[1]

[Vol . 9. No. 1. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 6, 1900. No. 1.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. I.

IACOB AGUS MAIRI, A NIGHEAN.

Ann am baile beag Ichburg, a bhuineadh do dhIarla den ainm sin, bha fuireach o chionn corr us ceud bliadhna air ais, duine treidhireach, onarach dam bainm Iacob Ròdi. Thainig e do dhIchburgna bhalach bochd a dhionnsachadh a bhina ghàradair anns aghàradh aig Caisteal an Iarla. A bhuaidhean barraichte nàdurra, a chridhe math, an ealamhachd leis an dionnsaich e gach ni, agus a ghnuis fhosgarra, dhuineil, choisinn da gean math a mhaighstir. Bha e gu tric air a chur air gnothach don chaisteal, agusn uair a rachadh an t-Iarla, a bhas an am sin na dhuinòg, a mach air chuairt, bhiodh Iacobna chuideachda. Air na cuairtean so ghabh Iacob cothrom air moran fiosrachadh riatanach fhaotainn, dhfhas a cheann-labhairt fileantas a ghluasad gun mhearachd, agus nas fherrr na sin uile, thug e air ais bharr nan cuairtean sin, cridhe ard, glan, gun truailleadh le dol an t-saoghail. Chuir an t-Iarla roimhe nach bitheadh seirbheis dhìleas Iacob gun duaiseachadh. Rinneadh stiùbhart deth anns aluthchairt a bhaig an Iarlasa cheanna-bhaile. Ach bha cridhe an duine mhath daonan ag iarraidh tilleadh gu beatha shitheil na duthcha; agusn uair a bhan aonta a bhair baile beag araidan Ichburg aig a ceann, dhasluich Iacob air an Iarla am baile sin a thoirt dasan air mhàl. Thug an t-Iarla uasal dha an baile saor fad a bheatha, agus a bharrachd air a sin, thug e dha cuideachadh bliadhnail am biadhs an connadh, gu leoir air son a bhanas-tighe. Phòs Iacob ann an Ichburg. Shuidhich e air a bhaile. Bha taigh beag aoidheil ann, air a thogail am meadhon gàraidh mhoir, bhreagha. Bha an dara leth den ghàradh fo chraobhan meas, agus an leth eile fo bhuntàta, càl, agus gnothuichean eile den t seorsa sin.

An deigh do Iacob agus da mhnaoi, a bhana boirionnach fiachail, moran bhliadhnachan a chur seachad gu toilichte comhla, thug am bàs a bhean chiatach air falbh. Cha ghabhadh a mhor mhulad innse. Bha an duine coir afas sean, bha an aoisga sealltuinn fhein, agus bhafhalt aglasadh gu cabhagach Beaon nighean a thoileachadh saoghalta; cha robh beo dhen chloinn ach i fhein, aig bàs a mathair bha i faisg air coig bliadhndeug a dhaois. Bainm di Mairi, ainm a mathar, agus be dealbh firinneach a mathar i gun teagamh. Eadhon na leanabh, bha i ro-eireachdail; ach mar a bha i fas suas, bha a cridhe aoibhinn, a neo-chiontas, a màldachd, a rùn neo-chealgach do na h-uile, atoirt fiachalachd dubailte da maise. Bha rudeiginn caoimhneil agus uasal nach gabh innsena gnuis, rud eiginn nach eil ao-coltach ri maise aingil. Ma robh i coig bliadhndeug a dhaois chumadh in dachaidhs an ordugh a bfhearr; cha robh an stùr bu lugha ri fhaicinn anns an t-seomar shuidhe eireachdail; gach soitheachs achidsinn asoillseachadh mar a bha iad ùr; bha an tigh uile gu leirna shampull math air glaine agus deagh ordugh. A bharrachd air a sin bha i cuideachadh a h-athars a gh[ ? ]dh le dichioll nach tré[ ? ]dh agus biad na h-uairean a bha i cuir seachads an doigh so, a chuid bu toilichte bha i cunntas desaoghal. Bha fios aig a h-athair cia mar a chuirte an uine seachad le comhradh taitneach agus feumail. Bha meas ro-mhor aig Mairi air gach seorsa fhlùrs, agus cha robh sinna iongantas; oir dhfhàs i suasna measg, agus bu shaoghal dise an gàradh. Gheibheadh a h-athair di, a h-uile bliadhna, frasan, friamhaichean agus planntan ùra nach baithne dhi roimhe, agus dhionnsuich e dhi oir gach leapa a bhanns aghàradh a chuir fo fhlùrs. ’Nuair a bhiodh Mairi air a socair, chuireadh i seachad a h-uine gu toilichte ris an obair so. Bha i ro-fhaiceallach air na fàilleanan òga, agus bheireadh i céill gu leoir gus an dthigeadh, iad fo bhlath, agusn uair a sgaoileadh na flùranan ris an robh duil aice bho chionn fada, bhiodh a solas aig airde. “ ’Se gairdeachas glan agus gun ghotha sin,” thuirt a h-athair le fiamh gaire air a ghnuis. “Tha moran ann a thacuir barrachd de chrùinan obair òir, ’s an sioda, na tha mise cuir de fhàirdeineanam frasan fhlùran, ach fhathasd cha toir iad urad de thoileachadh fior agus neo-lochdach dhan cuid nigheanansa tha mise toirt do mnighinn fhein.” Bhaga rireadh, a h-uile mios, chan ann, ach a h-uile seachduin, toileachadh as ùr a tighn air lom do Mhairi. Is minig a dheibh i a mach le toilinntinn, “Is gann gun urrainn do Phàras fhéin a bhi nis taitniche nan gàradh againn.” Cha burrainn do neach dol seachad air agharadh gun stad tiota a choimhead le ioghnadh air maise nam flùran. Bhitheadh clann bheag an aite atoirt suil gu tric tromhn gheata bheag, agus bheireadh Mairi dhaibh daonan beagan de na flùrs.

Bha fios aig a h-athair, glic agus mar a bha e, cia mar a threoraicheadh e a gaol do na flùrs gu ruige cuspair a bairde. Theagaisg e i ann aseols gum faiceadh i fhein ann am maise nam flurs, ’n an caochladh ghearraidhean, ’n an stioman finealta, ’n an cuma choimhlionta. agusn an daithean oirdhearc, caoimhneas, gliocas, mathas agus cumhachd Dhe. Bha ena chleachdadh aige a chiad uair anns amhaduinn a chur seachadan urnaigh, agus as deigh so rachadh e le cridhe aotram thun na h-oibreach. Bha e [ ? ]cachadh nach mor a bfhiach beatha duine mur a burrainn da, a dhaindeoin drip an t-saoghal, uair no dha de dhuine a ghabhail da fhein gach latha, anns am faodadh e comhradh a bhi aige ri Chruthadair agus saothaireachadh airson na criche airds nam Flaitheas. Ann am maduinnean breagha an Earraich agus an t-Samhraidh, bheireadh e leis Mairi fo sgàil nan craobh anns aghàradh, far am faodadh iad eisdeachd ri ceol binn nan eun agus aig an am cheudna, a bhith faicinn an gàradh blathor aboillsgeadh fon driuchd, agus aghaidh na duthcha gu leir a soillseachadh ann an solus or-bhuidhe na gréin mhaidne.

Anns an ionad so labhair e rithe mu Dhia a chruthaich aghrian airson soluis, a thug duinn uisge agus dealta, a tha beathachadh eun nan speur, agustha sgeudachadh cho aluinn flùrs na machrach. Ann an so, mar an ceudna, dhinnis e dhith gum ben t-Uile-chumhachdach Athair gradhach chloinn daoine, a dhearbh a ghaol duinn thairis air a chruthachadh gu leir le Mhac ionmhuinn a churg ar n-ionnsaidh. Is ann an so, a rithist, a dhionnsaich eh-urnaigh dhi, agus rachadh e-fhein air urnaigh comhla rithe, le uile chridhe. Bhan uine a chleachd iad a chuir seachad mar so a h-uile maduinn, ’na meadhon laidir gu gradh De fhadadh tràthna cridhe.

Chomharraich e a mach dhith anns na flùrs iomhaighean boidheach nam feartan a tha freagarrach do mhaighdinn oig. Aon latha, traths a Mhàrt, thug i le sòlasga ionnsuidh, a chiad shail-chuaich (violet). Thuirt e rithe, “Bithidh am fluran maiseach so dhutsa, a Mhairi, ’n a dheagh leasan air umhlachd, air neo-chiontachd, agus air a bhi deanamh mathais far nach faicear thu, le moran. Tha e ga sgeudachadh fhein le daithean tla na béusachd; thig e fo bhlàth, gu toileach, ’an uaigneas, agus am falach am measg nan duilleag tha am fàileadh as cùbhraidh. Bi thusa, Mhairi aghràidh, mar an t-sail-chuaich, seachainn moran riòmhaigh is lòiseam, agus bi daonan adeanamh math ann an doigh neo-fhoillaiseach.”

