[Vol . 9. No. 13. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 28, 1900. No. 13.
A’ BHASCAID BHEAG FHLURS.
O’n Bheurla.
CAIB. XVIII.
MAR A RINN NA DAOINE MATHA SUAS AN CALL.
Bha ’n t-Iarla ’s a bhean agus na h-uaislean eile, ’s an àm cruinn ’an rùm-mor a’ chaisteil a’ feitheamh na suipearach, a bha nise faisg air a bhi deas. Air na ballachan mu ’n cuairt bha obair-ghreis eireachdail, anns an robh air an tarruinn le innleachd mhiorbhuilleach dealbhan gach ni a bhuineas do ’n fhaoghaid, mar tha sealgairean, eich, coin, feidh agus mathain. Bha na daithean, dh’ aindeoin na h-aoise, fhathast soilleir; agus na ’n tachradh dhuit dol a stigh do ’n rùm, gu h-araid ’san oidhche, ’n uair a bhiodh solus nan coinnlean ceireadh a dealradh mu ’n cuairt, shaoladh tu gu ’r ann an coille a bha thu.
Rainig an sagart greis rompa, agus dh’ eisd an sgioba uile gu dion ri naigheachd Iacob ’us Màiri. Dh’ innis e cho durachdach mu chliu an t-seann duine choir; sheall e gu soilleir dhaibh cho fiachail, ceart ’s a bha e fhad ’s a bha e air Baile na Craoibh Ghiubhais; agus chuir e h-uile solus dhaibh air an urram bha e sealltuinn ’san gràdh a bh’ aige dha cheud mhaighstearan, ged a thug iad breth chruaidh air fhein ’s air a nighinn air sàilibh cuisean iongantach a thachair; thug e moran do dhearbhaidhean taitneach dhaibh air a ghaol a bh’ aig Màiri air a h-athair, an curam dleasnach a bh’ aice dheth, cho cosanta ’s a bha i, cho beannaichte, cho saor bho gach smàl, cho malda, air chor ’s gu ’n robh na deoir a tuiteam bho shuilean na bha ’ga eisdeachd; agus cha b’ urrainn do mhathair Amelia gu ’n bhristeadh a mach a caoineadh.
Direach ’s an àm thainig Amelia a stigh do ’n rùm, a bha soilleir le soluis, Màiri aic’ air laimh, agus ’san laimh eile bha ’bhascaid bheag fhlùrs. Dh’ eirich iad uile ’n an coinneamh, agus ghabh iad ri Màiri leis a h-uile failte bu tlaithe. Rug an t-Iarla gu caoimhneil air laimh oirre, agus thubhairt e: “Mo leanabh gràdhach thu! tha thu coimhead tana, glas! ’S e ’n t-amharus neo-ghlic a leig sinne ort a bhànaich do ghruaidh, agus a chuir, roimh ’n àm, beagan de shreamaidhean a churaim ad bhathais oig, bhoidhich. Thoir mathanas duinn! ni sinn na ’s urrainn duinn gus do choltas fhein fhaighinn air ais dhuit. Dh’ fhogair sinn air falbh bho thaigh d’ athair thu, ach ’s i d’ oighreachd-sa bhios ann fhathast. An taigh beag, laghach ’s an gàradh ’an Ichburg, a bha t-athair ’gabhail fheuma, bheir mise dhut-sa, agus air a cheart latha so sgriobhaidh mo run-chleireach a’ chòir, agus bheir Amelia ’g ad ionnsaidh i.”
Phog bean an Iarla (mathair Amelia) i, chuir i ’da laimh mu ’n cuairt di agus thuirt i mo nighean rithe. Thug i far a meur am faine boillsgeach a choisinn na h-urad de thrioblaid do Mhàiri, agus a chuir a Bhan-Iarla air a meur beagan mhionaidean mu ’n d’ thainig Màiri a stigh do ’n rùm, agus thubhairt i: “Seall an so, mo chaileag ghradhach, ’s iad do neo-chiontas agus do mhathas dileab a’s fiachaile dhuit na a’ chlach mhor dhaoimein am meadhon an fhàine so. Gidheadh, ged tha thu beairteach an gnothuichean a’s fhearr, na cuir cul ris a chloich luachmhor so, mar dhiolaidh-fiach beag airson na h-eucoir mhoir a rinn sinn ort, agus mar dhearbhadh air a ghaol mhathaireil a th’ agam ort. Chionn nach freagair am faine so comhla ris an deise bhainnse agad, faodar a chuir gu feum ’s an tochradh. Thig an t-àm ’s an cuir thu feum air tochradh, agus ceannaicheadh mise am fàine bhuat an uair sin aig a lan fhiach!” agus leis na facail so chuir a’ Bhan-Iarla am fàine air meur Màiri.
Shil Màiri a nise deoir a bha cho sòlasach ’sa bha iad roimhe so cho goirt; bha ’m fortan mor so tuilleadh ’sa choir airson a h-inntinn, agus ’s ann a bha i ’ga choltachadh ri bruadar. Cha b’ urrainn di guth a ghrathainn ach a bhi ’gal, agus a feuchainn ri cul a chuir ri gibht cho fiachail.
Thubhairt fear de na tighearnan coigreach rithe: “Gabh gu toileach, mo leanabh gradhach, an ni sin tha ’n uaisle-mhor a cuir cho toileach ’n ad thairgse. Thug Ni Math do ’n Bhan-Iarla ard-inntinneach moran beairteas; thug E dhi, cuideachd, ni a’s fhearr—cridhe mor gus am beairteas sin a chosg ’s na h-uile doigh a’s fhearr.”
“O, cha ’n ’eil a chuis mar sin fhathast,” ars’ a Bhan-Iarla. “Tha thu fanaid orm, a’ ridire, cha ’n e gniomh fialachd a th’ ann idir. Thug sinne seachad do ’n t-saoghall sampull air mi-cheartas ro-mhor, air am bi mi cuimhneachadh fad mo bheatha le aithreachas ’s le tamailt; tha e tur riatanach air son sith a bhi aig ar n-inntinn, gu ’n cuireadhmaid ceart air cionta cho math ’s a’s urrainn duinn. Cha ’n ’eil coir sam bith againn air a bhi grathainn gu ’r fialachd a th’ ann; cha ’n ’eil mi ach gu gann a deanamh na tha ’n ceartas ag agairt.”
Bha Màiri air a nàrachadh, gun chomas guth a grathainn, am faine ’na laimh chritheanach; thionndaidh i a suilean deurach an taobh a bha ’n sagart còir, mar gu ’m biodh i feorach gu de b’ fhearr dhi a dheanamh.
Thuirt an sagart fiachail rithe, “Feumaidh tu ’Mhàiri am fàine ’ghabhail. Tha ’n t-Iarla ’s a’ Bhan-Iarla ro uasal gus a ghabhail air ais. Tha ’n gnothuch so na shampull ro laidir air mar a dh’ fhaodas amharus reusanta mealladh oirnn; bitheadh e cuideachd, mar dhearbhadh dhutsa, mo nighean ghradhach, air cho ealamh ’s a ni daoine matha, uasal, dioladh-fiach airson an cabhaige. Seall, mo chaileag ghradhach, tha Dia a paigheadh dhut an gràdh dleasnach a thug thu dha t-athair, chionn, air reir a ghealltanais, is beannaicht’ iadsan a bheir onair dha ’m pàrantan. Tha Dia a’ faicinn iomchuidh feum a dheanamh de laimh fhiughantaich an Iarla ’s na Ban-Iarla gus d’ fhulangas-sa ’dheanamh suas.
“Gabh an tabhartas so le taingealachd, agus mar a dhearbh thu ’s gach cruaidh-chas d’ earbs’ ann an Dia, do chiuineachd agus t’ fhoighidin, mar sin ann an soirbheachadh seall taingealachd do Dhia agus caoimhneas ’s maldachd ri daoine.”
Chuir Màiri, le deoir thaingealachd, am fàine air a meur; cha b’ urrainn di bruidhinn riutha.
Bha Amelia na seasamh lamh ri Màiri, a’ bhascaid fhlùrs ’na laimh, agus i ro-thoilichte as an fhialachd a rinn a pàrantan rithe. Bha ’n gràdh beothail a bh’ aice de Mhàiri a dealradh gu soilleir ’na gnuis. Bha ’n sagart ro-thoilichte á mathas Amelia; oir bha fein-fhiosrachadh aige air cho tric ’sa bhios clann farmadach, ma chi iad am pàrantan a’ deanamh moran ri feadhainn eile. “Paighidh Dia,” ars’ esan, “an t-Iarla ’s a’ Bhan-Iarla airson am fiughantachd; agus paighidh E air ais ceud fillte dhaibhsan ’s da ’n nighinn ionmhuinn, a tha cho uasal ’na h-inntinn riutha fhein, na rinn iad as leth an dilleachdain bhochd so.
