[Vol . 8. No. 5. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 11, 1899. No. 5.
CLANN NAN’ GAIDHEAL RI GUAILLEAN A CHEILE.
Tha cnapach de bhaile air oirthir an ear Alba ris an can na Gaidheil “a Bhruaich,” agus na GoillFraserburgh . ’Se so steidh iasgaich an sgadain air taobh an ear Alba. Cha ’n ’eil aite eile an Alba, na Sasunn, na ’n Eirionn, —agus tha mi smaointinn gu bheil e tearuinte gu leor dhomh a radh, nach ’eil ait’ eile air uachdar an t-saoghail—a thatar a glacadh barrachd sgadain ann na thatar a glacadh a h-uile bliadhna air grunnd iasgaich a bhaile so. Tha acarsaid mhor, fharsuing, thearuinte anns a bhaile so, a thog an riaghladh aig cosguis uamhasach airgid. Tha ballachan laidir, diongmhalta air an deanamh le cloich ghlais ghoireil, airson neart na stoirm agus na fairge bhristeadh, agus didean a thoirt do gach long agus soitheach a dh’ fhaodadh doinionn garbh a gheamhraidh fhuadach a dh’ ionnsuidh a chladaich. Toillidh suas ri da mhile bat’ iasgaich anns an acarsaid so.
Tha am sonruichte dhe ’n bhliadhna air a chur am mach airson an iasgaich san aite: ’se sin o mheadhoin an t-samhraidh gu meadhoin an fhoghair; agus aig an am sin tha bataichean a tighinn as gach cearn de dh’ Alba airson an iasgaich, a bharrachd air dorlach math cheudan a bhuineas do ’n bhaile fhein. Tha daonnan aireamh mhor de Ghaidheil ann an am an iasgaich, cuid aig am bi bataichean leotha fhein, agus cuid mhor nan gillean tuarasdail air bataichean Gallda. Tha miagh mor aig na sgiobairean Gallda air gillean Gaidhealach. ’S beus do na Gaidheil a bhi gan giulan fhein gu modhail, iomchuidh, agus a bhi lan-striochdte fodh chuingean am maighstir. Tha iad mar an ceudna nan daoine foghainteach, treun, am bitheantas nan sar luchd obair, agus nam maraichean barraichte. ’Sann, uime sin, a tha meas cho mor orra am measg nan Gall.
Ach ged a tha na Gaidheil striochdte, modhail, fad-fhulangach, gidheadh an uair a thogar an fhuil aca, tha aigne borb, do-cheannsuichte an sinnsir ga nochdadh fhein gu follaiseach, agus cha ghabh e sgoilear ro-fhoghluimte airson an glaodh-cath a bhios an suilean gach fir dhiubh ’leughadh, “Buaidh no bas.” Air an aobhar sin tha iomadh tuasaid ’us miothlachd ag eiridh suas eadar Goill ’us Gaidheil aig am an iasgaich; agus bha an gnothuch riamh na bu truime air na Gaidheil an am cuirt a sheasamh. Mar bu trice cha bhiodh a bheag de Bheurla aig na Gaidheil airson an cuisean fhein a reusanachadh am mach air beulaobh an t-siorram, agus cinnteach gu leor, nan rachadh Gall agus Gaidheal a thoirt gu cuirt, ged a bhiodh an Gall coireach, mar is minic a bha, ’s e ’n Gaidheal a rachadh a pheanasachadh. Air an aobhar sin cha ruig sinn a leas iongantas a bhi oirnn ged a bha nadur uaibhreach, ard-inntinneach nan Gaidheal air uairibh a faotainn buaidh orra, agus ’nuair a gheibheadh iad greim air da no tri Ghoill san tigh-osda bheireadh iad fuchdadh dhaibh nach di-chuimhnicheadh iad an uine ghearr. Bheirte sin na Gaidheil gu lagh, agus cha rachadh tlus no trocair a nochdadh dhaibh, is bhiodh an gnothuch na bu mhiosa na bha e riamh. Bha cuisean a dol air aghaidh ’san doigh so o bhliadhna gu bliadhna, gus an gann a bha chridhe aig Gaidheal a shuil a thogail idir ri Gall, ar-neo rachadh a thoirt suas do ’n lagh agus a pheanasachadh gu h-an-iochdmhor. Bha na Gaidheil gam burabanachadh o nach robh iad a faotainn an darna cuid ceartas o na Goill ar-neo cothrom air dioghaltas a dheanamh orra.
Anns an t-samhradh 1874, bha an t-ana-ceartas so air a thoirt do na Gaidheil mar a b’ abhaist. Ach air aon fheasgar sonruichte Sathurna, bha na h-iasgairean ’s na taighean-osda sud ’sa so air feadh a bhaile. Thachair gu robh anns a“Chommercial Inn”grunnan beag de Ghoill ’s de Ghaidheil am measg a cheile. An uair a bhlathaich Mac-na-braiche air na fearaibh thoisich bruidhinn mhor ’us monabhur, agus air an deireadh tuasaid.
Bha duine mor, ruadh a sin ris an canadh iad Jock Legg. B’ esan ceatharnach bu chalma ’s bu chrosda bha measg nan Gall. Chaidh e-fhein agus Iain Domhnullach, a Eilean Leodhais, am mach air a cheile. Cha robh ni ris a chuis a chuir an darna taobh ach buillean cruaidh nan dorn. Chaidh na seoid am bad a cheile; cha robh fhios co bu taire; ach air deireadh thall fhuair an Gall gu ’n d’ thug e sgian as a phoca, agus mu ’n d’ fhuair an Domhnullach casg a chuir air, bha i air a stobadh an cul na cluais aige. Aig an am cheudna thainig na maoir, agus rugadh orra le cheile ’s thugadh air falbh iad a dh’ ionnsuidh napolice station. Le mineachadh Jock Legg air na cuisean, leig na maoir as e, agus ghlas iad suas Iain Domhnullach air a chiontachadh mar cheann aobhair na h-aimhreit. Bha na Gaidheil eile bha lathair ’nuair a bha ’n t-sabaid ag obair, air an losgadh a dh’ ionnsuidh a chridhe a faicinn a Ghoill chiontaich air a leigeil fo sgaoil, agus an Gaidheal neo-chiontach air a phriosanachadh. Lean aireamh mhor (araon Goill ’us Gaidheil) na maoir a dh’ ionnsuidh napolice station.Bha aon Ghaidheal tapaidh, curanta nam measg d’ am b’ ainm Murchadh Mac Leoid. Sheas iad aig an aite ris an canar “a Chrois,” air meadhoinBroad Street, ma choinneamh napolice station.. “A chairdean,” arsa Murchadh, “nach sinn ’tha ceacharra ’nuair a tha sinn ga leigeil so air aghaidh! Tiugainnibh agus iarramaid orra gu modhail, siobhalta, iad a leigeadh as Iain Dhomhnullaich, agus mar a leig iad as e ga ’n deoin their sinn riutha gu leig iad as e ga ’n aindeoin.” Chaidh Murchadh agus baidean beag eile a dh’ ionnsuidh an doruis, agus dh’ iarr iad cho modhail ’sa b’ urrainn iad, an duine ’bh’ aca stigh a sud a leigeadh am mach. Cha b’e taghadh na taing a fhuair iad airson sin iarraidh. “Ma ta,” arsa Murchadh, “mar a leig sibh am mach e gabhaidh sinn ceumannan eile airson a thoirt am mach a dh’ aindeoin.”
“Gabhaidh sinne ceumannan eile airson am mi-mhodh a thoirt asadsa dh’ aindeoin,” thuirt na maoir ’us iad a breith air Murchadh agus air ceathrar no coignear eile. Ach cha robh sin mar an cuid fhein dhaibh, an gaisgeach a bha ’labhairt fhaotainn bho smachd nan glas-lamh. Chunnaic Murchadh gu robh ’chompanaich uile fodh ’n ghlas-laimh, agus gu ’m feumadh e deanamh air a shon fhein.
“Tha mi faicinn,” ars’ esan, “nach ’eil a so ach ‘Iain, a mhic, thoir thu fhein as,’ ” —agus e ’toirt leum am mach air an dorus, a pronnadh ’sa spadadh a h-uile maor a thigeadh na ghaoth. ’Se cheud aite ’thug e mach tigh-osda Saltoun, ’us e glaodhaich aird a chlaiginn, “A chlann nan Gaidheal, leanaibh mise!”