Nuair a bha na ròsans na lilidhean fo làn bhlàth, agus an gàradh gu leirn a aillidheachd, thuirt a h-athair ri Màiri agus e sealltuinn di lilidhean air an robh aghrian mhaidne a dearrsadh; “Biodh na lilidhean dut-sa, mo nighean ghràdhach, nan samhla air neo-chiontas! Seall cho eireachdail, cho soilleir agus cho glansa tha iad! Chan eil an satin as gile ra shamhlachadh rin cuid dhuilleag, geal mar an sneachd. Is sona a mhaighdean òg sin a tha cho glan bho gach peacadh! Achs en dath is soilleire as riatnaiche air faire a thoirt da. Tha duilleag na lilidh ro-fhurasda milleadh; gabhaidh i smal leis an laimsheachadh as lugha. Mar so ni droch fhacal no smaoin neo-chiontas a thruailleadh. Sheall e an ròs di agus thubhairt e, “Biodh an ròs dhutsa, a Mhairi, na shamhla air béusachd. Nas bòidhche na deirgan ròis tha rugha glan na béusachd. Is sona anighean og sin, a thig lasadhna gruaidhnuair a chluinneas i facal mi-fhreagarrach, agus e sheallas a h-aodann afaireachadh thacridhetoirt seachad gum beil cunnart peacaidh ann. Aghruaidh a ghabhas athadh gu furasda, mairidh a h-eireachdas uine mhor; ach a ghnùis nach gabh nàire tuilleadh, fasaidh i neulach, buidhe, agus seargaidh i air falbh don uaigh fada romhh-am.” Bhuain a h-athair, a sin, beagan de lilidhean agus de ròsan, shuain e an luib a cheilen an luschrun iad, thug e do Mhairi iad agus thubhairt e, “Tha na peathraichean boidheach so, na lilidhean agus na ròsan, a freagairt ro-mhath comhla, agus tha iad a sealltuinn mòran nis taitniche cuideachd, mar so tha neo-chiontasus beusachdn an dluth



[2]

[Vol . 9. No. 1. p. 2]

pheathraichean da cheile, nach gabh dealachadh. Thug Dia do neo-chiontas a phiuthar fhurachair so, béusachd gus rabhadh a thoirt seachad man chunnartna am. Lean thusa ri béusachd, mo nighean ghràdhach, agus cha churam nach bi neo-chiontas daonan ann ad lorg. Biodh do chridhe an còmhnuidh glan mar an lilidh, agus bithidh do ghruaidhean daonan eireachdail mar na ròsan.”

Cha robh dads an ghàradh bu bhòidhchena craobh bheag ubhal a bhafas an spot cruinn am meadhoin agharaidh Chuir a h-athair i an latha a rugadh Mairi, agus bha itoirt nan ubhlan bu bhreaghas a bfhallainne a h-uile bliadhna. Air bliadhna àraid, bha i uile gu léir fo bhlàth, agus eireachdail thar cumantais. Bha Màiri dolga coimhead a h-uile maduinn. Dheibheadh i a mach, “O, nach maiseach i! Nach àluinn an deargs an geal! Thachraobh acoimhead mar gum baon chnap fhlùrs uili.” Thàinig i maduinn eile, ach bhan reothadh an déigh am milleadh, dhfhàs na flùrs buidheus donn, agus phreas iad suas ris aghréin. Cha burrainn do Mhàiri bacadh a chuir air a deòir, bhan sealladh cho muladach. Ghabh a h-athair cothrom air staid Màiri gus a ghrathuinn rithe, “Is ann direach mar sin a sheargass a dhubhas gach toileachadh breige snuadh boidheach na h-òige. O mo leanabh, biodh eagal ort bho dhroch stiùradh. Nam bithinn air mo mhealladh anns an dòchas laidir a thagamgad thaobh, chan ann fad bliadhna ach fad do bheatha shillinn deòir moran na bu chraitiche na tha thusa asilleadh an dràsda. Cha bhithinn sona tuilleadh, agus rachainn sios don uaigh a gal.” Gu fior bha na deòirna shuilean, agus dhrùigh a bhriathran gu trom air Màiri. Fo sùil athair cho glic agus gradhaich so, dhfhàs Màiri suas a measg flùrs a ghàraidh, maiseach mar an ròs, glan mar an lilidh, beusach mar an t-sail-chuaich, agus cho gealltanach ri craoibh fo lan bhlath. Is am le mor thoileachadh a shealladh an seann duine air a ghàradh gaolach, a bha pàigheadh a shaoithreach le toradh cho math; ach dhfhairich e toileachadh bu doimhne na sin fhathasd, agus be sin a bhi faicinn a nighinn agus an toraidh mhaith a bhachuid seolaidhean di atoirt seachad.

(Ri leantuinn.)


Chan eil moran iomraidhsan àm so air a chogadh an Africa mu Dheas. Ged a tha na Boerich car draghail fhathast, chan eil eagal sam bith gun cuir iad call no bacadh mor air an arm Bhreatunnach tuilleadh. Tha iad gach latha tréigsinn an ceannardan, ’sa dol air ais gun tuathanachas. Bfhearr dhaibh gu robh iad air fuireach aice.

Bha réis each ann an Sidni Tuath Di-luain. Bha réis gu bhi ann an Sidni Di-ciaduin, ach bhan t-uisgann, agus chuireadh seachad i gus a cheud latha briagha thigeadh.


DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.

LE IAIN.

CAIB. XXIII.

An uair a ràinig iad far an robh na fir a bha gleidheadh an òir, agus a dhinnis iad mar a thachair dhaibh, thuirt am Frangach riutha, “Ma ta, fheara, tha eagal ormsa gun do chuir sibh sibh-fhein ann an lion bhur millidh. Is dòcha gun caill sibh na bhuinig sibh a dhor, agus ma dhfhaoidte bhur beatha mar an ceudna. Faodaidh sibh a bhith cinnteach nach bi na daoine a chuir an t-òr am falach fada gun tighinn an rathad, agus ma gheibh iad greim oirbh, cha bhi e fuarasda dhuibh sibh-fhein a dhion orra. Nan gabhadh sibh mo chomhairle-sa thilleadh sibh air ais leis, agus chuireadh sibh e far an dfhuair sibh e.”

So rudh nach robh aon seach aon dhiubh deònach a dheanamh. Thuirt iad á beul a chéile, nach deanadh iad ach iad-fhein a chur ann an cunnart bu mhò nan cunnart anns an robh iad.

Gun dàil sam bith dhfhadaidh iad teine math, agus ròst iad an fheoil a fhuair iad an crochadh ris acraoibh. Bha i cho fada marbhs gur ganna chuireadh iad thun am beòl i, mur be gun robh iad gu fannachadh le cion bidh.

Cho luaths a ghabh iad na thainig riutha dhen fheoil, rinn iad deiseil air son falbh. An àite a dhol tarsuinn air an amhainn mar a bha dùil aca an toiseach a dheanadh iad, smaoinich iad gum bfhearr gabhail rompa ri srath na h-aimhne, a chum, nam bu chomasach e, gun seachnadh iad na daoine on do ghoid iad an t-òr. Chuir iad iad-fhein ann an òrdugh anns an saoileadh iad am bfhearr a rachadh aca air iad fhein a dhìon nan cuirteadh dragh orra. Bha na gunnachan a bha aca làn, agus bha sùil am mach aca air gach taobh, rom pa, agus nan déigh, air eagal gun tigeadh an tòrachd orra taobh sam bith. Bha ceathrar air thoiseach, ceathrar eile air dheireadh, agus ceathrar air gach taobh, agus na gunnachan aca air an leith-togail. Anns an òrdugh so gabh iad air an aghart le ceum cho cabhagachs a rachadh aca air a dheanamh.

Lean iad rompa mar so gun stad gus an do thuit an oidhche. On a bha iad fheins na h-eich sgìth, stad iad ann an àite cho sàbhailtes a gheibheadh iad, agus chuir iad seachad an oidhche ann. Cha drinn iad a bheag sam bith de chadal ged a chaidh iad car greisenan sìneadh. A h-uile uair a thuiteadh iadnan cadal bhiodh iad abruadar gun robh an luchd-tòrachd gus a bhith air am muin.

Ann an soilleireachadh an latha thog iad orra, agus dhfhalbh iad. Bha iad gu math na bfhearr misneach na bha iad am feasgar roimhe sid.

