[Vol . 8. No. 6. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 18, 1899. No. 6.
LITIR A EILEAN A PHRIONNSA.
FHIR MO CHRIDHE, —Tha mi air tilleadh dhachaidh o ’n turus thaitneach a thug mi do Cheap Breatuinn am bliadhna. Bha gach turus a thug mise riabh do’n eilean aluinn ud taitneach leam. Cha’n eil sin iongadach; ’s og a ghabh mi tlachd dheth. Cha robh cron air an turus so ach a ghiorrad. Cha’n eil uair a thig mi fradharc nan ard bheann uaine aige nach saoil mi gu bheil e ’g ath-nuadhachadh m’ oige. Na freagradh e dhomh cha bhiodh bliadhna fhad ’s bu bheo mi nach cuirinn greis de ’n uine seachad ann. Chunnaic mi iomadh atharrachadh taitneach ann an cuid de na h-aitean anns an do thaghail mi. Tha Ceap Breatuinn a fas air doigh no dha. Cha ’n iongatach sin; tha e na shuidhe, cha mhor, o thaobh gu taobh air leabaidh guail. Tha beanntaibh da chlaich iaruinn ann, tha or ann, tha copar agus clachan luachmhor eile ann. Tha earannan mora dheth maith mar fhearan aitich agus tha iasgach de gach seorsa ris na cladaichean aige. Tha daoine gasda gabhail comhnuidh ann. Tha iad siochail, siobhalta na measg fhein, agus fialaidh, caoimhneil ri coigreach. Cha’n ann a brosgal a tha mi, cha’n ann air son luchd-aitiche an Eilean sin a tha mi sgriobadh so, ach air son do luchd-leughaidh anns gach cearna de ’n t-saoghal a dh’ ionnsuidh am bheil MAC-TALLA dol, agus co a cheairn anns nach eil Gaidheil air choireiginn a leughadh do phaipeir gasda Gaidhlig.
Tha Sidni, am baile agaibh fhein, suas a bhruthach. Tha ’n obair iaruinn a dol air aghaidh cinnteach gu leor. Tha e air a mheas gu’n cuir sin an uine nach bi fada, coig mile deug ri aireamh sluaigh a bhaile. Bidh sin na bhuannachd nach beag do ’n duthaich air fad. Bidh margadh math ann do gach ni is urrainn an tuathanach a sheachnadh: feoil, flur, buntata, baine, im, caise agus iomadh ni eile. Ged tha sinne an Eilean a Phrionnsa astar beag uaibh, feudaidh a bhith gu ’m bi an soirbheachadh mor a tha gu bhi agaibhsa na chuideachadh beag dhuinne. Bheir sin dhuibh taghadh us roghadh buntata us rudan eile, ma bheir sibh dhuinn pris choltach orra, ’s mar toir cha deid cnap dhiu nur beul? ach cha chan mi ’n corr mu sud.
Thachair do Chleir Shidni a bhi cruinn an la bha mi anns a’ bhaile, ’s caite an cuirinn seachad an latha ach a measg nam braithrean, no shean-luchd-eolais. Bha e na ni gle thaitneach dhomhsa coinneachadh riutha. Tha mar an ceudna aireamh de mhinistearan oga gealltanach air an suidheachadh an Ceap Breatuinn, cuid diu air na chuir mi eolas air son a cheud uair aig an am so. Tha daoine og ag eiridh suas a lionadh aite nam braithrean a chriochnaich an obair agus a tha nis a mealtuinn an duais. Is maith gu bheil sin mar sin.
Bha mi an Canada Ard (Ontario) aig Ard Sheanadh na h-Eaglais Chleirich air an t-samhradh so. Choinnich mi an sin ri aireamh nach bu bheag de Ghaidheil. Chaidh mi mach air an duthaich beagan uine far a faca mi tir mhaiseach agus tuathanaich a tha maith air an doigh. Cha mhor gu’n no thachair mi ri duine ann ach muinntir Earraghael, daoine gasda air nach robh e duilich eolas a chur. Thachair mi ri fear na dha ann a tha leughadh a MHAC-TALLA.
Tha MAC-TALLA nis aig toiseach an ochdaimh bliadhna. ’S mor an t-aghartas a thainig air ann a seachd bliadhna. Tha am paipeir ’s an clo-bhualadh a nise cho maith ’sa dh’ iarradh mac mathar. Bu choir do na Gaidheil moit a bhi orra air son cho maiseach mor ’s a tha am paipeir naigheachd aca fas. Deanadh gach duine a dhleasanas da thaobh agus brosnaicheadh e muinntir eile air son a ni ceudna dheanamh. Is mise
’Ur caraid,
C. C.
LITIR A DETROIT.
FHIR-DEASACHAIDH, —Tha mi a’ cur d’ur n-ionnsuidh ’san litir so seorsa de dh’eadar-theangachadh a rinn mi fhein air na marbh-rainn thaitneach BheurlaBurial of Sir John Moore. ’S i mo bharail nach eil dad de’n t-seorsa ’sa Bheurla a’s taitneich na na rannan so, ged a’s iomadh rud briagha a tha innte. ’Se bha nam inntinn an toiseach iarraidh oirbh eadar-theangachadh dheth a chur ’sa MHAC-TALLA; agus thoisich mi ri feuchainn an gabhadh cur ann an Gaidhlig air, agus chi sibh mar a chaidh leam. Is mi a bhiodh toilichte na’n cuireadh “Gleann a’ Bhaird” ann an Gailig ghasd e, mar a’s maith thig dha! Tha mi fuasach buidheach air airson na sgriobh e mu dheighinn bardachd agus mu eadar-theangachadh, gu Iain Beag. B’ fheairde feadhainn a thuilleadh air Iain Beag na sgriobh e; agus bhithinn fhein fada na chomain na sgriobhadh e tuilleadh mu’n chuis cheudna. ’S e fior bhard a tha ann dheth, agus is grinn blasda sgriobhas e Gailig. Cha ’n urrain a leithidsa tuilleadh sa choir a chur ’sa MHAC-TALLA. Ach nach iongantach a ni so, nach ’eil boirionnach idir a sgriobhadh dad sam bith ’sa phaipeir a tha iad gun teagamh a leughadh. Tha mi cinnteach gur h-iomadh te a b’ urrainn litir laghach a sgriobhadh gu MAC-TALLA. Tha na boirionnaich Ghallda cho deas air sgriobhadh ris na fir, is tha iad nan dotairean, na ministearan ’s na luchd lagha. ’S e cho moghal ’sa tha na bana Ghaidheil a tha toirt orra gun a bhi a sgriobhadh.
Bha na mnathan Gaidhealach riamh a toirt moran speis agus urram do na daoine; ’s ann uaithe sin a thainig a’ sean-fhacal a tha ag radh gur fiach duine fodair bean oir. Neach sam bith a leughas, “Ceannsachadh na mnatha crosta,” a sgriobh Shakespeare, gheibh e ann am briathran na mnatha crosta fhein, an deigh dh’i bhi air a ceannsachadh, barail nam mnathan Gaidhealach mu dheighinn na fir agus mar bu choir gabhal riutha ’nuair a thig iad dachaidh bho chogadh, na bho chosnadh, na bho chunairtean us ghabhaidhean nan tonnan beucach. Cha’n ’eil mi dol a mholadh nam bana-Ghaidheil an drasda, cha ’n eil feum aca air. “Co a dh’ oras an t-or fior-ghlan, no a chuireas dath ur air a lilidh no faileadh na’s cubhraidh air an fhail-chuaich?”
Dh’ fhoighnich Iancach, no Geancach dhiom bho chionn ghoirid “Ciod e a rud fo leth air son am ’eil Albainn ainmeil?” agus fhreagair mi gu robh i ainmeil, cluiteach, chionn gur h-ann innte tha Albannaich air an arach. Nach dubhairt mi an fhirinn?
Slan leibh an drasda.
Bho ’ur caraid,
DONULL MAC LEOID.
LITIR A ONTARIO.
FHIR-DEASACHAIDH,— ’S fhada nach do sgriobh mi ni sam bith ann an Gailig, agus tha eagal orm nach bi an litir so ach gle mhi-ordail air an àm so. Cha ’n ’eil fhios agam gu ro mhaith c’ait an toisich mi, agus faodaidh e bhith gu ’m bi mi a cur na cairte romh ’n each, an ait’ a bhi cur an eich romh ’n chairt. Ach ’s coma co dhiubh ma theid aig an each air an eallach a ghiulan, co aca bhios i roimhe no as a dheigh no air a dhruim. Ma sgriobhas mise air doigh air choireigin sios na tha agam ri radh, biodh an luchd-leughaidh ga chur an ordugh mar a’s fhearr is urrainn iad.
Tha roinn mhor do ’n t-samhradh air a dhol seachad. Bha an t-side gu math fliuch againn an so re Iun, agus o’n a thainig Iulaidh a steach. Tha sinn an so a teannadh ri bhi buain an fheoir, agus cha ’n ’eil an aimsir fuasach freagarrach air a shon. Cha ’n ’eil am feur cho math ’sa bha e an uiridh; bhasaich moran de ’n chlover leis na reothaidhean ’san earrach. Tha am barr eile gle mhath, ach an crithneachd fogharaidh; cha ’n ’eil ann ach leth barra. Tha flur gle shaor: cha ’n ’eil e ach $3 .20 am barailte, am flur a’s fhearr.
