[73]

[Vol . 9. No. 10. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 7, 1900. No. 10.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. XIII.

TRIOBLAIDEAN AS UR AN RATHAD MAIRI.

Bha Màiri a nise daonnan fo mhulad. Bha isan aon chor an àms an robh na blàithean aseargadh, agus na craobhan giubhais air cùl an taighe afas dubh, dorcha, mar gum biodh iad an trusgan dubhach. Bha a muladdol na baotruime mar a bhan ùine dol seachad, ach bha trioblaidean as ùr a tighnnn a rathad.

Thainig iomadh atharrachadh air Baile na Craoibh Ghiubhais bhon chaochail a h-athair. Thug an tuathanachsa bhean an tigh suas don aon mhacduine socrach, ciallach. Bhabhean a fhuair am mac gun teagamh briagha agus gle bheartach; ach a mach on bhosds an tlachd a bha igabhail as a maise, bha i caom-shuarach mu gach ni ach airgiod. Gun robh i sanntach, uaibhreach, bha ro-shoilleir ri fhaicinn an ùine ghoiridna gnuis, ach a dhaindeoin a boidhchead bha rudeiginn mi-thaitneachna coltas. ’Nuair a thuigeadh i gum biodh dad araid a dhith air a h-athair no air a màthair-cheile, sheachnadh i a dheanamh dhaibh nam burrainn di; aguss ann car aindeonachs le gearain a bheireadh i an cuid fhein daibh. Dhfheuchadh i rin ruigheachdn am foighidinn cho fads a burrainn di, agus shaoileadh duine gun robh i cunntas a h-uile greim a chuireadh iadn am bial. Dhuin an t-seann charaid bhochd iad fein suassan rùm a bfhaide stigh, aguss ann uair gle ainneamh a thigeadh iad a mach don t-seomar eile.

Cha robh am mac afaighinn air adhart dad ni bfhearr. Bha a bhean choirbte tric atoirt droch theanga dha, agus ceud uairs alatha bha itilgeadh air am fortan mor a fhuair e leatha. Mur bu toil leis canranus fearg fad an latha, cha robh aige ach eisdeachds a bhin a thosd. Air uairibh cha shriochdadh e gus an iarradh a pharantan air; bhan t-eagal orrasan moran a thoirtna h-aghaidh, gun fhios nach deanadh i dioghaltas orra fheinnuair a bhiodh esan air falbh. As deigh obair latha, thigeadh estigh le cridhe dubhach far am biodh athairs a mhàthair. Is minig a shuidh iad gu bronach, comhla, am mac ag innseadh a thrioblaidean fhéin.

Is ann mar sin a tha, a nise,” theireadh an t-athair; “dhall ise thu le boillsgeadh a cuid oir, agus mheall i thu le deirgead a gruaidhean, agus bha mise tuilleadh as socharach gu eisdeachd ri diarratas. Tha sinn a nisen ar triuir a faotainn ar peanasachadh. Bu choir duinn comhairle Iacoib bhochd a ghabhail: ‘An duine glic meoraichidh e air aphòsadh urads ged a bhiodh a bheatha an crochadh ris.’ Tha cuimhnagam air na thubhairt e gle mhath, agus bha mismaointean air iomadh uair.

An cuimhneach leat, abhean, an latha thubhairt thu, ‘Achse suim bhriaghathann am mile gilder.’ ‘Ach,’ arsIacob, ‘chaneil e cho briagha sin. Tha na blaithean a thannsa ghàradh air taobh a mach na h-uinneige, mile uair nis briagha. Is e suim shearbh a their thu ris fhathast.’ Is e sin a thann gun teagamh a nise, aguss iad guailnean laidir a ghiulaineas an t-eallach gun tuiteam gu lar. Carson a bhiodh tug iarraidh an uidhir ud de dhòr? Nacheil thu faighinn dfhoghnaidh agus beagan tuilleadh? Creid mi, fagaidh tuilleadhs a choir de dhairgead daoine tuilleadh as bòsdail. Ni fuathas uisge, ge riatnach cuid an fheuma dheth, moran dolaidh agus sgriosaidh e sios gach ni a tha fass aghàradh. Is e sin a bha Iacob coir ag raitinn; agus saoilidh mi gu bheil miga chluinntinn an drasda.

Theireadh tusa, ’mhic, ‘Ach tha i cho boidheach, snuadhmhor, mar an ròs.’ Ach theireadh Iacob tuigseach: ‘A bharrachd air a bhi boidheach, chan uilear don fhlùran a bhi math agus feumail mar an ceudna. Tha i toirt duinn ceir ghlan agus mil luachmhor. Aodann maiseach gun mhaitheas chaneil ann ach ròs de phaipeir, gnothuch truagh, neo-mhaireannach, gun chubhraidheachd, no beatha, gun cheir no mil.’ Sud briathran Iacob ghlic; ach chan eisdeadhmid ris, ach tha sinn afaireachdainn a nise de cho fiors a tha iad. An rud sin bha sinnan duil a bhan a fhortan mor is e thann am mi-fhortan as motha. Gun deonaichidh Dia dhuinn gràsan gus a ghiulain le foighidinn, ’chionn cha ghabh a chuis atharrachadh tuilleadh.” Sud an seanachas a bhiodh aig an triuirn uair a gheibheadh iad cuideachd.

Bha cuisean a nisetighinn gle chruaidh air Mairi. An seomar a bàbhaist a bhi aice-se, bfheudar di fhagail aig an t-seann chàraid. Ged a bha rùm beag, laghach eile ri sheachnadh, cha dthugadh a bhean òg dise, lecuid gamhlais, ach a chuil bu truaighe astigh; rinn i gach ni chum trioblaid a chur oirre, agus bhiodh iga smàdadh gun tamh. Bhiodh i daonnan afaighinn coire di agur chan fhaiceadh i gun deanadh Màiri gu leor de dhobair latha sam bith, no idir gun deanadh i ceart e. Bhan dilleachdan bochd asmaointinn nach robh an corr feum oirre-sesan tigh, agus gu robh ina h-uallach mor orra. Cha burrainn an t-seann fheadhainn moran cobhair a dheanamh oirre tuilleadh; bha gu leoir mhor daibh an airethoirt orra fhein. Bha fabh as a sud gu tric a tighnn na h-inntinn; ach be cheist cait an rachadh i.

Chaidh Màiri a shireadh comhairle air sagart Erlenbrunn. Thuirt an duine beannaichte so rithe: “Chan urrainn duit fuireach nis fhaide aig Baile na Craoibh Ghiubhas, mo nighean mhath! Thug dathair nach mairionn ionnsachadh math dhut, agus theagaisg e thu anns gach doighsam biodh e iomchuidh dhut thu fhein a ghiulain an taigh duine choir sam bith; ach far am bheil thu an drasda tha iad a cuir ma dchoinneamh ri dheanamh gach ni a dhiarradh iad air struilleig sam bith; tha iad atoirt ort tuilleadhsa choir de dhobair a dheanamh, obair tha os cionn do neart, agus mi-fhreagarrach air do shon. Ach cha dthugainn a chomhairle ort falbh assa cheart àm so, falbh air faontragh, gus am bitheadh fios agad cait am bitheadh tudol. ’S i mo chomhairle-sa dhut thu dhfhuireach mar a thagad an drasda, obraich cho mathsas urrainn duit, dean urnaigh gu tric ri Dia agus cuir dearbsann, agus feith gu foighidneach gus an cuir Esan, ’n uair a chi En t-àm iomchuidh, rudeiginnad rathad. An Dia sin a thog suas thu airson suidheachadh a bfhearr gabhaidh E curam dhiot, ’s chi E gum bi tau far an corr dhut. Feuchaidh mise ri aite fhaighinn dhutan teaghlach measail, diadhaidh. Cum thusa suas do mhisneach agus tionndaidhidh a chuis a mach gu ceart an deagh àm.” Thug Màiri taing mhor da airson a dheagh chomhairle, agus gheall i a leanailt.

Is e an aon spot talmhainn bu docha leatha uaigh a h-athair, far an do chuir i craobh-ròis. “Mo chreach,” arsise, ’s ina suidhe acaoineadh lamh rithe, “is truagh nach burrainn mi fuireach daonnan ann an so; dhuisgeachan e le mdheoir, air chors gum biodh i an comhnuidh uaine agus fo bhlath!”

