[Vol . 9. No. 11. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 14, 1900. No. 11.
A’ BHASCAID BHEAG FHLURS.
O’n Bheurla.
CAIB. XV.
THAINIG COBHAIR BHO NEAMH.
Shuidh Màiri sios air a’ chloich aig taobh a’ bhalla, ann an dubhar nan craobhan arda giubhais, agus shuadh i a sùilean le ’neapaigin, a bha nise fliuch leis na deoir. Bha a cridhe air a mhuchadh le bron, agus cha ghabh e innseadh cho durachdach ’s cho dealasach ’sa bha i ’g urnaigh.
“O, mo Dhia,” thuirt i, le guth bronach, “nach ’eil aingeal agad a sheallas domh an rathad ’s an coir dhomh triall?”
Anns a’ cheart àm sin chual’ i guth boidheach ag radhainn a h-ainm: “ ’Mhairi, ’Mhairi!” Sheall i suas le geilt ’s le ioghnadh; chunnaic i aghaidh bhoidheach, shoilleir, coltach ri aingeal, suilean bha lasadh le caoimhneas, gruaidhean daithte mar bhlath ubhail, ceann ’us guailnean air an leth-fhalach fo dhualan de dh’ fhalt or-bhuidhe, an com air a chomhdach ’an deise cho geal ris an t-sneachda—bha an samhla soilleir, comharraichte so na sheasamh ma coinneamh an solus na gealaiche. Chrith Màiri, thuit i sios air a gluinean, agus ghlaodh i a mach: “O, mo Dhia, gu de tha mi ’faicinn! An d’ thainig aingeal as nam flaitheas ’gam chuideachadh!”
“A Mhàiri ghaolaich!” fhreagair an samhla, “cha ’n aingeal mise; cha ’n ’eil annam ach creutair talmhaidh mar tha thu fhein, gidheadh tha mi tighinn ’thoirt cuideachaidh dhuit. Dh’ eisd Dia ri d’ urnaigh. Coimhead gu math orm feuch an aithnich thu mi.”
“Dia bhos mo chionn!” ghlaodh Màiri; “O, ’si, ’si a th’ ann, a Bhan-Iarl’ Amelia! Ciamar a thainig sibhse, a bhaintighearn’ urramaich, ’san àite eagallach so an àm so de ’n oidhche, cho fada bho ’ur dachaidh?”
Thog a Bhan-iarla gu socrach o’n lar i, ghlac i i ’na lamhan, phòg i air falbh a deoir, agus thubhairt i, “A ghaoil, a ghaoil, a Mhàiri! Rinn sinne gle chearr ortsa! Is dona ’chaidh an toileachadh a thug thu dhomhsa, uair ’gan robh an saoghal, leis a bhascaid so, a phaigheadh. Ach thainig do neo-chiontas, ma dheireadh, an uachdar. O, saol an urrainn thu mathanas a thoirt duinn? mathanas a thoirt do m’ pharantan ’us dhomhsa? Ni sinn an call suas cho math ’sa ’s urrainn duinn. Thoir mathanas duinn, a Mhàiri a ghraidh!”
“Na bi labhairt ’san doigh sin, a bhaintighearn’ urramaich,” fhreagair Màiri, ’s na deoir a ruith o sùilean. Bhuin sibh gle chairdeil rium, an lorg na mearachd bhochd a chaidh a dheanamh. Cha do smaointich mise riamh air gamhlas a bhi agam ruibh; bha mi a ghnath a smaointinn le gradh ’s le taingealachd air cho math ’sa bha sibh dhomh. Is e bha ’ga mo ruigheachd gu m’ chridhe gu ’n robh sibhse, a bhaintighearna ghradhaich, agus ’ur parantan fiachail a smaointean nach robh annam-sa ach creutair suarach, aingidh. Is e bha mi miannachadh, os cionn a h-uile rud, gu ’n tuigeadh sibhse gun robh mi neo-chiontach, agus dheonaich Dia am fabhar sin a dheanamh rium. Moladh d’a ainm!”
Rinn a Bhan-Iarla greim daingeann air Màiri fad uine, agus bha a deoir a sileadh gu dluth. Leig i ’suil an sin air an uaigh aig a casan, chuir i a lamhan an glacaibh a cheile gu daingeann, agus le cridhe bronach thubhairt i: O, ’dhuine ghràdhaich, urramaichte, tha thu ann ad shineadh an so ’san talamh fhuar, thusa dha ’n d’ thug mi gradh o m’ òige; thusa ’rinn a chreathal ’s na charadh mi ’n am naoidhean; ’si ’bhascaid so, do thabhartas deirionnach dhuinne, a dh’ aobharaich do bhàs. O, nach robh thu fhathast beò! los gu ’m faodainnsa sealltainn aon uair eile ’nad ghnuis, agus gu ’n iarainn mathanas airson an eucoir a rinn sinn oirbh! O, nam bitheamaid ’nar faicill ni b’ fhearr agus barrachd earbs’ a chuir a d’ onair dhearbhte, a sheann-duin’ fhiachail, cha bhitheadh tu ’n ad shineadh an sin, bha thu fhathast beò ’nar measg! O, thoir mathanas duinn; ’an so aig d’ uaigh tha mi ’gealltuinn airson mo phàrantan, an call nach urrainn duinn a dheanamh suas dhutsa, gu ’m páigh sinn e dubailte dha d’ nighinn! O, thoir mathanas duinn!”
“Mo chreach! a bhaintighearna urramaichte,” arsa Màiri, “cha robh an gamhlas bu lugha aig m’ athair uair sam bith ri aon de ’n teaghlach agaibh. Gach maduinn ’us feasgar bhiodh e ’g urnaigh air ur son, mar bu ghnath leis, an Ichburg. Bha e ’toirt a bheannachd oirbh eadhon ’se dol a dh’ ionnsaidh a’ bhàis. ‘A Mhàiri,’ ars’ esan, beagan mu ’n do chaochail e, ‘tha mi creidsinn gu laidir gu ’n tuig ar bean-churaim urramaichte fhathast nach ’eil thu ciontach, agus gu ’n ordaich i do thilleadh far d’ fhograidh. Innis, ma ta, do ’n Iarla choir ’s do ’n Bhan-Iarla ’s do dh’ Amelia, a bha mi ’giulain cho tric na leanabh air mo ghairdeanan, gu ’n robh, gu uair mo bhàis, mo chridhe lan de speis, de ghradh, ’s de thaingealachd dhaibh.’ Creid mi, a bhaintighearn’ urramaichte, b’ iad sin na ceart fhacail a thubhairt e.”
Is ann a nise ’thoisich a Bhan-Iarla air gal da rireadh; ma dheireadh thubhairt i: “Trobhad, a Mhàiri, suidh sios lamh rium air a’ lic so. Cha ’n urrainn mi ’n uaigh so fhagail fhathast. Tha an t-àite so cho sitheil ri flaitheanas fhein; tha beannachd d’ athair ag iathadh mu ’n cuairt duinn!”
CAIB. XVI.
MAR A THUIT DO ’N BHAINTIGHEARN’ AMELIA TIGHINN AN RATHAD.
’Nuair a shuidh iad air an lic ’sa chuir Amelia a lamh mu ’n cuairt air Màiri, thubhairt i: “Tha e ro shoilleir gu bheil Dia maille riut, a Mhàiri; ’s ann an doigh gle iongantach a chuir E mis’ an rathad gus do chuideachadh. Feumaidh mi, ’sa chiad àite, innse dhut ciamar a thachair sin. Thainig a chuis mu ’n cuairt gu nadurra agus gu faoin, ach gidheadh, an doigh iongantach, a tha sealltuinn ceartas Dé.
