[Vol . 8. No. 7. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 25, 1899. No. 7.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXV.
A DOL TARSUINN A CHOMHNAIRD.
Gu math moch ’sa’ mhadainn rinn sinn deiseil gu falbh tarsuinn a chomhnaird mhòir a bha anns an àirde a’ deas oirnn. Bha fhios againn nach b’ urrainn duinn seasamh ri teas a’ mheadhain latha o nach biodh fasgadh dubhar na coille againn. Ged a bha am feur gu math àrd, rinn sinn astar math mu’n d’ thug teas an latha oirnn fois a ghabhail. Gu fortanach bha craobh mhor, àrd, le mòran duillich agus mheanglan, ’nar sealladh an uair a bha sinn a’ teannadh ri fàs sgith. Ach chuir sinn romhainn gu’n ruigeamaid i air a h-uile cor ged a bha teas na gréin cho mor ’s gu’n robh eagal oirnn gu ’m bruicheadh e na h-eanachainnean againn. Ged a bha sinn a cur uidhireachd air blàths na side roimhe sid, bha dubhar nan craobh againn mar bu trice, agus is gann gu’n robh faireachadh ceart againn air cho fior theith ’sa bha ’n dùthaich. A bharrachd air so, bha’n duthaich a’ fàs na bu teotha mar a b’fhaide a bha sinn a dol o’n chladach. Anns an àite ud, tha ghaoth o’n ear fad na bliadhna gu leir; agus o’n is ann bhar a’ chuain a tha i seideadh fad na h-ùine, tha i an comhnuidh anabarrach tais, tlàth. Is e so is aobhar gu’m bheil Brasil air aon de na rioghachdan blàtha cho fallainn agus cho torach ’s a tha air an t-saoghal.
An uair a rainig sinn a’ chraobh agus a shuidh sinn fo a sgàile, bha sinn glé thaingeil. Bha pathadh gu leor oirnn; ach an uair a dh’ ith sinn rud dhe na measan a chruinnich sinn, dh’ fhalbh am pathadh dhinn. Thuig sinn uile gur e na measan biadh bu fhreagarraiche sam bith oirnn anns an àite theith ud. Agus an aite bhith toigheach air feoil ’s air sithinn, is ann a dh’ fhàs sinn coma dhiubh.
Is iomadh latha o’n uair ud a bha mi ’smaointean air a mhathas agus air a’ ghliocas do-rannsachaidh a tha ri fhaicinn ann an obair a’ chruthachaidh, agus a fhreasdail. Tha na siantanan tur eadar-dhealaichte air feadh gach cearn dhe’n t-saoghal; agus tha’n seorsa bidh a tha freagarrach air ullachadh air son gach creutair air feadh gach cearn fa leith dhe ’n t-saoghal. Ach ged a tha so cho fior ’s a tha mise ’ga radh, cha toir daoine geill no creideas dha mar bu choir dhaibh. Ann an dùthchannan teithe, is e measan biadh cho freagarrach air daoine ’s is urrainn daibh fhaotainn. An uair a bha Clann Israeil a’ dol troimh ’n fhasach, dh’ ullaich an Cruithfhear ’na ghliocas biadh dhaibh ann an doigh mhiorbhuillich; ach cha robh iad riaraichte leis. Bha iad a’ smaointean gu’m biodh iad moran na b’ fhearr dheth nam biodh am pailteas de dh’fheoil aca mar a bha aca an uair a bha iad fo dhaorsa anns an Eiphit. Ach faodar a thuigsinn gur e am biadh bu fhreagarraiche dhaibh a’ dol troimh an fhasach a dh’ ulluicheadh air an son. Dh’ fhaodadh tùr nàdair a theagasg dhaibh nach seasadh feòil ùr aon latha dhaibh anns an fhasach, agus nach freagradh feòil shaillte air daoine a bhiodh a’ siubhal troimh fhàsach a bha tioram, teith. Gus so a dhearbhadh dhaibh, thugadh na h-eoin ris an canar, “na gearra-goirt,” le cumhachd Dhe, a dh’ ionnsuidh a’ chaimp. Agus ann an ùine ghoirid thuig iad nach b’e sin an seorsa bidh a b’fhearr a fhreagradh orra; ged a bha iad gu laidir ’ga mhiannachadh.
Ged a tha eachdraidh Chloinn Israeil sgriobhte, agus air a leughadh gu math tric ann an iomadh aite ’san t-saoghal, gidheadh is e fior bheagan gliocais a tha daoine ’foghlum uaipe. Agus ged a leugh mise mi-fhein i iomadach uair, cha robh mi le cùram a’ toirt fa near gu ’n robh i cho lan de theagasgan luachmhor ’s a tha i.
Ach gu tilleadh thun mo sgeol. An uair a leig sinn ar n-anail gu math, agus a ghabh sinn na thainig ruinn dhe ’n bhiadh a bh’ againn, thog sinn oirnn, agus ghabh sinn air ar n-aghart. Bha cuid mhòr dhe ’n fhearann gle chomhnard, ach ann an àite ’s an àite, bha am fearann monadail gu leor, ged nach b’ urrainnear a radh gu’n robh e beanntachail.
Bha eagal oirnn gu’n tachradh fiadh-bheathaichean ruinn; ach cha ruigeamaid a leas. Ged a chunnaic sinn creutairean nach fhaca sinn riamh roimhe, cha do chuir iad dragh sam bith oirnn. Ma bha eagal againne rompasan, bu mhò na sin a bha dh’ eagal acasan romhainne.
B’ ann roimh na seangain bu mhò a bha dh’ eagal againn. Bha iad anabarrach mòr. Bha deich no dusan troidh a dh’ àirde anns na dùin a bha iad a’ deanamh. Bha iad a’ deanamh feum mòr anns na fàsaichean ud; oir bha iad ann an ùine ghoirid ag itheadh closnaichean a’ chruidh fhiadhaich a bhiodh daoine sealg gus na seiceannan a thoirt dhiubh. An uair a gheibheadh an luchd-seilge fàth air treud mhòr dhe’n chrodh-fhiadhaich, agus a mharbhadh iad àireamh mhath dhiubh ’s a bheireadh iad dhiubh na seiceannan, thogadh na closaichean aca plàigh anns an àite mur b’e gu’n robh na seangain ’g an itheadh. Cha’n fhàgadh iad feòil no féithe air na cnamhan. Cha’n fhàgadh iad luch no rodan, no creutair beò no marbh eile nach itheadh iad. Dh’ itheadh iad na daoine nam faigheadh iad an cothrom orra.
Ach mar a chuala mi anns an sgeulachd, “Tha ’mhuc a’s mugha ’g itheadh na muice a’s lugha, agus tha mhuc a’s lugha deanamh mar a dh’ fhaodadh i.” Ma tha na seangain a’ tighinn beò air creutairean eile, tha creutairean eile ann a tha tighinn beò orra fhein. Tha beathach cho grannda ’sa chunnaic mo shùil riamh a’ cur as do mhòran dhiubh. Tha ceann agus gnos fad’ air. Agus tha ’theanga cho fada ’s gu’n cuir e leith troidh am mach as a bheul i, an uair a bhios e ag itheadh nan seangan. Tha mu cheithir troidhean gu leth a dh’ fhad eadar a ghnos agus bun an earbaill. Tha earball giobach air anns am bheil corr is dà throidh air fad. An uair a dh’ itheas e a leor dhe na seangain caidlidh e ann an àite cho tearainte ’s a gheibh e. Cuiridh e a cheann agus a chasan cho dlùth air a’ chéile ’sa ghabhas deanamh, agus sgaoilidh e ’earball air uachdar a chinn gus e fhein a dhion o theas na greine. Anns an dòigh so caidlidh e fad seachdain. Cha chuir an creutair grannda so dragh no tuairgneadh air neach sam bith. Ma chuirear faragradh sam bith air grad theichidh e.
Tha beathach eile ann a tha tighinn beò air na seangain mar an ceudna. Is e“armadillo”an t-ainm a th’ air. Tha ’n com aige mu thri troidhean a dh’ fhad. Tha sligneach chruaidh air o a shròin gu barr an earbaill. Cha dean e coire air duine; ach teichidh e agus falaichidh e e-fhein anns an ùir ann an tiotadh. Tha e anabarrach doirbh a mharbhadh; oir tha’n sligneach cho tiugh ’s cho laidir air ’s nach deanadh buille coire sam bith air. Ach an uair a mharbhar e faodar an fheoil aige itheadh, oir tha i cho fallainn agus cho blasda ri feoil sam bith. Ged a chunnaic sinn na creutairean so cha do chuir iad dragh sam bith oirnn, agus uime sin cha do chuir sinne dragh sam bith orrasan. Mar a thuirt Glag Scain, “An rud nach buin duit na buin da.”
(Ri leantuinn.)
CUCHULAINN.
