[Vol . 8. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 8, 1899. No. 9.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXVI.
Cha robh an t-aite anns an do chuir sinn seachad an oidhche cho sabhailte ’s bu mhath leinn idir. Ach b’ fheudar dhuinn cur suas leis. Feumaidh fear an fhalbha ’s an allabain cur suas le iomadh eis agus cruadal agus cunnart. Tha duil aig daoine nach do chairich riamh o na taighean, nach eil dragh mor sam bith aig an fheadhainn a tha dol do rioghachdan fad as a dheanamh airgid. Ach is mise a bha thall ’s a chunnaic.
Thainig an dubh oidhche oirnn agus sinn ann am meadhain comhnaird cho mor ’s a chunnaic mi riamh ach ainneamh. Cha robh againn ach feuchainn ris a bheairt a b’ fhearr a dheanamh dhe na bheairt bu mhiosa. Cha robh feum againn air teine thogail; oir cha robh do bhiadh againn ach measan, agus air an aobhar sin, cha robh dad againn ri chocaireachd. Ged a bhitheadh feum againn air teine, cha fhreagradh e dhuinn a thogail. Nan tachradh gu’m biodh sealgairean a’ chruidh-fhiadhaich, no robairean faisge air laimh, bhrathadh ceo an teine sinn air an latha, agus solus an teine air an oidhche. Ach ged a bha sinn air comhnard farsuinn, fosgailte, gun fhasgadh creige no craoibhe, chaidil sinn gu trom. An fheadhain dhinn a bha ri bhith ’nar caithris, thuit sinn ann an trom chadal gun fhios dhuinn fhein, agus cha do dhuisg a h-aon dhinn gus an robh dorn dhe’n latha air a dhol seachad. Agus is docha gu’n robh sinn air cadal gu math na b’fhaide mur b’e gun do dhuisgeadh sinn le fuaim nach cuala sinn gus a sid o’n a dh’ fhalbh sinn o’n taigh. Gu fortanach dhuinn ged a dhuisg sinn cha d’ eirich sinn ’nar seasamh idir. Nan do thachair dhuinn eirigh ’nar seasamh, mar a bha nadarra gu leor dhuinn a dheanamh, is docha gu ’n tugadh a’bhuidheann mhor mharcaichean a bha mu leith mhile an taobh thall dhinn an aire dhuinn. Bha iad a’ coiseachd leis na h-eich aig an am, agus chluinnteadh an cath bruidhne a bh’aca mile air astar. Is gann gu’n tigeadh ar n-anail am mach leis an eagal. Ghrad bhuail e anns an inntinn againn gu leir nach bu daoine cneasda a bh’annta.
Thuirt Tomas ruinn gu beag, gu ’m b’e ar gliocas sinn fhein a leigeadh ’nar sineadh far an robh sinn, agus gun aon fhacal a radh. Agus bha e fhein gus a bhith cumail suil orra feuch co’n rathad a ghabhadh iad.
Thainig iad cho dluth dhuinn ri cairteal a’ mhile. Ged nach robh mise ’g am faicinn, bha mi cluinntinn am fuaim a bha casan nan each a’ deanamh a’ dol troimh ’n fheur.
Gu fortanach, ghabh iad seachad oirnn gun an aire a thoirt dhuinn. Bha sinn an duil gu’n leanadh iad rompa, ach an aite leantail rompa, is ann a stad iad mu mhile an taobh an ear dhe’n aite anns an robh sinn.
An uair a leig iad as na h-eich, dh’ fhadaidh iad teine, agus thoisich iad ri deasachadh bidh. Cha bi a’ chuirm gun a comhradh a bh’aca. Ach tha amhrus laidir agam nach b’ann dhe na taghaidh a bha na naigheachdan a bha cuid dhiubh ag innseadh. Bha’n t-side ciuin, briagha, agus am feothachan gaoithe a bh’ann, bha e toirt fuaim na gaireachdaich agus nam mionnon gu soilleir gu ar cluasan.
Cha robh coltas cabhaig sam bith orra, agus bha fior eagal oirnne gu ’n fanadh iad far an robh iad gu feasgar. Bha sinn a’ gabhail fadachd gu leor nach robh iad a togail orra ’s a’ falbh feuch am faigheamaid eirigh as an aite ’san robh sinn ’nar suidhe. Mu dheireadh thall, an uair a bha sinn an deigh seachd fadachdan a ghabhail, chunnaic sinn iad a’ deanamh deiseil gu falbh. An uair a bha iad deiseil mharcaich iad air falbh le luaths a bha ’cur ioghnaidh oirnn.
An uair a chaidh iad as ar sealladh, choisich sinn a null a dh’ionnsuidh an aite anns an robh iad, feuch an rachadh againn air a dheanamh am mach ciod an seorsa dhaoine a bh’annta. Bha Tomas am comhnuidh ag radh ruinn, gu’n rachadh aig duine beachdaidh geur-chiseach air moran fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn, dhaoine, nan gabhadh e beachd air a bhiadh a bhiodh iad ag itheadh, agus air mar a dh’ fhagadh iad na sgeinean ’s na forcan, na cupannan ’s sasairean, agus na soithichean eile a bhiodh air a’ bhord an uair a dh’ eireadh iad o’n bhord. Tha mi lan chreidsinn gu’n robh e ag innseadh na firinn; oir, comhladh ris gach obair eile a dh’ fheuch e, bha e greis ’na ghille-buird ann an taigh-osda cho mor ’sa bh’ ann an Eirinn. Ach, mar a bha e fhein ag radh, cha robh e furasda dheanamh am mach ciod an seorsa dhaoine a bhiodh a’ suidhe aig biadh air blar lom ann am meadhain fasaich.
Ach an uair a rainig sinn far an do ghabh iad am biadh, thuig sinn rud no dha mu’n deidhinn air nach robh fhios againn roimhe. Anns a’ cheud aite, dh’aithnich sinn gu’n robh iad gu tilleadh air ais an uine gun bhith fada; oir bha cuid mhor dhe na nithean a bhiodh feumail dhaibh air son an turuis ann an sid. Agus cha b’ urrainn duinn a chreidsinn gu’m fagadh iad biadh is deoch, agus iomadh ni eile air comhnard lom fasaich, mur biodh iad suidhichte gu’n tilleadh iad air ais an uine gun bhith fada. Thuirt Tomas ruinn, gu’n faodamaid ar diol dhe’n bhiadh ’s dhe’n deoch a ghabhail o’n a bha sinn fann, acrach; ach thuirt e ruinn, gu ’m feumadhmaid feuchainn ris a h-uile cabhag a dheanamh air eagal gu’n tigeadh torachd oirnn mu’m faigheamaid a dhol astar gu leor air falbh.
Ghabh sinn earann mhath dhe na bh’ ann de bhiadh, agus dh’ ol sinn an deoch laidir gu leir. Gu dearbh cha do bhlais mi fhein air deur dhith; oir, ged nach robh mi riamh am muigh ’s am mach an aghaidh deoch laidir a ghabhail, bha de thuigse agus de ghliocas annam na sheachnadh i an uair a shaoilinn a dheanadh i cron domh. Air an latha ud, cha bhiodh an deoch laidir a chum feum sam bith do dh’ fhear seach fear dhinn. Bha’n t-side anabarrach blath, agus bha sinn air bheagan bidh fad na madainn ud agus na h-oidhche roimhe sid. Ach thraigh na fir eile gach searrag a fhuair iad lan. Ach cha ’n fhoghnadh so leotha. Mar a bha iad leis an olc, lion iad gach searrag le uisge a chum fealag a thoirt as na daoine. Aig an am bha eagal gu leor ormsa gu’m faodadh so cron gu leor a dheanamh dhuinn air a’ cheann mu dheireadh.
Gun dail sam bith thug sinn ar n-aghaidh air an aird iar-dheas—an taobh as an d’ thainig na marcaichean. An uair a dh’iarr Tomas oirnn so a dheanamh, bha amhrus againn nach b’e comhairle na corach a thug e oirnn. Dh’aithnich e anns a’ mhionaid gu’n robh sinn ann an teagamh mu dheidhinn a chomhairle ghabhail, agus thuirt e ruinn, “Ma ghabhas sinn rathad sam bith eile lorgaichidh iad am mach sinn an uine gun bhith fada, oir chi iad larach ar casan a’ dol troimh ’n fheur; ach ma leanas sinn a’ cheart cheum air an d’ thainig iad fhein, cha’n urrainn daibh ar leantuinn air ar luirg.”
Ghrad thuig sinn gu’m b’e ar gliocas deanamh mar a bha Tomas ag iarraidh oirnn. Le ceum sunndach, cabhagach ghabh sinn air aghart. Bha sinn ag amharc ’nar deigh agus air gach taobh dhinn air eagal gu’n tigeadh torachd oirnn air taobh sam bith. Mu dheireadh thainig sinn gu aite ann an robh am fearann na b’ airde agus gu math na bu luime, agus bhrist sinn bhar an rathaid a dh’ionnsuidh na h-airde an iar. Ged a leanadh na marcaichean air ar toir air an rathad so, cha bhiodh e aon chuid furasda dhaibh ar lorg a leantuinn, no idir marcachd le cabhaig; oir bha am fearann car neo-chomhnard, agus bha badan mora de phreasarlach coille ann.
An uair a choisich sinn astar math troimh ’n aite ud, thainig sinn ann an sealladh monaidh a bha gu math ard. Rinn sinn direach air, oir bha sinn aig an am a’ teannadh ri fas sgith agus acrach. Rud eile dheth, bha sinn ’g ar deanamh fhein cinnteach gu’m faigheamaid anns a’ mhonadh ud aite anns an gabhamaid fois gu sabhailte fad na h-oidhche. Anns a’ mhonadh so fhuair sinn measan gu leor a bha cho fallainn ’s cho blasda ’s cho neartar ’sa dh’iarramaid. Thug so toileachadh dhuinn, agus bha feum againn air, oir bha sinn air thuar ar misneach a chall gu buileach. Bha triuir no cheathrar dhe na seirbhisich a’ maoidheadh falbh taobh eiginn agus ar fagail ann an sid. Tha mi ’lan-chreidsinn gu ’n robh iad air falbh gun teagamh nan robh iad a’ smaointean gu’n rachadh aca air faighinn gu sabhailte as an aite anns an robh iad. Ach bha fhios aca gle mhath nach robh gnothuch bu ghlice dhaibh fhein agus dhuinne na seasamh gu duineil gualann ri gualainn, agus feuchainn ri faighinn as a’ chunnart anns an robh sinn cho math ’s a dh’ fhaodamaid. Air an fheasgar ud, an deigh dhuinn ar n-anail a leigeadh, agus deisealachd a dheanamh air son gabhail mu thamh, thug Tomas comhairle oirnn. Thuirt e ruinn gu’n robh e deimhin nach b’fhada gus an ruigeamaid aite anns am faigheamaid pailteas dhe’n or, agus mu’n tigeadh ceann na bliadhna gu’m biomaid uile gu sabhailte air ar n-ais anns an aite as an d’ fhalbh sinn.