Bhachraobh-ròis a nise fo dhuilleach uaine, agus na gucagan dearga air bruchdadh a mach. “Gu firinneach bha mathair ceart,” arsa Màiri, “ ’nuair thuirt e riumsa: ‘Tha beathan duine coltach ri craobh-ròis. Air uairibh tha i lom, dubh, agus chan fhaic sinn dad ach na stangan cruaidh. Ach ma dhfheitheas sinn, thig an t-àm an rithists am bi i air a comhdach an trusgan ùrail, agus lan de na ròsan as eireachdaile.’ So am nan stangan dubha dhomhsa, ach cha chaill mi mo mhisneach; tha earbsagam as na thuirt sibh rium, mathair gradhach! Bithidhur facal fhathast air a dhearbhadh: ‘Gheibh foighidin furtachd. ’”


CAIB. XIV.

FOGRADH MAIRI.

Thainig a nise an coig latha fichead de Iulaidh mun cuairt latha fear curaim (patron day) a h-athair, agus thog e mulad Màiri as ùr. Roimhe so bha e leathana latha sòlasach, ach an diughs ann le deoir a dhfhailtich i amhaduinn ghrianach, or-bhuidhe. Babhaist di ionnsaidh a thoirt air beagan toil-inntinn a thoirt da h-athair air an latha so; bheireadh i dha mar thiodhlac rudeiginn de dhobair a laimhe fhein, dheanadh i feasd beagan ni bu shoghaile na babhaist, gheibheabh i beagan fiona da, agus chaireadh i flùrs bhoidheach air a bhord bu ghlaines bu ghrinne.

Bhah-inntinn lan de ghaol dah-athair air an latha so. Bha e na chleachdadh aig muinntir na duthchabhi sgeadachadh uaighean an càirdean le flùrs, gu h-araid air laithean mar so, aguss minic a dhiarr iad cuideachadh ann am flùrs bho Mhàiri, rud a fhuair iad daonnan gu toileach. Bhual ena h-inntinn gun sgeudaicheadh ise uaigh a h-athair fhein le flùrs. Bhual i suil air a bhascaid



[74]

[Vol . 9. No. 10. p. 2]

bhig a bhair a bhord, priomh cheann aobhair a h-uile anraidh troimhn deachaidh i. Thug i leatha a bhascaid so, chaidh i don ghàradh far an do lion i i leis a h-uile flùr bu bhoidhche, bu ghrinnes a bùraile. Chaidh i leatha trathsa mhaduinn gu Erlenbrunn, agus shuidhich i i air uaigh a h-athar. Shil a deoir air na flùrs, agus bha iad a soillseachadh mar dhriuchd na maidne. “ ’Athair ghaolaich, ghradhaich,” deir ise, “bha thusa daonnan asgapadh flùrs romh mo cheum-sa anns abheatha so, rud nach urrainn misephaigheadh dhuibhse gu brath; ach ni min uidhir so, cuiridh mi am fleasg so tarsuinn airur n-uaigh!” Dhfhag i abhascaid air an uaigh; oir cha robh curam sam bith oirre gum beanadh duine dhi fhein no do na flùrs. Is minig a thug an sluagh suil thaitneach air abhascaid, ’sa bheannaich iad anighean mhath, agus a rinn iad urnaigh airson fois a bhith aig a h-athair chaomh.

Trath an ath latha, ’n uair a bha an tuathanach agus a sheirbheasaich ag obair air an fhiarsan lon mhor, air taobh thall na coille, chaidh pios de lion-aodaich a bha air tobhar air an fhiar, faisg don ghàradh, a ghoid air falbh. ’Sibhean òg a chiad duine a dhionndrainn e; agus coltach ris a h-uile duine sanntach, bha i lan de doroch amharus, agus air an turus so leag i gach amharus air Màiri. Cha drinn Iacob bochd riamh diomhaireachd de ghnothuch an fhàine, dhinnis e do n t-seann fheadhainn e. Fhuair am mac a mach e, agus le blaomaireachd air choireiginn dhinnis esan e da mhnaoi. Agus, air an aobhar sin, ’nuair a thill Màiri dhachaidh comhla ris na h-igheanan eile feasgar, asgrioban air a guallainn, agus soitheach deochna laimh, thainig a bhana-mhaighstir òg a mach nan coinneamh, duaichni mar an dragon; thoisich i air caineadh Màiri anns achainnt bu sgainnealaich, agus dhàithn i oirre am pios lion-aodaich a thoirt suas di-se.

Fhreagair Màiri gu ciuingun robh e do-dheanta am pios aodaich a bhi aice-se, ’chionn gun robh ise comhla ri h-uile aon de chacha fad an lathasan achadh. Ach gum faodadh, ’nuair a bha ise adeanamh deiseil na dinnearach, cuid-eiginn a thighnn a rathad a sguab air falbh e.” Le firinns ann mar sin a bha. Ach dheubh abhean òg a mach, “Thusa, bhana-mheirleach! am beil thun duil nacheil fhios agamsa gun a ghoid thum fàine, agus gur ann air eiginn a chaidh, do cheann fhagail air do choluinn. Truis air falbh as mo thaigh anns amhionaid. Chaneil dachaidh aig creutairean suarach coltach riutsa fo mfhardaich-se.” Thuirt an tuathanach òg, “Cha chuir thu mach i co-dhiu cho anamoch so! Thaghrian gu dol fodha. Gabhadh i a suipeir comhla ruinn air an fheasgar so, agus cuimhnich cho cruaidhsa dhobraich i fad an latha theth, gus an dthainig an oidhchoirnn?” “Aon uair eile de thim chan fhaod i fuireach,” arsa bhean fheargach, “agus cum thusa do theanga, air-neo gheibh mi bior dearg as an teine a chuireas stad air do bhial.” Thuig an duine nach deanadh bruidhinn ach cron, agus dhfhuirich ena thosd.

Cha do fhreagair Màiri idir na beumanan a chaidh a dhortadh muceann, ach thruis i leatha ann an neapaiginn am beagan imrich a bhaice, chàirich i am pasgan fo h-achlais, thug i taing seachad le deòir airson gach caoimhneas a chaidh a nochdadh dhi aig Baile na Craoibh Ghiubhais, dhaicheidh i achionta a bhathas a cuir as a leth, agus dhiarr i cead beannachd fhagail aig an t-seana charaid. “Faodaidh tu sin,” arsa bean an tuathanaich gu sgaiteach, “agus bhithinn ni bu thoilichte nan dthugadh tu leat an da sheann fheusagach ghlas as mfhianuis gu buileach. Tha e coltach nacheil guth aig abhas air an toirt air falbh fad uine mhoir fhathast.” Chual an t-seann fheadhainn an iorghuill a bhann, agus thoisich iad ri gal. Thug iad a h-uile misneach a burrainn iad do Mhairi, agus thug iad di am beagan airgiod a bhaca. “Falbh,” arsiadsan, “mo leanabh math, gun robh Dia maille riut. Tha beannachd dathair na oighreachd air a storadh suas duit, agus thig i gu feum uaireiginn. Creid sinn, bithidh gach cuis fhathast mar is coir.”

Dhfhalbh Màiri ann an glomanaich na h-oidhche, agus lean i an ceum a bhadol troimhn choille. Bha toil aice uaigh a h-athar fhaicinn aon uair eile. ’Nuair a chuibhtich i achoille, bha na soluis laistes a bhaile bheag, agusnuair a rainig i an eaglais cha mhor nach robh an oidhche dhubh ann. Ach cha robh eagal sam bith oirrebhi siubhal feadh nan uaighean mun àm ud. Ghabh i direach gu uaigh a h-athar agus shil a suilean gu frasach.

Bha aghealach a soillseachadh troimh dhuilleach thiugh nan craobh, agus a soillseachadh le solus ciuin air na ròsan a bhair an uaigh agus air a bhascaid bhig a bha fhathast far an dfhag i i. Bha gaoth an anamoich ag osnaich gu ciuin air feadh nan craobh agus aleigeil duilleagus flùran, an suds an so, air an uaigh. Bha gach ni eile na thosdcho tosdach ris an uaigh fhein.