Am measg fearas-chuideachd us caitheamh-aimsire an t-saoghail gu leir, cha ’n ’eil ann na bheir barr air na sgeulachdan, no a theid ni’s fhaide ann an deagh-ghean a’ chinne-daonna aig ro mheud na speis a chuirear annta. Tha fhios againn gur i an naigheachd is mo am bliadhna a’s lugha an ath-bhliadhna, gidheadh, is ann an diugh fein a tha eachdraidh ’ga dealbhadh, agus is math an toirt-fainear a bha aig ar sinnsirean air a’ chuis. Is iad na sgeoil, na h-uirsgeulan, agus seanachas is bonn-steidh do litreachas duthchasach a h-uile fine. Agus is ann againne a tha an comh-chruinneachadh is mò, de na sgeulachdan is ciataiche dreach agus is boidhche fiamh, a tha aig meur no treubh de phobull sam bith a tha fathast air mhaireann anns an t-saoghail mu ’n iadh a’ ghrian. Ged a bha na ceud chleirich a thainig gus na h-eileanan so leis an leabhar naomh ’nan lamhan, dealasach, durachdach, dian, mar bu choir a’ bhith, as leth an t-soisgeil, thuig iad gu’n robh maise agus maitheas ann an sgeulachdan nan Gaidheal a bu bhuidhe leo ’fhaicinn; gu seachd sonruichte an ard-chliu agus am fialaidheachd, an ceartas agus an uaillse, an onoir bheadarrach agus an treibhdhireas nach lubadh, a bha air an ainmicheadh air na h-armuinn a bu luaidh do na sgeulachdan gu leir. Mar sin, b’iad na cleirich a b’ eachdraichean do’n duthaich mar is trice, agus is ann air sailthaobh nan daoine foghainteach ud a tha na h-uiread meas aig na h-ollamhan Eorpach air fad air ar teangaidh an latha an diugh; oir ge b’e taobh a rachadh na Gaidheil—agus cha robh aite ann air nach tugadh iad aghaidh—dh’ fhagadh iad a ghnath ’nan deigh cuimhneachain orra fein ann an cumadh sgriobhaidh. Tha fathast agus bithidh re uine, dioghluim dhichiollach aig na h-oileanaichean air litricheas Gaidhealach, agus so dhut, a’ leughadair, beagan de bhrigh an saothrach.
Tha e coltach gu’n robh Cuchulainn ann fada, fada roimh Fhionn Mac Cumhail, agus b’e “mac dea dechtiri” no mac na ban-dia Dechtire a thugadh
[Vol . 8. No. 7. p. 2]
air. Re fad a shaoghail tha e fo churam “Lugh Lamfada,” cleas Dhiarmid O’Duibhne, ri linn Oisein, a bha fo churam curaidh d’am b’ainm Aonghas; ach a’ bharrachd air sin, chithear eugas Luigh Lamfada le Dechtire, mathair Chuchulainn, a dh’ innseas di gur e fein (is e sin Lugh fein) a tha ’na mhac di. Cha’n eil ann an so ach creideamh nan Gaidheal o shean, eadhon, gu ’m faodadh curaidh air uairibh a’ bhith air a breith a rithist; agus tha fhios againn gu’m beil faisdine ann fathasd, am measg nan Cuimrich a their, gu’n tig Righ Artur a rithisd. Bheir sin ’nar cuimhne Phoenix agus an doigh-bhreith neonach a bha aice sin. Ann an “Tochmarc Emere,” is e sin, suiridhe Emere, innsear gu’n robh na h-Ultaich deonach bean ’fhaotainn do Chuchulainn agus fios aca gu’m b’e fein a rachadh a’ bhreith, is e sin, gu ’m b’ ann ris fein a mhain a rachadh a leithid eile a dheanamh.
Anns an aon sgeul “Tochmarc Emere” cuirear Emer i fein ceistean air Cuchulainn a’ thaobh a bhreith agus ’arach. A’ freagairt do Chuchulainn, cha deanar luaidh idir leis air Sualtach, am fear a shaoilear a b’ athair da, ach sloinnear e e-fein le ardan agus mor-chùis air Lugh Lamfada.
Ged a tha cuid de na sgeoil thar a’ cheile agus gu’n deach cuid eile a’ chall, cha’n eil teagamh ann a’ thaobh an ruin. Co-aontaichidh iad uile air a so, nach ’eil roinn sam bith aig an cuid churaidhean no ghaisgeach ann am beatha chumanta dhaoine eile. Tha cumhachd agus buaidhean aca thar cach, agus neart agus spionnadh dhiathan. Cha’n ann gun fhios c’ar son, a chi sin Lugh Lamfada agus Cuchulainn air an tathadh ri ’cheile leis na seanachaidhean ann an iomadh sgeul. Anns an sgeul “Diol cloinn Tuireann” cluinnidh sinn mu’n Lugh cheudna, “Lugh Lamfada loinnbheimionach.” Nithear marcachd leis air steud-each Mhanannain Mac Lir, (eadhon, an dia-mara), a bha cho luath ri gaoith fhuair Earraich, agus bha e air ’eideadh ann an luirich agus clogaid Mhanannain, air doigh agus nach gabhadh e leonadh idir, agus an am do’n Chathbharr (no’n clogaid) tighinn dheth bha ’aghaidh agus aodann cho boillsgeach ris a’ ghrein, latha tioram Samhraidh. Tha e soilleir, as an sgeul so, gur e Lugh Lamfada an dia-greine, oir eiridh e as an aird an ear, a tir Mhanannain (is ainm arsaidh e so air son na mara, agus is ann uaithe a shloinnear an t-eilean ud). “Is brathair do’n diosg an tuairnear,” agus is coltach ri cheile a tha sgeul Luigh Lamfada agus sgeul Chuchulainn; oir innsear dhuinn gu saor, gu ’m b’ ann ’s an fheasgar a thigeadh an an-riochd druidheachd air Cuchulainn, agus gu’n tigeadh e fein a rithisd gu trath an ath latha os comhair mhnathan Eire ’na lan neart agus ’na bhoillsgeadh. An taice ris na h-iomraidhean so, faodaidh sinn fios eile a’ charadh de na dh’ aithriseadh m ’a thimchioll, “gu’n tuiteadh doille air gach mnaoi aig an robh gaol air,” seadh, sgriosar armailtean le aon sealladh de a shuilean agus is comharra sin air cho duilich agus a tha dearcadh direach air a’ ghrein. Tha de gheasaibh air eiridh roimh do’n chamhanaich leathadh air Emain Macha (priomh-bhaile Eire). Ni e marcachd ann an carbad air a tharruing le each dubh agus each glas, samhlaidhean air an oidhche agus air an la. Is e fein a rinn na h-eich iomraiteach so a ghlacadh, —eich a thainig a loch draoidheachd agus a theid ann a rithisd an deigh bas am maighstir. Orra-san siubhlaidh e a’ mhachair ’na dheann, agus leo-san eiridh e a dh’ aon leum thar nam beanntan. Cuiridh iad cuairt air Eirinn tri uairean gun an anail a’ leigeil. Am fear a bhitheadh ughdarras aige air an leithidean so de ainmhidhean cha’n ioghnadh ged a bhitheadh buaidhean ann, d’a reir. Mar sin ruigidh e trein a neirt fada roimh an am abhaistich, agus an uair nach ’eil e ach seachd bliadhna, bheir e buaidh am mach air gach curaidh eile, agus ni e cleasachd agus gaisge mar nach do rinneadh riamh roimhe agus nach deanar a rithisd. Ge beag an laoch, is dreachmhor e, ach an àm bualadh sgeithe agus ri linn tarruing lann, tha e a’ dol am meud iongantach, gailbheach, tha re-chearcall de a cheann, tha an iolaire ag iomluasgadh os a cheann, agus teas cuthachail de a chorp. Uair de na bha ann leaghadh an teas so an sneachd uile a bha mar deich troidhean air fhichead da, agus cha leigeadh an teas le cach tighinn ’na choinneamh. Uair eile, theid a thomadh ann an tri dabhaichean uisge an deigh a’ cheile ma’s gabhadh an teas toirt as agus bha uisge an dabhach deireannaich ro theth airson craicionn dhaoine eile. An deigh an treas tomaidh, thainig rughadh naire maoth, tla air, o mhullach a chinn gu bonn a choise. Saoilear gur e a tha againn an so, a’ ghrian a’ dol fodha agus tighinn am follus a rithisd le boidhchead a chuireas teanga an duine ’na thosd. Bheireamaid fa’near mar an ceudna gur e an striobh a bu mharbhaiche bha riamh aig Cuchulainn, an ionnsuidh a thugadh air leis na seachd mic thar fhichead a bha aig an laoch Calatin; is ann air eiginn a fhuair e buaidh orra idir, agus an deigh an ceannsachadh cha d’ thainig eagal naimhde air a rithisd. Ach rugadh sia mic agus nighean do Chalatin an deigh sgrios chaich, agus chaidh iad so na bhadaibh aig Muirthemne, a’ chaonnag dheireannach a chuir an laoch. Le draoidheachd, dolbh, agus rosachd, rinneadh armailtean agus feachdan leo de fheochadain agus de na bearnan bride, de dhuilleach bhoidheach an daraich agus de na feur-chasan aotrom, luaineach, air achd agus gu ’n do chualas le Cuchulainn, ma b’fhior, am bannalan-conais ’nan sreathan-cogaidh ag eigheach mar gu’m bitheadh iad a’ toirt ionnsuidh air Emain Macha agus iad ag iadhadh mu’n bhaile sin gus a sgrios. Bu diomhain d’a chairdean ’innseadh dha nach robh anns na chunnaic e ach feur agus duilleach. Cha chreid e uapa e. Gidheadh, tha ’fhios so aige, gu’m bheil a bharra-mhanadh am mach air, agus theid e an dail a’ bhais gu neo-sgathach, bras.