[Vol . 8. No. 9. p. 2]
Ged a dh’ eisd sinn uile gu foighidneach ris na thubhairt e ruinn, tha amhrus laidir agam nach d’ thug fear seach fear dhinn moran creideis dha. Ach o’n a chaidh sinn cho fad air ar n-aghart, chuir sinn romhainn nach tilleamaid ’s a’ bheath annain. Anns an t-suidheachadh inntinn so ghabh sinn mu thamh, agus o nach do chuir creutair sam bith faragrach oirnn, chaidil sinn gu trom gus an robh an latha geal ann.
(Ri leantuinn.)
LATHA MOR ’SAN SGIREACHD.
Oraid Eoghain Oig.
Tha an eachdraidh a leanas, air taghadh ministeir ann an aon de sgireachdan na Gaidhealtachd, air a sgriobhadh le “Fionn,” fear de sgriobhdairean tapaidh na h-Alba, air am bheil ar leughadairean a cheana eolach. Cha’n eil teagamh nach eil an eachdraidh air a h-innse cheart cho dona ’sa bha i; tha sinn an dochas gu bheil co-dhiu. Ach tha e soilleir gu bheil a cheart ni a tha gu tric a dol air adhart anns an duthaich so fhein a dol air adhart anns a Ghaidhealtachd—a taghadh mhinistearan air son choithionalan Gaidhealach aig nach eil eolas air a chainnt sin no baigh sam bith rithe. Ged nach aontaich sinn ris gach ni a tha “Eoghan Og” ag radh, ’se ar beachd gu cinnteach gu robh ’n ceartas air a thaobh, agus gu robh lan choir aige air a bheachdan a chur an ceill.—
’Se Eoghan Og am balach! Tha mise ’g radh riut nach robh teallsanach riamh anns a’ Ghreige no anns an Roimh a thigeadh ann an uisge na stiurach aige. Tha iad ag radh nach diult peann breug. Faodaidh sin a bhi fior, buidheachas do Ni Math cha d’ fheuch mi fein ri deuchainn a chur air firinn an t-sean-fhacail, bu leoir leam an drasda na ’n cuireadh mo pheann a sios an fhirinn fhein. Ach nach faoin a bhi bruidhinn; cha ’n eil teanga no peann a’s urrainn luaidh air na chunna ’s na chuala mi fhein ’s am Muillear Ban ann an Eaglais na sgireachd air feasgar Di-luain sa chaidh. Ach, fhir mo chridhe, feuchaidh mi ri innseadh dhuit mar “a chaidh an cal a dh’ olaidh air na bodaich ghallda” —mar a chaidh do chuisean anns an sgireachd so o’n a sgriobh mi dhuit mu dheireadh. Mar a dh’innis mi dhuit bha Maighstir Domhnull a Cill-na-tunnaig ri searmonachadh Di-domhnuich, agus chuir Eoghan og cagar am chluais feasgar Dhi-satharna gu’n robh an seann duine coir ri facal math a chuir a stigh as leth na seana-chanain agus gu’ m bu choir dhomh a bhi lathair. Thaghail mi air a’ Mhuillear Bhan maduinn Dhi-domhnaich, agus chaidh e leam a dh’ eisdeachd Mhaighstir Domhnull. Mu’n gann a thug e mach a cheann-teagaisge,— “Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh agus air son bhailtean air De; agus deanadh an Tighearna an ni a ta maith na shuilibh” (II. Samuel x., 12) chunnaig mi fhein Eoghan Og a caogadh ri Aonghas Og, a thug suil gheur air Domhnull an Tuairnear. Theid mise ’n urras gu ’n do rinn Maighstir Domhnull searmoin ghleusta. Dh’innis e cho feumail ’s a bha e do dhaoine bhi misneachail; gun misneach cha robh e comasach a bhi gaisgeil, ach le misneach is gaisge bha e comasach do dhaoine gniomhan a dheanadh a bhiodh a chum gloir Dhe, agus am math fhein. Bha e nadurra do dhaoine an sluagh fein a chur air thoiseach air na coimhich—bu bhlath anail mathar, agus bu duth ’s bu dual do dhaoine blathas a nochdadh do chainnt am mathar ’s de naisinn na dùthcha. Bha e mar fhiachaibh air daoine an sluagh fein ’s an canain mhathaireil a chur air thus ’s air thoiseach air gach fine eile, ’s air gach cainnt fo ’n ghrein. Bha daoine cho dan an nis ’s gu’n robh iad a faotainn coire do’n Chruithear a chionn gu ’n tug e barrachd is aona chanain do shluagh an t-saoghail. Bha na daoine ladurna so ’sa bheachd nach bu choir ach an aona chainnt a bhi air an talamh—b’ e sin a reir am barail-san, a Bheurla. Cha robh cuimhn’ aig na seoid so nach robh a’ Bheurla idir sean, ’s nach robh innte ach canain a bha air a deanadh a suas le daoine as gach cainnt eile, mar a bha Gaidhlig, Laideann, Fraingis, agus Greugais. Cha b’ionnan ’s a’ Ghaidhlig a bha foirfe fiorghlan, ’s cho sean ris a cheo. Sin agad mar a chaidh an seana bhodach coir air aghaidh. Chord e ri Eoghan Og ’s ri luchd-leanmhuinn gu gasda. Aig deireadh na seirbheis dh’ ainmich e gu’n robh an co-thional ri cruinneachadh Di-luain a chluinntinn iomradh o ’n bhuidheann-thaghaidh agus a roghnachadh ministeir air son na sgireachd. Sparr e air gach neach a bhuineadh do’n eaglais a bhi lathair oir cha bu ghnothach suarach ministear freagarrach a thaghadh.
Fhir mo chridhe! thainig feasgar Di-luain ’s theid mise ’n urras nach do dhi-chuimhnich an co-thional an earail a fhuair iad Di-domhnaich. Bha gach beag is mor, sean is og ’s an sgireachd cruinn—tha mise gradh riut gu’n robh cuid a sud nach do chuir dragh air eaglais o chionn “bliadhna-na-braoisg” —mar a tha Alasdair-na-cois-fhearna, Ceit Iain Mhoir, Cailein-nan-breug, agus Dughall Rothach. Thainig Maighstir Domhnull, agus a stigh ghabh sinn. Eadar an da dhorus chuala mi fhein Aonghas Og a cur cagar ann an cluais Eoghain Oig— “Tha mise dol gu taobh thall na h-eaglais, ’s ged chluinneas tu mi a cur cheistean tual, cearbach na gabh diog ort”— ’s chaidh iad a stigh—an darna fear a gabhail an dorus dheas, ’s am fear eile an dorus chli. ’Nuair a chaidh am Muillear Ban ’s mi fhein a stigh, bha’n eaglais loma lan. Bha a bhuidheann-thaghaidh ann an aite-suidhe nam foirfeach, an Sasunnach na shuidhe eadar an Drobhair cam agus Rob nan con, agus Fear an Tuim eadar an maighstir-sgoil ’s an Lighiche. Tha mi tuigsinn gu’n do shaoil na “coimhich” (mar a bhaist Eoghan Og ceannardan na buidheann thaghaidh) ’n uair a chitheadh Maighstir Domhnull Fear an Tuim, an Sasunnach, agus am bodach Gallda a Eadarlinn, a lathair gur ann am Beurla a ghiulaineadh e air aghaidh obair an fheasgair, ach ma chunnaic an duine coir iad, cha do ghabh e diog air, ’s cha do ghabh e diog air, ’s cha do mheas e gun robh e fo chomain dhaibh ’n uair thug e mach “Salm Sheumais a Ghlinne”—
“Tagair, a Dhia, ri luchd mo stri;
Cuir cath ri luchd mo chath.”
—Salm xxxv. 1.