Greis an déigh don ghréin éirigh, an uair a bha iad air bearradh amhonaidh rinn iad am mach gun robh àireamh mhath mharcaichcan beagan mhìltean air thoiseach orra; ach cha burrainn daibh a bhith cinnteach an toiseach co dhiubh a bha iad atighinnnan coinneamh no nach robh. An ùine gun bhith fada thuig iad gun robh iad adeanamh dìreach orra, agus bhuail an t-eagal iad. Cha robh fhios aca ciod a dheanadh iad. Cha robh feum sam bith dhaibh feuchainn ri teicheadh, on a bha iad fheins an cuid each gu mòr air an claoidh. Rinn iad suas eatorra fhein gun cathaicheadh iad gu bàs, nam béiginn e. Bha iadgan deanamh fhein cinnteach gur ann gus an spuinneadh a bha na marcaichean atighinn far an robh iad.

An uair a thàinig na marcaichean cho dlùth dhaibhs gun rachadh aca air an cunntas, chunnaic iad nach robh ann ach deichnear. Thug so beagan misnich dhaibh; agus thuirt iad ri chéile gun rachadh aca air an teicheadh a chur orra, on a bha dlùth air dithis mu choinneamh an fhir ann dhiubh.

Stad na marcaichean an uair a bha iad mu chairteal amhìle uapa. Agus an ceann beagan mhionaidean mharcaich fear dhiubh air a shocair far an robh iad. Bhruidhinn e riutha gu sìobhalta, agus dhfheòraich e dhiubh co iad, co as a thàinig iad, agus caite an robh iad adol.

Be am Frangach a fhreagair e, agus thuirt e ris, gun dthàinig iad air astar fada, agus gun robh iad agabhail rompa a dhionnsuidh abhaile-puirt a bfhaisge dhaibh. Cha do chòrd na freagairtean a thug am Frangach air ris amharcaiche, idir. Ghabh e amhrus gun robh nam beachd cron a dheanamh air fheins air an naoinear eile a bha maille ris. Thuig am Frangach gum bann mar so a bha, agus thuirt e, “Mas e sith a thanad bheachd, ni sinne sìth riut; ach mas aimhreit a tha uat, gheibh thu do dhiol dhith. Chaneil misemeas gum bheil e sàbhailte dhuinn ceann ar gnothaich innseadh do na h-uile a thachras ruinn anns an àite neo-chriosdail so. Ma dhinnseas tusa dhuinne ceann do ghnothaich innsidh sinne dhutsa co sinn, co as a thàinig sinn, agus caite am bheil sinn adòl.”

Innsidh mise dhut gu saor ciod a chuir an so mi an diugh,” arsam marcaiche; “bha mi fhein agus dithis chompanach abuinig an òir, agus chaidh leinn gle mhath. An uair a bha sinn atilleadh dhachaidh thachair buidheann robairean ruinn, agus air ghaol ar beatha shàbhaladh thug sinn dhaibh ar cuid dhen t-saoghal. Cha robh againn ach tilleadh dhachaidh lom falamh. Dheònaich seachdnar eile dhe mo luchd-eòlais falbh comhladh ruinn, an dòchas gum faigheamaid greim air an òr a thugadh uainn, no air na daoine a thug uainn e. Ma chunnaic sibhse na daonie, innsibh dhomhsa e, agus cha chuir sinn dragh sam bith oirbh.”

On a dhinnis thusa ceann do thuruis dhuinne, innsidh mise dhutsa ciod e chuir an so sinn. Bha sinnebuinig an òir sinn-fhein, agus air eagal gun tachradh robairean ruinn air ar turus dhachaidh, dhatharraich sinn ar cùrsa an lathan deigh dhuinn falbh as na mèinnean. Chaneil fhios againn caite am bheil sinn, no idir ciod e am baile-puirt as fhaisge dhuinn. Cha do thachair duine ruinn on dhfhalbh sinn as na mèinnean gus a so.”

Bhuail e anns acheann aig an Fhrangach gur dòcha gum bu leis amharcaiches lechompanaich an t-òr a fhuair iad am falach anns achoille, agus thuirt e, “An aithnicheadh tu do chuid òir fhéin nam faiceadh tu e?”

Thainig fiamh gàire air gnuis amharcaiche, agus thuirt e, “Tha aon òr coltach ri òr eile; ach shaoilinn gun aithnichchinn mo chuid fhéin, nam faicinn e. Bha e agam ann am pocannan beaga air an robh acheud litir dhe mainm sgriobhte; ach is dòcha nach dfhàg na robairean fad anns na pocannan e. Chaneil abheag a dhùil agam gum faigh mi mo chuid fhein gu bràth; ach tha mi-fheins mo chompanaich suidhichte nach till sinn gus am faigh sinn greim air na fir a thug uainn an t-òr air son an do shaothraich sinn gu goirt fad bhliadhna.”

Cainm a tha ort?” arsam Frangach.

Tha, Tim OLaoghaire,” arsam marcaiche, “agus bha T. O. sgrìobhte air na pocannan anns an robh an t-òr agam.”

An aithnicheadh tu na daoine a thug uaibh an t-òr? arsam Frangach.

Dhaithnichinn iad an àite sam bith dhen t-saoghal anns am faicinn iad.”

Seall air a h-uile duine a than so, agus innis dhomhsa am bheil a h-aonnam measg a tha coltach ris na daoine a thug uat an t-òr.” Bheachdaich Tim gu geur air fear an déigh fir dhiubh, agus thuirt e nach robh aon dhiubh anns abhuidheann a thug uapa an t-òr.

Tha thu fortanach fhathast,” arsam Frangach; “tha do chuid òir againne, ged nach sinn a thug uat e.”

Sheall am marcaiche air an Fhrangach mar gum biodh esaoilsinn gur ann adeanamh spòrs dheth a bha e.

Dhinnis am Frangach dha mar a fhuair iad an t-òr; mar a bha e fhein an aghaidh dhaibh a thoirt leotha air eagal gun tigeadh tòrachdna dhéigh. “Bheir sinn dhut e anns an t-seasamh bonn; agus tha sinn an dòchas nach



[3]

[Vol . 9. No. 1. p. 3]

téid sibh nas fhaide air thoir nan robairean. Chan iarr sinn aphàigheadh ort ach gun treòraich thu sinn a dhionnsuidh abhaile-puirt as fhaisge dhuinn, agus ma tha biadh agaibh gun toir sibh dhuinn beagan dheth, oir tha sinn gu bhith dhìth a chion abhidh.”

Thug am marcaiche leum bhar muin an eich, agus thug e gu creidheil crathadh làimhe do na h-uile fear a bhanns achuideachd. Chuir e séideag anns an fhìdeig a bhaige, agus ghrad thàinig an naoinear mharcaichean eilenan teann-ruith far an robh e. Dhìnnis e dhaibh ann am beagan fhacal mar a chuir am fortan an t-òrna luib aon uair eile.

Thachair gun robh cuid mhath de bhiadh aca; oir cha robh fhios aca càite am faigheadh iad biadh mur tugadh iad leotha e.

Leig iad uile as na h-eich far an robh iad, agus chuir iad di-leum orra, agus roinn iad am biadh air a chéile cho càirdeils ged a bhiodh iad eòlach air a chéile on òige. An àm bhithgabhail abhìdh dhinnis Tim don Fhrangach nach robh iad ach mu astar leth latha on bhaile puirt a bfhaisge dhaibh, agus gun ruigeadh iad e mun tuiteadh an oidhche an déigh dhaibh anail mhath a leigeadh far an robh iad.

Fhads a bha iad aleigeadh an analach bha iad uile gu càirdeil acomhradh ri chéile agus ag innseadh dha chéile mar a thachair dhaibh taobh air thaobh on a dhfhalbh iad as na duthchannan dom buineadh iad, ’Na dheigh sin thog iad orra gu falbh. Thug Tim fear dhe na bha comhladh ris a thaobh car tiotaidh, agus thuirt e ris, e fhein agus dithis eile ghrad fhalbh air thoiseach don bhaile, agus biadh is àite-fuirich math comfhurtail a bhith aca deiseil air son na cuideachd gu leir an uair a ruigeadh iad. Rinn iad so, agus ann am beul anamoch na h-oidhche an uair a ràinig amhòr-chuideachd am baile, agus iad fheins an cuid each glé sgith, bha biadh is leabafeitheamh orra ann an aon dhe na taighean-òsda cho mòrs a bhanns abhaile. Sgìths mar a bha iad, bha iad greis mhath gun dol a laidhe an deigh dhaibh an suipear a ghabhail. Bha iad uile glé thaingeil gun dfhuair iad gu sàbhailte as gach cunnarts an robh ìad. Bha Domhull is Callum ag ràdh nach bu chuimhne leotha gun do chaidil iad oidhche riamh air muir no air tìr cho troms a chaidil iad an oidhche ud.

Anns amhadainn an déigh dhaibh am biadh a ghabhail, chaidh iad uile am mach air feadh abhaile. Chaidh Domhull is Callum sìos thun acheidhe; agus ciod a biongantaiche leotha na sgiobair na luinge air an dfhalbh iad a Breatunn fhaicinnna sheasamh air acheidhe. Ghabh iad dìreach far an robh e, agus chuir iad faillte air gu cridheil. Agus ma bha ioghnadh orrasan, is ann a bhan t-ioghnadh airsan. Ghrad thug e leis iad gu bòrd agus dhinnis iad dha a h-uile car mar a dheirich dhaibh on lathadhfhàgadh air an eilean iad. Chuir na dhinnis iad dha ioghnadh gu leòr air. Cha robh dùil sam bith aige gum faiceadh e sealladh dhiubh gu bràth.