Tha e soilleir gu leor as a so, gur ionann Cuchulainn agus a’ ghrian; agus nach ’eil ann ach a’ ghrian ach beag air a dubhadh as le domhaileachd nan neul agus dorchadas a’ cheo a tha bagairt a smaladh. Is e fior bhardachd a dhealbh na smaointean a tha fo ar n-aire an drasd, agus is ciatach an samhladh e air an dragh a chuireas nithean suarach air inntinn mhoir. Oir thainig gruaim agus duibhre air anam Cuchulainn ri linn da fiachainn ri togail fo’n cheo, an namhaid air nach beireadh e agus nach d’ fhuair e a’ ghlacadh. Mar sin do’n ghrein, an uair a thig an ceathach agus a sgaoileas e thairis uirre, agus cha ’n eil duine againn nach d’ fhairich dubhachas-inntinn an uair a theirigeas do ’n ghrein agus na neoil ’gar cuairteachadh. An àm cuir a gathan troimh a’ cheo, lasaidh a’ ghrian dearg agus mar sin fein do Chuichulainn. An àm catha cha’n aithnich a chairdean e. Tha aon sealladh de a shuil ’na bhas do na ceudan; cinnidh e ’na fhamhair aibhseach, iongantach, gach feith ’na chorp air chrith le feirg. Tha a luirgnean as an alt, gabhaidh a ghluintean gu a chulthaobh, agus thig a mhasan air a bheulthaobh. Tha cuimhne againn uile, gu’n robh tri chinn agus tri chuirp ri am faicinn air Caoilte, fear de’n Fheinn, an uair a bhitheadh e ’na lan luathas, agus tha a choltas air a chainnt gur sean doigh Ghaidhealach i airson cabhag iongantach a chuir an ceill. Ach is ann do Chuchulainn amhain a bhuineadh an t-atadh mor sin air an do rinn mi luaidh; bhitheadh e ann-san, ’fhad agus a bhitheadh gruaim nam blar air, agus b’e “riastradh,” sean bhrathair airson “atadh,” a bha aig na baird air. Air an laimh eile, am feadh agus nach ’eil dad a togail fo chridhe an laoich, cha ’n eil ann ach “duine beag, loinnreach,” agus iadsan do nach aithne e ni iad tarcuis agus gamhlas air. Comharra e so air a ghrian a’ snamh na h-aonar anns na speuran, agus gun innte ach ni gle bheag agus suarach ri sealltuinn air; ach is mor, mor a tha eadar sin agus mar a bhitheas i an àm eiridh anns a’ chamhanaich no an àm dol fodha anns a’ mhuir.
Ged nach ’eil moran de na sean orain Ghaidhealach air an aon sgeul mu Chuchulainn, no mu ghaisgeach sam bith eile air an dean iad innseadh, cha ghabh teagamh a’ chuir anns a’ chuid so de’n ghnothuch, eadhon gur i a’ ghrian no sean dia-greine Ceilteach a tha ri faicinn ann-san. Agus bitheadh gu’n deach an sgeul troimh a’ cheile a reir iolaras inntinnean nam bard leis an do dhealbhadh na dain mhordha no na h-eachdraidhean anns am faighear sgeul Chuchulainn, their iad uile gur flath e, fialaidh, beusach, mor-inntinneach, gur bearn ’na onoir, gun foill ’na chridhe. Bitheadh gu ’n dean e caonnag gu bas le a shean charaid Ferdia, is ann le draoidheachd Meadhbh, ban-righinn chumhachdach Connacht, a theid an gniomh a’ chur mar fhiachaibh air. Mairidh an tuasaid tri laithean, agus an ceann gach latha, cuiridh na h-armuinn an cuid airm bhuapa, agus theid iad ann an guaillean a’ cheile, cuiridh an dara fear a ghairdeanan mu mhuineal an fhir eile, agus bheir e tri pogan da. Agus an deigh do Chuchulainn Ferdia a’ mharbhadh, caoinidh e thar tomhas e, gun a bhith ’ga iarraidh gu’n eireadh a chliu ’na bhas; agus tha anam Fherdia a cheart cho mor-inbheaeh ri anam Chuchulainn, oir tha a ghuidh leis, ged is ann leis a chaidh a chur a’ dhith. Gu deachdta, cha’n fhaodar naimhdean a’ thoirt orra, o chionn a liuthad ceartas agus cothrom gan toirt dha cheile aca. Mar sin agus do an ceachdaire chaidh chuir a dh’ ionnsuidh Chuchulainn an uair a bha ar laoch ’na luidhe tinn anns an Luchairt Bhric, agus a naimhdean, na h-Ultaich ’nan sgothan taobh am muigh na Luchairt. An uair a shirear a ghno air an teachdaire, bheirear am freagairt so leis; “Nam bu slan da-san a tha ’na luidh an so gu tinn, rachadh e ’na urras orm an aghaidh na dh’ eireadh de Ultaich; tha e nis fo chion comais, ach coma, is ann mar sin fein, is mò gu mor is didean dhomhsa e. Is ionann sin agus a radh nach gabhadh a naimhdean brath air galar Chuchulainn gu foirneart a’ dheanamh air a charaid aige, ach an aite sin gu’n robh a thinneas ’na bhrosnachadh dhaibh gu barrachd gean agus suairceas a’ nochdadh do’n teachdaire na dheanadh iad ’s Cuchulainn ’na slainte.
Ma’s iad na Samhanaich no na Paganaich a tha againn an so, mo chion oirra! Is uaisle agus is fialaidhe iad ’na iomadh fear a tha mor agus uallach a sochairean an naodhamh linn deug, agus leis nach dana a radh gur ann o a shinnsirean da.
Bha firinn agus facal ann eadar Cuchulainn agus a ghuailleachan Conall Cernach, (i. e. “Buadhmhor”) am fear a thuiteadh an toiseach gu’n toireadh am fear eile dioghaltas am mach air a shon. Chithear le Conall Cernach each Cuchulainn ’na aonar, fuil agus feoil agus feithean air dol thairis air ach gu’n robh cnamhan slan aige, agus bu chomharra e sin do Chonall gu ’n robh a ghuailleachan
[Vol . 8. No. 7. p. 3]
Cuchulainn air slighe na firinne. Le cheile, shirear corp Chuchulann agus an uair a gheibhear e, sinear air lorg nan cas-cheuman a chithear timchioll. Rainigear Lugaid, am fear a mharbh e; agus sin, laimh ris ceann nan ciabhag buidhe, ceann Chuchulainn. Cuirear a’ chath, ach iarrar air Conall Cernach le Lugaid, firinn dhaoine, is e sin, chothrom na Feinne a’ thoirt da. Oir tha Lugaid air leth-laimh. Ceanglaichear lamh Chonaill Chernaich r’a thaobh, agus leanar rompa. Ach mur b’e each Chonaill cha bhitheadh buaidh air fear seach fir dhiubh. Chunnaic an t-each gu’n robh a mhaighstir air anacothrom, agus shath e ’fhiaclan ann an sliasaid Lugaid. “Is mairg mar a thachair dhomh,” ars esan, “Cha’n e sin firinn dhaoine, a Chonaill,”
ga aghart air gu’n do rinn e feall air. “Cha tug mi dhut e, ach a mhain as mo leth fein,” arsa Conall, “chan ann as leth ainmhidh neo-chialaich.” “Tha fhios again a nis,” fhreagair Lugaid, “nach falbh thu gus an toir thu mo cheann bhuam mar a thug sinne a cheann o Cuchulainn. Thoir leat mo cheannsa, uime sin, agus cuir mo rioghachdsa ri do rioghachd agus mo ghaisge-sa ri do ghaisge. Oir b’ fhearr leam gu’m bu tu an gaisgeach a bu treine bhitheadh an Eirinn.” Sgathar bhuaithe an ceann, agus diolar Cuchulainn.
Nach boidheach an samhladh e so air glainead-inntinn agus ionracas-cridhe ar sinnsir! Cha leaghadh a’ choir ’nam bial-sanl Bu bhuidhe leo ceartas seach na bha de sheudan air ur-uachdar an t-saoghail. Mairidh cliu an deigh bais, agus b’e sin a bha air suilean aca. Cha b’fhiach le Conaill cothrom a’ ghabhail air a namhaid, agus cha’n eil fearg no tnuth an cridhe Lughaid ’na aghaidh, chionn gur ann le Conall a thuiteas e.
CONAN.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. VIII.
An uair a bha na cuisean a dh’ ainmicheadh mar tha a’ dol air adhart ann an luchairt Righ nan Eileanan, bha nithean gle choltach riutha a’ dol air aghart ann an luchairt Righ Shina.