“ ’Athair ghaolaich, ghradhaich,” arsa Màiri, “nam bu bheò sibhs gun rachadh aig ur Màiri bhochd air a càs innse dhuibh! Achs fhearr mar a tha, agus tha mitoirt taing do Dhia nacheil sibh an lathair gus an trioblaid ma dheireadh fhaicinn! Tha sibh a nisaig fois, agus cha chuir bron curam oirbh tuilleadh! O, nach mise bha comhla ruibh! Ann an cursa mo bheatha thrioblaideach, ’s i so an trioblaid as motha fhathast! Roimhe, ’nuair a bha aghealach a dealradh troimh uinneagan iaruinn mo phriosain, bha sibhse, ’athair ro ghradhaich, maireann, ach a nise tha isoillseachadh air ur n-uaigh! Roimhe, ’nuair a bha mi air mo shlaodadh om dhachaidh ghaolaich, bha sibhse fhathast agam mar fhear dions mar charaide! Ach a nise chaneil duinagam ris an seall mi suas; bochd, treigte, fo amharus, ’am choigreach an dùthaich chein, tha min am aonarsan t-saoghal, gun dachaidh ris an till mi. An uine bhig feumaidh mi an aon spot den t-saoghal as fhearr leam fhagail. An uine bhig theid an aon cho-fhurtachd a thagam, bhi gal aig ur n-uaigh, a thoirt bhuam.” As deigh nam briathran so bhruchd i a mach le deoir.

Thuit i sios an rithist air a gluinean agus ghlaodh imach, “Ar n-Athair tha air nèamh, seall a nuas as na flaitheas as airde air a nighinn bhochd, aonaranaich so, tha gal aig uaigh a h-athar, agus gabh truas rithe! ’Nuair is motha an trioblaids ann is faisge do chobhair-sa. Chan urrainn mo bhròn a dhol nis motha, agus tha mo chridhe gu bristeadh. O, dearbh dhomh nach eil do lamh air a giorrachadh; nochd do mhathas dhomhsa, na treig michionn chaneil a h-aon ann ris an tionndaidh mi ach Thusa. Thoir leat mi ad ionnsaidh far am bheil mathair beannaichte, air neo cuir a nuas beagan de cho-fhurtachd do mchridhe briste! Na flùrain bheagatha spliutadh sios fo theas grian a mheadhoin-latha, bheir thu orra eirigh suas a rithist fo fhionnaireachd na h-oidhche gheal ghealaiche, agus theid an ùrachadh le dealtioc-shlaintaich! Gabh truas, O gabh truas dhiom!” Shil na deoir gu frasach a rithist. “Ciod a dheireas dhomhsa air an oidhche so fhein,” thuirt i an ceann uine bhig, “agus cait a nisan teid mi? Mo thruaighe! chaneil de mhisnich agam na dhiarras cuid na h-oidhche cho anamoch so. Ma dhinnseas mi dhaibh a choire bha dhomhnuair a thionndaidh iad air falbh mi, ma dhfhaoidte nach leig duinestigh mi.”

Dhamhairc i mun cuairt. Ri taobh ballachladha, lamh ri uaigh a h-athair, bha seann leac chuimhne, comhdaichte le coinnich; ’chionn gun a chosg asgriobhadh a bhoirre agus gun robh i anns an rathad, chaidh a togail agus aite suidhe a dheanamh dhi. “Ni mi suidhe air achloich so, agus cuiridh mi seachad an oidhche faisg air uaigh mathair. Ma dhfhaoidte gur e so an turus mu dheireadh bhios mi gu brath an so, agus faodaidh e bhith nach faic mi an uaigh ghaolach so tuilleadh. ’S a mhaduinn mun eirich aghrian, falbhaidh mi an ainm an taobh a stiuireas a lamh mi.”

(Ri leantuinn.)


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XI.

BLAR SLIABH A CHLAMHAIN.

Dheirich an t-arm Gàelach samhadainn trì uarean roeiridh na gréine (di-sathurn an dara latha thar fhichead de dharra mìos an Fhoghair,) ghluais iad gu mìn mall a chum na h-àraich, gach laoch na bhalbh thost, ach na cinn-feadhnabha toirt dhaibh an òrduigh. Bha dalla-bhrat na h-òidhche dhan cumail fathast á fradharc an airm-dhéirg, agus air don latha bhi tighinn a staigh bha ceò dùmhail dan cleth. Air dhaibh am boglach a ruidhinn, thuirt gillòg dam bainm Rob Mac-Aindrea, (mac fear de thuathanaich machair Loudai, a lean na Gàeil á Dunéideann,) gum baithne dhasan cruadhlach a bha tarsuinn air ionad àraid den bhoglach air am faigheadh an t-àrm a null na bu tearruinnte, nan t-àitair an robh a rùn orra dhol tharais; ’nuair a chualam Prionnsa so dhaontaich en t-àite so a ruidhinn, agus ghluais an t-àrm da ionnsaidh agus Rob Mac-Aindrea air an toiseach adeanamh an iùil. ’Nuair a rainig an t-àrm iomal abhoglaich, ghlaodh trùpairean Iain Chope a bhasan àite so air freiceadan,— “Co tha sin?” Cha tug na Gàeil freagairt sam bith dhaibh, ach thriall iad air an aghaidh, agus cha bfhada gus na thuig na trùpairean co bhaann, agus chuir gach fear dhiu urachair á ghunna gu caismeachd a thoirt don chuid eile den arm gun robh na Gàeil a dlùthachadh orra!

Chaidh an t-arm Gàelach a chuir ann an òrdugh catha mar so: —Siol-Chuinn cheud-chathaich (no Clann-Dòmhnuill) air an laimh dheis, a thaobh reachd a rinn Rob Brus latha Allt-a- Bhonnaich, gum bu le Clann-Dòmhnuill urram na làimhe deise, agus anns gach blàr a thug na Fineachan bhon uair sin, chum na Dòmhnullaich an t-urram gu latha Cath-Gairiach. [Be Siol Leòid a bhair an laimh dheis sabhlàr sin, ge be ciod a choisinn an onair sin daibh cha chuala mi. ] Bha na Cama-Shronaich agus Stiùbhartaich na h-Apunn air an laimh chlì, Réiseamaid Dhiùc Pheairt agus Clann-Ghriogair samheadhon. Bha Diùc Pheairt féin na sheanaileir air an làimh dheis agus Morair Seòras Moireach na sheanaileir air an làimh chlì.

Chaidh achiad chuideachd a chuir anns an òrdugh a dhainmich mi, —sheas an ath chuideachd ma thuaiream leth-cheud slat uapa air an t-Sliabh, —na h-Abhallaich, —Clann-Donnachaidh, —Clann-Iain (no Dòmhnullaich Ghlinne-Comhann) —agus Clann-Lachuinn. Sheas Tearlach féin eadar an chuideachd le geard cheud fear ma thimchioll. Bhan t-arm Gàelach



[75]

[Vol . 9. No. 10. p. 3]

gu léir ma thuaiream 2400 fear. *

Nuair a thainig iad gu math faisg air an arm-dhearg, thug am Prionnsa féin deann beag air aghaidh agus labhair e mar so:— “Leanaibh mi, leanaibh mi, a dhaoinuaisle, agus le beannachaDhé, ni misair an lathan diugh sibhn-ar buidheann shaor agus shona!”

Bhan ghrian mun àm so anochdadh agnùis san ear, agus bhan smùidean ceathaich a teicheadh rofianais bharr lom an raoin gu ard an t-sléibhe; cha robh a niseadar iadsan t-arm-dearg ach iomaire còmhnard asbhuain, ach fathast cha robh e cho soilleirs gum bu léir don armailt a chéile. Cha chluinnte facal no fuaim sam bith a measg nan Gàel ach fathrum na connlaich fo bhonnabh an cas mar bha iad atriall tron as-bhuain. Aig an arm-dhearg chlunnte druman dràstas a rithist, a thaobh gur h-ann le a bhasa stiùradh an àirm.

Nuair a ràining na Gàel uchd-catha thug iad gu léir an cuid bonaid a bharr an cinn, sin thog iad an sùilean ri nèamh agus chuir iad suas ùrnaigh ghearr thosdach. Bha na h-uaislean air thoiseach, agus chum iad an cuid targaidean eadar an aghaidheansnan nàimhdean, agus chrom siad iad-féin beagan ris an talamh, marbha iad a dol air aghaidh a chum teine nan Gall a sheachnadh: bhan cuid targaidean cho leathann as gun dionadh iad na h-uile mìr dheth an colainnean, ach an casan a mhàin. Bhachuid dhiu aig nach robh targaidean a fuireach air cul-thaobh chàich mar dhion. Bha na h-uile cheann-feadhna ann am meadhon a dhaoine féin, agus a chairdean bu dìllse air gach taobh dheth, —gach aon diù ullamh gu dhol eadar es an fhuar-bhuille, nam faiceadh iad i tighinn da ionnsaidh.