Bha aireamh mhor do ghillean Gaidhealach ag ol an tigh-osda Saltoun, agus ma ’n do ruith coig mionaidean bha feachd do ghaisgich Gaidhealach cho eireachdail ’sa sheas riamh air raon batail, aig crois na Bruaich, ’us Murchadh air an ceann, gun mac samhailt dha ri fhaotainn o’n bha am Brusach treun air ceann a shluaigh fhein aig Allt-a- Bhonnaich. Cha robh an naigheachd fada sgaoileadh, air chor ’s nach robh mac Gaidheil ’sa Bhruaich nach robh aon uair eile guaillean ri guaillean. Agus b’e mo thruaighe, graisg a dh’ fheuchadh ri bacadh sam bith a chur orra. ’S iad a chreanadh air. Cha robh na garraich Ghallda fada sgapadh air feadh gach aite, ’us da rireadh bha iad na am. Cha chluinneadh tu sin ach bruidhinn sa Ghailig. Neach sam bith nach b’ urrainn Gailig a bhruidhinn b’e an gliocas dha ’chasan thoirt as. Gu fortanach bha na Goill cho glic ’us nach do dh’ fheuch iad ri tilleadh sam bith a chuir air na Gaidheil. Nam biodh iad air feuchainn ri sin a dheanamh bha iomadh claigionn briste ’sa Bhruaich an oidhche sin. Cha b’ fhiach e bhi bruidhinn air na thugadh do dhroch laimhseachadh. Bha nadur nan Gaidheal cho glan agus nach b’ urrainn iad ana-ceart sam bith a thoirt do na Goill an uair a chunnaic iad cho gealtach, diblidh, similidh ’sa theich iad as an rathad an uair a chunnaic iad an colg a bh’ air siol cruadalach, cruaidh-chathach nan Ceilteach. Bha corra dhuine airson sin a faighinn droch dhorn an drasda ’sa rithist. Bha maor ann a chuir air aodach duine chumanta agus a chaidh am measg nan Gaidheal feuch an deanadh e am mach pairt dhe na bha ’san aimhreit; ach cha robh esan fad’ ann an uair a rinneadh am mach e-fhein, agus fhuair a fear sin a leithid de dhroch laimhseachadh ’s nach do rinn e car ceart ’na dheigh. ’S ann mu dheich uairean de dh’ oidhche bha an upraid so dol air aghaidh. Ghabh an fheachd Gaidhealach sios a dh’ ionnsuidh a chladaich; thug iad crann a te dhe na bataichean iasgaich; chuir iad air an guaillean e, agus mhears iad suas leis, ’us iad a glaodhaich am Beurla ’s an Gailig, “Thigibh ’s gu faiceadh sibh an iuchair Ghaidhealach a fosgladh apholice office.” Sheas iad air beulaobh apholice office; thug iad an crann bhar an guaillean agus ghlac iad le ’n lamhan e, sreath air gach taobh dheth—sheol iad an darna
[Vol . 8. No. 5. p. 2]
ceann air an dorus—ruith iad le roid bheag a stigh, agus air a cheud bhuille bha ’n dorus mor na sgealban air an urlar; a h-uile dorus eile bh’ ann air an doigh cheudna. Leigeadh na priosanaich fa sgaoil. Cha d’ fhag iad bord na preasa gun leagadh gun bhristeadh. An t-airgead a bha ’sna dradhairean fhrois iad am mach air feadh na sraide e. Shrac iad gach paipear is leabhar a bha fodh chabair an taighe; ’s cha robh anail no anam ’sa Bhruaich an oidhche sin aig a robh de dhanadas na chanadh, tha sibh a deanamh gu h-olc. Bha an t-ard mhaor ’sa bhean ’sa theaghlach ann a seomar mullach apholice office, ’s cha robh duil aca gu faiceadh iad soills’ an latha gu dilinn. Bha iad a smaointinn gum bi a chlach a b’ isle clach a b’ airde dhe ’n aitreamh ma ’n tigeadh maduinn Di-donaich.
An uair a thuirt Murchadh ris fhein gu robh aicheamhal a chairdean air a thoirt am mach, thuirt e riutha iad a sgaoileadh ’sa dhol do ’n taighean loidsidh cho luath ’sa b’ urrainn iad; agus duine sam bith air a robh falt no fiasag i bhi air a toirt dheth ma ’n tigeadh e mach am maireach. Fada mu ’n do smaointich duine air eirigh Di donaich bha maor ’sa h-uile taigh loidsidh a ceasnachadh nan cailleachan Gallda, ’sa foighneachd c’uin a bha na loidsairean a stigh an raoir. Cha robh sin gle fhurasda do na cailleachan innse. Cha ’n e doigh a bhaile mhoir a bha na cailleachan a gnathachadh a sud idir—a glasadh a h-uile dorus m’a rachadh iad a chadal— ’s ann a bha na dorsan air a fagail an uireachd nan loidsairean fhein gus iad g’an dunadh uair sam bith a thigeadh iad dhachaidh. Bha na rumannan air am paigheadh aig na loidsairean; agus, uime sin, cha robh chridh’ aig a chailleach bacail sam bith a chuir air an tigh’n dhachaidh no air an dol am mach, ar-neo cha bhiodh teud reidh ’sa chlarsaich. Bha rum ’us cidsinn aig a chailleach ’us aig a teaghlach air an son fhein. Dh’ fhaodadh iad an fheadhainn sin a dhunadh ’sa ghlasadh mar a thoilicheadh iad; ach cha robh turas aca ri ghabhail ri rumannan nan loidsairean aon uair ’s gu ’n d’ thigeadh an oidhche. Thug so cothrom mor do ’n fheadhainn a bha ’san aimhreit. Cha b’ urrainn na cailleachan innse gu de an t-am aig an robh iad a stigh an raoir. Air an laimh eile tha fasan aig na Gaidheil nach bi iad deonach dol a dh’ fhuireach do dh’ aite sam bith ach comhla ri cheile. Bha so na chothrom mor dhaibh cuideachd, nach robh coigreach sam bith a fuireach nam measg a dh’ fhaodadh am brath. Cha robh suil dhubh ri fhaicinn aig duine ach corra fhear de mhuinntir na Beurla fhein. Cha deach sgrobag fola a dheanamh air mac Gaidheil; sheas iad cho dileas air cul a cheile. Na chailleadh de dh’ fhuil ’se na Goill a chaill i; air an aobhar sin bha cheart uiread de dh’ eagal orra romh ’n lagh ’sa bh’ air na Gaidheil; agus ceart ’s mar a thug na Gaidheil dhiubh am falt ’sam fiasag, rinn na Goill a leithid eile. Tha e na chleachdadh aig na h-iasgairean a bhi falbh o aite gu aite far an cluinn iad am bheil iasg ri fhaighinn, agus mar sin cha ’n ’eil iad trom air a bhi dol gu borobair idir. Ma dh’ fhaoidte nach bi aon bhorobair far am bi iad air uairibh; uime sin, tha e iomchuidh gun toir an darna fear am falt far an fhir eile, agus gu bearr a h-uile fear e-fhein. Bha so a rithist na chothrom dhaibh. An aite dol gu borobair air son am falt a ghearradh, rinn iad fhein a cheart cho math. Dh’ fhairtlich air na maoir a chuis a dhearbhadh an aghaidh duine dhe na Gaidheil. Cha’n fhacas maighdeannan riamh bu chiuine, cubhaidh, ’s bu neo-luasganach inntinn na na Gaidheil, ’nuair a thainig iad am mach Di-donaich. Cha robh suil an ceann duine a dh’ aithnicheadh gu ’n do rinn iad ni cearr riamh.
Ged a b’e so tuasaid a b’ ainmeile a rinneadh riamh ann an eachdraidh nan iasgairean Albannach, gidheadh fhuair na Gaidheil moran cliu ’us meas, agus sin eadhoin o na Goill fhein, ged bu namhaideach dhaibh iad roimhe sin. Ged a bhrist na Gaidheil ampolice office ’s na bha na bhroinn; ged a shrac iad na bha ’phaipearan ann, ’s ged a thilg iad na dradhairean ’san robh an t-airgead am mach air an t-sraid, ’nuair a chaidh an t-airgead a thogail ’sa chunntais suas, fhuair iad nach robh an aon bhonn-a- sia g’an dith. ’S mor an cliu agus an t-urram a chuir sin air na Gaidheil; agus tha mi smaointinn gu ’n do ghabh na Goill fhein leasan uaithe. ’Nuair a thainig na fir am mach airson dol do ’n eaglais, cha ’n aithnicheadh tu do nabuidh seach an duine nach fhaca tu riamh. Bha ceann ’us bus lom aig a h-uile fear, ’sa fear air an robh fiasag ruadh roimhe, bha stuth dubh air a shuathadh ri ’bhus a bheireadh ort a chreidsinn gur e fiasag dhubh a bh’ air.
’Sa mhaduinn Di-luain bha reiseamaid de shaighdearan dearga an deigh a thoirt a daighneach Abaraidhean, ’s iad am mearsadh suas ’us sios, le ’m pioban ’us le ’n drumaichean, gu ’n fhios c’arson, ’s nach robh am baile riamh cho sitheil ’s cho socair ’sa bha e ’n latha sin. Na bha ’dh’ upraid ’sa bhaile an latha sin, ’se na saighdearan fhein a bha ’ga dheanamh. Bha bata-gunna a thugadh a Abaraidhean cuideachd, na laidhe aig beul na h-acarsaid.