Bha moran tinneis againn an so ré an t-samhraidh; agus bhasaich moran de na seann daoine coire a thainig do ’n aite so an uair a bha e ’na choille fhiadhaich. Ach tha iad a nise air falbh agus cha’n eil orra ach gu robh iad ann. Tha moran a deanamh beartais ’s ga fhagail aig muinntir eile ’nuair bha iad fhein ’gan aicheadh fein air iomadh ni bhiodh maith dhaibh chum feum a dheanamh dhaibh. Agus an uair a theid sinn do’n chladh, cha’n aithnichear an uaigh aca ni’s mo na uaigh an duine bhochd a bha aig a bhalla ri umhlachd; cha’n eil chlach nomonumentaig an ceann chum a bhi ’g innse co iad.
Phos barrachd air an t-samhraidh ’sa phos fo chionn fhada anns an aite so. Co dhiu, tha sin na chomharradh maith air an aite. Ach tha moran de bhaitsealaran ann fhathast nach eil a faicinn an cron a tha iad a deanamh dhoibh fein le bhi a caitheamh am beatha mar nach biodh boirionnach an astar coig ceud mile dhoibh; iad a deanamh an cuid arain fein an uair a bu choir dhoibh a bhi nan cadal, ’sa deanamh an dinnear an uair bu choir dhoibh a bhi leigeil an analach. Agus ’se am baitsealar am fear as docha a radh, “Och nach duine truagh mi! co an te ghabhas truas dhiom, is mi gam sharachadh.” Ach cha truagh leam cu is mairg ’ma amhaich. Cha truagh leam iad is gu leor mhnathan ’san duthaich a feumach air aite doibh fein.
Tha na sgoiltean nan tamh an so
[Vol . 8. No. 6. p. 2]
air an am so, agus ’s mor an uine tha aig na maighstirean sgoil dhoibh fein; tha faisg air da mhios aca air an am agus tha am paidheadh a dol air aghaidh cho math ’s ged a bhiodh iad a’ teagasg. Feumaidh mi sgur aig an am so, oir tha mo litir fada gu leor. Slan leibh.
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , July 21, ’99.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXIV.
NITHEAN A CHUNNAIC SINN.
Cha do thachair sealg sam bith ris na fir a dh’fhalbh gu math moch ’s a’ mhadainn feuch ciod a thachradh riutha. Ach cha robh eis sam bith oirnn, o’n a bha measan pailt gu leor ri fhaotainn air cuid dhe na craobhan a bha fàs air bruaich na h-aimhne. Ach ged nach d’ rinn iad sealg, rinn iad feum math eile; oir, bhar mullach cnoic aird, fhuair iad sealladh math air an duthaich. Chunnaic iad treud mhor dhe’n chrodh fhiadhaich faisge air bruaich na h-aimhne astar math an taobh shuas dhiubh.
Chuir sinn romhainn gu ’n gabhamaid suas ri taobh na h-aimhne feuch am faigheamaid ann an àite urchrach do’n chrodh fhiadhaich. Bha na bh’ againn de bhiadh air a dhol an deireadh a ruith buileach glan; agus ged a bha measan gle mhath nan àite fhein, cha deanadh iad feum an àite feola do dhaoine a bha air an sarachadh le moran uidil is annraidh, agus a bhh cleachdte ri feoil ’s ri iomadh biadh sòghail eile.
Ghabh sinn air ar n-aghart cho cabhagach ’s a b’urrainn duinn; ach cha robh e furasda cabhag a dheanamh. Air bruaich na h-aimhne, bha na craobhan dlùth air a chéile, agus bha am feur a bha ’fàs eatorra cho tiugh ’s cho ard ’s gur gann a gheibheamaid coiseachd troimhe. Cha’n fhaodamaid a dhol troimh chomhnard air eagal gu’m faiceadh an crodh fiadhaich sinn.
An uair a bha sinn mu thri cheud slat o’n fheadhainn a b’fhaisge dhuinn dhe’n chrodh, chunnaic sinn sealladh nach teid as m’ aire ri mo bheò. Leum nathair anns an robh dusan no còig troidhean deug a dh’ fhad, am mach o chraoibh, agus ann am priobadh na sul chuir i tri charan dhi fhein mu aon de’n chrodh. Leig am beathach bochd aon ròmhan cianial as an uair a theannaich i i-fhein mu’n chom aige. Chuala sinn gu soilleir am fuaim a bh’aig na cnamhan aige, an uair a bha i ’ga shior theannachadh. A réir mo bharail nach robh i còig mionaidean a’ pronnadh a h-uile cnàimh a bha ’n com a bheathaich bhochd. An uair a bha i cinnteach gu’n robh a h-uile cnaimh a bh’ ann pronn gu leor, thòisich i air a shluigeadh gun bhuille chagnaidh. Bha sinn an dùil nach rachadh aice air a shluigeadh slàn gu bràth leis an ùine thug i air. Ach ged a bha i ùine mhath ’ga shluigeadh chaidh aice air mu dheireadh. Bha sinn iomadh uair an dùil gu’n robh i air a tachdadh; ach cha robh. Bheireadh i greis mhath an drasta ’s a rithist air a shluigeadh, agus an sin stadadh i. Tha na cidhlean, cnamhan na h-ugann, agus an amhach aice air an deanamh leis a’ Chruithfhear air a leithid de dhoigh ’s gu’n teid aice air beathach sam bith a shluigeadh. Ar leinn gu’n do shluig i na h-adhaircean cho math ris a chorr; ach chunnaic sinn ’na dheigh sid nach do shluig. Phronn i ceann a’ bheathaich cho math ’s a phronn i an corr; agus o’n a b’ ann an comhair a chas a shluig i e, dh’ fhàg i uaipe na h-adhaircean.
Cha bu luaithe a shluig i e na shìn i i-fhein far an robh i. Is docha nach cairicheadh i as a bhad an robh i fad choig latha deug, no fichead latha, mur cuirteadh dragh sam bith oirre. An uair a bhios na nathraichean ud ’nan suain chadail an deigh dhaibh an sath itheadh, cha dùisg iad, na’s lugha na chuirear dragh orra, gus an dùisg an t-acras iad. Agus an uair sin, bidh iad cho ginich ’s a bha iad riamh.
Ged nach robh fhios agamsa gur ann mar so bha, bha fhios aig Tomas gle mhath air. Agus thuirt e ruin gu’m bu cho math dhuinn stad far an robh sinn gus am biodh an nathair ’na suain chadail. Dh’ innis e dhuinn gu’m faodamaid a dhol cho dluth dhi ’sa thogramaid; ach gu’m feumamaid an aire mhath a thabhairt nach dùisgeamaid i.
Cha robh sinn toileach a dhol far an robh i idir; oir bha sinn an duil gu ’n lotadh i sinn, agus gu’n grad fhaigheamaid bàs leis a’ phuinnsean. Ach an uair a dh’ innis e dhuinn nach robh puinnsean idir innte, cha robh eagal sam bith oirnn a dhol far an robh i.
An uair a ràinig sinn far an robh i, bha i ’na cuaich gu briagha; ach a dh’ aindeoin cho fàilidh ’s gu’n robh sinn dh’ fhairich i sinn, agus thog i a ceann os cionn an fheòir agus dh’ amharc i oirnn. Nan robh an t-acras oirre bha i air greim a dheanamh air fear dhinn ann an tiotadh. Thog Tomas an gunna, agus chuir e an urchair anns a cheann aice. An uair a chuir i beagan charan dhith, thuit i marbh far an robh i.
Is ann oirre a bha an aon bhian cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. Bha i comhdaichte le lannan beaga dhe gach dath. Bha ’m bian aice gle luachmhor, oir ann an iomadh aite dhe ’n rioghachd ud tha béin nan nathraichean ud air an deasachadh gu uachdair is deiridh bhròg a dheanamh dhiubh. Chaidh na seirbhisich ’na dàil, agus dh’ fheann iad i. Air eagal gu’n tachradh te eile dhe na nathraichean ruinn air an fheasgar ud, cha deachaidh sinn astar mor sam bith air ar n-aghart.
Cha robh sinn feasgar o’n a dh’ fhalbh sinn o’n taigh cho beag sunnd agus cridhealais ’s a bha sinn am feasgar ud. Ged nach robh cùisean a’ dol gu buileach’nar n-aghaidh, bha sinn a’ gabhail fadachd gu leòr nach robh sinn a’ ruighinn ar ceann-uidhe. Bha Tomas a’ feuchainn ri ar misneach a chumail suas cho math ’s a’ b’ urrainn e; ach cha robh sin furasda dha. Thug e greis mhath air ar comhairleachadh gus ar misneach a chumail suas. Dh’ innis e dhuinn nach robh a h-aon dhe na nathraichean ud ri ’m faicinn ach faisge air aimhnichean; oir b’ ann air na beathaichean a bhiodh a’ dol a’ dh’ òl an uisge do na h-aimhnichean a bha na nathraichean a’ tighinn beò. Agus thuirt e ruinn nach cuireadh iad dragh sam bith oirnn aon uair gu’m fàgadhmaid an t-àite anns an robh sinn.
Chaidh sinn air feadh na coille feuch am faigheamaid measan. Faodar a radh gur anns an rioghachd ud a tha na cnothan cho iongantach ’s a th’ air an t-saoghal. Tha dà sheorsa ann a tha cheart cho mor ri ceann duine. Agus dh’fheumadh duine ord-mor mar a th’ aig a’ ghobha mu ’m b’ urrainn e am bristeadh le aon bhuille. Ann am broinn nan cnothan so, tha na h-uiread de chnothan beag eile a tha fada caol, air dhòigh ’s gu’m bheil iad ’ga lionadh cho làn ’s a ghabhas i. Is ann am broinn nan cothan beaga so a tha ’m biadh.
