[105]

[Vol . 9. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 5, 1900. No. 14.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. XIX.

TACHARTAS EILES AN EACHDRAIDH SO AS FHIACH INNSE.

Dhiarr aBhan-Iarla a nisan t-suipeir fhaighinn deiseil, agus dhasluich i air an t-sagart pharaisde suidhe comhla riutha, agus thuirt i gum feumadh Màiri, cuideachd, a bhi ann. Aig a bheannachadh, cleachdadh nach robhas a diochuimhneachadhs an àm ud aig buird nan uaislean, thainig smaointeanan ro thaitneachan inntinn Màiri. “Mo Dhia,” smaointich ise, “bu chruaidh thainig achuis orm, agus biosal mo chridhe, an uair, as deigh mobair latha, a chaidh mfhuadach air falbh o Bhaile na Craoibh Ghiubhais, gun bhiadh a dhithinn; agus bu bheag mo smaointean gun robhsa cheart àm sin suipeirga deasachadh dhomh anns achaisteal so. Tha mitoirt taing dhut, ’Athair ghradhaich, a thanns na flaitheas, airson do fhreasdail throcaireach! O, thoir mathanas domh airson mo chuid an-dochais, agus deonaich dhomh do ghràsan, anns an rathads nach caill mi mearbsannad gu siorruidh tuilleadh.”

Chaidh iarraidh air Màiri a h-aite a ghabhail eadar aBhan-Iarlas a bhaintighearnAmelia. Le saidealtas na h-oige cha robh i toileach suidhe sios an aite cho urramach. Ach thuirt aBhan-Iarla gu caoimhneil rithe: “Chan e do chall a rinn sinn ach do chuir air falbh, ar nighean; air an aobhar sin tha e ceart gum biodh againn cuirm gairdeachais, agus is airidh thusa, mar sin, air an aitas airde;” agus anns na facail so rug i air laimh air Màiri agus threoraich i i dhionnsaidh an aitan robh toil aica cuir.

Aig an t-suipeir cha robh iad aseanachas mu bheag eile ach eachdraidh Màiri. Thug an t-Iarla leis air an turus so an seann sealgair Antony: bha barail mhath aig air airson sealg; bha e tric atoirt cuideachaidh seachad aig abhord, chan ann bho riatanas a bha e ris ach le toil a dheagh run a nochdadh. Air an fheasgar so bha ena sheasamh air cul an t-seathair aig Màiri, agus chite, o am gu am, asuathadh deur air falbh bho shuil. Bha cead aige, air saillibh aoise, facal a chuir a stigh an drasdasa rithist. “Nach do thionndaidh e a mach fior, aMhàiri,” ars esan, “an rud a thuirt mi rint fheins ri t-athair aig a chlach chriches a choille. Cuiridh an fhirinn crioch air an la as fhaide; agus ge bechuireas earbsan Dia cha treig E e. Chaneil ach aon rud a niseg ar dith. ’S e sin dathair a bhi beo los gum faiceadh en latha sona so! Iacob coir, nach e bhiodh toilichte ri faicinn a nighinn, a bha ni bu ghradhaiche leis na sian eilesan t-saoghal as deigh bas a mhnatha, air a gairm neo-chiontach agus air a h-urramachadh. Chan urrainn mi a chuir as minntinn nach faodadh Dia beagan mhiosan eile de shaoghal a thoirt da. Ged a leigeadh e leis am bas fhaighinn air an fheasgar so fhein leis an toileachadh, bha mi lan riaraichte, chionn bhiodh e beo fada gu leoir airson achuis-shòlais so fhaicinn!”

Tha mitoirt creideas duit airson na thubhairt thu,” arsan sagart paraisde; “tha ena dheagh innse air do chridhe. Ach feumaidh sinn sealltuinn romhainn nis fhaide nan saoghal so; oir chaneil ar cuairt air an talamh ach gearr agus gle thric mi-shona, a chuid as neo-thoilichte der beatha. Chaneilsan t-saoghal so ach slighe gu aitas fhearr; chaneiln ar beatha thalmhaidh ach uidheamachadh airson beatha eile nis luachmhoirs na flaitheas. Nam bitheadhmaid a toirt fanear beathan duine dealaichte bhon chrannchur shiorruidh, thachradh iomadh ni ruinn a chuireadh an teagamh sin a thaobh gliocas, mathas agus ceartas . Achn uair a thogas sinn ar suil suas ri neamh, gheibh sinn soilleireachadh a chuireas an teagamh sin a thaobh gach truaighe is bochduinn shaoghalta.