Thug na fathaich leotha nighean Righ Shina air ais, mar a dh’ aithn Maimoun dhaibh, agus chuir iad ’na laidhe i air an leabaidh as an d’ thug iad i. Agus an uair a dhuisg i anns a’ mhadainn, sheall i air gach taobh dhi, agus an uair a chunnaic i nach robh Phrionns’ Alsaman ri ’taobh, ghlaodh i cho ard ’s gu ’n d’ thainig na mnathan-coimhideachd far an robh i anns a’ mhionaid. B’e ’cheud te dhiubh a thainig, a’ bhanaltrum a bha frithealadh dhi riamh o rugadh i, agus dh’ fheoraich i dhith, an e tinneas, no trioblaid sam bith eile a bha ’cur dragh’ oirre.
“Innis dhomh,” ars’ a’ bhana-phrionnsa, “ciod a dh’ eirich do’n duine og a chuir an oidhche seachad ’na laidhe anns an leabaidh so. Ghabh mise gaol mo chridhe air.”
“A bhaintighearna, cha’n urrainn sinn a thuigsinn ciod a tha sibh a’ ciallachadh, mur e bhur toil a’ chuis a shoilleireachadh na ’s fhearr dhuinn,” ars’ a’ bhanaltrum.
“Bha duine og cho dreachar ’s a chunnaic suil riamh ’na laidhe ri m’ thaobh an raoir, agus a dh’ aindeoin na rinn mi de chrathadh ’s de chniodachadh air, dhu-dh’ -fhairtlich orm a dhusgadh. Innis dhomh c’aite am bheil e?”
“A bhaintighearna, is ann gu spors a dheanamh oirnn a tha sibh a’ cur nan ceisdean sin oirnn. Is fhearr dhuibh eirigh,” ars’ a’ bhanaltrum.
“Is ann a tha mi da rireadh; agus feumaidh mi fios fhaotainn anns a’ mhionaid c’aite am bheil an duine og.”
“A bhaintighearna,” ars’ a’ bhanaltrum, “chaidh thu laidhe ’nad onar an raoir; agus cha ’n urrainn dhomhsa thuigsinn cia mar a b’urrainn duine sam bith faotainn a steach do ’n t-seomar gun fhios dhuinne. Bha sinn uile ’nar laidhe fad na h-oidhche aig dorus an t-seomar; bha ’n dorus glaiste, agus bha ’n iuchair ’nam phocaid.”
An uair a chual’ a’ bhana-phrionnsa na briathran so, chaill i a foighidinn buileach glan. Rug i air ghruaig air a’ bhanaltruim, agus sgrob is dhorn i i gu math ’s gu ro mhath, agus thuirt i, “A sheana bhana-bhuistreach, mur grad innis thu dhomhsa c’aite am bheil an duine og, cuiridh mi an t-eanachain asad.”
A dh’ olc no dh’ eiginn gu’n d’ fhuair a’ bhanaltrum, chaidh aice mu dheireadh air i fhein a thoirt as; agus ghrad chaidh i direach mar a bha i, le a falt slaodadh rithe, agus a’ fuil ’g a dalladh, far an robh a’ bhanrigh. An uair a chunnaic a’ bhanrigh an sealladh anns an robh i, ghabh i uamhas gu leor, agus dh’ fheoraich i dhi co rinn an droch dhiol oirre.
“A bhaintighearna,” ars’ a’ bhanaltrum, “tha sibh a’ faicinn an droch dhiol a rinn bhur nighean fhein orm. Cha ’n ’eil teagamh nach robh i air mo mhort, mur b’e gu’n d’fhuair mi gu fortanach teicheadh as a lamhan.”
An sin dh’ innis i a h-uile car mar a thubhairt s’a rinn a’ bhana-phrionnsa. An uair a chuala ’bhan-righ mar a bha, ghabh i ioghnadh anabarrach. Cha b’ urrainn d’ i a thuigsinn cia mar a bha a h-ighean cho mor air seacharan ’na h-inntinn ’s gu’n saoileadh i nach e bruadar a chunnaic i.
“Faodaidh sibh a bhith lan-chinnteach gu’m bheil bhur nighean air a dhol as a rian; ach mur ’eil sibh ’g am chreidsinn-sa, is ann is fhearr dhuibh a dhol far am bheil i, agus an sin creididh sibh e,” ars’ a’ bhanaltrum.
Marabha nadarrh gu leor, bha gradh mor aig a bhan-righ d’a h-ighinn, agus gu’n dail sam bith chaidh i fhein agus a’ bhanaltrum far an robh i.
An uair a rainig i, shuidh i aig taobh na leapadh, agus an uair a dh’ fheoraich i cia mar a bha i, dh’ fhaighneachd i dhith, c’ar son a bha fearg oirre ris a’ bhalaltrum, agus a thug i droch laimhseachadh dhi. “Cha robh e ceart dhut a leithid a dheanamh; cha bu choir do bhana-phrionnsa mar a tha thusa leigeadh le a droch nadar lamh-an-uachdar fhaotainn oirre,” ars’ a’ bhanrigh.
“A bhaintighearna,” ars’ a bhana-phrionnsa ri ’mathair, “tha mi ’faicinn gu soilleir, gur ann gus cuis-mhagaidh a dheanamh dhiom a thainig sibh an so. Ach tha mise ag innseadh dhuibh gu saor, soilleir, nach leig mi fois no tamh dhuibh gus an aontaich sibh gu’m posar mi ris an duine og a bha ’na laidhe ’s an leabaidh so an raoir. Feumaidh gu’m bheil fhios agaibh far am bheil e, agus air an aobhar sin, tha mi ’guidhe oirbh, gu’n leig sibh leis tighinn a steach g’ am fhaicinn an so.”
“Tha mo chainnt a’ cur moran ioghnaidh orm, a nighean,” ars’ a’ bhan-righ; “cha ’n aithne dhomh dad mu dheidhinn an duin’ oig air am bheil thu ’bruidhinn.”
An uair a chual a’ bhana-phrionnsa so, dh’ fhas i suarach mu ’m mathair, agus thuirt i, “Sharaich sibh fein agus m’ athair mi ag iarraidh orm posadh an uair nach robh toil sam bith agam posadh. Ach tha toil agam posadh a nis, agus cha ghabh mi fear sam bith ach an duine og air an robh mi bruidhinn. Mur leig sibh leam a phosadh. cuiridh mi lamh ’nam bheatha fhein.”
An uair a chual’ a bhanrigh so, dh’ fheuch i ri sith a chur air a h-ighinn le comhairlean ’s le reusanachadh ciuin, siobhalta. Ach an aite eisdeachd le urram agus le foighidin ris na briathran a bha ’mathair ag radh rithe, is ann a thug i freagairtean gun tur agus mi-iomchuidh oirre. Agus mu dheireadh, an nuair a chunnaic am mathair nach robh rathad aice air tur no reusan a chur innte, dh’ fhalbh i, agus dh’ innis i do’n righ a h-uile car mar a bha.
An uair a chual’ an righ mar a bha, chuir e roimhe gu’n rachadh e gu’n dail far an robh a nighean. Agus an uair a chaidh e do ’n t-seomar anns an robh i, dh’ fheoraich e dhith, an robh firinn anns na chual’ e mu ’deidhinn.
“Le ’r cead, a righ,” ars’ ise, “na biodh an corr bruidhne eadrainn mu’n chuis; cha’n ’eil mi ag iarraidh a dh’ fhabhar oirbh ach gu ’n toir sibh dhomh cead an duine og a bha ’na laidhe ’s an leabaidh comhladh rium an raoir a phosadh,”
“Ciod e tha thu ’g radh, a nighean!” ars’ an righ, “an robh fear sam bith na laidhe comhladh riut an raoir?”
Mu’n d’ fhuair a h-athair uine air a’ chorr a radh rithe, thuirt i ris. “C’ar son a tha sibh a’ feorach dhiom an robh neach sam bith ’na laidhe comhladh rium an raoir? Is math a tha fhios agaibh gu’n robh. Is e duine cho fior dhreachar ’s a chunnaic grian riamh. Tha toil agam a phosadh; agus tha mi guidhe oirbh gu’m faigh sibh dhomh e ri phosadh gun dail sam bith. Ach air eagal nach lan chreid sibh gu’n robh an duine og air am bheil mi ag iomradh, ’na laidhe anns an leabaidh comhladh rium, seallaibh, ma ’s e bhur toil e, air an fhainne so. Bha mi ’ga chrathadh ’s ’g a chniodachadh cho math ’s a b’ urrainn domh feuch an duisginn e; ach dh’ fhairtlich orm a dhusgadh.”
An uair a thuirt i so, sheall i am fainne a bh’ air a meoir a dh’a h-athair. Cha robh fhios aig a h-athair ciod a theireadh no deanadh e. Ach o’n a bha e roimhe sid a’ smaointean gu’n robh i air a dhol beagan as a rian, bha e nis a smaointean gu’n robh i air a dhol as a rian buileach glan. Air an aobhar sin, cha dubhairt e an corr rithe. Ghrad thug e fa near a cur ann an geamhail air eagal gu’n deanadh i cron oirre fhein, no air daoine eile. Bha ’bhanaltrum gus a bhith frithealadh dhi, agus bha aireamh dhe na seirbhisich gu bhith gleidheadh an doruis a latha ’s a dh’ oidhche.
