[Vol . 9. No. 12. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 21, 1900. No. 12.
A’ BHASCAID BHEAG FHLURS.
O’n Bheurla.
CAIB. XVII.
FAIGHINN AN FHAINE.
Bha sreath de chraobhan teile air gach taobh de ’n rathad suas a dh’ ionnsaidh a’ chaisteil. Bha Amelia is Màiri samhach fad a chiad chuid de ’n astar; as deigh sin thuirt a’ Bhan-Iarl’ òg: “Feumaidh mi a nise innse dhut mar a thainig am fàine air lom an rithist. Thainig sinn a dh’ ionnsaidh na dùthcha ni bu traithe air a bhliadhna so— ’s ann trath ’s a’ Mhàrt a rainig sinn Ichburg, ’chionn bha gnothuichean aig m’ athair ri chuir air doigh ’s dh’ fheumadh e tighinn ni bu traithe na b’ abhaist dha.
“Mu ’n gann a thainig sinn gu Ichburg, dh’ fhas an t-sìde anabarrach dona, agus thainig aon oidhche a bha fior dhoirbh le stoirm ’us le uisge.
“Tha cuimhn’ agad air an chraoibh mhoir pheuran a bh’ ann ’sa gharadh againn ’an Ichburg; bha i gle shean, agus cha robh i a’ toirt ach gle bheag de thoradh seachad. Thug stoirm na h-oidhch’ ud a leithid de shuaineadh oirre ’s gu ’n robh e coltach nach b’ fhada gus an tuiteadh i.
“Thug m’ athair, air an aobhar sin, ordugh seachad a gearradh sios. Chaidh iarraidh air gach aon a bha mu ’n cuairt cuideachadh a dheanamh gus a leigeil, ann an doigh ’s nach deanadh i milleadh air na craobhan eile. Chaidh m’ athair, mo mhathair ’sa chlann, agus gach duine ’bha stigh ’ga coimhead.
“Anns a’ mhionaid ’s na thuit i le fuaim bristeach, ruith da bhrathair bheag dhomhsa a null a choimhead nead cuthaig-fhireann a bh’ anns a chraoibh, agus air an robh iad an toir, le goraich na h-òige, o chionn fada. Rannsaich iad a h-uile mir dhith gu durachdach. ‘Gnothuch iongantach,’ ghlaodh Uisdean, ‘seall an so, a bhrathair, gu de tha so a soillseachadh cho dealrach am measg nam meanglan?’ ‘Tha e soillseachadh mar òr is mar chlachan luachmhor!’ ars’ Albert. Thainig Ceit air aghart car iomaguineach, agus thug i sgriach aisde, ‘O, Shlanaighear, am fàine,’ dh’ eibh ise, agus dh’ fhas i cho geal ri corp. Thug a’ chlann am faine a mach as eadar na bileagan, ’us thug iad le caithream sholasach e dh’ ionnsaidh am màthair.
“ ‘Gu firinneach ’s e th’ ann,’ ars’ ise. ‘O Iacob mhath, onaraich, ’sa Mhàiri bhochd, nach olc a rinn sinn oirbh. Tha mi ro thoilichte am fàine fhaotainn, ach bhithinn na bu thoilichte gu mor nan gabhadh Iacob ’us Màiri faighinn fhathast. Bheirinn seachad am fàine gu toileach nam b’ urrainn domh san doigh sin an eucoir a rinn mi orra a thilleadh.’ ‘Ach ciamar bho ’n t-saoghal,’ thuirt mise, ’s mi ’cuir stad oirre, ‘a thachair do ’n fhàine a bhi ’san nid, am barr na craoibh pheur?’
“ ‘Innsidh mise sin dhuit an ceart uair,’ ars’ Antony, an seann sealgair, agus deoir na shùilean leis an toileachadh gu ’n d’ rinneadh a mach gu ’n robh thu neo-chiontach. ‘Tha e soilleir a nise nach do ghoid Iacob, an seann ghàradair, no a nighean, Màiri, am fàine. Bha chraobh ro ard airson iad a dhireadh innte, agus rud eile cha robh uine ac’ air a dheanamh. Is gann gu ’n d’ rainig Màiri a dachaidh as deigh a bhi ’s a’ chaisteal ’nuair a chunnacas i ’na suidhe lamh ri h-athair. Ach tha deigh aig na h-eoin bheaga, dhubha so, aig an robh an nid ’s a’ chraoibh, air a h-uile rud dheth ’m bi soillse, agus ma dh’ amaiseas ni sam bith mar so riutha, feuchaidh iad ri thoirt leotha do ’n nid. ’S e fear do na h-eoin so a thug leis am faine. Tha a’ chuis a nise soilleir. Tha e cuir iongantas orm nach d’ thug seann fhear-seilge mar tha mi fhein fanear ni bu luaithe gu ’m faodadh na h-eoin am fàine ghoid. Ach ’se toil an fhortain a bh’ ann gu ’n d’ thigeadh am mi-fhortan so an rathad Iacoib agus Màiri, a nighean.’
“Thuirt mo mhàthair a nise: ‘Tha thu gle cheart, Antony, agus tha a’ chuis gle shoilleir am choinneamh. Tha cuimhne mhath againn gu ’m b’ abhaist do na h-eoin a bhi sgiathadh a nuas as an t-seana chraoibh dh’ ionnsaidh na h-uinneige; gu ’n robh an uinneag fosgailte ’nuair a dh’ fhalbh am fàine, agus gu ’n robh am bord air an robh am fàine faisg air an uinneig; agus, cuideachd, ’nuair a ghlas mi dorus an ruim ’s am biodhmaid a’ suidhe, gu ’n a stad mi tacan math ’san rùm a b’ fhaide stigh. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ thug fear de na h-eoin chronail so an aire do ’n fhàine bhoillsgeach, le ’shuilean biorach a’ coimhead a nuas as a chraoibh pheur, agus fhad ’sa bha mise ’san rùm a b’ fhaide stigh, ghabh esan a chothrom fhein, agus theich e air falbh gun duine thoirt an aire dha.
“Bha m’ athair fo bhruaillean mor ’n uair a thuig e gu ’n dhìt e thus’ ’us t-athair, agus sibh neo-chiontach. ‘Tha e ’gam ruigheachd a dh’ ionnsuidh a’ chridhe,’ ars’ esan, ‘gu ’n d’ rinn sinn cho cearr air na daoine matha so, agus ’se an aon rud tha deanamh feum domh, nach ann le droch inntinn no mi-run a thachair a chuis duinn, ach le cion fiosrachaidh ’us le mearachd chliobaistaich. Ach cha chadail mi socrach gu brath gus am faigh sinn a mach na daoine onarach so, gu ’n aisig sinn an deagh ainm ’san cliu air ais daibh, agus gu ’n dean sinn suas an call a chuir sinn orra.’
Thionndaidh e sin gu biorach ri Ceit, a bha na seasamh ’us droch neul oirre ’measg nan aodann taingeil aig cach; bha i air chrith, mar pheacach truagh. ‘Thusa, ’thruaghain mheallta, bhriagaich,’ dh’ eibh esan, ‘ciamar a bha dhànadas agad breug innse do d’ mhaighstir ’s an aghaidh ceartais, agus d’ anam a luchdachadh le leithid de chiont’ eagallaich, a tha ’g eigheach dioghaltas ri flaitheanas? Ciamar a dhuirigeadh tu fhein an seann duine còir ’s a’ nighean neo-chiontach a thilgeadh ann a leithid de bhochdainn?’
“ ‘Suas agus glacaibh i!’ thuirt esan ri da mhaor a thainig a dh’ fhaicinn na craoibhe a’ tuiteam, agus a dhluthaich a nise air Ceit, coltach ri da sheabhac, le ’n suilean a beachdachadh gu laidir air m’ athair, ’s iad deiseil gus a thoil a dheanamh. Bhruidhinn e rithist gu durachdach: ‘Cuiribh a cheart shlabhraidhean oirre ’s a bha ceangal Màiri, tilgeibh i sios ’san aon phriosan dhorch’ ’san d’ fhuiling Màiri. Gheibh i an ceart chunntas shrac ’sa fhuair Màiri, ge bu neo-thoilltinneach i; beag no mor a cuid aodaich ’us airgiod theid a chumail ’s a chuir a dhioladh, fhad ’s a theid e, an eucoir mhóir a rinn i; agus as deigh sin uile, theid a h-iomain ’ga ’cois, air falbh far nan criochan leis a’ cheart oifigeach a dh’ fhògair Màiri.’
“Bha gach aon a chual na thubhairt e, ’san àm, air chrith le eagal, sheas iad suas gu samhach agus droch neul orra. Cha ’n fhaca duine riamh roimhe m’ athair air a chuir uige cho mor, ’s cha chualas e bruidhinn le leithid de chorruich. Fad uine cha do mheantair duine ri guth a radhinn, ach cha b’ fhada gus na sheall gach aon cho toilichte ’sa bha iad le caithream ard a thogail.