“Mar so tha E daonnan a paigheadh a’ mhath a ni sinn ri ’r co-chreutairean le gnothuichean aimsireil na beatha so. Agus cha ’n ann ’san t-saoghal so a mhain a gheibh sinn ar duais; is earras e ’tha air a storadh suas airson saoghal a’s fhearr, far nach bi curam call gu brath oirnn. Ann an so tionndaidhidh E moran reidh a stigh dhuinn.”
(Ri leantuinn.)
LITIR A MOOSOMIN.
Cha ’n ’eil mi faicinn a bheag de litrichean anns a MHAC-TALLA ’s an àm so, ach tha dòchas agam gu ’n duisg na sgriobhadairean uile ’n ùine ghearr air gach taobh dheth ’n chuan, ’s gu ’m bi iad cho beò ’s “cho frogadach ’sa bha iad riamh.” Bho na tha cuid mhor dhiu cho fada nan tosd bi dòchas againn gun nochd iad torradh math an uair a bheir iad lamh air am pinn ’s na h-oidhcheannan fada geamhraidh ’tha nis a tarruinn dluth.
Cha ’n ’eil sinn an taobh so cho fior shunndach ’sa b’ abhaist dhuinn. Bha tiormachd mhor againn fad an t-samhraidh, ’s dh’ fhag sin am barr aotrom; ach on a thainig am foghar, ’sa chaidh a bhuainn, cha ’n ’eil sùil na h-iarmailt a tiormachadh idir ach uair ainneamh. Tha mar sin a cheud chuid a chaidh a bhuainn a fas anns an adaig, ’s chaidh moran feoir a mhilleadh mar an ceudna. Coma co dhiu, cha ’n ’eil àite fodh ’n ghréin anns nach tig droch bhliadhna uair ’us uair, ’s feumar cur suas leotha, ’s theid againn ’sa chearna so air cur suas le te cho math ’s na ’s fhearr na ’n iomadh àite, agus tha mi smaointean gu ’m bi ’n soirbheachadh moran na ’s misle ’n uair a thilleas e, car ionnan ris an t-slainte an deigh tinneas, bidh daoine na ’s taingeile.
Cha ’n ’eil stoirmean buailteach ’san dùthaich so; ach o chionn da sheachdain air ais thug stoirmeanan beithir droch thruiseadh air cuid. Gu fortanach cha tug i leatha ach strioch chaol, ach rinn i milleadh mor air cuid nan daoine bochda air na ruith i, ’n cuid thaighean (far an robh i na neart) ’us shaibhlean a leagail ’s cuid
[Vol . 9. No. 13. p. 2]
dhiu sguabadh air feadh an t-saoghail. Ach ’se chuir mulad oirnn a chluinntinn gun do chaill Gaidheal òg, laidir, agus paisde nighinn leis am beatha leis an tigh a chur seachad car ma char ’s iad ann. B’ ainm dha Aonghas Domhnullach (Aonghas Mac Iain ’Ic Raonull) a dh’ fhalbh á Beinn-a- Bhaoghla, Uidhist. Bha e na mhaighstir air pios de ’n rathad-iaruinn, ’s meas aig gach aon air. Tha dochas gu ’m bi ’bhean beò, ’s cha do rinneadh, gu miorbhuillach, gortachadh sam bith air aois choig bliadhna de ghille leotha.
Tha na Gaidheil a deanamh adhartas mor an so, a fàs lionmhor ’s a steidheachadh gu laidir. Taighean grinn, sgiobalta aig a chuid a’s motha, ’s treudan lionmhor air na raontean mu ’n cuairt. Gàilig gu leor ri chluinntinn, ach cluinnear aig cuid moran Beurla air a feadh; ach cha ’n e na sgoilearan a’s fhearr idir. Tha cleachdadh cothlainadh gun tlachd mar so.
A measg àireamh do chairdean an taobh so chunnaic mi ainm Phadruig ’Ic-an-t- Saoir, air neo Padru’ beag, ’se ’s trice theirear ris. Tha Padruig na dhuine cho eibhinn ’s cho geur ’sa chruthaicheadh; ’s gann nach leanadh a chlann bheag e a mach air a mhuir, mar a lean iad am piobaire o shean. An turus ma dheireadh a chunnaic mi Padruig, ’s e bruidhinn air cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, dh’ iarr e orm innse dhuibh gu’n robh ’m fradharc aige fas dona, agus mar sin gu ’m bu toigh leis sibh printadh mor a chur air a phaipear aigesan airson a thoileachadh. Faodaidh sibh sin a dheanamh, gun dad ach ainm a phaipear a chur air aon taobh ’s ainm Phadruig fhin air an taobh eile.
Tha e na chleachdadh aig gach nàisean dhaoine, ’n àm a bhi ’g aithris euchdan nan suinn a dh’ fhalbh, an treubh àraidh da ’m buin iad fhein a chur os cionn gach aon, agus co thug barr air na Gàidheil ’s an doigh so, mar a dhearbhas na leanas:—
Thachair dhomh bhi uair an comhlan anns an robh Goill ’us Sasunnaich ’us Eirionnaich agus beagan Ghaidheil. ’S ann a bruidhinn air sgil dhotairean a bhatar ’s an àm, ’s bha h-uile fear a feuchainn ri barr urram a thoirt air an fhear eile ann an innse ma thapachd is sgil us leigheasan iongantach a rinn dotairean a chuala no chunnaic iad fhein an uair a bha na h-eilthirich reidh. Thug leth sheana Ghaidheal togail air a ghuaillean. “Tut,” ars’ esan, “dheanadh na seana mhnathan a bh’ againne ’sa Ghaidhealtachd na gnothaichean faoin sin; ach innsidh mise dhuibh leigheas a chunnaic mi dotair Gaidhealach a deanamh. Bha gille òg ann,” ars’ esan, “a bha air thuar am bàs fhaighinn le cnap a bha fàs shios anns a sgornan aige. Chaidh e far an robh ’n dotair feuch an sabhaladh e ’bheatha, ach cha ruigeadh e air a chnap a ghearradh, ’s mar sin smaointich e air doigh eile. Chuir e na shuidh’ air cathair e ’s dh’ eibh e steach air gille-frithealaidh. Ann an tiotadh thug e ’n ceann far an duine thinn, ’s thug e air a ghille a lamh a chumail air beul an tuill ma ’n tigeadh an t-anam a mach, fhad ’sa bhiodh e fhein a cur air doigh a ghnothaich. Cha robh e fada ris a sin; sparr e ’n ceann air, ’s bha e cho math ’s moran na b’ fhearr na bha e riamh roimhe!”
Nach neonach nach eil na Gaidheil a deanamh dichill a thaobh ionnsachadh an cànain? Nach iomadh aite ’bheil iad lionmhor anns a faodadh iad a teagasg agus a h-ionnsachadh ’s na sgoiltean, no co dhiu, sgoiltean oidhche chur air chois? Cha ’n fhoghainn a bhi seinn, “Cha fhaigh a Ghàilig bàs!” agus aig a cheart àm a cumail bhuaithe na leigh a chumadh slainte rithe. Cha ghabh e bhith gu ’m bi meas mor aig daoine air a Ghàilig fhad ’sa bhios iadsan dha ’n cainnt-mhatharal a i deanamh dimeas oirre. Anns a chuid mhor de na leabhraichean òran agus sgriobhaidhean eile, chi sinn a roimh-radh ’s gach mineachadh eile mar as trice ann am Beurla. Bheil a Ghàilig math gu leor idir, air neo an ann tuilleadh ’s math a tha i air a shon. Mar a bha am fear dha na dh’ fhoighneachdadh, an robh ac’ ach Gàilig an taobh a robh e, ag radh gu ’n robh beagan Beurla aca cuideachd, ach nach biodh iad ga bhruidhinn ach ris na coin,
’S docha gur h-ann air son a cumhnadh tha iad a lionadh nan toll ’s nan oiseinean ud leis a Bheurla. Their cuid nach ’eil moran litreachais aig na Gaidheil. Tha mi smaointean gu bheil roinn mhath a thaobh an àireamh, ach gu ’m biodh moran a bharrachd ann nam biodh a Ghàilig air a teagasg ’sa h-uile paraisde Gàidhealach. Na ’m biodh sin mar sin cha bhiodh dith air MAC-TALLA, ’s cha b’e na aonar a bhiodh a tagradh na taobh. Tha inntinn nan Gaidheil cho beartach ’s cho math gu deilbh ri seors’ air thalamh, ach iad roinn de mhaighstearachd fhaighinn thairis air an cànain, agus meadhainean a bhi aca mar a tha paipearan naigheachd airson torradh an inntinnean a nochd d’ an t-saoghal. Nach iomadh sgeul thaitneach ’us sgriobhaidhean eile ’thug MAC-TALLA seachad o’n a thòisich e, a bhiodh, mar a biodh e ann, gun chruthachadh riamh.
SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Sept. 12, 1900.
’Nuair a cheannaicheas tu Union Blend Tea, gheibh thu ti ghlan a tha as na gàraidhean a’s ainmeile tha ’sna h-Innsean ’s an Ceylon, air a phris a’s lugha air an gabh ti cheart creic. Bidh $400 air a roinn air luchd-ceannach na ti so an Desember.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Beder, Prionnsa Phersia.