“Bho ’n àm a fhuair sinn a mach gu ’n robh thu neo-chiontach, cha robh sith no fois agamsa. Bha thusa agus d’ athair daonnan fa chomhair m’ inntinn. Creid mi, a’ Mhàiri, ’s iomadh deur a shil mi air do shon. Bha mo phàrantan a foirbheis air do shon anns gach cearn, ach cha b’ urrainn duinn guth a chluinntinn mu d’ dheighinn. Bho cheann tri latha thainig m’ athair, mo mhàthair ’s mi fhein gu caisteal an righ, anns a choille so, faisg do ’n bhaile. Tha ’n caisteal air a leigeadh suas bho cheann fhichead bliadhna, agus cha ’n ’eil a fuireach ann ach am maor-coille. Tha m’ athair, mar tha fios agad, na ard mhaor-coille, agus tha e mar fhiachaibh air an drasda cordadh a dheanamh a thaobh connsachaidh tha mu chriochan fridhean a’ phrionnsa. Bha e fad an lath’ an diugh ’sa choille comhla ri da thighearna de choigrich, a thainig air an turus cheudna. B’ fheudar dha m’ mhàthair am feasgar a chuir seachad comhla ris na mnathan uaisle agus ri nighean fear de na tighearnan. Bha mise ro-thoilichte nach robh feum ac’ ormsa, oir cha toigh leam an doigh ’sam bi an fheadhainn ud a cur seachad na h-aimsir. Bha ’m feasgar cho ciuin ’s cho briagha as deigh teas an latha; chaidh a ghrian fodha cho gaolach ’s an aird-an-iar, air cul na coille dhorcha, ghiubhasach, a th’ air a breacadh an sud ’s an so le creagan aillidh; agus bha mi air mo thogail cho mor le dreach is coltas an aite ’s gu ’n d’ iarr mi cead sgriob a ghabhail ann am fionnaireachd an fheasgair. Dh’ fhalbh nighean a mhaoir comhla rium. Choisich sinn romh ’n bhaile bheag; bha geat’ a chladha fosgailte: bha na leacan-uaigheach a soillseachadh le gaithean na gréine a bha nise dol fodha. Bu toigh leam riamh a bhi leughadh an sgriobhaidh air leacan-uaigheach. Dhruigheadh e orm gle mhor a bhi leughadh mar a dh’ fhalbh an gille no ’n nighean òg, am blath na h-òige, agus bithidh mi faireachdain seorsa do thoileachadh bronach ’nuair a leughas mi ainm nam feadhnach a fhuair aois mhor. Tha na ceathramhnan a th’ air na leacan, cuideachd, ged tha iad air an cuir sios car mi-dhoigheil, air an sgriobhadh le deagh run, agus togaidh iad deagh smaointean annam; agus tha gach sgriob a th’ air mi do ’n chladh na bhuannachd mor dhomh gus caithe-beatha ni’s fhearr a leanailt as deigh sin.
“Chaidh sinn a steach do ’n chladh. ’Nuair a leugh mise chuid bu mhotha de na sgriobhaidhean, thuirt nighean a’ mhaoir rium: ‘Seallaidh mi dhut a nise uaigh tha fior bhoidheach—uaigh duine bhochd—aig nach ’eil leac idir, no sgriobhadh, ach tha gaol dleasnach a nighinn ’ga sgeudachadh na ’s fhearr na ealain an fhir-ghrabhalaidh. Faic thall ud, fo dhubhar nan craobh, am preas ròs fo bhlath, agus a’ bhascaid bheag, bhoidheach fhlùrs air an uaigh!’ Chaidh mi suas ri taobh, agus cha b’ urrainn mi gluasad á larach nam bonn le ioghnadh. Air a chiad shul dh’ aithnich mi a’ bhascaid a bha mi feorach mile uair ma deighinn as deigh dhuibh
[Vol . 9. No. 11. p. 2]
falbh á Ichburg. Bheachdaich mi ni bu dluithe oirre: ’s i bh’ ann gun teagamh, agus ged a bhithinn an teagamh mu deighinn bha na litrichean, ceud litrichean m’ ainme, ’na dhearbhadh gu leor gu ’r i a bh’ ann. Thoisich mi an so ri faoighneachd mu d’ dheighinn fhein ’s mu d’ athair. Dh’ innis nigheann a’ mhaoir dhomh mar thainig sibh thun Baile na Craoibh Ghiubhais, mar a dh’fhas d’ athair tinn, agus cho muladach ’sa bha thusa airson a bhais.
“Chaidh mi far an robh an sagart-paraisde, agus fhuair mi e na dhuine ciatach. Dhearbh easan gu’n robh gach ni a chuala mi fior, agus dh’innis e dhomh moran tuilleadh mu d’ mhathas-sa. Bha mi airson a dhol gun dail gu taigh an tuathanaich, ach chaidh an uine seachad orm cho ealamh ag eisdeachd ris an t-sagart, agus gu’n d’thainig an oidhche. ‘Gu de a ni mi?’ arsa mise’, ‘tha e tuilleadh is anamoch gu dol ’g a coimhead an nochd, agus feumaidh sinn falbh am maireach ’sa chamhanaich.’ Chuir an sagart fios air a’ mhaighstir-sgoil, dh’iarr e air a dhol gun dail go taigh an tuathanaich agus thusa ’thoirt gu thaigh fhein.
“ ‘An e ’nighean sin, Mairi bhochd?’ ars’ am maighstir-sgoil. Cha ruig mi leas dol cho fada sin ’g a h-iarraidh. Tha i ’n drasda ’caoidh ’s a ’g osnaich aig uaigh a h-athar. Mo thruaighe, a nighean bhochd! Tha mi’n dochas nach cuir am mulad as dhi fhein! Chunnaic mi i tromh’n dorus an am a bha ’n clag a bualadh airson na h-urnaigh fheasgair, agus mi fhein a cuir ceart an t-seann chloc ’s an eaglais fiach an cumadh e air siubhal fhad ’s a bhitheadh na h-urrachan mor ’s an àite.’
“Bha toil aig an t-sagart bheannaichte mo leanailt gu ruig uaigh d’athair; ach ghuidh mis air mo leigeil air falbh leam fhein, chionn bha fios aig mo chridhe gu’n amaisin ort gun seoladh air bith. Dh’iarr mi air an sin a dhol far an robh mo pharantan agus innse dhaibh far an robh mi, los nach bitheadh urad churam orra mu’m dheighinn. Is ann mar so, fo fhreasdal De, a thug an bhascaid fhlurs sinne ’rithisd cuideachd aig uaigh d’athair chaoimh.”
“Is ann,” fhreagair Mairi, ’s i toirt suil thaingeil suas go neamh, “ ’So mar a chunnaic Dia iomchuidh. Ghabh e truas ri m’ dheoir ’s ri m’ chianalais. O, a mhathas agus a ghaol domh-sa! Their daoine nach eil Dia ni’s fhaide a cuir ainglean a thoirt cobhair da chuid creutairean a tha fulang. Ach tha dearbhadh agam a nise, ’n am chàs fhein, gu bheil. Tha e fhathasd a cuir a nuas ainglean [ ? ]riochd dhaoine—creutairean [ ? ]ach , lan baigh ’us truais, coltach ris an bhaintighearn’ uasail, Amelia, a tha le carrantachd bheo ag aotramachadh air an fheadhainn ’tha fulang. ’Se Dia a stiuir do cheumanan an rathad so, agus a threoraich thu thun an ionad so, far an do tharruinn do theachd solas is co-fhurtachd, mar theachdaireachd aingeil.”
Chuir Amelia stad oirre ag radh, “Tha mi ’g innse dhut gur e ’n gnothuch a’s mutha tha mise ’toirt fanear ’s a tha ’gam lionadh le geilt urramach ro cheartas De, an ceartas sin a tha, ge nach fhaicear e, a riaghladh beatha gach aon. Faic Ceit, an aon namhaid sin a’s mutha ’th’agad an diugh air talamh, cha robh i am meorachadh no smaointinn air rud sam bith ach cia mar a dh’fhuadaicheadh i thusa as mo chridhe-sa, gus aite a dheanamh dhi fhein ann. Air a shon sin, dheilbh i droch bhriag, agus bha i ’n duil gu’n deach am plot leatha. Ach ma dheireadh, bha bhriag sin mar reusan air i ’chall gu buileach an earbs a bh’againne aisde ’n toiseach, agus air thusa dh’fhas mile uair ni bu ghradhaiche le m’ chridhe na bha thu riamh. Thug i ionnsaidh air thusa ’sgaradh bhuamsa gu brach; bha i ro bhosdail ’nuair chaidh aic’ air do chuir air fògradh fad do bheatha; ann an uaill a h-aingidheachd ’s na ’solas mallaichte thilg i gu ardanach a bhascaid ma d’ chasan; ach aig a cheann ma dheireadh, bha ’n gniomh olc sin—ge beag a shaoil i—na chean-aobhair air sinn a dh’fhaighinn comhla rithisd. Chionn ’s i ’bhascaid ud a leig ris domhsa far an robh thu ’gabhail tamh. Tha e gle fhior, ’n uair tha Dia maille ruinn, is coma co tha ’n ar n’aghaidh; oir tha Dia a tionndadh gach olc, a tha daoine aingidh a feuchainn ri dheanamh oirnn, gu ar math; agus ar naimhdean a’s mutha, ged a bhios iad a strith ri cron, ’s ann da rireadh a deanamh feum duinn a tha iad. Tha ‘ar sabhaladh an lamhan ar naimhdean,’ fior cuideachd ’sa chas so.
“Ach innis domh a nise,” ars’ a bhaintighearn’ Amelia, “ciamar a thuit dhut a bhi cho anamoch aig an uaigh, agus de bu choireach thu bhi gal cho tursach.”