Chuir so spleadhnas air a’ Mhaighstir-sgoil ’s thug e suil mhiobhail, mhi-chiatach air an fhear a bha ’sa chrannaig. Chuir an Sasunnach a choragan ’na chluasan, ’s chagain bodach Eadarlinn fheusag gu ruighinn teann. Nuair a bha’n t-Salm seachad rinn Mr Domhnull urnuigh ghleusta anns an tug e moran seolaidh do’n cho-thional ciod a bu choir dhaibh a dheanamh. An sin dh’ ainmich e gu’m b’e ’n ath ni “Iomradh na Buidheann thaghaidh” fhaotainn, ach ma bha ceisd aig neach air bith ri chur b’e so an t-am. An sin dh’eirich Aonghas Og, ’s ag amharc cho neo-chiontach ris an uan, agus dh’ fheoraich e— “An sgireachd Ghaidhealach i so, agus a bheil e mar fhiachaibh air ministeir na sgireachd Gaidhlig a shearmonachadh?” “Ud, ud Aonghais,” fhreagair a ministear, “ciod a chuir ad cheann nach ann Gaidhealach tha’n sgireachd so? Gun teagamh feumaidh e Gaidhlig a shearmonachadh.” “Tapadh leibh,” arsa Aonghas Og, ’se ’g eiridh a rithisd, “ach an innis sibh so dhomh—a bheil e mar fhiachaibh Beurla a shearmonachadh?” “Is ceisd eile sin,” fhreagair Maighstir Domhnull coir, ’s e cuir air a speuclairean— “Ma tha buidheann ceangailte ris an eaglais nach tuig a’ Ghaidhlig bhiodh e ceart agus cubhaidh gu’m biodh uidheamachadh air a dheanamh air an son-san, ach mur eil sin mar sin foghnaidh dha searmonachadh ann an Gaidhlig. Na’m faiceadh tu aghaidh a’ Mhaighstir-sgoil agus an Lighiche ’nuair a bha Aonghas a cur nan ceistean—cha robh boinne folla nan corp nach deachaidh na’n ceann. Dh’eirich a nis Domhnull an Tuairneir a dh’ fheoraich an robh e mar fhiachaibh orra gabhail ri roghainn na buidheann-thaghaidh. “Cha’n eil,” fhreagair am Ministeir, “ach ma tha iadsan aon-sgeulach, ’s nach gabhar ri ’n roghainn, tha e nochdadh nach ’eil earbsa aig a cho-thional ann an comas-taghaidh na buidheann a chaidh a chur air leth airson an aobhair so.” “Air a shon sin dheth, cha chuir e cualag orm,” fhreagair Domhnull ’se suidhe sios. Co bha na shuidhe air beulaobh Aonghais ach Lachunn Faoin, agus mar do mheall mo shuilean mi chunnaic mi Aonghas a cur cagar an cluais Lachainn, agus ann an tiota bha Lachunn bochd air a bhonnaibh. “A Mhinistear! a Mhinistear,” arsa Lachunn, ’sa shuilean a lasadh na cheann,— “co dhiu a thainig sinn a so a thaghadh Ministear sgireachd no a sholaradh cliamhuinn do ’n bhodach Ghallda tha’n Eadarlinn?” Bha fiamh a ghaire air Maighstir Domhnull ’n uair a fhreagair e gu seimh— “Na cuireadh sinn curam ort a Lachainn, a laochain, fuirich ’s chi thu.” Chuir so crioch air na ceistean agus ghairm am Ministear air a’ mhaighstir-sgoil, a bu run-chleireach do ’n bhuidheann-thaghaidh, Iomradh na buidheann a leughadh. Rinn am maighistir-sgoil so agus b’e brigh a sgeoil gu’n robh iad aon sgeulach ann a bhi ’g iarraidh air a cho-thional gairm a thoirt do ’n Urramach “Alfred George Gordon Webster.” Dh’ eirich Fear an Tuim agus ars’ esan ann an Beurla— “Tha mise gluasad gu’n gabhar ris an Iomradh so. Leis gu bheil sinn aon sgeulach cha’n eil feum air tuillidh a radh.” An sin dh’eirich an Sasunnach mor agus ars’ esan—“I say ditto to the Laird. ”
Mu’n d’ fhuair am Ministear uine air facal a radh, dh’eirich am maighstir-sgoil agus ars’ esan— “Tha mi ’n dochas ma tha tuillidh bruidhinne ri bhi ann, gur ann am Beurla a bhitheas i, chionn tha feadhain a bhuineas do’n cho-thional so aig nach ’eil Gaidhlig.” “Tha mise cur m’aonta ris a sin,” ars’ an Lighiche, tha Gaidhlig gu leor agam fhein ach tha fhios agam gu bheil a so uaislean nach tuig a’ Ghaidhlig.” An sin dh’ eirich Maighstir Domhnull agus seorsa frionas air agus ars esan— “Gus a so ghiulain sinn air aghaidh cuisean ann an cainnt na sgireachd, agus cha ’n ’eil mise dol a chur glas-ghuib air naistinn na sgireachd. Tha cead aig gach duine labhairt anns a chanain a’s docha leis. A bheil an co-thional a gabhail ri Iomradh na buidheann-thaghaidh no nach ’eil?
Cha robh suil a bha ’san eaglais nach do thionndaidh an taobh a bha Eoghan Og, chas a’ Maighstir-sgoil ’fhiaclan, chagain an lighiche ’iongan, dh’ eirich Eoghan Og, agus ars’ esan air a mhin shocair, cho stolda ’s ged a bhiodh e anns a mhuilean no ’s a cheardaich—Fhir na cathrach, agus a luchd-duthcha—Tha mi meas gu bheil e mar fhiachaibh orm facal no dha a radh aig an am so agus iarraidh air a cho thional so cul gu buileach a chur ri Iomradh na buidheann thaghaidh. Cha ’n ann gu’n aobhar a tha mi ’g iarraidh oirbh so a dheanadh, agus le ’r cead feuchaidh mi ris na h-aobharan sin a chur f’ar comhair gu h-aithghearr ann an Gaidhlig chruaidh choimhlionta—canain bhlasda na sgireachd ’s an do rugadh ’s an do thogadh sinn. An ainm a cho-thional
[Vol . 8. No. 9. p. 3]
so tha mi toirt taing dhuibhse a Mhaighstir Domhnull airson a’ chothrom a thug sibh do ’n chanain aosda anns an do rinn ar n-athraichean aoradh anns an sgireachd so, anns na linntean a chaidh seachad. Chaidh innseadh dhuinn barrachd is aon uair, gu bheil a’ bhuidheann thaghaidh aon-sgeulach agus air an aobhar sin gu ’m bu choir dhuinn gabhail ris an Iomradh aon-sgeulach so gun ghuth mor gun droch fhacal. Is boidheach da-rireadh a bhi faicinn bhrathraichean a chomhnuidh a ghnath an sith ’san ceangal caoin, ach faodar an t-sith fhein a cheannach tuilleas daor, agus faodaidh “aon-sgeulachd” a bhi air a choisneadh ann an doigh no dha. Chuala sinn uile mu “Chreideamh a’ bhata-bhuidhe,” ’s bha e narach gu leoir, ach cha robh e idir cho tamailteach thruagh ris an aon-sgeulachd a tha air a cheannach le airgiod agus le or, seadh no le curainn dhearg. Is sgireachd Ghaidhealach so—cho Gaidhealach ris an fhraoch—tha dhith oirnn ma ta, mar mhinistear, fior Ghaidheal—lan duine—aig am bi pailteas Gaidhlig, a labhras i anns gach bac is bealach gun fhiamh gun naire, oir tha gu leoir anns an sgireachd so aig nach ’eil aon lan beoil de Bheurla. Nis cha ’n ’eil mise dol a radh facal an aghaidh a Ghoill a thatar toileach foirneadh oirnn mar mhinistear Gaidhealach. Faodaidh e bhi na dheadh Ghall, ach cha Ghaidheal idir e—cha bheo na thuigeas a Ghaidhlig, agus cha ’n urrainn e baigh no tlachd a ghabhail ann a bhi labhairt canain anns a bheil e cho eiginneach, lapach oir cha bhi uair a dh’ fheuchas e ri Gaidhlig a bhruidhinn nach tog e gaire-magaidh na aghaidh fhein. Cha ’n abair mi ’n corr mun ghiollan mhaoth so—tha barrachd ghliocais ann an ceist Lachainn Fhaoin na chreideas sibh. Chi sinn! A nis facal no dha mu ’n bhuidheann aon-sgeulach so. Is fheudar gu’n robh sinn uile ’nar cadal ’nuair a chaidh na seoid so a thaghadh, oir tha cuid dhiu aig nach ’eil cuid no gnothach ris an sgireachd no ri eaglais ar n-aithraichean agus tha feadhain eile ann agus an deigh dhaibh aite agus inbh a choisneadh troimh ’n Ghaidhlig cha luaithe fhuair iad na bha dhith orra na thug iad breab ’s a’ bhuaraich ’s rinn iad dimeas air cainnt am mathar agus tair air canain an athraichean—dhi-chuimhnich iad gu buileach a’ charraig as an do shnaidheadh iad.
AM MAIGHSTIR-SGIOL. —Fhir na cathrach feumaidh Eoghan Og ’fhacal a dhearbhadh. Rinn e cheana dha no tri chasaidean nach ’eil fior.
EOGHAN OG. Cha robh mi dol a thoirt a leithid de thamailt do ’n Mhaighstir-sgoil agus d’ a chairdean ’s gu’n ainmichinn duine seach duine, ach chuir e fein gu dulan mi agus bitheadh a choire air a cheann fhein. Bithidh aithreachas air a’ Mhaighstir-sgoil gu’n do dh’iarr e orm m’ fhacal a dhearbhadh. Faiceadhmid mata co iad na priomh dhaoine anns a’ bhuidheann-thaghaidh so. Aig ceann na buidhne tha Fear an Tuim. Ged a rugadh ’s a thogadh e anns an sgireachd ma’s fhior e fhein cha’n eil facal Gaidhlig aige—is math dha a nochd ma tha sin fior. Tha fhios aig Dia ’s aig daoine air an tair a rinn esan air eaglais na h-Alba agus air creideamh ’athraichean. Chaidh e fhein ’s am fear nach mairionn—am Ministear Mor—thar a cheile mu thogail ballachan a chladh, agus a chionn gu’n do chuireadh an ruaig air mu ’n chuis, cha b’ fhiu ’s cha b’ fhiach leis ach Eaglais Shasunnach de dh’iarrunn caisreagach a chur air bonn ann an slugan a’ ghlinne. Fhuair e ministear a Sasunn; ’s b’ fheudar d’a luchd-oibre eaglais na sgireachd fhagail agus dol a dh’ eisdeachd Beurla chruaidh Shasunnaich. Thainig an geamhradh ’s theab h-uile duine meileachadh leis an fhuachd anns an Eaglais iarruinn. ’S e bh’ ann gu’n d’ fhuaraich eud, no diorras Fir an Tuim agus sguir e dhol an eaglas agus cha robh an corr fada a leanailt eiseimpleir, agus ann an uine ghoirid phaigh e dheth am ministear, agus gu dearbh ’s ann air an duine bhochd a bha neul an acrais an latha dh’fhag e’n sgireachd. Tha’n eaglais sin a nis na h-aite-comhnuidh aig na gobhlain-ghaoithe ’s aig na h-ialtagan. O’n latha chuir Fear an Tuim agus am Ministear mor a mach air a cheile gus a nochd cha do chuir e chas taobh stigh de dhorus eaglais na sgireachd. So an duine th’air ceann na buidheann aon-sgeulach so a tha a taghadh ministear air son na sgireachd. Ach ciod a choir a th’ aig Sasunnach mor na seilg air a bhi air clar a cho-thionail so. Cha’n eil e anns an sgireachd ach da mhios ’sa bhliadhna agus cha’n fhacas riamh gus a nochd ’san edglais e. Cha ’n e sin a mhain, ach a chionn nach fhaigh e gillean a dhol leis a chum na seilg air an t-Sabaid tha e dol do’n Doire mhor agus a marbhadh ceolraidh bhinn na coille, na h-eoin bhoidheach cheillearach, air feasgair na Sabaid. Thigeadh e dhuinn gabhail ri roghainn an duine so; ’sann aige fhein a tha choir air ministear a thaghadh.