CAIB. V.
An deigh do bhanrigh Gulnara gabhail riutha le mor-urram, thug i orra suidhe air langsaid. Labhair a mathair rithe mar so: “A nighean, tha aoibhneas mor orm d’ fhaicinn aon uair eile an deigh dhomh a bhith uine cho fada gun d’ fhaicinn; agus tha mi lan-chinnteach gu ’m bheil do bhrathair agus do luchd-daimh a cheart cho toilichte d’ fhaicinn ’s a tha mi fhin.
An uair a dh’ fhalbh thu gun fhios gun fhaireachadh dhuinn, bha sinn ann an iminidh air nach urrainn domhsa cainnt a chur. Agus cha ghabh e innseadh na rinn sinn de bhron ’s de thuireadh air do shon. Cha b’ fhiosrach sinn gu ’n robh aobhar sam bith agad air son teicheadh air falbh ach na briathran a dh’ innis do bhrathair dhuinn a bha eadraibh mu ’n d’ fhalbh thu. A reir a bharail-san bha a’ comhairle ’thug e ort gle fhreagarrach air son do chur ann an suidheachadh a fhreagadh ort anns an t-saoghal a thaobh mar a thachair dhuinn anns an am. Mur do chord a chomhairle-san riut, cha bu choir dhut a ghabhail cho olc. Agus ceadaich dhomhsa innseadh dhut gu ’n do ghabh thu beachd a bha tur cearr air a’ chomhairle a thug do bhrathair ort. Ach cha ’n abair mi ’n corr mu ’n chuis; cha dean e ach aobhar ar broin agus aobhar ar diumbaidh ortsa urachadh. Agus is e ar dleasdanas na nithean so a leigeadh gu buileach air di-chuimhne. Innis dhuinn mu dheidhinn gach ni a thachair dhut o ’n a chunnaic sinn mu dheireadh thu, agus mu dheidhinn do shuidheachaidh an so; ach gu h-araidh innis dhuinn am bheil gnothaichean a’ cordadh riut.”
Anns a’ mhionaid thilg banrigh Gulnara i fhein air an urlar aig casan a mathar; agus an uair a dh’ eirich i agus a thug i pog dh’a laimh, thuirt i, “A bhaintighearna, tha mi ’g aideachadh gu ’n robh mi ciontach de choire gle mhor, agus tha coir agam air a bhith ro thaingeil dhuibhse air son sibh a bhith cho toileach mathanas a thoirt dhomh. Bheir na bheil agam ri radh, ann an umhlachd do bhur n-aithne-sa, lan-dhearbhadh dhuibh gu ’m bheil e gu tric ’na amaideas dhuinn a bhith ’cur an aghaidh nithean a chi daoine a’s glice na sinn fhein freagarrach air ar son. O ’m’ fhein fhiosrachadh faodaidh mi a radh, gur e a’ cheart shuidheachadh air an robh grain gu leor agam an suidheachadh a bha air ordachadh dhomh.”
An sin dh’ innis i a h-uile dad a thachair dhi o ’n a dh’ fhalbh i ann an corruich as a’ chuan. An uair a chur i crioch air a naigheachd, agus a dh’ innis i gu ’n do cheannaich righ Phersia i, agus gur ann ’na luchairt a bha i, thuirt a brathair rithe, “A phiuthar, tha mi ’tuigsinn gu ’n d’ fhuiling thu moran taire agus eas-urraim, ach is ann agad fhein a bha ’choire gu h-iomlan. Faodaidh tu nis do shaorsa fhaotainn ma thogras tu fhein. Cha ’n urrainn domh gun do mholadh air son cho foighidneach ’s a bha thu anns an daorsa. Eirich agus till comhladh ruinne do mo rioghachd-sa. Bhuidhinn mise air ais mo rioghachd o ’n duine a ghabh coir oirre gu mi-laghail.”
Ged nach robh righ Phersia aig an am anns an t-seomar, bha e far an robh e ’cluinntinn a h-uile facal a bha iad ag radh, agus ghabh e eagal mor an uair a chual’ e an comhradh a bha eatorra. Ars’ esan ris fhein, “Ah! tha ’mhi-shealbh a’ dol a dh’ eirigh dhomh! Agus ma bheir mo bhanrigh, mo Ghulnara, cluas do ’n chomhairle ud, agus gu ’m falbh i uam, gheibh mi an grad bhas cinnteach gu leor; oir tha e neo-chomasach dhomhsa a bhith beo as a h-aonais; agus tha toil aca a’ toirt air falbh uam.”
Chuir banrigh Gulnara fois air an inntinn aig an righ ann an tiotadh. “A brathair,” ars ise, agus fiamh gaire air a gnuis, “thug na chuala mi thu ’g radh an drasta dearbhadh dhomh na bu mho na bh’ agam riamh gu ’n robh suim agus curam mor agad dhiom. Cha ’n fhuilinginn dhut iarraidh orm aon de phrionnsachan na talmhainn a phosadh. A nis is gann a theid agam air mi fhin a chumail o bhith ann an corruich riut an uair a tha thu ’comhairleachadh dhomh dealachadh ris an righ cho cumhachdach agus cho ainmeil ’s a th’ air an t-saoghal gu leir. Cha ’n ’eil mi ’labhairt mu ’n chordadh a tha eadar searbhanta agus a maighstir. Bhiodh e furasda gu leor na deich mile bonn oir a phaigh e air mo shon a thoirt dha air ais. Ach tha mi nis a’ labhairt mu ’n chumhnant a tha eadar bean agus a fear-posda—eadhoin eadar bean aig nach ’eil an t-aobhar a’s lugha air a bhith ’gearain air a suidheachadh. Is righ e a tha diadhaidh, glic, agus measarra, agus a thug dhomhsa iomadh dearbhadh soilleir gu ’m bheil gradh aige dhomh. Ciod an dearbhadh bu mho a b’ urrainn e a thoirt air meud a ghraidh dhomh na an aireamh mhor mhnathan a bh’ aige a chur air falbh cho luath ’s a thainig mise, agus e fhein a thoirt gu buileach suas dhomhsa? Tha mi nis ’nam mhnaoi aige, agus ghairmeadh gu follaiseach mi ’nam bhanrigh air Persia, a chum gu ’m biodh facal agam anns gach gnothach a bhuineas do riaghladh na rioghachd. A bharrachd air so, tha mi leith-tromach; agus ma ’s e toil a’ Chruithfhir gur e mac a bhios agam, bheir sin orm gu ’m bi am barrachd meas agam air an righ. Uime sin, a bhrathair, an aite do chomhairle-sa ’ghabhail, tha thu ’faic
[Vol . 9. No. 13. p. 3]
inn gu ’m bheil a h-uile aobhar agam air righ Phersia a ghradhachadh cho mor ’s a ghradhaich e fhein mise, agus a bhith comhladh ris gu latha mo bhais, araon a chionn gur e so mo dhleasdanas, agus, mar an ceudna, mar chomarradh air mo thaingealachd dha. Tha mi ’n dochas, ma ta, nach bi mo mhathair no thu fhein, no mo bhana-chairdean an aghaidh dhomh cumail ris a’ chumhnant so a tha eadar mi fhin ’s an righ, a bhios ’na urram araon do righrean a’ chuain agus na talmhainn. Feumaidh sibh mo leithsgeul a ghabhail air son de dhragh a chur oirbh tighinn an so a grunnd a’ chuain gus so innseadh dhuibh, agus gus de thoileachadh fhaighinn bhur faicinn aon uair eile an deigh dhuinn a bhith cho fada dealaichte.”
“A phiuthar,” arsa righ Saleh, “ged a bha mise ag iarraidh ort a dhol air ais maille rium do mo rioghachd fhein an uair a chuala mi a liuthad trioblaid a thainig ’na do rathad, cha robh mi ach a’ leigeadh ris dhut gu ’m bheil gradh mor againn uile dhut, agus gu ’m bheil meas sonraichte agamsa ort, agus nach ’eil rud sam bith bu mho a bheireadh de thoileachadh dhomh na d’ fhaicinn sona. Ach air mo shon fhin dheth, cha ’n ’eil dad agam an aghaidh dhut deanamh mar a tha thu ’g radh, an deigh na dh’ innis thu dhuinn mu righ Phersia, a tha nis posda riut, agus mu na comainnean mora fo ’m bheil thu dha. Agus tha mi cinnteach gu ’m bheil ar mathair dhe ’n aon bharail rium.”
Chuir a’ bhanrigh a h-aonta ris na thuirt a mac, agus labhair i mar a leanas ri Gulnara: “Tha mi anabarrach toilichte a chluinntinn gu’m bheil thu cho riaraichte le do staid; agus cha ’n ’eil dad agam ri chur ris na thuirt do bhrathair riut. Bhithinn air a’ cheud aon a chronaicheadh thu mur aidicheadh tu gu ’n robh thu gle thaingeil do ’n righ aig am bheil gradh cho mor dhut, agus a rinn a leithid de nithean mora air do shon.”