Dh’innis Mairi mar a chaidh a tionndadh air falbh gu maslach o Bhaile na Craoibh Ghiuthais, rud a chuir ioghnadh as ùr air a’ Bhan-Iarla chaomh. “Gu firinneach,” ars ise, “se Dia a chuir an rathad mi, an uair a bha thusa fo bhron ro-throm, agus ’n ad ’amhghair a’ sileadh dhiar cho dluth, ’s a ’g urnaigh ris cho dian air son cobhair a dheanamh ort. Tha dearbhadh as ùr agad an so air na bha mi ’g radhainn ruit, gu’m beil Dia a tionndadh gu ’r buannachd an t-olc tha ar naimhdean a feuchainn ri dheanamh oirnn. Bha ’bhean chruaidh-chridheach am beachd dolaidh a dheanamh ort, ’n uair a thionndaidh i a mach as a taigh thu. Ach gu’n fhios di-fhein ’s ann a chuir i thu am lamhan-sa ’s an lamhan mo pharantan a bha cho deonach air a cothrom fhaighinn gus do dheanamh sona.
“Ach a nise,” ars a bhaintighearna, ’s i ’leanailt air bruidhinn, “tha’n t-am againn ’bhi falbh. Tha mo pharantan a ’toirt ceill dhiom. Tiugainn a Mhairi, a ghraidh, cha leig mi as mo shealladh tuilleadh thu; agus ’s a’ mhaduinn, feumaidh tu falbh comhla ruinn.”
Bha Mairi fo bhron ri bhi cuimhneachadh gu’r gann gu’n d’thigeadh i ’n rathad so tuilleadh; dh’fhag i beannachd aig an uaigh ghradhaichte; agus bha e ro-dhuilich leath’ i fhein ag shlaodadh air falbh bhuaipe.
Rug a Bhan-iarla gu cairdeil air a gairdean, agus thubhairt i: “Tuigainn, tiugainn, a’ Mhairi, agus bheir leat a’ bhascaid fhlùrs; bithidh mar so cuimhneachan beag agad air d’ athair nach maireann. An aite bascaid, a chuir thusa le gradh dleasnach air an uaigh, cuiridh sinn leac a their toileachadh dhut. Tiugainn, tha thu deonach air sgeulachd an fhàine a chluinntinn; innsidh mi dhuit i air an rathad.” Air gairdeanan a cheile, fo sholus cuin na gealaiche, dh’fhabh iad suas thun an t-sean chaisteil.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Beder, Prionnsa Phersia.
CAIB. III.
Fhreagair i an righ, agus thuirt i, “Gus am fiosrachadh a thoirt do righ Phersia air am bheil iarrtus cho mor aige, smaoinichibh co dhiubh tha no nach ’eil a bhith ann an daorsa, fad air falbh o mo dhuthaich fhein, gun duil sam bith agam ri ’faicinn gu brath tuilleadh, —agus mo chridhe gu bristeadh le bron a chionn dealachadh ri m’ mhathair, ri m’ bhrathair, ri m’ chairdean, agus ri m’ luchd-eolais, —na aobhar mor gu leor air son mi bhith ’na mo thosd fad na bliadhna? Tha gradh do ’n duthaich do ’m buin sinn a’ cheart cho nadarra dhuinn ’s a tha gradh do ar parantan; agus tha bhith ann an daorsa ’na shuidheachadh a tha do-ghiulan do gach aon anns am bheil de thur ’s de thuigse na chuireas luach air saorsa. Gun teagamh sam bith theid aig daoine aig am bheil cumhachd mor ’nan lamhan, air a chorp a chumail ann an daorsa; ach cha ’n urrainnear gu brath an toil agus an inntinn a chumail ann an daorsa. Agus faodaidh bhur morachd sin a thuigsinn do m’ thaobhsa. Is e gnothach iongantach a th’ ann nach do lean mise eisimpleir mhoran eile de chreutairean truagha mi-fhortanach, a tha ’nochdadh gu ’m bheil saorsa toile agus inntinn aca an uair a tha iad a’ cur lamh ’nam beatha fhein, a chum faighinn a lamhan dhaoine a tha ’deanamh ainneart orra.”
“A bhaintighearna,” ars’ an righ, “tha mi deimhin gu ’m bheil thu ag innseadh na firinn; ach gus a nis, b’ e mo bharail gu ’m bu choir do bhoirionnach briagha, eireachdail, turail, tuigseach mar a tha thusa, a bha cho mi-fhortanach ’s gu ’n do thachair dhi a bhith ann an daorsa, a bhith ’g a meas fhein gle shona fo riaghladh righ.”
“Mo thighearna,” ars’ ise, “mar a dh’ ainmich mi dhuibh mar tha, ge b’ air bith co a bhios ann an daorsa, cha ’n ’eil righ air an talamh a’s urrainn a chumail fo smachd. Ach tha sibhse a’ bruidhinn air boirionnach a tha cho briagha ’s gu ’n toir i air righ tuiteam ann an gaol oirre. Ma thachras dhi a bhith ann an inbhe iosail, is i mo bharail gur coir dhith a bhith ’ga meas fhein gle fhortanach ma ghabhas righ tlachd dhi, ged a bhiodh i ann an daorsa. Ach ma thachras dhi a bhith ann an co-inbhe ris an righ fhein, ciod an sonas a bhios aice, an uair a chi i i-fhein ann an daorsa an deigh dhi a bhith air a toirt air falbh le foirneart o a parantan, agus ma dh’ fhaoideadh, o ’n duine og air an do thuit i ann an trom ghaol, agus nach teid as a h-aire fhad ’s a bhios i beo? Agus an uair a tha ’m boirionnach so ann an co-inbhe ris an righ a cheannaich i, faodaidh sibh a thuigsinn gu ’m bheil i ann an suidheachadh gle dheuchainneach, gle thruagh, agus gle bhronach, agus gu ’m faod i a bhith air a brosnachadh le eu-dochas gu iomadh ni a dheanamh nach ’eil ceart.”
Chuir na briathran a labhair i ioghnadh gu leor air righ Phersia, agus thuirt e, “A bhaintighearna, am bheil e comasach, mar a tha mi tuigsinn o do chainnt, gu’m bheil an fhuil rioghail annad? Ma ’s e do thoil e, leig ris dhomhsa, tha mi guidhe ort, na nithean sin gu leir a tha ann an duathar orm. Thoir fios dhomh anns a’ mhionaid co na parantan sona sin a chuir thun an t-saoghail boirionnach cho maiseach riut; co iad do bhraithrean, do pheathraichean, agus do chairdean; agus, os cionn gach ni, co dh’ ainm a th’ ort fhein?”
“Mo thighearna,” ars’ ise, “is e m’ ainm, Gulnara a’ Chuain. Agus b’ e m’ athair—ach tha e nis marbh—aon de na righrean cho cumhachadh ’s a bh’ anns a’ chuan. An uair a dh’ eug e, dh’ fhag e an rioghachd aig Saleh, mo bhrathair. Is e nighean righ a tha ’nam mhathair; agus bha ’h-athair air aon de na righrean cho cumhachdach ’s a bh’ anns a’ chuan.”
Bha sith iomlan againn air feadh na rioghachd gu leir gus an do thoisich aon de na righrean a bh’ anns a’ choimhearsnachd againn ri farmad a ghabhail ruinn. Thainig e le armachd ro mhor a chogadh ’nar n-aghaidh ’s gun sinn ’n ar faireachadh, agus ghlac e mu dheireadh ceanna-bhaile na rioghachd. Tharr sinne as a lomach air eiginn comhladh ri beagan de dh’
[Vol . 9. No. 11. p. 3]
oifigich dhileas a dhluth-lean ruinn an uair a bha sinn ’nar n-eiginn.
Rinn mo bhrathair gach ni ’na chomas gu na naimhdean fhuadach am mach as an rioghachd. Air lath’ araidh thug e mise steach d’a sheomar, agus thuirt e, “A phiuthar, faodaidh na gnothaichean a’s lugha ’ghabhas sinn os laimh a dhol uaireannan ’nar n-aghaidh. Is docha nach teid agamsa air na naimhdean fhuadachadh am mach as mo rioghachd, agus is mo a tha de churam orm mu dheidhinn ciod a thachras dhutsa na tha orm mu dheidhinn mo chliu fhein. Air eagal gu ’n eirich beud sam bith dhut, bu ghle thoil leam d’ fhaicinn posda. Ach anns t-suidheachadh thruagh anns am bheil sinn a nis, cha ’n ’eil mi faicinn cia mar is urraiun duit posadh ri aon de phrionnsachan a’ chuain; agus air an aobhar sin bhithinn anabarrach toilichte na’n aontaicheadh tu aon de phrionnsachdan na talmhainn a phosadh. Tha mi deas gus gach ni ’nam chomas a dheanamh a chum so a chur air aghart ma bhios tu fein toileach. Tha mi deimhin nach ’eil a h-aon dhuibh, ciod sam bith cho cumhachdach ’s a tha e, nach biodh gle thoileach do phosadh, o’n a tha thu ’nad bhoirionnach cho briagha.”