AM MAIGHSTIR-SGOIL—Tha e fuireachd anns an sgireachd aig an am, ’s tha coir aige air a bhi air clar na h-eaglais.
EOGHAN OG—Is annasach an teagasg so. Tha an Ceard Siosalach a chomhnuidh ’s an Uaimh-mhor, agus is eolach air sinn seach air an t-Sasunnach so, ’s cha do chuir am Maighstir-sgoil air clar na h-eaglais esan. Is cam ’s a’s direachd an lagh so da-rireadh. Ach ciod a their mi mu’n Ghall tha’n Eidearlainn? Tha fhios aig a’ Mhaighstir-sgoil cho math ri duine ’san sgireachd gur ann an sgireachd Chill-ma-thunnaig a tha Eidearlainn ’s nach ann ’s an sgireachd so idir ach tha esan air thuis ’s air thoiseachd ann an taghadh ministear airson na sgireachd so ged nach eil aona chuid aite-suidhe aige anns an eaglais no plodach anns a chladh. Cha ’n ’eil facal Gaidhlig aige fhein no’n Sasunnach agus tha iadsan ga ’m meas fein murrach air ministeir Gaidhealach a thagadh. Am foghainn sin, no am feinn mi m’ fhacal a dhearbhadh mu’n fheadhain a rinn faradh de’n Ghaidhlig agus na dheigh sin a thilg ’san eabar i. ’Nuair a bha Maighstir-sgoil agus Lighiche a dhith air an sgireachd, b’e h-aon de na cumhantan gu’m biodh Gaidhlig aca le cheile, a chionn gu’m b’i chanain sin cainnt naisinn na sgireachd. Am measg an da bhanal a thairg iad fein bha am Maighstir-sgoil agus an Lighiche air a bheil sibh uile eolach. Cha robh iad fada a so ’n uair a dh’fheuch iad ris a’ Ghaidhlig a ghraineachadh as a sgoil agus as an eaglais. Cha bhruidhinn a h-aon dhiu i ach cho ainmig ’s a dh’ fhaodas iad ’s cha ’n fhiach leo tighinn a dh’ eisdeachd searmoin Ghaidhlig; so curraidhean na Gaidhlig a tha dol a dh’ fhoirneadh ministeir Gallda air an sgireachd. An abair mi an corr no am foghainn na thubhairt mi. Cha’n fhiach leam mo theanga shalachadh mu bhi bruidhinn mu na caillteannaich bhochda eile a bha air a’ chomunn thaghaidh. Cha robh do mhisneach aig a h-aon dhiu na sheas a suas air son na aona chainnt a bh’aca, a Ghaidhlig. Ach cha ’n abair mi ’n corr oir ma tha gach sgeul fior cha d’ fhuair iad riamh an cothrom. ’S iad na Goill na Sasunnaich ’s na Pharsaich a rinn an taghadh “aon-sgeulach” so, agus da rireadh “is math gu’m foghainn im odhar do chabhraich.” Tha mise ma ta ag iarraidh oirbh cul a chur ri iomradh na buidheann-thaghaidh.
Shuidh Eoghan og, agus shaoileadh tu gu’n itheadh am Maighstir-sgoil san Lighiche e.
Gu’n tuille radh no dheanadh chuir an co-thional cul gu buileach ri taghadh nan “cinneach” agus chuir iad budheann ur air leth, agus Eoghan Og air a ceann, gu ministear a thaghadh. ’Se mo bheachd gu’n robh Mhaighstir Domhnull coir lan thoilichte leis mar a chaidh cuisean ach tha Fear an Tuim, am Maighstir-sgoil san Lighiche an run na biodaig do Eoghan og, ach cha chuir sin cualag air Eoghan, oir ma ’s coma leis an Righ Eoghan is coma le Eoghan co dhiu.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. X.
Cho luath ’s chaidh a’ bhanaltrum a steach do’n t-seomar anns an robh nighean an righ, thuirt i, “A bhaintighearna, cha ’n e boirionnach a thug mi steach idir. Is e th’ ann Marsabhan mo mhac ann an deise boirionnaich. Tha e air ur-thighinn a duthaich fad as. Tha toil aige failt a chur oirbh; agus tha dochas agam gu’n toir sibh a dh’ urram dha na leigeas sin leis.
“Ciod e tha thu ’g radh! Mo bhrathair Marsabhan. Trobhad an so, agus cuir dhiot an srol sin; oir faodadh piuthar is brathair amharc air a cheile gun srol a bhith air an aghaidhean.”
Chuir Marsabhan failt air nighean an righ le mor urram; agus mu’n gann a chuir e failte oirre, thuirt i, “Tha mi ro aoibhneach d’ fhaicinn air tilleadh dhachaidh ann an deadh shlainte, an deigh dhut a bhith moran bhliadhnachan air falbh. Ach cha do chuir thu fios dhachaidh o dh’fhalbh thu cia mar a bha cuisean a’ dol leat, cha do chuir eadhoin gu do dheadh mhathair.”
“A bhaintighearna,” arsa Marsabhan, “tha mi anabarrach fada ’n ’ur comain air son bhur caoimhneis ann a bhith cho toilichte m’ fhaicinn air tilleadh dhachaidh ann an deadh shlainte. Bha dochas agam gu’n cluinninn cunntas na b’ fhearr air bhur slainte fhein na chuala mi o ’n thainig mi. Ach tha mi toilichte gu ’n thainig mi ann an am gus an leigheas sin a thoirt dhuibh air am bheil feum cho mor agaibh. Agus ged nach deanainn a dh’ fheum gu brath leis na fhuair mi de dh’ fhoghlum, agus na shiubhail mi dhe ’n t-saoghal ach sibhse leigheas, bhithinn tolichte gu leor.”
An uair a thuirt e so, thug e ’leabhar as a phocaid agus nithean eile a bhiodh feumail dha gus nighean an righ a leigheas o ’n ghalair a chual’ e a bha oirre.
An uair a thuig nighean an righ an ni a bha ’na bheachd, thuirt i, “A bhrathair, am bheil thusa air aireamh na muinntir a tha creidsinn gu’n deachaidh mise as mo rian? Na bi ’creidsinn a leithid de sgeul. Eisd riumsa, agus tuigidh tu gu’m bheil mo thur ’s mo chiall fhathast agam.”
An sin thoisich i air innseadh dha a h-uile ni riamh o thoiseach gu deireadh. Cha do chum i an ni bu lugha dhe na thachair dhi ann an cleith air. Mu dheireadh thuirt i, “Tha nithean ann nach urrainn domhsa thuigsinn, agus is e sin a thug air daoine a bhith creidsinn gur ann as mo chiall a tha mi. Ach nan ’d thug iad cuisean gu ceart fa near, dh’ fhaodadh iad a thuigsinn nach d’ innis mise facal dhaibh ach an fhirinn.”
An uair a chuir nighean an righ crioch air na bha aice ri radh, ghabh Marsabhan ioghnadh mor. An uair a bha e greis ’na thosd, agus a shuil air an lar, thog e ’cheann agus thuirt e, “Ma tha cuisean mar a tha sibh ag radh—agus cha ’n ’eil aobhar agamsa
(Air a leantuinn air taobh 70)
[Vol . 8. No. 9. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, SEPTEMBER 8, 1899.
NA CEILTICH.
Tha na Canainean Ceiltich ag adh-nuadhachahh an oige. Le surd ’us dealas ’us eud mor, gaisgeil, tha na Ceiltich ag iarraidh sgeadachaidh uir, grinn a chur air a’ chanain a tha iad fein a labhairt, agus air abhaistean ’us cleachdainnean nan daoine ’s nan aoisean liatha ’tha tosdach ann an suaimhneas nan ginealach. Cha bhi aig Sasunnach air bith aobhar a bhi ’togail a ghuth an aghaidh nan Ceilteach, agus a bhi ’g radh nach urrainn bas tighinn tuille ’s luath air gach Canain Ceilteach a tha ’nis fo ’n ghrein.
AN “EISTEDDFOD.”
Dh’ innis mi mo bheachd cheana mu dheibhinn nan Cuimrich, a tha ’gabhail comhnuidh ann an Uallaidh. Is c ceatharnaich a tha annta. Tha iad anns gach aite anns am bheil iad a’ deanamh saothrach, measail, comasach agus foirmeil. Tha gradh laidir, seasmhach aca do ghlinn, do chnoic, ’us do shrathan Uallaidh. Is ann am bliadhnachan aosmhor nan laithean liatha ’chaidh a’ Choinneamh iomraiteach, an Eisteddfod, a chur air chois, airson meas ’us miagh altrum agus a chumail suas air canain ’us euchdan nan Cuimrich chruadalach a sheas gu dileas, mearganta as leth an coirean ’s an saorsa an aghaidh righrean dalma Shasuinn. O cheann corr us mios bha Coinneamh na bliadhna so air a’ cumail ann an Cardaiff, aon de bhailtean mora ’s aghartach Uallaidh. Bha aireamh de Mhorairean Bhreatunn a lathair, agus thainig gus a’ choinneamh mheasail, Ceiltich bho Bhreatunnaidh, bho Eirinn, bho Albainn, ’us bho ’n Eilean Mhanainneach. Nochd luchd-riaghlaidh Chardaiff gach caoimhneas ’us urram a bha ’n an comas do ’n Eisteddfod. Fhuair an Ard-Dhruidh gach speis ’us umhlachd a bhuineas da. Lean gach ard ’us iosal e gu toileach agus le greadhnachas a dh’ ionnsuidh Cuairt riomhach na Gorsedd, no na Cathrach uasail. Liubhair daoine urramach oraid bhlasda ann an canain no dha. Thog piobairean Gaidhealach fuaim ’us nuallan binn ’us boidheach, agus thug iad toileachas sonruichte do ’n Choinneamh gu leir.
AM BREATUNNAIDH.