A nis b’ abhaist do na bataichean a bhi falbh gu muir gle mhoch ’sa mhaduinn Di-luain, a chionn bha aca ri dhol astar tri fichead mile na barrachd gu muir, ’us bhiodh iad a falbh cho moch ’sa b’ urrainn iad; ach air an latha so bha e suas ri meadhoin latha ’s cha robh coltas gu robh bata dol gu muir. Chuir luchd-riaghlaidh a bhaile a sin an comhairle ri cheile, agus chunnaic iad iomchuidh na bataichean a leigeadh gu muir. Bhiodh e ’na chall mor do ’n bhaile ’s do ’n rioghachd cabhlach iasgaich na Bruaiche a chumail air ais o iasgach, eadhon aon oidhche, a chionn tha iasgach an sgadain ro-phrothaideach do ’n rioghachd. Tha miltean air mhiltean de bharaillean sgadain a falbh as a Bhruaich a h-uile bliadhna gu ruige St. Petersburg, agus iomadh cearn eile do Ruisia, far am bheil e deanamh airgead mor, air chor ’s gur a math a b’ fhiach do riaghladh Bhreatunn a h-uile goireas a b’ urrainn a chuideachadh ris na h-iasgairean, ’s tha iad ’ga dheanamh sin. Thugadh cead do na bataichean dol am mach; ach cha robh h-aon ri dol seachad air a bhata-ghunna gun an sgioba a bhi innte air fad, ’us bha muinntir a bhata-ghunna a gabhail ainm ’us aireamh a h-uile bata bha dol am mach; agus an am dhaibh tilleadh a stigh an ath latha dh’ fheumadh iad mar an ceudna an sgiobadh a bhi annta air fad, air eagal ’s gum faodadh gu ’n do chuir iad pairt de ’n sgiobadh air tir an ait’ eile. Lean iad air an doigh sin fad na seachdain—am bata-gunna air muir, ’s na saighdearan air tir a geard a bhaile—ach ’s beag a ruigeadh iad fhein a leas sin, bha an sluagh modhail gu leor. Cha robh duine ri leigeadh air falbh leis a charbad-iaruinn, ach fear a dhearbhadh gur ebona fide travellera bh’ ann. Bha na maoir air feadh nam bataichean ’s nan taighean comhnuidh feuch am faiceadh no ’n cluinneadh iad rud sam bith leis am b’ urrainn iad greim fhaotuinn air duine. Ach a dh’ aindeoin an cuir agus an innleachdan ’se ceathrar no coignear de Ghaidheil a ghlac iad air amhrus; agus fhuair iad sin fhein fa sgaoil le coig puinnd Shasunnach cain a chuir air gach fear dhiubh. Rinn na Gaidheil co-chruinneachadh airgid na ’m measg fein, ’s cha robh e na uallach mor sam bith orra a chain a phaigheadh. Bha Murchadh air fear de ’n fheadhainn air an deach na coig puinnd Shasunnach cain; ach cha b’ ann airson a bhi na cheannard air na Gaidheil, ach airson cho fior dhoirbh ’sa ghleachd e ris na maoir an uair a bha iad a feuchainn ris a ghlas lamh a chuir air mu ’n do thoisich an tuasaid. Bha coinneamh mhor aig uaislean ’s luchd-ughdarras siorrachd Abaraidhean, agus chunnaic iad na ’n rachadh droch ceartas a thoirt do na Gaidheil gu ’m faodadh aramach eirigh suas, agus cha robh toil aca gu ’n tigeadh Bliadhna Thearlaich a rithist; uime sin leig iad leis na Gaidheil air an aon seasamh cas ris na Goill, ’s cha do ghabh iad aithreachas fhathast airson sin a dheanamh. Fhuair triuir chartairean Gallda am peanasachadh gu doirbh, ach mar a biodh iad ciontach cha ’n fhaigheadh iad sin.
ALBANNACH.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXIII.
A DOL TARSUINN NA H-AIMHNE.
Bha sinn uile air ar bonn gu math moch Di-luain. Shuidhich sinn gu ’n tugamaid oidhirp air bruaich na h-aimhne a leantail, an dochas gu’n rachadh againn air faighinn tarsuinn oirre uair eiginn mu’n tigeadh am feasgar.
Ghabh sinn a’ cheart rathad a ghabh sinn Di-domhnaich. An uair a choisich sinn beagan mhiltean air ar socair—oir cha b’ urrainn duinn cabhag a dheanamh ged a bhiodh toil againn—suas ri bruaich na h-aimhne, thainig sinn a dh’ionnsuidh aite anns an robh an amhainn a’ ruith eadar dà bhearradh a bha anabarrach cas, agus gle dhluth air a cheile. Ghrad thuirt Tomas gu’m b’e sid a’ cheart aite anns am b’ fhearr dhuinn faighinn tarsuinn air an amhainn. A nis, ’nar sealladh-ne, cha robh bad eile dhe’n amhainn bu mhi-choltaiche ri faighinn tarsuinn air na ’m bad ud. O’n a bha ’n amhainn cho cumhang, bha’n sruth anabarrach bras; agus bha leithid de ghàir aig an t-sruth ’s gur gann a chluinneadh duine a ghuth fhein. Ach thug esan an aire gu ’n robh craobh anabarrach àrd a’ fas gu math dlùth air bruaich na h-aimhne, agus, nan rachadh againn air a gearradh air dhòigh ’s gun tuiteadh i tarsuinn air an amhainn, gu’m biodh e furasda gu leor dhuinn faighinn tarsuinn oirre. Cho luath ’s a tharruinn e ar n-aire g’a ionnsuidh so, thuig sinn gur docha gu ’n gabhadh an gnothach deanamh. Ach cia mar a b’urrainn duinn craobh a bha cho garbh aig a bonn ’s nach deanadh dithis dhinn ach gu’n ruigeamaid air eiginn air lamhan a cheile, a ghearradh leis an tuaidh bhig a thug sinn leinn gu gearradh mheanglan ’s gu bristeadh bhioran? B’e so a’ cheisd a chuir a h-uile fear dhinn ris fhein ach Tomas ’na ònar.
“Bheir gearradh na craoibhe ùine mhath dhinn gun teagamh; ach theid againn air,” arsa Tomas. “Tha mise cinnteach gu’n tuit i direach tarsuinn na h-aimhne. Tha na geugan a th’ oirre gu math na’s mò agus na’s truime air an taobh a’s fhaisge dhe ’n amhainn.”
Ged nach robh sinn toileach teannadh ri gearradh na craoibhe, bu leasg le aon seach aon dhinn cur am muigh ’s am mach an aghaidh tòiseachadh, an uair a chunnaic sinn cho sunndach ’s a chaidh Tomas fhein an toiseach ’na dàil. Bha fear an déigh fir dhinn a’ toirt greis leis an tuaidh; agus an àm dhuinn sgur am beul na h-oidhche, bha beum math againn air a ghearradh innte.
Chaidh sinn gu math moch ’na dàil an la-iar-na-mhaireach; gus mu’n do thuit an oidhche, bha i ’na sineadh tarsuinn air an amhainn.
[Vol . 8. No. 5. p. 3]
Dh’ fhan sinn fad na h-oidhche far an robh sinn, o nach robh de latha againn na leigeadh leinn ar cuid imrig a thoirt a nnll gu sabhailte. A bharraehd air so, cha robh fhios againn nach fhaodadh iomadh cunnart a bhith romhainn air taobh eile na h-aimhne; agus air an aobhar sin, smaoinich sinn gu ’m b’ e ar gliocas fuireach far an robh sinn gus an tigeadh a’ mhadainn.
An uair a thainig a’ mhadainn, b’ e ’cheud obair a bha ri dheanamh, feuchainn an rachadh againn ri dhol tarsuinn na h-aimhne air a chraoibh. Bha Tomas toileach a’ cheud ionnsuidh a thoirt air a dhol a null. Ach cha robh sinn deonach leigeadh leis. Bha sinn uile ’tuigsinn, nan eireadh beud dhasan, gu’m bu cho math duinn tilleadh an taobh as an d’ fhalbh sinn. Bha fear dhe na seirbhisich—an duine dubh a bhiodh againn a’ còcaireachd—gle thoileach a’ cheud oidhirp a thoirt air a dhol a null. Bha e ’na shamhaiche anabarrach math, agus nan tachradh dha tuiteam bhar na craoibhe do ’n amhainn, cha b’ eagal nach snàmhadh e gu tir. O’n a bha e fhein cho toileach a cheud oidhirp a thabhairt, leig sinn a thoil fhein leis. Chaidh e null gun fhiamh gun eagal; agus thuig sinn gu’n robh a’ chraobh laidir gu leor gus fear sam bith dhinn a chumail.
Thug sinn ùine nach bu bheag air a dhol tarsuinn na h-aimhne air a’ chraoibh. Dh’ fheumadh gach fear dhinn a dhol a null air a ghluinean ’s air a chrògan, agus dh’ fheumamaid a bhith glé fhaicleach air eagal gu’n tuiteamaid sìos do ’n amhainn. A bharrachd air so, cha rachadh aig fear sam bith dhinn air moran a thoirt a null air ar muin. Am beagan a bheireamaid leinn, dh’ fheumadh e bhith air a cheangal gu teann, cruaidh air ar muin, agus mur tugamaid ar ceart aire, bhiomaid ann an cunnart gu’n tugadh na h-eallaich, beag ’s mar a bha iad, air falbh bhar na craoibhe sinn. Bu mhise an t-aon neach dhe’n triuir mhaighstirean nach robh deonach dad a thoirt a null. Bha eagal orm nach seasadh mo cheann ris. Agus an uair a chuala cach nach robh mi deonach dad a thoirt leam, cha do chuir iad dad an aghaidh dhomh a dhol tarsuinn mar a bha mi.
Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, faodaidh mi radh gu’n d’ fhuair sinn uile gu sabhailte tarsuinn na h-aimhne. Bha sinn gle thoilichte gu’n deachaidh cùisean leinn cho math.
O’n a bha e teannadh dluth air an fheasgar, smaoinich sinn gu’m bu cho math dhuinn an oidhche a chur seachad far an robh sinn. Cha robh againn de bhiadh ach gann na chuireadh seachad an oidhche. Ged a dh’ fhag sinn biadh air taobh eile na h-aimhne, cha robh toil againn tilleadh ’ga iarraidh gus an tugadh an fhior eiginn oirnn. Chuir sinn romhainn gu ’n deanamaid leis na bh’ againn, agus gu ’n cuireamaid ar n-earbsa ann am freasdal Dhe air son an latha maireach.
Cha robh an t-aite anns an do chuir sinn seachad an oidhche cho fior chomhfhurtail ’s bu mhath leinn, ach b’ eiginn duinn cur suas leis. Chaidh greis mhath dhe’n oidhche seachad mu ’n do ghabh sinn mu thamh.
Ged a bha dithis dhe ar n-aireamh ’nan caithris, bha ar cadal gle luaineach; oir bha sinn a’ toirt oirnn fhein a chreidsinn gu’n robh cunnartan is uidil is annradh a’ feitheamh oirnn.
Cha do chuir creutair sam bith dragh oirnn fad na h-oidhche; agus an uair a dh’ eirich sinn, bha sinn gu math na b’ fhearr misneach na bha sinn an àm dol a laidhe.
Chaidh buidheann dhinn a shealg, agus bha buidheann eile aig a’ cheart àm a’ siubhal air son mheasan. Bha measan dhe gach seorsa gle phailt anns gach cearn dhe’n rioghachd fharsuinn ud; oir, ann an teas an latha aig gach àm dhe’n bhliadhna, tha’n t-side cho blàth ’s cho bruthainneach ’s ged a bhiodh duine ann an taigh-teith.
Bha fhios againn uile—oir dh’ innis Tomas, am fear aig an robh fhios air h-uile rud, dhuinn—gu ’n robh moran de chrodh fiadhaich air feadh na rioghachd, agus gu ’n robh daoine a’ marbhadh moran dhiubh, agus ’g am fàgail ann an sid an uair a bheireadh iad dhiubh na seiceannan. Bha faighneachd mhath agus deadh phris air na seiceannan; agus, air an aobhar sin, bha iomadh duine a’ deamamh deadh phaigheadh bliadhna air a bhith ’marbhadh a’ chruidh fhiadhaich.
A bharrachd air a bhith sealg a’ chruidh fhiadhaich, bhiodh na daoine ud, mar bu trice a’ spuinneadh luchd turuis a bhiodh a’ dol air ais ’s air aghart troimh ’n dùthaich. Aig an àm ud, agus eadhoin gus an latha ’n diugh, cha robh luchd-riaghlaidh na rioghachd a’ gabhail mor dhragh ri stad a chur air na daoine a bhiodh ris an obair so. O’n a bha iad a’ paigheadh sùim àraidh a h-uile bliadhna do’n luchd-riaghlaidh air son cead fhaotainn a bhith marbhadh a’ chruidh fhiadhaich, bha ’n luchd-riaghlaidh cearta coma ciod a dheanadh iad. Cha robh e furasda ’cur nan aghaidh nan tachradh iad ri daoine. Bhiodh iad a’ marcachd, agus bhiodh buidheann mhath dhiubh cuideachd mar bu trice.
Ged a bha na daoine so ’nan culaidh-eagail dhuinn, bha culaidh-eagail eile ann bu mho na iad, agus b’e sin, na nathraichean mòra a bha ann an iomadh cearn dhe’n rioghachd. Bha na nathraichean so pailt gu leor anns an àm ud, agus is cinnteach gu’m bheil iad pailt gu leòr fhathast; agus o’n a chunnaic sinn té dhiubh an lath’ ud fhein, tha e cho math dhomh beagan a radh mu’n deidhinn.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. VI.
Chaidh an seirbhiseach am mach, agus ghlas e dorus a’ chaisteil air eagal gu’n teicheadh am prionnsa. Ruith e cho luath ’sa bha ’na chnamhan do ’n luchairt, bog, fluich, mar a bha e. Thachair gu’n robh an righ aig an am a’ comhradh ris an ard-chomhairleach, agus e ag innseadh dha, gu’n do chuir e seachad an oidhche gle thursach a chionn gu’n robh a mhac cho eas-umhail dha.
Bha ’n t-ard-chomhairleach a’ feuchainn ri misneach agus comhfhurtachd a thoirt do ’n righ, agus ag radh ris, nach ruigeadh e leas aithreachas a bhith air air son mar a rinn e air a mhac, agus nach robh aige ach foighidin a dheanamh, agus gu’n tugadh beagan uine ann am priosan a mhac gu bhith umhail gu leor dha.
Mu ’n gann a chuir an t-ard-chomhairleach crioch air na briathran so, thainig an seirbhiseach a steach, agus thilg e e-fhein sios aig casan an righ.
“Mo thighearna,” ars’ esan, “tha doilighios mor orm a chionn gu’n robh agam ri tighinn le fior dhroch naigheachd do ’r n-ionnsuidh. Tha fhios agam gu ’n toir mo naigheachd an tuilleadh broin dhuibh. Tha ’m prionnsa air a dhol as a rian. Tha e ’sior bhruidhinn air bean-uasal araidh, a tha e ’g radh a bha ’na laidhe anns an leabaidh comhladh ris an raoir. Mar dhearbhadh gu ’m bheil mise ag innseadh na firinn dhuibh, foghnaidh dhuibh an droch dhiol a rinn e ormsa thoirt fa near.”
An sin dh’ innis e a h-uile facal a thuirt Alsaman ris, agus an droch dhiol a rinn e air.
Cha robh duil sam bith aig an righ gu’n tigeadh naigheachd mhuladach dhe ’n t-seorsa so g’ a ionnsuidh, agus thuirt e ris an ard-chomhairleach, “Is e gnothach muladach a tha ’n so. Grad bi falbh, agus faigh am mach ciod a tha cearr, agus na bi fada gun tighinn air ais a dh’innseadh dhomhsa mar a tha cuisean.”
Rinn an t-ard-chomhairleach gun dail sam bith mar a dh’aithn an righ dha. Rainig e an seomar anns an robh am prionnsa, agus fhuair e e ’na shuidhe gu reumhail, stolda, agus leabhar ’na laimh a bha e ’leughadh.
An uair a chuir iad failte air a cheile, agus a shuidh an t-ard-chomhairleach ri ’thaobh air an leabaidh, thuirt e, “Mo thighearna, bu mhath an airidh gabhail gu math ’s gu ro mhath air an t-seirbhiseach agad, a chionn e dhol far an robh an righ le naigheachd a chuir eagal mor air.”
“Ciod an naigheachd a bh’ ann,” ars’ am prionnsa, “agus cia mar a chuireadh i eagal air an righ? Tha aobhar gu leor agamsa air a bhith ’gearain air an t-seirbhiseach sin.”
“A phrionnsa,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “nar leigeadh Dia gu’m biodh an naigheachd a dh’innis e do d’ athair mu do dheidhinn fior. Agus tha ’n suidheachadh inntinn anns am bheil thu a’ nochdadh dhomhsa nach d’ innis e an fhirinn.”
“Is docha nach d’ innis e a naigheachd mar bu choir dha,” ars’ am prionnsa; “ach o’n a thainig tu, tha e iomchuidh gu’m faigheadh tu fios air ni eiginn mu ’n chuis. Ceadaich dhomh fhaighneachd dhiot, co bhean uasal a laidh ri mo thaobh an raoir?”
Cha robh smid sios no suas aig an ard-chomhairleach an uair a chual’ e na briathran so. Ach an uair a thainig e g’ a ionnsuidh fhein thuirt e, “Mo thighearna, na cuireadh e annas sam bith ort ged a tha do bhriathran a’ cur ioghnaidh gu leor orm. Am bheil e comasach gu’n tigeadh bean-uasal, no neach sam bith eile, a steach an so air doigh sam bith eile ach troimh ’n dorus? Agus o ’n a bha ’n seirbhiseach ’na laidhe aig cul an doruis, cha b’ urrainn neach sam bith tighinn a steach gun fhios dha. Smaoinich thusa air a’ chuis gu math, agus tuigidh tu gur e bruadar a chunnaic tu.”
“Coma leam dhe do chuid bruidhne.” ars’ am prionnsa ’s e ’togail a ghuth gu math ard; “feumaidh tu air a h-uile cor fios a thoirt dhomhsa gun dail sam bith, ciod a thachair do ’n mhnaoi-uasail; agus mur grad ghabh thu mo chomhairle, bheir mise ort gu’n gabh thu i, olc air mhath leat.”