“ ’S ann mar so a thachair a bhithan cas Iacoib us Màiri. Tha fulangas na h-ighinn bhochd air a dheanamh suas gu dearbh leis an fhialachd as motha. Ach bha bas an t-seann duinfhiachail car iongantachdhfhalbh e agus droch bharail aig a mhaighstirean ard-inntinneach, gradhach air; dhfhalbh e am bochduinn, agus, rud bu dorra leis na sin uile gu leir, bha efagail a nighinn ann an cor truagh. Mar a bitheadh saoghal eile ann, theireadhmaid gum bu chruaidh an gnothuch na dhfhuiling e ann am foighidin air sailibh na h-eucoir a chaidh a dheanamh air; agus chuireadh na smaointean a chuir an duine beannaichte so an ceill, gu math, bron air gach cridhe truacanta.

Ach tha beathas fhearr ann; thaagus tha feum againne, creutairean basmhor, gum bheil anndachaidh far an dtheid cunntas ceart a thoirt a mach air ar fulangas. Agus an sin, ’s na flaitheas, tha athair Màiri air a dhuaiseachadh nis fhearr airson nan trioblaidean nach do thoill e, no tha, eadhon, a nigheanan so air thalamh. ’An sud tha e blasad air aoibhneas as airde, seadh, air toilinntinn is gloir dha nach deanadh a chuirm shaoghail so, ’san talla eireachdail so, eadhon sgaile.

Ach so tuilleadhtha fios cinnteach agam air, tha mo chridheg innse dhomh, agus an corra rud, tha barrachd earbsa ri chuir as achridhe na[ ? ] acheanntha mo chridheg innse dhomh gum bheil an seann duine beannaichte, air nach dthainig atharrachadh am flaitheanas, agabhail barrachd de phairt an toileachadh na h-oidhche so na shaoileas sinne. Chionn gum bheil mifaicinn nan aoidhean urramach tha mun cuairt air a bhord ag eisdeachd cho curamach, innsidh mi naigheachd bheag air nach dthugainn tarruinn idir nam bitheadh cuisean air atharrachadh doigh.

Thainig mi aona mhaduinn a choimhead an t-seann duine choir, ’s e tinns aleapaidh. Ged a bha earbsa laidir aigean Dia daonnan, gidheadh cha burrainn da a chuir as a chridhe ciamar a dheireadh do Mhàiri as deigh so. Ach air a mhaduinn so bha ean gean fior mhath. Bha e coimhead fior thoilichte; shin e a mach a lamh thugam as aleabaidh, agus thubhairt e: ‘Than sac fa dheireadh a nisair a thoirt air falbh far mo chridhe, ’s e sin iomaguin air son mo nighinn. Tha mi a nise lan thoilichte. Chaidh agam air urnaigh a dheanamh an raoir, mar nach deachaidh agam riamh roimhe, agus uaithe sin fhuair mi fois inntinn nach babhaist maille ri earbsa laidirn am chridhe a ruigheachd fhlaitheanais. Tha mi creidsinn gu daingeann gun dfhuair murnaigh eisdeachd. Le dòchas laidir duinidh mi nise mo shuileanan suain a bhais, chionn tha fios agam gun dthig fhaighinn a mach fhathast gum bheil mo nighean neo-chiontach; agus gun gabh an t-Iarla urramach curam athareil di fhathast, ’s gum bi aBhan-Iarla dhi mar mhathair.’ ’S ann mar so a labhair an seann duine beannaichte air amhaduinn an deigh na h-oidhchud; agus gu de biongantaiche leam fhein na thuigsinn air an fheasgar so, gum bi sud acheart oidhchethug an stoirm a nuas an t-seana chraobh, agus a dhaobharaich gun dthainig neo-chiontas Màiris am fàine an uachdar. ’S ann mar sofhuair an urnaigh iriosail aige eisdeachd. Agus a chionn gun robh urnaigh an duine bhochd cho ceart adol suas gu cathair an Fhir sintha riaghladh gach gnothuch talmhaidhs gun dfhuair e ceartas da nighinn, ’nuair bu gheiremulad, agus am feasgar solasach sochuirn ar rathad-ne; ciamar, mata, a bhios an gnothuch toilichte so am falach air an fhear sin a bha cho iomaguineach ma dhan a nighinn? Tha dochas laidir agam, ged tha e air taobh thall na h-uaighe, gum beil fios aige mu fhortan a nighinn, agus agabhail pairtn ar sòlas. Biodh sin, air a shon sin, mar thogras e, ach tha e cinnteach gum beil urnaigh dhurachdaich an t-seann duine, agus cho ealamhs a fhuair i eisdeachd, a cuir a h-uile facal den eachdraidh sosan t-solus as soilleires as eireachdaile, agus, mar gum beadh, acrunadh na cuise gu leir. Tha freasdal ro-shoilleir ri fhaicinn dhuinn uiles aghnothuch so.