Bha’n righ gu mor fo bhron ’s fo lionn-dubh air son mar a thachair dh’ a nighinn, agus chuir e roimhe gu’n deanadh e gach ni a ghabhadh deanamh a chum a ciall ’s a tur fhaotainn dhi. Chuir e fios air an luchd-comhairle, agus dh’innis e dhaibh a h-uile car mar a dh’ eirich do ’n nighinn aige, agus thuirt e, “Ma theid aig a h-aon sam bith dhibh air mo nighean a leigheas, gheibh e i ri posadh, agus bidh e ’na righ an deigh mo bhais-sa.”
Am measg an luchd-comhairle bha aon fhear ris an do thaitinn an tairgse so anabarrach math. Ged a bha e air tighinn gu greis aoise, bu ghle thoigh leis bana-phrionnsa og, mhaiseach fhaotainn ri ’posadh, agus a bhith na righ air rioghachd mhor chumhachdach Shina. O’n a bha e ’na duine aig an robh moran fiosrachaidh mu dheidhinn draoidheachd, thuirt e ris an righ gu’n gabhadh e os laimh a nighean a leigheas, agus gu’n robh dochas laidir aige gu’n rachadh an gnothach gu math leis.
“Tha mise toileach gu leor,” ars’ an righ; “ach dhichuimhnich mi aon ni innseadh dhut, agus is e sin, gu’n cuirear an ceann dhiot, mur teid agad air mo nighean a leigheas. Cha bhiodh e reusanta gu’m faigheadh tusa no duine sam bith eile a leithid so de dhuais mhoir gun a dhol troimh chunnart sam bith. Agus na cumhnantan a tha mi ’cur fa do chomhair-sa, tha mi ’g an cur fa chomhair gach aoin eile a thig ’na d’ dheigh, a chum gu’n smaoinich iad roimh laimh air a’ chunnart a tha iad a’ ruith.”
(Ri leantuinn.)
[Vol . 8. No. 7. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., OGUST 25, 1899.
AIMHREIT AN T-SAOGHAIL.
Is e mearachd mhuladach, mata, ’rinn Gladstone, ’n uair a thug e fein-riaghladh do na Boeirich, anns an Transbhaal, ged bha onoir an fheachd Bhreatunnaich anns an duslach, agus ged nach d’ fhuair ceannardan agus saighdearan Bhreatunn comas no cothrom air an cliu ’s an ainm aosmhor, gasda anns an stri, ’fhaotainn air an ais. Aidichidh duine air bith aig am bheil eolas air farsuingeachd nan tirean air am bheil sealbh aig Breatunn, gur e saothair chruaidh, dhuilich, iomaguineach a tha daonnan aig luchd-riaghlaidh Bhreatuinn r’a dheanamh. Tha feum aca gach latha air gliocas anabarrach; air foighidinn nach ’eil gann no faoin; agus air duinealas treun, airson ceartas ’us sith ’us soirbheachadh a chosnadh, a dheanamh, agus a chumail suas. Tha, gu fortanach, luchd-riaghlaidh Bhreatunn de ’n aon bheachd a nis, gu feum iad daonnan, ann an doigh agus le beachdan a tha co-ionnan, cuisean na rioghachd a reiteachadh agus a threorachadh, thall ’s a bhos, ann an Asia, ann an Africa, agus ann an America. Airson fineachan leth-fhiadhaich a thogail bho inbhe iosal, bhochd, gu inbhe ’s fearr agus a’s airde; airson daoine truagha, gun eolas, gun tearuinteachd, gun comhfhurtachd, a thabhairt bho staid bhronach, eu-ceilidh, gu seasamh calla, ciuin, fabharach anns an t-saoghal, is ann do Bhreatunn a bhuineas an t-aite ’s modha ’s a’s measaile. Thig e mar so do luchd-riaghlaidh Bhreatuinn a bhi daonnan eudmhor as leth na saorsa, an ionracais agus a cheartais, agus a bhi ullamh gach latha ’dhion le faobhar a’ chlaidheimh (mur dean comhairlean eile maith no stath) aobhar ’us neart na saorsa ’s a’ cheartais agus na seirce. Ma thionndas Breatunn gu comhairlean gealtach, truagha, mar a rinn Gladstone anns an Transbhaal, is e amaideachd a ni i, ’s is fhearr dhi a h-inbhe ard, urramach a threigsinn; oir gu brath an t-saoghail cha choimhlion i an obair mhor, mhaith ’us chliuiteach a tha aice r’a dheanamh, le bhi gealtach, no le bhi air caochladh comhairle gach uair a gheibh luchd-riaghlaidh ur ughdarras anns an rioghachd. Bu mhaith a bhitheadh cor ’us suidheachadh an Transbhaail nan do leig Gladstone do nithean anns an tir so fantainn mar bha iad, agus nan do leig e do Bhreatunn fein lamh an uachdair a bhi aice ann an cuisean na duthcha so ’riaghladh agus a chumail ann an ordugh ceart, seasmhach, daingean, onorach, agus measail. Cha bhitheadh cothrom mar so, aig an amadan bhochd, fheineil, Crugair, agus a Bhoereich, air gach othail ’us upraid ’us aingidheachd a tha iad a cur an gniomh, a nochdadh no ’fhadadh suas. Is e duine smachdail, tapaidh, comasach a tha ann am Maighstir Chamberlain. Cha bhitheadh iongantas air MAC-TALLA ’s orm fein ged bhitheadh an duine tuigseach, comasach so aig ceann luchd-riaghlaidh Bhreatuinn mun tig crioch air a chuairt thalmhaidh. Rinn luchd-riaghlaidh Bhreatuinn a nis suas an inntinn gur ann doibhsan da-rireadh, agus do ’n Bhan-righ, a bhuineas ard-uachdaranachd an Transbhaail; agus mar toilich Crugair agus a Bhoereich saorsa ’s ceartas a thabhairt do na daoine treubhach, dichiollach a tha ’tuineachadh ann an Iohannesburgh agus anns a’ choimhearsnachd, agus a tha ’cladhach an oir, agus a’ cur suas beartas na duthcha, thig crioch obann air gach reusanachadh leis. Cuiridh an t-arm dearg crioch ann an uine ghearr air ughdarras fein agus a’ Bhoeirich, le ’m beachdan paisdeil, cumhann, truagha. Theid an ughdarras bun os cionn, agus dealraichidh latha grianach air a chuibhrionn so de Africa, do bhrigh nach ’eil Crugair agus a luchd-comhairle tuille ’cumail na duthcha air a h-ais, agus a’ cumail bho iomadh duine tuigseach na coirean air am bheil meas aige, agus is abhaist do Bhreatunn a bhuileachadh gu toileach agus gu firinneach air gach duine dubh ’us geal ’us odhar, aig am bheil ciall ’us eolas, air feadh gach roinn ’us tir air am bheil sealbh aice. Ma dh’ fheumas i an lann a tharruing, thig bho Innsean na h-airde ’n ear deich no fichead mile saighdear, no gach saighdear air am bi feum aice, airson an Transbhaal a thabhairt gu brath as lamhan Chrugair agus a Bhoereich. Ged a b’e traillean a bhitheadh ann am moran de shluagh gasda Iohannesburg, agus a choimhearsnachd, cha bhitheadh iad a’ fulang barrachd spid ’us tair ’us amhghair na tha iad a’ fulang aig an am so. Tha Australia ’s Canada mar an ceudna, ’togail an guth gu duineil, cairdeil as leth nan daoine truagha nach ’eil a’ faotainn ceartais air bith bho Chrugair; ’us tha iad a gealltuinn gu cuir iad saighdearan gaisgeil, ma bhitheas cogadh ann, a bheir comhnadh do fheachd Bhreatuinn ann an atharrachadh riaghlaidh a chur air ’chois anns an Transbhaal. Tha ceanglaichean laidir graidh a nasgadh gach tir air am bheil suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns an t-soirbheas. Tha na ceanglaichean so ’fas gach latha ni ’s dluithe ’s ni ’s blaithe; ’s mar so tha cumhachd Bhreatuinn a’ cinntinn ni ’s dreachmhoire, ni ’s treise, ’s ni ’s meamnaiche.
Cheannaich bho cheann ghoirid Breatunn oighreachd fharsuing, bheartach, ann an airde ’n iar Africa, bho Chuideachd na h-Aimhne Niger. Aig ceann na Cuideachd so bha, re fichead bliadhna, an Ridir Seoras Goldie, —duine tuigseach, comasach, onorach, a choisinn oighreachd fhiachail; oir bha e daonnan glic agus aghartach as leth na Cuideachd air an d’ rinn mi iomradh, agus mar so as leth rioghachd Bhreatuinn gu h-iomlan. Shoirbhich leis gu ro-mhaith anns gach oidheirp a b’ eigin da ’dheanamh airson cuilbheartan nam Frangach agus nam Gearmailteach a bhacadh agus a chur sios. Aig am air bith an uair a tha feum sonruichte aig Breatunn air duine glic, treun, foghainteach airson obair chudthromach a dheanamh ann an tirean cein, agus am measg fineachan a tha fathast borb ’us luasganach, cha ’n ’eil e duilich an duine ceart, comasach ’fhaotainn. Tha Goldie airidh air cliu ’s moladh sonruichte, ’s tha Breatunn taingeil da. Thug luchd-riaghlaidh Bhreatunn faisg air ceithir gu leth muillion dollar do Chuideachd na h-Aimhne Niger, airson gach fearann ’us corach eile ’bha aca ann an Africa. Tha oighreachd ghasda ’s bheartach ur aig Breatunn a nis; agus gun teagamh cuiridh i gu buil mhaith duthaich fharsuing na h-Aimhne Niger.