An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach na briathran laidir so, cha robh fhios aige ciod a theireadh e. Bha e ’dol fo ’smaointean car tiotaidh feuch cia mar a gheibheadh e e-fhein as a ghabhadh anns an robh e. Dh’ fheuch e, le chomhairlean ’s le comhradh ciuin, taitneach, ri ciall is reusan a chur anns a’ phrionnsa; ach a dh’ aindeoin na theireadh e ris, bha ’m prionnsa cho fada ’na bharail fhein ’s a bha e riamh. Mu dheireadh ghuidh e gu durachdach air, gu’n innseadh e dha am faca e gu soilleir a’ bhean-uasal.
“Chunnaic mi i gun teagamh sam bith: agus tha mi gle chinnteach gur tusa chuir ann i gus deuchainn a chur orm. Rinn ise gach ni a dh’ iarr sibh oirre cho math ’s a ghabhadh deanamh; oir dh’fhairtlich orm gu’n tugainn facal as a ceann. Bha i leigeadh oirre gu’n robh i ’na cadal; ach cha bu luaithe thuit mise ’nam chadal na dh’ eirich i, agus thug i i-fhein as. Tha fhios agadsa air so gle mhath; oir cha ’n ’eil teagamh agam nach d’ thug i dhut cunntas air a h-uile car mar a dh’ eirich dhi.
“Mo thighearna,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha mi ’toirt mo mhionnan dhut nach ’eil dad a dh’ fhios agamsa mu dheidhinn na mna-uaisle air am bheil thu bruidhinn;
(Air a leantuinn air taobh 38.)
[Vol . 8. No. 5. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., OGUST 11, 1899.
AIMHREIT AN T-SAOGHAIL.
Mu ’n am so an uiridh bha America mu thuath fuaimneach, luasganach, trioblaideach, do bhrigh gu robh cogadh eadar na Staidean agus an Spainn ann an Cuba. Bha sluagh lionmhor anns na Staidean a bha ’creidsinn gu robh na Cubanaich a’ fulang euceirt eagalaich; agus, air an aobhar so, gu tainig an t-am anns am bu choir do na Staidean, —cairdean iomraiteach agus eudmhor na sith agus a’ cheartais—an claidheamh a tharruing as a thruaill agus fuasgladh ’fhaotainn no ’thabhairt a mach do na Cubanaich bho chumhachd an-iochdmhor nan Spainnteach. Ged a bu na daoine ’b’ fhearr a bha riamh air an t-saoghal a tha no bha anns na Spainntich, is gle bhochd a fhuaradh iad riamh, leis gach feachd ’us cabhlach a bha aca, ann an saorsa no soirbheachadh no cuisean fabharach a chosnadh no a bhuileachadh air na Cubanach. Ann an uine ghearr chaidh cabhlach na Spainne ’chur as an rathad, agus striochd ceannardan na Spainne, gun buille ’bhualadh, do cheannardan nan Staidean. B’ fhearr gu fada mor aon latha de Nelson, ceannard urramach a’ chabhlaich, agus de ’n Duic Uellington, na h-uile ceannard air muir ’s air tir a bha air an da thaobh ann an cogadh Chuba, re bliadhna no bliadhnachan. Tha daoine fiosrach, geur-inntinneach am measg nan Cubanach, a tha, ann am briathran soilleir, duineil, ag innseadh a nis gur e iarrtais a’s modha ’s a’s eudmhoire tha aig na Cubanaich gu faigh iad saorsa; gu faigh iad comas ’us cead an luchd-riaghlaidh fein a roghnachadh; gu bi aca uachdaranachd doibh fein; agus mar so gu bi malairt ghlan, shaor aca leis gach rioghachd a tha air an t-saoghal. Is maith a’s aithne doibh, agus a tha fios aca, ma bhitheas iad air an nasgadh ris na Staidean gu bi iad cosmhuil ri stàid air bith eile: gu feum iad an cuibhrionn fein de chosd uamhasach na duthcha ’ghiulan; agus gu feum iad, co-dhiu ’bhitheas iad deonach no nach bi, geill a thabhairt do gach cis ’us cuing a tha na Staidean a’ cur air gach bathar ’us malairt a tha ’tighinn bho thirean cein gu ’n cladach fein. Tha gliocas ’us toinisg air taobh nan Cubanach, am feadh a tha iad a’ creidsinn agus ag radh gur fearr gu mor dhoibh-san malairt shaor a bhi aca leis an t-saoghal gu leir; do bhrigh, air an doigh so, gu faigh iad margadh gu mor a’s fearr airson gach siucair, ’us tombaca ’s urrainn iad a thogail anns an eilean thorach, bheartach, anns am bheil iad a’ tuineachadh. Tha e, mata, co cinnteach ris a’ bhas, nach aontaich na Cubanaich gun deasboireachd ’us iorghuill mhor gu bi iad air an nasgadh ris na Staidean, iad fein agus an t-eilean a tha iomraiteach air feadh na talmhainn airson co easgaidh ’us obann a dh’ eireas aramach oillteil ’us fuileachdach agus ard-fhuaimneach ann.
Is e obair chruaidh, chraiteach a ghabh na Staidean os laimh, an latha ’thoisich iad air uachdaranachd ’fhaotainn no a ghabhail air sluagh garg nan Eileanan Philippianach. Is e cogadh cruaidh, duilich a tha duthaich air bith a’ deanamh, am feadh a tha stri nan lann fada bho ’n duthaich, agus a dh’ fheumas gach saighdear ’us innleachd cogaidh dol thairis an cuan luasganach, beucach, a chum ’s gu bi aig an fheachd cothrom iomchuidh air bith air lamh an uachdair fhaotainn air naimhdean an duthcha. Tha e daonnan gle fhurasda coire ’fhaotainn do cheannardan agus do shaighdearan. Gun teagamh air bith tha ’n Ceannard Otis agus a shaighdearan a’ deanamh an culaidh-mhaitheis anns na h-Eileanan Philippianach, am meadhon a’ Chuain Shamhaich. Cha ’n ’eil iad a’ cur an gniomh euchdan iongantach air bith; agus, a reir gach coslais, cha phlanntaich iad an da latha so suaicheantas riomhach nan Staidean air gach aird ’us anns gach baile anns na h-Eileanan Philippianach. Ma ’s e ni gasda ’s cliuiteach ain-fhiach cudthromach a charamh suas, tha ’n toileachadh so an diugh aig na Staidean; oir, on thoisich an cogadh an aghaidh na Spainne ann an Cuba, chosd na Staidean uamhas airgid, agus tha ain-fhiach trom, trom mu mhuineal na duthcha. Chaidh iomadh gille og, eutrom, gaisgeil gus a’ chogadh an uiridh, —iomadh gille eireachdail a chaill a bheatha anns an stri,— ’s iomadh gille easgaidh eile ’bha air a chiurradh gu goirt ’us muladach leis gach teas, ’us galar, ’us fiabhrus, ’us ana-cothrom a b’ eiginn doibh ’fhulang ann an Cuba. Cha bhitheadh e idir iongantach ged tha miltean de dhaoine stuama, tuigseach anns na Staidean air am bheil doilgheas ro-mhor gu deachaidh na Staidean riamh a dheanamh cogaidh an aghaidh na Spainne—daoine tuigseach a tha seachd sgith de ’n chogadh ann an eileanan duaichni ’s borb a’ chuain Shamhaich—daoine’bhitheadh greadhnach agus a dheanadh gairdeachas, nan cluinneadh iad gu tainig crioch air a chogadh chruaidh anns na h-Eileanan iomallach agus mi-fhallain ud, anns am bheil iomadh laoch aluinn a’ call a bheatha. Tha rioghachdan an t-saoghail an diugh gu tur amaideach an trath ’tha dian-iarrtus aca an tuille fearainn ’fhaotainn thall no bhos, shios no shuas, ann an cearna iomallach air bith de ’n talamh. B’ fhearr doibh uile maith ’us modha ’dheanamh de ’n fhearann a bhuineas cheana doibh, no ’bhi ’fagail an fhearann so gun aire no curam ceart, am feadh a tha iad a’ sineadh a mach an lamhan airson greim a ghabhail air fearann nuadh a tha fada air falbh agus aig nach ’eil brigh no buannachd sonruichte air bith. Is iomadh Gaidheal ann an Canada ’bha ’tighinn air aghaidh gle mhaith leis a’ bhaile bheag a bha cheana aige ’cheannaich baile fearainn eile, ’chur e fein ann an ain-fhiach trom, agus a dh’ aindeoin gach saothrach ’us dichill a rinn e, ’chaill gach fearann a bha riamh aige. Is fhearr do gach rioghachd ’us duine ’bhi faicilleach, stuama, guanach, ’us gun a bhi air an tarruing air falbh le ciocras fearainn air nach ’eil feum air bith aca, ’s nach urrainn iad a phaigheadh gun dragh no iomaguin.
CONA.
Bha sinn, gun fhios duinn, am mearachd, nuair a thuirt sinn air an t-seachdain s’a chaidh nach robh guth aig muinntir a bhaile so air casg a chuir air creic an stuth laidir. An oidhche mu’n do sgriobhadh sin, bha comhairle ’bhaile an deigh duine chur air leith air son luchd-bristidh an lagha thoirt gu ceartas. ’Se Donnachadh Mac Eachairn, maor a bhaile, am fear a chaidh a shonrachadh air son na h-obair, agus tha e ri bhi faotainn ceud dolair s’a bhliadhna air a son. Tha MAC-TALLA ag guidhe soirbheachadh leis. Tha nise dochas againn nach dean seana bhaile Shidni a chliu a chall le bhi leigeil leis gach graisg a theid a chartadh a aiteachan eile bhi tighinn ann ’sa cur air adhart malairt chornail agus mi-laghail mar a bhatar a deanamh roimhe so.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 5. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha na bioraich a cur call mor air ha h-iasgairean mu na cladaichean an ann so. Tha iad ag ithe moran de’n iasg as na lin, agus a bristeadh nan lion.