Fa-dheoigh, chunnaic an t-arm-dearg na Gàeil tro liath cheò fann na maidne, a bruchadh dan ionnsaidh air mhire chatha agus an dùil ra cumail áionad tharruinn lannloisg iad cùig gunnaichean mòra air feachd na laimhe clìthe, agus chaidh làdach ghunnaichean caola bho ceann gu ceann dhen arm-dhearg ann an aodainn nan Gàel mar bha iad a dlùthachadh ri aghaidh an nàmhaid. Ach cha tug sin airna laoich gun tioma, dhol á àite buille bhualadh,” —Thòisich an casradh, agus biad na Cam-shrònaich a chaidh an toiseach am badaibh nan nàmh, agus cha robh na Dòmhnullaich fad air deireadh. ’Nuair a thàinig iad an imisg dusan slat don arm-dhearg, leag gach fear urchair á ghunna agus thilg e bhuaidh i mar shlacanònaid gun mhath. Air ball bhachlaidheamh ann an deas-lamh gach laoich, targaid air a ghàirdean chlì agus biodag san dórn. Mar so air àrmadh, thuit gach duinair a ghlùn toisgeal agusnuairthainig na deargnaich orralen cuid beigeleidean! ghlac gach fear a rinn air a thargaid agusle aon bhuille dheth na chlaidheamh-mhòrbhan dearganach gun ainail.” Thòisich na Gàeil gu léir air casradh, ’s air beumadh air an t-sheòl so, le biodag, le claidheamh, is le sgiath, agus bu tric a thug aon Ghàel dithis dheth nan nàimhdean còladh ga talamh. Cha do chùm an t-arm-dearg an aghaidh ri cruadal ach ma chùig mionaidean:—

— “Chaidh ruaig orruile, mar bheum tuile, Chaoidh cha burriad tionndadh!”

Nuair a sguab na Gàeil luchd nan canons nam mosg mar so dheth an àraich, thainig réiseamaid each Chorneileir Whitnie ran aodainn, ach cha do loisg na Gàeil ach leth-dusan ùrchair, ’nuair a thug na claghairean gealtach iad féin às. Thainig an sin Corneileir Gàrnaileir thun na faiche le chuid trùpairean féin; ’nuair a chunnacas a tighinn iad, ghlaodh Loch-Iall ris na Cam-Shronaich, mar so— “Thugaibh achiad bhuille do na h-eich ma na srònan agus cha bhi e doirbh an ath thoirt don mharcaich.”

Buail am balach air a charbad,
Each, as balgair, air an t-sroin.”

Ach cha tàinig iad cho faisg air na Cam-Shrònaich is gun do tharr iad sin a dheanamh. ’Nuair chunnaic iad gleòis luchd nam breacan ghlac iad maoim air chor is gun robh iad a saltairt nan saighdearan coisaca fèin fo chasan an cuid each mar bha iad a teicheadh a bharr na h-àraich:—

Na coisichean, ’s na marcaichean
S na bhaca shluagh gu leir,
Dol turraichean air tharraichean
S cha shealladh iad nan deigh! !”

Chaidh an t-àrm-dearg gu léir gu claghaireachd, thilg gach fear a ghunna bhuaidhe, chums gur ann a bfhearr a dhfhaodadh e teicheadh air falbh le bheatha; thuit cuid eil air an glùinean gu diblidh ag iarraidh treòcair. Ghabh aon phrasgan beag de dhaoine Choirneileir Gàrnaileir (an uair theich a chuid trùpairean) orra de dhànadas an aghaidh a chumail ris na Gàeil, ach bu bheag a thar ás diù lem beatha, agus thuit an t-uasal treun sin bu cheann orra sachath. Ged a thuit cha bann gus an dhfhàg e cuid mhath dheth a nàimhdean marbh air gach taobh dheth, ged a bha en droch shlaintagus air ùr eiridh á tinneas.

Bu cho lòm sgrios na Gàeil an t-àrm-dearg rompas nach dfhuair an dara cuideachd a bha ma leth-cheud slat an deigh chàich ach cuirp gun anail agus leóinte nan naimhdean romp air an araich. Tha cuid ag innse nach do mhair an cath ach ceithir mineidean, ged do mharbh na Gàeil barrachd as ceithir cheud fear den àrm-dhearg.

Bha prasgan beag de Chlann-Ghriogair aig nach robh de dhàrmachd ach seann spealan len luirgnean air an dìreadh agus air an sàthadh ann an casan fadinnsinn: bha iad leis na h-airm uabhasach so a sgoltadh chlaignean gu ruige na guailean: a cuir chasan dheth na h-eich as cheann far mhuineal air a chiad sràc. Air uairean eile bha iad a gearradh dhaoine nan earrainn le aon bhuille. Bha luchd nan claidheamhan mar an ceunda a deanamh euchdan anabarrach: bha cinn as casan da sgathadh de dheichs de dhaoine le faobhar a chlaidheimh is le neart ghàirdean! Chuir aon duin’ -uasal Gàelach an gàirdean agus leth taobh a chinn de shaighdear dearg le aon bhuille!!

Nuair a thaisbean na Gàeil am misneach agus an treun ghniomh mar so, bhachuid mhòr dheth na bha còladh riu do mhuinntir machair Alba* cho gealtach agus mòran ni bu lugha stà na na saighdearan dearga féin. ’Nuair a chunnaic tuath Dhiùc Pheairt an cath a tòiseachadh, tha e air aithris le fear a bha lathair gunstad iad ag amharc a bhlàir mar bhaide dhamh.” Bann den réiseamaid leibidich so a bhuineadh Griogairich nan speal! agus an uair a chunnaic iad nach robhcholtas air an nàbaidhean mòran a chosnadh de chliù na teugbhaileach, thearb siad iad féin ás an comunn, agus ruith iad tro fhras pheileirean an airm-dhéirg gus an dràinig iad a chuid eile de Chlann-Ghriogair a bha fo chomannda Mhic-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig, an ceann-cinnidh. Ged nach robh an t-shligh a bha eadar iad as bratach uaine Chlann-Ghrogair ach ghearr, mas do thàr iad a ruidhinn, chaidh diùlanach tapaidh, Calum Mac-Ghriogair, an duin’ -uasal a bha mar cheann orra) mharbhadh an àm dhaibh a bhi dol tharais, agus ged nach robh ni bu lugha na cùig peileirean air dol na cholainn, dheirich e air uilinn agus ghlaodh e! “Seallaibhse so Fhearabh, chan eil mi màrbh fathast, —chì mise mar a deann na h-uill fear agaibh an diugh a dhleasanas!”

Chaidh mar a dhinnis mi roimhe ceithir cheud saighdear coise dheth an arm-dhearg a ghlan mharbhadh, seachd ceud a ghlacadh mar phrìosanaich, agus thàr ceud as trì ficheadsa deich ás. Theich Iain Cope féin agus ceithir-chéud trùpair còladh ris, agus is gann gun leig iad fuarachadh don casan gus an dràinig iad Beruig a tuath air a chrìch Shasunnaich.

Ma leth uair an deigh a bhlàir, fhuair muinntir Dhunéideinn fios cia mar chaidh an latha. Chunnaic iad dusan thrùpairean len cuid each, a marcachd n-an cruinn-leum acuir teinás na clachan a dol suas an t-sràid ard agus aon mharcach de luchd nam breacan dan dion ruagadh le claidheamh lom na dhòrn! ghabh na trupairean so a lethid de ghiorraigs nach do sheall iad as an déigh gus an deach iad a steach air geat a chaisteils gun dhùin iad an dorus! ’Nuair a fhuair am fear tòrachd an geata dùinte roimhe, leis an reachd a ghabh e nach do thàr e breith orra, sparr e achlaidheamh air a cheann anns an chòmhla, agus dhfhàg es an t-sas sin e mar chomharradh air a bhuaidh.

Mharbh Gàel eile nach robh ach ma shia-bliadhna diag a dhaois, tri diag dheth nan nàimhdeanChaidh so innse don Phrionnsa, agus air dha an t-òganach a ghairm da ionnsaidh, labhair e ris mar so:— “Am beil sud a thasag innse dhomh fior, gun do mharbh thusa tri-fir dhiag an air Sliabh a Chlamhain?” “Cha do rinn mi cus sealltain (ars an t-ògan) co dhiù a bha iad marbh no nach robh, ach tha fios agam air a so, co dhiù, gun chuir mi tri-diag diù ri talamh lem chlaidheamh,” “A laochain thapaidh (ars am Prionnsa) ’s e sin a bha bhuam, is math a choisinn thu do phàigheadh-latha agus ma bhios mise fada beò gheibh thu sin.”