Co ’chreideas gu bheil a cheud Choinneamh a bha riamh aig na Breatunnaich a’ toiseachadh air an dara latha fichead de ’n mhios so, (Ogust) ’s gu bi i air a gleidheadh suas car seachdain. Tha iomadh ni aig a choinneamh so r’a dheanamh. Tha e soilleir gu bheil na Ceiltich anns an Fhraing dian-iarrtuiseach air maith mor a thabhairt do chanain ’us abhaistean an athraichean, agus air beatha nuadh, shunndach, bhrioghmhor a bhuileachadh air an canain, ’s air am beachdan ’s air an eachdraidh re iomadh linn. Ged tha Breatunnaidh faisg air baile mor na Frainge, tha na Ceiltich so ’fantuinn air falbh bho gach aramach ’us tailmrich air am bheil na Frangaich fuasach deigheil. Is ann am Breatunnaidh a tha Rennes, am baile anns am bheil Cuirt nan Ceannardan ’na suidhe aig an am so, airson cuis an duine bhochd Dreifuis ’fheuchainn a rithist. Loisg neach aingidh air Labori, am fear-lagha tapaidh, geur-inntinneach, a tha ’dion Dhreifuis. Tha dochas laidir gu bi am fear-tagraidh duineil ’us comasach so ann an doigh iomchuidh ann am beagan laithean, airson a chomhnadh luachmhor a thabhairt do ’n cheannard a tha air a gheur-leanmhuinn le daoine borba, mi-bheusach agus breugach, ged tha iad a’ sealbhachadh inbhe aird ann am feachd na Frainge.
AN COITHIONAL UILE-CHEILTEACH.
Co an Gaidheal no ’n Ceilteach nach bi ait ’us aoibhneach, an uair a chluinneas e gu bheil Coinneamh lionmhor, nrramach ri bhi air a gleidheadh an ath-bhliadhna ann an Duibhlinn, baile mor Eirinn. Is e an t-ainm foghainteach, ur-labhrach a tha a choinneamh so ’dol a ghiulan, “An Comhthional Uile-Cheilteach.” On thainig Gaidheil air tus do ’n eilean Eirionnach, agus on bha Fionnghal righ nam feart, ’us Oisein nan caomh dhan ann an luchairt Sheallama, cha robh comh-thional co farsuing, finealta am measg nan Ceilteach roimhe. Is i obair chruaidh, chudthromach, ghasda ’tha ’n comh-thional ag iarraidh a chur an gniomh. Gheibh an cairdeas dluth a tha eadar na Ceiltich thall ’sa bhos, agus eadar na canainean a tha iad a’ labhairt, aire phongail, churamach. Gheibh gach seinn ’us clarsaireachd, gach sean abhaist ’us gach eachdraidh a tha aig na fineachan Ceilteach, aire ’s rannsachadh geur, caoimhneil agus mionaideach. Theid gach ceangal tlath a tha ’nasgadh nan Ceilteach r’a cheile a tharruing ni ’s blaithe, ni ’s dluithe, ’s ni ’s aille. Thig tlachd ’us gean ’us agh a dh’ ionnsuidh mile Ceilteach, do bhrigh gu buin e do theaghlach laidir, lionmhor nan Ceilteach, aig am bheil an dachaidh anns an Fhraing, ann am Breatunn, ann an Eirinn, ann an America, agus an ionadan iomallach an t-saoghail. Tha moran daoine ainmeil ’us fiosrach a tighinn gu comh-thional Dhuibhlinn. Tha doilgheas orm do bhrigh nach fhacadh mi gu bheil Gaidheal air bith a tighinn bho Chanada gus a chomh-thional. Ciod e ’n t-aobhar nach ’eil iomradh cairdeil air a dheanamh air MAC-TALLA, ’s air a’ Ghaidheal dhileas a tha ’ga dheasachadh bho sheachdain gu seachdain? Tha iomadh sgoilear Gaidhlig ann an Canada nach tugadh tair no dimeas air bith air comhthional nan Ceilteach ann an Duibhlinn.
AM MOD GAIDHEALACH.
Is ann an Dun-eidinn a bhitheas Mod nan Gaidheal Albannach air a ghleidheadh air a bhliadhna so. Fosglaidh e air a choigeamh latha de mhios deireannach an fhogharaidh. Is e so ’n t-ochdamh Mod. Bithidh faisg air seachd ceud dollar air a thabhairt mar dhuaisean. Gheibh bardachd, ’us sgriobhadh ’us leughadh Gaidhlig, ’us seinn cheolmhor maille ri cuideachadh na clarsaich, ’us iomadh gniomh inntinn ’us lamh eile air am bheil meas aig na Gaidheil ’s a tha tarbhach doibh, duais mhor no bheag. Rinn am Mod maith anabarrach cheana do Ghaidheil agus do Ghaidhlig Albainn.
Co nach aidich le cridhe togarrach, taingeil, gu bheil sruthan nan Canainean Ceilteach air fas ’n an amhainn leathunn, dhomhain, bhoidheach; agus gu bheil i ’gluasad air a slighe le torman binn, brisg, ceileireach; agus gu bhell mile feur ’us barr ag amharc le suil chairdeil air snuadh fallain na h-Aimhne Cheiltich.
CONA.
Tha dochas a’ chealgaire mar lion an damhaineallaich; ach tha dochas an fhirean mar acaire a th’ ann an greim as nach tig e gu brath.
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
D. Domhnullach, Steornabhagh, Que.
T. M. Moireastan, Pevril , Que.
C. F. NicLeoid, Pevril , Que.
I. A. Domhnallach, Cranbrook , B. C.
D Mac Rath, Vancouver , B. C.
A. Mac Ealair, Penetang , Ont.
Senator Cox, Toronto , Ont.
S. Mac Cuithein, Stayner , Ont.
D. Mac Neacail, Commercial Cross, E. P. I.
Iain C. MacNeachain, Amhuinn a Deas, N. S.
Donnachadh Siosal, Glassboro , N. S.
Mairi A. Mhathanach, Harding , Mass.
Fred H. Hild, Chicago , Ills.
J. L. Lister, Tacoma , Wash.
Eoghan Mathanach, Baile-phluic, Alba.
A. R. Mac Leoid, Gibraltar .
Bean Raonuill Dhomhnullaich, M . B. Road.
Eoghan Gillios, Braigh Mhargaree.
Domhnull Johnson, Leitche ’s Creek.
Seoras Mac Neacail, Cobh a Bheibhir.
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath.
Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh
Domhnull Mac Cuthais, Port Morien.
An t-Urr A. Mac-a- Phearsain, Bay St. Lawrence.
R. Barclay, Sidni.
Murchadh A. Mac Coinnich, Sidni.
A. F. Moireastan, Sidni Tuath.
Iain Beutan, Ridge Mhabou.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
[Vol . 8. No. 9. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha na factoridhean caise air Eilean a Phrionnsa a deanamh obair mhath air a bhliadhna so, agus thatar a faotainn deagh phris air a chaise. Reic factoridh Orwell fiach deich mile dolair, obair thri miosan. Tha uile gu leir coig deug air fhichead de fhactoridhean caise air an Eilean,
Chaidh fear Alasdair Caimbeul h mhuinntirBall ’s Creek,a mharbhada ann am meinn an Dominion Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’g obair a’ gearradh guail, ’nuair a thuit meall dheth air, ’ga mharbhadh air ball. Chaidh a chorp a phrannadh gu dona. Dh’ fhag e bean agus teaghlach; Bha a chorp air a thoirt dhachaidh am feasgar sin fhein gu bhi air a thiodhlacadh.
Chaidh Innseanach a bha ’g obair air larach na h-obair-iaruinn a ghoirteachadh Di-haoine s’a chaidh. Bha grunnan dhiubh a gearradh coille, agus thug an tuagh aig fear de chach leum as a laimh, agus bhuail e air-san anns a cheann. Bha e air air a ghoirteachadh gu dona, ach le comhnadh an lighiche tha e air a dhol na’s fhearr, agus cha’n fhada gus am bi e ag obair leis an tuaigh a rithist.
Thatar a fagail air Sir Uilleam C. Van Horne gu bheil e dhe’n bheachd gu’n bi ceud mile sluaigh ann an Sidni fichead bliadhn o’n diugh. A reir a bharail-san leanaidh moran obraichean mora an obair iaruinn do’n bhaile, agus cha’n fhada ’n uine gus an e am baile a’s fhearr a bhios an Canada. Ach tha e doirbh a dhol roimhe ciod a dh’ fhaodas tachairt mu’n ruith fichead bliadhna.
Thachair sgiorradh cianail air acarsaid Halifacs mu shia uairean feasgar Di-luain s’a chaidh, leis an robh seachdnar a bha mach airpic - nicair am bathadh. Bha a h-aon deug anns a bhata, agus bha iad uile air an tilgeadh dh’ an uisge, ach fhuair ceathrar dhiubh as le ’m beatha. Thainig oiteag laidir gaoithe gu’n fhios a thilg an crann as aite, agus thuit e an comhair a chinn, a deanamh toll troimh mas a bhata, a lion le uisge ’sa chaidh fodha air ball. Bhuineadh coignear dhiubhsan a chaill am beatha do’n aon-teaghlach—ceathrar nighean us aon ghille.
Chaochail Clarence Grannd, mac do’n Urr. Uilleam Grannd, ministear Ghrand River, ann an Sidni Tuath feasgar Di-mairt ’sa chaidh. Bha e ’na cheistear ann am Pleasant Bay, agus an sin dh’ fhas e tinn; thainig e gu fiabhrus dha, agus thugadh gu Sidni Tuath e an duil, le sgil nan lighichean gu’n rachadh e ’m feobhas, ach bha’n tinneas air a dhol ro fhad air adhart. Cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’aois, agus bha e ’na dhuin’ og a bha gle ghealltanach. Tha co-fhaireachdain againn ri ’athair ’s ris a chuid eile dhe’n teaghlach.
BAS.
Aig Eilean Christmas, air Dior-daoin an 10mh latha de Ogust, ann a 54mh bliadhna de h-aois, Mairi, bantrach Alasdair Mhic Fhionghain (saor). Dh’ fhuiling i uine fhada le tinneas a ghiulain i gu foighidneach, agus chaochail i ann an sith. Dh’ fhag i ceathrar mhac agus sianar nighean gu bhi caoidh mathair ghradhach air an robh meas mor aig na h-uile. R. I. P.
A FRAMBOISE.
Tha sinn ag obair cho traing air gearradh ’s air greidheadh an fheoir ’s gur gann a gheibh mi cothrom air sgriobhadh gu MAC-TALLA. Tha feur anabarrach math againn am bliadhna; ach tha mi’n duil nam biodh sinn beagan ni b’ fhearr gu obair na tha sinn gum biodh na h-aiteachan againn air an cur air dhoigh gu math ni ’s fearr; ’s ged a tha geamhradh fada againn tha samhradh briagha airson fas againn.