Cha’n eil an t-side ach gle mhi-fhabharrach air son deanamh feoir; cha mhor gu bheil latha turaidh idir a’ tighinn. Tha am feur gle mhath na’m b’urrainnear a chur fo dhion.
Bidh litir a Eilean a Phrionnsa o ar caraid “C. C.” anns an ath aireamh. B’ fheudar dhuinn a cumail air ais air an t-seachdain so. Tha againn mar an ceudna litir a Priceville, agus o Iain Rothach, an New Zealand.
Tha 475 dotair ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatuinn, aon mu choinneamh gach 1,053 sluaigh, no mu choinueamh gach 210 teaglach. Tha barrachd Dhomhnullach anns an aireamh sin ’sa th’ ann de shloinneadh ’sam bith eile; tha fichead ’sa ceithir de na dotairean aig a bheil “Mac” ’nan ainm.
Fhuair Morair Minto, an t-ard-riaghladair, agus Sir Willifred Laurier cuireadh o chionn ghoirid gu bhi lathair aig leagadh clach-steigh togalach mor ann a Chicago; dhuilt iad an cuireadh agus tha Laurier ag radh gur e bu choireach ri sin, nach robh e a meas freagarrach a dhol thar na criche nuair a bha ’n da dhuthaich ann an tomhas a mach air a cheile a thaobh Alasca.
Tha banca no dha ann am Montreal ann an trioblaid aig an am so. Tha aon dhiubh, “Ville Marie Bank” air a dhunadh gu ceann thri miosan, ach an deigh na h-uine sin thatar an duil gu ’m bi e air a chasan cho math ’sa bha e roimhe. Tha chuid mhor de ’n trioblaid a thainig air cach ri choireachadh air aon no dha de na paipearan Frangach a bha sgaoileadh droch naigheachdan mu’n timchioll, a chuir eagal air an t-sluagh aig an robh airgead annta.
Tha eagal air muinntir Eilean a Phrionnsa nach bi am barr cruithneachd ach gle fhad air ais air an fhoghar so. Tha am feur anabarrach math, ach, mar a dh’eirich dhuinn air an eilean so fhein, cha ’n eilear a faighinn a ghearradh no thiromachadh leis cho fior fhliuch ’sa tha ’n t-side. Tha am feur ’s am barr air feadh Chanada air fad anabarrach math, agus ma gheibhear a chur fo dhion gun dolaidh sam bith a thighinn air, bidh pailteas dhe gach seorsa anns gach cearna dhe’n duthaich.
Thainig bas aithghearr air Uilleam Jefferson, aigNorth West Arm, feasgar Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e cur a stigh feoir, agus thuit e bharr mullach loid, agus ’nuair a thaing a bhean, a bha astar beag as a dheigh, far an robh e, bha e marbh. Thatar a deanamh a mach gur h-e buille dh’n bhalbh-thinneas(apoplexy)a thug a bhas. Bha e tri fichead bliadhna dh’aois agus ’na dhuine air an robh meas mor anns a choimhearsnachd. Bhathar gle eolach air ann an Sidni, far am biodh e o chionn aireamh bhliadhnaichean a creic feola. Dh’ fhag e bantrach, triuir mhac agus triuir nighean.
Tha cor us tri mile ’s sia ceud dolair air a chur cruinn cheana air son cuideachadh le teaghlaichean nan daoine bha air am marbhadh ann am meinn Chaledonia. Tha duil aca-san a ghabh a chuis os laimh gu’m bi mu choig mile dolair air a chur cruinn uile gu leir.
Tha an t-Urr. A. K. Mac Gill-fhinnein, a Boston, ri bhi anns a bhaile deireadh na seachdain so, agus searmonaichidh e ann an eaglaisSt . Andrew’ sair an t-Sabaid s’a tighinn. Buinidh Mr. Mac Gill-fhinnein do Cheap Breatuinn; fhuair e a bhreith us arach air an Amhuinn Meadhonaich.
Chaidh duin’ og d’ am b’ ainm Mac Gille-mhicheil a mharbhadh ann am Boston oidhche Shathurna s’a chaidh le buille thugadh dha le cuid-eigin air an t-sraid. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’ aois, agus thatar dhe’n bharail gu’n buineadh e do Cheap Brehtunn. Cha’n eil teagamh nach ann le run a robaigeadh a chaidh a bhualadh.
Chaidh toiseachadh air an t-seachdain so air laraichean nam fuirneis air son na h-obair iarruinn. Tha an obair air a toirt doMcManus Low & McManus, agus tha iad a faotainn mu cheud gu leth mile dolair air a son. Tha aca ri bhi ullamh an ceann thri miosan, agus air son sin a dheanamh feumaidh iad a bhi ’g obair a dh’ oidhche ’sa latha gus am bi crioch oirre. Tha coig ceud duine dhith orra, bharrachd air eich us cairtean.
Chaochail, anns a bhaile so, maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, an Caiptean Ruairidh Mac Neill, anns an treas bliadhna thar an tri fichead dhe aois. Cha robh a tinn ach beagan lathaichean. Rugadh e ann an Shunnacadie, agus bha e o oige a seoladh na mara, agus shoirbhich leis gu math. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais, thugadh ionnsuidh air a bheatha le seoladair air an t-soitheach air an robh e ’na sgiobair. Beagan an deigh sin thainig e gu Sidni, agus thoisich e ri ceannachd. Cheannaich e pios fearainn, agus rinn e dachaidh bhoidheach an ceann shuas a bhaile. Bha e gle mheasail aig na h-eolaich uile. Bha e air a thiodhlacadh ’sa mhaduinn Disatharna, anns a chladh Chaitliceach; bha aireamh mhor aig an tiodhlacadh.
Iadsan a Phaigh.
Iain Mac Iomhair, Baddeck Bay.
M. L. Mac Fhionghain, Lakevale .
Mairi Nic Neill, Iona .
Mrs. C. Caimbeul, am Bras d’Or Beag.
Bean Iain D. Dhomhnullaich, St . Esperit.
Tormad Mac Fhearghais, St . Esperit.
An t-Urr. R. MacCoinnich, Heatherton , N. S.
Alasdair Mac-a- Phi, Loch Catrine, N. S.
D. Mac Gille-ghlais, Stellarton , N. S.
Eachunn MacFhionghain, Stellarton , N. S.
Beataidh Nic Neachtain, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie .
Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree.
Iain D. Domhnullach, Salamanca , N. Y.
Domhnull Domhnullach, Gowanda , N. Y.
Martuinn Mac-a- phearsain, Cleona , Cala.
I. S. Ros, Caspar , Cala.
Bean Uilleim Mhathanaich, Graniteville , Vt.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 5. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 35.)
agus cha mho a tha fios aig d’ athair air dad m’ a dheidhinn. Ma bha i an so maille ruit, cha bu sinne a chuir ann i. Ceadaich dhomh a radh riut aon uair eile, gu’m feum gur e bruadar a chunnaic tu.”
“An d’ thainig tu a thoirt masladh dhomhsa, agus a chur an aghaidh nam briathran a labhair mi riut,” ars’ am prionnsa, agus e ann am fior mullach na feirge; “agus a radh rium ann an clar an aodain, gur e bruadar a th’ anns na dh’innis mi dhut?”
An uair a thuirt e so, rug e air fheusaig air an ard-chomhairleach, agus ghabh e dha leis na duirn ’s leis na breaban gus an robh e seachd sgith.
Ghiulain an t-ard-chomhairleach gu foighidneach leis an droch dhiol a rinneadh air; agus cha b’ urrainn da gun a bhith ’g radh ’na inntinn fhein, “Tha mi nis cho dona dheth ’s a bha ’n seirbhiseach fhein; ach cha bhi guth agam ri radh ma gheibh mi mach a so le m’ bheatha mar a fhuair esan.”
Mu dheireadh ghuidh an t-ard-chomhairleach air a’ phrionnsa, gu’n leigeadh e leis beagan fhacal a radh ris, agus dheonaich am prionnsa, o ’n a bha e air fas sgith ’g a dhochann, leigeil leis bruidhinn.
“Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil ni eiginn de choltas na firinn air na bheil thu ’g radh,” ars’ an t-ard-chomhairleach, agus e ’leigeadh air gur ann da rireadh a bha e; “ach tha fhios agad gu’m feum mise a bhith umhail do gach ordugh a bheir an righ dhomh. Gidheadh, ma ’s e do thoil mo leigeadh as a so, theid mi far am bheil an righ, agus innsidh mi dha rud sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.”