Ged a bha righ Phersia an toisich fo mhor eagal gu ’n cailleadh e a’ bhanrigh do ’n robh gradh cho mor aige, bha e nis ro aoibhneach a chionn i bhith suidichte nach dealaicheadh i ris; agus o’n a bha e soilleir dha gu’n robh gradh mor aice dha, dhuisg am barrachd graidh ’na chridhe dhi na bha ann riamh roimhe; agus chuir e roimhe gu ’n nochdadh e a thaingealachd dhi anns gach doigh ’na chomas.
An uair a bha ’n righ mar so ri gairdeachas ’na inntinn fhein, agus e anns a’ chlosaid far am faiceadh ’s an cluinneadh e gach ni a bha ’dol air aghart, bhuail Gulnara a basan ri cheile, agus thainig cuid dhe na searbhantan a steach, agus thug i ordugh dhaibh biadh fhaighinn deiseil gun dail. Cho luath ’s a chuireadh am biadh air a’ bhord dh’ iarr i air a mathar ’s air a brathair, agus air a bana-chairdean suidhe aig a’ bhord comhladh rithe. Thoisich iad ri smaoineachadh gu ’n d’ thainig iad gun chead do luchairt righ a bha mor, cumhachdach, nach fhaca ’s nach cuala riamh dad mu ’n deidhinn, agus gu ’m biodh e ’na ghnothach gle mhi-iomchuidh dhaibh biadh itheadh aig a bhord gun e fhein a bhith comhladh riutha. Thug so orra gu ’n d’ fhas an aghaidhean dearg leis an naire, ’s bha an aignidhean air an gluasad cho mor ’s gu ’n robh na suilean aca mar gu ’m biodh iad ’nan teine, agus bha lasraichean teine a’ tighinn am mach air am beoil ’s air an cuinneanan.
An uair a mhothaich righ Phersia dha so, agus gun fhios sam bith aige ciod a b’ aobhar dha, bha e ann an staid inntinn a bha eagalach. Ghabh banrigh Gulnara amhrus gu ’n robh e anns an t-suidheachadh so, agus o ’n a bha i tuigsinn ciod a ghluais inntinnean a cairdean, dh’ eirich i as an aite ’s an robh i ’na suidhe, agus thuirt i riutha gu ’m biodh i air ais an uine ghoirid. Chaidh i direach do ’n chlosaid, agus an uair a chunnaic an righ i ghabh e misneach. “Mo thighearna,” ars’ ise, “cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil bhur morachd gle thoilichte leis an doigh anns an’ d’ aidich mi an lathair mo chairdean gu ’m bheil mi fo chomain mhoir dhuibh air son a liuthad fabhar a nochd sibh dhomh. Dh’ fhaodainn comhairle mo luchd-daimh a ghabhail agus a dhol air ais maille riutha do ’n rioghachd do’m buin iad; ach cha ’n ’eil mi cho neo-thaingeil ’s gu ’n deanainn a leithid. Na ’n deanadh, bhithinn ’g am dhiteadh fhin ri mo bheo.”
“Ah! mo bhanrigh,” arsa righ Phersia, “na bi ’g radh gu ’m bheil thu fo chomain sam bith dhomhsa: is tu nach ’eil. Is ann a tha mise fo chomain cho mor dhutsa ’s nach paigh mi thu gu brath. Cha do smaoinich mi riamh gu ’m biodh e comasach gu ’m biodh gradh co mor agad dhomh.”
“Ah! mo thighearna,” arsa Gulnara, “am b’ urrainn domhsa na bu lugha dheanamh na rinn mi? Agus tha eagal orm nach d’ rinn mi na bu choir dhomh, an uair a bheir mi fa near a liuthad doigh anns an do nochd sibh caoimhneas agus urram dhomh; agus cha ’n ’eil e comasach dhomh na dearbhaidhean lionar a fhuair mi air bhur gradh agus air bhur caoimhneas a leigeadh air dichuimhn a chaoidh.
“Ach cha ’n abair mi an corr mu dheidhinn an drasta. Ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh gu’m bheil meas anabarrach mor aig mo mhathair ’s aig mo brathair oirbh. Tha fior thoil aca sibh a dhol far am bheil iad a chum gu ’n innseadh iad so dhuibh iad fhein. Bha duil agam biadh a thoirt dhaibh agus greis mhath chomhraidh a dheanamh riutha mu’n tugainn ’n ’ur lathair-sa iad; ach tha iad a’ gabhail fadachd gus am faigh iad cothrom air a leigeadh ris dhuibh gu ’m bheil meas mor aca oirbh. Air an aobhar sin tha mi ’n dochas gu ’m bi sibh cho math ’s gu ’n teid sibh a steach far am bheil iad.”
“Mo bhaintighearna,” arsa righ Phersia, “bu ghle thoigh leam failte a chur air sluagh aig am bheil a dh’ urram a bhith ’nan luchd-daimh dhutsa; ach tha eagal orm roimh na lasraichean a tha tighinn as am beoil ’s as an cuinneanan.”
Rinn a’ bhanrigh gaire, agus thuirt i, “Mo thighearna, cha ruig sibh a leas eagal sam bith a bhith oirbh roimh na lasraichean sin. Cha ’n ’eil annta ach comharraidhean nach ’eil iad deonach biadh itheadh anns an luchairt agaibh na ’s lugha na bheir sibh fein a dh’ urram dhaibh gu ’n suidh sibh aig a’ bhord comhladh riutha.”
(Ri leantuinn.)
AN T-EILEAN SGIATHANACH.
(Highland News. )
Tha mi duilich gu bheil a chuid mhor de na coigrich a tha teachd do ’n Eilein Sgiathanach anns an t-samhradh, agus anns an fhoghar, a’ cumail gu tric an taobh an ear de ’n eilein. Cha ’n ’eil teagamh nach faic iad an sin creagan biorach agus àrda, mar a ta Cuiraing, agus Bodach an Stòir. Chi iad mar an ceudna gleann bòidheach agus fasgach Uig—àite cho boidheach anns an t-samhradh agus anns an fhoghar air an tabhair neach sealladh le ’shuil. Ach ’s e mo bheachdsa gu bheil àitean air an taobh an iar de ’n eilein a ta airidh air a bhi r’am faicinn, sealladh a ghabhail dhiubh, agus fiosrachadh mu ’n timchioll. Tha iomadh aite ann an sgir Bhracadail, agus an sgir Dhùirinish, aig am bheil an eachdraidh am folach, ach a dh’ fhaodadh a bhi air a’ deanamh soilleir.
I. DUIN.
Tha e gle dhoilich a’ dheanamh a mach le cinnt co a thog na duin, no na daingnichean a ta ri ’m faicinn fathast air feadh na Gaeltachd agus nan eilean. Tha moran dhiubh so r’ am faicinn fathast air feadh an eilein, ged tha cuid dhiubh air a dhol as an t-sealladh. Cha ’n eil fios an iad na Lochlinnich, no ’n sean luchd-àitich a thog iad. Bha na dùin so air an togail air cnocaibh cruinne agus àrda. Bha iad air an togail air chor ’s gu ’m faicte gach aon ac’ o aon a cheile. Bha so feumail an uair a bheireadh an namhaid ionnsuidh air an dùthaich. Chuireadh iad comharra teine suas air an dùn do ’m bu dlùthe an nàmhuid; chitheadh an luchd-faire air na dùin eile sin, agus chruinnicheadh na gaisgich, air son na naimhdean a philleadh air an ais. Cha ’n ’eil teagamh nach gabhadh na mnathan, a’ chlann agus na sean daoine tearman anns na dùin ud. Is e ’n comharra teine so air àirde nan cnoc ni cho aithghearr ’s a bheireadh beachd do ’n t-sluagh gu ’n robh an nàmhaid air ionnsuidh a thoirt air an tir. Tha sinn a leughadh gu’n robh an comharra teine so ann ri linn an fhàidh Ieremiah, san t-sean aimsir. Bu chomharraichte a chlachaireachd a bha air na duin ud, air an togail le claich gun aol. Tha e coltach gu’n robh aon de na dùin so suidhichte an toiseach ’san ionad air am bheil Caisteal Dhunbheagain air a thogail a nis. Is e Caisteal Dhunbheagan tigh cho sean ’sa ta ’n Albainn anns am bheil daoin’ a’ comhnuidh. Bha dùn beag an sin, agus tha dùn an Uillinish an sgir Bhracadail ris an abair iad an “dùn mor.” Tha dùn Hàlin ann an Uaternish, agus dùn a Bharp dluth do Hàrlaish. Air taobh an iar loch Dhunbheagain tha dùn Osdail, dun Cholbaist, agus dun Bhoneraig. Rinn bantighearna Mhic Leoid o cheann beagan de bliadhnaibh, cladhach agus cnuasach mor anns na dùin sin feuch am faigheadh i sean nithean agus sean innealan, agus sean bhuill airm a dh’ fhàg na laoich o chian.
