[57]

[Vol . 8. No. 8. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 1, 1899. No. 8.


LITIR A CEAP NOR.

Bhan Comanachadh againns an eaglais Chleirich air an t-Sabaid mu dheireadh den mhios sa chaidh. Biad na h-Urr. Calum Mac Leoid a Baile nan Gall, Alasdair Mac Gill-fhinan a Boston, agus Mr. Gunn a Pictou, na searmonaichean a bhagainn aig an am, agus bha sinn uile gle riaraichte leo. Chomanaich aon deug air son a cheud uair. Bha sinn duilich nach robh Mr. Beutan, ministear a pharaisde, comasach air a bhi lathair maille ruinn. Bfheudar dha falbh lemhac as oige gu Sidni a Tuath. Dhinnis mi roimhe gun robh am balach euslan. Thainig air na lighichean fhosgladh; ach tha sinn toilichte gu bheil e nis air tighn dhachaidhs e gu bhi cho slans a bha e riamh.

Air an t-seathamh la den mhios so, dheug Niall Mac Asguil agus e mu choig fichead bliadhnadhaois. Bha e air a bhi gun fhradharc o chionn aireamh bhliadhnaichean; ach is beag nach robh e comasach air a bhi air a chasan gach la gu tri la mun dheug e.

Tha litir a thainig air an t-seachdain. sa chaidh ag innse gun deug Domhnull Domhnullach (saor) ann an Dawson City, trath anns a mhios sa chaidh. Dhfhag en Abhuinn Mheadhonach, far an drugadhs an daraicheadh e, o chionn corr us fichead bliadhna. Dhfhag e bean agus paisde nighinn gu bhig a chaoidh, ann am Portland, Oregon, far an robh an dachaidh fad iomadh bliadhna. Bhan duine coir greis a saoirsneachds an aite so o chionn fhada, agus tha gach aon aig an robh eolas air gle dhuilich mar dheirich dha.

Bithidh sinn tuilleadhus ullamh gu bhi coireachadh dhaoine air son a bhi dol don Chlondaic; agus a smuaineachadh gum faodadh moran dhiubhsan a tha faotainn a bhaiss an duthaich fhuar ud, a bhi fathast a lathair nan robh iad air fuireach aisde; achs cinnteach gum faigh am bas am mach sinn ann an cearna sam bith eile den t-saoghal cho math ris a Chlondaic; ’s mar sin, ’se ar gliocas a bhig amharc air a shon gach la, ge be ait am bi sinn.

A thaobh sgios, ’us dith naidheachdan, agus am dol a laidhe, ’s eiginn dhomh sgur an drasda. Chan e MAC-TALLA am fear nach gabhadh leisgeul duine bhiodhga dhalladh leis a chadal.

M. D.
Ceap Nor, Ogust 21, ’99.


CHA SHEAS A BHREUG ACH AIR A LETH-CHOIS.”

Tha daoine den bheachd mar is tric nacheil fior ghliocas ra fhaotainn ach ann am briathran nan daoine mòra a dhfhàs ainmeil airson meud an gliocais. Tha sinn ro ullamh gu bhi gabhail seachad air iomadh ni glic a chaidh a chantuinn ann an gnàth-fhacail ar dùthcha. Oir chan e mac-meanma a mhàin a rinn an seann-fhacal. Is ann a than seann-fhacal air a chur ri chéile, agus air a ghiùlan a nuas bho ghlun gu glùn, mar thoradh air abheachd gheur a ghabh an t-seann mhuinntir air cor an duine anns an t-saoghal. Anns aghnàth-fhacal chi sinn gliocas saoghalta air a chur ann an cruth maireannach; ann an cruth a tha cho freagarrach, nadurras gun dean e greim laidir air inntinn an t-sluaigh, gus a bhi dhaibh mar sheoladh agus mar riaghailt-stiùiridh.

Agus is cinnteach gur ann tre eolas air neo-sheasmhachd na breige ri am an dearbhaidh a thoisich am facal socha sheas abhréug ach air a leth-chois.” Bha muinntir eile cho fad an aghaidh na brèige agus gun dthubhairt iad nach robh casan idir aice air an seasadh i. Da rireadh is gann nach fhaoidtechantuinn gu bheil so ceart cuideachd. Ach tha e coltach gum bu mhiann leis aGhàidheal a bhi eagnuidh anns an ni so, nam burrainn e. Bha ecur iongnaidh air gu robh abhreug air uairibh mar gum biodh i a faotainn taicse fo a bonn, agus a deanamh seorsa de sheasamh. Ach an uair a bheachdaich e na bu dlùithe, ciod e a fhuair e a mach, ach gur ann a bha in a seasamh air a leth-chois.

A nis chan e mhàin gu bheil so a nochdadh dhuinn ciod e cho geurs a ghabhadh ar sinnsir beachd air a leithid sud, ach tha e mar an ceudna a sealltuinn ciod e cho cothromachs a thagh iad am briathran. Tha aon ni sonraichte ra fhaicinn ann an seann-fhacail nan Gàidheal, agus is e sin mar a tha an seadh air a chur an céill mar is trice ann an cainnt brighmhoir bhlasda. Ann ar linn féin an diugh tha muinntir a cur mor-mheas air neach dan urrainn sgriobhadh air mhodh taitneach. Gu h-àraidh anns aBheurla tha daoine a deanamh stri chruaidh, a dhfheuchainn cos feàrr a gheibh éisdeachd agus airen t-sluaigh. Is ann le dian-chleachdadh a dhfhàsas na sgriobhaichean ealanta. Lebhi a sgriobhadh gun tàmh tha iad a faotainn comas air leth thairis air briathran samhlachail, agus air gach alt agus inntleachd a bhuinneas do dhréuchd an fhir-sgriobhaidh. Ach a dhaindeoin an cuid cleachddaidh agus an saothair, chan urrainn dhaibh a dhol seachad air eagnuidheachd na Gàilig ann am briathran snasmhor. Chan urrainn dhaibh dealbh nas firinniche a tharruing, mar gum beadh; no iomhaigh nas dilse chur ann am briathran. Bàbhaist dan Ollamh Maciain (Johnson) a bhicantuinn nach burrainn litreachas a bhith far nach robh leabhraichean. Ach nan robh esan meaneolach air cainnt nan Gaidheal, bhiodh e ann an caochladh beachd a tilleadh as aGhaidhealtachd ann an 1773. Chitheadh e nach robh anns abheachd a bhaige ach claon-bhreith adhèirichn a inntinn fèin. Oir chaneil [ ? ]dachd no alt-briathran a gheibhear ann an sgriobhaidhean nan sgoilearan nach fhaighear mar an ceudna ann an sgeulachdan agus ann an seann-fhacail nam bodach Gàidhealach.

Faodaidh gu bheil an Gàidheal buailteach air taobh a bhi aige rimhuinntir fein; agus faodaidh gun teid aig an sgriobhaiche Ghaidhealach air ciall ùr fhaotainn ann an gnàth-fhacalciall air nach do smuainich an fheadhain a labhair am facal an toiseach. Ach tha sinn an dùil nacheil sinn a dol thairis air crioch na corach, an uair a their sinn gu bheil an seann-fhacal so, “cha sheas a bhreug ach air a leth-chois,” a sealltuinn gun robh meas aig ar n-athraichean air an fhirinn. Co burrainn dearbhadh na bu shoilleire air so fhaotainnn an doigh sgaiteach anns an do leig iad ris laigse agus lethscod na breige. Dhiarradhmaid a bhisaoilsinn gu maith de ar sinnsir; ach chan eil e eu-coltach nach robh breùgairean eadhon am measg nan seann Ghàidheal. Mar a dheirich do gach cinnteach eile, dubh no geal, fon ghréin, tha e ro-choltach gun do thoisichan Gaidheal glasair car beag a chur anns an fhirinn gu math trath. Agus cos urrainn aicheadh nach biodh sgiolmag bhreige cho iomasglach an uair uds a tha i ann ar linn fein. Ciod e an t-iongnadh ged a chluinneamaid gun robh abhreug ann an cleachdadh, far anrachadh neart air cheart,” agus far an robhabhiasd as mo ag itheadh na beisde is lugha.” Ach air an laimh eile cha do chuireach an fhirinn gu buileach fo na casan. Tha seann-fhacail eile fathast air chuimhne a thanochdadh so: “Dearbhaidh an fhirinn i fein;” “Cho fior ri tulusgan na firinn;” “Cha duinear beul na firinn.”