Dhinnis e dhaibh gun robh e gun dàil gu seòladh gu ruige Breatunn, agus nach robh nig a chumail gun fhalbh ach afeitheamh gus am faigheadh e dithis de sgiobadh an àite an dithis a theich air gus a dhol a bhuinig an òir. An uair a chuala iad so, thairg iad falbh còmhladh ris, agus thuirt iad nach drinn iad car riamh cho toilichte ri falbh comhladh ris aon uair eile.

(Ri leantuinn.)


Alba fo Shasuinn.

Bha Eideardna dhuine làidiram pearsa. Theirteadh Fad-luirgneach ris a thaobh co àrds a bha e. Bha e mar an ceudna co seòltas a bha e co fuilteach. Baithne dha crùbadh sìos roimh dha leum air achreich, cosmhuil ris an liopard, a bha egiùlan mar shuaicheantas air asgéith. ’N uair a chuir àireamh maith, mun cuairt do dhusan, de na tighearnan Albannach còir thagraidh a steach air achrùn, mar mhuinntir a bhan dlùth chàirdeas ris an teaghlach rioghail, cho-aontaich, iad air sgàth dòirteadh folasheachnadh, an còraichean a chur fa chomhair rìgh Shasuinn, mar an coimhearsnach bu chumhachdaiche a bhacas a bhi riaraichte leis abhreith a bheireadh e. Chuir e mar chumhorra gum feumadh iad e féin aideachadh mar àrd-thighearna, no uachdaran na rioghachd. Chuir an t-agartas so iongantasus uamhas air an àireamh de àrd mhaithean, ’s de luchd-eaglais na h-Alba, a bhair tional gus a choinneachadh aig achrìch Shasunnaich, agus dhiùlt iad freagradh sam bith a thoirt gus am biodh ùinacan comhairla chur richéilair leth. “Ach,” arsesan le spuradh uamhasach, “air Naomh Eideard, dam buin an crùn a thair mo cheann, bheir mi mach mo choir cheart, no caillear mis an oidhirp.” Aig an àm cheudna sgaoil en comh-chruinneachadh Albannach, atoirt doibh trì seachduinnean de dhàil gu iad féin a thoirt a nuas a dhionnsuidh an ni a bha eg iarraidh.

Bhan rioghachd co mòr air a roinn le àireamh co lionmhor de luchd comhshreip a bha sealltuinn air son a chrùins gum faca na bha dhaoine glic, innte nach robh coslas sam bith air gum burrainn iad aghaidh a chumail ris an nàmhaid chuilbheartach ud, a bha ga chromadh féin sios gu grad leum orra aig acheud chothrom a gheibheadh e. Dhfhàg iad an gnothuch gu h-iomlan eadar e féin“ ’s an dusan,” Agusnuair thàinig an ceann , choinnich an fhear-dheug sin Eideard a ris, ’s mar a bha gach fearan dùil gun cuirte comain air an aon a bullaimh a bhiodh gus am breitheamh a thoileachadh, dhaidich iad uile, fearan déigh fir, gun robh iad deònach air a chrùn a ghabhail o làimh Eideaird mar àrd thighearna na tìre! !! Bha fios aig Fad-luirgneach gu math co dhethn deanadh e atharrais rìgh. Achnuair a fhuair e iad uile mar sud gudhòigh féin, thòisich e le mòr sholuimteachd, ma bfhior air rannsachadh còir gach aoin fa leth dhiubh air achrùn. Chunnacas gu h-ath-ghoirid gun robhchòir aseasamh eadar Raibeart Brus, Morair Annandail, agus Iain Bailiol, triath Ghalobhaigh. Biad sin da rìreadh a bfhaisg’, a thaobh cairdeis, air an teaghlach rìoghail a dhfhalbh. Be Bailiol ogha Maireireit, nighean bu shine Dhaibhidh, Iarla Huntington, bràthair Uilleam an Leòmhan, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar sin be brathair seanar Alastair III. Thug Eideard an crùn do Bhailiol. Fhuair e cothrom tighinn gu ruige Scoinne gu bhi air a chrùnadh, ach béigin da dol a ris do Shasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard. An déigh an allabain so uile thàinig e air ais do cheann bhaile na rioghachd gu suidhair rìgh-chaithir Albabha glé dheilgneach.

Ben rian a ghabh Eideard air son fàth fhaotainn gu thilgeadh thar na caithreach, a bhi ga shior-shàrachadh le fanoids le fòirneirt, gus an eignicheadh se e gu éiridhan ceannairc. Nam biodh neach sam bithan Alba mi-riaraichte leis a cheartas a bha Baliol a deanamh dha, bha Eideard afiadhachadh gach aon dhiubh sin gus a chùis a thogail guchùirt féin. Bha e mar bu trice mar so a cur an neo-bhrigh gach cùis-bhreith a bha Baliol atoirtan Alba, ’s a deanamh cùis-mhagaidh dheth am fianuis a chuid iochdarana féin. Nan gabhadh e dhànadas air gearan sam bith a dheanamh air deanadas Eideard, bhan smachdachadh air a dheanamh mòran ni bu mhiosa.

Fadheòidh, leis gach gonadhus tàmailt a bha e faotainn, rùnaich Bailiol còmhnadh iarraidh air righ na Frainge gus a chuing Shasunnach a thilgeadh dheth; agus sgriobh e dhionnsuidh Eideard nach robh e gu bhi ni bfhaidena eisimeilan ni sam bith. “Ah!” ars am Fad-luirgneach, “an dàna leis an leth-chiallach ud gniomh co amaideach a dheanamh; o nach ruig e sinne, mar is dleasdanach dha, théid sinn e far am bheil esan.” Chruinnich an Sasunnach feachd lìonmhor air ceann an do thriall e do Alba. Chuir en ruaig air Bailiolam blàr a chuireadh aig Dunbhàr. Mar a bha Bailiolna dhuine meath-chridheach leig e seachad an còmhrag. Thàinig e gu h-umhal ga thoirt féin suas do Eideard, ag aideachadh gum bann le droch comhairle muinntir eilebha e air a bhrosnachadh gu ceannaircan aghaidh an neach a be àrd-thigheanna; agus ag aiseag air ais do Eideard rioghachd Alba, leis gach dligha bhuineadh don chrùn, chaidh a rùsgadh an sin de gach inbh’ ’us onoir a bhaige, agus a leigeadh air falbh, ’an déigh beagan prìosanachaidh, mar chreutair gun diù, ’an déigh ai[ ? ]eachas rioghalachd a mhealtuinn chùig bliadhna.

Fhuair Eideard a nis an rud a bha omiannachadhs ag iarruidh o cheann fada, cion-fàth no leth sgeul air son Alba thoirt gu h-iomlan fo a chomannda féin, gun uireadus faileas righ no uachdarain a bha seasamh eadar esa thoil féin fhaotainn deanto cheann gu ceann den eilean Bhreatunnach. Thriall e troimh Alba air cheann feachd chumhachdaich, atoirt air an t-sluagh anns gach inbhe fa leth e féin aideachadh mar an righ dligheach uaithe sud a mach. Lion e daingnichean Alba gu h-iomlan le freiceadainibh de shaighdearan Sasunnach. Dhòrduich e Iarla Mhuireidhna fhear-dìon Alba, ’s shuidhich e Sasunnaichan àrd dhreuchdaibh stàtail na rioghachd. Thug e leis crùn agus slat rioghail Alba, agus eadhon clach aMhanaidh, an Lia Fàil, air am bàbhaist a bhicur rìghrean na h-Alban an suidhaig àm a bhi gan crùnadh. ThaChlach iomraiteach sin air lorg fathastan Lunuinn, agus adeanamh suas pàirt den chaithir air an bi righ Shasuinn asuidhen àm a bhiga chrùnadh. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh mar an ceudna gun tug Eideard air falbh còraichean sgriobhta nan tighean Mhanach, agus na h-eachdraidhean bu shinefhuair e annta gus am milleadh e na h-uile dearbhadh sgrìobhtair gun robh Alba roimhe sudna rioghachd shaoir. ’An déigh na h-uile chur as an òrdugh a thogair e féin, phill e dhachaidh le buaidh chaithream, agiùlain nan seudan bu ro luachmhoira bhuineadh don rioghachd ud a bha e nis an dùil bu leis féins leshliochd uaithe sud a mach.


Bidh ainmean na muinntir a phaigh anns a phaipeir air an ath sheachdain. On is e so toiseach na bliadhna, bu chòir don luchd-gabhail uile am pàigheadh bliadhnail a chur a stigh gun dàil. ’Se sin an aon dòigh air an gabh am paipeir cumail air adharts air steidh cheart.