Bhrosnaich na briathran so a labhair mo bhrathair gu corruich mhor mi. Thuirt mi ris: “A bhrathair, tha fhios agad gu ’n d’ thainig mise, a’ cheart cho math riut fhein, o righrean ’s o bhan-righrean a’ chuain, agus nach ’eil boinne de dh’ fhuil righrean na talmhainn annam. Air an aobhar sin tha mi ’cur romhan nach pos mi fear sam bith a th’ ann an inbhe ’s isle na mi fhin na ’s mo na rinn iadsan; agus cho luath ’s a thuig mi gu ’n d’ thainig mi o theaghlach rioghail a bha ro aosda agus urramach, thug mi boidean nach posainn fear sam bith a bhiodh ann an inbhe na b’ isle na mi fhin. Cha toir an suidheachadh iosal anns am bheil sinn a nis orm mo ruintean atharrachadh. Agus ma chailleas tusa do bheatha ’feuchainn ri do rioghachd a shaoradh o do naimhdean, is fhearr leamsa am bas fhaighinn ’na do chuideachd na deanamh mar a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.”
Bha mo bhrathair ro dheonach gu ’m posainn, agus rinn e na b’ urrainn e gus a thoirt orm a chreidsinn nach robh righrean na talmhainn dad air dheireadh air righrean a’ chuain. Chuir so moran a bharrachd corruich orm, agus labhair esan briathran searbha rium a chuir cradh air mo chridhe. Dh’ fhag e mi cho mi-thoilichte dhiom fhin ’s a b’ urrainn a bhith; agus anns an t-suidheachadh mhi-thoilichte so, leum mi a grunnd a’ chuain suas gu ruige Eilean na Gealaich.
Ged a thug an staid mhi-thoilichte anns an robh mi orm a dhol do ’n eilean ud, bha mi ann an tomhas riaraichte leis an t-samhchair a bh’ agam ann. Ach a dh’ aindeoin cho faicleach ’s gu ’n robh mi, thainig duine ro urramach, maille ri aireamh dhe ’sheirbhisich, orm gun fhios domh an uair a bha mi ’nam chadal, agus thug e leis mi dh’ a thaigh fhein. Bha e ag radh gu ’n robh gaol mor aige orm, agus rinn e na b’ urrainn da a chum toirt orm tuiteam ann an gaol air. An uair a chunnaic e nach tugadh gach caoimhneas a bha e ’nochdadh dhomh orm tlachd a ghabhail dheth, dh’ fheuch e ri toirt orm geilleadh dha an aghaidh mo thoile. Ach cha robh mi fad’ a’ toirt air gu ’n do ghabh e aithreachas air son mar a rinn e. Mu dheireadh reic e mi ris a’ mharsanta o ’n do cheannaich sibhse mi. Bha ’m marsanta so ’na dhuine turail, caoimhneil, cneasda; agus fad an turus mhoir a bh’ againn a’ tighinn an so, cha d’ thug e aobhar gearain sam bith dhomh. Agus a thaobh bhur morachd-sa, mur b’e gu ’n do nochd sibh urram mhor dhomh, air son am bheil mi nis a’ toirt moran taing dhuibh, agus gu ’n d’ thug sibh iomadh dearbhadh soilleir dhomh gu ’m bheil gaol mor agaibh orm; agus mur b’ e gu’n do chuir sibh air falbh na mnathan a bh’ agaibh; tha mi ag innseadh dhuibh gu soilleir nach robh mi air fuireach maille ribh. Bha mi air mi fhin a thilgeadh am mach air an uinneig so do’n chuan, agus bha mi mi air a dhol air thoir mo mhathar, mo bhrathar, agus mo luchd-daimh. Mur b’ e gu ’n d’ fhas mi leith-tromach, cha ’n ’eil teagamh nach robh mi air teicheadh air falbh. Ach a nis o ’n a tha mi anns an t-suidheachadh so, cha b’urrainn domh toirt air mo mhathair ’s air mo bhrathair a chreidsinn gu ’n robh mi ann an daorsa aig righ mor cumhachdach mar a tha sibhse. An aite a chreidsinn gu ’n robh mi ann an daorsa, is ann a bhiodh iad ro dhiumbach dhiom a chionn mi thoirt masladh orm fhin. Ach co dhiubh is e mac no nighean a chuireas mi thun an t-saoghail, bheir e orm nach dealaich mi ribhse gu brath; agus air an aobhar sin, tha mi ’n dochas nach bi mi na’s fhaide mar shearbhanta ’n ’ur sealladh, ach mar aon a tha ann an co-inbhe ribh fein.”
(Ri leantuinn.)
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XII.
NA GAEIL ANN AN DUNEIDEANN AN DEIGH A’ BHLAIR.
’S gann a bha e trì uairean an déigh a’ bhlàir ’nuair a chunnacas na Cam-Shrònaich a tighinn a staigh do Dhunéideann le’n cuid pìobairean a cluich agus na brataichean a thug iad bho thrùpairean Iain Chop’ aca sgaoilte ri’n crannaibh, a’ cuir an céill do mhuinntir a bhaile gu’m bu leò féin buaidh na teugbhail’. Ach cha tàinig a mhòr-fheachd do Dhunéideann gus an ath latha, agus be sin Di-dòmhnaich. Thàinig na Fineachan n-an aon reang fhada an deigh a chéile a steach aig geat iochdrach a bhaile, le pìoban a’s brataichean, a’s iolaichean buaidh-chaithream, bha na brataichean a thug iad bho’n àrm-dhearg sgaoilte aca ri taobh an cuid brataichean féin, bha na ghlac iad mar phriosanaich de’n àrm-dhearg ag imeachd as an deighe, agus bha iad ma thuaiream a leth cho lionmhor riu féin. Bha air an fhìor dheireadh a’ chobhartach a ghlac iad air an nàmhaid; agus na daoine leòinte ga’n giùlan air cairtean. Cha tàinig Tearlach féin còladh ris a’ mhòr-fheachd, ach thàinig e ma fheasgar a chum lùchairt Rioghail Dhunéideinn, agus rinn mòran de mhuinntir a’ bhaile fhàilteachadh leis gach suaicheantas éibhneis agus meoghail.
Aig an àm so ghiulan an Prionnsa e féin gu suairc, air an fheasgar sin [a b’e di-Sathurn, ] chuir e fios a chum gach Pears-Eaglais sa’ bhaile dheth gach seòrs’ aidmheil agus creud, gach fear dhiu a thaigh-aoraidh féin a thoirt air; ach an deigh sin cha deach a h-aon de na h-Eaglaisean suidhicht’ fhosgladh air an t-Shabaid, bha na ministearan air teicheadh as a’ bhaile leis an eagal air feasgar di-Sathurn, a thaobh am Prionns’ a bhi air leo, de chreideimh an t-sagairt. ’Nuair a chual’ am Prionnsa so, air an ath dhi-Sathurn, chur e mach an ath ghairm, anns na briathran so:— “Tha ’m Prionns’ ag iarraidh air a phobull dheth gach aidmheil agus creud an ionadan aoraidh fa-leth a thoirt orr’ air an Donach so tighinn, cha ’n eil e na thlachd no na bhuannach dhasan, iad a dh’ fhantainn asda. Tha e mar an ceudna air son a dheanamh aithnichte, nach ann air son ioma-ruaghadh as leth creideimh a thog e ’chlaidheamh ach air son a choir dhligheach, shaoghalta fein.” ’Nuair a chuala na ministearan so chuir iad teachdaire thun a’ Phrionns’ a dh’ fheòraich am faodadh iad Righ Seòras a chuimhneachadh ’n-an ùrnaighean. Chuir am Prionnsa fios thuca, gum biodh òrdugh a thoirt dhaibh sin a dheanamh an aghaidh an aobhair mu ’n do tharruinn e a chlaidheamh, ach a dh’ ainean sin, gun robh e toirt gach dearbhachd dhaibh nach mothaicheadh iad géibhinn sam bith bhuaidhesan air briathran mi-iomchaidh a dh’ fhaodadh iad a gnàthachadh. Ach a dh’ aindeoin gach còmhdaich dh’ an d’ fhuair an luchd-cràbhaidh so bho Thearlach, cha do dhìrich duine dhiù a’ chrannag fad ’sa dh’ fhan am Prionnsa sa’ bhaile ach aon Mhinistear da’m b’ ainm Mac-a- Bhiocair, chaidh esan a shearmonachadh air an ath Shàbaid. An deigh dha an ùrnaigh ghnàthaicht’ a chuir suas air son Righ Deòrsa, chuir e ’n ath achanaich suas as leth a Phrionns’, anns na briathran so,— “Agus air son an oganaich so a thainig ’n-ar measg a dh’ iarraidh cruin talmhaidh, deonaich Thusa bho t’ fhabhor trocaireach dha crun neamhaidh.” Ged do bha iomadaidh dheth na Gàeil ’s an Eaglais ag eisdeach a mhinistear eudmhoir so, agus ged do thuig iad brìgh na labhair e ma Thearlach math gu leòr cha dubhairt iad facal ma dhéibhinn, agus tha mi a làn chreidsinn nach mò chanadh am Prionnsa féin, ged do bhiodh e ga éisdeachd. Air madainn Di-luain, an treas latha fichead de’n mhìos, thug an Prionnsa mu’n airidh a ghairm gu’n robh an t-shlighe réith eadar Dunéideann agus gach àite de ’n dùthaich, agus gun robh esan a toirt a chòmhdaich dhaibh gum biodh iad féin agus an cuid sàbhailt.