Mar sin chan eil e farasda chantuinn ciod e cho seans a dhfhaodas an gnath-fhacal so a bhi. Ach tha sinn a creidsinn nach bann gun eolas air nadur agus air toraidhean na breige a bha iadsan a thubhairt air tùs e. Feumaidh mar an ceudna gun do mhothaich iad gu bheil tuilleadh is aon seorsa ann de na breugan. Tha seorsa ann air nacheil dath na breige féin. Is iad sin an seorsa aig nacheil cas idir air an seas iad. Faodaidh gur ann dhiu so a tha moran de na tuaireasgeulan a bhios cuid de na bodaich Ghaidhealach ag innse don oigridh timchioll aghealbhain anns na h-oidhcheanan fada geamhraidh. Ach ged a tha litir na h-uirsgeul breugach, gidheadh tha an spiorad aige firinneach. Is ann air an aobhar sin a chumair an sgeulachd idir air chuimhne. Chan eil i air a ciallachadh airson an car a thoirt a neach sam bith. Chan eil ceilg fo a falluing. Is ann a tha i feumail gus mac-meanma na h-inntin a neartachadh, gus pailteas bhriathran a bhuileachadh air an fhear-innse, agus mar sin gus a bhi dusgadh suas ann am measg na tuath neo-fhoghlumaite cuid de an talanntan litreachais, a bhiodh gu brathn a cadal, mar a bhiodh an uirsgeul, le a duain agus le a h-iongnaidhean.

Tha seorsa eile de bhreig ann a tha ro-choltach ris an firinn. Is ann le a leithid sin an nochdas am breugadair ciod e cho sgileils a tha e. Is fior am facal a thubhairt gum feumadh am breugadar deadh chuimhnebhi aige. Agus chan e sin a mhain a dhfheumadh e, ach deadh thùr, airson fios a bhi aige cait an stadadh e. Tha daoine, eadhon na daoine glice, ro-bhuailteach air a bhi air am mealladh le a leithid so, a chionns nacheil an amharus air a dhusgadh. Oir tha measarrachd na breigeg a fagail cho fior-choltach ris an fhirinn. Dhfhaoidtechantuinn gum faigh breug mar so air uairibh seasamh cas a tha iongantach. Gidheadh is ann air a leth-chois a tha in a seasamh. Tha i ullamh air aomadh, agus chaneil



[58]

[Vol . 8. No. 8. p. 2]

cultaice aice ri crathadh an dearbhaidh. Chan eil a neart a comh-sheasamh ach ann an coltas a mhain. Feumaidh i cuideachach bhon taobh a mach, agus tuilleadh taic gus a deanamh bunaiteach. Is minic a theid breug ur innse gus a bhi a cumail suas na seann bhreige. Agus gle thric theid iomadach breug a dhealbh, agus a charadh druim ri druim, a dhfheuchainn an teid aca air seasamh ann an taic a cheile. Ach an deigh gach innleachd chaneil an treud air fad ach bacach agus ciurramach. Cha dirich iad an dromannan agus cho tog iad an cinn. Tha iad cho crùbach agus nach gluais iad as an aon ionad, mur a faigh iad cuideachach lapach bho an companaich (eadhon breugan ùra) a thacheart cho uaireasbhuidheach riu fein, gus an cumail suas. Is mòr an t-eadar-dhealachadh, ann an seasamh no ann an siubhal, a tha eadar iad fein agus an fhirinn. Chaneil ise ann an eiseamail luchd-comhnaidh. Oir aice fein tha casan luatha foghainteach, anns nacheil laigse no crubaiche. Tha a rithist an treas seorsa ann mun dthubhairt Sir Walter Scott, gur iad gne is cunnartaiche a thann. Is iad sin an fheadhain aig am bheil an dara lethn am firinn. Chan eil iad idir cho anfhann ran cairdean a chaidh ainmeachadh a cheana. Tha iad anabarrach doirbh an tilgeil far am buinn, a chionn gu bheil iadn an seasamh ann an taic na firinn. Tha iad cosmhuil ris an eadhainn uaine, a dhiathas gu dlùth timchioll air an daraig. Ged a tha iad lag annta fein, tha iad laidir do bhrigh an cuideachda. Ged nacheil cairdeas aig an fhirinn ris a bhreig, gidheadh is iongantach mar a ghabhas abhreug fasgadh fo sgeith na firinn. Cia lion breug den t-seorsa so a tha dol an cleachdadh gach latha, mar gum bann gun fhios, gun aoidh gun fhaireachadh! Bheir baigh ra dhuthaich air an fhear-eachdraidh gun cuir e dath taitneach air na laithean a dhfhalbh, agus air gniomharan a shinnsir fein. Bheir eud airson a chuideacha, no eadhon airson a rioghachd air an fhear-stata, gun ceil a ni sam bith a mheiticheadhaobhar. Is minic a chuireas neach, mar gum bann gun fhios da, fiaradh beag anns an fhirinn, air eagail abhi leigeil ris laigsa charaid. Is iomadh breug throcaireach a chaidh a dhealbh air sgath teas-ghraidh. Is lionmhor breug a ni gach duine dha fein mar an ceudna. Faodaidh gu bheil nithibh faoine ann am beatha na muinntir aimidich, a gheibh maitheanas ann an sealladh nan daoine glice. Faodaidh gu bheil iomadh failing thairis air an sgaoil Trocair gu caoimhneil a sgiathan, agus air an gabh Gradh seachad. Ach than Fhirinn cho ceart agus nach fuiling i cuideachda na breige; cho neo-mhaitheachs nach gabh i thairis air fiaradh bho shlighe acheartais; agus cho fiorghlans nach giulain i sgaineal air a h-ainm, no smal air a trusgan.

SGEIR-AN-OIR.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. IX.

Ged a bha lan-fhios aig acheannard gun cailleadh e a bheatha mur rachadh aige air nighean an righ a leigheas, ghabh e an obair os laimh. Thug an righ a steach e don t-seomar anns an robh a nighean. Cho luaths a chunnaic i iad chuir i falach air a gnuis, agus thuirt i rih-athair, “Tha ioghnadh gu leor orm gun tugadh sibh firionnach a steach an so, agus fios agaibh gun bheil an aidmheil dhem bheil mi an aghaidh dhomh maodann a nochdadh a dhfhirionnach sam bith.”

A nighean,” arsan righ, na gabh tamailt sam bith air son mar a rinn mi; chaneil an so ach fear dhe na ceannardan agamsa a tha air tighinn gadiarraidh ri do phosadh.”

Tha mifaicinn nach e sin an duine a chuir sibh a laidhe comhladh rium, agus a thug dhomh am faine so mar chomharradh air a ghaol a ghabh e orm. Na gabhaibh gu h-olc mi dhinnseadh dhuibh, nach pos mise fear gu brath ach e fhein,” arsise.

Bhan ceannard an duil gun abradh no gun deanadh i ni eiginn neo-ghnathaichte, agus bha e air a mhealladh gu mor an uair a chuale cho glic agus cho tuigseachs a labhair i; oir thuig e gu lan-mhath nach robh dad cearr oirre ach mar a thuit i cho trom ann an gaol. Cha bu dana leis achuis a dheanamh aithnichte don righ, oir bha fhios aige nach bann air fhein a thuit i cho trom ann an gaol. Leig e e-fheinna shineadh aig casan an righ, agus thuirt e, “Ler cead, a righ, an deigh na chunnaic agus na chuala mi, chaneil aobhar dhomh a bhithsmaointean gun teid agam air abhana-phrionnsa a leigheas, oir chaneil ni sam bith agam a leighiseas i; agus air an aobhar sin, tha mi gu h-umhail acur mo bheatha ann bhur lamhan.”

Ghabh an righ corruich mhor an uair a chuale nach rachadh aig acheannard air a nighean a leigheas, agus ghrad dhordaich e an ceann a chur dheth.

An ceann beagan uinena dheigh sid, chuir an righ roimhe nach stadadh e gu brath gus am faigheadh e doigh air an nighean a leigheas. Air an aobhar sin, chuir e fios do gach baile beag is mor a bhanns an rioghachd, agus do cheanna-bhaile gach rioghachd a bhanns an t-saoghal, feuch am faighteadh lighiche, no reuladair, no draoidh, no neach sam bith a leighiseadh a nighean; ach bha e air innseadh anns an teachdaireachd, gun cuirteadh an ceann bhar fir sam bith a ghabadh os laimh a nighean a leigheas, mur a rachadh achuis leis.

Be fear aig an robh eolas air reuladaireachd agus air draoidheachd acheud fhear a thainig a leigheas nighean an righ. Thug aon de na caillteanaich a steach e don t-seomar anns an robh i. Dhfhosgail an reuladair poca a bhaige, agus thug e as na h-uiread de threalaich, mar a bha inneal-tomhais na greine, cruinnmheall, aite-teine, poit umha, agus iomadh seorsa uillidh agus spiosraidh a bha e a losgadh anns an t-seomar gus an droch spiorad a thilgeadh am mach a nighean an righ.

Dhfheoraich nighean an righ ciod a bha edol a dheanamh leis na rudan ud, agus fhreagair an caillteanach, agus thuirt e rithe, “A bhaintighearna, tha h-uile dad dhe sid feumail gus an droch spiorad a fhuair greim oirbh a chur am mach, agus a ghlasadh anns aphoit umha gus a thilgeadh do ghrunnd achuain.”