Tha mi-chòrdadh air éiridh eadar Mr. R. G. Reid, agus riaghladh Newfoundland. Chan eil an riaghladh deònach gach ni a tha eg iarraidh thoirt dha. Tha Reid, uime sin, adol a chur stad air moran dhe na h-obraichean a tha e cur air adhart.


SEAN-FHOCAIL.

Thig an t-acras da uair.
Is fada lamh an fheumnaich.
Sealladh ard seana mhaighdinn.
S ann am maireach thig an gille gun naire dhachaidh.



[4]

[Vol . 9. No. 1. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, IULAIDH 6, 1900.

Leis an àireamh so tha MAC TALLA a tòiseachadh air bliadhnùran naodhamh bliadhna dhebheatha. Is fhada on dhearbh e gu bheil e comasach do phaipear Gàilig a bhi beò anns an dùthaich so; chan eil aige nise ach a dhol air adhart agus, le còmhnadh a chàirdean fás nas làidires nas fhearr o bhliadhna gu bliabhna. Tha en deigh moran chàirdean a dheanamh dha féin anns gach cearna dhen t-saoghal, a tha seasamh gu dileas ri chùl, ’sga chuideachadh cho mathsa thanan comas. Bfhearr gu robh an àireamh na bu mhotha, ach na thann dhiubh, is Gàidheil iad cho dileas dan dùthaichs dan cànainsa dhiarramaid fhaotainn. Chan urrainn dhuinn a radh aig an àm so ach gu bheil romhainn air a bhliadhna so feuchainn ris a MHAC TALLA a dheanamh cho maths gun coisinn e meas agus moladh nan Gàidheal uile. ’S en aon ni a bhiossan amharc aige, leas nan Gàidheal agus na GàiligGu ma fada beò iad le cheile!

Tha e gle choltach gu bheil taghadh gu bhi againn an Canada mun teid moran mhiosan seachad. Tha e cinnteach gu leòr gum bi i ann mun suidh tigh na pàrlamaid a rithist, oir thig crioch air beatha na pàrlamaid so an Iun an ath bhliadhna, agus cha burrainn suidhe eile dhith a bhi thairis romhn àm sin. A bharrachd air sin, tha cùisean na dùthcha ag amharc cho math air abhliadhna sos nach burrainn an Riaghladh àm a bfhàbharraiche fhaotainn air son a dhol fa chomhair an t-sluaigh a dhiarraidh cothrom-riaghlaidh fad choig bliadhneile. Faodar, uime sin, sùil a bhi ris an taghadh mun tig an geamhradh.

S e Uilleam Mac Fhionnlaidh a tha na Republicans acur aruith air an fhoghar sa tighinn air son a bhina cheann-suidhe anns na Staidean, agus Theodore Roosevelt air son a bhina iar-cheann-suidhe. Cha do thagh na Democrats an daoine fhéin fhathast, ach cia air bith a thaghas iadsan, tha e gle choltach gum bi Mac Fhionnlaidh us Roosevelt a stigh. Tha iad le chéilenan daoine làidir, seasmhach, as am bheil deagh earbsa aig an t-sluagh. Tha Roosevelt na Riaghladair air staid New York, ach leigidh e sin dheth mun tig àm an taghaidh.


Cleachduin us Eisempleir.

Chaneil ach ceum beag eadar Cleachduinus Eisempleir. Is phiuthair iadnigheanan na h-aon Mhathar. An ni a tha thu fein a deanamh, ’s e sin do Chleachduin; an ni a tha do choimhearsnach adeanamh, ’s e sin dEisempleir. Gheibh thu toilinntinn adghniomh fein le bhi tricg a dheanamh; gheibh thu toilinntinn an gniomh do chomhearsnaich le bhi an comhnuidhg a fhaicinn. ’S en aon bhuaidh inntinn a ni cinnteach nach diobair thu do Chleachduin feins gun iunnsaich thu Eisempleir do choimhearsnaich. Tha e so-thuigsinn, ma ta, gum biodh buaidh aig abheil aite cho bunaiteach an inntinn an duine, ariaghladh achinne-daonna o thoiseach an t-saoghail. Ach tha e dlu air bhi do-thuigsinn, mar tha e gun teagamh do-innseadh, an cumhachd a thaig cleachduìn ar coimhearsnaich thairis air ar caithe-beatha. Cha mhor an aireamh, agus is coma ged nach mor, a tha cho neo-mhothachail air Eisempleir mhaith no olcs a bha clann fir Ruspuinn, mas fior Rob Donn:

Bu daoine nach drinn briseadh ian
Le fiosrachadh do chach,
S cha mho a rinn iad aon dad
Ris an can an Saoghal gras;
Ach ghineadh iad, ’us rugadh iad.
Us thogadh iad, ’us dhfhas;
Chaidh stràc den t-saoghal thairis orr
S mu dheireadh fhuair iad bas.”

Than Saoghal air ariaghladh le Gliocas, le Ughdarras, agus le Eisempleir;” be so beachd duine cho geurs cho fiosrachs a chunnacass an Roinn-Eorpa o chionn iomadh linn. Agus nach feudar aradh gur e, mar is trice, Eisempleir is cumhachdaiche den triuir. Nach tric a chunnacas ann an Eachdraidh an t-saoghail tàirg a dheanamh air comhairle ghlic, dùlang a thoirt do ordugh an Righ, ach cuin no caite nach faigheadh Eisempleir eisdeachd agus umhlachd. Chan e Reusan no Reachd, ach Abhaist dam bheil sinn ullamh gu striochdadh. Chan e Feachd ach Fasan nan Greugach a chiosnaich na Romanaich. Agus o chionn iomadh bliadhna nach e Fasan is cumhachaiche na Firinns an Fhraing. Ciamar a thuigeas sinn iomadh cleachduin a ghleidh an lamh-an-uachdar ann an iomadh duthaich iomadh linn, a dhaindeoin solus an Reusain, ughdarras an Lagha, agus faobhar a Chlaidheimh, gun a bhicumail air chuimhne buaidh na h-Abhaist thairis air inntinn an duine?


An lamh a bheir, ’s i gheibh.

Is fearr a bhi bochd na breugach.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr


A. R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[5]

[Vol . 9. No. 1. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha cuideachd aghuail acur ochd mile tunna guail os cionn talmhainn na h-uile seachdain. Agus tha aon no dha dhe na mèinnean nach eil ag obair leis cho gannsa tha na daoine.

Chaidh fear Seumas Caimbeul a dhiteadh air son meairle agus bristeadh-taighean ann an Amherst, air an t-seachdain sa chaidh, agus fhuair e ochd bliadhndeug dhen tigh-obrach.

Chaidh factoridh adan na teine ann an Truro toiseach na seachdain sa chaidh. Loisgeadh fiach choig mile deug dolair, agus cha robh de dhairgead-urrais oirre ach ceithir mile dolair.

Thatar a meas gum bi eadar nach $25 ,000,000 us $40 ,000,000 de dhòr air a chur a mach as aChonldaic air an t-samhradh so, barrachd morsa chuireadh a mach as air an t-samhradh an uiridh.

Bha an Riaghladair Mac Callum, Newfoundland, agus àireamh de dhuaislean eile comhla ris, anns abhaile Di-mairt sa chaidh; chuir iad cuairt air na h-obraichean iaruinn, agus dhfhalbh iad air a Bhruce feasgar.

Is còir do na Gàidheil a bhi déileadh riuthasan a thacur sanas anns aMHAC-TALLA. Bidh iad mar sin acuideachadh leis a phaipeir gu math, agus tha gach ni a chuidicheas leis a phaipeirna bhuannachd don luchd-leughaidh.

Bha coinneamh siorrachd aig Comunn Stuaime nan Caitliceach. League of the Cross, anns a bhaile Di-luain. Tha Aid Chomunn a nise air a shuidheachadh, a bhios os cionn gach meur dhdn chomunn anns an t-siorrachd. Bidh an ath choinneamh aca air an treas latha de September.

Chaidh an Riaghladair Mac Aonghais a chur á dreuchd beagan lathaichean an deigh an taghaidh ann an Columbia Bhreatunnach. Rinn e dragh agus tromhe chéile nach bu bheag fhadsa bha e na Riaghladair, agus cha do mheas an t-àrd-riaghladh iomchuidh cur suas leis na bfhaide.

Bha Di-luain sa chaidh air a chumailna latha saor anns a bhaile, ach cha robh e air a choimhead cho mathsa bàbhaist. Bha Di-ciadnin, an ceathramh lathalatha mor nan Stàidean-air a chumail le muinntir na dùthcha sin a thag obair fo chuideachd an iaruinn. Chaidh àireamh mhor dhiubh air turus bàta gu Baddeck.