“Bi falbh, ma ta,” ars’ am prionnsa, “agus innis dha gu’n dubhairt mise riut, ma bhios e fhein toileach ’aonta ’thoirt seachad, gu’m pos mise a’ bhean-uasal a chuir e do m’ ionnsuidh an so an raoir. Greas air falbh, agus na bi fada gu’n tighinn air ais le fios-freagairt.”
Rinn an t-ard-chomhairleach umhlachd dha, agus dh’fhalbh e. Cha robh ’inntinn aig fois gus an do dhuin e an dorus ’na dheigh, an uair a fhuair e am mach as a’ chaisteal.
Ghabh e direach far an robh an righ. Dh ’aithnich an righ air a choltas nach robh aige dha ach droch naigheachd, agus thuirt e, “Ciod e an suidheachadh anns an d’ fhuair thu mo mhac?”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha an naigheachd a thug an seirbhiseach do ’r n-ionnsuidh fior gu leor.”
An sin dh’ innis e do ’n righ a h-uile facal a bha eadar e fhein agus Alsaman; mar a ghabh e corruich mhor a chionn gu’n dubhairt e ris, gu’n robh e neo-chomasach gu’m faigheadh neach sam bith a steach air dorus a’ chaisteil; an droch dhiol a rinn e air; agus an doigh a ghabh e gu faotainn as a lamhan.
An uair a chual’ an righ mar a bha cuisean, air dha gradh mor a bhith aige dha mhac, chuir e roimhe gu’n rachadh e do ’n chaisteal far an robh a mhac, feuch am faigheadh e am mach bun a’ ghnothaich, agus gu’n rachadh an t-ard-chomhairleach comhladh ris.
(Ri leantuinn.)
BRUTUS.
“Is e Farmad a ni Treabhadh.”
EARANN IV.
Air dhomh tionndadh ri m’ fhear-iùil, chuir mi mo smuaintean an ceill da: thubairt e rium gu’n robh iad ann an tomhas fior; “ach,” ars’ esan, “b’ eigin do chorr agus mile bliadhna de iomadh mearachd is pian a’ dhol thairis mus d’rainig muinntir air an duais a bhuineas do’n chogadh criosdail, eadhon an neart naomh sin tha sruthadh a mach bho ghradh. Ann an tus nan laithean, mar thuirt an duine glic, bha muinntir a’ toirt cunntais “mu’n ni sin nach b’urrainn a bhi ach mar a bha;” oir ’s e bh’ann am Pindar spiorad uasal air a shuaineadh ann am mulad a’ chionn ’s gu’n robh an Dan cruaidh. Ach re uine bha e’n comas Shophocleis, am bard greadhnach agus diadhuidh sin, a bhi ’g innseadh do dhaoine nach robh ni sam bith chion dochais—agus uime sin dh’ fhuiling Socrates am bas le foighidinn, agus bithidh ainm-san buan gu suthainn, do bhrigh ’s gu’n do ghradhaich e ’cho-chreutairean. Gidheadh b’eigin do neach bu mhugha na Socrates am bàs fhaotainn a chum ’s gu’n tugadh e am pobull maille ris. Sin an smuain, mo charaid, tha an comhnuidh ag éirigh ’nam inntinn gach uair a sheallas mi air a’ chrois f’am chomhair a ta a’ samhlachadh na buaidh a th’ aig a’ Chriosdachd thairis air dhoigh-smuaineachaidh na Greige. Cha ’n ’eil ni sam bith ’g am phianadh coltach ris an smuain gu’n deachaidh Socrates a’ chur gu bàs gu h-eucorach agus an aghaidh an lagha a b’ àirde agus gu bheil an cinne’ -daoine air fad a’ tighinn beò air cosd na h-anaman a’s urramaiche. Ach mo thruaighe cha’n e an cinne’ -daoine tha ’labhairt na firinne mar is trice ach urra air choir-eigin fa leth. Thug a linn féin an iteodha do Shocrates; loisg a linn féin Huss; cheus a linn fein Criosd. Bha Socrates an comhnuidh an teagamh; bha e ag aiseid na h-inntine air toir na firinne, agus b’e an fhirinn an aon ni a dh’aidich e nach d’ fhuair e a mach. Air an laimh eile, thubhairt Criosd gu’m b’e fhéin an fhirinn, agus bha ’obair soilleir dha bho thoiseach. Is e naduir gach uile bheo bhi an teagamh uair seach uair. Saoilidh mi, gu bheil a’ bhuaidh sin dual do’n duine. Cha robh i dual do Chriosd.
(Air a leantuinn air taobh 39)
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
[Vol . 8. No. 5. p. 7]
(Air a leantuinn o thaobh 38.)
Air an aobhar sin is faireach leam, gach uair a sheallas mi air a chrois sin, gu’m feum sinn fulang maille ri Criosd, co dhiubh tha creidimh againn no nach ’eil agus gu’n teid ar dioladh airson pheacaidhean mhuinntir eile cho math ri ar peacaidhean féin. Ann san fhulang sin, ma tha sinn dileas do theagasg na croise, tha sinn a’ faotuinn neirt a bheir buaidh air ar laigse; tha sinn a mealtuinn sithe a lionas ar laithean le obair fheumail ’s ar n-oidhch’ean le codal sèimh, ged tha an aimsir a ta ri teachd neo-chinnteach do na h-uile bheò.”
“Seadh, tha sin fior,” arsa mise; ach cha do fhreagair e-san smid. Bha e marbh. Ghlac uamhainn mòr mi. Bha rionnag no dha a’ priobadh os cionn na croise. Bha Dia fos n-ar cionn ’n-ar dithis.
Bha e nis mu mheadhon oidhche ’nuair dh’ fhalbh mi steach do sheomair a chaidh le mòr-choibhnealas a dheanamh deas a’m’ chionn, agus far an robh a’ gealach shamhraidh a’ dealarachadh gu cairdeil air mo leabaidh. Le fuaim na gaoithe a’ coineadh troimh na craobhaidh, agus le na faileasan a bha an teine leusach a’ tilgeadh air na ballachaibh cha bu chodal dhomhsa an oidhche sin ach trom-iomaguin spioraid. Air dhomh bhi ag imeachd sios is suas air feadh mo sheomair, shaoil mi gu’n robh mi ’cluinntinn tormain an t-saoghail iomaguineich ann san do ghluais Brutus còir, agus bha mi ’gluasad air ais ’s air aghairt gun shuaimhneas anns an t-sàmhchair. Ar leam gu’m b’e so an coigeamh oidhche deug de’n Mhàrt. Ah! smuain thruaighe! ’Mhic na mi-shealbhachd! cia sàruichte a tà thu, cia caithte ’s cia muladach do ghnùis-sa ann an sàmhchaireachd an t-soluis fhaoin. A bhruadaraiche ionamholta a bha do chridhe gu tric troimhe-chéile le barailean tha nis gun bhrigh, tha mi a’ mothachadh, ’s mi air na neòil luaineach, gu’n do thachair thu ri laithibh trom air a bheil mise mi féin toillteanach ged is ann ort-sa, a laoigh, a thuit iad. Dh’ fhaodadh do chridhe-sa bhi ’na b’ aotruime mur biodh tu ’sìor-mhonmhur an aghaidh do chrannchur, agus a’ creidsinn gach smuain thiamhaidh a chaidh a shniomh le ruic is le ruaireis do bhrathar. Tha na deamhnan as an t-s’ ochd nam baoth-ruithil a’ cuairteachadh air gach taobh dhiot, O thusa a tha deanamh fochaid air ceol nan àimsir, agus e a’ lachannaich ri gniomharaibh dhaoine. Tha na neòil féin fo bhruaidlein; teudan nan àm-chlàrsach air bristeadh, agus thusa, ’bhroinein Bhrutuis, a’ sealltuin ’s do ghnùis chion fàite, air bilibh mhortairean agus ag òl osnaidhean Phortia; c’uime, ’bhròinein, a ta thu fathast an dochas ’s tu ag agallamh ri t’ anam féin air an reidhlean uaine sin ’s tu air do ghlasadh le ballachaibh arda? Tha thusa, ’ghràidhein an tòir air neo-féinealachd, ni is e eòlas air toil Dhe, tha thusa agus daoine coltach riutsa a’ beachdachadh air an ni bu choir a bhith, agus fad’ na h-uine cha’n ’eil umad ach neoni, ’s ged tha thu ’nad thosd ’s ’nad chuimhne tha d’ fhocail- ’sa cho muchta ri cronanaich aibhne moir’ na Roimhe. Faic! Seall, tha liath-cheò na maidne a’ toiseachadh air dath nan neul, agus tha Portia ag éisdeachd air a corra-biod aig leachd an doruis, a h-aoduinn air sreamadh le cradh, a cridhe ag acainnich fo éirigh is laighe a cléibh cleas stuaigh-mhara a tha a neart air a chaitheamh air cladach. Tha thu a’ dearcadh chum nan neamhan, ach cha’n ’eil an Crann ’s an ear-thuath no an t-Shlat-thomhais ’s an iar-dheas; ach tha na coin a donnalaich; na dilleachdain a sgreadail le éigh’ibh thiamhaidh ghoirte, agus eoin na maidne a gaireachdaich le misg. Cluinnim guth. ‘Co tha sin na laighe fo na craobhaibh dorcha ’s e ’sior-ghul gu goirt? ’S e Cassius a th’ ann, ’s e na laighe ag ol cungaidhean puinnseanta do-àireamh. Bha e air a shior-chlaoidh ach cha rachadh an deo as, oir bha e na shuidhe fo sgàil an iomair-chrann. Mu’n cuairt dha bha triùir thaibhsean—Fuath, Mi-rùn agus Farmad— ’s ar leam gu’n do bhuail iad cach a chéile agus dh’ fhag iad e ’na laighe ’na shuain. Dhubh na Duilean; thraogh an Cuan; shiab a’ Gealach as gu boinnibh dubha. Chaidh an Diabhul a mach air feadh nan sraid. Seall! Seall! tha’n Dealanach ag cluiche gu mear am measg ceo réidh na maidne; ach tha muinntir a’ bhaile-mhoir ’nan suain-chodail. O! ach gu’n aithneadh tu dhomhsa gun tuillidh ’sgriobhadh Slan leat, a charaid dileas. Thoir m’ iomchorc chum cairdean m’oige! Cuiridh mi fios a rithist bho h-Ierusalem.