“ ‘Dh’ eirich taghte dhuit,’ arsa fear de na maoir, aig an robh greim air ghairdean air Ceit; ‘ge b’e ’chladhaicheas toll air son neach eile, tuitidh e-fhein ann.’
“ ‘Sud na bhios aig feadhainn airson an cuid bhreug ’us thuaileas!’ ars am fear eile, ’s e breith air a gairdean eile. ‘Tha ’n sean-fhacal daonnan fior: Cha deach an snailean sin riamh a shniomh cho caol nach d’ thigeadh e ’m fradharc uair-eiginn.’
“Thuirt an cocaire: ‘ ’S e farmaid ri Màiri airson a’ ghùin a fhuair i, a thug an toiseach air Ceit a bhreug innse, agus cha b’ urrainn i an sin a briathran a thoirt air ais no gu ’n robh i-fhein ’na bana-bhreugaire nàr. Tha e na shean-fhacal fior, ma leigeas tu leis an droch fhear greim a dheanamh ort le aon ròineig, ni e ’an uine a chuid fhein dhiot.’
“ ‘Biodhamaid ann an dochas air a shon sin,’ ars’ am fear a leag a chraobh, ’s aig an robh an tuagh fhathast air a ghuailnean, ‘biodhamaid ann an dochas gu ’m fas i nise beagan ni ’s fhearr, airneo bithidh a’ chuis ni ’s miosa dith fhathast ’san t-saoghal eile. A chraobh nach d’ thoir seachad deagh thoradh,’ ars esan, ’s e leigeil sios na tuaighe car ealamh, ‘theid a gearradh sios agus a tilgeil anns an teine.’
“Chaidh a’ naigheachd gu ’n d’ fhuaireadh am fàine gu ealamh mu ’n cuairt air feadh baile Ichburg, agus thruis daoine a stigh as gach aite, air chor ’s gun robh sinn air ar cuartachadh an uine ghearr le sluagh mor, dumhail. Anns a mhionaid so thainig Ard-Bhaillidh a bhaile a steach do ghàradh a chaisteil. Bha ’n cleireach aige an lathair ’nuair a fhuaireadh am fàine, agus ’s e a dh’ innis da e. Cha chreid thu, a’ Mhàiri ’ghràidh, an trioblaid ’s a’ bhochdainn a chuir a chuis air an Ard-Bhaillidh. Ged a bha e cruaidh ortsa, ’s e duine ro cheart a th’ ann, nach do leig smal fad a bheatha air fhirinn no air a cheartas. ‘Bheirinn seachad gu toileach an darra leth, bheireadh mo chuid an t-saoghal,’ ars esan, le guth a rainig ar cridheachan, ‘airson gun a leithid a thachairt domh. ’Se gnothuch eagallach a th’ ann a’ neo-chiontach a dhiteadh.’
[Vol . 9. No. 12. p. 2]
“Sheall e mu ’n cuairt air na bha ’ga eisdeachd, agus le guth ard, durachdach thubhairt e: ‘ ’S e Dia fhein am britheamh nach dean mearachd, agus nach urrainn duine ’mhealladh. Bha fhios aige-san, an t-Uile-Ghlic, ciamar a chaidh am fàine ’thoirt air falbh, agus c’ait an robh e ’m falach uige so. Theid na britheamhnan talmhaidh cearr gu furasda, le lughad am fiosrachaidh; agus gle thric, anns an t-saoghal so, feumaidh a neo-chiontach fulang, agus bithidh a bhuaidh aig na daoine mallaichte. Ach, air an turus so, thug Dia na firinn, a tha toirt do gach aon air reir an toillteanas, an uachdar a’ neo-chiontach bhochd, agus am follais a’ chiont’ fhalaichte. Faic agus aidich a nise cho miorbhuilteach ’sa bha a thoil naomh a riaghlaidh gach ni gus an tionndadh a’ chuis a mach mar so. Is ann air a shon so a thainig a’ stoirm eagallach an raoir, a chrith an caisteal ’s a chuir eagal oirnn uile gu leir, a ghluais a chraobh mhor ’s a chuir i an cunnart tuiteam; ’s ann air a shon so a bha ’n t-uisge cho trom ’s gu ’n ghlan e a’ nead am mach los gu ’n dealradh am fàine ’s gum bitheadh e furasda dha ’n t-suil fhaicinn; ’s ann air a shon so a thainig an teaghlach urramach cho trath am bliadhna thun a chaisteil le stiuireadh an fhreasdail, air chor ’s gu ’m faiceadh iad a chraobh a’ tuiteam; ’s ann air a shon so a b’ fheudar gu ’m fac’ a’ chlann og am fàine air thoiseach, chionn le aotramas is neo-chiontas na h-oige cha robh e nadurra dhaibh am fàine ’chumail am falach. Agus ’sann air son so, cuideachd, a b’ fheudar do Cheit, a’ bhean-dhitidh mheallta, a’ sgriach ud a thoirt aisde cho luath, gus a leigeil fhaicinn do gach aon gu ’m bi an coireach, ’s gu ’n robh Màiri bhochd neo-chiontach. ’S ann gle ainneamh a thachras gnothuichean cho miorbhuilleach so.
“ ‘Bheir Dia breith air gach cuis ’s an ath shaoghal, far am faigh gach aon a dhuaiseachadh air reir ’s mar a choisinn e, biodh sin math no olc; ach tha E gle thric a leigeil fhaicinn duinn a cheartais, cuideachd, ’san t-saoghal so, los nach diochuimhnich sinn gu bheil a leithid do bhritheamh ceart daonnan os ar cionn, nach urrainn mealladh no bhi air a mhealladh, agus a rithisd air eagal ’s gu ’m faod daoine, leis cho tric ’sa tha mi-cheartas a faighinn buaidh air an talamh, earbs a chall as an Ti uile-fhaicinneach, uile-chumhachdach, shiorruidh ’tha bhos ar cionn.’
“ ‘S ann mar so a labhair an t-Ard-Bhàillidh, agus dh’ eisd an sluagh ris gu furachail; dh’ aidich iad gu ’n robh na thubhairt e fior, agus thill iad dhachaidh a’ meorachadh gu domhain air na chunnaic ’s na chual iad. Agus so agad, ’Mhàiri a’ ghràidh, mion-chunntas air mar fhuaireadh am fàine.”
’Nuair a stad Amelia a bhruidhinn bha i fhein agus Màiri direach an deigh geata mor a chaisteil a ruigheachd.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Beder, Prionnsa Phersia.
CAIB. IV.
An deigh do Ghulnara cunntas ghoirid a thoirt do righ Phersia air an teaghlach do ’m buineadh i, agus gach cruaidh-fhortan a thachair rithe, thuirt an righ: “Mo bhan-phrionnsa mhaiseach, mhoralach, nach iongantach an naigheachd a dh’ innis thu dhomh! Cha chualas a leithid riamh roimhe! Mhiannaichinn mile ceisd a chur ort mu na nithean iongantach ud. Ach an toiseach, tha e iomchuidh dhomh taing a thoirt dhut air son cho math agus cho foighidneach ’s a bha thu an am dhut a bhith ’cur dearbhaidh orm feuch an robh gradh fior agus seasmhach again dhut. An e nighean righ a thubhairt mi? Cha ’n abrar nighean righ riut tuilleadh. Is e their mi riut ’na dheigh so, mo bhan-righ—ban-righ Phersia; agus bidh an t-ainm so air a dheanamh aithnichte anns a’ cheanna-bhaile am maireach le greadhnachas agus le urram nach fhacas riamh roimhe; agus bidh fios aig na h-uile gur tu mo bhean laghail, phosda. Bha so air a bhith deante fada roimhe so nan do leig thu fhein ris dhomh co thu; oir o ’n a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhiot, bha mi dhe ’n bheachd dhe ’m bheil mi an diugh, is e sin, gu ’m biodh gradh agam dhut an comhnuidh, agus nach suidhichinn m’ aigneadh air te sam bith eile ach thu fhein.”
“Ach gus m’ inntinn a riarachadh, agus a chum gu ’n toir mi dhutsa an t-urram air am bheil thu dligheach, tha mi ’guidhe ort gu ’n toir thu dhomh mion-chunntas mu dheidhinn rioghachd a’ chuain, agus air an t-sluagh a tha ’nan comhnuidh innte, oir cha chuala mi guth no iomradh riamh fhathast mu ’n deidhinn ach naigheachdan a bha mi meas mar sgeula faoin. Ach tha mi ’tuigsinn o na briathran a dh’ innis thusa dhomh gu ’m bheil na chuala mi mu ’n deidhinn fior gu leor. Agus tha thu fhein a bhith agam mar mhnaoi ’na dhearbhadh gu leor dhomh gu ’m bheil na chuala mi fior. Tha thu fhein a bhith agam mar mhnaoi ’na urram nach d’ fhuair duine a bha riamh air an talamh ach mi fhin.