An deigh so, fhuair na Gàeil òrdugh, iad a dhol a rannsachadh air son àrmachd air feadh a’ bhaile agus na dùthcha mu’n cuairt dà. Thug so cothrom do shlaightearan bradacha, diamhanach, a bha fuireach air sgàth Dhunéideinn, an eadhlain féin a ghnàthachadh le mòr bhuannachd agus thearuinnteachd—rinn gach fear dheth na baobhan bradacha so deiseachan Gàelach dhaibh féin, gus am biodh iad coltach ri feachd nan Gàel, agus thòisich iad air togail cìse bho mhuinntir na dùthcha ann an ainm a’ Phrionnsa, agus toirt caoiteasan sgrìobhta ann an ainm cuid dheth na h-oifigich Ghàelach do cho liugha ’s bho ’n d’ fhuair iad airgead, agus a mhuinntir aig nach robh airgead-laimhe gu thoirt dhaibh, thug iad uapa luacha-peighinn dheth gach ni a b’ fhearr na chéile a fhuaras aca, air uairean ghabhadh iad an t-ìm ’s an càise, a’ cantainn aig an àm cheudna gun d’òrduich am Prionnsa dhaibh na h-uile neach aig nach robh airgead-ullamh a ghnàthachadh air an t-sheòl ud. —Choisinn dol a mach na gràisge so mi-chliù agus gamhlas do na Gàeil air feadh nan dùchanan ud gus an latha ’n diugh—faodaidh mi aithris mar a bha na Gàeil a triall air an aghaidh gun robh iad a fosgladh gach prìosain agus a cuir nan ceannairceach agus gach luchd dòbheairt eile fa-sgaoil, agus b’ iad so a cheart bhuidheann a bha goid agus a spùileadh ann an ainm agus ann an riochd Ghàel.
Co-dhiù, thainig air Tearlach gu ’m b’ éiginn da cìs a thogail, thug e air muinntir Dhunéideinn mìle pàileann agus sìa mìle daothainn bhròg a dheanamh dha air son feum na feachda. Thainig a chàin so cho trom a’s gu’m b’ fheudar leth-chrun a chuir air a’ phund-Shasunnach mhàil air gach teaghlach chum na cosgais so a phàigheadh. Bho mhuinntir Ghlasacho, thog e 5500 Pund-Sasunnach. —Ghlac e gach ionbhas a bh’ ann an taighean Cuspainn Lìbhte agus Bhorostoness agus gach àit’ eile mu’n cuairt, agus chaidh a reic air son airgeid ris na smugaileirean, bho ’n d’ rinn na gaidsearan, agus luchd nan taighean Chuspainn a thabhairt.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 9. No. 11. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, £1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh Iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, SEPTEMBER 14, 1900.
Tha cùisean ann am Pekin ’nam brochan, agus tha e doirbh ri thuigsinn ciamar a tha ’dol. Tha cuid de na rioghachdan mora deònach am baile fhàgail ma gheibh iad geallaidhean o na Sineich gu’m bi beatha agus cuid nan coigreach sàbhailte, ach tha cuid eile ’tha dhe’n bharail gur fhearr dhaibh fuireach ann. Tha fhios aca air an cosg cho fiachail ’sa bhiodh gealladh dhe’n t-seòrsa sin bho Shineach. Tha na Sineich deiseil gu gealladh sam bith a thoirt, agus bi’dh iad a cheart cho deiseil gu gealladh a bheir iad a bhristeadh cho luath ’sa gheibh iad an cothrom. Cha’n eil sluagh air ùr-uachdar an domhan a bheir barr air na Sineich anns an dòigh sin mur eil na Turcaich. Tha e air a radh gu faigh foighidin furtachd, agus ’s ann le foighidin a mhàin a gheibhear a mach ciod a tha ri bhi air a dheanamh ann an Sina. Aig an àm so cha’n eil moran ’ga dheanamh ach a feuchainn ri còrdadh a dheanamh eadar na rioghachdan, agus ma’s fior gach sgeul a tha tighinn, cha’n eil iad a dol a chòrdadh idir. Tha iad a nise anns a’ bhaile o chionn mios. Cha’n eil impire, prionnsa no neach eile aig am bheil gnothuch ris an riaghladh air faotainn; tha ’n dùthaich mar sin gun riaghladh idir. Tha’n t-arm Eòrpach a’ dol a mach ’sa steach mar a thoilicheas iad fhéin, gun duine cur ’nan aghaidh.
Tha cùisean a’ soirbheachadh le Breatunn gu math anns an Transbhaal. Tha Morair Roberts an deigh an dùthaich sin aonadh ri fearainn Bhreatunn, tha ’n t-arm Boereach air a lagachadh, ’s tha àireamh mhor dhe’n t-sluagh air a dhol air ais gu’n tuathanachas. Cha bhi iadsan a tha ’fuireach fo’n armaibh fada gun sgapadh. Tha Oom Pol a nise gun dùthaich, mar a dh’fhaodadh e bhi cinnteach a bhitheadh e ’nuair a bha e cho amaideach ’s gu’n do thòisich e air cogadh ri Impireachd Bhreatunn. Cha’n eil ni a dhith air na Breatunnaich a nise ach Crugar fhéin a ghlacadh. Cho luath ’sa theid aca air sin a dheanamh,mo cho luath ’sa dh’fhàgas e ’n dùthaich, bidh an cogadh seachad, agus bidh ceann a deas Africa gu h-iomlan a mealtuinn na sithe fo bhratach dhearg Bhreatunn.
Tha Uisdean Iain Domhnullach, priomhair Mhanitoba, an deigh an dreuchd sin a leigeil uaithe, ’s tha e dol a ruith ann am Brandon air son na h-àrd-pharlamaid. Tha Uisdean Iain ’na dhuin’ òg, tapaidh, ann an iomadh dòigh coltach ri ’athair, agus bidh e ’na neart mor do na conservatives, a’ phàirtidh d’am buin e.
Eachdraidh nan Dughallach.
Bho’n thug MAC-TALLA roimhe so seachad eachdraidh Teaghlaich Diùc Earraghaidheil, bhiodh e nise toilichte le roinn de ’chàirdean gu’n tugadh e dhaibh eachdraidh Teaghlaich Mhic Dhughaill Dhunolla, neo mar a their cuid ris, Mac Dhùghaill Lathurna, bho linn an treun laoich ainmeil ud, Iain Ciar Lathurna, gus an latha ’n diugh, le ’n cuid thoidalan. Agus mar an ceudna co-dhiu bha iad a seirbhiseachadh an arm tire no’n cabhlach na mara. Agus cuideachd co ’mac athar a tha ’san t-Seanalair Sir Padruig Dùghallach a bha ann an Canada agus anns na roinnean iosal mar an ceudna beagan bhliadhnaichean air ais.
Ur caraid dileas,
CNOCAN OICH-OICH.
Iadsan a Phaigh.
Murchadh Moireastan, Sidni.
Padruig Moireastan, Sidni.
An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni.
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath.
A. F. Moireastan, Sidni Tuath.
Domhull Mac Amhlaidh, Glace Bay.
Domhull Mac Leoid, (clachair), Glace Bay.
Gilleasbuig Domhnullach, Bridgeport .
Iain S. Domhnullach, Leitche ’s Creek.
Cairistiona Nic-a- Bhiocair, Port Morien.
Eoghan Mac Leoid, Gabarus.
Bean Iain Mhic Citheagain, Horne ’s Road.
Bhean Thormaid ’Ic Aonghais, Ingonish .
Eoghan Gillios, Braigh Mhargaree.
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie.
A. D. Mac Gill-fhaollain, Dunbheagain.
Uisdean Mathanach, Marion Bridge.
D. Mac-an-Fhuchdadair, Acarsaid Chloinn Fhionghain.
Raonailt Nic Gilleain, Stirling .