Mar is trice, tha na craobhan air am bheil na cnothan mòra so a’ fàs, dluth air sia fichead troidh a dh’àirde. Agus anns an am sam bi na cnothan abaich, cha’n ’eil e sabhailte do dhaoine a bhith coiseachd am measg na craobh. Nam buaileadh te dhe na cnothan ud air duine anns a’ cheann, chuireadh i an t-eanachain as.
Tha cnothan eile anns an aite ud ris an canar gu cumanta “cnothan poite,” a chionn gu’m bheil iad anabarrach coltach ri poit mheirgeach, agus mar an ceudna, a chionn gu’m bheil am mullach a’ tuiteam dhiubh mar gu ’n tuiteadh am bord as a’ phoit an uair a chuirteadh a beul foidhpe. Tha na cnothan so lan de chnothan beag’ eile, mar a bha na cnothan a dh’ ainmicheadh mar tha. Agus, an uair a tha iad abaich, an aite tuiteam mar a ni na cnothan eile, is ann a tha na cinn a’ tighinn asda, agus tha na cnothan beaga ’tha ’nam broinn a’ tuiteam air an lar. Tha biadh briagha geal ’nam broinn, agus an uair a tha e ùr, tha e araon blasda ri ’itheadh, agus ’na bhiadh cho fallain agus cho neartar ’s a b’ urrainn duine ghabhail. O nach robh na b’ fhearr de bhiadh againn anns an am, bha sinn riaraichte gu leir leis na cnothan. Chruinnich sinn cuid mhath dheth gach seòrsa meas a thachair ruinn gus a thoirt leinn air eagal nach tachradh measan ruinn air a’ chomhnard mhor, fharsuinn, troimh an robh againn ri dhol.
Agus mur b’e gu’n robh ultach cloiche againn a thug sinn a bruaich na h-aimhne, cha bhiodh e furasda dhuinn na cnothan a bhristeadh.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN URA.
LE DONULL MAC LEOID.
Chuala h-uile Gaidheal mu dheighinn an soitheach smuide briagha anClansman, a tha a seoladh no a’ smudadh eadar Glaschu agus gach port us eilean ’us bagh us camus a tha air taobh an iar na Gaeltachd, gu ruig am Badcall. Bha mi aon uair a gabhail turus oirre; agus bha Iudhach air bord a bha creic uairadairean oir ’us airgid. Bha e a’ deanamh moran de fhearas chuideachd agus bha facal de Ghailig aige ’s bhiodh e ’gan cantuin an drasda ’sa rithist. Bha gille mor shia troidhean a aonan de na h-eileanan air bord a bha ’dol do’n Ghalldachd a shireadh cosnaidh. Thoisich e air Maois, ag radh nach b’ urrainn e smugaid a chur a ’bheul. Is minic a chuala mi fein nuair bha mi nam stob de bhalach nach b’ urrainn Iudhach sam bith sin a dheanamh, bho nuair a thilg feadhainn dhiubh smugaid air an t-Slanuidhear. Cha’n ’eil ach teirc de Ghaidheil a thainig gu aois na tuigse a creidsinn sin; ach tha a bharail so a measg na cloinne, air a sineadh a nuas bho linn gu linn. Coma co dhiubh, bha’n Gaidheil gle sgaiteach agus a tairgse geall leth-chrun a chur air a chuis. Thuirt Maois ris gun e a bhith a’ deanamh amadan dheth fhein. Bha’n Gaidheal ’ga leantuin ’sa leth-chrun na dhorn. Mu dheireadh thuirt Maois gun gabhadh e’n geall. Chur na fir an t-airgead ann an laimh fear eile. Bha an Gaidheil fuasach subhach, bha a mhisneachd a reir a bharail. Chunnaic mi lasair a tighinn ann a suilean Maois cosmhuil ri faileas na lasair sin a chunnaic fear araidh de a shinnsir. Thilg e, an cead do ’n chuideachd, smugaid mhor, fhuaimneach air an eileanach eadar an da shùil. Bha ’n Gaidheal balbh leis an iongantas. Thuirt Maois ris, “Cum do leth-chrun air neo thoir do neach bochd sam bith e; cha’n eil mi ’g iarraidh ach beagan de’n aineolas a chur asad.” Bha gach neach a chunnaic a’ rud a bh’ ann gle thoilichte mar a thachair, ged bu Ghaidheil iad uile.
Bha duine eibhinn eile air bord; ’se Seumas Miath a theirear ris air son cho deighal ’sa tha e air biadh math. Cha’n ’eil ceum de’n Ghaeltachd nach ’eil e a’ siubhal a dol gus an t-Sacramaid. Innsidh e do gach neach ris am bith e a’ bruidhinn, gur h-i an “deise dhubh” aige a tha ’sa bhocsa a bhios air a ghairdan. Tha greag ’sa cheann aige. Tha am borabar anns na Sgeul. Arab. ’ga thoirt nam chuimhne. Cha ghabh cur air falbh air, an uair a runaicheas e stad an tigh sam bith.
[Vol . 8. No. 6. p. 3]
Cha toigh leis na Gaidheil neach sam bith a chur air falbh bho’n dorus aca; agus neach sam bith a tha ’g aideachadh, no a “suidhe aig na Buird,” cha toigh leotha cur ’na aghaidh dh’ aindeoin cho beag meas ’sa bhios ac’ air mar dhuine. Bha Seumas ag ol ti air feasgar fuar fliuch an taigh Iain Shaighdeir. Thainig Iain coir fhein a stigh fuar, fliuch ’us sgith de ’n mhur. “Suidhibh a stigh ris a bhord ’us gabhaibh cupa ti,” arsa bean an tighe. “Cha dean an duine suidhe stigh,” arsa Seumas, “ ’s aithne d’an duine na’s fhearr na sin; ni e fuireach gus an dean sibh lan na poite dha fhein: cha uilear dhomh fhein na tha ’n so.”
Bha Seumas uair an tigh eile aig am bidhe; bha aran corc ’us iasg air a bhord. Cha’n iarr Seumas air neach sam bith an t-altachduin a radh; tha e an duil gur h-e e-fhein a’s fhearr laimh air. Bha e a’ talach air a bhiadh, dhun e a’ shuilean us chrath e a cheann ’us thoisich e mar so: “O! bheathaich Thu do phobull roimhe air aran agus iasg, agus gu dearbha bu thioram am biadh e.”
B’ aithne dhomh uaireigin duine coir aig nach robh facal foghlum; ’si a bhean aige a bhiodh a’ “gabhail na Leabhraichean” gach moch ’us ainmoch, ach dheanamh e-fhein an urnuigh. Cha robh moran de thonaisg aig a bhean ged dheanamh i plubadaich de leughadh anns a Bhiobull. Bha i air maduinn araidh a leughadh mu Eoin an uair a bha e ’san fhasach a tigh’n beo airlocustsagus mil fhiadhaich. ’Sann mar so a leugh i e: “Agus bu bhiadh dhalocustsagus muill fhitheich. ’Se sin, a chlann, fitheich oga,” ars’ ise, ’s i ’ga mhinachadh dhaibh. “Bu chearta cho math leam thu bhi mionnan,” arsa fear an taighe.
Bhiodh Iain a’ Chladaich a mach moch a h-uile maduinn a’ feuchainn de a churadh a mur air tir dha; agus dheanadh a chridhe gairdeachas ’nuair a thigeadh a stoirm, bhol mar biodh stoirm ann cha bhiodh long-bhristeadh ann, agus cha tigeadh dad air an tiura, ach beagan feamainn. Latha deth na laithean, chur dithis ghillean oga rompa an car a thoirt a Iain. Dh’ fhalbh iad gus a’ chladach gle mhoch. Bha baire de fheamainn dearg air an tiura. Rinn iad iad-fhein fhalach anns an fheamainn agus ceann an dara fir a’ fianuis air aon taobh de’n dun ’us casan an fhir eile am fianuis air an taobh eile dheth, air chor ’s gu robh an dithis cosmhuil ri aon duine mu ochd troidhean a dh’ airde ’us botan mara air. Thainig Iain ’s e bruidhinn ris fhein; chunnaic e an duine fada, rinn e greinn air te de na botan ’us thubhairt e: “O! ghradhaich ’s mor thu, O! ghradhaich ’s fhad thu. Gheibh t-anam trocair ach bios do dha bhot agamsa.”
Fhuair fear de na h-aighean aig Coinneach a mach a buaile na seasgaich. Bha Coinneach fhein a’ feuchainn ri a chur a stigh a rithist, ach bha an t-agh gle fhiadhaich. Cha robh sin na iongantas, ’nuair a bha duine mor mar bha Coinneach a’s a dheigh ’us maide cosmhuil ri long-suist aige na dhorn. Cha’n e gu robh e airson a maide gun chron a bh’ ann dheth, ach ’se nadur an duine greim a dheanamh air maide no air clach an uair a chi e beathach sam bith ged nach biodh ann ach luch. Nach i sin an oighreachd a fhuair sinn o Adhamh, tighearnas a bhith againn air gach ni a tha beo air thalamh? Dh’ eubh, Coinneach a mach, “Gu’n gabh a Riabhach thu!” Cha’n ’eil fios agam an e mionnun a th’ ann a sin no nach e, cha mho tha fios agam de tha a Riabhach a ciallachadh. Cha ’n eil ach gle bheag de mhionnan ’sa chanan againne, agus, an fheadhainn a bhios a’ gnathachadh briathran garasinach de’n t-seorsa sin, ’s e mionnun Gallda bhios aca. Thainig bean Choinnich a mach ’ga chobhar, ’us thoisich i air toirt chadhaichean de’n agh. Stad Coinneach ’us thuirt e rithe, “Cha’n iongantas an t-agh a bhith fiadhaich ’s tu tigh’n a mach le aparan geal ort a cur eagail air.” Churadh e-fhein eagal air leomhan.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. VII.
