an Fhearsaid;
Bha cuid eile dhiubh mu’n Deubhadh,
’S bhiodh iad ag éigheach ’san fheasgar.
Chnnnaic mi mac a Bhrithimh chalma
Agus Fearghus mor, an gaisgeach,
Is Torradan liath na Sròine;
Sin na laoich bha dòmhail, taiceil.
AM BARD.
On a thòisich thu ri seanchas,
’S éiginn do leanmhuinn na’s faide;
Gu’n robh ’n triuir bha ’n sin air fòghnadh
Mu’n robh Donnghall anns an Fhearsaid.
A CHOMHACHAG.
Chuunaic mi Alasdair Carrach,
’N duin’ a b’ allaile bha ’n Albainn;
’S minig a bha mi ga eisdeachd,
’S e aig réiteach nan tom sealga.
Chunnaic mi Aonghus na dheodhaidh,
’S cha b’ e sin roghainn bu tàire;
’S ann ’san Fhearsaid a bha ’thuineadh,
’S rinn e muileann air Allt-Làire.
AM BARD.
Bu lionmhor cogadh is creachadh
A bha ’n Lochabar ’san uair sin:
C’àit am biodh tusa ga t’ fhalach,
Eoin bhig ghlais na mala gruamaich?
A CHOMHACHAG.
Nuair a chithinn-sa na creachan
A dol seachad orm le ’m fuathas,
Bheirinn ruathar bharr an rathaid,
S bhithinn grathunn an Creag-Guanach.
AM BARD.
Creag mo chrìdhe-sa Creag-Guanach,
Creag an d’ fhuair mi greis de m’ arach;
Creag nan aighean ’s nan damh siubhlach,
A chreag ùrail, fhonnmhor, àlainn.
A chreag mu’n iathadh an fhaghaid,
Leam bu mhiann a bhith ga tadhal
Nuair bu bhinn guth gallan gadhair
A cur greigh’ gu gabhail chumhainn.
’S binn a h-iolairean mu ’bruachaibh,
’S binn a cuach, is binn a h-eala;
’S seachd binne na sin am blaoghan
A ni ’n laoghan mean-bhreac, ballach.
M’ annsachd beinn sheasgair nam fuaran,
’N riasgach o ’n dean an damh sròineis;
’S chuireadh gadhair a’s glan meallan
Féidh nan ruaig gu Ionar-Mheoirein.
B’ annsa leam na dùrdan bodaich
Os-cionn poit ag euraradh sil innt’,
Crònan an daimh dhuinn ’san fheasgar
Air leacainn beinne ’n am sìne.
Nuair bhùireas damh Beinne-Bige
’S a bheucas damh Beinn-na-Creige,
Freagraidh na daimh sin a chéile,
’S thig féidh a Coire-na-Snaige.
’S e fear mo chridhe-sa ’n samhradh,
’S e ’m fear ceann-ghorm air gach bile;
Fanaidh gach damh donn na ’dhoire
Ri teas goile gréine gile.
’S aighearrach ’san am Creag-Guanach,
A chreag dhuilleach, uaine, bhraonach;
Creag nan tulach àrda, fiarach,
Gur cian a ghabh i o ’n mhaorach.
Cha mhinig a bha mi ’g éisdeachd
Ri séitrich na muice-mara,
Ach ’s tric a chuala mi moran
De chrònanaich an daimh allaidh.
Cha do chuir mi dùil ’san iasgach
’Bhith ga iarraidh leis a mhaghar;
’S mor gu ’m b’ annsa leam am fiadhach,
’S a bhith falbh nan sliabh a’s t-fhoghar.
Cha mhi-fhin a sgaoil an comunn
A bha eadar mi ’s Creag-Guanach,
Ach an aois ga ’r toirt bho cheile;
Is bu mhath an fhéill a fhuaras.
’S buan an comunn gun bhrisdeadh
A bh’ eadar mise ’s an t-uisge;
Sùgh glan nam mor bheann gun mhisge,
Is mise ga òl gun trasgadh.
Ach ’s ann a bha ’n comunn brisdeach
Eadar mise ’s a Chreag-Sheilich;
Mise gu là bhràth cha dìrich,
’S ise gu dilinn cha teirinn.