CONA.
Cha tric leinn aithreachas a bhi oirnn air son gu’n d’ fhuirich sinn ’n ar tosd, ach is minic a’ ghabh sinn aithreachas a chionn nach do chum sinn ar teangadh.
Air an t-seachdain s’a chaidh, dh’ aithris sinn sgeul a bha dol mu’n cuairt ag radh gu robh Alasdair Domhnullach “righ a Chlondaic,” air bristeadh. Tha e air innse ’nise nach robh facal fhirinn anns an sgeul, agus gu bheil e cho comasach air a chuid fhiachan a phaigheadh ’sa bha e latha riamh.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
[Vol . 8. No. 7. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha Morair Minto agus a bhain-tighearna ann an Nobha Scotia air an t-seachdain so. Rainig iad baile Halifacs Di-mairt.
Chaidh fear Alasdair Peutan a mharbhadh anns a Mheinn a Tuath Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh le torr guail a thuit air ’nuair a bha e aig obair. Bha e da fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus dh’ fhag e bean us triuir chloinne.
Dh’fhalbh aireamh do dhaoin oga air an t-seachdain s’a chaidh air an turus dh’ionnsuidh na buana ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath. Bha mu dheich mile buanaiche a dhith orra anns na roinnean sin; tha am barr anabarrach math. Bha am faradh gle iseal.
Thatar an deigh toiseachadh air togail na drochaid a tha gu bhi air a cur tarsuinn Muggah’s Creek. Tha i gu bhi sia ceud deug troigh a dh’ fhad, fichead troigh air leud, agus coig troighean deug os ceann an uisge. Chaidh toiseachadh mar an ceudna air an laimhrig uir a tha cuideachd an iaruinn a togail; tha i mu leth-cheud slat a deas air laimhrig a ghuail, agus bidh i da cheud deug troigh a dh’fhad, agus fichead troigh a dh’airde os ceann an uisge.
Bidh cunntas air a chur gu aireamh de luchd-gabhail MHIC-TALLA an uine ghoirid, agus tha dochas againn gu ’n dean gach aon a gheibh cunntas, an t-suim a tha air iarraidh a phaigheadh gun dail. Chaidh a phostage a dhublachadh air na paipearan naigheachd toiseach Iulaidh, agus tha sin a deanamh cur-a- mach MHIC-TALLA cuide ris gach ni eile, ’na ghnothuch tuilleadh us cosgail gu bhi ’ga chur gu luchd-gabhail a tha fad air deireadh ann am paigheadh.
Thainig Innseanach a mhuinntir Hogamah gu Sidni Tuath an la roimhe agus chuir e cuairt air na taighean oil ag iarraidh deoch laidir. Fhuair e sin an deigh beagan siubhail a dheanamh, agus cho luath ’sa fhuair, chaidh e gu fear-ceartais, agus chuir e an t-òsdair ’san lagh. Tha cain throm, ceithir cheud dolair, air neach sam bith a reiceas deoch laidir ri Innseanach, agus ma theid am fear so fhaotainn ciontach, bheir e leasan do luchd-reic stuth laidir anns an da bhaile so nach misd’ iad idir.
Tha cuirt na suidhe o chionn faisg air da seachdain a feuchainn ri pris cheart a chur air an fhearann air am bheil cuideachd an iarrainn a cur nan obrachean, agus a tha ’m baile ceannach dhaibh. Tha sin gu math doirbh a dheanamh; tha iadsan aig am bheil am fearann ag iarraidh pris mhor air, pris nach eil am bhaile deonach a phaigheadh. ’S iad buil na curtach: —D. A. Hearn, os leth a bhaile; Uisdean Ros os leth luchd an fhearainn; agus Mr. Ritchie, a bha air ainmeachadh leis an ard-bhreitheamh, a reir giulain an lagha leis am bheil a chuirt air a suidheachadh. O’n a chaidh so a sgriobhadh chuir a chuirt crioch air an obair. Mheasadh fiach an fhearann gu h-iomlan aig $83 ,776,00 agus tha sin air a roinn air tri fichead us naodh pios fearainn ann an suimeannan a tha ruith o $25 .00 gu $8500 .00.
Bhapic - nicagus cluichean Gaidhealach ann a Hogamah Di-mairt s’a chaidh, agus chaidh mu cheud duine suas air a “Mharion” a Sidni ’s a Sidni Tuath. Bha an latha gu math fabharrach, agus bha cruinneachadh math aca.
Chaidh an tigh aig Domhnull Johnston, ann an Catalone, a losgadh gu lar oidhche Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair an teine air adhart cho fada mu’n d’ thugadh an aire dha ’s nach robh e comasach ni dhe na bha stigh a shabhaladh. Cha robh de dh’ aigead-urrais air ach suim bheag.
Cha’n eil samhradh a’ dol seachad gun aireamh mhor a bhi air am bathadh air cladaichean nan roinnean iseael. Tha chuid mhor dhiubh sin air an call a chionn nach eil iad comasach air snamh, ni a tha nochdadh cho feumail ’sa tha e gu’m biodh gach neach òg ag ionnsachadh snaimh. Chaidh aireamh mhor a bhathadh air an t-samhradh so fhéin.
Tha cas Dhreyfuis a dol air adhart fhathast, agus tha a chuid mhor de na fianuisean gu math làidir air a thaobh. Tha e gle choltach gu’m bi e air a shaoradh, ach cha’n urrainnear a bhith cinnteach a sin fhathast. Tha Maitre Labori, am fear-lagha aig Dreyfus a bha air a thilgeadh, air a dhol am feobhas, agus tha e nise comasach air a bhi frithealadh na cùrtach. Cha robh an lot a fhuair e cho dona ’sa bhatar am beachd an toiseach.
Thatar ag obair gu trang a’ deanamh deiseil larach na h-obair-iaruinn; tha mu sheachd ceud duine aig an obair, agus tha i air a cumail air adhart a latha ’sa dh’ oidhche. Tha na bataichean-aiseig a fagail Shidni us Shidni Tuath luchdaichte le luchd-obrach gach maduinn us feasgar. Thainig Mr. Whitney agus aireamh eile de luchd-riaghlaidh na h-obrach a nuas air an t-seachdain so a dh’ amharc thairis air na thatar a deanamh.
Tha na h-Innseanaich ann an Gleann Yaqui, air criochan Mhecsico, ri ar-a- mach fhathast; tha iad a’ cur rompa na chaidh a thoirt uapa dhe ’n cuid fearainn a chosnadh air ais, agus gach duine geal a tha chomhnuidh air an fhearann sin a mharbhadh. Tha aireamh de mheinnean airgeid ’gan obrachadh anns an àite, agus tha na h-Innseanaich an deigh an luchd-obrach a mharbhadh. Cha ’n ’eil iad gle lionmhor, ged a tha iad lan uidheamaichte air son cogaidh, agus cha ’n eil teagamh nach toirear fo chis iad an ùine gle ghoirid.
Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, bha teine ann am Port Morien leis an deachaidh sabhal agus stor le Uilleam Giovanetti agus sabhal le fear Leslie a losgadh. Thoisich an teine, mu mheadhon oidhche, ann an sabhal Giovanetti, agus ghabh an stor ’san sabhal eile uaithe sin. Ghabh an tigh aig Iain Mac Amhlaidh, (an gobha) cuideachd, ach fhuaireadh a chur as. Bha ceithir cheud de dh’ airgead-urrais air sabhal Givanetti, agus ochd ceud air an stor; bha tri cheud dolair air sabhal Leslie, a bha air ur-thogail. Bha stoc bathair a b’ fhiach ceithir mile dolair aig F. A. Crowell anns an stor, agus mu dha mhile dolair de dh’ airgead urrais air.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 7. p. 6]
AINMHIDHEAN.