Chan e,” arsan sagart a rithisd, “chan ann le fior thuiteamas a thainig sinn cuideachd an so a nochd; cha dàn gun eolas a dhullaich duinn an tacan solasach, taitneach so. ’S e freasdal math a thug mise, coigreach mar bha mi, am measg na coisir urramaich so, los gun innsinn duibh briathran mu dheireadh an duine, na briathran sin a thatoirt comais duinn air faicinn troimhn ghnothuch so gu ruig an grunnd.

Tha so, cuideachd, adearbhadh dhuinn, ged tha Dia alionadh cridheachan pharantan leis a ghràdh as caoine dhan cloinn, gum bheil, fhathast, gaol as motha aig air an t-sluagh gu leir, agus agabhail barrachd curaim diubh nas urrainn athair no mathair talmhaidh a dheanamh. Faodaidh, a bharrachd air a sin, gum beil cridhe athar aplosgardaich air ar son, beous marbh.



[106]

[Vol . 9. No. 14. p. 2]

Agusse bhi creidsinnan so, air n-aon earbsan am na h-eiginns aig uair abhais; oirs iad sin an da ni nach seachainn sinn go be staids am bi sinn; an da ni sin do nacheil urram, no eadhon an crun fhein, na dhion.”

“ ’S e so mo bharail-sa cuideachd, adheagh athair!” arsaBhan-Iarla, agus ig eiridhs a breith air laimh air. Dheirich cach uile nan seasamh, cuideachd. “Tha e a nisefas anamoch,” arsise, as deigh sin, “agus bhon dhfheumas sinne falbh mochs amhaduinn, than t-am againn gabhail mu thamh, agus mar so dealachadh, ann an doighs nach bi na deagh smaointeanan a thog an sagart caomh sonar cridheachan air an cuir a nullsa nall; oir so an doighus fhearr an dthoir sinn alatha gu crich.”

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Beder, Prionnsa Phersia.

CAIB. VI.

Ghaibh righ Phersia misneach an uair a chuale na briathran a labhair Gulnara, agus chaidh iad le cheile don t-seomar. An uair a thug i an righ an lathair a mathars a brathars a luchd-daimh eile, leig iad iad-fheinnan sineadh aig a chasan agus an aghaidhean air an lar. Ghrad thog an righnan seasamh iad, agus ghlac ena ghairdeanan aon an deigh aon dhiubh. An uair a shuidh iad uile, labhair righ Saleh mur so ri righ Phersia: “Is gann gur urrainn duinn briathran freagarrach gu leor fhaotainn gus ar n-aoibhneas a chur an ceill, an uair a smaoinicheas sinn gum bheil mo phiuthar, an deigh gach mi-fhortan a thainigna rathad, a nis cho sonas gum bheil i fo dhion righ cho cumhachdach ribhse. Gabhaidh sinn oirnn a radh nacheil i neo-airidh air an t-suidheachadh ard anns an do chur sibh i. Bha leithid de ghradh agus de chaomhalachd againn riamh rithenach burrainn duinn smaoineachadh air leigeadh leatha aon de righrean treuna agus cumhachdach achuain a phosadh, ged a bha iad gu tricg a h-iarraidh riposadh mun dthainig i gu aois. Ghleidh an Cruithfhear i ar bhur sonse, mo thighearna, agus chaneil doigh as fhearr againn air ar taingealachd a thairgse dha na bhithguidhe air gun deonaicheadh e saoghal fada agus beatha shona dhuibh ann an cuidheachd a cheile, agus soirbheachadh mor a thoirt dhuibh anns gach doigh.”