Air an ath bhliadhna, bidh Prionnsa Wales tri fichead bliadhna dhaois. Bidh en uair sin air a bhina Phrionnsa Wales nas fhaide na bha aon riamh riomhe. Tha e-fhéinsa mhàthair rioghail adol faisg air bàrr a thoirt air gach ùrra rioghail air am bheil eachdraidh a toirt iomradh. Cha do rioghaich neach riamh na bfhaide na tha Ban-righ Victoria air a dheanamh cheana ach Liuthas IV, na Frainge; tha aice ri bhi air a chathair naodh bliadhneile mum bi i suas ris-san, oir bha ena righ tri fichead bliadhnasa dha dheug.

Tha an t-side o chionn còrr us seachdain gle fhàbharrach don dùthaich. Tha frasan tromuisge sileadh, agus tha adhartas mor atighinn air feurs air bàrr dhe gach seòrsa.

Chaidh gill òg dan ainm Scott, ann an Sidni Tuath, a ghoirteachadh le spraidheadh fire-crakcer Di-luain sa chaidh. Tha e gle choltach gun chaill e te dhe shùilean air tailleabh an sgiorraidh.

Tha an circus aigLemen Brothersri bhi anns a bhaile air a 14mh latha dhen mhios so. Tha cruinneachadh mor de bheothaichean fiadhaich aca, agus tha iomadh ni ri fhaicinn aca nach fhaicear aig circus sam bith eile.

Chaidh an t-Eadailteach a loisg air a mhaor Mac Eachairn, nuair a bha ega ghlacadh ann an Louisburg, fhaotainn ciontach aig a chùirt mhoir, agus fhuair e sia bliadhna dhen tigh-obrach Cha dfhuaireadh e ciontach dhen ghniomh airson an deach am maor ga ghlacadh, agus nan robh e air e-fhéin a thoirt suas gu sitheil, bhiodh en diughna dhuine saor. Fhuair fear eile, Walsh, a thilg botull air a charbad-iaruinn an deigh don chonductor a chur dheth, da bhliadhna dhen ionad-smachdachaidh cheudna.

Chaidh an t-Onarach A. R. Dickey, a bha aon uairna Mhinisteir Ceartais an Canada, a bhathadh air a chladach mu dheich mile bho Amherst, feasgar Di luain sa chaidh. Bha e leis fhéin nuair a thachair an sgiorradh. Thatar adeanamh a mach gu robh e snàmh, agus gun do bhuail greim e, cho donas nach burrainn dha tir a ruigheachd. Fhuaireadh a chorp ann an àites nach robh an t-uisge ach da throigh a dhoimhnead. Bha a chuid aodaich air na creagan mu dha cheud slat on àites an dfhuuireadh a chorp.

Bha teine uamhasach ann an New York, oidhche Di-satharna sa chaidh, leis an do chailleadh da cheud beatha. Bhrist an teine mach mu na ceidheachan aig an North German Lloyd Co.; bha tri soithichean mora smùide air an losgadh, agus cha dfhuair ach àireamh gle bheag dhiubh-san a bhair bòrd as lem beatha. A bhauachd air na fhuair bàs, bha mu thri ceud air an losgadh gu dona. Tha an call a rinneadh le losgadh nan ceidheachans nan soithichean air a mheas aig deich muillein dolair.

Sgriobh am Breitheamh Weatherbe gu Cleireach na Siorrachd air an t-seachdain sa chaidh ag àithne don t-siorrachd tigh-cùrtach agus priosan ùr a thogail. Ghearain na Breitheamhna uair us uair, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, air tigh na cùrtach ach cha dthainig an lorg nan gearainean sin ach beagan càraidh a rinneadh air an uiridh. Mur cuir an t-siorrachd fhein mu dheibhinn gun dàil, theid aig a Bhreitheamh air òrdugh fhaotainn o riaghladh Nobha Scotia air son tigh-cùrtach us priosan ùr a chur suas air chosg na siorrachd.


AIR CHALL

EADAR Drumbro agus am Post Office, uaireadair agus slabhruidh oir. Ge be co bheir guMRS . A. J. MOXHAM, Drumbro,iad, bith e air a dheagh dhuaisneachadh.


Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.

Luach airgeid cho mathsa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonnsa dhuachdar.

Tha prisean arn aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.

Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhen t-seorsas fhearr, ’s dhen deanamh as uires as fasanta.

H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[6]

[Vol . 9. No. 1. p. 6]

Clann Raonaill.

Thainig Clann Raonaill bho Raonall Domhnallach, mac Iain tighearna nan Eileanan. Anns abhliadhna 1371 fhuair Raonall coir bhoathair air Muideart, Arasaig, Morair, Cnoideart, Eige, Rum, Uidhist, agus aiteachan eile. Bha coig mic aige, Ailein, Iain Dall, Domhnall, Aonghus, Riabhach, agus Dughall. Tha cuid ag radh gum be Domhnall bushine na Ailein, ach faodar a bhith coma an diugh co am fear diu bu shine. Anns a bhliadhna 1428 bha Ailein mac Raonuill ann an seilbh air Muideart, Arasig, Eige, agus air Uidhist a chinn a deas Bha da mhac aige. Ruairidh agus Ailein Chnoideirt. Bha Ruairidh na thriath air Muideartsa bhliadhna 1430. Phos e nighean Dhomhnaill Bhallaich, agus bha da mhac aige rithe, Ailein agus Eachann. Fhuair Eachann fearann anns a Mhorairn. Dheug Ruairidh mac Ailein mun bhliadhna 1470. Bha Ailein a Mhac, Ailein Mac Ruairidh, na dhuine foghainteach is na chreachadair ainmeil. Phos e an toiseach, Anna, nighean Dhomhnaill mhic Iain, triath Ardnamurchan, agus bha da mhac aige rithe, Ronall Bàn, agus Alasdair. Phos e a rithist, Iseabal, nighean Mhic-Shimi, agus bha aon aige rithe, Raonall Gallda. Bha sia mhic eile aige, Ailein Riabhach, Iain Beag, Iain Bronnach, Iain Molach, agus Seumas. Be Raonall Gallda am fear a boige de a mhic. Chaochail Ailein mun bhliadhna 1501. Be Ailein a cheud Mhac-Mhic-Ailein. Phos Raonall Bàn nighean Mhic-Leoid Leoghais, agus bha mac aige dom bainm Dughall. Dheug Raonall Bàn mun bhliadhna 1508. Chaidh Dughall a mhac a mhortsa bhliadhna 1520. Dhfhag e da mhac, Ailein mor agus Lachainn. Fhuair Ailein coir air Morairsa bhliadhna 1538. ’Se Mac Dhughaill Mhorair a theirteadh ris. An deidh bas Dhughaill ghabh Clann Raonaill Alasdair, darna mac Ailein Mhic Ruairidh, mar an Caiptin, non ceann feadhna. Bha ceithir mic aig Alasdair ri Diarbhail, Iain Muideartach, Aonghus, Ruairidh Ruadh agus Domhnall; bha tri mic aige ri nighinn Thormaid Mhic Gillephadraig, Iain Ard, Ailein Odhar, agus Ruairidh, agus bha aon mhac aige, Alasdair, ri a mhnaoi, nighean Fhearchar Mhic-an-Tòisich, triath Chlann-an-Toisich. Chaochail Alasdair mun bhliadhna 1529. Rugadh Iain Muideartach uair-eiginn roimhn bhliadhna 1500. Rinneadh mac dligheachd dheth le litrichean on righsa bhliadhna 1532, agus thugadh dha còir air Muideart, Arasaig agus aiteachan eile. Ged is e ceann-feadhna a theirteadh ris be an nis da rireadh ceann-taighe Chloinn-Raonaill. Nuair a bhiodh mac diolain air a dheanamh dligheach le lagh na rioghachd dhfhaodadh e a bhith air a ghabhail mar cheann-taighe no mar cheann-cinnidh.

Bha Iain Muideartach na duine aig an robh buadhan laidir inntinn agus na fhear-cogaidh teoma. Chuireadh Blàr Leinesa bhliadhna 1544. Bha mu shia ciad duine aig Iain Muideartach agus mu cheithir chiad aig Mac Shimi. Chaidh an latha le Iain Muideartach; ach dhearbh na Frisealaich nach robh saighdearan an Albainn a bfhearr na iad; bha e na chliu dhaibh mar a sheas iad is mar a chathaich iad. ’Se Blar-nan-Leine, no Blar-nan-Leintean, a their cuid ris a bhlar. Is math a bha fios aig Mac Mhuirich, seanachaidh Chlann Raonaill, air ainm a bhlair, agus is eBlar Leinea tha e ag radh ris. Bha am blar air ainmeachadh an deidh na laraich air an deachaidh a chur.