An uair a chaidh an righ do ’n chaisteal far an robh a mhac, ghabh a mhac ris leis an urram ’s an umhlachd a bha dligheach dha. Shuidh an righ; agus an uair a thug e air a mhac suidhe ri ’thaobh, chuir e caochladh cheisdean air, agus fhreagair e gu turail iad. Sheall an righ uair is uair air an ard-chomhairleach, mar gu’m biodh e ag radh ris, nach robh coltas sam bith gu’n deachaidh a mhac as a rian, ach gu’n robh a’ chuis coltach gu’n deachaidh an t-ard-chomhairleach e fein as a rian.
Mu dheireadh labhair an righ ri ’mhacmudheidhinn na mna-uaisle, agus thuirt e, “A mhic, dh’ innseadh dhomh gu’n robh bean-uasal ’na laidhe air uachdar an aodaich ri do thaobh ’s an leabaidh an oidhche roimhe. B’ fhearr leam gu’n innseadh tu dhomh co i.”
“B’ fhearr leam nach biodh sibh a’ cur m’ inntinn troimh a cheile na ’s mo na tha i leis na gnothaichean sin. B’ fhearr leam gu mor gu’n tugadh sibh cead dhomh a’ bhean-uasal ud a phosadh. Ged a bha mi gle fhad’ an aghaidh te sam bith a phosadh, ghabh mi a leithid de thlachd de ’n mhnaoi-uasail ud ’s nach bi dad de thoileachadh agam gu brath anns an t-saoghal so mur faigh sibh dhomh i ri ’posadh. Bhithinn fada ’nur comain nam faigheadh sibh dhomh i gun dail sam bith,” arsa mac an righ ri ’athair.
An uair a chuala an righ na briathran so, ghabh e ioghnadh anabarrach mor. Thuig e gu soilleir gu’n robh a mhac fad’ o bhith cho suidhichte ’na inntinn ’s bu choir dha ’bhith.
“A mhic,” ars, esan, “tha do bhriathran a’ cur moran ioghnaidh orm. Tha mi ’toirt mo mhionnan air a’ chrun rioghail, a bhios air a chur air do cheann fhein an uine gun bhith fada, nach aithne dhomh ni sam bith mu dheidhinn na mna-uaisle mu ’m bheil thu ’bruidhinn. Agus ma bha i anns an t-seomar so, cha b’ ann le m’ fhiosrachadh-sa. Ach cia mar a gheibheadh i steach do ’n chaisteal so gun fhios dhomhsa? Cha robh an t-ard-chomhairleach ach a’ feuchainn ri do chumail aig sith an uair a bha e ’cur an ire dhut gur docha gur e mise a chuir a’ bhean-uasal do ’n chaisteal. Air an aobhar sin, feumaidh gur e bruadar a chunnaic tu; agus b’ fhearr leam gu’n leigeadh tu an gnothach as do cheann buileach glan.”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ esan ’s e ’freagairt, “cha bhiodh e aon chuid coltach no nadarra dhomhsa teagamh a chur ann an aon fhacal dhe na thubhairt sibh; ach tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n eisd sibh gu foighidneach rium, agus an sin bidh sibh comasach air breith a thabhairt co dhiubh is e bruadar a chunnaic mi no nach e.”
An sin dh’ innis Alsaman d’a athair mar a dhuisg e air an oidhche, agus a chunnaic e an aon bhoirionnach bu bhriagha e chunnaic e riamh ’na laidhe air uachdar an aodaich ri ’thaobh anns an leabaidh, mar a ghrad thuit e ann an trom-ghaol oirre, agus mar a dh’fhairtlich air a dusgadh a dh’ aindeoin gach oidhirp a thug e. Dh’ innis e dha athair mar an ceudna mar a thug e am fainne bhar a meoire, agus mar a chuir e am fainne a bha air a mheoir fhein ’na aite. An uair a sheall e am fainne dha athair, thuirt e ris, “Tha sibh eolach gu leor air a bhith ’faicinn an fhainne a b’abhaist a bhith air mo mheoir, agus tha fhios agaibh nach e so idir e. A nis, tha dochas agam gu’n creid sibh gu lan-mhath nach do chaill mi mo chiall, mar a bha sibh a creidsinn a thachair dhomh.”
Thuig an righ gur e an fhirinn a bha ’mhac ag innseadh dha, agus leis an ioghnadh a chuir a h-uile rud bh’ ann air, cha robh fhios aige ciod a theireadh e.
An uair a chunnaic mac an righ gu’n robh athair ’na thosd, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, cha ’n ’eil iomhaidh mhaiseach na mna-uaisle a’ falbh bhar m’ inntinn, oir thuit mi ann an gaol cho trom oirre ’s nach urrainn domh a bhith beo as a h-aonais. Air an aobhar sin, tha dochas agam gu’n gabh sibh truas dhiom, agus gu’n grad fhaigh sibh dhomh i ri ’posadh.”
Fhreagair an righ, agus thuirt e, “A mhic, on deigh na chunnaic agus na chuala mi, cha ’n ’eil mi’ cur teagamh sam bith nach fhac’ thu a’ bhean-uasal agus nach do ghabh thu gaol mor oirre. B’ fhearr leam gu’n robh fhios agam co i, agus gheibhinn dhut i gun dail. Agus cha b’ e mhain gu’m biodh tu fhein sona, ach bhithinnsa cho sona ri athair a tha beo an diugh air an talamh. Ach cha’n ’eil fhios agamsa air ur-uachdar an t-saoghail co i, no c’ait am bheil i. Cha’n ’eil mi ’tuigsinn idir cia mar a gheibheadh i steach do ’n chaisteal gun m’ aonta-sa. C’ar son a thainig i g’ ad bhrosnachadh gu gaol a ghabhail oirre, agus a dh’fhalbh i an uair a thuit thu ’na do chadal? Tha mi ag aideachadh nach urrainn domh na nithean so a thuigsinn; agus mur cuir am fortan doigh ’nar rathad leis am faigh sinn fiosrachadh mu na nithean so, tha eagal orm nach bi mi fhein ’s tu fhein fada beo.”
An uair a thuirt e so, rug e air laimh air a mhac, agus thuirt e, “Tiugainn dhachaidh, a mhic, agus deanamaid bron maille ri cheile. Bidh do chridhe-sa air a bhristeadh le gaol, agus bidh mo chridhe-sa air a bhristeadh le bhith ’g ad fhaicinn a’ cnamh ’s a’ dol as, agus gun chomas sam bith agam air cobhair a dheanamh ort.
Chaidh an righ agus a mhac dhachaidh do ’n luchairt, agus an latha sin fhein thugadh gu laidhe na leapadh e leis mar a fhuair an gaol agus an t-eu-dochas greim cho mor air chridhe ’s air an inntinn aige.
Ged nach deachaidh an righ gu laidhe na leapadh, gidheadh fhuair am bron a leithid de ghreim air ’s nach robh e ’dol ann am fianuis duine. Agus bha e anns an t-suidheachadh so fad iomadh latha.
Air latha araidh, thuirt an t-ard-chomhairleach ris, gu’n robh araon uaislean na cuairte, agus mar an ceudna moran dhe ’n t-sluagh, air toiseachadh ri gearain gu trom nach robh iad ’g a fhaicinn, agus nach robh e, mar bu ghnath leis, a’ toirt breith gach latha air cuisean an t-sluagh, agus gu’n robh eagal air gu’n eireadh aimhreit agus ar-am-mach am measg an t-sluaigh. “Tha mi gu h-umhail a’ guidhe air bhur morachd,” ars’ esan, “nach dean sibh dearmad air cuisean an t-sluaigh a reiteachadh. Tha fhios agam gu’m bheil sibh a’ toirt comhfhurtachd mhor do’n phrionnsa le bhith ’na chuideachd an comhnuidh, agus gu’m bheil a chuideachd-san a’ toirt faothachadh cridhe dhuibhse bho na tha sibh a’ fulang, Ach air a shon sin, cha choir dearmad a deanamh air gnothaichean na rioghachd a chumail an ordugh. B’ e mo chomhairle-sa dhuibh a dhol a dh’ fhuireach do’n chaisteal a th’ ann an eilean na acarsaid, agus am prionnsa a thoirt leibh. Foghnaidh dhuibh
(Air a leantuinn air taobh 46)
[Vol . 8. No. 6. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., OGUST 18, 1899.
AIMHREIT AN T-SAOGHAIL.