II. NADUR NA DUTHCHA.
An uair a tà coigrich a’ cuartachadh sgire Dhùirinish, agus Bhracadail, tha iomadh sealladh bòidheach aca ri’ fhaicinn. Chi iad an sin na beannta gorm gus na mullaich aca, ’s e sin, ma leigeas an ceo agus na frasan dhaibh am faicinn. Tha e coltach gu robh gach creag ’s gach beinn ri bhi air an ainmeachadh air Mac Leoid, an Tighearna mor aig an robh beatha agus bàs a chuid daoine ’na laimh. Nuair a tà daoine a’ seoladh air a mhuir an sin, chi iad maighdeanan Mhic Leoid. Tha iad an sud ’nan seasamh ’s an aon ionad ri aghaidh gach tuinn agus doinionn. Bha ceithir ann dhiubh an toiseach, ach thuit té dhiubh. Rinn neart na fairge agus na gaoithe an gnothach oirre. Tha aon de ’n triuir a ta ’nan seasamh a nis, gu maith mor seach an dithis eile. Cha ’n ’eil ach astar beag a nis gus an tig sinn a chum na Dubh-sgeir. ’N am biodh cainnt aig an Dubh-sgeir is iomadh sgeul dorch a dh’ fhaodadh i innse. Is i so an sgeir air an do chàraich Caimbeulach Eusaidh an lòchran soluis an uair a bha’n long-chogaidh as a dhéigh an tòir air. Bha fear Eusaidh na fhearr cis-sheachnach(smuggler)cho mòr sa bha air taobh an iar na Gaeltachd r’ a linn féin. Bhiodh e iomchuidh tigh soluis a thogail air an sgeir so, oir tha i astar a mach ’sa mhuir, agus tha ’mhuir eu-domhain an taobh a stigh dhith. Tha na creagan a ta ’n iar-thuath air an sgeir so, neo-chumant ard. Tha ’m Bioda mor, aon dhiubh so, ag eirigh corr is mile troidh air airde, as ceann na mara, gu direach réidh. Tha ’m Bioda mor airidh air sealladh a ghabhail dheth, thar muir is tir. Chì thu an Theist agus
(Air a leantuinn o thaobh 99.)
[Vol . 9. No. 13. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, SEPTEMBER 28, 1900.
CRIOMAG DE SHEAN EACHDRAIDH.
Phòs Lachainn Catanach Mac-Gilleain, Triath Dhubhairt, ’an toiseach, Mor, nighean Fear Threisnis, agus bha da mhac aige rithe, Eachann Mor agus Ailein nan Sop. Phos e a rithisd, anns a bhliadhna 1517, Ealasaid, nighean Iarla Earraghaidheal. Tha cuid ag radh gu robh Lachainn gun oighre nuair a phòs e Ealasaid Chaimbal, gun robh e mi-thoilichte le Ealasaid bho nach robh mac aice dha, agus gu ’n do chuir e air Sgeir na Baintighearna i a chum ’s gu’m biodh i air a bàthadh. Cha ’n fheil an sin ach sgialachd gun bhonn; tha e lan chinnteach gu ’n do rugadh Eachann Mor agus Ailein nan Sop roimh ’n bhliadhna 1500. Cha robh, mar sin, aobhar aig Lachainn Catanach air an darna bean aige a bhàthadh, agus cha mho na sin a dh’ fheuch e ri a dheanamh.
Bha Eachann Mor na thriath air Dubhairt bho ’n bhliadhna 1523 gu 1568. Bha e na dhuine aig an robh ceann math agus aig an robh moran cumhachd ri ’latha fhein. Phos e Mairi, nighean Alasdair Mhic-Dhomhnaill, Alasdair Mac Iain Chatanaich, triath Ile agus Glinn Anntruim. Bha naoidhnear chloinne aige r’a mhnaoi, Eachann Og, Iain Dubh na Morairne, Mor, Mairi, Ceit, Sile, Seonaid, Una agus Ceit Og. Phos Eachann Og Seonaid, nighean Iarla Earraghaidheal, agus bha aon mhac aca, Lachainn Mor Dhubhairt. Bha te de nigheanan Eachainn Mhoir posda ri Macleoid Dhunbhcagain, te ri Mac-Dhomhnaill Shleite, te ri Iarla Earraghaidheal, te ri Domhnall Lochiall, te ri Aonghas Ghlinne-garadh, agus te ri Mac-Dhughaill Chreignis. Am measg oghachan Eachainn Mhoir bha Sir Lachuinn Mor Dhubhairt, Sir Ruairidh Mor Dhunbheagain, Domhnall Gorm Mor Shleite, Domhnall Mac Aonghuis Ghlinne-garadh, agus Sir Domhnall Mhuideirt.
Phos Ailein Mac Iain Mhuideartaich, nighean do dh-Alasdair Crotach Mac-Leoid, triath Dhunbheagain, agus bha aon mhac aige leatha, Ailein Og. Chaidh e air chuairt do Mhuile is thug e a bhean maille ris. Gu tubaisteach thuit e an gaol air te de nigheanan Eachainn Mhoir agus sheol e air falbh leatha gu Muideart. Dh’ fhag e a bhean aige na h-aite ann an Dubhairt. Bha coig mic aige ri nighinn Eachainn Mhoir, Iain, Aonghus, Domhnall, Raonall, Iain, agus Iain Og. Chaochail e sa bhliadhna 1593. Chaidh Ailein Og, a mhac ri nighinn Mhic-Leoid, a mhort. Chaidh Iain, a cheud mhac ri nighinn Eachainn Mhoir, a mharbhadh le tuiteamas. B’e mar sin Aonghus a thainig gu bhi na chaiptin air Clann Raonaill. Thuit Aonghus ann am blar ri Clann Leoid aig abhainn Roaig, an Uidhist. B’e Domhnall, a bhrathair, an ath thriath a bha air Muideart. Rinneadh ridire de Dhomhnall ’sa bhliadhna 1617. Fhuair Raonall, a bhrathair, —Raonall Mac Ailein Mhic Iain Mhuideartaich—fearann am Beinn-a- Bhaoghla, agus fhuair Iain fearann ann an Ceannlochmuideart.
Ann an leabhar oran Mhic-Gillios’ tha e air a radh gu ’m b’ i an Aigeannach nighean Dhomhnaill Ghuirm. Cho-dhùin cuid bhuaithe so gu ’m bu nighean i do Dhomhnall Gorm Shleite. Tha e lan chinnteach nach buineadh i do Shleite. Bha mac aig Iain Muideartach ris an abairteadh Domhnall Gorm; agus bha mac aig Aonghus mac Ailein mhic Iain do ’m b’ ainm Domhnall Gorm. Theireadh cuid Domhnall Gorm ri Sir Domhnall Mhuideirt, Domhnall mac Ailein mhic Iain. Tha e soilleir mar so nach h-fheil aobhar sam bith againn air a dhol do Shleite a dh’ iarraidh athar do ’n Aigeannaich.
Ann an leabhar oran Mhic Mhaighstir Alasdair tha e air a radh gu ’m bu nighean an Aigeannach do dh-Iain Mac Iain. Tha e air innse dhuinn cuideachd gu ’n robh i a mach a teaghlach Mhuideirt, “culaidh rusgadh phiostal,” agus gu ’n robh i-fein agus Clann-Ghilleain gle mhor aig a cheile. Nach faod e a bhith gu ’m b’e Iain Dubh Mac Iain Mhic Ailein ogha Ailein Mhic Iain agus nighean Eachainn Mhoir Dhubhairt? Agus nach faod e a bhith, cuideachd, gu ’m b’ i an Aigeannach nighean Iain Duibh Mhic Iain Mhic Ailein?
A. M. S.
PEARSANTA.
Bha D. M. Mac-an-Fhucadair, a Acarsaid Chloinn Fhionghain, anns a bhaile o chionn ghoirid air cheann gnothuich. Tha e ri ceannachd aig an acarsaid.
ThaC . W. Kelly,an dealbhadair, air tilleadh a Boston, far an robh coinneamh mhor de dhealbhadairean air a cumail air an t-seachdain s’a chaidh.
POSADH.
—Ann an Sydney Mines, Di-ciaduin, September 26, leis an Urr. Domhull Mac Ille-mhaoil, Alasdair Domhnullach, Sidni, ri Mor Nic Gilleain, Sydney Mines.
BAS.
—Ann an Sidni, Di-luain, an ceathramh latha fichead, bantrach Dhomhuill Dhomhnullaich (muillear) ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’aois.
—Aig Shunacadic, C. B., air an ochdamh latha deug de September, Micheil Mac Neill, 51 bliadhna dh’ aois. R. I. P.
AM BHEIL GAILIG AGAD?
Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime.
Faic dealbh na leine os cionn an doruis.
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 13. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha Latha Taingealachd ri bhi air a chumail am bliadhna air an ochdamh latha deug de October.