A reuladair amaidich,” arsa nighean an righ, “chaneil feum sam bith agamsa air an obair a tha thu toileach a dheanamh. Tha mo thurs mo chiall math gu leor agam; agus sin rud nach eil agadsa. Ma theid agad le do chuid innleachdan air an fhear air am bheil gaol agam a thoirt an so, bidh mi gle fhadanad chomain. Ach mur teid agad air sin a dheanamh, faodaidh tu a bhith falbh, oir chaneil feum sam bith agamsa ort.”

A bhaintighearna,” arsan reuladair, “mas ann mar sin a thachuis, cha ruig mise leas oidhirp a thoirt air do leigheas. Is e dathair an t-aon duine aig am bheil comas air an duine air an do thuit thu ann an gaol fhaotainn dhut.”

An uair a thuirt e so, chuir e an trealaich gu leir air ais don phoca, agus dhfhalbh e. Bha aithreachas gu leor air a chionn gun do ghabh e as laimh nighean an righ a leigheas.

Ghabh e direach far an robh an righ, gun fheitheamh gus an labhradh an caillteanach ris air a shon, agus thuirt e ris, “Ler cead, a righ, a reir mar a dhinnis sibh dhomhsa, araon anns an teachdaireachd agus le cainnt beoil, cha robh dad a theagamh agam nach robh bhur nighean air a dhol buileach glan as a rian, agus bha lan dhuil agam gum bithinn comasach, le mo chuid sgile, air ciall is reusan a chur innte; ach thuig mi cho luaths a chunnaic mi i nach robh dad cearr oirre ach mar a thuit i anabarrach trom ann an gaol. Agus air an aobhar sin, chan eil e comasach dhomhsa, no do dhfhear sam bith eile dhe mo sheorsa, an leigheas a tha dhith oirre a thoirt dhi. Is sibh fein an aon lighiche aig am bheil comas air a leigheas, ma gheibh sibh dhi riphosadh an duine og air an do thuit i cho trom ann an gaol.”

An uair a chualan righ na briathran so, ghabh e corruich mhor, agus thug e ordugh seachad an ceann a ghrad thoirt bhar an reuladair.

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, foghnaidh dhomh a radh gun dthainig corr is seachd fichead de reuladairean, de lighichean, agus de dhraoidhean don luchairt gus nighean an righ a leigheas; ach chaidh achuis turnan aghaidh gu leir, agus air an aobhar sin, chuireadh an ceann bhar a h-uile mac mathar dhiubh. Chrochadh na cinn aca air stuib aig geatachan abhaile.

Bha mac aig banaltrum nighean righ Shina dom bainm Marsabhan. Bha am mac so mun aon aois ri nighean an righ, agus an uair a bha iad og, bha iad an comhnuidh ann an cuideachd a cheile. Agus bha iad mar gum biodh piuthar is brathair ann, eadhoin an deigh dhaibh a bhith uireads a bhitheadh iad.

Fhuair Marsabhan sgoil is ionnsachadh a cheart cho maths ged bu mhac righ e. Comhladh ris gach foghlum eile, dhionnsaich e reuladaireachd, agus draoidheachd dhe gach seorsa; agus cha robh anns an t-saoghal rilathas ri linn na bheireadh barr air le cleasan draoidheachd. Mun dthainig e gu bhith cho fior fhoghluimte so, shiubhail e an earran bu mho dhen t-saoghal; agus dhionnsaich e o gach draoidh a thachair ris anns gach aite anns an robh e, a h-uile cleas-draoidheachd a bha iad comasach air a theagasg dha.

An deigh dha a bhith iomadh bliadhna asiubhal an t-saoghail, thill e do cheana-bhaile na rioghachd. An uair a rainig e geatabhaile agus a chunnaic e na bha de chinn dhaoine an crochadh air stuib, ghabh e ioghnadh anabarrach. Gun dail sam bith dhfhaighneachd e ciod e baobhar gun robh na h-uiread de chinn an crochadh aig agheata. Dhfheoraich e mar an ceudna cia mar a bha nighean an righ. Thugadh dha beachd-sgeul air mar a bha cuisean; ach o nach robh etuigsinn gu lan mhath mar a thachair, dhfheith e gus an dthainig a mhathair dhachaidh.

Ged a bhabhanaltrum ri bhithn comhnuidh ann an cuideachd nighean an righ, cha bu luaithe a chuali gun do thill a mac dhachaidh na fhuair i cothrom air tighinn ga fhaicinn. Rinn i fodhail gu leor ris, mar a bha nadarra dhi, agus thug i greis air comhradh ris. An sin dhinnis i dha, agus i gu bras asileadh nan deur, mar a thachair do nighean an righ, an t-aobhar air son an robh i air a druideadh anns achaisteal. Dhfhaighneachd esan dhemhathair am faigheadh i doigh sam bith air a thoirt don t-seomar anns an robh nighean an righ gun fhios a bhith aig neach sam bith air ach i fhein. Bhamhathair greisna tosd, agus an sin thuirt i ris nach burrainn i dad a radh ris aig an am, ach, nan coinnicheadh e i aig acheart am an la-iar-na-mhaireach gun tugadh i freagairt dha.

Bha fhios aig abhanaltrum nach fhaodadh neach sam bith ach i fhein a dhol an lathair nighean an righ gun



[59]

[Vol . 8. No. 8. p. 3]

chead fhaotainn on chaillteanach a bhana sheasamh agleidheadh an doruis. Thachair gun robh e air ur-shuidheachadh anns an dreuchd, agus mar sin, cha robh fhios aige air na nithean a thachair anns an luchairt.

Is cinnteach gun cuala tu,” arsise, “gur e mise a thug cioch do nighean an righ, agus is docha gun cuala tu mar an ceudna gun robh nighean agam fhein, agus gun robh i air a h-altrums air a h-arach comhladh ri nighean an righ. Phos mo nighean on uair ud; agus tha leithid de thlachd aig nighean an righ dhis gum bheil fior thoil aice a faicinn. Ach cha bu mhath leatha gum faiceadh neach sam bith mo nighean-sa adol am mach no steach don t-seomar aice.”

Ghrad thuirt an caillteanach, “Cha ruig thu leas an corr a radh; ni mise rud sam bith a bheir toileachadh do nighean an righ. Thoir an so do nighean mu mheadhain oidhche, agus bidh an dorus fosgailte dhuibh.”

Cha bu luaithe thuit an oidhche na chaidh abhanaltrum air thoir a mic; agus an uair a fhuair i e, chuir i deise boirionnaich uime cho doigheils cho grinns nach aithnicheadh neach sam bith gur e firionnach a bhann. Dhfhalbh e comhladh rithe; agus on a bhan caillteanach acreidsinn gur e an nighean aice a bhann, leig e steach le cheile iad.

(Ri leantuinn.)


BEACHDAN MUN MHOD.

Conaltradh Eadar Ian Dubh nam Beann agus Calum Gorm, “Sasunnach,” a Mhuinntir an Eilean Sgiathanaich.

CALUM. —Nacheil thu fhein a faicinn, Iain, gu bheil iadsan gle amaideach, a tha cumail aChruinneachaidh bhliadhnail sin ris an canairAm Mod Gaidhealach.” Is mor an t-annas a tha e cur orm, gum biodh daoine aig am bheil tuigse, agus a dhfhaodadh an aimsir a chaitheamh ann an doigh na bu bhuanachdaile dhaibh fein agus do chach, a cosg an saothair agus an uine, ri gnothuich gun fheum den t-seorsud.

IAIN. —Ma tha mig a do thuigsinn gu ceart, tha mismuaineachadh nacheil fhios agad ciod e mu thimchioll am bheil thulabhairt. Oir nam biodh tusatuigsinn nan aobharan mum bheil am Mod air a chur air chois, tha mi den bheachd nach biodh tu idir cho ullamh gu beum a thabhairt as amhuinntir a thasaoithreachadh ann an comh-cheagal ris.

C. —Is minic a thug mi oidheirp, Iain, air a bhi tuigsinn aghnothuich so. Ach tha agam ri aideachadh gun do dhfhairslich orm riamh seadh na gliocas fhaicinn anns an ni air fad. Ma tha na daoine dichiollach ud a deanamh dheth gun cum iad aGhailig beo len cuid upraid, tha mi a smuaineachadh gu bheil iad fada cli. Oir tha e soilleir do neach sam bith aig am bheil suilean gu bheil binn a bhais air a tabhairt a mach air a Ghailig a cheana; agus is faoin an obair do dhaoine tuigseach a bhifeuchainn ris an deo a chumail ann a seann cholainn gun neart mar a tha a Ghailig. Oir is fior gu bheil cainnt nan Gaidheal gle choltach ri seann cholainn gun luthas; ach gu h-araidh an uair a tha fiamh an aoig air a gnuis, is diamhain a bhin duil gun cumair beo i.

I. —Tha do bhriathran a Chalum, doirbh ra eisdeachd. Ach cumaidh mi thu air bonn na h-argumaid. Cha cheaduich mi dhuit gu bheil an fhirinnn a do bhriathran. Tha mi air an aobhar sin a cur mar fhiachaibh ort, gu nochd thu dhomh cia mar thugadh binn a bais a mach air a Ghailig.