Tha nise obraichean mor ri bhi gan cur air adhart ann an Sidni; agus cha ’n e mhain gun dean sin feum do na h-aiteachan anns a bheil iad air an suidheachadh, ach ni iad feum do’n duthaich gu leir mu’n cuairt. Agus ni e feum mor dhuinne a chionn gur a h-ann a ceann an ear an eilean a bha sinn an comhnuidh a faighinn maragaid airson aon ni a dh’ fhaodamaid a bhi togail air an aite; agus tha mi a meas gu bheil spreidh-feola againn cho math ris gach darna h-aite.
Bha’n t-sacramaid againn, mar a dh’ ainmich mi roimhe, air an dara Sabaid dhe’n mhios. Bha ’n aimsir gle fhabharrach, ach beagan uisge a shil nach do rinn cron sam bith. Agus a thaobh searmonaichean faodaidh mi radh nach robh sinn an taing mac Uidhistich. Bha ’n t-Urr. Mr. Mac Odruim, a Mira; againn Dior-daoin agus Di-haoine; ach a chionn gu ’m feumadh e bhi na eaglais fein air an t-Sabaid, cha b’urrainn da fantuinn ni b’fhaide. Agus anns na dh’ eisd sinn uaithe, thaitinn e gu robh mhath ris gach aon, agus iad uile duilich nach b’urrainn e fuireach ni b’fhaide. Bha’n t-Urr Mr. Rose, a Malagawatch, againn bho Dhior-daoin gu crioch na seirbhis. Shearmonaich e gu durachdach fad na h-uine; agus ’si mo bharail gu’m faod deagh sgoilear foghlum uaithe bho ’n chubaid, a chionn gu bheil a chridhe anns an obair. Bha moran cruinn aig an am as na coithionalan mu’n cuairt, agus bha iad ri moladh airson cho ordail, stuama sa dh’ fhan iad fad na seirbhis.
Tha ’n trosg air bualadh gu pailt air na cladaichean so bho ’n thainig am foghar. Cha ’n ’eil latha a gheibh na h-iasgairean a mach nach faod iad deagh thuarasdal a dheanamh. Cha ’n ’eil a bhiorach idir cho pailt ’sa b’ abhaist, ’s mar sin tha cothrom air trosgach moran ni ’s fhearr. Tha iad ga reic ris na marsantan mar a their iad, green fish, ’se sin iad fein ga ghiollachd deiseil airson an t-salainn, agus a faotainn timchioll air sent am punnd air. Tha na marsantan ga shailleadh ’s ga ghreidheadh deiseil airson a mhargaidh.
Is iomadh seol bais a dh’ fhaodas tighinn air duine ’s air ainmhidh; ach thainig doigh bais air damh mor choig bliadhna le aon de ar nabuidhean, cho neonach ’sa dh’ fhaodadh tachairt. Bha dreallag aig cloinn bhig ann a sabhal, agus thachair do’n damh an rathad a ghabhail agus a dhol a stigh do’n t-sabhal. Agus ge b’e doigh anns ’n do shuain e rop na dreallaig mu amhaich bha e air thachdadh mu ’n d’ fhuaireadh e. Ach tha sinn a creidsinn gur e teas na greine agus eagal ro bhiteag na meanbh-chuilleag a chuir e gu dhol a steach, agus nach b’e droch smuain sam bith a thug air a bheathach bhochd lamh na cas a chur na bheatha fein.
CEANN LIATH.
Ogust 31, ’99.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 9. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 67.)
teagamh a chur ann an aon fhacal dhe na thubhairt sibh—tha dochas laidir agam gu’m faigh mi dhuibh an ni air am bheil sibh cho mor ann an geall. Ach feumaidh sibh foighidin mhath a bhith agaibh. Faodaidh gu’m bi uine mhor mu’n till mi; oir math dh’ fhaoidteadh gu’n tig orm iomadh rioghachd a shiubhal mu ’m faigh mi mo ghnothach. Agus an uair a chluinneas sibh gu ’n d’ thainig mi, faodaidh sibh a bhith cinnteach nach bi sibh fada gun chobhair fhaotainn.”
An uair a thuirt Marsabhan so, ghabh e ’chead de nighean an righ, agus chaidh e ’mach as an luchairt, agus gu math moch ’s a’ mhadainn dh’ fhalbh e air a thurus.
Shiubhail e o bhaile gu baile, o dhuthaich gu duthaich, agus o eilean gu eilean; agus anns gach aite troimh ’n deachaidh e, cha robh de naigheachd am measg an t-sluaigh ach mar a dh’ eirich do Bhadoura, nighean righ Shina.
Mu thuairme ceithir miosan ’na dheigh sid, rainig e Torobh, baile-puirt a tha mor, agus anns an robh moran sluaigh. Cha chuala e guth no iomradh air Badoura anns a’ bhaile so. Ach bha sluagh a’ bhaile gu tric a’ bruidhinn air prionnsa Alsaman, agus air mar a bha e tinn leis a ghaol a ghabh e air boirionnach ro bhriagha a chunnaic e as a chadal. Bha na chual’ e m’ a dheidhinn gle choltach ris na dh’ innis Badoura dha mu ’n d’ fhalbh e o ’n taigh. Thug an sgeula so a chual’ e mu Alsaman toileachadh mor dha. Cha do stad e dh’fheorach mu’n chuis gus an d’ fhuair e ’mach far an robh am prionnsa ’fuireach. Gheibheadh e a dh’ ionnsuidh an aite air da rathad—rathad mara agus rathad tire. Ach o ’n a b’ e rathad na mara bu ghiorra, chuir e roimhe gu’n gabhadh e e.
Chaidh e air bord luinge a bha ’dol do’n aite le bathar, agus chaidh an turus leotha cho fabharrach ’s a dh’ iarradh iad gus an d’ thainig iad ann an sealladh na luchairt aig righ nan Eileanan. Ach mu’n deachaidh iad a steach do ’n acarsaid, bhuail an long air sgeirean iosal, le coireannan an fhir a bh’ aig an stiuir, agus ann an uine gle ghoirid chaidh i fodha.
Bha Marsabhan ’na dheadh shnamhaiche; agus an uair a chunnaic e gu’n robh an long a teannadh ri dhol fodha, leum e am mach air a’ mhuir, agus shnamh e gu tir aig bonn a’ chaisteil anns an robh prionnsa Alsaman. Thachair gu’n robh an righ agus an t-ard-chomhairleach an lath’ ud anns a’ chaisteal a’ cumail cuideachd ri Alsaman. Chunnaic iad Marsabhan a’ dol air tir bhar an t-snamha aig bonn a’ chaisteil, agus chuir an t-ard-chomhairleach duine far an robh e gus a thoirt a steach do ’n chaisteal. An uair a chuireadh aodach tioram air, agus a ghabh e biadh, thugadh an lathair an ard-chomhairlich e.
Bha Marsabhan ’na dhuine og tlachdmhor do ’m b’ aithne e fhein a ghluasad gu h-iomchuidh ann an cuideachd sam bith, agus dh’ aithnich an t-ard-chomhairleach anns a’ mhionaid gu’n robh uaisle agus tlachd ann. Thuig e mar an ceudna o ’n chomhradh a bha eatorra gu’n robh e anabarrach fiosrach agus foghluimte. Thuirt e ris, “Tha mi ag aithneachadh ort gur duine neo-chumanta a th’ annad. Feumaidh gu’n do shiubhail thu moran dhe ’n t-saoghal. B’ fhearr gu’n robh fhios agad ciod e an doigh air an gabhadh duine tinn araidh leigheas. Tha ’thinneas an deigh cuirt an righ a chur fo bhron o chionn uine mhor.”
Fhreagair Marsabhan e, agus thuirt e, gur docha gu’n rachadh aige air a leigheas nam biodh fhios aige ciod an trioblaid a bha ’cur dragh air.
Dh’ innis an t-ard-chomhairleach dha a h-uile ni o thoiseach gu deireadh mu dheidhinn mar a thoisich trioblaid a’ phrionnsa, mar a bha toil aig an righ gu’m posadh e, cho graineach ’s a bha e air posadh an uair a chuir ’athair a’ chuis fa chomhair ann an lathair na chomhairle, mar a chuireadh ’s a’ chaisteil e, an droch dhiol a rinn e air fhein ’s air an t-seirbhiseach a bha ’frithealadh dha, mar a thuit e ann an trom-ghaol air boirionnach og, maiseach a bha e ’g radh a chuir seachad earrann mhath dhe’n oidhche comhladh ris anns an leabaidh, mar a bha e ’g radh gu’n d’ rinn e iomlaid fainne rithe; agus mu dneireadh thuirt e ris, nach robh duine sam bith a’ creidsinn gu’n robh a leithid de bhoirionnach riamh anns an leabaidh comhladh ris.
Dh’ eisd Marsabhan gu foighidneach ris a h-uile facal a thuirt an t-ard-chomhairleach. Bha gairdeachas anabarrach air a chionn, air shaillibh mar a bhristeadh an long air an robh e, gu’n robh e cho fortanach ’s gu’n d’ fhuair e fios c’aite an robh a’ cheart dhuine a bha toil aige fhaicinn. Cha robh teagamh sam bith aige nach b’ e prionnsa Alsaman a’ cheart dhuine air an do ghabh nighean righ Shina gaol cho mor; agus bha e cheart cho cinnteach gur ann air nighean righ Shina a ghabh Alsaman gaol. Air an aobhar sin, cha dubhairt e dad ris an ard-chomhairleach mu’n aobhar a thug air falbh o ’n taigh e; ach thuirt e ris gu’m bu mhath leis mac an righ fhaicinn a chum gu’m biodh e na b’ fhasa dha a thinneas agus a thrioblaid a thuigsinn.
“Lean mise,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “agus bheir mi thu do ’n t-seomar anns am bheil an righ agus a mhac. Tha iad le cheile ag iarraidh d’ fhaicinn.”