Tha na sochairean sin gun àireamh a ta air am buileachadh air an duine leis gach beathach agus ainmhidh a tha teachd beo mu’n cuairt da. Tha ainmhidhean na macharach, a’ chuain, agus an adhair, air an dealbhadh le Dia chum maith do’n duine; agus tha na beannachdan agus na sochairean eugsamhla a tha iad a’ co’ -pairteachadh ris an duine co lionmhor ’s nach ’eil e comasach ach fior bheagan diubh a thoirt fa’near. Tha gach uile chreutair air a chruthachadh, cha’n e mhain freagarrach air son na staide sin anns an do shònraicheadh e leis an Fhreasdal sin a ta os ceann nan uile nithe, ach tha e air chruthachadh mar an ceudna chum maith soilleir agus sonraichte do’n duine. A thaobh morain de na creutairibh a tha air uachdar na talmhainn, cha’n ’eil e furasd a dheanamh a mach ciod am feum a ta air a shonrachadh leo, ach an deigh sin, tha iad gun teagamh chum feum araidh eigin, oir cha do chruthaicheadh ni sam bith gu diomhain leis-san, tha gu neochriochnuichte glic. Is iad na beathaichean a tha ’solaireadh air ar son nan nithe a’s cudthromaiche a thaobh ar lion agus ar sgeudachadh, agus a thaobh gach cuideachaidh eile a tha dhith oirre anns an t-saoghal so. Tha iad air mhile seol a’ solaireadh chum ar maith, agus tha iad ag oibreachadh le cheile air mhodh miorbhuileach chum ar leas. Tha e soilleir do na h-uile gu’m bheil iad a’ lughdachadh ar soithreach anns a’ bhaile agus anns a’ mhachair—a’ giulan ar n-uallaichean troma—a’ tarruing gach gne charbaid agus feuna—a’ treabhadh na talmhainn—agus a’ deanamh nithe gun aireamh eile chum ar buannachd! Amhairc air an each, agus nach feumail an creutair e! Nach lionmhor obair a thig ’n a char? Nach easguidh, umhal e ’n a shaothair! Tha e’ deanamh maith dhuinn a thaobh a luathais agus a neirt fein. Is mor agus is laidir an t-elephant, ach an deigh sin ceannsaichear e, agus nithear e ’n a sheirbhiseach umhal. Air an doigh cheudna tha’n camhal ro chomasach air fuachd agus teas fhulang; tha neart mor aige, agus cuiridh e suas re uine fhada gun bhiadh, gun deoch anns an fhasach. Nach lionmhor an nithe maith’ a tha sinn a faotainn o’n chaor agus o’n mhart? Tha olann na caorach a’ deanamh gnè eudaich air ar son, an uair a ta feoil na caorach ’g ar beathachadh. Nach ’eil am mart, air an doigh cheudna, chum mor bhuannachd an da chuid beo agus marbh! Nach luachmhor an ni am bainne fein do mhac an duine, agus mar an ceudna‘ feoil na mairt r’a itheadh, a craicionn air son leathraich, agus na h-adhaircean, na cosan, na cnamhan, agus na ladhran aice air son nithe do sheachnach annta fein! Air an lamh eile, nach feumail an cu do’n bhuachaille, agus nach ealanta, curamach, dileas a ni e a ghnochuch fein mar fhear-faire a’ dionadh ar tighean, agus ar codach o gach gne luchd-reubainn! Is dileas, treibhdhireach, cairdeil an creutair an cu; fagaidh e a chuideachd agus a ghne fein, dluthaichidh e ris an duine, agus cha’n aill leis idir dealachadh ris. Ceart mar so, mar an ceudna, tha na meanbh-bheathaschean a tha co lionmhor ’s an t-saghal ro luachmhor annta fein do’n duine, air son leigheis, air son dathanna sonraichte, agus air son loin do chreutairibh eile. Ceart mar so, tha eunlaith an adhar, agus gach eun iteagach a’ coimhlionadh nan nithe a shonraicheadh dhoibh a dheanamh. Agus co tha comusach air lionmhorachd iasga na fairge a leigeadh ris? Tha iad de gach meud o’n mhuic-mhara mhor, a sios dh’ ionnsuidh an t-siolaig a’s lugha tha ’snamhadh ’s na glumagaibh an cois a’ chladaich. Dh’ fheudadh moran a bhi air a chur an ceill mu na nithibh so chum ar teagasg a thaobh maitheis, cumhachd, agus gliocais an Ti bheannuichte sin a tha riaghladh os ar ceann, ach fagar sin gu uair eile. Bhiodh e ro thaitneach na’n gabhadh “Bun Lochaber” an ni so os laimh, a chionn gur tearc iad ri’m faotuinn aig am bheil uiread ’s a ta aigesan air mor-bheathaichibh agus air meanbh-bheathaichibh na cruitheachd, agus air gach buaidh agus riaghailt a bhuineas da’n nadarsan. Ach chaidh ni’s leoir a radh chum a dheanamh aithnichte gur e cumhachd agus gliocas neo-chriochnuichte a mhain a b’ urrainn nithe co miorbhuileach a dhealbhadh agus a chumail suas! Mar sinn “Rinnn Dia beathaiche na talmhainn a reir an gne, agus an spreidh a reir an gne, agus gach ni a shnaigeas air an talamh a reir an gne; agus chunnaic Dia gu’n robh e maith,” (Gen. i., 25).
Tha iad a sior chladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie. Thatar ag radh gu’n d’ fhuair iad or anns a chladhach a rinn iad, ach nach robh uiread ann dheth ’s gu’m paigheadh e obrachadh. ’Si bharail a th’aig daoine nach eil or ri fhaotainn an àite sam bith an Ceap Breatunn cho pailt ’s gu’m paigh e cladhach air a shon. Cha’n ’eil teagamh nach e ’n gual an t-or as fhearr a tha’n Ceap Breatunn.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
Ma tha duine dichiollach, curamach, agus glic, tha e cinnteach gu’n teid gach cuis leis; agus tha a ghiulan a’ cur deagh eiseimpleir roimh gach sean agus og mu’n cuairt da.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
[Vol . 8. No. 7. p. 7]
CO-CHEANGAL MU ALTRUIM,
A Bha air a Sgriobhadh Anns a Bhliadhna 1614.
Ag so an tachd agus an cengal ar affuil macleoid ag tabhairt amhic iodhon tormoid deoin mac mic caoinnigh agus ase so an tachd ar affuil se ag eoin iodhon an leanamh do beth aga mhnaoi no go ttugaidh si fein fear. ma se eoin is girra eaoghal. achd fearachd sul in leinimh do bhoth ag aonghus mac mic cainnigh in fad abhais si gan fhear da tabhairt agus comhluath agus abhear fear hi an leanamh ag aonghus fein osin amach lena bheo fein agus madh he abhratair iodhon domnall mac mic cainnigh is faide saoghal an diaigh aonghuis. ata an leanamh ag domhall mar in geetna. agus ata cuid duine chloinne do dhilib ag mac leoid go re triuir iodhon e fein agus a mac eighre iodhon eoin mac mic leoid agus tormoid in daltasa eoin mac mic cainnigh ar eoin agus ar aonghus mac mic cainnigh agus ar dhomhnall mac mic cainnigh agus ar da mac domhnaill mic murchaidh iodhon ruaidri agus murchadh agus ar da mac donnchaidh mic domhnaill iodhon eoin agus domhnall agus ar bhrian mac mic muiredhaigh agus ar gille-chalaim mac affhearsuna agus ag so an tshealbh do chuir eoin mac mic cainnigh ar seilbh an leinimh tormoid iodhon ceithre laracha agus a ceithir eile do chuir mac leoid ar a seilbh le cois tri laracha do gheall e dho anuair doghlac se ina uchd e agus coimhed agus fearachd sul na seachd laracadh sin tug mac leoid don leanamh abeth ag eoin mac cainnigh da geur ar biseach da dhalta agus coimhed agus fearachd sul na goeitre laracha tug eoin mac cainnigh da dalta abeth ag mac leoid da geur ar bisech do mar in gcetna agu sag so an fiaghnadha ata airsin iodoon maigh isdir eogan mac suibhne minisdir dhiuirinnisi agus domhnall mac pail duibh agus eoin mac colgan minisdir bracaduil agus toirdealbhach omurgheasa anos an tochdamh la doctober aois an tigearna mile 6. c. a 4 x.
S. R. MACLEOID.
Jon mc colgan wt nes
Donald mak quein witnes
Toirdelbhach omurgeasa mar fiaghnaisi
Mr ewin mc quein witnes
(O’n a tha sinn am barail nach bi a mhor chuid de’r leughadairean comasach air Gailig na seachdamh linn deug a leughadh gu ro mhath bheir sinn dhaibh e ann am Beurla, mar a dh’eadar-theangaicheadh e leis an Urr Tomas MacLachluinn, nach maireann.)
This is the condition and agreement on which Mac Leod is giving his son, namely, Norman, to John, the son of Kenneth, and this is the condition on which he is with John, namely, if so be it that John die first, the child to be with his wife until she get a husband for herself, but the guardianship of the child to belong to Angus, son of the son of Kenneth, so long as she is without a husband, and so soon as a man marries her, the child to be with Angus himself from that time forward during his life, and if his brother, namely, Donald, the son of Kenneth, be the longer lived after Angus, the child shall be with Donald in like manner; and Mac Leod has a son’s share of the stock during the lifetime of three, namely, himself, and his son the heir, John, the son of Mac Leod, and Norman, this foster-child of John, the son of the son of Kenneth, and against Donald, son of the son of Kenneth, and against the two sons of Donald, the son of Murdock, namely, Roderick and Murdock, and against the two sons of Duncan, the son of Donald, namely, John and Donald, and against Brian, son of the son of Murdock; And against Gille-callum Mac Pherson; And this is the stock which John, son of the son of Kenneth, puts in possession of the child Norman, namely, four mares, and other four which Mac Leod put in his possession, along with three which he promised to him when he took him to his bosom; and the charge and keeping of these seven mares which Mac Leod gave to the child shall be with John, son of Kenneth, in order to put them to increase for his foster-son; and the care and keeping of the four mares which John, son of Kenneth, gave to his foster-son shall be with Mac Leod to put them to increase for him in like manner; aud these are the witnesses to this, namely, Mr Ewen M‘Queen, minister of Duirinish, Donald, son of black Paul, and John M‘Colgan, minister of Bracadale, and Turlough O‘Morrisy, now the eighth day of October, in the year of our Lord, one thousand six hundred and fourteen.