C. —Ceadaichidh tu dhomh gu bheil aBheurla a sior bhuinig neart anns gach cearn sam bheil i air a labhairt. Ach tha mi creidsinn nach eil earrann sam bith den t-saoghal far am bheil aBheurla faotainn greim daingean bho latha gu latha, mar a tha i ann an Gaidhealtachd na h-Albainn. Tha an oigrih a dhfhalbhas bhon dachaidhean a di-chuimhneachadh na Gailig; agus ma thig iad air an ais don Ghaidhealtachd, is miann leo a bhilabhairt na Beurla. Tha achlann bheagas an sgoil a togail an cuid foghlum anns aBheurla; agus feumaidh iad moran den uine anns a sgoil a chaitheamh ann a bhi cleachdadh achanain sin, a chum gun seas iad an aite fein an uair a theid iad a mach gu Galldachd a chosnadh an aran lathail. A ris, na teaghlaichean a thag iarraidh a bhi coltach ri daoinuaisle, cha labhair iadsan ach cainnt nan Gall, a chionn gu bheil a Ghailig ro chumanta. Chaneil e fasanta gu leor a bhi labhairt na Gailig. Chan eilga labhairt gu coitchionn an diugh ach iasgairean agus croitearan. Mar sin tha mi deanamh dheth gu bheil iomadh ni a cogadh ann an aghaidh cainnt nan Gaidheal; gu bheil idol gu mor a cleachdadh; agus nach fhad an uine gus an cluinnear a guth deireannach, mar ghlaodh fad air falbh ann an dorchadas oiche na di-chuimhne.

I. —Tha mi nis a tuigsinn cia mar a tha thun duil gun dthugadh binn a bais a mach air a Ghailig. Tha thu smuaineachadh gu bheil aBheurlan a namhaid do chainnt nan Gaidheal. Ach ceadaich dhomh a chantuinn nach i aBheurlidir an namhaid a bu mhiosabha aig aGhailig, no aig na Gaidhil. Oir is iomadh sochair a fhuair sinn bhon Bheurla. Thainig a chanain ud thugainn le nithibh luachmhor; agus tha in diugh mar mheadhon eadar sinne agus duchannan eile. Is anns a chainnt ud a sgriobh Shakespeare. Ach tha moran de rioghachdan na Roinn Eorpa mar an ceudna fo fhiachaibh don Bheurla. Gidheadh chan eil sinn a aobhar air gun leigeadh na rioghachdan sin air di-chuimhnan cainntean fein. Agus cho mho a tha en a aobhar air gun leigeadh sinne, mar Ghaidhil, cainnt ar mathar a dhith. Seall air na Cimrich, ciod e cho duineils a tha iadsan a cumail suas an canain fein. Seall cia mar a tha malairt air a deanamh am measg an t-sluaigh udn an canain fein, ged a tha Beurla gu leor aca mar an ceudna. Mothaich air an doigh anns a bheil iad acumail Cruinneachaidhean bliadhnail, ar son a bhitabhairt ur-mhisneachadh do chainnt agus do cheol nam Cimreach. Mothaich mar a tha eadhon Prionns Albert Eduard, oighre dligheach aChruin Bhreatunnaich a tabhairt a lathaireachd do na Coinneamhan sin. Chaneil miga ainmeachadh san a chionn gu bheil ughdarras mor sam bith aige gu pearsanta, ann an eolas mu thimchioll aChanain Chimrich ach a chionn gu bheil, daedh-ghean agus fabhar an teaghlaich rioghail, ’n a misnich agusn an cuideachadh do dhaobhar nan Cimreach. Agus car son nach deanadh na Gaidhil mar an ceudna, an uile dhichioll a chum ceartas a thabhairt don Ghailig, le bhi cumail Mod Gaidhealach, agus mar sin a tarruing aire an t-sluaigh a dhionnsaidh nan ionmhasan a tha iad fathast a sealbhachadh, eadhon cainnt agus ceol an sinnsir.

C. —Tha mi gun teagamh ag aideachadh gun tarruing am Mod airen t-sluaigh ann an tomhas araidh. Ach ged a dheanadh e sin fein ciod e am math a bhiodh ann? Ciod em feum a dheanadh aGhailig dhuinne ged a chumta beo i? Agus ged a bhiodh i eadhon na bu ladaire na bhi i riamh, ciod e am math a dheanadh sin? Oir cha bhiodh aice an deigh na h-uile ni ach gnothuichean cumanta, ri thabhairt dhuinn. Cha bhiodh gliocas domhain, cha bhiodh Feallsanachd, cha bhiodh ard-iunnsachadh eagnuidh, cha bhiodh a h-aon de na cuspairean diomhair sin, anns am bheil aBheurla cho deas, air an luaidh idir ann an Gailig. Co burrainn achainnt bhorb sin oibreachadh ann an ard ealain tomhais no ann an cunntais mhora? Cia lion ginealach a dhfheumadh a bhi labhairt cainnt nan Gaidheal, mun gabhadh amPrincipiaaig Sir Isaac Neuton cur ann an Gailig a thuigeadh neach sam bith ach an t-eadartheangair fèin? Mar sin chaneil mise faicinn feum sam bith ann a bhi deanamh a leithid sin do dhupraid timchioll air cainnt a tha gu buileach cho neo-aithnichte. Faodaidh gu bheil aGhailig freagarrach gu leor air iasgairean agus air buachaillean; ach tha mi smuaineachadh gun deanadh eadhon iadsan an gnothuich fein a cheart cho cothromach leis aBheurla.

I. —Tha do bheachdan a cur mor iongnadh orm. Nacheil fhios agadsa nach e ro-phailteas bhriathran idir, ach eanchainn agus tuigse chumhachdach adhfheumas neach ar son ard-ealain tomhais agus cunntais mhora? Tha fios agad cuideachd gu bheil aGhailig a cheart cho deas ris aBheurla ann am beul neach aig abheil eolas ionnan air an da chainnt. Tha thu smuaineachadh nach gabhadh amPrincipiaaig Newton cur ann an Gailig. Ach an dthug thu riamh fainear nach mo a roghnaich an t-ughdar treun sin a leabhar a sgriobhadh ann am Beurla, ged a bi a chainnt mhatharail i. Cha robh cainnt nan Gall inbheach gu leor leis an duine ghlic sin. Agus thoir thusan aire gu bheil aGhailig Albannach a cheart cho farsuinn ris an Laidiuinn Romanaich airson ardchunntais agus ealain-tomhais. A thaobh Feallsanachd tha mi deanamh dheth gu bheil cainnt nan Gaidhealn a meadhon buadhmhor arson achuspair sin. Gun teagamh cha drinneadh moran sgriobhaidh fathast mu na nithibh sin anns aGhailig. Ach chan ann a chionn nacheil ar cainnt beartach gu leor ann am briathran, nach drinneadh a leithid sin de sgriobhaidhean. Tha linn na Bardachd a tighinn air thoiseach air linn na Feallsanach am measg na h-uile cinneach. Ged a dhfhas aBheurla saibhir ann an gliocas domhain, gidheadh chan ann aice fein a fhuaradh buaidh na Feallsanachd air tus ach aig na Greugaich agus aig na Romanaich, cinnich a bha mor agus glic fada mun drugadh ar Slanuighear. Feumaidh sinn a chuimhneachadh nach dthainig aGhailig idir fo bhuaidh Ath-leasachadh Mor an Iunnsaichidh a thachair air feadh na Roinn Eorpa bho chionn ceithir cheud bliadhna air ais. Mar sin tha e soilleir nach ann air an aon doigh a dhfheumair breith a thoirt air cainnt nan Gaidheal agus air aBheurla. Tha Ghailig fathast anns acheud linn, eadhon linn na Bardachd; agus an uair a theid a h-aiteachadh nas coimhlionta, is ann an sin a gheibhear toradh na Feallsanachd. Bidheamaid mar Ghaidhil cosmhuil ann an aon seadh ris na h-Americanaich, a tha faicinn morachd an duchadh fein, chan ann cho sonruichte anns a chuid a chaidh seachad den eachdraidh, ach anns an earrann sin a tha fathast ri teachd.

C. —Faodaidh sin a bhi ceart ann an seadh araidh, ach gidheadh, tha taobh eile air achuis. Tha e nas soirbhe aon ni iunnsachadh gu ceart, na iomadh ni. Is ann mar sin a dheirich do chainntean. Ma bhios tu dichiollach ag iarraidh eolas farsuinn air aon chanain, tha sin fada nas fearr na ged a bhiodh eolas cuibheasach agad air a dha. ’S e so a ni a bu mhiann leam a dhearbhadh dhuit, eadhon gu bheil e gu mor nas buanachdaile do neach a bhi a feuchainn ri greim daingean fhaotainn air aBheurla, na bhi saoithreachadh ann

(Air a leantuinn air taobh 62)



[60]

[Vol . 8. No. 8. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, SEPTEMBER 1, 1899.