Chaidh Raonall Gallda a leon gu goirt am Blàr Leine. Fhuair e am bas an ceann beagan uairean an deidh a bhlair, ach tha e air a radh nach be na leoin a fhuair e a baobhar da bhas, ach lamh mortair. Dhfhag e triuir mhac na dheidh, Ailein, Iain agus Alastair. Rinneadh mic dhligheach den triuir le litrichean an righsa bhliadhna 1555.

Phos Iain Muideartach nighean Mhic Iain Ardnamurchan, agus bha mac aige leatha dom bainm Ailein. Bha triuir mhac aige ri nighinn tighearna Chnoideirt, Iain Og, Domhull Gorm is Ruairidh Og. Bha ceithrear mhac aige ri nighinn Neill mhic Thearlaich, Ruairidh Dubh, Raonall, Iain Dubh, agus Aonghus. Chaochail esa bhliadhna 1584.

Bha fearainn aig Ailein Mor mac Dhughaill, tighearna Mhorair, an Arasaig, an Eige, is am Beinn-a- Bhaoghla. Bha da mhac aige, Alasdair is Raonall. Anns abhliadhna 1611 fhuair Alasdair coir bhon chrun air Morairs gach aite eile a bhuineadh da athair. Thug e fearann ann an Eige do Raonall a bhrathair. Be Ailein mor, mac Alasdair, tighearna Mhorairsa bhliadhna 1646. Bha tri mic aige, Ailein og, Iain, agus Alasdair. Bha da mhac aig Ailein og, Iain agus Alasdair. Chaochail Ailein roimhathair. Be Alasdair tighearna Mhorair ri am Choille-chnagaidh. Fhuair Ailein Ruadh mac Alasdair, coir air Morairsa bhliadhna 1726. Phos e Mairsaili, nighean Shir Eoghan Lochiall, agus bha coig mic aige. Chaidh e gu h-amaideach ann am fiachan, agus bfheudar dha dealachadh ri roinn mhoir dechuid fearainn. Phos Iain, mac agus oighre Ailein Ruadh, nighean Raonaill Chinn-Loch-muideart. Thug e a suas an oighreaehd do Shim a mhacsa bhliadhna 1784. Bha Sim na mhaidsear anns an arm. Chaochail Simsa bhliadhna 1800. Dhfhag e da mhac, Seumas agus Sim og. Dheug Iain Mhòrair, seanair Sheumais agus Shim oig, ’sa bhliadhna 1809. Dheug Seumas an 1811. Chaidh Sim Og a mhrrbhadh an 1812.

Mo chreach leir Clann Mhic-Dhughaill,
S iad mar choill air a rusgadh;
Conissheasas an cùis an am gàbhaidh?”
A. M. S.

$400 . air a thoirt do luchd ceannach Union Blend Tea; iuchair agus cairt ag innse nan cumhachdan air am faighear e anns gach pasg puinnd,


$10 ,000.00.
Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhen ath mhois le
Matheson , Townsend & Co. ,

Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a thaga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dailBathar math dhe gach seorsa.
Anabarrach Saor!


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$7 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
EDWARD PITT,Fear-gnothuich.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, AgentSidni Tuath.


Are You Deaf??

All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Daltons Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL.



[7]

[Vol . 9. No. 1. p. 7]

ORAN.

LE FEARCHAIR MAC-RATH.

Chan e direadh a bhruthaich
Dhfhàg mo shiubhal gun treoir;
Chan e direadh &c .

No teas mor ri la greine,
Nuair a dhéireadh i oirnn.

Laigh an sneachd so air mfheusaig,
Is cha léir dhomh mo bhròg.

S ganns léir dhomh nas fhaisge,
Ceann a bhatatham dhòrn.

Se mo thaigh-sa na creagan,
Se mo dhaingean gach fròg.

Se mo thubhailt mo bhreacan,
Se na leacan mo bhòrd.

Se mo bhuideal gach lodan,
Se mo chopan mo bhròg.

S tric air mhucagan fàsaich
Re an la mi mar lòn.

S tric air smeuran nan dris mi,
S tric mi brisdeadh nan cnò.

S tric mi acrach is sàraicht
S tric mi fàsgadh nan dòrn.

Ged a cheannaichinn am buideal
Cha dig cuideaehd gaòl.

Ged a dhfhadainn an teine,
Chi fear foille dheth ceo.

Si do nighean-sa, ’Dhonnachaidh,
Chuir an iomagain so oirnn.

da bheil an cùl dualach
Bho a gualainn gu bròig.

da bheil an cùl bachlach,
Is a dhreach mar an t-òr.

Dheoin ar cha bhi gillean
Riut a mires mi beo.

S mor gum bfhearr dhuit mi agad
Na mac breabadair clòth.

Ged nach deanainn dhuit fighe
Chumainn sithionn mu dbhòrd.

S truagh nach robh mis tu, ghaolach,
Anns an aonachm bin ceo.

Ann am bùthaig bhig, bharraich.
S gun bhi mar-ruim ach tfheoil,

Agus pàisdean beag leinibh,
Neach a cheileadh ar glòir.

S mi gun snàmhadh an caolas
Air son faoilteachd do bheoil,

Nuair a thigeadh am foghar
Be mo rogainn bhith falbh,

Leis a ghunna nach diultadh,
S leis an fhùdar dhùbh-ghorm.

Nuair a gheibhinn cead frithe
Bho an righs bhon iarlòg,

Gum biodh fuil an daimh chabraich
Ruith le altaibh mo dhòrn,

Agus fuil a bhruice bhioraich
A sior shileadh feadh feoir.

Fàth mo mhulaid mar thachair,
Be sud lasan mo leoin.


Bhuineadh Fearchair Mac-Rath, Fearchair Mac Iain Oig, do Chinntail. Thug maor-fuinn Mhic-Coinnich agus coire copair air falbh bhuaithe. Bha bean Fhearchair— “Nighean Dhonnachaidh” —a gearan air droch obair a mhaoir. Chaidh Fearchair nadhéidh, agus loisg e airs mharbh e e. Bfheudar do dh-Fhearchair an sin teicheadh.


IAIN LOM AGUS MUIREACHAN

Bha Iain Lom uair air thurassan Tòiseachd. Chaidh e a staigh do thaighsan robh e dol a dh-fhuireach ri a dhinneir. Bha balachsan taigh dom bainm Muireachan. Cha robh tlachd aig a ghille so ann an Iain Lom, agas cha robh e ag iarraidh gum fanadh e ridhinneir. Dhiarr Iain Lom air dol am mach a shealltainn air na b-eich aige. Nuair a thainig e a staigh dhfhaighneachd am bard dheth am fac e na h-eich. Fhreagair Muireachan e mar so;

Chunnaic min t-each bàn
S a cheannsan fhodar,
S chunnaic min t each dona
Airn do tholl am bod-chrann.

Thubhairt Iain Lom, —A Mhuireachain, a Mhuireachain, ’s ann a gheibhteadh do dhan gu h-ullamh nuair a bhiodh do mhathair a fuineadh nam bonnach. Fhreagair Muireachan e,—

Iain Luim mhic Dhòmhnaill mhic Iain,
S mor do dhiol bidhe is cadail;
Dhitheadh tu uibhir ri dithisd
Leis an amhaich fhior fhada.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c ., &c .
GAN CREIC SAOR.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.


ALBERT HARTY,
Greusaiche,
Brogan agus Botainnean air an Deanamhs air an Caradh gu snasail.
Ri taobh stor D. L. MacFhionghain,
SIDNI - - C. B.



[8]

[Vol . 9. No. 1. p. 8]

ORAN MAGAIDH AIR CREACHADAIREAN ARAIDH.

LE COINNEACH DUBH MAC-COINNICH.

LUINNEAG.
Faodaidh fearbhios fuar falamh
Cruaidh, smearail, foinnidh, fearail,
Fead a thoirtan cluais balaich,
Mur a bi e réidh ris.

Thoir fios gu taobh thall nan garbh-chrioch,
Ons ni echordas rim meanmainn,
Gun dthòisich taobh tuath na h-Alba
Ri marbhadh a cheile.

Fios gu Eoghann, fios gu Ailein,
S fios gu Domhnall bàn na caillich,—
Ciod an truaighechum aig bailiad
S a ghealach air eirigh?

Clann-a- Phi agus Clann-Ualraig,
Ciod an t-aon ni a chum uainn iad,
S mi-fhins clann-Liodair nan cuaran
An guailibh a cheile?

Tha Maolanaich ann an Arcaig,
S bu mhath gu slaodadh nan creach iad,
S fhads a mhaireas ni aig Cataich,
Cha bhith acach leum air.

S ann mu dha thaobh Baile-Domha
Tha na fir nach faoin ri clomhadh,
S bheir iad aomadh air na Rothaich
Fhads a gheibhear spreidh ac’.

Nan gabhadh na cruachan iomain
Mar ghabhadh crodh Cille-Chuimein,
Bheireadh sinn air bodaich Mhoraidh
Gum biodh dolaidh béidh orr.