“Tha aon ni ann nach ’eil mi idir a’ tuigsinn; agus air an aobhar sin, tha mi ’g iarraidh a dh’ fhabhar ort gu ’n soilleirich thu dhomh e. Is e sin, nach ’eil mi idir a’ tuigsinn cia mar a tha e comasach dhuibh a bhith ’fuireach fo ’n uisge gun sibh a bhith air ’ur bathadh. Is e fior bheagan de sluagh na talmhainn aig am bheil comas air fuireach a’ bheag a dh ’uine fo ’n uisge, agus bhiodh iad air am bathadh gun teagamh sam bith mur rachadh aca air tighinn an uachdar ann an am.”
“Mo thighearna,” arsa ban-righ Gulnara, “bheir e toileachadh mor dhomh fiosrachadh a thoirt do righ Phersia mu dheidhinn sin. Coisichidh sinne air grunnd a’ chuain a cheart cho math ’s a choisicheas sibhse air an talamh; agus tairnigh sinne ar n-anail anns an uisge mar a thairneas sibhse air tir, air dhoigh, an aite bhith air ar tacadh, mar a ni e oirbhse, gur ann a tha e ’cuideachadh le ar beatha. Rud a tha na ’s comharraichte na so, cha fhliuchar ar n-aodach idir. Uair sam bith a bhios toil againn a dhol gu tir cha ruig sinn a leas aodach tioram a chur umainn. Tha ’chainnt chumanta ’th’ againn coltach ris an sgriobhadh a bh’ air seula an fhaidh mhoir Solamh, mac Dhaibhidh.
“Feumaidh mi gun dichuimhne a dheanamh air innseadh dhuibh, gu ’m faic sinn anns a’ chuan a’ cheart cho math ’s a chi sibhse air tir; oir tha e furasda gu leor dhuinn ar suilean fhosgladh. Agus o ’n a tha sealladh geur, farsuinn againn, chi sinn anns an aite a’s doimhne dhe ’n chuan cho math ’s a chithear air tir. Tha latha ’s oidhche againn mar a th’ air tir, agus tha ’ghealach ’s na reultan a’ dheanamh soluis dhuinn.
“Labhair mi mar tha mu dheidhinn ar rioghachan; ach mar a tha ’n cuan moran na ’s mo na ’n talamh, mar sin mar an ceudna tha rioghachdan a’ chuain moran na ’s lionmhoire agus na ’s farsuinne na rioghachdan na talmhainn. Tha iad air an roinn ’nam mor-earrannan, agus anns gach earrann dhiubh so tha moran bhailtean anns am bheil moran sluaigh a’ gabhail comhnuidh. A dh’ aon fhacal, tha aireamh mhor chinneach anns a’ chuan, agus tha ’n gnaths agus an cleachdaidhean fhein aig gach cinneach dhiubh mar a th’ aig cinnich na talmhainn.
“Tha luchairtean nan righrean agus nam prionnsachan gle mhor, agus ro mhaiseach am muigh ’s a staigh. Tha cuid dhiubh air an togail de chloich chriostail a tha gle phailt ’s a’ chuan, agus de neamhnuidean, de choral, agus de dh’ iomadh seors’ eile de chlachan luachmhor. Tha òr is airgiod, agus a h-uile seorsa de chlachan luachmhor moran na ’s pailte anns a’ chuan na tha iad air an talamh. Cha ruig mi leas iomradh a thoirt air neamhnuidean, o ’n a tha ’n fheadhainn a’s luachmhoire a chunnacas riamh air an talamh, beag, neo-luachmhor, an coimeas ris an fheadhainn a tha uaislean a’ chuain a’ caitheamh.
“O ’n a tha comas againn air falbh o aite gu aite ann am priobadh nan sul le luaths miorbhuilleach agus do-chreidsinn, cha ’n ’eil feum sam bith againn air eich no air carbadan. Ach tha eich-mhara aig an righ anns na stabuill. Cha bhi e ’cur feum orra ach an corra uair a bhios feusda mhor, no greadhnachas, fa near dha. Tha cuid ann gun teagamh leis an toil a bhith ’g am marcachd an deigh dhaibh an ionnsachadh, a chum gu ’m faicear cho math ’s a mharcaicheas iad. Tha cuid eile ’g an cur ann an carbaid de neamhnuidean luachmhor air an deanamh maiseach le moran de sheorsachan shligean de dh’ iomadh dath. Tha na carbaid so fosgailte; agus ’nam meadhain tha cathair air am bi an righ ’na shuidhe a chum gu ’m faic an sluagh e. Tha na h-eich air an deanamh cho ionnsaichte ’s nach ’eil feum aca air carbad-fhear gus a bhith ’g an treorachadh. Tha moran de ghnothuichean iongantach eile ann an rioghachdan a’ chuain air nach toir mi iomradh aig an am so, ged a tha fhios agam gu ’n tugadh e toileachadh dhiubh fiosrachadh fhaighinn mu ’n deidhinn; oir feumaidh mi an drasta labhairt mu nithean a tha moran na ’s feumaile dhuinn taobh air thaobh. Agus is e sin, gu ’m bheil an doigh a th’ aca anns a’ chuan air frithealadh a dheanamh do mhnathan air an laidhe-siubhla tur eadar-dhealaichte o ’n doigh a tha aig sluagh na talmhainn, agus air an aobhar sin, tha eagal ormsa mi fhin earbsa ris na mnathan-gluine a th’ anns an duthaich so. Uime sin, o ’n a tha e ro bhuannachdail dhuinn taobh air thaobh gu ’m faighinn-sa agus na bheil air mo shiubhal gu sabhailte as an leabaidh chunnartach ud, ma chi sibhse iomchuidh e, tha mi ’smaointean nach ’eil dad a’s fhearr dhuinn na fios a chur air mo mhathair agus air mo bhanachairdean gus cuideachadh is frithealadh a dheanamh dhomh ann an leaba na siubhla. Aig a’ cheart am bu mhath leam an righ mo bhrathair a thighinn an so mar an ceudna; oir tha toil mhor agam reite a dheanamh ris. Bidh iad gle thoilichte m’ fhaicinn aon uair eile an deigh dhomh mo naigheachd innseadh dhaibh; agus gu h-araidh an uair a thuigeas iad gur mi bean righ mor agus cumhachdach Phersia. Tha mi ’guidhe air bhur morachd cead a thoirt dhomh fios a chur orra. Tha mi cinnteach gu ’n toir e toileachadh mor dhaibh urram a thoirt dhuibh; agus gabhaidh mi orm a radh gu ’n toir e toileachadh mor dhuibh fein am faicinn.”
Fhreagar righ Phersia agus thuirt e, “A bhain-tighearna, is tu fhein a’s banamhaighstir; dean mar a chi thu iomchuidh. Feuchaidh mise ri gabhail riutha leis an urram air am bheil iad dligheach. Ach bu mhath leam fios fhaighinn cia mar a theid agad air teachdaireachd a chur do ’n ionnsuidh, agus c’uin a bhios duil agad riutha, a chum gu ’n tugainn ordugh seachad gach ullachadh feumail a dheanamh air an son, agus gu ’n rachainn fhein g’ an coinnaachadh.”
“Mo thighearna,” arsa ban-righ
[Vol . 9. No. 12. p. 3]
Gulnara, “cha ruigear a leas dragh sam bith a ghabhail; bidh iad an so ann an tiotadh. Ma theid sibh a steach do ’n chlosaid, agus gu ’n seall sibh am mach troimh ’n uinneig, chi sibh an doigh anns an tig iad.”
Cha bu luaithe chaidh an righ do ’n chlosaid na thug a’ ban-righ Gulnara ordugh do the dhe na mnathan a bhiodh a’ frithealadh dhi teine ’thoirt a steach ann an soitheach, An uair a rinn i so, thuirt i rithe a dhol am mach as a’ chlosaid. Thug i criomag de dh’ aloes am mach a bocsa, agus chuir i anns an tein’ e. Cho luath ’s a chunnaic i ceo ag eirigh as, labhair i briathran nach do thuig an righ, a bha fad na h-uine a’ gabhail beachd le mor aire air a h-uile car a bha i ’deanamh. Cha bu luaithe a chuir i crioch air na briathran a bha i ’labhairt na thoisich gluasad mor air a’ chuan. Chitheadh an righ am mach troimh uinneag na closaid an gluasad mor so a bh’ air a’ chuan.