Iain A. Gillios, S . W. Margaree.
D. J. McNeill, Eilean Christmas.
An t-Urr. Iain Mac-an-Toisich, Malagawatch .
Padruig Mac Gill-fhinnein, Baddeck .
Domhull Caimbeal, Bras d’Or Mor.
D. A. Mac-a- Ghobha, am Baighe ’n Iar.
An t-Urr. A. Mac Coinnich, Victoria Mines.
An t-Urr. Alasdair Ros, Hogamah .
An t-Urr. C. Mac Coinnich, am Beighe ’n Iar.
Raonull Camaran, Amhuinn Deas, N. S.
L. Camaran, Antigonish . N. S.
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , N. S.
Domhull Mac Rath, Vancouver , B. C.
Ceit F. Nic Leoid, Peveril , Que.
Murcha Mac Laomuinn, Quincey , Mass.
Dr. A. F. Mac Leoid, Spokane , Wash.
Aonghas D. Moireastan, Graniteville , Vt.
Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. R. Mac Gillebrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Domhull Mac Cuthaig. Dalkeith , Ont.
Tormad Mac Rath, Alexandria , Ont.
F . H. REYNOLDS,
ARD CHEANNAICH’ -AODAICHEAN,
South Charlotte St. , - - - Sidni.
Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta.
Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5 .00.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Sanas do Chinn
Theaghlaichean.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Arineis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER.
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 11. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh Cordua, an t-oifigeach Boereach a bha air fheuchainn comhla ri àireamh eile air son a bhi dol a thoirt ionnsuidh air Morair Roberts a ghlacadh, fhaotainn ciontach, agus bha e air a chur gu bàs air an t-seachdain s’a chaidh.
Tha fear de na saighdearan a dh’ fhalbh á Ceap Breatunn do’n Transbhaal a’s t-earrach s’a chaidh air tilleadh dhachaidh, —Seumas Scott á Seana Bhridgeport. Chaidh a leònadh ann am blàr Phaardeburg, agus air dha a dhol am feobhas fhuair e cead tigh’nn dhachaidh.
Dh’fhuirich an deigh mu chladaichean a tuath Labrador moran na b’fhaid’ air an t-samhradh so na b’ àbhaist, agus chuir i call mor air na h-iasgairean. Bha moran de na soithichean air am bristeadh leis an deigh, agus chaidh bàtaichean us lin a chall, Cha robh an t-iasgach mar sin ach gle fhad air ais, agus tha e cunnartach gu’m bi gorta measg nan iasgairean re a’ gheamhraidh.
Bha storim mhor againn an so oidhche Di-ciaduin. Shil uisge trom an toiseach, agus an deigh mheadhon-oidhche thoisich a ghaoth air séideadh gu làidir. Cha d’rinneadh call a b’ fhiach ’sa bhaile no ’san acarsaid ach gu’n deachaidh dha no tri bhàtaichean seolaidh a bh’air acair a thilgeadh air tir. Cha’n eil teagamh nach d’ rinneadh call air soithichean a bha air muir ’s timchioll nan cladaichean, ach cha d’fhuaireadh sgeul orra fhathast.
Ma gheibh thu cuibhrig is paipear litreach anns an àireamh so dhe ’n MHAC-TALLA, na dean dearmad air an cur gu feum gun dàil. Tha sinn fior fheumach sir an airgead; tha cosgais mhor ann a bhi ’cur am mach a’ phaipeir, agus feumaidh gach aon a tha ’ga ghabhail a phàigheadh, air neo cha soirbhich leinn. Ma phàigh thu fhéin cheana, feuch ri fear-gabhail ùr fhaighinn, agus cuir an cuibhrig ’sam paipear gu feum a’ cur air adhart an dolar.
Tha Bresci, am fear a mhort righ Humbert, ri bhi air a chumail fad bliadhna ann an toll-dubh sia troighean a dh’fhad ’s tri troighean a leud. Fad na h-ùine sin cha’n fhaic e leus soluis, cha chluinn e guth duine, ’s cha’n fhaod e eadhon bruidhinn ris fhéin. Cha’n fhaigh e de bhiadh ach aran us uisge, agus sin uair san latha. ’Se priosanach gle ainneamh a bhios beò an ceann bliadhna dhe’n ghiullachd so; iadsan a bhios beò, bidh iad mar is trice air a dhol as an rian.
Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air fear Niall Mac Aidh, ann an Caledonia Mines, a bhi air chall. Fhuaireadh a chorp air a chladach aig Schooner Pond maduinn Di-satharna s’a chaidh. Thug an jury a mach gu’m b’e tuiteam bhar na drochaid a rinn e, agus gu robh e air a bhàthadh. Cha d’ fhuaireadh làraichean sam bith air a chorp, agus bha beagan airgeid air fhaotainn ri thaobh, nithean a dhearbh nach robh lamh aig duine ’na bhàs. Tha e coltach gu robh e ag òl re an fheasgair, agus gu robh e air an daoraich ’nuair a thachair an sgiorradh a dh’ araich a bhàs dha.
Bha coinneamh aig na liberals anns an rink oidhche Di-ciaduin, aig ’n do liubhair na h-Onaraich Deorsa H. Murray, W. S. Fielding agus Uilleam Patterson, òraidean. Bha àireamh mhor sluaigh a làthair, ged a bha ’n oidhche fliuch, stoirmeil, agus fhuair na h-uaislean deagh éisdeachd.
Tha E. L. Robertson, à Fort William, Ontario, air tilleadh bho chuairt a thug e do Ghàidhealtachd na h-Alba, ag amharc air a chàirdean a tha fathast a’ comhnuidh an “Tir nam Beann.” Tha e nis’ ann an Sidni, an deigh àite ghabhail comhla ri J. C. Mills. Tha e ’g radh gu bheil e còrdadh ris gu h-anabarrach cho Gàidhealach ’sa tha ’m baile ’s an duthaich mu’n cuairt.
Tha aon de luchd-gabhail MHIC-TALLA ann an Georgeville, N. S., ag radh so an àm dha bhi cur pàigheadh bliadhn’ eile dhe’n phaipeir:— “ 'Tha mi nise ’nam sheann duine, agus bha mi uair no dha a’ smaoineachadh gu feumainn sgur a ghabhail a phaipeir, ach tha mi ’n deigh a leithid de mheas a ghabhail air ’s nach b’urrainn domh deanamh as aonais.” Tha sinn an dòchas nach eil ar caraid faisg cho sean ’sa bhitheas e, agus gu’m bi e ’gabhail tlachd ’sa MHAC-TALLA fad iomadh bliadhna fhathast.
Chaidh na gearradairean ann am mèinn ghuail Sidni Tuath a mach air strike mu mheadhon na seachdain s’a chaidh, ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Anns an earrach bha iad a faighinn 40 sent air son gach lan bocsa a thomhaiseadh seachd ceud deug punnd. Dh’iarr iad aig an àm sin 45 sent am bocsa, agus chaidh sin a thoirt dhaibh. Air an turus so sheas iad am mach air son 50 sent am bocsa. An deigh dhaibh a bhi ’nan tàmh dha no tri lathaichean, fhuair iad sin, agus chaidh iad air ais a dh’ obair.
Tha na fiosan mu dheireadh a thainig á Galveston ag innse gu bheil àireamh nam marbh moran na’s motha na bha a cheud sgeul ag radh, agus gu robh a dha no tri mhiltean air a’ chuid a’s lugha air an call. Tha àireamh mhor mheairleach air cruinneachadh do’n bhaile, agus a’ spùinneadh nan corp; tha buidhean shaighdearan air geard ann, ach cha’n urrainn daibh casg a chur orra gu buileach. Chaidh aon duine dubh a ghlacadh aig an d’fhuaireadh tri meòirean fichead a ghearr e bhar nan corp air son na fàineachan fhaotainn. ’Se daoine dubha mar is trice bha ris an obair oillteil sin.
Thainig sgrios uamhasach air baile Ghalveston, an Texas, Di-satharna s’a chaidh. Thainig stoirm mhor le uisge trom, agus bha chuid bu mhotha dhe’n bhaile air a chur as a chéile, agus thatar a’ meas nach bu lugha na mile pearsa a chaill am beatha. Tha am baile air a shuidheachadh air rudha no eilean an ear air a Ghulf of Mexico, agus bha ’n stoirm cho anabarrach laidir ’s gu robh e air a chur fodha cha mhor gu h-iomlan le lan na mara. Lean i a’ chuid bu mhotha dhe’n oidhche, agus ’sa mhaduinn bha am baile gu leir na dhraoighnich. Bha mu dheich mile fichead sluaigh anns a’ bhaile, agus tha mu’n darna leth dhiubh air am fàgail ann am bochdainn, gach ni a bh’aca air a sguabadh air falbh.