NITHEAN MORATHATACHAIRT.

CANADA.

Tha da bhliadhna deug thar fhichead on thainig roinnean Chanada lecheiles on thoisich Canada air uachdaranachd a bhi aice thairis air achuibhrionn fharsuing de America mu thuath a bhuineas do Bhreatunn. Tha e gle chinnteach gur e latha grianach, aghmhor a dhealraich air Canadan uair, an deigh moran draghus trioblaid, a bha na roinnean air am bheil coirus sealbh aice, air an nasgadh richeile, agus mar so thoisich Canada air aite uasal, measail a bhi aice am measg rioghachdan an t-saoghail. Tha e gle fhior gu tainig Canada air a h-aghaidh gu cliuiteach, aghartach, on chaidh a roinnean a chur ann an daimh a cheile ann an 1867.

AUSTRALIA.

Is e Australian t-eilean as modhatha air an t-saoghail. Tha uamhas beartais anns na h-aitean air am bheil eolas againn; oir, chaneil ach aineolas aig an t-saoghal fathast air gach feurus fochann, air gach beartasus ionaltradh a tha ann am meadhon farsuing Australia. Tha na seadh roinnean ann an Australiadol a nis le gliocas gasda ann an dluth-chaoimhneas lecheile. Bithidh mar so faisg air ceithir muillean duinetighinn fon aon riaghladh, ged a ghleidheas iad mar tha sinnedeanamh ann an Canada, am Parlamaidean beaga fein anns na roinnean far am bheil iad agabhail comhnuidh. Ann an uine ghearr, mar a dhfhaodas sinn a bhicreidsinn, bithidh Australia fo aon riaghladh agus cheannard. Tha iomradh air feadh an t-saoghail a nis gu bi Marcus Latharnana cheannard air Australia an uair a bhitheas na roinnean air an nasgadh richeile le gradhus eud direach, ceart.

CEIN-SHANUSAIR.

Tha e cinnteach a nis gu bi, ann an uine ghearr, eadar Breatunn, agus Innsean na h-Airden Ear, agus Australia, ’s Ros an Deadh Dhochais, agus Canada, no thar an t-saoghail gu leir far am bheil fearann, no coir, no sealbh aig Breatunn, cein-shanusair, no comhradhus dluthas leis an dealanach. Is e caraid foghluimte aghniomh soan Ridir Sandford Flemingneach air am bheil eolas maith ann an Nobha Scotianeach aig am bheil a dhachaidh a nis nnn an Ottabhaneach aig am bheil inntinn gheur, ghasda, —neach a rinn moran maith cheana, do shoirbheachadh an t-saoghail gu h-iomlan. Thig daimh as fhearr agus as dluithe mar so eadar Breatunn aosmhor, onorach, agus gach rioghachd, ’us roinn, ’us tirus eilean air am bheil coir aice air feadh an t-saoghail. Tha mi fein asaoilsinn gu bi againn ann an uine ghearr daimh as blaithes as snasmhoire, cairdeis as treises as tlachdmhoire na tha againn an diugh, eadar gach neachus tirus teaghlach a thag agairt cairdeis ri Breatunn.

CRUGAIR.

A reir gach coslais cha tig Crugair agus a luchd-comhairle gu tuigseus gliocas air bith a bhi aca, ’s air an aobhar so feumaidh Breatunn an claidheamh a rusgadh agus crioch a chur gu brath air ughdarras an amadain bhochd Crugair.

AM MARCUS DE GALLIFET.

Is e mo bheachd fein gur e Ceann-suidhe anabarrach glicus dileasus neo-sgathach a tha ann an Loubet, Ceann-suidhe na Frainge. Anns an luchd-riaghlaidh a roghnaich e fo cheann beagan uine, thug e aite cumhachdach don Cheannard am Marcus Gallifet, saighdear meamnach a bha air ceann eachraidh na Frainge, aig blar fuileachdachus muladach an t-Seadain. An uair a rinn daoine aingidh, uamhasach na Frainge fein aramach an aghaidh an duthcha, ann an am a h-airc agus a truaighearamach a bu mhodha callus mallachadh no gach buaidh a thug na Gearmailteach thalls a bhos air na Frangaichghabh Gallifet os laimh na daoine ceannairceach, bruideil ann am baile mor na Fraingechiosnachadh le fudarus luaidh. Bha na daoine mosach so a cur rompa am baile mor a losgadh, agus am buille mu dheireadh a thabhairt airson crich a chur gu brath air an duthaich, agus air gach morachdus saorsabha riamh aice. Tha daoineg radh gu robh Gallifet fuathasach cruaidh ann an ciosnachadh nan daoine aingidh aig an robh iarrtas laidir, borb, baile mor na Fraingelosgadh agus a chur sios gu neoni. Is eagalach agus is fuileachdach a ni cogadh. Tha iadsan cosmhuil ri Marcus Shalisbuiridh airidh air clius moladh mor, a thadeanamh gach oidheirp a than an comas airson cogadh a sheachnadh, agus cuisean duilich a cheartachadh agus a reiteachadh, le gliocasus foighidinnus faicill. Their an ceannard gun teagamh, ’na dhion fein, gu robh beathas saorsa na Frainge ach beag thairis agus seachad, an uair a thoisich naCommunists—daoine aingidh, maslach na Fraingeair gach olcus callus milleadh a bhan an comas a dheanamh, agus mar so, nach robh aigesan, an Ceannard Marcus de Gallifet, ach an sluagh borb, leth-fhiadhaich a chur sios agus a smachdachadh, gun iochd, gun acarachd, le faobhar gorm na stailinn. Tha Gallifet an diugh adeanamh maith ro-mhor don Fhraing. Gun eagal, gun faitcheas, le dealasus duinealas gasda, tha etabhairt air gach ceannard uaibhreachus mi-onorach teachd a nuas bhoinbhe ard, fheineil, agus geill a thabhairt gu dileas, easgaidh do laghannan na duthcha. Bi aobhar sonruichte aig an Fhraing a bhi toilichte gu bheil ceannard co comasach, direach, eudmhor ri Gallifet ag amhairc thairis air feachdus ceannardan na Frainge aig an am so.

COINNEAMH NA SITH.

Sgaoil Coinneamh na Sith anns an Olaint, agus, mo thruaighe, is gle bheag a maith a rinn e ann an crioch a thabhairt do chogadh, ’us do mhi-run, ’us do stri aingidhus aimhreit fhuileachdach an t-saoghail.

CONA.


Tha riaghladh Newfoundland an deigh fios fhaotainn o riaghladh Bhreatuinn gu bheilear a feuchainn ri tighinn gu cordadh ri riaghladh na Frainge a thaobh a chladaich air am bheil an duthaich sin ag agairt coirsa tha i acumail o mhuinntir Newfoundland le neart airm. Tha dochas gum bi cuisean air an socrachadh gu ceart, agus gu fag na Frangaich Newfoundland gu buileach us gu brath. Mar dheagh chomharra air gur ann mar sin a thig crioch air na cordaidhean a thatar a dheanamh aig an am so, tha e air innseadh gu bheil soithichean cogaidh na Frainge afagail Newfoundland deireadh Ogust, da mhios nas traithe nas abhaist dhaibh falbh as. Ach a bharrachd air lan sheilbh fhaotainn do mhuinntir Newfoundland air an cladaichean fhein, bu choir do Bhreatuinn seilbh fhaotainn dhi fein air eileanan St. Pierre agus Miquelon a tha cur dragh agus call mor air Canada us Newfoundland a h-uile bliadhna. Chan eil ni a cumail suas muinntir St Pierre ach a mhalairt mhi-laghail ann an stuth laidirs an tombaca a tha iad a cur air adhart, agus mar is luaithe theid stad a chur air a mhalairt sin, ’s ann as fhearr don da dhuthaich as fhaisgorraCanada us Newfoundland. Tha e gle iongantach gun do chuir Breatuinn suas leotha cho fada.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p.c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIC.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[61]

[Vol . 8. No. 8. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha na h-iasgaireans na gillean oga a glacadh moran rionnaich anns an acarsaid o chionn mios air ais. Cha robh an t-iasg sin cho pailt mu na cladaichean so o chionn aireamh bhliadhnaichean.

Tha an t-Urr. I. W. MacIsaic, a Georgeville, N. S., ri bhina fhear-cuideachaidh don Urr. Seumas Quinan, sagart a bhaile so. Tha Mr. Mac Isaicna shearmonaiche Gailig, cainnt a bhios gle fheumail dha ann an Sidni.

Bhan comanachadh aca ann an eaglais St. Andrews la na Sabaid sa chaidh. Rinn an t-Ur. A. B. Simpson an searmon Beurla, agus an t-Ur I. F. Forbeis an searmon Gailig. Shearmonaich an t-Urr Domhnull Mac Odrumsa Ghailig Di-satharna.