Tha cogadh no dha, beag no mor, a dol air an aghaidh anns gach bliadhna. On tha rioghachd Bhreatuinn co anabarrach farsuing, ’us on tha gach seorsa daoine fo ughdarras ar Ban-righ, tha daonnan clambar thall no bhos, agus tha ’n claidneamh air a tharruing as a thruaill airson aramach a chiosnachadh, agus treubhan aingidh, borba, luasganach a ghleidheadh ann an staid shamhach, shocrach. Chaidh beagan bhliadhnachan seachad on bhuail fiabhrus trom rioghachdan na Roinn-Eorpa airson Mor-Roinn Africa ’roinn ’n am measg fein, gun cead no comhairle ’iarraidh no ’fhaotainn bho na fineachan a bha ’s a tha maille ri ’n aithrichean re iomadh ceud bliadhna, ma dh’ fhaoidte, a tuineachadh ann an comhnardan agus am measg cnoic ’us aonaichean Africa. Tha, gun teagamh, aobhar aig luchd-riaghlaidh Bhreatuinn a bhi seachd sgith de ’n dragh a tha aca ann a bhi ’cumail sith ’us seasgaireachd anns na h-aitean a bhuineas doibh ann an Africa. Tha faisg air ceud bliadhna on ghabh Breatunn sealbh air taobh mu dheas Africa, no air Ros an Deadh Dhochais. Cha ’n ann gun dortadh eagalach fala, ’s gun uamhas ionmhas a chosd ’s a sgaoileadh, a fhuair Breatunn agus a ceannardan gaisgeil lamh an uachdair fa-dheoidh air gach Hottentot ’us Caffair seolta, carach agus cruadalach ann an ceann mu dheas Africa. Is iad na Duitsich a rinn comhnuidh air tus aig Ros an Deadh Dhochais. Is ann bho na Duitsich so a thainig na Boeirich a tha an diugh a tabhairt iomaguin ’us craidh gu leoir do luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Gun teagamh tha moran de fhuil nan daoine ’bha ann an ceann mu dheas Africa an trath a chaidh na Duitsich ann, a’ ruith a nis ann an cuislean nam Boereach. Cha ’n ’eil moladh mor air bith ri bhi air a dheanamh air na Boeirich no air na Duitsich ann an Africa; oir is e daoine gun mhoran stuaim, no gliocais, no carthannachd a tha annta. Tha Breatunn daonnan le onoir ghasda ’tabhairt nan cothroman ceudna do gach treubh ’us fine ’tha ’g aiteachadh duthcha air bith air am bheil uachdaranachd aice. On latha ’chaidh suaicheantas aghmhor Bhreatuinn a thogail aig ceann mu dheas Africa, ’s a thoisich e air aodann boidheach a chrathadh anns a’ ghaoith, fhuair na Duitsich agus na Boeirich gach ceartas ’us caoimhneas bho chrun ’us bho luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Chaidh daoine treubhach, cruadalach o am gu h-am mu thuath de Ros an Deadh Dhochais, agus thoisich iad uidh air n-uidh air sealbh a ghabhail agus air aiteachadh a dheanamh ann an comhnardan mora, reamhar, a tha lionmhor gu leoir ann an Africa. Is e na Breatunnaich, agus cha ’n e na Duitsich idir, a chaidh mu thuath agus a chuir eolas air na machraichean torach, beartach a tha air gach taobh de ’n amhainn Bhaal. B’ eigin do Bhreatunn, an aghaidh a toil fein, iomadh uair cogadh a dheanamh, a chum fineachan leth-fhiadhaich a chiosnachadh agus a chumail ann an ordugh ann an Africa. Chaidh an Transbhaal aig aon am a nasgadh ri Breatunn, no ris na Roinnean eile ’tha bho riaghladh Bhreatunn ann an ceann mu dheas Africa. B’ fhearr gu mor fada gu deachaidh an nasgadh so ’leantuinn agus a chumail suas gu durachdach, gun atharrachadh no laigse air bith. Bhitheadh mar so sluagh an Transbhaal gu buileach agus gu cinnteach fo ughdarras agus fo riaghladh Bhreatuinn, agus bhitheadh uachdaran aca bho Bhreatunn, agus gheibheadh gach duine dubh ’us geal ’us odhar ceartas, caoimhneas, tearuinteachd, ’us sonas.
Beagan uine an deigh do ’n nasgadh so ’bhi air a dheanamh—glic, iomchuidh, tarbhach mar a bha e, ’s mar a bhitheadh e—thainigGladstonegu inbhe ard ’us chumhachdach ann am Breatunn. Tha iomadh moladh laidir air a dheanamh airGladstone; oir is e duine foghainteach a bha ann. Bha inntinn gheur ’us threun aige. Is e sgoilear snasmhor a bha ann. Bha e lan eud ’us dichioll ’us saothrach. Bha e re iomadh bliadhna ann am Parlamaid Bhreatunn a tabhairt gach comais ’us eolais ’us gliocais a bha aige airson cuisean iomadach Bhreatunn a chur air an aghaidh agus a cheartachadh ’s a reiteachadh air an doigh a b’ fhearr ’s a bu chinntiche. Cha ’n e slighe dhireach idir a lean e. Mar bha beachdan ura ’faotainn aoidheachd ’n a inntinn bha e ’treigsinn slighe ’s beachd nan laithean a dh’ aom, agus ag imeachd ann an slighean nuadha, ’s le mor speis ’us eud as leth nam beachdan ura ’bha e ’g altrum. Is e smior na firinn gu robhGladstonelag ’us luaineach anns gach cuis ’us dragh ’us ni ’bhitheadh aig Breatunn le rioghachdan eile, no le cinnich ’us uachdarain a bha ann an iomadh cearna gu direach ’us gu diongmhalta fo stiuradh ’us fo ughdarras Bhreatuinn. B’ eigin aig am sonruichte do Bhreatunn an claidheamh a rusgadh an aghaidh nam Boereach anns an Transbhaal. Rinn ceannard an fheachd mearachd anns an ordugh a thug e do na saighdearan dearga, ’s fhuair na Boeirich buaidh air arm ainmeil, lasgarra, mheamnach Bhreatuinn. Bha saighdearan Breatuinneach ann an uine ghearr co lionmhor ’us co eudmhor air oirean an Transbhaal ’s gu cuireadh iad gun teagamh crioch air uabhar ’us cumhachd nam Boeirich bhorba, mhosach, anns an Transbhaal. Cha d’ fhuair ceannardan ’us saighdearan dearga Bhreatuinn cothrom idir air dioghaltas ’fhaotainn agus a ghabhail air na Boerich, airson na buaidh a fhuair iad le aineolas no le mearachd a’ cheannaird a threoiraich na saighdearan dearga air doigh co chearr ’us bochd ’s gu ’n d’ fhuair na Boeirich lamh an uachdair orra. An uair a bha fios thall ’s a bhos gu tainig smal ’us call ’us tarcuis air cliu ’s onoir ’us maisealachd Bhreatuinn ann an stri nan lann, bha gach ceannard ’us saighdear ’us duine measail ’us gaisgeil ann an rioghachd Bhreatunn, iarrtuiseach agus dealasach gu faigheadh feachd onorach Bhreatuinn cothrom eile air buaidh ’fhaotainn air na Boeirich leth-fhiadhaich. Bha cumhachd mor aigGlabstoneaig an am so. Cha ’n e ’mhain nach tugadh e cothrom do ’n fheachd cliu ’s onoir an airm Bhreatunnaich aisig agus a chosnadh air ais, thug e fein-riaghladh do na Boeirich, agus mar so chur e tamailt eagalach agus narach air feachd ’us uachdaranachd Bhreatuinn. Co luath ach beag ris an dealanach, chaidh fios air feadh fineachan Africa gu d’ thug na Boeirich buaidh air feachd ainmeil agus mheargantach Bhreatuinn. Chreid gach ceannard fine nach robh cumhachd Bhreatunn co anabarrach laidir agus duineil, agus gu faodadh iad fein aramach a dheanamh, agus peasanachd ’us tnu ’s anacainnt a nochdadh do Bhreatunn agus a charamh oirre a reir an toil mhaith fein. Tha iomadh aobhar muladach aig Breatunn a bhi ’g altrum doilgheis gu robh comas beag no mor aigGladstoneriamh a bheachd no ughdarras a nochdadh no ’chur an gniomh ann an gnothuichean an Transbhaal. Tha trioblaid gu leoir a nis mu chuisean nam Boereach. Tha e gle cosmhuil gu feum Breatuinn, le faobhar a’ chlaidheimh, Crugair agus a Bhoeirich a smachdachadh agus a chur sios, agus crioch a chur gu brath air gach cumhachd de ’m bheil iad a’ deanamh feum co bochd ’us co maslach.
CONA.
Tha an teine ann am meinn Chaledonia fhathast, ach tha e air a chumail gu math fodha, agus tha duil gu’m bi e an uine gun bhi fada air a chur as gu buileach. Thatar ag obair anns a chuid eile dhe’n mheinn, agus tha mu shia ceud deug tunna guail air a chur a mach a h-uile latha.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
[Vol . 8. No. 6. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha ’n carbad-iaruinn uair gu leth anmoch a tighinn a stigh oidhche Di-mairt; cha mhor gu bheil e tighinn aig an am cheart oidhche sam bith o’n chaidh an tim-chlar atharrachadh.
ThaSir Wilifred Lauriera’ dol as aicheadh gu’n do dhiult e cuireadh dh’ionnsuidh a chruinneachaidh mhoir a tha gu bhi aca ann a Chicago. Cha d’ fhuair e fhein no Morair Minto an cuireadh fhathast, agus uime sin bu doirbh dhaibh a dhiultadh.
Tha moran sluaigh air tighinn do’n bhaile o chionn seachdain no dha, agus tha na taighean a tha gabhail bhordairean loma-lan. Thainig aireamh mhor de luchd-obrach a Halifax ’s a aiteachan eile oidhche Di-luain. Tha cuid de na daoine tha tighinn math gu leor, agus tha cuid nach eil.