$7 .00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe.
Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn.
30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3 .00, a nise $1 .95
25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1 .50, a nise $1 .32
100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1 .25, a falbh air 79c.
Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte.
H . H. Sutherland & Co.
KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN
Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.
Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.
FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 9. No. 11. p. 6]
An Cruithneachd Sarrasin.
EADAR LE K. W. G.
Tachraidh e gle bhitheanta, ma theid duine, an deigh stoirm thairneanaich troimh dhail anns an bheil cruithneachd sarrasin (buckwheat) a’ cinntinn, gu ’n toir e ’n aire gu bheil am barr air fas dubh, agus air a ghlan dhathadh; tha e direach mar gu ’m biodh lasair theine air dol thairis air, agus an sin their an tuathanach, “ ’S e n’ dealanach a rinn so!”
Ach ciamar a thachair gu ’n d’ rinn an dealanach so air? Innsidh mise sin duibh, mar a dh’ innis na gealbhoinn dhomh fein e, agus fhuair iadsan e bho sheann chraoibh sheilich a bha ’cinntinn taobh na dail chruithneachd.
Tha a’ chraobh sheilich so na craoibh mhoir, urramaich, ach tha i air fas crom, crotach le seann aois; tha ’n stoc aice air sgoltadh a suas ’nam meadhon, agus tha riasg, agus dris nan smeur a’ cinntinn anns an fhosgladh: tha ceann na craoibh ag aomadh thairis, agus tha na geugan, le am meoir chaola, a’ crochadh a nuas mu ’n cuairt oirre mar gu ’m biodh ann falt fada glas.
Anns na dailtean mu ’n cuairt bha h-uile seors’ arbhair a’ fas; an seagal agus an t-eorna cho math ris a’ choirce aluinn, dhireach, ard; a tha, an uair a tha e abuich, ceart mar gu’m biodh ann grioglachan de dh’ eoin bheaga, bhuidhe, bhoidheach ’nan suidhe air an aoin chuiseig. Bha beannachadh air an arbhar, agus mar a bu truime am beannachadh, ’s ann a b’ isle a lub e ’cheann ann an irioslachd mhaiseach na crabhachd.
Ach bha ’n sin mar an ceudna dail de chruithneachd sarrasin, agus b’ i so an dail a bha laimh ris an t-seann chraoibh sheilich.
Cha dean an cruithneachd sarrasin a cheann a lubadh air na chunnaic e riamh, mar a ni gach arbhar eile, ach cumaidh e suas e gu spailpeil, sporsail; co ach esan?
“Tha mi,” ars’ e, “cho beartach ann an diasan ris an arbhar eile, agus, a thuilleadh air sin, tha mi fada na ’s boidhche; tha mo bhlaithean cho briagha ri blath nan craobhan ubhal; tha e ’na sholas beachdachadh orm fein agus air thoiseach oirnn, a sheann chraoibh sheilich?”
Thug a’ chraobh sheilich gogadh air a cheann, mar gu ’n abradh i, “Seadh gu dearbh!” Ach sgaoil an cruithneachd sarrasin e fein a mach leis an dearg ardan, agus thuirt e: “Nach i ghloichd a’ chraobh sheilich, tha i cho sean ’s gu bheil am feur a’ cinntin aisde!”
Air a so, dh’ eirich doinionn ghailbheach; dh’ fhill uile bhlaithean na macharach an duilleagan air a cheile, agus chrom iad an cinn bheaga gu lar am feadh a sguab an stoirm thairis orra; ach chum an cruithneachd sarrasin e fein cho stuirteal ’s a bha e riamh. “Crom do cheann mar a ni sinne!” thuirt na blaithean. “Cha’n ’eil feum ’sam bith air sin a dheanamh,” fhreagair an cruithneachd.
“Lub do cheann a sios mar a ni sinne!” ghlaodh an coirce. “Tha aingeal an doinionn a’ tighinn air a’ ghaoith! Tha barran nan sgiath aige a ruigeachd o ’n iarmailt a dh’ ionnsuidh na talmhainn, buailidh e ’shaighead tromhad mu ’n urrainn duit guidhe ’chur a suas air son trocair!”
“Cha’n ’eil mise ’dol ga ’m chromadh fein!” thuirt an cruithneachd.
“Duin do bhlaithean, agus lub a sios do dhuilleagan!” thuirt an seileach aosmhor. “Na h-amhairc air an dealanach an uair a sgoltar na neoil; cha ghabh clann nan daoine orra fein sin a dheanamh, oir an am platha an dealanaich gheibhear sealladh a stigh air dorsa Neamhan an Ti as airde, ach dheanadh an sealladh sin suilean clann nan daoin’ a dhalladh. Ciod a thigeadh ruinne, mata, a tha de luithibh na macharach, na’m biodh a chridh’ againn amharc, sinne a tha cho suarach seach iadsan?”
“Cho suarach seach iadsan?” thuirt an cruithneachd sarrasin. “A nis, ’s e direach an rud a ni mi amharc a stigh air dorsa nan Neamhan as airde!” Agus rinn e sin ’na ardan, agus ’na spors. Bhoillsg an dealanach mar gu’n robh an cruitheachd air fad a’ dol ri theine.
An uair a chaidh an doinionn thairis sheas na blaithean agus an t-arbar a suas anns an aile ghlan, air an ath-bheothachadh leis an uisge, ach bha ’n cruithneachd sarrasin air a losgadh leis an dealanach, agus air fas cho dubh ris a’ ghual-cha robh ann ach lusan marbh, a dh’ fheumadh a bhi air an trusadh bhar aghaidh na talmhainn. Thug oiteag shoirbheis carachadh beag do na geugan fada aig an t-seann chraoibh sheilich, agus shil na duilleagan fras de bhraona mora uisge, direach mar gu ’n robh a’ chraobh a gul, agus dh’ fharaid na gealbhoinn: “Car son a tha thu ’gul? Tha beannachadh anns an aite so! Faic mar a tha ’ghrian a’ dearrsadh, faic mar a tha na neoil gu ciuin a’ snamh seachad? Nach ’eil thu ’toirt an aire cho cubhraidh ’s a tha anail nam blaithean, agus nam preasan air fas? Car son, mata, a ghuileadh tu, a sheann chraoibh sheilich?”
An sin dh’innis a’ chraobh dhoibh mu thimchioll uabhar a’ cruithneachd sharrasin, agus mu ’n ardan aige, agus mu’n pheanas a thig daonnan an cois an ardain sin.
Mise, a tha ’g innseadh na h-eachdraidh dhuibh, ’s ann bho na gealbhoinn a fhuair mi i. Dh’ innis iad dhomh i, feasgar a bha ’n sud, an uair a dh’ iarr mi orra naigheachd innseadh dhomh. —An Fhianuis.
Tha 25,000,000 punnd ti ’sa bliadhna air a chosg an Canada, agus anns na roinnean iseal ’se Union Blend an seòrsa dhe’m motha bheilear a’ cosg. Tha i creic aig 25, 30, 35 agus 40 sent am punnd. Iuchair agus cairt anns gach pasg.
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’00—1yr.
WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 9. No. 11. p. 7]
Naigheachd Bheag Fhirinneach air Fiosaiche.
LE M. D.
Tha cuid do dhaoine ann am beachd nach ’eil ann an naigheachdan air buidsichean,fiosaichean, leannain-shith ’san leithidibh sin, ach naigheachdan ath'air an deanadh suas le daoine nach ’eil uile gu leir firinneach. Faodaidh gum bheil feadhainn ann de’n t-seorsa sin; ach an sgeul bheag so a leanas, tha i fior gu leoir. Ach neach sam bith a thoilicheas teagamh a chur innte tha e aig saorsa a thoile, chionn dh’ fhagadh an duine aig saorsa a thoile ann an ni a’s priseala na sgeulachan do ’n t-seorsa so.