Thug Gàel eile deich saighdearan dearga dhionnsaidh a Phrionnsa mar phrìosanaich. Air dha bhi gun ruagadh eadar ghàradh, a bha tacan a null bhon àraich bhuail em fear a bhair deireadh dhiu lechlaidheamh agus leag se ea cantainn, mar bhuail e bhuille.— “Sios le tàrm!” ’nuair a chuala iadsan a bhair thoiseach so thilg iad gu léir bhuapan àrmachd; gun fhuireach ri sealltainn cia lion a bhan tòir orra, agus le daganns an dara làimh, agus claidheamh anns an làimh eile, dhiomain an Gàel na daoine so gach taobh a bàill leis mar gun iomaineadh e baide chaorach roimhe gu crò!

Dheth na Gàeil féin cha do mharbhadh ach deich thar fhichead, (agus bha triùir dhiu sinn-an oifigich,) agus bho thrì gu ceithir fichead fear a leòn. Chaidh na fir leòintdheth gach taobh (se sin eadar muinntir Dheòrsa saPhrionnsa) a ghiùlain gu taigh Chorneileir Ghàrnaileir, nach robh ach uidhe ghearr bhon àraich, agus chitir gus an lathan diugh làraichchean nan gaisgeach sin air an ùrlar dharaich air an robh iadn-an sineadhn-an trusganan fuilteach.

Nuair a chaidh gabhail ma thimchioll na h-aiteam leointesathòisicheadh air glandh na h-àraich, bha na Gàeil a trusadh gach òr as airgead a bha iad a faotainn air na cuirp mharbha. Thug aon diùlanach tapaidh a mhuinntir Bharra an t-uaireadair òir de thrùpair Sasunnach a thug e gu làr le aon bhuille dheth a chlaidheamh agus reic e i ra chompanach-leapair an ath mhadainn air son daga. Thuirt nàbaidh dha a bhanns an làthair gum bamaideach, an cùnradh a rinn e, gum bfhiach an t-uaireadair fichead daga. “Tha mi coma,” ars am Barrach, “is math leam gun dfhuair min rùd mosach dheth mo làimh; bhàsaich in raoir!” Thuirt e so, a chionn an t-uaireadair a bhi air ruith a mach, a thaobh nach deach a cuidhleadh suas air an òidhche mar bu chòir.

(Ri leantuinn.)


*Cha robh aig Iain Cope air an t-Sliabh ach ma thuairean 2100 fear, agus a thaobh nach tug a chuid mhor de reiseamaid Dhiuc Pheairt claidheamh a truaill, bha man aon aireamh air gach taobh.

* ’S iadtha mi ciallachadh an so, na Gall-Albannaich Mhachrach aig nach robh a Ghailig mar chanan.



[76]

[Vol . 9. No. 10. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh Iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, SEPTEMBER 7, 1900.

LITIR A FRAMBOISE.

Is iomadh car a chuir an saoghal dheth bhon a sgriobh mi ugad ma dheireadh, agus gu dearbh is iomadh sgeul ùr a tha teachd leis a h-uile car a chuireas e dheth. Is mor an troimhe-cheile a tha air feadh an t-saoghail an diugh fein, —cogadh an suds an so, tuairsgeul cogaidh an àiteile, gorta an sud, plàigh an so, mort an aon àite, marbhadhsan àitud eile; ach aig a cheart àm tha mi smuaineachadh nach robh riamh roimhe a leithid de dhullachadhs de dheisealachd ga dheanamh ann an innealans ann an innleachd cogaidhsa thatar a deanamh an diugh fein. Nach uamhasach an ni, an dara neach a feuchainn gach seoltachd airson doigh a dheanamh airson a cho-chreutair a sgrios, innealan sgriosach gan dealbh gus a bheil e na ni gairisneach is eagalach cogadh eirigh eadar da rioghachd an diugh. Ach an deigh gach cuis tha sinn a creidsinn gu bheil cogadh iomadh uair feumail agus iomadh uair na mheadhoin an laimh an Fhreasdail airson a rùn fein a thoirt mun cuairt. Ach dhfhaodadh nach biodh an cogadh a thann an Sina cho fuilteach no cho fadalachsa shaolamaid, agus tha iomadh aobhar airson am biodh sin cho math, gu sonruichte mas es gum biodh an cogadh na mheadhoin air an ti a chuir an gainneadsan daoiread air na cailleachan còire againn. Their cuid gur h-e a bhi as aonais na ti an rud cho luathsa dhfhagas ceann caillich goirtsa chuireas bhar a siuil i ri rud sam bith eile. Agus gu dearbh ged tha a chailleach agam fhein cho neo-thuasaideachsa rug riamh air cuigeal, cha rachainn idir an urras, mas es gu fas an ti gann oirre, gum biodh e sàbhailte do Phrionnsa Tuan no do Bhoxer Sineach eile tighinn am faisge fad cas a chlobha dhi. —Ach dhfhaodadh nach fas an ti daor.

Chaneil am feur idir cho math am bliadhnasa bàbhaist, agus chaneil sìde greadhaidh againn ach gle mheadhonach; ach ma bhitheas abuchadh math aig a choirces fhada bho nach robh am barr sin cho math. Chaneil am buntàta idir cho abuichsa bàbhaist dha bhi mun àm so, ach mur a tig searg ann tha ùine abuichidh roimhe fhathast.

Aon uair eile tha fathunn a dol mun cuairt gu bheil rathad-iaruinn eadar Cansous Louisburg ri bhi air a thogail gun dàil. Tha cuideachd á New York air a ghabhail os laimh air an turus so, agusse barail dhaoine gun teid a thogail leo so cinnteach ga leoir. Chaneil teagamh nach dean e feum don duthaich mun cuairt, agus nach fosgail e suas obraichean air feadh an àite gu leir.

Rinneadh gle mhath air iasgach nan giomach air an t-samhradh so. Bhan t-sìde anabarrach ciuin, briagha, agus pris mhath ga fhaotainn. Ach cha drinneadh a bheag de dhiasgaich truisg no sgadain. Ach mar is trices ann anns an fhoghar is fhearrs as pailte bhios an trosg ri fhaotainn, agus ma gheibhear sìde fhabharrach nithear iasgach math fhathast. Ach tha pris an truisg gu math nis isle na bha en uiridh.

CEANN LIATH.
Ogust, 1900.


Fhuair sinn paipearan á Halifacs anns am bheil mion chunntas air a thoirt seachad air na tha ri bhi air fhaicinn aig an Exhibition a tha gu bhi ann air an t-seachdain sa tighinn. Tha riaghladh Nobha Scotia gach bliadhnacosg àireamh mhiltean dolair ris an exhibition sin, agus tha e air a chumail, mas fhior, air son math nan tuathanachs nan iasgairean. Tha e duilich a thuigsinn ciod a bhuntain a thaig moran de na chithear aig na h-exhibitionssna bliadhnaichean so ri math nan daoine sin, luchd cumail suas ar dùthcha. Creididh sinn gur mor is fheairde tuathanach a dhol a dhfhaicinn gach seòrsa toraidh a than talamh a guilan, gach ainmhidh bhriagha tha air an togailsan dùthaich, agus gach inneal ùr innleachdach a tha air a deanamh air son saothair an duine dheanamh nas toraiche agus obair a dheanamh nas aotruime. Credidh sinn sin, ach cha chreid sinn gun dean e mor fheum do thuathanach, do iasgair, no do neach sam bith eile dhol a dhfhaicinn fhirionnach us bhoirionnach adol an cunnart am beathacur charan dhiubh féin air àitean ardasa leum troimh chearcaill sgeineans troimh lasraichean teine. ’Se ar barail gum buin nithean dhen t-seòrsa sin don t-circus, agus gur còir am fàgail an sin. Mase circus a tha dhith oirnn ann a Halifacs,deanamaid sin dheth,ach sguireamaid dhe bhi tarruinn airgeid á ionmhas na dùthcha air son exhibition nach eil airidh air an ainm.


F . H. REYNOLDS,
ARD CHEANNAICH’ -AODAICHEAN.
South Charlotte St. , - - - Sidni.

Tha stoc de dhaodaichean Fhirionnach againn nas motha na tha aig ceannaiche sam bith eile than Sidni. Tha sinngan ceannachnan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta.

Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5 .00.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Sanas do Chinn
Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Arineis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[77]

[Vol . 9. No. 10. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Cha drainig amFloridaSidni air an t seachdain so gu Di-màirt, a chionn gu robh aice ri taghal ann a Halifacs an àiten t-soithich a bha ruith don phort sin, dan do thachair sgiorradh a chumas i gun ruith fad dha no tri sheachduinean.