Tha teachdairean a Finnland an drasda ann an Newfoundland, a feuchainn ri cordadh a dheanamh ri riaghladh na duthcha sin air son aireamh mhiltean de’n co-luchd-duthcha a tha air son tighinn air imrich. Tha na Finns air fas sgith de ain-tighearnas Ruisia aig am bheil iad fo smachd agus a tha deiligeadh riuth gu cruaidh agus gu h-eucorach.
Bha corp Sheumais Doyle, fear de’n dithis a chaidh a bhathadh eadar so us Sidni Tuath, o chionn faisg air tri seachdainean air ais, air fhaotainn faisg air an tigh-sholuis aigSouth Bar, maduinn na Sabaid s’a chaidh. Bha an corp air at gu mor leis an uisge, agus pairt dheth air cnamh. Bha e air a thiodhlacadh Di-luain. Cha d’fhuaireadh corp Kehoe fhathast.
Maduinn Di-luain s’a chaidh, am feadh a bha Maitre Labori, am fear-lagha tha tagradh air taobh Dreyfuis air an rathad gu tigh na curtach, rinn dithis dhaoine feall-fholach air a shon agus loisg fear dhiubh air, a toirt lot basmhor dha. Tha e fhathast beo, ach cha’n eil e air innse co-dhiubh tha duil ri dhol am feobhas no nach eil. Theich am mortair, agus gu ruige so cha d’ fhuaireadh greim air. Tha cuid dhe ’n bharail gu ’n cuir bas Labori, ma gheibh e bas, call do-leasaichte air Dreyfus, ach tha e cho docha gur ann a ni e feum dha le daoine bhi gabhail o thaoibh na’s fhearr na bha iad roimhe so.
Tha Dreyfus air ais anns an Fhraing, agus thatar ’ga fheuchainn a rithist. Cha deachaidh a shaoradh o’n chionta bhatar a cur as a leth ’nuair a thugadh air ais e, mar a tha cuid am barail; chaidh an oifig a bh’ aige ’san arm a thoirt dha air ais agus chaidh breith na curtach a fhuair ciontach e roimhe a chur air chul, ach bha aige ri cuirt eile a sheasamh air son na cionta cheudna. Sin a chuirt aig am bheil e an drasda, agus tha dochas laidir aig daoine gu faigh e ceartas air an turus so. Tha e air a dhol as gu mor ’na bhodhaig ’s ’na inntinn seach mar a bha e mu’n deach fhogradh as an duthaich, ach cha’n eil ceist a chuirear air aig a chuirt nach eil e freagairt gu h-ealamh agus gu direach. Tha moran de ard-oifigich an airm ’s de luchd-dreuchd na duthcha gu mor ’na aghaidh, ach a dh’aindeoin sin tha dochas gu faigh e ceartas, agus gu’m bi e air a shaoradh.
Tha an t-side air tionndadh gu math fuar; shaoileadh duine gur h-e deireadh an fhoghair a th’ ann. Tha moran uisge sileadh, ’s cha’n eil ach fior dhroch cothrom aig daoine air an cuid feoir a dheanamh.
Shabaidich dithis dhaoine ann a Halifacs oidhche Di-haoine s’a chaidh, agus rinn iad a cheile dhochann ’s nach mor nach robh iad marbh ’nuair a fhuaireadh iad.
Tha na mathain a deanamh sgrios mor am measg nan caorach ann an ceann a tuath siorrachd Victoria air an t-samhradh so. Tha iad fas cho dana ’s gu’n tig iad do na pairceannan air a mheadhon latha a shireadh creiche. ’S bochd nach gabhadh cur as do na beathaichean millteach sin; tha iad a deanamh call mor a h-uile bliadhna.
Tha fathunn a dol mu’n cuairt gur h-e ’n ath Riaghladair a bhios an Nobha Scotia, Mr C. C. Blackader, a tha ’cur a mach anRecorder ,aon de phaipearan laitheil bhaile Halifacs. Ma gheibh e an dreuchd sin ’se a cheud fhear paipeir naigheachd air ’n do chuireadh an t-urram o’n a chaochail an t-Onorach Ioseph Howe, a bha ’na Riaghladair re uine ghoirid anns a bhiadhna 1872.
Tha mile de luchd-obrach a dhith air luchd na h-obair-iaruinn anns a bhaile so, agus tha faisg air uiread eile a dhith orra-san a tha cur air adhart an rathaid iaruinn ann an siorrachd Inbhirnis. Tha an da chuideachd a’ tairgse dolair us cairteal ’san latha do chosnaichean matha. Cha bhi dith obrach air muinntir an eilean so fad an fhoghair, ach se ’s docha gu’n tig moran a aiteachan eile. Mur tig sgaothan de na h-Eadailtich ’s de na Chinesse, cha bhi aobhar gearain againn.
Thachair sgiorradh umhasach air an rathad-iarruinn faisg air Polycarpe, an Cuebec, Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh, leis an do chaill coignear am beatha. Leum na carbadan bhar an rathaid, agus bha fear dhiubh air a thilgeadh direach air muin na h-inneil, ’s bha iadsan a bha anns a charbad sin air an sgaldadh gus an robh an fheoil a sruthadh dhiubh. Bha aireamh air an dochan gu dona a bharrachd orra-san a chaill am beatha. Cha’n eil fhios gu de dh’ aobharaich an sgiorradh.
’S iomadh sgeul a chualas re a gheamhraidh s’a chaidh mu shoibhreas Alasdair Dhomhnullaich, “Righ a Chlondaic,” agus cha’n eil teagamh nach robh a chuid mhor dhiubh fior. Tha an sgeul air tighinn a nise gu bheil e air bristeadh, agus ’na dhuine bochd a rithist. Bha e ann an Sasunn air an earrach s’a chaidh, agus cheannaich e innealan dhe gach seorsa air son a chuid mheinneanobra chadh, ach an deigh dha tilleadh, cha robh na meinnean a tionndadh a mach cho math ’sa bha duil aige, agus mar sin chaidh e air deireadh. Dh’ fhas na fiachan cho mor ’s nach b’urrainn dha am paigheadh agus thug e seachad gach coir a bh’aige gu bhi air a riarachadh air luchd nam fiach. Ghabh e ’n uair sin a spaid ’sa phiocaid, ’s chaidh e mach a chladhach an oir mar a thoisich e an toiseach aireamh bhliadhnaichean air ais.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 6. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 43.)
suidhe anns a’ chomhairle da uair an’ t-seachdain. Tha ’n t-aite anabarrach fallain, agus tha iomadh ni taitneach ri ’fhaicinn ann. Agus tha e neonach leamsa mur bi inntinn a’ phrionnsa air a togail gu mor bhar na nithean a tha ’cur dragh air.
Chord a’ chomhairle so gle mhath ris an righ, agus gun dail sam bith thug e fa near an caisteal a bh’ air an eilean a chur ann an deadh ordugh. Cho luath ’s a fhuaradh gach ni air doigh anns a’ chaisteal, chaidh an righ agus am prionnsa a dh’ fhuirlach ann, agus bha iad a’ cur seachad na h-uine gu tursach maille ri cheile.
(Ri leantuinn.)
BAS RIGH TEARLACH I.
Chriochnaich a’ bhliadhna 1644 gu ro challail do’n aobhar Rioghail. Bha Cromuel a nis air éiridh àrd ’s an arm Shasunnach. Thòisich an duine cruadalach so ’na chaiptin ’an arm na Pàrlamaid, agus ’an ùine ghoirid dh’ éirich e gu bhi ’na Sheanalair. ’S ann le marc-shluagh gu h-àraidh a bha esan a’ deanamh gaisge. Cha sheasadh marc-sluagh an rìgh idir roimhe. Ach ’n uair a bha aobhar an rìgh air tuiteam iosal an Sasunn, bha e air a mhisneachadh le bhi cluinntinn mar a bha Montros, a sheirbhiseach dileas, a’ soirbheachadh ’an Alba. Bha ’n saighdear fuilteach so ’na phriosunach ’an Caisteal Dhueidin ’n uair a bha Tearlach an sin. Ach co luath ’s a fhuair e cead a choise, chaidh e do Shasunn a chur a chomhairle ris an righ. Ghealladh àireamh shaighdearan a chur a Eirinn thuige. Phill e do Alba, ’s thruis e beagan mhiltean ri cheil’, a chuir e ’n ceann nan Eirionnach a thainig air tir ’an taobh ’s iar Alba. Bha eadar a cuig ’s a sea mhiltean aige. Leo sin chuir e ’n ruaig air a’ bheagan airm a bha ’nis ’an Alba caochladh uairean. Feudar a radh gu’n do choisinn e ’bhuaidh sea uairean an car bu lugh’ an aghaidh arm beag nan Cùmhnantach. Ged bu shaighdear seolta Montros, cha robh ann deth ach eutroman. Bha e co mor air a thogail suas le ’shoirbheachadh ’s gu’n do sgriobh e mar so gu Tearlach, “cha ’n ’eil mi ’g iarraidh, an deigh an duthaich so e’ cheannsachadh do bhur Morachd, agus buaidh a thoirt o Dhan gu Beerseba ach gu’n tugadh sibh dhomh cead a radh mar thuirt Seanalair Dhaibhidh ri ’mhaighstir, thig fein, air eagal gu ’m bi ’n duthaich air a h-ainmeachadh ormsa. ’” Cha do lean so fada. Cha’n fhoghnadh le Montros Alb’ a cheannsachadh. Thog e air gu dol a steach air taobh tuath Shasuinn. Chuir Cinn-iuil nan Cumhnantach fios air Seanalair Lesli, Iarla Lebhen, greasad a nall a ceann a deas Shasuinn, agus coinneamh a chumail ri Montros. Air maduinn an treas la deug de cheud mhios an fhoghair, 1645, thainig Iarla Lebhen le sea mile saighdear tapaidh air Montros gun fhios, aig aite ris an abrarPhiliphaugh, faisg air Selcirc. Chuir e as gu tur do armailt Mhontrois; theich an ceannard fein le ’bheatha do na beanntaibh le da fhichead marcach. Goirid an deigh sin fhuair e teicheadh gu tir mor na h-Eorpa; mar sin chaidh e as o’n chroich aig an am sin; “ach bha chocrach a’ fas.”