S. R. MACLEOD.
John M‘Colgan, witness.
Donald M‘Quein, witness.
Turlough O‘Morissy, as witness.
Mr Ewin M‘Quein, witness.
Tha an neach sin a tha an comhnuidh fo dheagh mhisnich ag cleachdadh leighis, a bhios chum slainte, an da chuid, do’n chorp agus do’n anam.
Grace Darling.
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shabhail Grace Darling agus a h-athair, le ’n treine, naodhnar dhaoine o bhi air am bathadh. Tha ’n obair sin, sabhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slan an doigh a’s fhearr air son a bhi fior shona.
Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e aite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shar-rnholadh.
Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am Feillire.
OGUST, 1899.
1 Di-mairt An Lunasdail.
2 Di-ciaduin
3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640.
4 Di-haoine
5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis.
7 Di-luain
8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631.
10 Dior-daoin An fheill Labhrainn.
11 Di-haoine La Dailrigh, 1306.
12 Di-satharna
13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis.
14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645.
17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766.
18 Di-haoine La Phreston, 1649.
19 Di-satharna
20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis.
21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689.
22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138.
23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305.
24 Dior-daoin
25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829
27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis.
28 Di-luain
29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722.
30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807.
31 Dior-daoin
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M.
A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M.
An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M.
An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 8. No. 7. p. 8]
Dan Molaidh.
LE MR. IAIN MAC-GILLEAIN.
Do ’n Ghaidhlig ’s do ’n Fhaclair Ghaidhlig a chuireadh am mach le Eideard Luid, ’sa bhliadhna 1704.
Air teachd o’n Spain do shliochd a Ghaidhil ghlais,
Do shliochd nam Milidh, ’n fhine nach bu tais,
Bu mhor an sgleo ’s gach fod air cruas an lann,
’S air filidheachd le foghlum nach bu ghann.
Nuair ’dh’ fhas am por ud mor a bhos is thall
Bha meas is pris fo ’n Ghaidhlig anns gach ball.
An teanga lionmhor, bhrioghmhor, bhlasda, bhinn,
’S a chanain thartrach, liobhte, ghasda, ghrinn!
An cuirt nan righ tri mile bliadhn’ is treall
Do bha i ’n tus mun d’ thog cainnt Dhubh-Ghall ceann.
Gach filidh ’s bard, gach leigh, aosdana ’s draoidh,
Druibhnich is seanachaidh, fos gach ealain shaor,
Do thug Gatelus leis o’n Eiph’t a nall,
’Sa Ghaidhlig sgriobh iad sud le gniomh am peann.
Na diadhairean mor’ ’bu chliu ’s bu ghloir do ’n chleir,
’S ann leath’ gu tarbhach ’labhair iad briathran Dhe.
’S i labhair Padruig ’n Innisfail nan righ,
’S am faidhe caomh sin Calum naomh an I.
B’i ’b’ oide-muint’ do luchd gach duthch’ is teang’;
Chuir Gaill is Dubh-Ghaill uic’ an iul ’s an clann.
Na Frangaich liobht’ a lean gach tir am beus,
O I nan deoraidh ghabh am foghlum freumh.
’Nis dh’ fhalbh i bhuainn gu tur, mo nuar ’s mo chreach!
’S tearc luchd a gaoil; —b’e sud an saogh’l la seach
Reic iad ’s a chuirt i air cainnt uir o’n de,
’S do threig le tair, ’s bu nar leo ’n canain fein.
Thuit i ’san uir araon le h-ughdaraibh geur’,
’S na flaith da ’n du i ghabh d’a cumhdach speis.
Air Eideard Luid blodh agh is cuimhn’ is buaidh,
A rinn gu h-ur a dusgadh as a h-uaigh.
Gach neach ’ta ’fhreumh o’n Ghaidheal ghasda, gharg,
’S gach dream dha ’n du a chanain ud mar chainnt,
’S gach aon do chinn air treubh ’s air linn an Sguit
An duais a’s fiach thu ’s coir gun ioc iad dhuit,
On bhanruinn air an trath-s’ a bheil an crun.
Gu ruig am bochd do ’n ait an nochd an dun.
Bha ’n ainm ’s an euchd o linn nan ceudan al
Tre mheath na Gaidhlig ’dol a cuimhne chaich.
’Nis ’n uile ghniomh chluinn criochan fada thall;
’S deir iad le cheil’, “Bha Gaidhil aon uair ann.”
’S na ’s fearr, a shaoidh, bidh briathran liobht’ ’nar beul.
Lan seagh is brigh le ’n nochdar firinn Dhe.
Cia fios an Ti ’chuir ’n Aholiab tur,
’S am Besailil, a thogail arois uir,
Nach e so fein do ghluais ’s do ghleus dhuinn Luid,
Le tuigse threin le ’n dugt’ an ceum so trid;
’Bhrigh ’bhith na run ’ainm ’dheanamh cliuiteach, mor,
Air feadh nan crioch ’san d’ fhuair na Gaidhil coir.
Gu m’ h-amhlaidh ’bhios; ’s gach neach do chi an lo,
Biodh t’ ainm-sa sgriobht’ ’na chridh’ an litreach oir,
Agus ’na chuimhne, ’s gheibh thu ’chaoidh uam fein
Beannachd is failt’ le m’ chridh’, le m’ laimh, ’s le m’ bheul.
La na Feirge.
EAD. LE FIONN.
La na feirge! la an amhghair!
Mar chaidh aithris leis na faidhean;
Neamh is talamh ’dol na ’n smalaibh.
’S ann a bhios ar cridh’ ’g ar treigsinn
’N am do’n Bhritheamh teachd le neulaibh,
’S bheir e binn d’ am feumar geilleadh.
Seididh ’n trompaid sanas eitidh,
Cluinnidh na tha marbh gu leir e,
’S cruinnichear gu Mod Mhic Dhe sinn.
Clisgidh ’m Bas, ’s an cruinne gluasidh,
’N uair a dhuisgear as an uaigh sinn,
’Dhol a sheasamh Mod an uamhais.
Feuch an Leabhar beachdail, sgriobhte,
Anns a bheil gach ni air innseadh,
’S as am faigh gach neach a dioladh.
Air do ’n Bhritheamh dol na ’chathair,
Thig gach diomhaireachd a falach,
’S eucoir cha teid as gun pheanas.
Och, mo thruaigh! is mi chion treoire,
Co ni tagar air son foir dhomh,
’S eubh nam firean fhein ri trocair?
Righ a’ chumhachd is na morachd,
’Thug gu grasmhor slainte mhor dhuinn,
Dean, le h-iochd, ’s an la sin comhnadh.
Iosa, bhrigh gur e mo shaoradh
’Chuir thu ghabhail cruth chlann-daoine,
O na fag mi ann an daor-chas.
Lag is claoidhte, rinn thu m’ iarraidh;
Cheannaich mi air crann na h-iargain;
Am bhi gras cho mor an diamhain?
Bhritheimh cheirt! o pheacadh ’s truailleachd,
Deonaich ionnlad agus fuasgladh,
Mu ’n tig latha feirg is uamhais.
Ciontach, tha mi caoidh gu diblidh;
Aidicheam mo lochdan lionmhor;
Furtaich orm, a Dhia, ’s na dit mi.
Do’n mhnaoi pheacaich thug thu slainte,
Is do ’n ghaduich ait’ am Parras,
’S thug thu dhomhsa dochas tearnaidh.
’S fann, neo-airidh, m’ acain ’s m’ iarrtas,
Ach, a Dhe nan grasan fialaidh,
Teasairg mi o dhiteadh siorruidh.
Thoir le d’ chaoirich chaomh dhomh aite;
’Measg nan gobhar O na fag mi;
Ach gu d’ dheas-laimh tog an aird mi.
’N uair a bhios na daoi ga ’n leireadh,
’S air am fuadachadh gu leir-sgrios,
’Measg do naoimh O tionail fhein mi.
Anns an dus gu diblidh sleuchdam,
Faic mo chridhe truagh fo dheuchainn,
’S dean mo dhion an uair na h-eiginn.
La nan deur, O la an tursaidh!
As na h-uaighean sluagh a’ bruchdadh,
’Deanamh deas air son na Cuirte.
Dhia, ad throcair thoir dhoibh tearnadh;
Iosa chaoimh, a Thriath ro ghrasmhoir,
Thoir gu d’ shuaimhneas buan gu h-ard iad!
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p.m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p.m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a.m. ’s aig 4 p.m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a.m. ’s aig 3 p.m. a dol direach eadar an da bhaile.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 7 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 7. %p |
parent text | Volume 8 |