(A’ chrioch.)
Chaochail an t-Urr Padruig M. Moirstan, Halifacs, ann an Chatham, N. B., la na Sabaid, Iulaidh a 30. Bha e 59 bliadhna dh’ aois. Bha e o chionn iomadh bliadhna na fhear-gnothuich aig an eaglais chleireach an roinnean an ear Chanada.
Sgriobh t-ainm fein le cairdeas gradh agus trocair air cridheachaibh na muinntir sin a thachaireas ort bliadhn’ an deigh bliadhna ’n ad thurasaibh ann am fasach an t-saoghail, agus cha diochuimhnichear thu gu brath.
Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eiridh leo; ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig aire agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair.
Cha ’n eil coir aig duine sam bith a dheanamh far a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an ni sin a ta ceart a dheanamh.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am Feillire.
OGUST, 1899.
1 Di-mairt An Lunasdail.
2 Di-ciaduin
3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640.
4 Di-haoine
5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis.
7 Di-luain
8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631.
10 Dior-daoin An fheill Labhrainn.
11 Di-haoine La Dailrigh, 1306.
12 Di-satharna
13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis.
14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645.
17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766.
18 Di-haoine La Phreston, 1649.
19 Di-satharna
20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis.
21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689.
22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138.
23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305.
24 Dior-daoin
25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829
27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis.
28 Di-luain
29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722.
30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807.
31 Dior-daoin
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M.
A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M.
An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M.
An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
A ghille b’e mo roghainn thu,
’S cinnteach mi gur laghach thu,
’S inntinneach a thaghainn thu,
Na ’n draghainn-se o ’n stop thu.
Cha duraig mi mo lamh thoirt duit,
Bi’dh diumbadh aig mo chairdean rium,
Cha chum thu mi ach tamailteach,
’S tu paigheadh mal an osdair.
Air cho moch ’s ga ’n eirich thu,
Cha choisinn thu na dh’fheumas tu,
Ma bhios do dheoch na h-eiginn duinn,
Cha chum a’ Chleir air doigh sinn.
Nach bochd e bhi ri radh, gur
I do dheoch a liath do mhathair,
Leis cho iomadh oidhch’ gun tamh,
A dh’fhag thu ise ’dh’araich og thu.
Cha’n fhaict’ aig feill ri d’ ghuallainn mi,
’S mi tric gun bhreid gun ghuailleachan,
Bhiodh crith air bheil le fuachd orm,
’S mo ghual aig bean an osdair.
Bhiodh eucailean ’s a chom agam,
Bhiodh aodach leapa gann agam,
Am biadh bhiodh tric air chall orm,
’S mi fhein ’s mo chlann gun bhrogan.
’S iomadh uair a gheall thu dhomh,
Gu’n seachnadh tu na chompanaich,
Bu tric a thug gu anntlachd thu,
’S a dh’fhag cho gann do storas.
Ge mor a rinn thu chaoimhneas rium,
Cha duraig mi bhi snaimte riut,
Mur d’thoir thu gealladh cinnteach dhomh
Deoch-phoit a chaoidh nach ol thu.
’Se aobhar broin is cianalais,
Do oigfhear tha cho gniomhach riut,
E dhol le ol is diabholtachd,
Gu siorruidheachd gun dochas.
Turus Neill do Mhiughlaidh.
Ghabh Niall an deoch gu doirbh agus dh’ fhalbh e, air feadh na h-oidhche le bata nach buinneadh dha fhein. Dh’eirich an fhairge ’s sheid a ghaoth ’s cha b’urrainn e an t-eathar a laimhseachadh. Chaidh an t-eathar a bhristeadh, agus Niall a thilgeadh air sgeir, air nach d’ fhuareas cunntais gu’n do sheas duine riabh. Chaidh a thoirt as a sgeir an ath latha le bat’ iasgaich.
Air tigh’n thar Galltachd do Niall san am sin
Bhios daoine trang ’s iad a buain an eorna,
Sa bhean sa chlann aig air thuar bhi caillte
Gun bhiadh, gun annlann, gun deoch, gun mhoine.
Och, och, mar tha mi ’s mi nam onar,
Dol tromh na caoil far a robh mi eolach
’S moch a dh’fhalbh mi, gun bhiadh, gun urnuigh,
’Se thug mo thur asam sugh an eorna.
A null ma Shanndraidh ’sa ghaoth cho gann domh,
Ghrad leum an crann mach a broinn na gaoladh,
’S mar b’e Sgeir Lithnis bha mise millte,
’S ged fhuair mi innte bha m’ -inntinn bronach.
An uair a dhir mi os cionn na stuadhach,
Sann theap mo chluasan bhi air am bodhradh;
Na sgairbh ’g eigheach gur ann a dh’ eug mi
’S nach b’ fhad’ gu feumainn bhi air mo rosladh.
Nam faighinn innse dha’n t-sagart ghaolach,
Gur e an daorach thug orm seoladh,
Bhiodh m’ inntinn aotrom ’us m’ anam saor,
’Us, a chaoidh cha taobhainn na taighean osda.
Bha Eoghan Stiubhard fodh mhoran curam
’S e-fhein an duil gur e bh’annam bocan,
Bha mise tursach ’s mi air mo ghluinean,
A gabhail m-urnuigh, ’sann domh bu choir sin.
Bha Iain ruadh ’se fodh urad gruamainn,
Gu’n sheas a ghruag air a cheann mar chonusg;
’Us Mac-an-t- Saoir ’s e gun stad a glaodhaich,
“An duine saoghalt’ thu, na ne ron thu.”
Bha Iain Caimbeul na dhuine dana,
Cha robh e sgathail, bu bheag a choir air
Sann thuirt e, “Stiuraibh i null ’ga ionnsuidh,
Se h-ann ball-buirt a rinn Mac-an-Toisich.”
Bha Domhull Eoghain na dhuine turail,
’Se math gu stiureadh ged bha e leointa;
Bha e durdail ’sa loin ga chiurradh,
Ach dearbh co-dhiu, ’s math a rinn e an t-oran.
An uair a thug iad mi null do Shanndraidh
Bha mise fann ’s gu’m bu ghann bu bheo mi;
Na daoine ciatach a thug am biadh dhomh
’Nar fhaiceadh Dia iad am pian nan doruinn.
Tha na Caimbeulaich orm an diumbadh,
’S cha’n eil sud leamsa na ghnothach neonach,
Bha moran fheuchan ac’ innt’ le cheile,
’S ma ’m paigh mi an eiric gu de ni m’eorna?
Thuirt Mac Iain Mhicheil rium gu siobhalt’
(Bha feum cho dileas ’sa bha e dhomhsa)
“Gheibh sinn bata ni feum na h-aite,
Sa chaoidh cha phaigh thu bonn fardinn domhsa.”
’Nuair thig an Samhradh theid mi gu Galltachd,
’U bheir mi challtachd a ceann a ropa;
Ge b’ann sa Ghearmailt gheibh mi airgead
Ma leig mi am meanbh-chrodh air falbh le Domhull. N. M. P.
Oran an Iasgair.
An cluinn thu mi mo chailin donn
Eisd us thoir an aire dhomh
Tha moran dheth na bharail sin
Gur og an leannan domhs thu.
’S gil’ thu na na faoileagan
’S binn thu na na clarsaichean
Mar lilidh ann ’sa gharadh thu
’S gur ailleagan gill’ og thu.
’S an uair char sinn a dh’iasgach
Cho fad ’s an t-eilean Sgitheanach
’S truagh nach robh na lin againn
Gu’n sgriobadh sinn na h-oban.
Tighinn a stigh a Scaniport
Gu’n d’ fhalbh na siuil a b’airde dhinn
’S cha robh air bord ach taillearan
Gu’n tairneadh ead na ropan.
C’ar son a bhiodh sinn cianail
Us sgadan anns na linn againn,
An sgiob ’s am bat gu sabhailte
Siud! chailinn, lion an stop dhuinn.
Cha phoitear mi ’s cha dhrungar mi
Ach ga’aidh mi dram an companas
Cha toil leam fhin na spongairean
Nach toireadh bonn a’m pocaid.
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichcan fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 5 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 5. %p |
parent text | Volume 8 |