Bha Tearlach a nis air na h-uile dochas a chall a thaobh Alba, agus bha gach cearna de Shasunn gu bhi air an toirt as a lamhaibh gu buileach mu’n am so. Bha ’chuid saighdearan a’ call am misneachd, agus saighdearan na Parlamaid air an robh Cromuel ’na cheannard a’ fas ’am misneachd. Air a theannachadh air gach taobh, ’s gun fhios aige ciod a dheanadh e, ’s e smuainich e gu’n tilgeadh se e fein air caoimhneas an airm Albannaich, a bha e’n duil a bhuineadh ris ni bu shuairce na arm na Parlamaid. Dh’ fhan e ochd miosan’s a’ champ Albannach; ach bha ’n Cogadh Siobhalt a nis air sgur, agus an t-arm Albannach air pilltinn dhachaidh; ’s cha b’ urrainn iad a chumail ni b’ fhaide. Roghnuich e fein a bhi’anaon de’luchairtean faisg air Lunnuinn, air son comh sgriobhadh a chumail ris a’ Pharlamaid; agus thugadh seachd e do arm na Parlamaid, ’an deigh gealladh soluimte fhaotainn nach deantadh coire sam bith no ainneart air pears’ an righ. Threoraich Iarla Lebhen ’an sin an t-arm air do’n duthaich fein. Tha cuid a’ faotainn coire do’n arm Albannach airson an righ a thoirt suas do’n arm Shasunnach idir. Tha iad le so a’ taisbeanadh am mi-ruin ’s an aineolais. Cha b’ urrainn na h-Albannaich a chumail gun cogadh ris an arm Shasunnach, ni bha ’n aghaidh an aobhair air son an tainig iad ga’n comhnadh. Agus ged a chumadh iad e ciod a dheanadh iad ris? agus co fad ’s a bu leir do dhuin’ aig an am cha robh cunnart air bith gu’n tachradh do’n righ mar a thachair.
Lean a Pharlamaid air coluadar ’an sgriobhadh a chumail ris an righ greis an deigh dhoibh fhaotainn ’n an lamhaibh fein; ach chum iad ’na phriosunach e. Cha robh ni a dh’iarr iad air nach gealladh e dhoibh mu dheireadh ach da ni; b’e sin easbuigeachd a chur sios ’s an eaglais, agus a chairdean no a luchd-comhairle thoirt thairis gu peanas. Cha’n aontaicheadh e ris an da ni sin. Ach na ’m biodh earbsa sam bith aig a’ Pharlamaid a cliu Thearlaich, bha iad air bi riaraichte gu leor leis na gheall e. Bha fios aca co luath ’s a gheibheadh e ’n cothrom gu’m feuchadh e ri ’n cur fodha ris, agus an saorsainn uile thoirt uatha. Bha Cromeul gniomhach anns a bhi riaghladh nan cumhachan a dheanadh an righ ris a’ Pharlamaid. Bha ait aige-san ’s a’ Pharlamaid, a thuilleadh air e bhi da rireadh, ’na cheann air an arm. Bha ’n righ a gabhail air a bhi gle chairdeach do Chromuel. Cha robh inbhe no urram nach gealladh e dha. Ghlac Cromuel litir o’n righ thun na banrigh a bha ’s an Fhraing anns an dubhairt e “gun eagal a bhi oirr’ air son esan a bhi ’gealltuinn cus;— ’n uair a thigeadh an t-am, gu’m b’ aithne dha-san ropan cainb’ a charadh mu amhaichibh nan daoidhearan ’an aite garean side.” Cha stadadh Cromuel an deigh so gus an d’ fhuair e amhach Thearlaich air an ealaig, ni a bha e cinnteach a dheanadh Tearlach airsan na’m faigheadh e gu brath an cothrom. Chuir an ceannard neo sgreamhail so fear de ’chuid oifigearan le da reisimeid gu Tigh na Parlamaid, agus sgiurs am fear sin air falbh da cheud de Bhuill na cuirte sin. Cha d’fhag e ann ach mu thri fichead, a bha de’n aon bheachd ri Cromuel fein, agus ris an abair sgriobhadairean, an Rumpull. Thug e orra sin Reachd a dhaingneachadh leis an robh an righ air a dhiteadh mar ciontach de ard-cheannairc air son cogaidh an aghaidh na Parlamaid. Chuireadh Tearlach fo dheuchainn a bheatha ’reir an Reachd so, ach cha’n aidicheadh e ughdarras na Cuirt a bha ga dhiteadh idir. Co dhiu dhit iad e gu bhi air a chur gu bas. Chuireadh an ceann dheth, fa chomhair luchairt Whitehall air an deicheamh la fichead de’n cheud mhios, 1645. Thug Cromuel, an sin ma’n airidh Comh-fhlaitheachd a bhi air a h-eigheach air son nan eileanaibh Breatunnach. —Eachdraidh na h-Alba.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
[Vol . 8. No. 6. p. 7]
COMHRADH NAN IOLAIREAN.
Tha e air a radh gu’n cuala ciobair an Comhradh a leanas eadar seann iolaire agus a h-alach og, am feadh ’s a bha e toirt an aire air an treud—
“Mo chlann,” ars’ an iolaire, “chunnaig sibh mi a’ tiolpadh nan cearc as na h-iolannan, a’ glacadh na maighich anns a’ phreas, agus a’ togail a’ mhinn o ’ionaltradh. Ach tha cuimhne agaibh blas ’fhaighinn air biadh moran is millse na iad sin—is minig a thug mi dhuibh cuirm de fheoil DUINE.”
“Innis dhuinn,” arsa na h-iolairean oga, “c’aite ’m faighear ’daoine, agus ciamar a dh’ aithnichear iad; oir is cinnteach gur i feoil an duine biadh nadurra na h-iolaire. Carson nach d’ thug thu duine slan a dh’ ionnsuidh na nid ann ad spuirean?”
“Tha e tuilleadh ’s dumhail, trom,” ars an iolaire, “an uair a dh’ amaiseas sinn air duine cha ’n urrainn duinn ach fheoil a stroichdeadh leinn agus na cnamhan ’fhagail as ar deigh.”
“Mar tha an duine cho mor a’s sin,” ars an fheadhain oga, “ciamar a tha ’dol agad air a mharbhadh? Tha fiamh agus eagal agad roimh ’n mhadadh-alluidh agus am math-ghabhainn; ciod an cumhachd leis am bheil buaidh aig na h-iolairean thairis air an duine? Am bheil an duine na’s laige na caora?”
“Cha ’n eil againn,” fhreagair an iolaire, “neart an duine, agus tha mi air uairibhh an teagamh a bheil a sheoltachd againn; agus b’ ann fior-ainneamh a gheobhadh iolairean cothrom air ’fheoil itheadh mur biodh Nadur, a dh’ orduich e chum ar feum air buirbe iongantaich a chur ann, nach faca mi riamh ann an creutair air bith eile a tha ’chomhnuidh air an talamh. Gu tric coinnichidh da threud mhor de dhaoine, criothnaichidh an talamh leis an toirm a ni iad agus lionar an t-adhar le teine. An uair a chluinneas sibh tiorm agus a chi sibh teine a’ ruith air aghaidh na talmhainn, greasaibh a dh’ ionnsaidh an aite le uile luaths ur sgeith, oir bithibh cinnteach gu bheil daoine a’ sgrios a cheile; gheobh sibh an talamh dearg le fuil agus cuirnichte le closaichean marbha, agus moran diubh air an srachadh agus air an gearradh air son nan iolairean.”
“Ach an uair a mharbhas na daoine an cuid creiche,” ars’ na h-iolairean beaga, “carson nach ’eil iad ’g a itheadh? An uair a mharbhas madadh-alluidh caora, cha’n fhuiling e do ’n iolaire teachd ’ga choir gus am bheil e fein air a shasuchadh— ‘Nach e seorsa de madadh-alluidh a tha anns an duine? ’”
“Is e an duine,” ars an iolaire, “an t-aon chreutair a mharbhas an ni sin nach ith e, agus is i a’ bhuaidh so a tha ’ga fhagail ’n a charaid cho math do’n chinneach againn-ne?”
“Ma tha an duine mar so a’ marbhadh creiche dhuinn-ne agus ’ga fhagail ann ar rathad,” ars’ an iolaire og, “ciod am feum a tha againn air saothrachadh air ar son fein?”
“Tha,” ars’ a mathair, “a chionn gu’m fan an duine air uairibh re uine fada samhach ’n a gharaidh. Innsidh na seann iolairean duibh cuin a tha sibh ri suil gheur a chumail air a ghluasadan. An uair a chi sibh buidhnean mor dhaoine a’ siubhal comhladh, faodaidh sibh a thuigsinn gu bheil iad ri seilg agus gu ’m faigh sibh ur diol de fheoil duine gu h-aithghearr.”