Fhuaireadh fear Seumas Mckenna air a bhathadh faisg air Charlottetown, E. P. I., oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Thatar a deanamh a mach gun deach e chadal air laimhrig, agus gun do chuir e car dheth fhein dhan uisge. Cha robh e ach da bhliadhnair fhichead a dhaois.

Chaochail boirionnach ann an Batavia, am Michigan, o chionn ghoirid, agus thatar a meas gum bi a bhean bu mhotha bhanns na Staidean. Thomhais i sia ceud us da fhchead punnd, agus bha chiste-laidhe anns an do chuireadh i, da fhichead oirleach a leud, agus seachd oirlich fhichead a dhairde.

Am measg an luchd-obrach a thainig don bhailenuair a thoisicheadh air deanamh deiseil laraich na h-obair iaruinn, thainig aireamh mhor nach robh toileach obair a dheanamh, agus a fhuair cead an coise an deigh dhaibh latha no dha a chur a stigh. Tha sinn atuigsinn gu bheil moran dhiubh sin a nise air sgaoileadh air feadh na duthcha, a deanamh an rathaid air ais gu Halifax, ag iarraidh agus a faotainn aoidheachd ann an taighean nan tuathanach. Bu choir do dhaoine bhi air am faiceall rompa; daoine tha tuilleadh us leisg airson an aran laitheil fein a chosnadh, chan eil coir sam bith aig muinntir eilen cumail suas, no bhi toirt misneach sam bith dhaibhnan diomhanas.

Thainig boirionnach og, dam bainm Mairi Mhurphy, ri beatha fein ann an Sidni Tuath feasgar Di-luain sa chaidh. Chaidh i mach comhla ri bana-charaid dhi a bha dol do stor, agus dhfhuirich i aig oisinn sraide a feitheamh gus an tigeadh i air ais; nuair a thill a bana-chompanach, cha robh ise ri faicinn. Smaoinich i gu robh i air a dhol dhachaidh, agus chaidh i dhionnsuidh an taighe, ach cha robh i an sin. Bhatarga h-iarraidh fad na h-oidhche mu na laimhrigean, agus trathsa mhaduinn fhuaireadh a corp anns an uisge astar beag a mach on chladach. Bha i tinn o chionn faisg air da bhliadhna, agus bhiodh goirteas cinn oirre a bhiodh gu tricga cur as a rian. Chan eil teagamh nach ann mar sin a bha i nuair a bhath i i-fhein. Bha i ochd bliadhna fichead a dhaois. Bu nighean i do Edward Murphy nach maireann, agus tha a mathair, piuthar agus dithis bhraithrean dhi beo as a deigh.


FAILT AIR MR. WHITNEY.

Oidhche Di-mairt bha coinneamh ann an Talla na Stuaime, airson cothrom a thoirt do mhuinntir a bhaile failt a chur air Mr. H. M. Whitney, ceann-suidhe na cuideachd a tha cur air adhart na h-obair iaruinn. Bhan oraid-fhailteachaidh air a leughadh le Mr. Crowe, ard-bhaillidh a bhaile, a toirt buidheachais do Mhr Whitney, airson na tha e deanamh anns an eilean so, a guidhe soirbheachaidh don chuideachdnan obair, agus ag altrum an dochais gum biodh gach ni a bhiodh eadar iad agus muinntir a bhailes na duthchana bhuanachd dhaibh taobh air thaobh. Fhreagair Mr. Whitney, le oraid thaitneach anns an do gheall e gach ni a bhiodhna chomas air son math na duthcha a dheanamh, a bharrachd air obair na cuideachd aige fhein a chur air adhart le neart mor. Tha e gus a dhachaidh a dheanamh ann an Sidni, agus mar sin bidh e mar aon den t-sluagh. Tha dochas aige gum bi am baile air a riaghladh gu glic agus gu ceart, a chums gum bi na miltean sluaigh a dhoirteas a stigh ann ri linn na h-obrach, air an cumail sabhailtes air an saoradh o bhuairidhean a dhfhaodar a sheachnadh. Tha eg radh gun gabh iarunn cur air a mhargadh ann an so nas saoire na ghabhas e ann an aite sam bith eile air an t-saoghal, agus mar sin nach en obair-leaghaidh an aon obair a bhios adol air adhart an ceann aireamh bhliadhnaichean, ach iomadh obair eile a bhios a cur feum air iarunns air cruaidh, agus gum bi Sidni ainmeil anns gach cearna dhen t-saoghal. Labhair e air dhoighs nach burrainn neach a chreidsinn nach robh barrachd us a bhuanachd fheinsan amharc aige, ach gum bu mhiann leis cothrom agus ceartas fhaicinn aig na h-uile.

Bha Mr. Uilleam Mac Coinnich, den chuideachd Mac Coinnich agus Mann, ann an siorrachd Inbhirnis air an t-seachdain sa chaidh, ag amharc thairis air an rathad-iaruinn a tha iad a deanamh eadarPort HawkesburyagusBroad Cove. Thainig e gu ruige Mulgrave ann an carbad dha fhein, agus as a sin ghabh e carbad each guBroad Cove. Is Gaidheil Mac Coinnich, agus mar an ceudnafhear-cuideachd, Mann, a fhuairarach ann an siorrachd Ghlinn-a- Garaidh, an Ontario, agus aig am bheil Galig gu leor. ’Se so a cheud uair a bha Mac Coinnich ann an Ceap Breatuinn, agus thaitinn an duthaich ris gu math.

Bhan Senator Cox, a Toronto, anns a bhaile air an t-seachdainsa chaidh. Tha earrann mhor de stoc Cuideachd an Iaruinn aige, aguss ann a dhamharc air na laraichean a thatar a deanamh a thainig e. Tha e dhen bharail gu bheil amannan iongantach soirbheachail a feitheamh air a chearna so dhen eilean. Chaidh e air eis deireadh na seachdain, agus tha duil aige tighnn air chuairt eile an uine ghoirid.

Bha an stoirm a bhann am Porto Rico o chionn faisg air mios air ais, moran na buamhasaiche na bha na ceud fhiosan ag radh a bha i. Bha corr us da mhile air am marbhadh leis an stoirm, agus rinneadh call cho mor air cuid dhaoines gu bheil moran a basachadh gach latha leis an acrass leis an anacothrom a tha iad a fulang. Tha cuideachadh ri bhi air a churg an ionnsuidh as na Staidean.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?

Tha e acumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.

Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.

J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios socarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.



[62]

[Vol . 8. No. 8. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 59.)

am measg freumhan tioram gun toradh mar a tha a Ghailig.

I. —Chan aontaich mi leat idir gu buileach anns abheachd sin. Tha mig aideachadh gun bu choir do neach a bhi saoithreach arson fior eolas fhaotainn air aon chainnt co dhiu. Ach chan eil mi a creidsinn gum bu choir do neach fuireach riaraichte le aon chainnt a mhain. Oir tha buannachd mhor ri faotainn bho eolas air atharrachadh chanan. Car son a tha daoine cumail air chuimhne nan seann chainntean? Carson a tha Breatuinnich, Gearmailtich, agus Frangaich ag iunnsacha na h-Eabhra, na Siriac, agus na h-Arabic? Carson a tha oilthighean na Roinn Eorpa agus Amerca, a cumail suas na Laidiunn agus na seann Ghreugais? Is e so an t-aobhar. Tha arson a bhi cur buadhan na h-inntinn ann am farsuinneachd, a geurachadh na tuigse, agus a neartachadh na cuimhne. Tha eolas air na seann chainntean fein a cur blas nadurra air aghliocas a tha ra fhaotainn annta. Le bhi gabhail beachd air an eadar-dhealachadh a tha eadar na cainntean, gheibh sinn sealladh air an doigh anns am bheil agus anns an robh, moran de threubhan achinne-daoine ag atharrachadh bho cheile, ann am briathran agus ann asmuaintean. Gheibh sinn sealladh nas coimhlionta air eachdraidh nan cinneach, ach gu h-araidh, air ar n-eachdraidh fein. A nis tha aGhailig air aon de na cainntean a tha feumail a bhitabhairt fainear anns an t-seadh so; oir tha i ann an dlu-chairdeas donSanskrit,” an canain aosmhor bhon do dheirich an Laidiunn agus aGhreugais, agus bhon do shruth moran den Bhenrla fein, mum bheil thu deanamh a leithid do dhupraid.

C. —Tha mig aontachadh gum faod earrann mhath de sin a bhi ceart. Ach nach bfhearr dhuinn gu mor ar goraicheleigeadh seachad, gun a bhin ar cuis-ghaire aig na coigrich a leubhas mar timchioll ann aSasuinn agus ann an aiteachan eile? Chaneil buannachd sam bith dhuinn ann a bhi cuimhneachadh air achanain bhorb sin, na air gniomharan nan daoine fiadhaich, a bha riamh a marbhadh agus a pronnadh a cheile. Leigeamaid air di-chuimhniad, agus tionndaidhmid ar n-aire gu nithibh a bhios a chum buannachd. Oir dhealaichinn gu togarrach ri mo chuid Gailig, nan deanadh sin mi na bfhoghaintiche anns aBheurla.