Mu dheireadh dh’ fhosgail an cuan astar gun a bhith mor o ’n luchairt, agus ann an tiotadh thainig duine og, ard, eireachdail an uachdar, agus feusag air dhath na mara air. ’Na dheigh sin thainig leith sheana bhean uasal an uachdar air an robh coltas moralach, agus coignear de mhnathan uaisle oga ’na cuideachd, nach robh dad air ais air Gulnara fhein ann an dreach ’s ann am maise.
Thainig Gulnara anns a’ mhionaid thun na h-uinneig, agus chunnaic i an righ a brathair, a’ bhan-righ a mathair, agus a chuid eile dhe a luchd-daimh. Thug iadsan an aire dhise mar an ceudna. Choisich iad air an aghart gu h-aotrom luthar an deigh a cheile air bharraibh nan tonn gus an d’ rainig iad tir mu choinneamh na h-uinneig. An uair a rainig iad tir mu choinneamh na h-uinneig, leum aon an deigh aon dhiubh gu h-aotrom luthar a steach air an uinneig. Chuir righ Saleh, agus a’ bhan-righ a mathair, agus a’ chuid eile dhe a luchd-daimh failte chridheil chaoimhneil air Gulnara.
(Ri leantuinn.)
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XIII.
AN CRUINNEACHADH ANN AN DUNEIDEANN.
’Nuair a chuala cùirt Rìgh Seòras an Lunnainn ma ghnàthachadh a’ Phrionnsa ann an Albainn thòisich iad air gabhail eagail agus air togail dhaoine gu feachd laidir a chuir na aghaidh; agus m’a dheireadh dara mìos an Fhoghair dh-òrduich rìgh Seòras iomadh réiseamaid de shaighdearan coise, agus marc-shluagh a dhol dìreach do dh-Alba fo chomannda Mharasgail Bhade, agus ràinig iad so cho fad air an aghaidh ris a’ Chaisteal-Nogha air an naoidheamh latha fichead de mhìos dheireannach an Fhoghair. Bha Tearlach mu’n am so a deanamh deas gu Sasuinn a ruighinn le fheachd féin. *
Air cluinntinn dhaibh ann an Sasuinn gu ’n robh anabharra sluaigh air éiridh le Tearlach air feagh gach àite de dh’ Albainn: thàinig fosnear dhaibh gu ’n robh feachd Mharasgail Bhade tuileadh a’s lag air son coinneamh a thoirt do dh’ fheachd nan Gàel. Air ball thòisich rìgh Seòras air togail dhaoine anns gach baile mòr an Sasuinn, agus dh-òrduich e dhachaigh cuideachda lionmhor dheth a chuid saighdearan ionnsaichte a bha mu’n àm sin a cogadh ris na Fràngaich ann am Flànrais. Thàinig iad so a nall gun stad agus Diùc Uilleam dara Mac Rìgh Seòras féin air an ceann. Mu’n àm so bhasa meas gu’ m be Diùc Uilleam seanalair cògaidh cho math sa’ bha ’ann am Breatuinn mhòr gu léir; agus bha e chean’ an deigh mòr chliù a chosnadh, agus a sheòltachd air stiùradh airm a dhearbhadh ann an cath iomraiteach Fontonoi. A thuileadh orra so, bha tri réiseamaidean gu bhi air an togail air chosg mhathaibh agus dhaoin’ -uaisle Shasuinn a chum còmhnadh le Deòrsa, agus a chum ’s gum b’fhearr a chuirte gach cùis air aghaidh thug iad dha 700,000 pund-Sasunnach an iosad.
An deigh blàr Sliabh a Chlamhain dh’fhan Tearlach fad shia seachduinean ann an Lùchairt rioghail Dhun-éideinn agus a chum coinneamh a chumail ris an fheachd lionmhor a dh’ ainmaich mi a bhasa ’g ullachadh air a chinn ann an Sasuinn, chuir e deagh shùrd air daoine thional anns gach àite de’n dùthaich, araon air Machair a’s Gàeldachd. Aig an àm cheunda bha Foirbeiseach Chuil-fhodair an deigh cuid dheth na Fineachan Gàelach a thogail ann an aobhar Dheòrsa, agus gu dearbha, faodaidh mi aithris nach b’ann de dhiù nam fineachan (an àm gàbhaidh) a bha uidhir dhiu sin ’sa dh’ eirich leis, agus ni mi ’n so an ainmeachadh: —Na Duimhnich, † na Cataich, ‡ na Rodhaich, na Granndaich, na Leòdaich Dòmhnullaich an Eilein-Sgiathanaich, agus iomadaidh eile air nach d’ fhuair mi ainm.
Thug tighearna Chuil-fhodair mar an ceunda air Iarla-Shì-Phort ionnsaidh a thoirt air na Sàilich, na Leòghasaich, agus a chuid eile do Chlann-Choinnich a thogail an aobhar Righ Deòrsa, agus a thaobh gu’n robh fios aige nach tigeadh a h-aon diubh air àilleas gu dhol a chobhair Dheòrsa, chuir e fios a Leòghas agus do Chinntàile iad a chruinneachadh air a leithid so do latha aig Caisteal-Bhradhainn a chum dol a thogail creach bho Mhac sin an droch rùin do Mhac-Choinnich. Ach air dhaibh an caisteal a ruidhinn chaidh innseadh dhaibh gur ann gu còmhnadh leis an Righ a bhasa g’an iarraidh,— “Ciod an Rìgh?” arsa fear dhiu, “Rìgh Seòras” arsa Mac-Coinnich. Labhair iad an sin mar aon duine, nach cual’ ìad riabh iomradh air rìgh ach an aon Rìgh dligheach, * agus mar a faigeadh iad a chead-san gu dhol a chogadh na aobhar nach rachadh iad a dhortadh am fala an aobhar coigrich sam bith “co dhiu a bhiodh e na rìgh no na ridir.” Air dhaibh an rùn a thaisbeanadh mar so, phill iad dhachaigh.
A Dunéideann chuir ann Prionnsa an ath-theachdaireachd gu Sir Alasbair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte agus gu Mac-Leòid Dhùn-bheagain, ag ràdh n’an eireadh iad leis aig an àm so, nach cuimhnicheadh e gu bràch dhaibh iad ga dhiùltadh a’ chiad uair a dh’ iarr e orr’ éiridh, ach cha’n éireadh na daoin’ -uaisle sin le Tearlach air chumha sam bith. Dh’innis mi air tùs na h-Eachdraidh gum b’e Tighearna Chuilfhodair bu choireach iad a dh’ fhantainn air ais.
Chuir an Prionnsa an ath theachdaire gu Morair Sim, Mac-Shimidh na h-Airde ceann-cinnidh nam Frisealach, agus bh’an duin’ -uasal sin greis eadar dha bharail, co dhiù thogadh no nach togadh e chuid daoine ann an aobhar Thearlaich. Bha dearbh-chinnt aige na’n rachadh an agaidh a’ Prionns’ air a cheann ma dheireadh, gun cailleadh e chuid a’s oighreachd, agus a bheatha mar an ceudna, nan rachadh e idir ’s an eidriginn agus a chum gean math na Pàrlamaid Shasunnaich a chosnadh, dhiùlt e Tearlach as is as, nam b’ fhior. Ach cho luath sa dh’ fhàg an duin’ -uasal a bh’ air teachdaireachd a’ Phrionnsa caisteal Dhun-Shìth thug Mac-Shimidh air Frisealach Ghort-taobhlaic muinntir na h-Airde agus fearann eile Mhic-Shimidh a thogail fos-n- iosal mar gun b’ann gu’n fhios do Mhorair Sim féin agus cho luath ’sa fhuaradh cruinn iad, chur Mac-Shimidh fios air a mac bu sheine nach robh mu’n àm so ach ma ochd bliadhna diag e dh’ aois, agus a bha anns an sgoil ann an Oil-taigh Chille-Ribhinn, e thighinn dhachaigh gu grad, agus air dha thighinn, tha cuid a cumail a mach gun do cho-éignich athair e gu falbh air cheann nan daoine mar gum b’eadh a dh’ ain-deoin athar, nach b’ urrainn le aois a’s anmhuinneachd an eis bu lugha ’chuir air a mhac cheannairceach so! Dh’ fhalbh an t-òigear so agus na Frisealaich a chum Dunéideann a ruidhinn, ach bha ’m Prionns air falbh do Shasuinn seachduin mu ’n d’ rainig iad, agus cha deach’ iad na b’ fhaid’ air an turas sin.