Bidh siorrachd Inbhirnis an ùine ghoirid air a fosgladh gu math leis an rathad-iaruinn ùr a thatar a togail eadarPort HastingsusBroad Cove.Tha na carbaid a cheana ruith guPort Hood,agus cha bhi ’n ùine fada gus an ruig iad Mabou.
Tha ’n da chuideachd a bha cladhach mu Loch Ainslie air son olla air aonadh, agus tha ’n obair a nise ri tòiseachadh na ’s fhearr na bha i fhathast. Tha ceithir tobraichean domhain ri bhi air an cladhach gun dàil, agus mur faighear an olla ’s ann a chionn nach eil i ri faotainn.
Rinn an stoirm a bh’ ann o chionn che’ -la-deug call mor ann an Newfoundland, barrachd mor ’sa rinn i air an eilean so. Bha còrr us ceithir fichead soitheach air an cur dh’ an ghrunnd leatha, agus còrr us leth-cheud duine air am bàthadh. Tha tuilleadh shoithichean air nach d’ fhuaireadh sgeul fhathast, agus tha aobhar a bhi creidsinn gu ’n deachaidh cuid dhiubh a chall.
Rinn na stoirmeannan a bh’ ann o chionn da sheachdain call mor anns na gàraidh mheas ann an Gleann Annapolis. Bha moran de na craobhan air am bristeadh ’s air an leagail, agus bha na measan air am froiseadh dhiubh. Cha bhi ach gann leth nam measan a dh’ fhàs air an cur gu margadh. Ni gainnead nam meas an daoradh, agus mar sin cha bhi an call cho trom orra-san aig am bheil iad ri ’n creic ’sa bhios e orra-san aig am bi ri ’n ceannach.
Tha a chuid mhor dhiubhsan dh’ an àbhaist a bhi gabhail pairt anns na cathan briathrach a bhios a dol air adhart mu thaghadh luchd-pàrlamaid, dhe ’n bharail gu ’m bi an taghadh ann air an ath mhios, agus tha iad gu dian ag ullachadh air a son. Tha cuid eile dhe ’n bharail nach bi i ann gu toiseach no meadhon an earraich. ’S iad sin a’s docha bhi cearr. Cha bhuinigear ni sam bith le ’cur cho fada sin air falbh, agus cha b’e ’n gliocas do ’n riaghladh sin a dheanamh.
Chaidh Eadailteach a ghlacadh air amharus mort anns a’ bhaile Di-satharna s’a chaidh. Fhuaireadh fios áHolyoke , Mass. ,mu fhear d’ am b’ ainm Petrell a chuir as d’a mhnaoi air a cheud latha dhe ’n mhios so, agus a fhuair teicheadh mu ’n d’ rinn na maoir greim air. Chaidh am fear so, a bha toirt caochladh ainmean air fhein ’sa bha gle choltach ris a mhortair, a ghlacadh le maoir a bhaile ’sa chur am priosan gus an tigeadh daoine áHolyokea dh’ aithnicheadh an e ’n duine ceart a bh’ ann. Thainig dithis mhaor oidhche Di-màirt, ach cha b’ urrainn daibh a bhi cinnteach as, agus chuir iad fios air piuthar na mnatha chaidh a mhort, feuch an aithnich is’ e. Bidh i an so an ceann latha no dha. Ma ’s e an duine thatar ag iarraidh a th’ ann, gheibh na maoir a rinn a ghlacadh coig ceud dolair mar dhuais o bhaileHolyoke .
Am bheil thu dol a dh’ fhaighinn fear-gabhail ùr no dha do ’n MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthar a chumail suas.
Tha taghadh gu bhi aca ann am Breatunn air an ath mhios, ged nach eil an latha fhathast air ainmeachadh. Tha a phàrlamaid ùr cheana air a gairm gu bhi cruinn air a cheud latha de Nobhember.
Iarr air do nàbuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA a chum gu faigh e an sgeul ùr— “O Chionn Tri Fichead Bliadhna” —an sgeul ’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. ’S fhiach i a leughadh.
Tha e air aithris gu bheil cuideachd a’ ghuail, air a bhliadhna s’a tighinn, a dol a chosg millean dolair a’ cur an cuid mhèinnean an uidheam air son barrachd guail a chur am mach. Tha toil aca bhi comasach air cur am-mach na bliadhna a dhùblachadh.
Bha deich duine fichead a mhuinntir Eilean a Phrionnsa anns a cheud réiseimid a chuir Canada do ’n Transbhaal. Dh’ fhag iad an dachaidhean aig an aon àm, agus anns a cheud bhlàr a chunnaic an réiseimid, bha h-uile fear dhiubh na àite fhéin.
Tha meinn ghuail Phort Hood air a deagh obrachadh on chaidh a fosgladh air an t-samhradh so. Tha mu cheud gu leth duine ’g obair innte, agus tharruinn iad air a mhios s’a chaidh thairis air ceithir mile dolair mar thuarasdail. Tha mèinn Bhroad Cove ri bhi air a h obrachadh le neart cho luath ’sa ruigeas an rathad-iaruinn i.
Fhuaireadh duin’ òg d’ am b’ ainm Alasdair Mac Cormaic air a bhàthadh air a chladach aigLloyd ’s Cove,faisg air Sidni Mines, maduinn Di-luain. Bha a chorp anns an uisge ’s e gun chòta no peiteag. Tha bruach gle chas aig an àite ’n d’ fhuaireadh e, agus thatar a’ deanamh gur e tuiteam leis a bhruaich a rinn e oidhche Di-satharna air a thurus dhachaidh.
Tha dithis de shaighdearan Chanada anns an Transbhaal an deigh a Chrois Victoria a chosnadh le ’n giùlan treun anns na blàir, —Artar Lindsay agusA . H. Richardson.B’e ’n gniomh a rinn gach fear dhiubh companaich leòinte a ghiùlan air falbh leotha ’s peilearan nam Boereach a’ frasadh timchioll orra. Tha gach fear dhiubh na sheairdsean ann an Eachraidh Strathchona.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna.
Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh le “Iain,” ughdar “Taigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoine ’tha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul a’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. Tha i ’na sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i.
Stor nan Sutharlanach
an stor a’s fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.
Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.
DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.
H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.
KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN
Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.
Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.
FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.
aM tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies, Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 9. No. 13. p. 6]
(Air a leantuinn air taobh 102.)
an Cipein dlùth do’n Bhioda mhor. Tha sròn an àigeich, aon de na creagaibh sin se ceud troidh os ceann na mara. Thig thu nis seachad air a’ “Cheannaiche” Mhic Leoid, creag chruinn àrd a ta dealaichte o na creagaibh eile a ta timchioll air coltach ri aon de mhaighdeannaibh Mhic Leoid, ach a ta moran na’s treise ’san t-suidheachadh; uime sin rinn an sluagh firionn e, an uair a dh’fhàg iad ’na maighdeanan boirionn. Tha loch Pholl-deil ’na luidhe a stigh o’n iar thuath gus an ear-dheas. Tha beul-aithris ag innse gu’n tàinig Diel mac righ Lochlinn air tir ’san loch so an deigh dha bhi air a bhàthadh. Tha sgeir ’s an loch ris an canar fathast, sgeir an Lochlinnich. Tha ’n sgeir sin a cumail air chuimhne a bheul-aithris sin. Theid sinn a nis seachad air an t-Snòd no air Ceann Mor Mhic-Leoid, mu’n téid sinn a stigh do loch Dhunbheagain. Rach air to an sin agus gabh sealladh air an dùthaich mu’n cuairt. Tha tighean boidheach air an togail ann an Dunbheagain. Tha tigh-osda goireasach ann. Tha iomadh ni iongantach ri ’m faicinn ann an Caisteal Dhùnbheagain, agus tha Ceann-cinnidh nan Leodach ’na fhior dhuine usal, agus tha e toileach agus deonach coigrich a sheoladh, air chor ’s gu faic iad gach seann ni, ’s gach sean ioghnadh a ta taobh a stigh na lùchairt. Tha ’Bhratach-shithe an sin—a bha dà uair mar mheadhon air buaidh a thoirt do na Leodaich air an naimhdibh. Ma ’s fier an sgeula, bidh i r ’a togail aon uair fathast, air son an treas buaidh a thoirt do na Leodaich, mu’n caill i a h-eufachd. Tha adharc Ruairidh Mhòir an sin; an cupan airgid a bha aig Nial nan naoi geail, righ Eirinn. Tha na brògan laga a bh’ aig Tipoo Tarib an sin, agus an litir a sgriobh an t-olla Mac Iain gu Mac Leoid an sin. Bha mor speis aig an Olla Mac Iain (Dr. Johnson) do Mhac Leoid. Tha eaglais suidhichte na sgire gun bhi fada o’n chaisteal, agus an uair a thig coigrich seachad air tigh-còmhnuidh a mhinisteir aig ceann an locha, bhuineadh dhaibh sealltuinn a mach air son uaigh an Albanaich(Scotsman’s grave) .Is e ’n t-Albanach so paipeir naigheachd a bha ’n aghaidh cùis agus còir nan croitearan Gaelach an uair a bha iad ag iarruidh air ais an fhearainn. Leis an fhuath a bh’ aig an t-sluagh dha rinn iad uaigh dha, agus dh’ àmhlaic iad an sud e; ach tha e fathast cho beò ’sa bha e riamh, agus a’ ghuth cho làidir. Tha e cho righinn r’a mharbhadh ri cat. Tha an uaigh so fo’n rathad mu’n tig neach gu Tobar nam maor seach Dùn-Osdail. Is iomadh neach uasal a chòmhnaich an Osdal. Bu lionmhor dream sgith, airsneulach a leig greis de’n anail aig Tobar nam Maor, mu’n robh uigheaman giulan cho lionmhor, goireasach ’sa tha iad a nis. Tha clach aig an tobar so air am bheil gearradaireachd iongantach(high relief) .Tha i air cumadh cloich’ uaighe. Faodaidh coigrich a nis direadh suas gu mullach a bhùird so, no na beinne so, air là soilleir samhraidh anabarrach agus glòrmhor. Chi neach le shùil cho fad as ri Uist a deas, agus a tuath. Barra, Rum, Eig, agus Cana, agus le glainamhairc làidhir, eadhon cho fad as ri Muile. Ged is e ’m Bòrd-beag a’s àirde is ann gu mullach a bhùird mhòir is tric a ta muinntir a’ dol. Tha ’n dà bheinn so tuille a’s coig ceud-deug troidh air àirde gach aon dhiubh os ceann na mara. Is e Halibhal mhor, agus Halibhal bheag a theirear gu coitcheant riu, ged tha iad air an ainmeachadh air MacLeoid. Tha ’m mullach aca còmhnard rèidh, mar bheinn Chàrmul, ged nach eil coille mu’n timchioll. Nuair a thig dream a nuas o’n bheinn sin, rathad Sgianaidean, faodaidh iad a dhol a dh’ fhaicinn làrach an tighe san d’ rugadh an saighdear curanta sin Coirneal McLeoid Cholbaist, no mar a theireadh iad “Coirneal ruadh Hiont.”