Chaidh aois choig bliadhndeug de nighinn a mharbhadh ann a Philadelphia, Pa., an oidhche roimhe le brick a chaidh a thilgeadh oirre. Bha i aig an àm ann an riochdbòchdainafeuchainn ri eagal a chur air grunnan de dhfheadhain dhubha bhanan seasamh faisg air tigh a h-athar.

Tha riaghladh nan Stàidean air abhliadhna so ag àireamh an t-sluaigh. Cho fadsa chaidh na cunntais a chur ri cheile tha iad a nochdadh gu bheil anns an dùthaich gu h-iomlan mu thri fichead us coig milleanan deuga. Tha so mu thri milleanan goirid air an àireamh a bhatar asmaoineachadh a bha anns an dùthaich.

Tha da cheud duine dubh ann an New York, a thag radh gur iochdarain do Bhreatunn iad, an deigh tagradh a chur dhionnsuidh an riaghlaidh Bhreatunnaich air son an dions ceartas fhaicinn aca ann an tir nan Geaneach. Chan eil teagamh sam bith nach dean Breatunn cùram a ghabhail dhiubh, oirse uaill na dùthcha sin nach fuiling i droch ceartas a bhi air a thoirt da h-iochdarain cia be dùthaich no cearna dhen t saoghalsam bi iad.

Tha eagal air muinntir Newfoundland gum bi gainne mhor ghuail orra air agheamhradh so. Chan eil meinnean guail aca fhéin as am faighear abheag sam bith, agus chan eil e ri fhaotainn am bliadhna anns na h-àiteachansam bàbhaist dhaibh a bhiga cheannach. Tha na ghabhas cur os cionn talmhainn ann an Ceap Breatunn romh dheireadh na bliadhna air a chreic, gu ire bhig, cheana.

Aig coinneamh nan conservatives Dior-daoin sa chaidh, bha Sir Tearlach Tupper us Eachunn F. Dùghlach air an sònrachadh gu ruith air son na h-àrd phàrlamaid. Oidhche Dior-daoin, labhair Sir Tearlach anns an rink. Bha àireamh mhor sluaighga éisdeachd, agus thug e faisg air da uair de thim a liubhairt na h-òraid. Tha e uaithe sin acur cuairt air bailtean Nobha Scotias Eilean aPhrionnsa.

Tha e air tighnn am folais, le litrichean a fhuaireadh an tigh an riaghlaidh am Pretoria, an deigh am baileghlacadh, gu robh dithis no triùir de bhuill pàrlamaid Bhreatunn atoirt misnich do Chrugars do na Boerich mun do thòisich an cogadh. Am measg chàch, bha an Dotair Cleireach, a tha suidhe air son siorramachd Chataoibh, agus a reir coltais be aon cho donasa bhann dhiubh. Tha an duin’ -uasal sin a nisega fhaotainn fhéin ann an suidheachadh nach eil fior thoilichte. Tha na paipearans an sluagh air tionndadhna aghaidh, agus an la roimhe bha e air a chur an cunnart le àireamh de mhuinntir a shiorrachd fhéin. Mur be gun do sheas caraid dhaga dhion le dagana làimh bha iad air droch dhiol a dheanamh air.

Tha an riaghladh a cur air chois ann an Eilean aPhrionnsa, tri àiteachan air son ramhrachadh chearc, an Charlottetown, Mount Stewart, ’s an Alberton. Bidh na h-eòin, afàgail nan àiteachan sin, deiseil air son an cur gu margadh, agus gheibhear pris mhath orra.

Tha fear Niall Mac Aidh, a bha fuireach ann am Caledonia Mines, air chall o Dhi satharna sa chaidh. Thatar a siubhal an àitesa feuchainn na h-acarsaid air a shon, ach gu ruige so cha dfhuaireadh beò no marbh e. Bha e mu leth-cheud blìadhna dhaois, agus dhfhàg e bean us teaghlach. Bhuineadh e do French Vale, ach bha e o chionn treis a dhuine ann an Caledonia, ag obairsa mhèinn.

Tha cuideachd iaruinn Nobha Scotia an deigh aMheinn a Tuath a cheannach. Phaigh iad millean gu leth dolair oirre. Tha dòchas aig muinntir Sidni Tuath gu bheil achuideachd adol a chur air chois obraichean iaruinn anns a bhaile sin a bhios cho mor ris na h-obraichean a tha dol air chois an Sidni. Ma nithear sin bidh soirbheachadh da-rireadh ann an Ceap Breatunn.

Ma gheibh thu cuibhrig is paipear litreach anns an àireamh so dhen MHAC-TALLA, na dean dearmad air an cur gu feum gun dàil. Tha sinn fior fheumach sir an airgead; tha cosgais mhor ann a bhicur am mach aphaipeir, agus feumaidh gach aon a thaga ghabhail a phàigheadh, air neo cha soirbhich leinn. Ma phàigh thu fhéin cheana, feuch ri fear-gabhail ùr fhaighinn, agus cuir an cuibhrigsam paipear gu feum acur air adhart aa dolar.

Chaidh fearr Iain Powers, a mhuinntir Newfoundland, a bhàthadh aig Aiseag Mhira, maduinn Di-ciaduin. Bha e ag obair air litheadh na drochaid, agus thuit e an comhair a chùil dhan uisge, agus ghiulan an sruth air falbh e. Bha daoineileg obair comhla ris ach cha burrainn daibh cuideachadh sam bith a dheanamh leis. Fhuaireadh a chorp beagan romh mheadon-latha. ’S e so an seachdamh fear a mhuinntir Newfoundland a chaill a bheatha ann an Ceap Breatunn o chionn beagan us mios. Chaidh fear eile, Uilleam Marshall, a mharbhadh ann am meinn an Dominion Di-haoine sa chaidh.

Than t-Exhibition bliadhnail ri bhi air fhosgladh ann aHalifacs Di-ciaduin sa tighinn, agus bidh e fosgailte gus an fhicheadamh latha dhen mhios. Tha seachd mile deug dolair ri bhi air a thoirt seachad mar dhuaisean do thuathanaichs do luchd-ceairde na dùthcha. Tha air an turus so duais ri bhi air a toirt seachad air son deanamh ime. Gheibh gach neach a dhfheuchas tomhas de dhuachdar, a dhfheumas e (no i) a mhaistreadh, a shaileadhsa dheanamh deiseil gu chur am feum am fianuis an t-sluaigh, agus an neach a bheir a bhuil as fhearr as an uachdars is luaithe bhios ullamhse gheibh an duais. Tha duais dhen t-seòrsa cheudna ri bhi air a thoirt air son deanamh lin. Tha sinn acreidsinn gur math is fhiach an da chuid am faicinn.


$7 .00 A Phris air am bheil sinn acreic deise mhathD. B.” de Chloth cloimhe.

Ma tha deisur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach tairgeid fhaighinn, chan eil aites an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a thagainn.

30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDSa babhaist a bhi $3 .00, a nise $1 .95

25 paidhir de BHROGAN OBRACH a babhaist a bhi $1 .50, a nise $1 .32

100 paidhir de THRIUBHSAIREAN mathaTIVERAa thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1 .25, a falbh air 79c.

Gheibh thu tairgead air ais mur bi thu riaraichte.

H . H. Sutherland & Co.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN,

AIR an t-seachdain so afosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho mathsa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhen t-seòrsas fhearr.

Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dhfhaicinn sampuill dhe ar n-obair.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[78]

[Vol . 9. No. 10. p. 6]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

Beder, Prionnsa Phersia.

CAIB. II.

A dhaindeoin cho soilleirs gun robh righ Phersia anochdadh a chaoimhneis agus a ghraidh don bhoirionnach og, mhaiseach a cheannaich e, cha tigeadh facal as a ceann, agus cha togadh i a suilean bhar an lair. Bha so acur ioghnaidh gle mhor air; ach mur an robh an tlachd a ghabh e dhith adol na bu mho, cha robh edol dad na bu lugha. Chuir e roimhe gum biodh e cho ciuins cho caoimhneil agus cho tlachdmhor rithes a rachadh aigair, ann an dochas gun tigeadh i ri uine gu bhith cho saorsnails cho comhraiteach riss bu mhiann leis. Bhuail e a dha bhois ri cheile, agus gun dail thainig na mnathan a bhiodh afrithealadh a steach don t-seomar. Dhordaich e dhaibh an t-suipear a chur air abhord. Thuirt e rithe-se, “Thig a nall a ghaoil mo chridhe agus gabhamaid ar suipear.”