Olaidh mi a Treig mo theann-shath,
Uaipe cha déid mi air siollan;
’S i muime ’n fhéidh a ni ’n langan,
Am buinne deas reidh-gheal fionnar.
’S fada leam on sguir mi ’n fhiadhach,
’S nach h-fheil ann ach ceo de ’n bhuidhinn
Leis am bu bhinn gloir nan gadhar,
’S o ’m faigheamaid òl gun bhruidhinn.
’S ann an Cinn-Ghiubhsaich na ’laighe
Tha namhaid na greighe deirge;
Lamh dheas a mharbhadh a bhradain,
’S bu ro mhath ’n sabaid na feirge.
Bu Domhnallach thu gun mhearachd,
Bu tu buinne geal na cruadhach;
Bu chàirdeach thu do Chlann Chatain,
’S gu ’m bu dalt thu do Chreag-Guanach.
Gu ’m bu dalt thu do Chreag-Guanach
’S fad o ’n chuala mi ga sheanchas;
Am buinne geal nach robh éitidh,
’S ann duit a ghéilleadh am bantrachd.
Ged dh’ fhàgadh Domhnall am muigh leibh
Na ’aonar a taigh na fleadha,
’S gearr a bhios gucag air bhuil ann,
Luchd a chruidh bidh iad a staigh leibh.
Bu mhath mo bhuachaille cruidh-sa,
Gu ’m b’ e fior uasal nam fear e;
Bu deacair tàrmus air fhuil,
Cha bu dubh, ach aobharrach, glan i.
Bu mhath mo bharanta cogaidh,
Ged a thogair mi tigh’nn uaithe,
An t-Eoin a tha ’n Taigh-na-Creige,
On a bhagair e mo bhualadh.
’S on a bhagair e gu teann mi,
Cho fad ’s a bhios crann no clach ann,
Cha tog mi uige mo thriall,
Is ni mo dh’ iarrainn dol na ’theach leis.
Mise ’s tusa, ’ghadhair bhàin,
Bu tùrsach ar turas do ’n eilein;
Chaill sinn an tathunn ’s an dàn ris,
Ged bha sinn grathunn ri ceanal.
Thug a choille dhiots’ an earba,
’S thug an garbhlach dhioms’ na h-éildean;
Cha ’n fheil nàire dhuinn, a laoich, ann,
Oir laigh an aois oirnn le chéile.
Aois, cha ’n fheil thu idir miochair,
Ged nach feudar leinn do sheachnadh;
Cromaidh tu an duine direach
A dh’ fhàs gu finealta, gasda.
Giorraichidh tu ’là ’san t-saoghal,
Agus caolaichidh tu ’chasan;
Fagaidh tu a cheann gun deudach,
’S ni thu eudann uil’ a chasadh.
AN AOIS.
’S iomadh laoch a b’ fhearr na thusa
’Chuir mi gu tuisleadh ’s gu anfhainn,
’S a dh’ fhaobhaich mi as a sheasamh,
’Bha roimhe na fhleasgach calma.
AM BARD.
’Aois liath chasaodannach, odhar,
’Bhios gu ronnach, bodhar, éitidh
Cuim’ a leiginn leat a lobhair,
Mo bhogha thoirt diom air eiginn?
Is mi-fhin a s’ fearr an airidh
Air mo bhogha ro mhath iubhair
Na thusa, aois pheallach, sgallach,
Bhios aig an teallach ad shuidhe.
AN AOIS.
Labhair an aois rium a rithisd,—
’S momha ’s righinn tha thu ’leanachd
Ris a bhogha sin an comhnuidh,
’S math gu ’m fòghnadh dhuit am bata.
AM BARD.
Gabh thusa dhuit fein am bata
Aois ghreannach chairtidh na pléide;
Mo bhogha cha ’n fhaigh thu fhathasd
Bhuam air athais no air éiginn.
Bantrachd, a company of women.Miochair, loving , affable.
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,
Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
J. D. W. CAIMBEUL.
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.
title | Issue 47 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 47. %p |
parent text | Volume 8 |