(Ri leantuinn.)
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XIV.
TURAS NAN GAEL DO SHASUINN.
Air an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair, 1745, bha àrmailte Thearlaich bho 5000 gu 6000 fear-feachda le claidheannan agus gunnaidhean am pailteas, fùdair agus luaidhe do réir sin, agus beagan ghunnaidhean-mòra, maille ris gach treachlaich chath eile bhiodh feumail ri uchd còmhraig. A thuileadh air so, bha iomadaidh eile dheth na Gàeil air ’eiridh nach tàinig fathast air an aghaidh, b’ann diù so feachd Mhic-Shimidh na h-Airde. Aig a’ cheart àm bha anabarra sluaigh ag éiridh na aghaidh anns gach àite de Shasuinn, agus ann an Siorramachd Earra-Ghàel agus Chataobh.
Bha Tearlach am beachd mar a b’ fhaisg’ a rachadh e air cathair Rìgh Deòrsa gur ann bu ro fhearr a’ chùis, agus bha e cuir roimhe gu ’n gabhadh e gach slighe bu réithe agus a b’ aithghearra gu Lunnainn a ruidhinn, air an aobhar sin leig e ris da luchd-comhairle gu ’n robh e air tì màrsail do’n Chaisteal-Nogha los cath a chuir ri Marasgal Bhade, a bha e cinnteach a theicheadh roi’ na Gàeil, “mar ghearr ro chonabh.” Thuirt a luchd-chomhairle ris, gum biodh sin na ghnothach ro mhi-choltach ’s an àm, gur mòr a b’fhearr dhaibh màrsail, gu mall thun na Crìche Sasunnaich a chum ùin’ a thoirt do’n mhuinntir nach robh ach air ur eiridh gu cleasan an airm fhòghlum.
Chaidh a nise gairm a mach, an t-àrm Gaelach gu léir a chruinneachadh ri chéile; ás gach àite de’n dùthaich anns an robh iad air fòrlach, agus air dhaibh a thighinn gu léir air aon lòm ghabh am Prionnsa beachd air an
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 9. No. 13. p. 7]
coltas, agus chunntadh an àireamh air an tràigh ghainmheich a tha eadar Lìbht’ agus Baile-nan-Fiasgan.
Ma shia uairean air feasgar Dirdaoin an tri-amh latha diag thar fhichead do mhìos dheireannach an Fhoghair, dh’ -fhàg Tearlach gu tur lùchairt rìoghail a shinnsir an Albainn, agus a fhreiceadan diona gu taigh-Phincie far an dh’ fhan e rè na h-òidhche sin; ma thra-nòine ’n ath latha, mharcaich e gu ruige Dailché, far an tug e òrdugh, màrsail do’n àrm. A chum ’s nach biodh fios cinnteach aig Marasgal Bhade ciod an t-slighe air an robh sùil aig na Gàeil triall a Shasuinn chuir am Prionnsa fios a dh’ fhios gach baile eadar Dunéideann as Ber-Uig cairtealan a bhi aca deis air chinn an airm, agus chuir e cuideachdan beaga dhe an armailt air caochladh ròidean eile, agus a chum Marasgal Bhade, agua an t-arm-dearg, (a bha sa ’n àm n-an laidhe sa Chaisteal-Nogha) a sheachnadh, ghabh mòr-fheachd an airm Ghàelich an rathad a tha treòrachadh air taobh siar na Crìche Sasunnaich gu ruige Lunnainn. Bha Tearlach an dòchas gun eireadh na h-urraid de ’n na Gall-Albanaich, agus de’n na Sasunnaich fein leis, anns gach àite, mar bhiodh e gabhail air aghaidh’ —chuir e m’am àm so air leth daoin’ -uaisle ’bha gu stùradh an airm a ghabhail os-laimh: —Diuc Pheairt agus Morair Seòras Moireach mar sheanaileirean, Morair Elecho mar chorneileir air freiceadan diona a’ Phrionnsa féin; Iarla Chill-Marnoc na chorneileir air na trùpairean, agus Morair Phitsligo na chorneileir air marc-sluagh Shiorramachd Aonghais.
Cuiridh mi nise sìos an so, fior àireamh agus ainmeanan nam Fineachan Gàelach a dh’ eirich a mach gu cogadh an aghaidh Rìgh Seòras. “Bliadhna Thearlaich.” Tha’ chunntas so air a tabhairt bho “Leabhar-Eachdraidh beatha Dhuic Uilleam” a chuireadh a mach ann an Lunnainn sa’ bhliadhna 1767.
REISEAMAIDEAN NAM FINEACHAN GAELACH.
Stiùbhartaich na h-Apunn—Stubhartach Aird-Seala, 200; Na Cam-shronaich—Loch-Iall, 700; Clann-Raonuill—Tighearna Chlann-Raonuill, 300; Clann-Dòmhnuill na Ceapaich—Fear na Ceapaich, 200; Dòmhnullaich Mhùideart—Tighearna Chinn-Loch-Mùideart, 100; Dòmhnullaich Ghlinne-Comhann—Mac-Iain Ghlinne-Comhann, 120; Chlann-Ionmhuinn—Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, 120; Clann-Mhuirich Bhaideanach—Cluainidh Mac-a- Phearson, 120; Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh—Mac- ’Ic-Alasdair, 300; Gòrdonaich Ghlinne-Bucaid—Gòrdonach Ghlinne-Bucaid, 300;Clann-Lachuinn—Mac-Lachluinn, 200; Clann-Dònnachaidh—Thighearna Sruthain, 200; Granndaich Ghlinne-Moiriston—Mac-Phàdruig, 100; Na h-Abhallaich—Morair Seòras Moireach, 600. Aireamh nan Gàel, 3560.
NA REISEAMAIDEAN MACRACH.
Muinntir Siorramachd-Aonghais—Morair Ogilbhi, 900; Muinntir Pheairt—Duic Pheairt, 700; Muinntir Narainn—Morair Narainn, 200; Muinntir Dhunéideinn—Iain Ruadh Stiùbhart, 450. Aireamh nan Gall, 2250.
NA REISEAMAIDEAN EACH.
Marc-shluagh Mhorair Elecho agus Mhorair Bhaile-Morino, 120: Marc-shluadh Mhorair Phitsligo, 80; Earla Chill-Marnoc, 60. Aireamh a Mharc-shluaidh, 260. Aireamh na h-armailt’ gu léir, 6070.