An uair a chaidh Marsabhan a steach do ’n t-seomar anns an robh an righ agus a mhac, chunnaic e Alsaman, mac an righ, ’na laidhe air an leabaidh ’s a shuilean duinte. Leis a’ cheud shuil a thug e air thuig e gu math gu ’n robh e air cnamh ’s air a dhol as gle mhor. Ged a chunnaic e anns an t-suidheachadh ud e, cha b’ urrainn e gun a radh, “A Chruitheachd, am facas riamh dithis cho coltach ri ’cheile riutha!” Bha e ’ciallachadh Alsaman agus Badoura, nighean righ Shina; oir bha iad anabarrach coltach ri ’cheile ann an cruth ’s an dealbh.
An uair a chuala Alsaman na briathran a labhair Marsabhan, dh’ fhosgail e ’shuilean agus dh’ amhairc e air.
Bha Marsabhan ’na dhuine geur-chuiseach, deadh-fhaclach, deas-bhriathrach, agus ghrad mhol e Alsaman ann an ceathramh no dha orain a rinn e anns an t-seasamh-bonn. Ach cha do thuig an righ, no an t-ard-chomhairleach gu ro mhath ciod a bha e ’ciallachadh. Air a shon sin, chuir e na nithean a thachair do dh’ Alsaman agus do Bhadoura an oidhche a bha iad le cheile anns a’ chaisteal, sios cho cothromach ’s gu’n do thuig Alsaman gu math gu’m b’ aithne do Mharsabhan co i, agus gu’n rachadh aige air sgeul a thoirt dha m’ a deidhinn. Thog so a chridhe air a leithid de dhoigh ’s gu’n d’ thainig atharrachadh mor air a ghnuis.
(Ri leantuinn.)
CROMUEL.
(Air a’ leantuinn.)
Bha Cromuel ’s a luchd-leanmhuinn mar so ’an teinn mhoir le bhi air an cuairteachadh le naimhdibh. Agus an uine ghoirid dh’ fheumadh iad an cuid armachd a’ leigeadh sios, agus striochdadh do Lesli gun bhuill’ a bhualadh. Ach bha moran mhinisteirean ’us dhaoin’ eile ’s an arm fo Lesli, aig an robh ughdarras air inntinnibh an t-sluaigh. Thoisich iad sin air aithne ’s air teagasg, gu’m bu choir a dhol sios do ’n chomhnard a chogadh ris na Sasunnaich. Sheas Lesli ’an aghaidh a’ bheachd ud fhad ’s a b’ urrainn e, ach mar bha moran ughdarrais aca sud thairis air na saighdearaibh, bhuadhaich an guthanna. B’ eigin do Lesli leigeadh leis an arm a dhol a chogadh, ged a bha beachd aige nach b’ ann gu soirbheachadh. ’N uair a dh’ innseadh do Chromul gu’n robh na h-Albannaich a’ cromadh leathad nan cnoc, ghlaodh e mach, “Thug Dia thairis do ar laimh iad.” Bha so mu fheasgar. Air a mhoch mhaduinn an ath la, an treas de dhara mios an fhoghair, mu’n d’ fhuair na h-Albannaich gu ceart ’n an tarruing, thug na Sasunnaich garg ionnsuidh orra, ’s chuir iad an ruaig orra. Chaidh tri mile de na h-Albannaich a mharbhadh ’s an ruaig, agus glacadh deich mile dhiubh na ’m priosunaich. ’S ann ri so a theirear Drobh Dhunbar. Dh’ fhosgail a’ bhuaidh so baile Dhuneidin do
(Air a leantuinn air taobh 71.)
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
[Vol . 8. No. 9. p. 7]
(Air a leantuinn o thaobh 70.)
Chromuel. Theich a’ Pharlamaid ’s an t-arm gu Sruileadh air taobh tuath na Friu. Ged a chaidh blar Dhunbarr ’n an aghaidh, cha do chaill iad am misneachd. Thog iad armailt eile gu goirid, ’s mar a thug Tearlach lan-riarachadh dhoibh a thaobh gealltuinn a bhi leis a’ Chumhnant, chrun iad e ’an luchairt Scoinne, air la na bliadhn’ uire, 1650, fo thiodail, Tearlach II. Chuir Iarl’ Earra-Ghaeil an cruin air a cheann. Bhoidich ard-mhaithean na tire ’s an sluagh cumanta gu’m biodh iad dileas do Thearlach, ’s gu’n deanadh iad seirbhis da le ’maoin ’s le ’m beatha gu bas, a reir na Comhbhoinn sholuimte, ’s a’ Chumhnaint.
’N uair a chaidh dudhlachd a’ gheamhraidh seachad ’s a b’ urrainn an t-arm an t-achadh fosgailt’ a’ gabhail, chaidh Cromuel air toir Lesli ’s a chuid feachd. Gabh Lesli an rian dionaidh a bh’ aige roimhe, ’s cha b’ urrainn Cromuel a tharruing gu cath, no fhuadachadh air falbh o ’ionadaibh laidir air taobh tuath na Friu. Ach le dian chogadh ’us doirteadh fola fhuair e buidheann shaighdearan air an cur a null air Port na ban-righ a ghabh sealbh air Siorrachd Fiofa, agus leis am biodh an t-arm Albannach air a druideadh a mach o’n oirthir a ’s ear. Ghabh Tearlach an sin comannd an airm e fein; ’s thug e Sasunn air le ceithir mile deug feachd, ’an duil gu’n eireadh na Sasunnaich leis, ’s gu’n tilgeadh iad a mach Cromuel ’s a’ Pharlamaid bheag. Thriall Cromuel as a dheigh, ’s astar la no dha eatorra. ’S gann a bha Tearlach a’ faotainn duine; ach bha feachd Chromueil a sior dhol am meud. Thionndaidh Tearlach air Cromuel ’an aite ris an abrar Uorster.
Bha arm Chromueil, an sin air meudachadh gu deich mile fichead. Chaill Tearlach an la sin gu h-iomlan. Chaidh aireamh mor de ’shaighdearn cois’ a mharbhadh, agus an corr dhuibh a dheanamh na ’m priosunaich. Theich am marc-shluaigh air falbh mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad. ’S gann a rinn Turcach no paganach sam bith eile ni riamh bu bhruideile na ’n laimhseachadh a rinn Cromuel air na priosunaich a ghlac e ’n Dunbarr agus ’an Uorster—chuir e thar chuan do America iad, ’s chaidh an reic mar thraillibh ri neach sam bith a b’ urrainn an ceannach.
Bha Tearlach a’ faicinn blar Uorsteir a’ dol air aghart o mhullach na h-aitreibh a b’ airde ’s a’ bhaile. Ach an diegh an la a bhi air a chall, b’ eigin da ’cheann thoirt fodha; agus an deigh iomadh caol-thearnadh o thuiteam ’an cumhachd a naimhdean, fhuair e mu dheireadh rian air teicheadh gur tir-mor na h-Eorpa, far an robh e air chuairt, o dhuthaich gu duthaich, re aireamh bhliadhnachan. Theich a’ Pharlamaid Albannach do ’n Ghaeltachd, ’s cha b’ urrainn iad armailt a thogail tuilleadh a chuireadh an aghaidh Chromueil, a ghabh lamh an uachdar air an rioghachd dha fein ’an ainm na comh-fhlaitheachd. Shuidhich e Seanalair Monc ’an Alba mar ard-cheannard an airm fodha fein; ’s an uine ghoirid shocraich an tir sios gu bhi umhail do’n bhuidhinn bu treise. B’e Camshronach Lochiall a b’ fhaide sheas a mach a bh’ ann ’an aghaidh Chromueil. Ach ’n uair a mhinicheadh dha nach robh aige ri umhlachd aideachadh do dhuine sam bith air leth, chaidh e, air ceann a chuid daoine, gu achadh a bha dlu air Caisteal Inbher-lochaidh, agus am fianuis oifigearn a’ chaisteil, leig iad sios an armachd thun an lair, a’ ciallachadh sgur de chogadh air taobh Thearlaich, ’s thog iad a ris an ainm staiteachan na rioghachd. An sin bha fois aig an tir. Goirid an deigh do Chromuel Tearlach fhuadachadh air falbh thar nan crioch, fhuair se e fein air ainmeachadh ’na Dhionadair na Comh-fhlaitheachd leis an Rumpull. Bha barrachd cumhachd aige, fo’n tiodal sin, na bh’ aig righ Breatunnach roimhe. Bha e soirbheachail ’na chogaidhibh ris an Olaind ’s ri rioghachdaibh eile, ’s bha mar aon toradh air gach comhstri a bh’ aige riu gu’m feumadh iad umhlachd a thaisbeanadh do ’n t-suaicheantas Bhreatunnach ge b’ e cearna fo ’n ghrein an coinnicheadh e riu.
Re na h-uin’ a bha Cromuel ’na Dhionadair air na tri rioghachdaibh, bho ceartas air a fhrithealadh ’an Alba gu neo-sgathach, ’s gu neo-leth-bhreitheach. Bha sith ’us saorsainn aig eaglais na h-Alba ’s na h-uile seadh, ach nach feudadh an t-Ard-Sheanadh coinneachadh air eagal gu ’m biodh iad a’ gabhail gnothuch ri riaghladh aimsireil na rioghachd. Agus anns na h-uile seadh, bha tomhas neo-abhaisteach de shoirbheachadh ’s an rioghachd. Ach a reir ’s na bha de airgiod a’ ruith feadh na duthcha, bha iad ga mheas ’na chis ro throm a bhi paigheadh ceithir fichead mile Punnd Sasunnach ’s a bhliadhna, air son gach costas a bha ’n uachdaranachd a’ tarruing. Dhuin Cromuel dorus na Parlamaid big aige fein air la araidh, ’s dh’ fhuadaich e air falbh na buil uile ’chionn nach robh iad umhail gu leoir dha. Thuig e oidhirp uair no dha a ris air Parlamaid a ghairm; ach fhuair e iad co eas-umhail do ’thoil fein ’s a bha Tearlach ga ’m faotainn. Chuir e roimhe gnothuch a dheanamh de’n easbhuidh; ach bha ’n gnothuch a’ sior dhol ni bu doirbhe, gus mu dheireadh an do thuit e fo chudthrom an uallaich. Bhasaich e air an treas la de dhara mios an fhoghair, 1658, ’s an naoidheamh bliadhna deug thar dha fhichead de ’aois. Bha Richard, a mhac, air ’ainmeachadh a reir tiomnaidh ’athar gu tighinn do ’n dreuchd as a dheigh; ach fhuair e leithid de dhoirbheasan innte ’s gu’n tug e suas i mu mheadhon an earraich ’an deigh sin. Rinn a bhrathair, Eanruic a bha ’na riaghlair air Eirinn, an ni ceudna, ’s dh’ fhagadh an Staite car greis mar luing gun stiuireadair, ach am fear a thogradh a’ toirt tamhaidh da h-ionnsuidh, agus am fear eil’ a thogradh ga thilgeadh as aite.—
Eachdraidh na h-Alba.