Gun dmharbhadh bean uasul thapaidh
Ann an tuasaid o chionn seachdain,
S faodaidh sibhse crodh is capaill
Thoirt dachaidh nah-eirig.

Tha crodh is eich air an leathad
Aig bodaich nach dean an gleidheadh,
S mur be dhomhsabhith am laighe
Dheanainn rathad réidh dhaibh.

Than t-oran air a dheanamh mar gum bann le fear de na creachadairean.


ORAN COMUINN.

Thug mi ceangu dem fàth?—
hùg .
Do Mhac-Raibeart na cèaird,
ri ri hoiriunn
hùg .
Do Mhac-Raibeart na cèaird’,
Cha bèn cèard a nin spàin,
Ach am fear a nin t-arm
Leis an cinneadh an t-sealg;
Bian dubh is bian dearg,
S boc biorach nan earb.

Thug mi ceancuim an ceilinn?
Do Mhac-Bhràigha tìr eile.
Bu tu nàmhaid na h-eilid,
S an ròin ri cois eirthir.

Càit an robh e fon chruinne
Gin cho bòidheachs cho cuimir
Ri Pàdruig Mac-Cruimein?
Beul fìnealt nan cuireid
Le piob mhòir air taobh muineil.

Mac-Raibeart, Robertson. Mac-Bhràighe, Mac-Gillivray.


DAN GAOIL.

LE DOMHNALL FRISEAL, AIR DHA DA NIGHINN OIG FHAICINN AM BRUADAR.

Am chadal air tulaich àluinn
Aig taobh tràghad ri la luain,
Chunnacas nighean chruthail, ghasda,
N earradh den t-siol dhathte uam.

Dhfhiosraich misam briathraibh tlàtha
De ghéig àillidh nan rosg mall,
Car-son a bha i na h-aonar
Ann am fàsach faoin nan gleann.

Fhreagair ise mi gu cùirteil
Ann am briathraibh ciuine binn’,
Tha ribhinn eilann am fhochair,
S cha dfhuair aon fhear tochradh leinn

S mise Seonaid o Thòrr-sianta
Nighean Eachainn nan cruach òir,
S ise Fionnaghal o Dhùn-blàbheinn,
Dun nan righs am bàrd guth ceoil.

Dealbh na dithis a bham làthair
Cha dchuir nadar roimh o thùs;
Do dhfhàg dealradh an cruthsoluis
Greis gun sealladh mo dha shùil.

Bàn an deud mar shneachd nan stùcan,
Gorm an sùil, ro dhearg an gruaidh;
Fiamh an òir den cuailein cas-bhuidh’,
Bhuin mo chridhfo ghlais daibh uam.

Aghaidh fhinealta làn maise,
Dhfhògradh airsneal uainn nadeann;
Suilean ciuine, caoimhneil, gàireach
Thàirneadh gradh gach duin ar leam.

Geal mar fhaoilinn air bhàrr tuinne
Bha an uchds am muineal réidh.
Glacan bàna, meoir as grinne,
Is troigh chuimir as clis ceum.


MARBHRANN

DO SHIR SEUMAS MOR MAC-DHOMHNAILL, TRIATH SHLEITE, A CHAOCHAILSA BHLIADHNA 1678.

LE GILLEASBUIG DUBH MAC MHIC-DHOMHNAILL.

An nollaig airm bu ghreadhnach sinn
Ormsa rug an diths an call;
Tha miulchairts na clàir fo dhion,
Ceann-sithe fir Innse-Gall.

Gun fàth toireachd air an ti
Chaidh dhinn am feasda nan tràth,
An gorm thulaich eadar dha thir
Tha pailte gun chrinen tàmh.

S mor mo smuainte, ’chach cha leir,
Leam fheins migabhail mu thàmh;
Dhen t-saoghal sos beag mo speis,
Thigeadh an t-eugn uair as aill.

Chan iarrainn latha gu bràth
De leasachadh thrath theachd orm,
Nam bes gun deonaicheadh Dia
Mi dhul gu dian air do lorg.

Chan iarrainn tuilleadh dhen t-saoghl,
Laighinn ri daolaibh na fòid;
Ann an leaba chumhaing, chaoil,
Sinte ri taobh do chuid bord.

Chaidh mi iomrall air an aois,
Am muinghin an namhad tha mi;
S beag mo dochas a bhi ard,
S tun claraibh druidte ga mdhith.

Ormsa rug an t-ànnrath cuain,
Chaidh mo riaghailt bhuam air chall;
Mo sgeul duilichs mo chàs cruaidh,
S ni buan gun bhuinnigtha ann.

Dhiomsa thog an t-eug achìs;
S leir dhuit, a Righ, mar a tha;
Ormsa rug gàir thonn nan sian,
Gun sith ach doruinn gu bas.

Cha robh stiuir, no seol, no slat,
No ball beairta bha ri crann
Nach do thruis an aon uair bhuainn,
Mo thruaighe san fhras a bhann.

Taigh mor a thathaicheadh na sloigh,
Gun ol, gun aighear, gun mhiagh,
Gun chuirmga caitheamh air bord,—
Mo dhòlas, ’Athair nan sian!

Gun chaismeachd, gun chomh-stri theud,
Gun dàn ga leughadh air clar;
Gun failidh ri cur an ceill
Euchd do chinnidh-sa gu brath.

Gun treun-fhir ri dol an ordagh,
Gun taileasg, gun chorn, gun chuach;
Mo bheud dhuilichs mo chreach mhor;
Fon fhoid a thuinich an duais.

Gun eirigh moch thun nan stùc,
Gun chu ga ghlacadh am laimh,
Gun mheanmna ri claistìnn ciuil,
Gun mhùirn, gun mhacnus ri mnaoi.

Gun oigridh ri siubhal shliabh,
Gun mhiagh air iarraidh an ròin,
Gun mhialchoin ateannadh iall,
Is sàmhach an nochd fiadh an stòir.

S iomadh beinn is glenn is cnoc,
Ceann òbain, loch, agus traigh
A shiubhail mise leat fo mhuirn.
S luchd-ciul ri aighear gun phràmh.

Iul-chairt, a mariners chart.Ceann-sithe, a pacifier, a peace-maker.Riaghailt, in 7th verse, a mariners compass.Bu bhràthair Gilleasbuig Dubh, no an Ciaran Mabach, do Shir Seumas.


RANN LE DOMHNALL GRUAMACH.

Bha Domhnall Gruamach agus Iain Lom gu searbh an aghaidh a cheile. Labhair Domhnall Gruamach mar so mu Iain Lom:

Thugadh greis air Greumaich leat
Gun euchdan a chuir suas;
Is thugadh greis air Duibhnich leat,
S air muinntir an taoibh tuath,
Chan fheil feum do Dhòmhnallach
Ri bheo bhi ort a luaidh;—
S e donnal a choin bhadhail ud
Dhfhàg bodhar mo dha chluais.


LEMEN BROTHERSWORLDS MONSTER SHOWS.

3 RING CIRCUS,
5 CONTINENT MENAGERIE,
TRAINED ANIMAL EXHIBITION,
REAL ROMAN HIPPODROME,
FREE HORSE FAIR.

SURELY COMING AND POSITIVELY EXHIBIT
AT
SYDNEY, on SATURDAY, JULY 14.

[Dealbh]

THE MIGHTY BOVALAPUS,
The rarest, strangest, awfullest of all the mighty monsters of the great deep.

RAJAH,
The biggest brute on earth, a towering giant. The very lord of beasts. Taller, longer, weighs more, cost more than any elephant ever captured. Bigger than the famous Jumbo.

CAPT. SANTIAGO, HIGH DIVER,
The worlds highest diver; actually flings himself backward from the highest point ever dived from.

LITTLE EDNA,
The girl wonder. The only lady turning forward and backward somersaults on a bareback horse. A challenge of $10 ,000 to any one who can produce her equal.

RACING STEERSA GREAT NOVELTY.

100 EXALTED CIRCUS CHAMPIONS IN 150 SUPREME ACTS.

Completest, Largest, Greatest WORLDS MENAGERIES.

KITTIE KRUGER, The only lady 4- and 6- horse rider in the world.

Whole droves and herds of Animals, Giant Camel, Long Maned and Tailed Horse. Baby Hipopotamus, Baby Lions, Serpents and Birds.

A Grand Free Street Parade Every Entry Day at 10 oclock A. M. High Dive, 10.30 a. m. and 6.30 p. m.

EXCURSIONS ON ALL RAILROADS. ALL TENTS WATERPROOF.

Doors open at 1 and 7 P. M. Performances at 2 and 8 P. M.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TAALA.


J. D. W. CAIMBEUL.
FEAR DEILBH THAIGHEAN.
OIFIS: —ROSS BLOCK, P. O. BOX 41.
SIDNI, - - - - C. B.


A lion beagan as beagan, mar a dhith an cat an sgadan.

Is iomadh mir a thug thu don bheul a mhol thu.

titleIssue 1
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 1. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page