“Ach stadaibh,” ars’ an iolaire og, “bu mhath leam fios fhaighinn air an aobhar air son am bheil daoine mar so a’ sgrios a cheile. Cha b’ urrainn domh fhein a mharbhadh an ni sin nach ithinn.”
“Mo leanabh,” ars’ a mathar, “an uair a bha mise og, b’ abhaist domh dol a thaghal air seann iolaire aig an robh a comhnuidh anns na creagan ud shuas. Bha i tighinn beo o bhliadhna gu bliadhna air mionaichean dhaoine. Thuirt i, mar a bha geugan na craoibh dharaich air am bualadh r’ a cheile leis an doininn a chum gu ’n tigeadh na mucan-fiathaich beo air na cnothan a thuiteadh dhiubh, gu’n robh daoine mar so le cumhachd do-thuigsinn air an sparradh an aghaidh a cheile a chum ’s gu’m biodh na h-iolairean air am beathachadh. Agus tha an fheadhainn a tha ag itealaich os an cionn a’ toirt aire gu’m bheil fear anns gach treud a tha toirt seolaidh do chach agus a tha a reir coslais a’ gabhail tlachd anabarrach anns a’ chasgradh oillteil. Ciod e a tha toirt coir do’n fhear so inbh cho ard? cha’n e idir fear is momha no is luaithe na cach, ach tha e ’taisbeanadh leis cho-dian a’s cho dichiollach ’s a tha e gur esan, gu sonruichte, CARAID NAN IOLAIREAN.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am Feillire.
OGUST, 1899.
1 Di-mairt An Lunasdail.
2 Di-ciaduin
3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640.
4 Di-haoine
5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis.
7 Di-luain
8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631.
10 Dior-daoin An fheill Labhrainn.
11 Di-haoine La Dailrigh, 1306.
12 Di-satharna
13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis.
14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645.
17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766.
18 Di-haoine La Phreston, 1649.
19 Di-satharna
20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis.
21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689.
22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138.
23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305.
24 Dior-daoin
25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829
27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis.
28 Di-luain
29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722.
30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807.
31 Dior-daoin
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M.
A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M.
An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M.
An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 8. No. 6. p. 8]
Amhlacadh an Ridir Iain Mor.
EADAR. LE DONULL MAC LEOID.
Cha do bhual sinn sgiath na teudan a chraidh
’Nuair a ghreas sinn le ’chorp fo dhion balla,
Cha d’ loisg sinn urchar a’ nochdadh ar baigh
Far na chur sinn ar curaidh fo’n talamh.
Dh’ amhlaic sinn droch e mu mheadhon na h-oidhch’
Leis a’ bhaigneid a’ cladhach na h-urach,
Bha gathan faoin gealaich a’ toirt dhuinn soills
’S an lochran gu doilleir ’us mugach.
Ciste gun fheum cha robh duint’ os a cheann,
Anart geal agus marbh-phaisg cha d’ fhuar e;
Shaoilte gur saighdear na chadal a bh’ ann,
Nuair a phaisg sinn a bhreacan mu’n cuairt da.
Bu ghann ’s bu ghoirid ar n-urnuigh gu dearbh,
Mu an mhulad a bh’ oirrn bha sinn samhach;
Dh’ amhairc sinn dubhach air aghaidh na marbh,
Is smuainich gu goirt air a mhaireach.
B’e ar smuain a’ cladhach leabaidh an t-suinn
’S sinn a reiteach a chluasag le dorran;
Naimhdean ’us coigreich bhi ’falbh os a cheinn
Agus sinne fad as air na tonnan.
Labhraidh iad faoin mu an spiorad a theich
Is a dhuslach fo’n casan bios dighte
Ach ’s coma leis sin mu leigeas iad leis
Anns an uaimh ’s na chur Breatunnach sint e.
Cha d’ rinn sinn obair na mulad air fad
’Nuair thug uairadar rabhaidh gu sgaoileadh;
Is chuala sinn fuaim gunna mor ’sa bhad
As a robh ar sar namhad ’ga thaomadh.
Samhach muladach dh’ amhlaic sinn sonn
Air a bhlar mu dheireadh a stiuir e:
Cha d’ sgeilb sinn litir air leac aig a cheann
Ach, dh’ fhag sinn na aonar le chliu e.
Mo Cuibhroinn.
Gam’ chumail suas, gach lo, rim’ re,
Gun neart, gun treoir, ged tha mi fein,
Air slighibh garbh cha tuislich mi;
’S do namh ge garg ’s an streup cha striochd
Na fhacal rium thuirt Dia nan Dul—
“Am feasd cha’n fhag ’s cha treig mi thu.”
Fo’n ualach throm, ged bhith ’s mi strigh,
Ri gearan cruaidh, a chaoidh cha bhi,
Ri tiota bhig, tha chorraich chruaidh;
’S tha’n sith na thig na deigh bith-bhuan,
Ar laithean olc ’s an t-saogh’l ma tha,
Do’n ti is mo gheibh aois gur gearr.
An gean, ’s an t-saoghal so, bheir dhomh sluagh,
Ri caochladh tim ged dh’ fhasas fuar
An t-aoibhneas ta ’am chridhe fein
Gu saogh’l nan saogh’l, cha chrion ’s cha’n eug,
Tha Caraid ann, ’s ged dh’fhaisg mi chri,
A dheadh-ghean dhomh cha d’fhuaraich mir.
Air seachran anns an fhasaich fhuar,
’Se ghairdean fein a chum ni suas,
’S an deuchainn mhor, ’se chaoimhneas ghaidh;
Thug misneach dhomh ’s le neart a radh—
“Iehobhah ’se mo chuibhrion fein,
’Nis eiridh mi ’s d’a ionnsuidh theid.”
’Se fein mo ghloir, ’s mo chuid gu brath,
Mo charaid caomh, ’s am faigh mi adh,
Ca’r son a dh iarrainn gloir an t-saogh’l;
A ghreadhnachas, ri tim, no mhaoin?
Is math ris fein ’s a Pharas nuadh,
Gu’n d’ ullaich e dhomh dachaidh bhuan.
Cha’n eagal leam an curaidh, ’m bas,
No’n leabaidh fhuar, ’s an gabh mi tamh;
An Ti tha ’n gloir aig deas laimh Dhe,
Gam’ chumail saor, am aite dh’ eug,
’S gu meal mi leis ga suithinn sith,
Gu’n tig an uair ’s an duisg e mi.
Seann Laoidh.
Gu luath air a sgiathan a’ ghaoth
A’ saighdeadh thar aonach nan gleann;
Ge dian ceum na lasrach ’s an fhraoch
’N am earraich, suas taobh nam beann,
Is fuar-anail chruaidh a’ mhairt
A’ sgiursadh na caire deirg,
’S a’ rugadh nan neul gu h-ard
Mar imeachd an sgail air an leirg;—
Ge siubhlach an long air a’ chuan
Roimh fhuadach na doininne gairg’,
’S na sliabh-thuinn a’ toirleum m’a h-earr
’Ga h-iomain le ganraich feirg;
Is torman a cranradh trom
Geur fhead lom, air uair, ’na beairt,
Coiprich m’ a saith (a), ’s i ’n cas
’S a foirne (b) failneach a chion neairt;—
Ge luath, air cleitridh chorr a sgath,
A dh’ astras righ nan ian an aird,
Feadh sailbhe (c) fhas a’ ghorm-choip (d) chein
Tha comhdach run (e) nan speuran aill;
’S ge cas a dhoirteas grian a soills
A nuas gu lar troi ’n aibheis (f) chian,
Is deine, is siubhlaiche, ’s is luaith’
A ruitheas “urnuigh” suas gu Dia.
Ged is aird’ os ar ceann an Triath
’Na ’n t-astar ’tha ’ghrian o ’n che (g),
Gur luaithe na dealan air fair’
A ruigeas ’n a lath ’r ar n-eigh;
’S ma dh’ iobrar miann a chridhe ceart
Is ceart co luath thig neart ’g ar foir,
’S a thaomas tuiltean trom thar eas
Air slinnein cas nam beannta mor.
Co, mata a bhios ’an cruas,
(Mar tha gach aon mhac truaillidh cre)
Nach tog ri Dia a ghuidhe ’n aird
’S gur athair tha ro chairdeil E?
Esan a thug suas a Mhac
Chum peacaich lag a dhion o sgrios,
Ciamar bhios “creideach” ann an ag
Gu’n cum e aon dad uaithe leis?
Cha bhi, cha bhi, bha mheath a ghaol
Do ’n aitim sin a roghnuich e,
Bheir e dhoibh am feum ’s an t-shaoghal-s’
Bheir saoibhreas pailt ’an saogh’l a’s fhearr;
Is daor a dhioladh air an saors’,
’S thug sin a ghnath fo dhaors an gradh-s’
Oir dh’iath e ump’ a chordan gaoil
G’ an nasgadh dluth ri ’thaobh gu brath.
a “Saith,” no “suigh,” aisinn, no fiodhrach-tarsuinn bata.
b “Foirne,” sgioba bata.
c “Failbh,” (falamh) an iarmailt, an speur.
d “Gorm-chop,” am Beurlablue vault.
e “Run,” diomhaireachd.
f “Aibheis,” farsuingeachd nan speur no a’ chuain.
g “Ce,” an talamh, an saoghal.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. agus127 State St., Boston Mass.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 6 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 6. %p |
parent text | Volume 8 |