Dheirich i air a socair, agus shuidh i ma choinneamh aig abhord. Thug e dhi am biadh mun do bhlais e fhein air. Gabh i na thainig rithe dhen bhiadh cho toileach ris an righ fhein; ach cha do sheall i air, agus cha mho a thuirt i aon fhacal ris. Dhfheoraich e uair is uair dhith an robh am biadh acordadh rithe, agus an robh e air a dheasachadh a reir a miann, ach cha do leig i oirre gun cuali facal dhe na labhair e.

Gus atharrachadh a thoirt air achomhradh, dhfheoraich e dhith co dhainm a bhoirre, cia mar a bhan seomar agus an t-innsreadh agus an sealladh a bha on uinneig acordadh rithe? Ach cha dthug i uiread is freagairt air. Cha robh an righ atuigsinn idir car son nach robh ig a fhreagairt.

Bha esmaointean an toiseach gur e balbhan a bhinnte. Ach thuirt e ris fhein, “Am bheil e comasach gum biodh creutair air an do bhuilich an Cruithfhear a leithid de mhaise agus de thlachd agus de bhuadhan nadair eile, neo-chomasach air bruidhinn a dheanamh? Mas e balbhan a thinnte, bidh acheart uiread de ghaol agamsa oirres ged a bhiodh i comasach air bruidhinn a dheanamh.”

An uair a dheirich an righ on bhord, nigh e a lamhan air an taobh air an robh e dhen bhord, agus nigh ise a lamhan air an taobh air an robh i fhein. Dhfheoraich e dhe na mnathan a bhacumail na meise agus an t-searbhadair ris, an cualiad riamh abruidhinn i. Thuirt te dhiubh ris, “Mo thighearna, cha chuala sinne facal as a ceann riamh fhathast nas mo na sibh fein. Bha sinnga faragadh, acireadh a cinn, acur uimpe a cuid aodaich, agus afrithealadh dhi anns an t-seomar, ach cha dfhosgail i a bilean ruinn riamh fathast. Cha daithnich sinn riamh oirre co dhiubh a bha i riaraichte le ar frithealadh no nach robh. Dhfheoraich sinn iomadh uair dhi, an robh rud sam bith a dhith oirre, agus am bu mhath leatha ordugh sam bith a thoirt dhuinn, ach dhfhairtlich oirnn aon fhacal a thoirt as a ceann. Chan urrainn duinn a radh co dhiubh is ann le uamhar, no le bron, no le cion amhothachaidh a tha ifuireach samhach. Sin na bheil againn ri innseadh dhuibh ma deidhinn.”

Chuir so moran a bharrachd ioghnaidh air an righ. Ach air a shon sin, on a bha ecreidsinn gum faodadh gur ann le bron a bha ifuireach samhach, chuir e roimhe gun tugadh e dhi a h-uile toileachadh a burrainn e. Air an aobhar sin thug e fa near cuirm mhor a dheanamh, agus fhuair uile mhnathan uaisle na cuitreach cuireadh thun na cuirme. Bha cuid dhiubh acluich air innealan ciuil, agus cuid adannsa, no agabhail oran. Thug iad greis air a h-uile seorsa cur seachad uine a bha freagarrach agus iomchuidh air son an leithidean. Ach bise an aon neach nach robh anochdadh gun robh toileachadh no tlachd aice ann an ni no ann an neach sam bith a bhan taobh a staigh dhen dorus. Cha do ghluais i as an aites an robh ina suidhe, agus cha do thog i a suil bhar an lair fad na h-uine. Chuir an doigh a bhaice a cheart uiread a dhioghnadh air na mnathan uaisles a chuir i air an righ fhein. An uair a sgaoil an cruinneachadh, agus a chaidh gach te da seomar fhein, chaidh an righ agus am boirionnach og maiseach a laidhe don aon seomar.

An uair a dheirich an righs amhadainn, bha e na bu toilichte na bha e fad uine mhor roimhe sid, agus bha barrachd meas aige air abhoirionnach og na bha aige roimhe. Shuidich ena inntinn an lathud fhein nach biodh bean aige ach i fhein. Thug e airgiod is seudan gu leor do na mnathan a bha aige roimhe, agus thug e dhaibh cead a bhith falbh, agus posadh ri fear sam bith a thogradh iad. Chum e na seana mhnathan gus a bhithfrithealadh don mhnaoi oig.

Bha iad bliadhna posda mun dubhairt i aon fhacal ris; ach air a shon sin bha esan anochdadh a chaoimhneis agus a ghraidh dhi cho maths ged a bhiodh ina boirionnach cho comhraiteachs a burrainn a bhith.

An deigh dhaibh a bhith bliadhna posda, bha an righ air latharaidhna shuidhe ritaobh, agus e leigeadh ris dhi gun robh e cho gaolach oirres a bha e riamh. Thuirt e, “Mo bhanrigh, chan urrainn mi do smaointeanan a thuigsinn. Ach air mfhacal tha mi cho sonas a than latha cho fad riamh on a fhuair mi greim ort. Ged a tha mo rioghachd mor agus luachmhornam shealladh, tha miga meas mar neoni an coimeas ri bhithg ad fhaicinn-sa, agus a bhithg innseadh dhut gun fhois gum bheil tlachd anabarrach mor agam dhiot. Chan ann le briathran a mhain bu mhiann leam a leigeadh ris dhut gum bheil tlachd ro mhor agam dhiot. Is cinnteach nacheil a nis teagamh sam bith agad anns achuis an deigh dhomh moran mhnathan a chur air falbh as an luchairt a chionn gum bu tusa bu docha leam na iad uile. Tha cuimhne agad gum bheil a nis bliadhna on a chuir mi air falbh iad; agus chaneil dad a dhaithreachas orm an diugh nas mo na bhorm an lathachuir mi air falbh iad; agus cha bhi gu brath. Bhiodh maoibhneas coimhlionta nan labhradh tu aon fhacal rium leis an leigeadh tu ris dhomh gum bheil thu fo chomain dhomh. Ach cia mar a bhruidhneas tu rium ma tha thu balbh? Agus, mo thruaighe! tha eagal mor orm gur ann mar sinn a tha. Cia mar is urrainn mi teagamh a chur ann, on a tha thu fhathast acur cradh air mo cridhe, an deigh dhomh a bhith fad bliadhnaguidhe ort labhairt rium? Ma tha e neo-chomasach gum faigh mi an toileachadh sin, gun deonaicheadh Dia dhomh gum faigh mi mac uat a bhios ariaghladh na rioghachd an deigh mo bhais. Tha mig am fhaireachadh fhein afas sean a h-uile latha, agus tha mi mar tha afaireachadh gum bheil feum agam air aon a chuidicheas mi gus uallach na rioghachd a ghiulan. Gidheadh feumaidh mi aideachadh gum bheil deigh mhor agam air thusa chluinntinn abruidhinn; oir tha ni eiginn an taobh a staigh dhiom a thatoirt orm a chreidsinn gun teid agad air bruidhinn a dheanamh. Agus tha miguidhe ort, mo bhean ghaoil, gun labhair thu aon fhacal rium; agusna dheigh sin tha mi coma ged a gheibhinn an grad bhas.”

Ged a bha i do ghnath ag eisdeachd ris an righ agus a suil air an lar, agus ged a thug i h-uile aobhar dha air a bhith creidsinn nach be mhain gun robh i balbh, ach mar an ceudna nach drinn i gaire riamh, thainig fiamh gaire air a gnuis an uair a chuali mar a labhair e. Thug an righ an aire dhi, agus ghlaodh emach le aoibhneas mor. Cha robh teagamh aige tuilleadh nach robh idol a bhruidhinn ris, agus bha e miannachadh gu laidir gun grad bhruidhneadh i ris.

Mu dheireadh labhair i ris mar so: “Mo thighearna, tha leithid agam ri innseadh dor morachds nacheil fhios caite an toisich mi. Ach anns acheud aite tha e mar fhiachan orm moran tainig a thoirt dhuibhse air son a liuthad fabhar agus urram a chunnaic sibh iomchuidh a bhuileachadh orm, agus a ghuidhe gun deonaicheadh Dia bhur beannachadh, agus soirbheachadh mor a thoirt dhuibh anns gach doigh; agus casg a chur air gach droch run a thaig bhur naimhdean dhuibh; agus gun leigeadh dhuibh am bas fhaotainn an deigh dhuibh misechluinntinn abruidhinn; ach bhur laithean a shineadh gu mor. A nis, feumaidh mi innseadh dhuibh, mo thighearna, gum bheil mi leithtromach; agus tha mi creidsinn gun toir so toileachadh mor dhuibh. Agus tha min dochas gur e mac a bhios ann. Mur tachradh dhomh a bhith anns an t-suidheachadh so, bha mi lan shuidhichte nach tugainn gradh dhuibh am feasd, agus nach mo a theirinn aon fhacal ribh ri mo bheo. Ach a nis tha uiread de ghradh agam dhuibhs bu choir dhomh.”