Bha gach aon de réiseamaidean nam Fineachan fo chomannda an Ceann-cinnidh féin, agus càirdean bu dìllse nan Ceann-cinnidh na’n oifigich, agus an comhdhaltan anns na dreuchdan a b’fhaisge dha sin. Bha na daoin’ uaisle air toiseach nan réiseamaidean, agus bha tastan an fhir aca mar thuarasdal, ’nuair nach robh aig na h-ìslean ach sia-sgillinn, bha leth-chrun thuarasdail aig gach Caiptin agus dà thasdan aig gach oifigeach, agus ochd-sgillinn-diag aig gach fear-brataich. Bha na daoin’ -uaisl’ air toiseach nan Réiseamaidean, air an éideadh na’n làn-dheiseachan Gàelach, sia slatan-diag breacain, eadar bhreacan-guaile ’s éileadh, (sin an t-uidheam ris an abradh na Gàeil bho shean, breacan an éilidh.) Bha bonaid beag gorm, biorach, orra mar cheann-aodach, cha robh ac’ air son phòcaidean ach na sporanan bruic. Bha gach gaisgeach dhiù so air armadh le gunna-glaic’ claidheamh mòr, agus paidhear dhagachan, biodag le sgian agus gobhlag-fheola na duile; a thuileadh air an sgithinn so, bha sgian dubh ’san osan, targaid, no mar their cuid gorsaid, air a’ ghàirdean clì. Bha clann na tuath’ air deireadh: an àite nam breacanan éilidh ’se bh’ air cuid aca feile-beag, no preasach, no ma theireir ann an cuid de dh’ -àitean feile-cuaich: bha iad so air an armadh le “mosg mhór a’ pheileir Shasunnaich,” claidheamh agus biodag; b’ aineamh fear dhiù aig an robh sgiath. Air feasgar Di-haoine a’ chiad latha de’n Gheamhradh, ghabh cuideachda mhòr dhe’n àrm a bha fo chomannda Mhorair Deòrsa Moireach an t-slige gu Peebles le rùn Carlisle a ruidhinn rathad Mhoffat. Dh’ fhag a’ chuid eile de’n àrm Dail-Ché air an treas latha de’n Gheamhradh ’s am Prionnsa féin air an toiseach, a’ giùlan a thargaid air a ghua-
Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN DOMHNACH.
A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8.00 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.
DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 13. p. 8]
lainn. Ghabh a chuideachda so an t-slighe bu dhìriche gu deas air tì coinneamh a thoirt do Mharasgal Bhade aig a Chaisteal-Nogha. Air dhaibh a bhi gabhail na slighe moch sa’ mhadainn so, seachad air dorus Phreston-hall fhuair am Prionnsa e chiad-lungaidh (no bracbhaist) bho bhan-tighearna Dhiùc Gòrdon a bha chomhnàidh ’san taigh sin: cha bu bhuannach do’n mhnaoi uasail chòir ud, an fhialachd so, cho luath sa’ chuala cùirt Rìgh Seòras gun do nochd i an urrad ud dheth a caoimhneas do ’n Phrionnsa, chaill i 1000 pund-Sasunnach sa’ bhliadhna ris; sùim airgeid a rinn parlamaid Shasuinn suas d’i ma choineamh na bliadhna, mar dhuais air son a cuid cloinne thogail suas anns a chreideamh Phrostanach.
Air gabhail do’n Phrionnsa agus d’a armailt thar Chnoc-Shoutra stad iad an òidhche sin aig Laudar agus chuir e suas a chairtealan ann an Caisteal Thirlstane tàmhach Iarla Dhail-Laudeir. Air an ath mhadainn do bhrigh tuaraisgeul breagach a chual’ e gun robh réiseamaid laidir thrùpairean a’ tighinn na chòdhail air an t-slighe so, phill e air ais rathad Channelkirk a chum is gun tigeadh cuid dheth an arm a dh’ fhan sa’ bhaile sin rè na h-òidhche suas ris a mhòr-fheachd, ràinig e’n latha sin (a be ’n ceathramh latha de’n Gheamhradh) cho fad air aghaidh ri Kelso a’ coiseachd gach ceum de’n t-slighe gun each, gun chàrbad, a chum misneachd nan daoine chumail suas. Chaidh cuideachd eile dheth an arm air an agaidh rathad Ghall-Seile, Shelkirk, Hauig, agus Mhosspauil.
A chuideachd de’n an arm a ghabh slighe an taobh siar, a bha ’g iomchair nan cannon agus treathlaich eil’ an àirm, ràinig iad Peebels air feasgar Di-sathurn an darra latha de chiad mhios a’ Gheamhraidh. Bha’ a’ ghrian a dol fodha ’nuair a chunnacas a’ chiad chuideachd ’a tearnadh a bharr nam mulaichean, a bha ’g-iathadh mu’n bhaile air gach taobh, agus bha a’ gathanan fann-bhui òir a tilgeadh mìle lainnir dheth na lannan libhidh stailinn a bha rùiste ann an dorn gach gaisgeich, ’s a’ dùsgadh uabhais ann an broilleichean luchd-àitichidh a’ bhaile, a chuala cheana ni ’s leòr do dhroch iomradh mu ’n mhuinntir a bha da’n iomchair. Ach chunnaic muinntir Pheebles gun robh na Gàeil na ’m buidheann mòran n’a b’fhearr na bha ’n t-ainm dhiù, agus nach tug iad aon chuid, ionnsaidh air an sgòrnanan a ghearradh, no air ’am maoin a spùileadh; mar bhasa ’g innse dhaibh a bha iad a deanamh air muinntir eile. Co-dhiù leig na Gàeil fhaicinn ann an so mar bha iad a’ deanamh anns gach àit’ a bha iad a ruidhinn, gun robh iad a sireadh ùmhlach a’s cìs araidh agus n’an rachadh iad sin a chumail uapa, gu’m [ ? ]chadh iad’ lamhachas-laidir gu’n toirt a mach a “dh’ aindeoin co theireadh e,” air an aobhar sin chaidh iomadh cuideachd dheth an armailt gu caochladh theaghlaichean de’n bhaile, agus ma thimchioll a’ dh’iarraidh teachd-an-tìr agus cairtealan òidhche, agus chaidh na dh’iarr iad a bhairigeadh orra le caranachd agus caoimhneas.
An deigh do’n chuideachd so de’n arm Ghàelach, latha no dha a chaitheamh ann an Peebles, dhìrich iad Monadh-Thuaid gu Moffat, agus an sin ghabh iad an t-slighe sios gu Anadail agus chaidh iad a steach do Shasuinn fagus do Changton.
Dh’ fhan Tearlach féin ann an Kelso bho ’n Di-luain a chaidh e steach gu Di-ciadain, gun a rùnachd a leigeadh ri duine sam bith de mhuinntir a’ bhaile sin, ma ciod an taobh a bha sùil aige féin agus aig an àrmailt a ghabhail do Shasuinn, a chum an car a thoirt as an arm-dhearg, a bha dha fheitheamh anns a’ Chaisteal-Nogha, air an aobhar sin chuir e fios gu muinntir Wooler (baile a th’air an t-slighe a dh’ ionnsaidh a Chaisteil-Nogha,) cairtealan òidhche bhi aca réidh air chinn na h-àrmailt gu léir: agus air madainn Di-ciadain dh’òrduich e’n t-àrm a thriall air an t-slighe a bha treòrachadh gu Lunnainn, air taobh siar na Criche, a chum gun tàradh e seachad gun fhios do’n arm-dhearg, a bha n-an laidhe anns a Chaisteal-Nogha.
Chuir am Prionns’ an òidhche sin seachad ann an taigh am meadhon Iedborgh, agus air dha eiridh moch sa’ mhadainn an ath latha chaidh e thar a bhealach gu taobh na h-airde-n’ earra-dheas de dh-Uisge-Ruidhle, agus air dha imeachd ma astar chùig mìle fichead, chaidil e ’n òidhche sin ann a’ Hagihaugh ri taobh Uisge-Lith-dail, chaidil cuid dheth an armailt air na raointean, agus cuid eile ann an taighean na tuatha mu’n cuairt do ’n àite. Air an ath mhadainn (Di-haoine an t-ochdamh latha de chiad mhìos a Gheamhraidh), ghluais an t-arm sios Uisge-Lithdail agus a’ chuideachd a thriall rathad Shelkirk, agus sior Dail-Iue thàinig iad an ceann na cuid eile de’n fheachd ma cheithir mìle fo iochdar Langholm. ’Nuair a fhuair an t-arm gu léir air taobh thall na Crìche Sasunnaich thog iad iolach bhuaidh-chaithream, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh a thruaill: ach chaochaill cuid aca snuadh, air dhaibh fhaicinn gun ghearr Loch-Iall a mhiar, air dha a bin rùsgadh a chlaidheamh, a cantainn gu’n robh e na chomharradh air diom-buaidh no turas mi shealbhach.
Ri linn dhaibh a bhi air an turas so, ruith mòran dheth na daoine air falbh mar fhiùdmhailich, bha ròidean mòra Shiorranmachd Lannraig agus Shruidhleadh air an dùmhlachadh leis na gealtairean so a theich, agus tha mi’n dòchas nach miste leibh a’ chluinntinn gu’m bu Ghall-Albannaich no Machraich a’ chuid bu liugha dhiubh.
(Ri leantuinn.)
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic m ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
“ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 13 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 13. %p |
parent text | Volume 9 |