Am Feillire.
SEPTEMBER, 1899.
1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644.
2 Di-satharna La Worcester, 1661.
3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis.
4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine
9 Di-satharna La Flodden, 1513.
10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis.
11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297
12 Di-mairt La Abareadhain 1644.
13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892
14 Dior-daoin
15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752.
16 Di-satharna
17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis.
18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759.
19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-ciaduin
21 Dior-daoin
22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis.
25 Di-luain
26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854.
27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaclain, 1852.
28 Dior-daoin
29 Di-haoin An fheill Mhicheil.
30 Di-satharna
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F.
A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F.
An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 9. p. 8]
Gaoir nam Ban Mhuileach.
LE MAIREARAD NIGH’N LACHAINN.
Cumha do Shir Iain Mac-Gilleain, Triath Dhubhairt, a chaochail ’sa bhliadhna 1716.
’S goirt leam gaoir nam ban Muileach,
Iad ri caoineadh ’s ri tuireadh,
’S gun Sir Iain an Lunnainn,
No ’san Fhraing air cheann turais;
’S trom an sac ’thug ort fuireach
Gun thu dh’ fhalbh air an luingeas;
’S e sin aobhar ar dunaich;
B’og a choisinn thu ’n t-urram ’sna blaraibh.
Air an righ sin dha ’n d’ rinneadh
Togail suas ann am barrachd,
’S daor a thug sinne ceannach,
Bho ’n la ’thionnsgainn a charraid;
Chuireadh aon mhac Shir Ailean
As a choirichean fearainn,
Le fior fhoirneart ’s le aindeoin;
Ach ’s e lom sgriob an earraich so ’chraidh mi.
Ged a b’ fhad thu air siudan,
Cha robh lochd ort r’a chunntas;
Do luchd-toisich cha b’ fhiu leat
Dhol a dheanamh dhaibh umhlachd;
Curaidh ard thu ’bu mhuinte;
’S e mo chreach gun do dhruidh ort
Meud an eallaich a bhruchd ort,
’S nach robh leigh ann a dhiuchradh am bas bhuait.
Fath mo ghearain ’s mo thursa,
Mac-Gilleain nan luireach
’Bhith ’na laighe ’sa chruisle
An suain cadail gun dusgadh;
Is ruaig bhais air do mhuinntir,
Aig nach d’ fhagadh de dh-uine
Cead an armachd a ghiulan;
Thug an naimhdean d’ an ionnsuidh nan deann-ruith.
B’ fhiach do chairdean an sloinneadh,
Morair Shleite ’s Mac-Coinnich,
Is Mac-Leoid as na Hearradh,
’S am fear treun sin nach maireann,
Ailein Muideartach allail.
Fath mo chaoidh gach fear fearainn,
Tha ’n deagh run dhuinn ’s nach mealladh,
’Bhith gun chomas tigh’nn mar-ruinn an drasda.
Cha chainnt bhosdail ’s cha ’n earra-ghloir
’Tha a shannt orm am sheanachas,
’S mi gur faicinn-se caillte
’N deidh gach mor ghniomh a rinn sibh,
Ann an Eirinn ’s an Albainn,
’Shliochd Ghilleain nam feara-ghleus;
Chuidich Eachann Cath Gharbhfhaich,
’S e air deas laimh na h-armailt’ le ’shar fhir.
Cha ’n e ’n curaidh neo-thais ud,
No Sir Eachann le ’ghaisgich,
A tha mis’ an diu ’g acain,
Ach Sir Iain nam bratach,
Nam pios oir ’s nan corn dathte,
’Dheanadh storas a sgapadh:
Is mairg rioghachd dhe ’n deachaidh
An triath calm’ ud is Caiptin Chlann-Ranaill.
Och is mis’ th’ air mo chlisgeadh,
Saoir bhith ’sabhadh do chiste,
’S gun do chaireadh fo lic thu
’N aite falaich, gun fhios duinn.
’N airde ’n iar air a brisdeadh,
’S gun an t-oighre ’na ghliocas;
So a bhliadhn’ a thug sgrios oirnn;
’S goirt ar call ris a bhriosgadh ’thug Mar as.
Gur neo-eibhinn ar gabhail
Bho ’n la ’dh’ eug Mac-Gilleain,
’S a chaidh ’sios sliochd an taighe
A bha cliuiteach ri ’n latha.
’S mor mo chall-sa bho shamhuinn,
Tha mi ’m thruaghan bochd mnatha,
Tha mi faondrach, gun fharraid,
Gun cheann-cinnidh ’thaobh athar no mathar.
Mo chreach! ceannard nan gaisgeach
Anns a bhlar nach d’ fhuair masladh
Bhith gar dith ri am airce;
Ged a thogar na mairt bhuainn,
Cha bhith srann aig do bhrataich,
Is cha chluinnear do chaismeachd;
Mhothaich suil nach robh ceart duibh,
’N latha chunnacas o Pheairt sibh a marsadh.
Cha neart dhaoin’ a thug bhuainn thu;
Nam b’ e chiteadh air ghluasad
Iomad gaisgeach mor, uasal,
’Thogail t’ eirig ’san tuasaid;
Luchd nan clogaidean cruadhach,
’S nan lann soilleir gun ruadh mheirg;
Fir mar gharbh fhrasan fuara,
Leis an deanteadh lom sguabadh ’san araich.
’S ann ’nar caistealan grinne
A bha tamh na cinn-chinnidh
A bha aoibheil ri ’n sireadh;
Gar h-ann timchioll an tine
’Chluinnteadh bardachd nam filidh
’S guth nan clarsaichean binne,
’S gheibht’ ann cearraich ri iomairt;
Mo run luchd nan cul fionna, cas, fainneach!
’Threunaibh calm’ nan long siubhlach,
Nan ceann-bheart ’s nan each cruidheach.
Ged bu dileas do ’n chrun sibh
Fhuaradh seol air bhur diuchradh;
’S mairg nach gabhadh dhibh curam,
Ann an eirig bhur siudain,
Nuair nach d’ aidich sibh tionndadh;
’S ann a rinneadh air aon luing bhur fagail!
Co an neach dha bheil suilean
Do nach soilleir am muthadh
’Tha air teachd air ar duthaich,
Bho ’n la chaill sinn an t-aon fhear
Fo laimh Dhe ’ghabh dhinn curam;
Fhrois gach abhall a h-ubhlan,
Dh’ fhalbh gach blath agus ur-ros,
’S tha ar coill’ air a rusgadh de ’h-ailleachd.
Oirnne thainig an diobhail!
Tha Sir Iain a dhith oirnn,
’S Clann-Ghilleain air an diobradh,
Iad gun iteach, gun linnidh,
Ach mar gheoidh air an spionadh,
Iad am measg an luchd mioruin
Is a fulang gach mi-mhodh,
Ged nach ann ri feall-innleachd a bha iad.
Gur a cruaidh mar a thachair
Bho ’n cheud la ’chaidh thu ’mach uainn
Le loinn gheir nan tri chlaisean
Ad laimh threubhaich gu sgapadh.
Ged nach d’ fhuair thu fo t’ fhacal
An tir fharsuinn ’bh’ aig t’ athair,
B’ fhearr gum faigheadh do mhac i;
Dia g’ ur coimhead o mhiosguinn bhur namhad.
Gum b’e turas na truaighe,
’Bha gun bhuidhinn, gun bhuannachd,
’Thug thu ’n uiridh nuair ’ghluais thu
Le do dhaoine ri d’ ghualainn;
Dh’ fhag e sinne ann an cruaidh-chas
Os cionn tuigs’ agus smuaintinn;
Tha sinn falamh, lag, suarach;
Dh’ fhalbh ar sonas mar bhruadar gun stuth bhuainn.
’S e mo chreach gun do striochd thu,
’Fhiubhaidh, eireachdail, fhiachail;
Tha do chlann air an diobradh;
Co ni ’n deoch dhaibh a lionadh,
A chur casg air an iotadh?
Co nan laigse ’bheir dion dhaibh?
Och, gur fad thu bho d’ dhislean;
’S ann a dh’ fhag iad thu mhios gus am maireach.
’S e ’chuir m’ astar am maillead
Is mo shuilean an doillead,
A bhith faicinn do chloinne
’S an luchd-foghluim is oilein
Air am fogradh gun ghoireas,
Ach mar cheatharnaich-coille
Iad gun fhios ac’ cia ’n doire ’san tamh iad.
Gur a goirt leam ri ’chluinntinn,
’S gur a h-oil leam ri ’iomradh;
Nach deach aobhar ar n-ionndrainn,
Olc air mhath le ’luchd-diumba,
A thoirt dachaidh d’a dhuthaich;
Gum bu sholas le d’ mhuinntir
Do chorp geal a bhith dluth dhaibh
Ann an I nam feur cliuiteach le d’ chairdean.
Och is mis’ th’ air mo sgaradh,
Bho nach dug iad thu thairis
’Dhol air tir air an Ealaidh,
’Dhol fo dhion anns a charraig
Ann an reidhlig nam Manach,
Mar ri t’ athair ’s ri d’ sheanair,
’S iomad treun laoch a bharrachd,
Far am faodamaid teannadh mu d’ charnaibh.
’S mairg a gheibheadh gach buille
A fhuair sinne bho ’n uiridh;
Thainig tonn air muin tuinne
A dh’ fhag lom sinn ’s an cunnart,
Chaidh ar creuchdadh gu guineach,
Dh’ fhalbh ar n-eibhneas gu buileach;
Bhrisd ar claidheabh ’na dhuille
Nuair a shaoil sinn gun cumamaid slan e.
Siudan, a swinging.Slat shiudain, a pendulum.Muinte, instructed , well-bred.Earraghloir, bold or taunting language.Tine, orteine, fire .
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. agus127 State St., Boston Mass.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19. ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p.m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 9 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 9. %p |
parent text | Volume 8 |