Ann an Eilean Thiriodh bha, agus tha, e mar cleachdadh aig an roinn mhor de shluagh an eilean a bhi deanadh “Kelp.” Tha moran de sgeirean mu’n cuairt de ’n eilein, agus an uair a bhitheas traigh mhor ann gheibh duine coiseachd a mach ’gan ionnsuidh. B’ ann air eileinean mar sin a b’ fhusa “Kelp” a dheanadh, thaobh agus gu’n robh an fheamuinn a fas air an eilein fhein cha bhitheadh dragh innte ach a gearradh agus a cur suas air mullach na creige sin fein, gus am bithidh e air son a losgadh. Air do dhuine coir, firinneach, a bhi ’losgadh na feamuinn air eilein mar so, an fhairge anns a ’chaol eadar e agus tir ’s gu ’n neach maille ris, ghabh e iongantas mor ann a bhi faicinn da bhoirionnach nan seasamh laimh ris. Mar a dh’fhaodar a thuigsinn bha an oidhche ann. Cha dubhairt esan diog, ach thog iadsan an lamhan agus chrath iad neapaicean gheal agus thubhairt iad ris, “Ciod a’s aill leat sinn a thoirt dhuit?” Dh’ fhan esan na thosd agus thubhairt iadsan na ceart bhriathran a rithist. Ge ar bith de dh’iarr esan fhuair e ni a bha fios aig gach duine nach robh aige gus an deigh do na boirionnaich so a bhi bruidhinn ris. Airson gu’n tuig gach neach a leughas so gu ’n d’ fhuair an duine fiosachd o na boirionnaich, bheir mi dhuibh sgeul bheag na dha mu thimchioll. Latha a bha e mach a’ buain, bha e crom a ceangal nan sguab; ghlaodh e gu h-ard agus e suathadh a lamh. Sheas na daoine a bha maille ris agus sheall iad air le iongantas, a farraid dheth ciod a bha cearr. “Nach ’eil mo mhac air tuiteam a mach as a’ bhata aig na bacannan agus tha eagal orm gum bith e baighte.” Thilg na buanaichean bh’ uapa na corain. Ach ann an ceann uine bheag thubhairt e riutha— “Am an ainm Dhia toisichibh oir thug iad a stigh e gu slan fallain.” An latha sin fein thainig am bata agus bha gach ni mar a thubhairt esan. Bha e latha eile mach mu’n cuairt an [ ? ] air fas sean. Thainig aon do ghiulan oga a’ bhaile an rathad a bha e. Dh’ fhailtich iad a cheile, agus dh’fharaid an seann duine ciamar a bha ’athair. Thubhairt an gille ris gu ’n robh e meadhonach math. Thubhairt esan, “Nach math sin, oir bithidh mise ’s esan air an fhuair leabaidh air an aona latha.” Bha sin fior. ’S iomadh rud eile a thubhairt e. Tha esan marbh o chionn iomadh bliadhna, ’s tha gu leoir beo an diugh fathast aig a bheil cuimhne air. Agus chreideadh gach duine e a chuir eolas air.
’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape reton.
Merchants’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN DOMHNACH.
A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.
DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 11. p. 8]
CUMHA D’A MHNAOI.
LE SEORAS MAC-COINNICH, FEAR GHRINNEARD.
Tha mo chridh’ air fàs trom,
’S taobh mo leap’ air fàs lom,
Is cha togar leam fonn air chòir.
Tha mo chridh’, &c .
Bhuineadh dhiom leis an eug,
Is air m’ fhirinn cha bhreug,
Ni cho fìnealt’ ri léig an òr.
Righ, gu ’m b’ alainn do shnuadh,
Neul an t-sneachd ort mu ’n cuairt,
Deud mar chailc, agus gruaidh mar ròs.
Do chiabh cas-lubach, donn,
Do shlios mar eal’ air an tonn,
Do bheul meathair o’m b’fhonnmhor glòir.
Do shuil mar dhearcaig nan allt,
’S do ghuth mar smeoraich air crann
A seinn luinneig an gleann ri ceo.
’S ann sa choill nach robh crion
’Fhuair mi ’n t-slat nach robh blion,
Is i àlainn, ùr, finealt’, òg.
Ged a b’ og thu an la
Air ’n do ghlac mi do làmh,
’S mor a bh’annad de stàth ’s de threoir.
Cha robh chrine nad bheus,
Leat bu shuarach a treud,
Fhuair thu meas o luchd-feum le còir.
Bu shar shuinn le mo bheachd
O’n do bhuaineadh thu ’m mach;
’S iad nach fàgadh a chreach gun tòir.
Bhrisd gach caball ’s gach ball,
Chaidh mo mhisneach air chall,
Tha mo sgiob’ air fàs mall gun treoir.
Dh’ fhàg thu mise bochd truagh
Mar luing bhreoit’ air a chuan,
’N déidh a stiuir a thoirt uaip’ ’s a seoil.
’Thi ’chuir Ionas gu tìr
O’n mhuic-mhara le sìth,
Cuir gu cala mi-fhìn ’s mo lòd.
Ged tha mise dheth bochd
Dh’ fhàg an te tha fo ’n phloc
Linn og ìs fiach toirt mu ’m bhòrd.
Cuim’ an deanadh sinn uaill,
’S nach mair ti ach seal cuairt,
Tha na ceudan dol uainn gach lò.
Biomaid uil’ ann an déidh
Air na nithibh nach tréig,
Chum ’s gu ’m faic sinn a chéil an glòir.
Phòs Fear Ghrinneard Maireard Nic-Coinnich ’sa bhliadhna 1696. Bha tri air fhichead de chloinn aca.
Sochair versus Meirle.
LE DONULL MAC CALLUM.
Ma tha thu smuainteachadh, an déigh mar thug an Gille Bàn an car á Loirean, gu’m biodh urrad feirg air ’s a’ chuireadh crìoch air a’ chàirdeas a bha eadar riu, tha thu fada clì. Cha ’n ann a réir mar a chì an saoghal aobhar aig daoine ’bhi mach air a chéile a bhitheas iad mar sin idir. Tha mòran aig nàdur, iarrtas, agus stait an duine ri dhianadh anns a’ chùis. Dhùraichdeadh Captain T. Goblets agus “The Mac Dodo” an dara fear am fear eile bhi air a losgadh ann an tearr ged a shaoileadh tusa agus mise gu’m bu chòir dhoibh a bhi na’n càirdean math. Cha b’ urrainn Loirean no’n Gille Bàn ni air bith a dheanadh air a chéile no air neach eile air son nach biodh maitheanas air a thoirt. De air bith cho fada ’s a rachadh iad a mach air a chéile bhiodh neach ni bu toilichte dhe féin le leigeil leò na dol eadar riu. Fhuair Caomhan a mach so air a chosd.
Ghabh Caomhan a’ chothrom féin air innseadh os ìosal do Loirean an car a thug an Gille Bàn ás agus dh’ earb e ris, air son duais mhòr a bheireadh e dha na’m b’ fhìor, cuideachadh leis an Gille Bàn a ghlacadh ri seilg.
“Tha eagal orm,” deir Loirean ris, “nach biodh sin onarach dhomhs’ a dheanadh.” “Nach ’eil fhios agad,” fhreagair Caomhan, “gur mios’ an t-sochair na mheirle?”
Beagan an déigh sin dh’ innis Loirean, os iosal do Chaomhan, gum biodh ’an Gille Bàn ’s e féin a sealg air Béinn-a’ -Chladaich air an ath Di-Màirt, an là air am biodh Lady Myshrym a marbhadh Sir John, am fiadh a reamhraich Captain T. Goblets air a son an àite Sir Roger, air a Mhona-Ghorm.
Air an là sin chaidh an Lady le cuid ghillean ’s na h-uaislean mòr uil’ a shealg air Loirean ’s air a Ghille Bhàn air Beinn-a’ -Chladaich agus chaidh Loirean ’s an Gille Bàn a shealg air Sir John air a’ Mhona-Ghorm.
“A chealgair dhuibh nach do sheas ri d’ fhacal dhomh, nach ’eil nàir ort?” deir Caomhan ri Loirean a chiad uair a choinnich e ris an deigh sin. “Nach eil fhios agad,” deir Loirean ris, “gur mios’ an t-sochair na mheirle?”
BAS.
Ann an Gleann Ainslie, an Siorrachd Inbhìrnis, air an deicheamh latha dhe’n mhios so, chaochail Cairistiona Nic Ille-Mhaoil ’si tri fichead bliadhna ’sa dha a dh’ aois. Bha i dìchiollach air son na beatha thimeil, agus eudmhor air son na beatha nach teirig. Bha i fo mhor mheas aig na h-eolach, as bha sin ri thuigsinn leis an aireamh sluagh a lean an guilan go cladh Hogomah far an deach a h-adlacadh. Rinneadh an t-aoradh leis an Urr Alasdair Grannd. ’Si bha frithealadh do bhean Mhaighstir Grannd a chuid bu mhotha dhe’n uine bha i tìnn, is cha robh ach seachdain eadar bàs an dithis, is cha robh ach bliadhna a dheifir ’nan aois. Tha mios a dh’uine bho’n thoisich a tinneas, ach bha inntinn shunndach thoilichte aice, is cha chuireadh duine a bheag a dh’uireachd gu robh i euslan. Bhon thainig an samhradh thromaich a tinneas ’s b’ fheudar freagairt do ghuth an teachdaire ghruamaich ’sa cead a ghabhail dhe ’cairdean as de luchd a gaoil gu seilbh a ghabhail air an oighreachd a tha air a gealltuin dhaibhsan a ghabhas tre chreideamh ri cumhnantan na slainte. —COM.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
“ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 11 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 11. %p |
parent text | Volume 9 |