Co dhiubh, bha ’n cruinneachadh sluaigh a thàinig gu bratach Thearlaich ann an Dunéideann, mar nach Shimidh na h-Aird, a bha mu ’n àm b’ olc, agus b’e ’n chiad fhear dheth na h-uaislean (Gallda, no Machrach) a thainig da h-ionnsaidh Morair Ogilbhie mac Iarl Airlie, a thàinig do’n bhaile air an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair le feachd shia ceud fear, bha chuid mhòr de na daoine so dheth a chinneadh féin, agus do mhuinntir Shiorramachd Fhor-fhair. Air an lathair-na-mhàireach thainig Gòrdonach Ghlinne-Bucaid le ceithir cheud fear á braighe Shiorramachd Obaireadhain. Air an naoidheamh latha thàinig Morair Phitsligo le còmhlan lionmhor dhaoin’ -uaisle bho Shiorramachdan Obaireadhain agus Bhainbh.Air an t-sia-amh latha diag, thàinig Morair Luthais Gòrdon le feachd lionmhor; agus iomadaidh eile air nach d’fhuair mi ainm. Air dhaibh a dhol gu léir cuideachd bha ma thuaiream sia mile fear-feachd aig Tearlach cruinn.
’Nuair a chuala Rìgh Seumas air tùs gun dh’ fhalbh am Prionnsa do dh’ Alba air tì a dhol a chogadh ri Rìgh Deòrsa, ged a bha e faicinn na cùise mi-choltach, rinn e gach ni bha na chomas, mar bu nadurach do dh’ athair tlusmhor agus eudmhor a dheanamh as leth mic. A chum còmhnadh le Tearlach ann an cosgais chogaidh; chuir an Rìgh sùim 200,000 francs* gu Mr. O’ Brian fear-riaghlaidh a ghnothaichean ann am Pàrais a chum nam fiach a b’ air a Phrionns anns a’ bhaile sin a dhioladh, agus chuir e mar an cianda 50,000 francs† gu Mr. Bhaters a bha na Bhancair ann am Pàrais a chum a chuir an déigh Thearlaich do dh’ Albainn; tacan an deigh sin chuir e 80,000 crùn Ròmanach chun a Bhancair chianda, a’ gealltainn 28 crùn Ròmanach a chuir thuige rithist ann an beagan ùine; thuird an rìgh gun dh’ fhàg na bha sin a dh’ airgead a thoirt seachad a sporan glé aodrum. A thuileadh air sin chuir e litir gu rìgh na Fràinge a’ cruaidh sparraidh air feachd laidir dheth a chuid daoine chuir a dh’ Albainn gu còmhnadh le Tearlach.
Goirid an deigh Dunéideann a ghlacadh chuir am Prionnsa féin Mr. Kellie do’n Fhràing a dh’ innse cho math sa’ bha e tighinn air aghaidh ann an Alba a chum misneach a thoirt do Rìgh na Fràing’ a chuid dhaoine chuir a nall. Tacan an déigh sin chuir e Sir Seumas Stiùbhart do’n Fhràing mar thosgaire dh’ ionnsaidh an Rìgh a chum naigheachd Mr. Kellie a dhaingneachadh. Agus rainig Flath cnmhachdach eile mhuinntir na Fràinge, an Diuc de Bouillion (companach dealaidh a bh’ aig a’ Phrionnsa féin ’nuair a bha e san Rioghachd sin) an Rìgh a chum iompaidh a chuir air còmhadh le Tearlach.
Ma thoiseach mìos dheireannach an Fhoghair thàinig caochladh luingeis
*Chuir Marasagal Bhade gairm air feadh na h-Alba. Gach duine a cho-eignich na h-uachdaranan gu eiridh leis a’ Phrionnsa ga’n an-toil gu’m faigheadh iad mathanas bho Dheorsa na ’m b’e is gum pilleadh iad dhachaigh ro’n dara latha diag de chiad mios a Gheamhraidh.
*Na Caim-beulaich. †Tuath Mhorair Cat.
*Righ Seumas athair a Phrionnsa.
8750 Pund-Sasunnach. †2187 Pund-Sasunnach
[Vol . 9. No. 12. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, SEPTEMBER 21, 1900.
Facal mu’n “Mhac-Talla.”
O DHEAGH CHARAID:—
Tha mi sgriobhadh so air son innse dhut cho measail ’sa tha mi air do phaipear gasda. Cha’n eil uair a ruigeas e m’ fhardoich nach dean mi féin ’s gach neach a tha fo dhruim an taighe toileachadh ris, agus aon uair ’s gu faigh mi am laimh e, cha leig mi as e gus an leugh mi am facal mu dheireadh dheth. Tha bòsd mor orm air a shon, agus ’se mo dhòchas gu’n Gàilig a th’againn. Cha robh paipear soirbhich leis. ’Se an aon phaipear Gàilig ann riamh roimhe a bha tigh’nn a mach uair ’san t-seachdain, agus cha robh eadhon paipear miosail ann gu ruige so a mhair thar sia bliadhna. Tha MAC-TALLA nise ruith o chionn còrr us ochd blindhna, agus tha e fàs na’s làidire gach mios us seachdain a tha ’dol seachad. Cha’n eil coltas a’ bhàis air idir; ’s ann a tha fior choltas na slainte air, agus mo làn chead aige! Ann am MAC-TALLA tha againn paipear ’nar cainnt fhéin, a sheasas sinn, agus a thig ugainn le sheanachas taitneach uair ’san t-seachdain fhad ’sa bhios sinn gu leir dileas dha ’sa chuireas sinn sin ’na chomas. Ach tha eagal orm nach eil sinn a’ deanamh air a shon uiread ’s bu chòir dhuinn. Tha moran dh’am b’àbhaist a bhi gle eudmhor ag iarraidh luchd-gabhail dha ’sa sgriobhadh air a shon a tha air sgur dhe’n obair ion-mholta sin cha mhor gu buileach. Cha’n ann a chionn gu bheil iad a faotainn coire sam bith dh’an phaipeir, no a’ fàs suarach uime; cha’n ann, cha’n ann; tha iad cho measail air ’sa bha iad riamh, agus cha sguireadh iad dhe ghabhail air son rud sam bith. Ach tha iad a’ smaoineachadh gu bheil e a nise air bhonn cho math ’s nach eil feum aige air a’ chòrr cuideachaidh. Cha b’urrainn dhaibh mearachd bu motha dheanamh. Cha’n eil am paipear sin ann is urrainn soirbheachadh gun a luchd-gabhail a bhi deanamh cuidheachaidh leis. Agus ged a bhitheamaid làn chinnteach gu’n rachadh aig a’ MHAC-TALLA air cumail air adhart gun chuideachadh sam bith uainne,cha’n e sin crioch a ghnothuich. Cha’n eil sinn a mhàin ag iarraidh am paipear Gàilig bhi air a chur a mach uair ’san t-seachdain mar a tha e, ach tha sinn air son e bhi a’ fàs na’s fhearr agus na’s motha. Tha sinn taingeil e bhi againn mar a tha e, ach cha bhi sinn toilichte mur bi e ’fàs ’sa dol am feobhas. Agus ’se ’n aon rud a dh’ aobharaicheas sin tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn dha. Mar is motha ’n àireamh a bhios ’ga ghabhail, ’s ann is comasaiche bhios iadsan a th’air a cheann air a dheanamh na’s motha agus na’s fhearr. Agus nan rachamaid an guaillibh a chéile air an fhoghar so, tha mi cinnteach gu’n rachadh againn air àireamh a luchd-gabhail a dhùblachadh romh dheireadh na bliadhna. Na’m faigheadh gach aon tha ’ga ghabhail an dràsda aon fhear-gabhail ùr dha, (agus tha mi smaointeachadh nach bu mhor an obair sin) bhiodh sin deante an ùine gle ghoirid. Tha mi-fhéin a’ gealltuin dhut, ma bhios mi beò, slan, gu faigh mi air a chuid is lugha COIGNEAR a ghabhas e mu’n tig Bliadhn’ ùr. Ma gheibh mi deich dhut, ’se is fhearr, ach cha dean mi cinnteach dhut ach a coig. ’Se ’s dòcha gu’m bi mi gle dhripeil a chuid a’s motha dhe’n ùine, ach drip ann no as, ni mi na’s urrainn mi air son MHIC-TALLA, ’s air son an duine chòir a tha ’ga dheasachadh. Saoilidh mi gu’m bi àireamh mhath comasach air deanamh cho math riumsa, ach iadsan nach eil tha mi ’n dòchas gu’n dean iad na’s urrainn daibh. Deanamaid uile ar dichioll, agus càrnamaid suas na h-ainmean ùra ’s na dolair air bòrd-sgriobhaidh MHIC-TALLA gus an tig fiamh an aoibhneis air a ghnùis ’s an dean e gàirdeachas a bhi ’faicinn gu bheil sinn a’ cur meas iomchuidh air toradh a shaoithreach.