I. —Am bheil thusa cuideachd air aireamh na muinntir a reiceas an coir-bhreith arsonmias de bhrochan dearg?” Tha e cur tamailt orm gun tachradh duine rium a labhras aGhailig, ach gidheadh a tha cho caoin-shuarach mu a beatha agus a cliu. Leig dhomh innse dhuit nach bann den t-seorsa dem bheil thusa a bha na gaisgich a chum suas ar cainnt, agus a ghleidh saorsar duchadh anns na linntean a dhfhalbh. Cha bann coltach riutsa bha na balaich a dhaobhraich nach do chuireadh aGhaidhealtach riamh fathast fo smachd. Cha bann coltach riutsa bha na gillean a sheas a coir aig Allt aBhonnaich. Tha mi smuaineachadh nam biodh tusa beo anns na laithean ud, gu faight thu ann am measg nan cailleach agus na cloinne; ar no nan tugt idir a chum a bhlair thu, gum falbhadh tu gu togarrach maille ris na naimhdean. Oir tha mi deanamh dheth gum biodh nair ort gum faiceadh na Sasunnaich thu ag oibreachadh arson do dhuchadh. Is e sin an comhdhunadh reusanta a dhionnsaidh an bheil do bhriathrangam threorachadh. Tha e soilleir nach e Gaidheal ceart a thannad. Tha thun a do namhaid don Ghailig; agus air an aobhar sin, chan eil e glic do Ghaidheal sam bith eisdeachd riut, na do chomhairla ghabhail. Tha do leithid-sa nas cunnartaiche do bheatha na Gailig na ni sam bith eile a thag oibreachadhn a h-aghaidh. Ach is ann le bhi ga cleachdadh ann am fein-dhion a neartaichir cainnt nan Gaidheal. Mar sin is e mo dhochas agus mo ghuidhe gum bi an dream a tha eudmhor agus foghainteach air a taobh a faotainn an tuilleadh neart gus a coir a sheasamh. Agus tha mi da rireadh ann an duil, gu bheil gach Gaidheal treibh-dhireach air feadh gach cearn den t-saoghal mhor trem bheil sliochd nam beann air asgaoileadh, a miannachadh gum biodh sonas agus buaidh a leantuinn, mar thoradh air saothair na muinntir sin, a tha cho duineil ag oibreachadh ann an comh cheangal risA Mhod Ghaidhealach.”


CROMUEL.

Nuair a thuigeadhan Alba cionnnis a bha Cromuels a luchd-cuideachaidh alaimhseachadh an righ, bha sluagh na duthcha gle dhiombach. Agus chaidh cuid co fad’ ’s gun diarr iad a dhol a chogadh an aghaidh arm Chromueil fathast. Cha robh Cinn-iuil nan Cumhnantach deonach air dol co fada sud, agus labhair na ministeirean mar le aon ghuth an aghaidh cogaidh. Ach fhuair Diuc Hamiltoin aireamh mhiltean doshaighdearan oga, dealasach air taobh an righ mar bha e féin, gus a leantuinn do Shasunn a chuideachadh chairdean sam bith a bhaig an sin. Thainig Cromuel gu h-obann air an Diùc, aig aite ris an abrar Uarsington, ’s chuir en ruaig air a shaighdearaibh neo-iunnsaichte; chaidh an Diùc féin a dheanamhna phriosunach, ’s a ris a chur gu bas. Cha tainig ach tearc de a luchd-leanmhuinn air an ais.

Achnuair a chualasan Duneidin

(Air a leantuinn air taobh 63.)


SANAS.

Do Mhuinntir Cheap Breatunn.

Ma tha dealbh agadtintype no photoa tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gur n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Chaneil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoighs gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho mathsa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.

Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C B


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.



[63]

[Vol . 8. No. 8. p. 7]

(Air a leantuinn o thaobh 62.)

gun do chuireadh Tearlach gu bas, bha gach ardns iosal air an lionadh le feirg. Rainig an naigheachd air an t-Sabaid; agus air an ath la chaidh Tearlach II., macus oighren fhir a chuireadh gu bas, eigheachna righ. Cha robh an t-oganach so ach ochd bliadhna deug a dhaois aig an am. Bha e air teicheadh don Olaind roimhe sud. Ach ged a bha iad dleasdanach don righ, ’na inbhe fein, cha robh iad gus a ghabhail gun chumhachan. Dhfheumadh e aChomhbhoinn sholuimtes an Cumhnantaideachadh, ’s a lamh sgriobhaidh a chur riu, mun gabhadh iadsan orra fein boidean a bhi dileas dha. Chaidh teachdairean a chur da ionnsuidh air son cordaidh ris mun ghnothuch so. Bha Tearlach og deonach gu leor air na h-uile ni a dhiarr aPharlamaid Albannach a dheanamh— ’s e bha. Ciod an ni nach deanadhs nach gealladh esan, ’n uair a bhiodh sin gus a ghnothuch fein a chur air aghart? Ach bha ecumail a ghnothuich greis gun chur an dara taobh gus am faiceadh e ciod a thachradh do innleachd uaigneach eilair nach robh fios an sin. Bha en deigh Montros a chur a nall do thaobh tuath Alba le sea ceud Gearmailteach, agus tearc de Rioghalaich a bhair teicheadh don Olaind an deigh baisathar. Nan soirbhicheadh le Montros, mar bha en duil, gheibheadh Tearlach air ais gu rioghachd a shinnsir gun taing don Pharlamaid; gun a bhi fo Chumhnant idir. ’S mar sin ged a bha e gealltuinn nan uile nithe a dhiarr iad, bha efaotainn leth-sgeulan gu dail a chuirs an ni. Thainig Montros air tiran Arcu. Thug e air aireamh de oigridh an eilein sin gabhails an arm aige. Leo sins na thug e as aGhearmailt, ghabh e air aghart gu tir-mor Alba. Ach choinnich oifigeach dam bainm Strachan fo chomannda Lesli e, air iomall a tuath Shiorrachd Rois, ’s chuir e as a cheila chuid shaighdearan. Theich Montrosna aonar, ’s chuir e eudach saighdeir cumantair fein, gus a chur as aithne. Thug se e fein suas do Mhac Leoid Asainn, a bha air bith roimhe sin, ’naarmailt fein. Thug Mac Leoid suas e do oifigich na Parlamaid. Bha binn a bhais air a toirt a mach air son gach olc a rinn e roimhe sin. Chrochadh e air an aona la fichead de cheud mhios an t-samhraidh, 1650. ’N uair a chuala Tearlach mar a thachair do Mhontros bha e ullamh guainm a chur ris gach Cumhnantus paipeir a dhiarradh aPharlamaid. Dhfhag en Olaind air an t-seathamh la deug de mhios meadhonach an t-samhraidh, ’s thainig e air tir aig bun amhainn Speigh, ’s ghabh e air aghart gu Sruileadh. Bha na h-Albannaich ro aoibhneach air son e thighinn. Nochd muinntir Dhuneidin gu h-araidh, gun robh iad aighearach le teineachan aoibhinn a chumail alosgadh re na h-oidhche, ’s a bhi dannsadh timchioll orra.

Bham beachd fein aig Parlamaid Shasuinn mu thighinn Thearlaich. Bha Eirinn air dol troimhe sobha i roinntena buidhnibh, cuid an aghaidh, ’s cuid air taobh an righ. Chaidh Cromuel a null le dusan reisimeid, ’s an uine ghoirid cheannsaich e gu h-iomlan an duthaich sin da riaghladh fein. Agus a nis bha e air tighinn air ais, agus gun dail rinn e deiseil air son a leithid a dheanamh air Albas a rinn e air Eirinn. Thainig e nall do Albair ceann feachd shea mile deug eadar choisicheanus mharc-shluagh. A reir nois Albo shean, chaidh teine fhadadh air mullach gach cnuic on chrich Shasunnaich gu Duneidin, leis an robh rabhadh air thoirt don t-sluaigh gun robh namhaid air bristeadh a steach air tir. Ghabh am feachd Sasunnach air aghart, a h-uile ceum gu Duneidin gun a bhicoinneachadh ri dad ach tir air a fasachadhan spreidhs am biadh air falbh, gun ni air fhagail dem burrainn namhaid feum a dheanamh. Ach chuireadh stad orraig Duneidin. Bha Seanalair Daibhidh Lesli an sin an deigh garadh dionadh agus sreath Dhaingnichean a tharruing eadar Libhtagus Duneidin air nach bu chomasach do Chromuel faotainn seachad. Bha e mun cuairt do am na Lunasdail, ’s bha moran uisgann leis an robh na Sasunnaich ro mhi-chomhfhurtail air chul a gharadh. ’N uair a dhfhairtich air Cromuel an t-Albannach a thoirt idir gu ionad tharruing lann, ’s a thoisich tinneas air lagachadh a chuid feachd, béigin da pilltinn a deas gu aite ris an abrar Dunbarr, a tha fad an ear-dheas air Duneidin, ri cois na mara, far am faigheadh e biadh on chabhlach a bha ga leantuinn. Dhfhag Lesli an sin, ’ionad dionaidh, ’s lean e air sail Chromuel, ’s ghabh e sealbh air mullaichibh nan cnoc a bha os ceann an airm Shasunnaich, air sheols nach burrainn iad gluasad gu deas no gu tuath gun chunnart a bhi air an gearradh as. Cha be Lesli so Iarla Lebhen, ach fear a boig’, agus saighdear nach bu mheasa.