Bha aoibhneas do-labhairt air an righ, araon a chionn gun do bhruidhinn i ris, agus gun dinnis i dha mu


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[79]

[Vol . 9. No. 10. p. 7]

n t-suidheachadh anns an robh i. Agus an deigh dha a glacadhna lamhan, agus a cniodhachadh gu caomhail, thuirt e rithe, “A ruin mo chridhe, chaneil e comasach gum faighinn aobhar gairdeachais as mo na do bhriathran taitneach a chluinntinn ag innseadh dhomh mun t-suidheachadh anns an bheil thu, agus gun duil agam ris. Tha mi an impis a dhol as mo chiall leis an aoibhneas a thorm.”

Cha dubhairt an righ an corr rithe aig an am. Ghrad chaidh e mach as an t-seomar; ach thuig i nach biodh e fada gun tilleadh. On a bha toil aige gum biodh an t-aobhar gairdeachais a bhaige air a dheanamh follaiseach, dhinnis e mar a bha do na h-oifigich, agus chuir e fios air an ard-chomhairleach. An uair a thainig an t-ard-chomhairleach, dhordaich an righ dha mile bonn oir a thoirt do na daoine bochda a bhag aideachadh na diadhachd, agus uiread eile a thoirt do na taighean-eiridean, agus do na diolacha-deirce a bha anns abhaile, mar chomharradh air a thaingealachd do Dhia air son a mhaitheis agus a chaoimhneis dha. Gun dail sam bith rinn an t-ard-chomhairleach mar a dhaithin an righ dha.

Thill an righ air ais far an robh abhan-righ, agus thuirt e rithe, “A bhaintighearna, tha mig iarraidh mathanais air son falbh am mach cho cabhagach: ach is ann agad fhein a bha choire. Tha min dochas gun dean thu nis greis mhath chomhraidh rium mu thimchioll nithean air am bu mhath leam fiosrachadh fhaighinn. Innis dhomh, a ruin mo chridhe, ciod e an t-aobhar mor a bhagad air fuireachna do thosd fad bliadhna iomlan ged a bha mise a h-uile latha bruidhinn riut, ag itheadhs ag ol maille riut, agus acur seachad na h-earrann bu mho dhen lathas dhen oidhchena do chuideachd? Gun ghuth a thoirt air mar a bha thuna do thosd, chaneil mi tuigsinn idir cia mar a chaidh agad air mise a chumail ann an ain-fhios air co dhiubh a bha no nach robh thu riaraichte leis na comharran lionmhor a bha mi toirt seachad air meud aghraidh a bhagam dhut. Air an aobhar sin, feumadh gun robh aobhar ro shonraichte agad air a shon

(Ri leantuinn.)


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


MerchantsBank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies


S mor àireamh na muinntir sin dam bu chòir a bhicuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil gadheanamh sin.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAIN DI-CIADUINS DI-HAOINEA Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.

DI-MAIRT DIOR-DAOINS DI-SATHARNAA Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.



[80]

[Vol . 9. No. 10. p. 8]

ORAN.

(DO SHIR DOMHNALL SHLEITE.)

Tha tasgaidh bhuam an diomhaireachd
Bho chionn an fheadh so bhliadhnachan;
Chan airgiod glas, ’s chan iarann e,
Ach ridire glic riasanta,
Le meas is misnich iarlachan;
Bhon fhuair minis le iarraidh i,
Gun riaraichinn Sir Domhnall.

Mo bhile maiseach tarbhach thu,
Mo chleasan snuadh-ghlan dealbhach thu,
Mo ghibht ro phriseil, ainmeil thu.
Bhon chuimhnich mi air seanachas ort,
Bin di-chuimhnmur a h-ainmichtthu;
S nan leiginn bhuam le dearmad thu,
Gu dearbh cha bi a chòir e.

Is craobh den abhull phrìseil thu;
Den mheas bu bhlasda brioghalachd;
Bu dosrach an am cinntinn i
S a chioll nach robh an crionach innt’,
Nam burrainnlorg do shinnsre mi,
Gun robh mi dhaibh cho dichiollach
S gun innsinn umpna beol domh.

Bhiodh sliochd Iain mhoir Mhic Cathain leat,
Is an dream rioghail Leathanach,
Bha uasal, uallach, aighearach,
S bu chruadalach ri labhairt orr’,
Is fir Chinntires Latharna,
Gur mairg luchd beurla bhrathadh tu,
S na maithean sin an tòir ort.

A Eirinn uaine dhéireadh leat
Iarl Antruim nan each eutroma,
Leghaisgich chalma, gheur-lannach;
Gur h-iomadh aon a dheireadh leat,
Cha baithne dhomh co dheuradh thu;
Nam bitheadh foirm air tfheumalachd,
Gun eireadh iad gu dchòmhnadh.

Siol Chuinn, is Airt, is Chormaic leat,
Is Cholla chis-mhoir arraiceasaich,
Bha sluaghmhor, duais-mhor, armailteach,
Bu chrudalach is fearg orra,
Ri tarruinn suas gu fear-bhuilleach,
Ri luingeas luatha, gheal-bhreideach,
Air fairge leo a seoladh.

Mac-Fhionghains fir an t-Sratha leat,
Mac-Neill is fir sin Ra-arsair,
Nach diultadh air thus catha leat,
A chuireadh ruaig gun fhathamas,
S a leanadh toir gun athadh orr’;
Nan doirteadh crùn no cliadheabh dhiot
Gun rachadh iad gadchòmhnadh.

Mac Iains Moirear Tairbeirt leat,
Fir bhealaichean Bhraid-Alba leat;
Bu lionmhor curaidh calma leat
Dol sios an tùs na h-armailte.
Bu bhuilleach, guineach, marbhteach iad;
Gun eireadh fir nan Garbh-chrioch leat,
S na Camaranaich bho Lochaidh.

Gun éireadh air a chùl sin leat,
A thaobh do mhathar chùramaich,
Gun eireadh leat na Dùghlasaich,
Le fichead mile diulannach;
Cha tilleadh luaidhneo fùdar iad;
Gu bheil iad dhuit cho dùrachach
S nach diultadh iad tighn còmhl’ -riut.

Cha chadal ach bhithm dhùsgadh dhomh,
Gur leat an Caiptin Muideartach,
S na dheireadh leis de dhfhiuranaibh,
Fo dbhrataichean gu dùthchasach;
Bhithm baitealan cha diultadh e,
S a réir mo bheachd bhiodh biuthas
Air a chùis mum biodh sibh deonach.

Gun cuala mi aig seanachaidhean,
Gun drinneadh cùis a dhearbhadh
For n-iarlachan treun, armailteach.
S an am sin cha bu chearbach sibh,
Bu chliuiteach sibh is bainmeil sibh;
Bha tuilleadh is leth Alba leibh,
Gashealbhachadh le còir air.

A righ gum meal thun staoil agad,
S gach fearann a than oighreachd dhuit,
An seann Duntuilm bu mheadhraiche
Bhiodh coinnlean céir an lainntearan,
S bhiodh fion bu bhlasda caoimhnealachd
Am piosan dathte, faidhreachail,
S taigh mhaiseach, aoidheil, cheol-mhor.

Sa chùirt bu lionmhor soillsearan,
Farm faighteadh gniomh nam maighdeannan
Air brataibh sioda fraoidhneasach,
S an gùintean sios air stàidhrichibh,
S an tùr ro chliuiteach, aoidheil ud,
Gun dugteadh comhnadhs aoidheachd
Do luchd ainneart thig air fògradh.

Buan-phailt gum biodh an saoghal so
Don dalt a rinn mo dhaoine dhomh,
S a chinn air snas an ionracais,
Bu mhisneachail an caonnaig thu,
Bu mheasail thu mar ghlaoidhteadh riut,
Gun bheud, gun mheath gun mhaolachadh;
S in aon tethog an tòs sinn.

Gun deanadh Criosd deagh rathad dhuit,
S a shiochaint a bhi maille riut,
S tun t-siol bha rioghail, flathasach;
Bu riomhach am mac athar thu,
Bu chliu gach cùis bhan ceangal riut;
Is air a mheuds gam faigheadh tu,
Gun caitheadh tu gu mòrail.


Gabhar leisgeul achòcaire air son mearachdan eile ma bheir i dhuinn deagh chupa ti. Le Union Blend Tea theid aice air sin a dheanamh uair sam bith.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 10
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 10. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page