An dòchas gu’n cluinn thu uam an ùine ghòirid, is mi,
Do Charaid Dileas,
CALUM A’ GHLINNE.
Iadsan a Phaigh.
Uisdean Mac Aonghais, Horne ’s Road.
Domhull I. Mac Aonghais, Horne ’s Road.
Eachunn Mac Neill, South Bar.
Seumas Gillios, Sidni.
D. M. Mac Mhuirich, Sidni.
Iain Mac Dhiarmaid, Boulardarie .
D. R. Domhnullach, Boulardarie .
Domhull Mac Gill-fhinnein, Port Hood.
Iain Mac Gill-fhinnein, Amhuinn Dhennis.
Tormad Mac Leoid, Bucklaw .
Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake.
An t-Urr. W. A. Mac Coinnich, Johnstown .
Domhull I. Mac Neill, Cul Iona.
Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn.
An t-Urr. D. Siosal, Heatherton , N. S.
Bean Iain D. Mhic Gille-brath, Allt a’ Bhaillidh, N. S.
Bean Chaluim Mhic Leoid, Valleyfield , E. P. I.
Caitrine Chaimbeul, Fullerton , Ont.
Domhull D. Mac Leoid, Hampden , Que.
Domhull Domhnullach, Steornabhagh, Que.
Cailean Siseal, Lunnainn, Sasunn.
Gilleasbuig Mac Gilleain, Kennington Cove.
Alasdair S. Mac Leoid, Framboise .
Domhull Mac Neacail, Catalone .
Lachuinn I. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie.
Iain Mac Leoid, Sidni Tuath.
N. D. Mac Dhuibhi, Meinn Ghuail Mhabou.
A. D. Mac Leoid, Kinross , E. P. I.
Iain Mac Thearlach, Ottowa , Ont.
AM BHEIL GAILIG AGAD?
Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime.
Faic dealbh na leine os cionn an doruis.
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 12. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh muilleann-sàbhaidh a losgadh aig Drochaid Graham, an Judique, oidhche Di-satharna, an ochdamh latha dhe’n mhios so. Bhuineadh i do dhithis dhaoine, Beutonach agus Camaronach. Cha robh urrasachadh sam bith oirre, agus mar sin tha an call gle throm orra.
Chaidh soitheach-smuglaidh d’am b’ainm Howard a ghlacadh aig Sidni Tuath feasgar Di-màirt. Thaimg i stigh do’ n acarsaid gus i-fhéin a shàbhaladh o’n stoirm agus mu ’n robh an stoirm seachad rinn luchd na cusbuinn greim oirre. Mu’n d’ rainig luchd-na-cusbuinn i bha ’n sgioba an deigh roinn mhor de’n luchd a thilgeadh aisde.
Tha exhibition Halifax a’ dol air adhart gu math; tha àireamh mor sluaigh a’ dol g’a ionnsuidh gach latha, agus bha’n t-side ’chuid a b’fhearr dhe’n ùine gle fhabharrach. Cha’n eil muinntir Cheap Breatunn, a reir coltais, a gabhail suim mhor sam bith dhe’n exhibition so; cha’n eil am bliadhna ach dithis no triuir a mhuinntir an eilein so a chuir ni ’ga shealltuinn ann, agus cha robh bliadhnaichean roimhe so dad na b’fhearr anns an dòigh sin. B’e Dior-daoin an latha mu dheireadh dheth, agus an ioma doigh an latha b’fhearr. Cha do phaigh e air an turus so a bheag na b’fhearr na rinn e bliadhnaichean roimhe.
Tha strike mhor air tòiseachadh ann am mèinnean guail Phennsylvania. Tha mu shia fichead mile duine ’nan tamh air an t-seachdain so, agus tha e gle choltach gu’m bi mu fhichead mil’ eile nan tàimh an ceann a dha no tri lathaichean. Cuiridh so call agus éis mhor air an dùthaich gu h-iomlan, oir bha ’n gual gle ghann mar a bha. ’S e dh’ aobharaich an strike na daoin bhi ’g iarraidh tuilleadh tuarasdail agus nithean eile a bha, a reir barail moran, gle reusonta, ach dhiùlt na cuideachdan d’am buin na mèinnean ni sam bith dhe na bha iad ag iarraidh a thoirt daibh. Gu ruige so tha na daoine gle shitheil, agus tha dòchas nach bi troimhe-chéile sam bith nam measg agus gu’n tig iad-féin ’s na cuideachdan an uine ghoirid gu còrdadh.
Gheibhear an àit eile anns an àireamh so litir o charaid a tha air son tuilleadh luchd-gabhail fhaicinn aig MAC-TALLA ’sa tha deònach a chuid fhéin a dheanamh gus an àireamh a dhùblachadh romh dheireadh na bliadhna. Cha’n eil sinn a’ faicinn gu’m biodh e doirbh sam bith sin a dheanamh. ’Nan deanadh gach aon a tha ’ga ghabhail na tha ’na chomas, bhiodh e deante an ùine gle ghoirid. Gun a dhol thar criochan ar dùthcha féin, tha na miltean de theaghlaichean Gàidhealach air feadh Cheap Breatunn, Nobha Scotia, Eilean a’ Phrionnsa, Cuebec, Ontario, Manitoba, ’san Iar Tuath, anns am bu chòir do MHAC-TALLA bhi taghal gach seachdain, agus anns am bitheadh e taghl ’nan deanadh a chàirdean dichioll. Tha mar an ceudna moran Ghàidheal anns na Stàidean dh’ am bu chòir a bhi ’ga ghabhail, agus ann an Alba, seann deachaidh na Gàilig. Tha sinn an dòchas gu’n tòisich iadsan a tha ’ga ghabhail anns gach àite air an deagh obair so.
Rinn an stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh call mor air na soithichean iasgaich an Eilean a Phrionnsa. Aig Caraquet, bha moran bhàtaichean air an call, agus bhàthadh àireamh mhor de na h-iasgairean. Fhuaireadh mar tha da chorp dheug, agus tha mu dha uiread sin de dhaoine air chall. Aig Murray Harbor chaidh sia soithichean a thilgeadh air tir, agus a tri aig Souris.
Fhuaireadh duine d’am b’ainm Lemmel Bridges marbh faisg air an rathad-iaruinn aig Seana Bhridgeport maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar a’ deanamh gu’n do thuit e bhar carbaid a bha dol a mach do Ghlace Bay an oidhche roimhe sin. Bha e 40 bliadhna dh’ aois. Thainig e an so á Boston, far an d’fhàg e teaghlach. Bhuinneadh e ’n toiseach do Bhaile Shearlot, E. P. I., far an robh ’athair na cheannaiche feòla.
Maduinn Di-haoine s’a chaidh fhuaireadh an soitheach-seolaidh Greta air a beul foidhpe anns a chuan mu dha fhichead mile an eara-dheas air Scatarie. Cha d’fhuaireadh sgeul air duine dhe’n sgioba, agus cha’n eil teagamh nach robh iad uil’ air am bàthadh. Chaidh bàta-tarruinn air a tòir Di-satharna, agus rainig i Louisburg leatha feasgar Di-dònaich. ’Se soitheach ùr a bh’anns a Ghreta; chaidh a togail ann an Dorchester, N. B., deireadh an fhoghair s’a chaidh. Bha i ann an Sidni Tuath le luchd guail latha no dha romh ’n stoirm a dh’aobharaich a call.
Tha an cogadh anns an Transbhaal gle fhaisg air a bhi seachad. Tha buidhnean mora de na Boerich an deigh toirt suas do na Breatunnaich, ’s cuid eile dhiubh air tilleadh dhachaidh. Thug Buller a mach Lydenburg, an t-àite anns an robh iad a cur rompa seasamh ’nuair a chailleadh iad anns gach àit eile. Cha’n eil mar sin dhaingneachd no àite làidir sam bith air fhàgail aca, agus cha’n urrainn daibh tilleadh mor sam bith a chur air an arm Bhreatunnach tuilleadh. Tha dùil ris an t-sith a bhi air a gairm le Breatunn an ùine ghoirid; tha Morair Roberts a dol air ais gu Sasuun air an ath mhios. Bidh am beagan cathachaidh a bhios ri dheanamh an deigh sin air fhàgail aig na ceannardan eile.
Tha Crugar an deigh an Transbhaal fhàgail; an sgeul mu dheireadh a fhuaireadh air bha e ann an Lorenzo Marquese, air fonn Phortugal. Cha leig na Phortugaich teachdaireachd sam bith air adhart eadar e-fhéin ’sa chuid oifigeach, agus mar sin tha e air a sgaradh bho’n Transbhaal gu buileach. Cha’n eil aig a nis ach a bhi ’toirt na Roinn-Eòrpa air far am faod e chuid eile dhe làithean a chur seachad gu socair seasgair a cosg an airgead a thog e leis á ionmhas na dùthcha a bha e riaghladh. Cha dean na Breatunnaich greim air tuilleadh, o’n fhuair e air fonn dùthch’ eile, ach ’s math leo e bhi cuibhteas an Transbhaal; cha robh dùil aca ris an t-sith fhad ’sa bhiodh e ann.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
$7 .00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe.
Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn.
30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3 .00, a nise $1 .95
25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1 .50, a nise $1 .32
100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1 .25, a falbh air 79c.
Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte.
H . H. Sutherland & Co.
KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN
Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.
Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.
FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.
aM tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 9. No. 12. p. 6]
Fràngach gu Montrose, agus gu Calanan-Clach; agus aon long gu Dùthaich Mhic-Aoidh. Thug an luingeas so a nall gunnaidhean gu leòr, fùdar a’s peileireann; Anns a chiad luing dhiù so thainig 5000 pund-Sasunnach de dh’ airgead-ullamh, 2500 àrm: agus an Tosgaire Fràngach do ’n goirte ’m Marcus D’ Eguilles. Thàinig na bha’n so sàbhailte gu làmhan a Phrìonns’ air an deich-amh latha de ’n mhìos. Ach ghlac na Cataich le foill an long a thàinig do Dhùthaich Mhic-Aoidh. Goirid an deigh so thàinig long bheag Fhràngach eile, a thug a nall beagan airgeid agus oifigeich Fhràngach, agus Eireannach maille ri sia gunnaidhean mòra.
Mu’n àm so chuir am Prionnsa gairm air feagh gach dùcha mu’n cuairt gun robh e cur mar chìs air gach tuathanach, (gach fear a réir a chomais) fodar, fiar, agus sìol a chuir gu ruige Dunéideann, air a leithid so do latha, air son innlinn da chuid each-cogaidh, agus aon sam bith dhiu nach biodh umhail do’n ghairm, bha feachd gu ruidhinn a chùm na cìse so a thoirt dheth le lamhachas-laidir—ach cha tàinig orra sin a dheanamh, thàinig fodar, fiar, a’s sìol gu leòr a steach do’n bhaile air an latha shonraichte. Ré na h-ùine dh’ fhan Tearlach sa’ bhaile bha mòd ceartais a’ suidhe gu breth, agus chaidh caochladh luchd-reubainn a’s droch-bheirt a dhìteadh, agus a’ chrochadh.
(Ri leantuinn.)
Litir o Chailean Siseal.
FHIR-DEASACHAIDH:—
Tha mi an so am baile Dawson, faisg air ceann tuath no crann tuath(north pole)an t-saoghail. Tha mi tuigsinn gu bheil sibh a’ cur a MHIC-TALLA agamsa gu mo charaid, an Dotair Gillios ann an Lunnainn. Tha sin ceart gu leòr; seòlaibh g’a ionnsuidh e gus an cluinn sibh bhuamsa rithist. Cha’n eil fhios agam co dhiu phàigh Ian Mac Coinnich air mo shon am bliadhna; tha mi fo eagal nach do phàigh, agus anns a’ bharail sin tha mi ’cur dolar ugad air son na bliadhna tha ruith. Tha mi smaointeachadh gur e dolar gu leth a phris, ach cha’n eil mi cinnteach; ma ’se agus gu bheil an t-suinn goirid, pàighidh mi da dholair an ath bhliadhna. Tha mi dol air ais do Lunnuinn air a’ gheamhradh so. Cuiribh “da dolair an ath bhliadhna” os deigh m’ ainme anns an t-sreath “Iadsan a Phaigh,” a chum nach dean mi dearmad ort.
Tha mi toilichte innse dhut gu bheil barrachd Gàilig air a labhairt ann an Dawson na chuala mise bho cheann iomadh latha agus oidhche. Ge bochd an gnothuch, tha tuilleadh Gailig ann an Dawson na tha ann an Strathghlais, an Alba. Ach bha la eile ann. Tha na daoine bu chòir a bhi ’n Alba ann an Canada Taing do Dhia, cha’n eil guth air na“game laws”ann an Canada fhathast. Na’m bitheadh rachadh ruaig air na daoine á Canada mar a chaidh air na Gàidheil bhochda as an dùthaich féin. Ach tha mi toilichte gu’n d’fhuair luchd-riaghlaidh na dùthcha mach nach deanadh féidh nam beann saighdearan airson cliù na rioghachd a sheasamh anns an Transvaal no ann an China. O, mo chreach! cha’n eil daoine anns a Ghàidhealtachd.
Tha gille math anns a bhaile so a cur bheannachd do ur n-ionnsuidh—Seumas, mac Phadruig Mhoir á Hogomah—smear an duin-uasail. Tha moran de mhuinntir Cheap Breatunn ’sa bhaile so, a’ bùrach ’sa ruamhar air son an òir. Cha’n fhiach ach òr an so; cha’n eil airgead ri fhaicinn ach a h-uile fear agus pocan òir aige, agus le òr a pàigheadh gach ni. Le beannach, i ’s mise.
Ur Caraid,
CAILEAN SISEAL.
Dawson City, Yukon, Canada,
Ogust 26, 1900.
An uair a tha daoine a tha ann an suidheachadh àrd urramach air an gairm air falbh, tha e gu tric a’ tachairt gu ’m bi eagal air mòran dhe na dh’ fhàgar ’nan déigh nach fhaighear daoine freagarrach gu seasamh ’nan àite. Ach tha fhios aig an Fhear a chruthaich an saoghal, agus tha gu glic ’ga riaghladh, gu ’m bheil daoine ann a tha freagarrach gu leòr gus seasamh ann an àite nan daoine a tha e fhein a’ toirt air falbh.
Tha misneach a cheart cho feumail dhuinn ri eòlas. Cha dean saighdear gun mhisnich feum sam bith anns a’ chogadh? Nach fhaodar a radh le firinn gur e cogadh a th’ann am beatha gach duine? Nach ’eil gach duine a’ cogadh an aghaidh trioblaid, bròin, agus bais? Nach ’eil sinn a cogadh an aghaidh laigse agus anamhuinneachd? Nach ’eil sinn a cogadh an aghaidh bochdainn, agus éis, agus comadh crannachuir?
Cha ’n ’eil e a réir nàdur an duine a chrois a ghiùlan, speis a thoirt dhi, a cholunn a chlaoidh ’s a chumail fo smachd, a bhi seachnach air onair, déigheil air masladh fhaotainn o dhaoin’ eile, cur suas leis gach ana-cothrom is calldachd, gun iarraidh air morchuis saoghalta.
Chluinn sinn gu tric iomradh air daoine a tha comasach air labhairt ann an iomadh canain, ach is ainneamh a chluinnear iomradh air duine aig am bheil eòlas coimhlonta air a chainnt mhàthaireil.
An seirbhiseach nach ’eil dìleas ann an obair a mhaighstir, tachraidh dha air a’ [ ? ] [ ? ]heireadh mar a thachair do ’n stiùbhard eucorach—cuirear as a dhreuchd e.
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’00—1yr.
WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 9. No. 12. p. 7]
Marbhadh nan Ian.
Tha moran dhaoine, gu sònruichte balaich òga, nach ’eil suim ’sam bith aca de na h-eòin bheaga a tha ’g itealaich mu’n cuairt. Tha iad uile deas gu clach a thilgeadh air na creutairean beaga gun lochd.
Nam biodh fhios aca, air neo na smaointicheadh iad gur e Dia a chuir air an talamh iad, agus gur anm air son math an duine tha iad, ma dh’ fhaoide nach bitheadh iad cho deas g’ am marbhadh.
Cha ’n ’eil na h-eòin bheaga sin a chòir cho bragail ris na balaich. Tha iad a’ deanamh agus a’ toirt an aire d’ an obair fhein gu sàmhach, socrach, gun turas a ghabhail ri duine no ri beathach. “Ah,” arsa cuid agaibh, “cha ’n ’eil fhios ciod tha iad a deanamh; cha ’n ’eil dad ach a milleadh arbhair.” So agad cuid de na nithean feumail tha iad a deanamh; tha iad ag itheadh nam burach a tha cho millteach air càl, agus luighean eile,tha iad mar an ceudna a cuideachadh an tuathanaich le bhith ’g itheadh chreutairean millteach bhios a tolladh nan duilleagan agus ag itheadh nan diasan.
Tha an naigheachd bheag a leanas a leigeil fhaicinn dhuinn mar a fhuair Righ araidh a mach gu de am feum tha anns na eòin.