(Ri leantuinn.)


SANAS.

Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.

I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.

II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnnNa Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na thagainn de na leabhraichean sin.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


Am Feillire.

SEPTEMBER, 1899.

1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644.
2 Di-satharna La Worcester, 1661.
3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis.
4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine
9 Di-satharna La Flodden, 1513.
10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis.
11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297
12 Di-mairt La Abareadhain 1644.
13 Di-ciaduin Ciad Mhod aChomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892
14 Dior-daoin
15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752.
16 Di-satharna
17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis.
18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759.
19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-ciaduin
21 Dior-daoin
22 Di-haoine Da Sliabh aChiamhain, 1745.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis.
25 Di-luain
26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854.
27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852.
28 Dior-daoin
29 Di-haoin An fheill Mhicheil.
30 Di-satharna

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F.
A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F.
An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M


Cuir impidh air do nabuidh cur a dhiarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolarsa bhliadhna


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.



[64]

[Vol . 8. No. 8. p. 8]

Comhradh,

Mar gum bann eadar dithisd nighean Dhomhnaill, Mac Mhic-Dhomhnaill Duibh.

MAIREARAD.

Thuirt Mairearad nighn Dhomhnaill,
S i toiseachadh gu ciuin,
A phiuthar ciod an t-ordagh,
A nis mun deonach thu?
Mas ionnan duit is dhomhsa,
Bit oigh is gheibh thu cliu;
S na iarr dhuit fein de sholas
Ach bhith posda ris an uir.

MARSAILI.

Sin nuair labhair Marsaili,
S bu taitneach leam a gloir;
A phiuthar, ’s beag mo chiatadh
Do bhriathraibh sin de bheoil.
Gum bfhearr leam seal de mhacnas
Ri mac mhic Eachainn Oig,
Na bhith crabhadh mar ri sagairt
Agus paidearannam dhorn.

MAIREARAD.

Ochoin! ’s truagh an fhaosaid sin,
A phiuthar ghaolach og,
Meud do thoirt don t-saoghaltachd,
S nach bi sinn daonnan beo.
Bu ghniomh bu mho gu cobhair riut
Do leabhar a bhith ddhorn,
Na bhith falbh air ghealltan fasaich.
Gun sailm ach gairich bho.

MARSAILI.

Mun gabh thu fearg le ardan rium,
Bidh maicheadh dhuit gu mall;
Achs truagh am beachd a dhfhas annad,
S gun tarach am measg Ghall.
Gabh fein sgeul an easbuig
Thair ar creideamh-ne mar cheann,
Dhfheuch an sinnen t-ordagh so
Nam posadh a bhith ann.

MAIREARAD.

Tha iomad ni ga chleachdadh
La lagh eaglais anns gach ait,
Nach faigh thu anns a Bhiobull,
Geds e freum gach firinne.
S fearr posadh, ge be thogras e,
Na losgadh is cuis bhais;
Ach ge be thig gun aon diu,
Bi cinnteach gur h-es fearr.

MARSAILI.

Bfhearr leam bhith gu catanach
Le taintibh is le stor;
A bhith gu taisgeach, tairbheartach,
Le airgiod is le or;
Bhith gu riomhach, fasanta
Le pasmunn is le srol,
Na bhith seargadh ri claich chrabhaidh
Gun fiu a ghair, ach bron.

MAIREARAD.

S aite-gleidhte diomain
San do chuir thu tuile stor,
S gun ann ach seorsa phigeachan,
S gum brisdear iad gu foil.
N t-aitsa bheil mo thasgaidh-sa
Tha glasan air do-leoint’;
On tha mo stiubhart saibhir
Bheir e lathail domh mo lon.

MARSAILI.

Bfhearr leam bhith gu daonnachdach
Ri feomaichibh gach la
A bhith gu feusdach, furanach,
Mar bhuineadh roimh luch-daimh’.
Ons e sin doigh bu trice
Bhaig gach mnaoi bu ghlice gnaths,
Na bhith air an gluin ag eadarghuidh
Ri Peadar no ri Pal.

MAIREARAD.

A bharail a thaig cach ort,
S e aobhar nair as mo,
Gur h-e a chum on chrabhadh thu
Ro mheud do ghraidh air poig.
Nam biodh tu uirnceach, mosguineach,
Cumail troid ris an fheoil,
Bu deimhinn duit gun coisneadh tu
An rioghachds momha gloir.

MARSAILI.

N rud nach creid mo chairdean,
Chan fheil fath dhomh bhith ga run,
S gur math le mnaoi ga beusaichead
A ceile fein riglun.
N neach nach ith an solus rud,
An conaltradh non cuirt,
Cha chreid na daoine glice
Nach ith e rudsa chuil.

MAIREARAD.

S olc an smuaintinn aignidh
Thaig mnaoi aigeallaidh do bheil,
S a liuthad neach than cairdeas
Do nach ionnan nadar bheus.
Bidh barail aig a phoitear
Bhios ag ol gach uair gam feud,
Gum bi gach ti an gradh air
An dibh mar tha e-fein.

MARSAILI.

Bha gach neach on dainig sinn
Gle stathailnan am fein;
Cha bu luchd thoirt dalach iad,
A bhard, no dhaimh, no dh-eisg.
Bu mheasail ri am naistinn iad,
An naire riamh do ghleidh;
Chan iarrainn fein a dhailgheas
Ach bith san aitesam bi iad fein.

MAIREARAD.

S deacair dhomh-sa raitinn riut
Nach nadarra do bheus,
S far am bi na cairdean
Gur a stathail bhith dan reir.
Gluais thusa mar a thagad
Dhfheuch an taitinn e riut fein,
S cha toill mise moran diumba
Airson dol ri uin ad dheidh.


Duanag.

Le fear an Lagain, an uair a bha e air leabaidh a bhais.

LUINNEAG.

Chan fheil feum anns a mhulad
Chan fheil treun ris nach cuir e,
Chan fheil feum anns a mhulad.

Ailis dhonn gur mor mo ghradh ort;
Gruaidh na naires beul an fhurain.

Tha min dochas dhiot nach taobh thu
Giullan faoin nach dean do chumail.

Iain, bi gu math do dhAilis,
Thoir do ghradh dhi a mar a bhuineas.

Tha min so an seombar claraidh,
S ge fad an dail thig an cuireadh.

Tha mo dhotair ann am Brolas,
S cha dig e gam choir-sa tuilleadh.

Nam biodh fios aige mar tha mi,
Mharcaicheadh em mam gu h-ullamh.

S mithich dhomhsa sgur dem oran,
Bhon than cronans ann am mhuincal.

S mor mo pheacaidhean ran leughadh,
S lionmhor iad seach feur is duilleach.

S lionmhoire na ghaineamh ghlas iad;
Och, mo chreach, chan fhaodar fuireach.

Tha mo dhochas uilan trocair,
An Ti ghloirmhoir sin a dhfhuiling.


Chaidh duine dubh ann an Rochelle, an staid Georgia, a chur a dhobair air t-sraid air son coire eigin, agus mhaoidh e gun cuireadh em bailena theine cho luathsa gheibheadh e ma sgaoil. Beagan lathaichean an deigh sin chaidh am baile na theine cinntcach gu leor, agus chaidh gach tagh fiodha a bha ann a losgadh. Mas en duine dubh a rinn an cron cha dfhuaireadh greim air fhathast.

Chaidh duinog dam bainm Herbert Howard, a mhuinntir Cornwall, E. P. I., a bhathadh o chionn beagan us seachdain ann an Sacramento, California. Bha eg obair air bord bata-smuidenuair a thachair an sgiorradh. Chaidh brathair dha a mharbhadh an uiridh ann an cearn eile dhe na Staidean.


C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

TURSAN FEASGAR.

DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.

DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.

J . A. YOUNG, Manager.


CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?

DOMHULL. —Tha mi dol dhan cheardaich leatha feuch am faigh mitireur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tanasa tha antireair cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.

C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis natirescosg mar sin idir. Co-luathsa chi thu iad a fas tana, thoir dhan cheardaich iads mairidh na cuidhlichean moran nas fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho mathsa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agusse natiresa bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.

D. —Co tha deanamh natiresdhutsaChalum? Cha chreid mi fhein nach eil antireair a chuidhil sin nas fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.

C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—

SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,

agus be mo chomhairle dhutsa dhol ga ionnsuidh le dobair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bin t-aithreachas ort. Tha eg obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e nas saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni en obair fhadsa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seorsiaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.

D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.

titleIssue 8
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 8. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page