Bha gàradh briagh aig Righ Phruisia anns an robh a h-uile seorsa meas a b’ fhearr a’ fàs. Aon là chunnaic e moran de na h-eòin bheag bhòidheach sin ris an arbrar gealbhoinn, —a’ suidhe air craoibh air an robh meas mor aig an Righ. Nis bho ’n bha an t-acras air na h-eòin, smaointich iad gun deanamh iad fleadhachas ar measan an Righ. Las an Righ le feirg ’nuair a chunnaic e a chraobh bhriagh air a spuinneadh aig na h-eòin, agus thubhairt e nach b’ fhada bhitheadh ceann air amhaich aca. Mar a thubhairt b’ fhior. Thòisich an Righ air cur às do na h-eòin le sgillinn agus bon-a sia a thairgsinn air son a h-uile cuig a bheireadh iad uige de na h-eòin.
Bha na daoine cho deònach air an Righ a thoileachadh ’s gun robh gealbhoinn a tighinn uige bho gach cearn de ’n duthaich. Bha an Righ cho toilichte mar a thoisich na h-eòin air dol an luthad, ’s bha e uile fhiosrach gu’m fasadh na measan mar nach do rinn iad riamh roimhe.
Ach thainig sluagh a bu mhiosa-na na h-eòin air chéilidh do ghàradh an righ, agus dh’ith iad a h-uile gas a bh’air na craobhan. B’e so na buraich agus biastagan beaga millteach eile. A dh’ aindeoin de ’dheanadh an Rìgh agus a ghàradairean cha d’ fhàgadh anns a’ ghàradh ach na stocan cruaidh. Sgaoil na creutairean so mar phlàigh eile air feadh na tir agus cha robh arbhar no meas no craobh nach robh air [ ? ] luath sa ghobaicheadh e troimh’n talamh. An nis chunnaic an Righ gun robh aobhar aige eagal a bhi air. Dh’innis daoine glice dha gu’m b’e cion nan ian a bha deanamh so, agus dh’òrduch iad dha cur ma dheighinn eoin fhaotainn cho luath so b’ urrainn dha. Ach cha robh e cho furasda am faotainn sa bha e cur as daibh. An nis b’ eigin dha tri boinn-a- sia eile thoirt seachad air son cuig eòin fhaotainn ann an aite nam feadhainn a mharbhadh. Ach chaidh bliadhna no dhà seachad mu’n robh Pruisia cho stochdaichte ’s a bha e roimhe. “Feumaidh am maireach pàigheadh air son an ni cearr a rinneadh an diugh,” mar tha an sean-fhacal ag ràdh.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
Merchants’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN DOMHNACH.
A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.
DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 12. p. 8]
SONAS NAN NAOMH.
LE DUGHALL BUCHANAN.
’N sin labhraidh Criosd ri luchd a dheis,—
Sìbhse ta deasaichte le m’ ghràs,
Thigibh is sealbhaichibh an riogh’chd
Nach faic a sonas crioch gu bràth.
Spealg mis’ an geat’ bha oirbhse dùint’,
Le m’ ùmhlachd ’s m’ fhulangus ro gheur,
’S dh’ fhosgail an t-sleagh gu farsuinn suas
Am leth-taobh dorus nuadh dhuibh fein.
’Chum craoibh na beath’ ta ’m Pàras De
Le éibhneas teannaibh staigh d’a còir,
’S a feartan iongantach gu léir
Dearbhadh ur n-uile chreuchd ’s ur leon.
An claidheabh rùisgt’ bha laist’ ga ’dion
O laimh bhur sinnsir, Adhamh ’s Eubh,
Rinn mise truaill de m’ chridhe dhà,
’S a lasair bhàth mi le m’ fhuil féin.
Fo ’dosraich ùrair suidhibh sios,
Nach searg ’s nach crion am feasd a blàth’,
’S mar smeoraichibh am measg a geug
’Chum molaidh gleusaibh binn ur càil.
Le ’maise sàsaichibh ur suil,
Is oirbh fo ’sgàil cha drùigh an teas;
O ’duilleach cùbhraidh òlaibh slàint’,
Is biobh neo-bhàsmhor le a meas.
Gach uile mheas tha ’m Pàras Dé,
Ta ’nis gu leir neo-thoirmisgt’ dhuibh;
Ithibh gun eagal o gach géig,
An nathair nimh’ cha teum a chaoidh.
Is uile mhiann ur n anma fein
Làn shàsaichibh gu leir an Dia,
Tobar na firinn, iochd, is graidh
A mhaireas làn gu cian nan cian.
Mor-innleachd iongantach na slàint’
Sior rannsaichibh air àird’ ’s air leud,
’S feadh oibrichean mo rioghachd mhòir
Ur n-Eolas ciocrach cuiribh ’m meud.
’Ur n-eibhneas, mais’, ur tuigs, ’s ur gràdh
Bithcadh gu siorraidh fàs na’s mò;
’S cha choinnich sibh aon ni gu bràth
Bheir air ur n anam cràdh no leon.
Cha ’n fhaca suil ’s cha chuala cluas
Na thaisg mi suas de shonas duibh;
Imichibh ’s biodh ur dearbhachd fein
Sior innse sgeil duibh air, a chaoidh.
Rugadh Dùghall Buchanan ’sa bhliadhna 1716. Bha e na ’mhaighstir-sgoil’ ann an Rainneach. Bha buadhan laidir inntinn aige agus eolas farsuinn. Bha e na ’bhàrd fiòr chomasach. Chaochail e ’sa bhliadhna 1768.
IARRTAS AN ANAMA.
LE IAIN MAC-AOIDH.
Math mo chiontan gu saor dhomh,
A tha lionmhor is uamharr’,
’Dhe, air sgàth an Fhìr-shaoraidh,
’Dhòirt mar iobairt ’fhuil uasal.
Dion mi ’s gleidh o gach cunnart,
Dòirt spiorad nan gràs orm;
’S dean mo ghlanadh gu h-iomlan
’N tobar iocshlaint na slainte.
Dean do ghlòir-sa mar chrioch dhomh,
Dean mo riaghladh gu gràsmhor,
’S tu an Cruthaighear siorruidh,
’Rinn ’s a dhealbh le do làimh mi.
’S moch a thréig mi do shlighe,
’S gu bheil m’ fhiachan gun aireamh;
Gabh ri toillteanas Chriosda,
Is na iarr aig mo laimh-s’ iad.
Dean mi réidh ris na ’phearsa,
Thoir gu comunn a ghràidh mi;
Cuir an àireamh an treud mi,
’S mis’ a chaora ’bha caillte.
Rugadh Iain Mac-Aoidh ann an Cataobh mu ’n bhliadhna 1695. Bha sgoil mhath aige, agus bha e na dhuine fiosrach, diadhaidh, measail. Sgriobh e moran de laoidhean gasda—laoidhean a bha gle fheumail ri ’n latha fhein.
AN AISEIRIGH.
LE DAIBHIDH MAC-EALAIR.
Na ’shuidh aig deas-laimh Athar ta
Criosd le gràs os ar cionn,
A cur oifig sagairt an gniomh
A dheasachadh rioghachd dhuinn.
Ach thig an t-am ’san dig Mac Dhé,
Creidibh mi an sgeul gur fior,
Le mìltibh mìle ’dh-ainglibh treun
’Thoirt oirnn breith do réir ar gniomh’.
Seidear an trompa ’n sìn gu h ard
Leis na h-ainglibh ’s àille snuadh;
Eiridh na mairbh an àird o ’n ùir,
Is gabhar cunntas o na chuan.
Liubhraidh an uaigh na fhuair i fein,
Cha bhi neach de ’n trend air chall,
Nochdar iad uile ’m fianuis Dé,
’S e Mhac fein a’s breitheamh ann.
Bidh iadsan soilleir ann an sin,
Mar sholus dealrach an dreach.
Thig Criosda nan coinnimh le gean,
’S bidh sith an comunn nan ceart.
Tha na rannan so air an tabhairt seachad mar tha iad ann an Co-chruinneachadh Mhic Gillios, a chuireadh am mach ’sa bhliadhna 1786. Cha ’n fheil iad am bardachd cho math so ann an Sar-obair nam Bard. Tha ’m facal trompa—cha ’n e tromb—a ciallachadh trombaid.
BAS.
Aig an Eilean Chruinn, C. B., air an darra latha deug dhe ’n mhios, Eachunn Mac Gilleain, ceithir fichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist, an Alba ’sa bhliadhna 1813, agus thainig e do Cheap Breatunn ’sa bhliadhna 1841
Tha bhi ’milleadh biadh dhaoine na ni nach dean neach sam bith anns am bheil onoir, agus bu chòir a pheanairteachadh leis an lagh Tha Union Blend Tea glan, agus ’si ’n seòrsa ti a’s fhearr a tha ri faotainn; 25, 30, 35 agus 40 sent am punnd.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
“ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 12 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 12. %p |
parent text | Volume 9 |