Fhreagair righ Phersia, agus thuirt e, “Ghleidh an Cruithfhear dhomhsa i cinnteach gu leor mar a thubhairt sibh. Tha barrachd graidh agam dhi na bha agam do bhoirionnach a chunniac mi riamh roimhe. Chan urrainn domh taing gu leor a thoirt don bhanrigh a mathair, no dhutsa, a phrionnsa, no do bhur teaghlach gu leir air son cho toileach agus cho caoimhneils a ghabh sibh rium dor teaghlach urramach mar chliamhuinn.”

An uair a thuirt e so, dhiarr e orra suidhe gu biadh aig abhord, agus shuidh e fhein Gulnara comhladh riutha. An deigh dhaibh am biadh a ghabhail, bha iad fhein is righ Phersia acomhradh gus an robh greis mhor dhen oidhche air a dhol seachad; agus an uair a bha iad adol a ghabhail mu thamh, sheall e fhein dhaibh na seomraichean cadail a dheasaicheadh air an son.

Chum righ Phersia suas fleadhachas mor o latha gu latha. Rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum gum faiceadh iad gun robh cleachdadh na cuirte air a chumail suas le maise agus le moralachd air nach burrainnear barr a thabhairt. Agus dhaontaich iad air a chomhairle nach fhalbhadh iad gus an rachadh an darna taobh dhen bhanrigh. An uair a thainig laithean a h-inbhe gu crich, dhordaich e gum biodh a h-uile ulluchadh feumail air a dheanamh. Air an oidhche sin fhein rugadh mac dha, agus bha e fhein agus gach aon a bhuineadh don teaghlach anabarrach aoibhneach. Cho luaths a chuireadh an leanabh air doigh agus a chuireadh aodach riomhach uime, thugadh an lathair an righ e.

Bhan righ air a lionadh le aoibhneas do-labhairt an uair a ghlac e a leanabh micna ghairdeanan. On a bhan leanabh anabarrach maiseach, cha do smaoinich an righ gun robh ainm sam bith cho freagarrach air ri Beder, facal de chanain Arabia a tha ciallachadh, aGhealach Lan.

Mar chomharradh air a thaingealachd don Chruithfhear, dhordaich an righ moran deirce a thoirt do na bochdan, na priosanaich a leigeadh mar sgaoil, agus an saorsa thoirt do na traillean. Thug e suim mhor airgeid seachad gus a bhith air a roinn air na daoine diadhaidh eile a bha anns an rioghachd. Thug e tiodhlacan mor do mhaithibh na cuirte, a bharrachd air an t-suim mhoir a dhordaich e bhith air a roinn am measg an t-sluaigh. Agus dhordaich e gum biodh fleadhachas agus gairdeachas anns abhaile fad sheachd latha.

Air latharaidh an deigh do bhanrigh Gulnara eirigh bhar leaba na siubhla, bha i fhein is righ Phersia, a bhanrigh a mathair, righ Saleh a brathair agus na bana-phrionnsachan eile acomhradh richeile anns an t-seomar, agus thainig abhanaltrum a steach agus Beder am prionnsog aicena gairdeanan. Cha bu luaithe a chunnaic righ Saleh e na ruith e gus breith airna ghairdeanan. An uair a rug e air, thoisich e riphogadhs ri chniodachadh le mor chaoimhneas. Chaidh e mun cuairt an t-seomair leis caochladh uairean, agus eg a chrathadhsg a thogail suas. Thachair gun robh uinneag an t-seomair fosgailte, agus sid am mach a ghabh e troimhn uinneags an leanabh aigena lamhan, agus ann an tiotadh chaidh e as an t-sealladh anns achuan.

An uair a chunnaic righ Phersia mar a thachair, thoisich e ri glaodhaich gu h-eagalach, agus esmaointean nach fhaiceadh e sealladh dhemhac beo gu brath tuilleadh. Bha e an impis a bhith marbh leis abhron a bhair.

Mo thighearna,” arsa Gulnara, agus coltas seimh, foisneach air a gnuis, a chum misneach a thoirt dha, “na biodh eagal sam bith air bhur morachd mu dheidhinn an leinibh. Tha ena mhac dhomhsa cho maths a tha e dhuibh fein, agus tha uiread de ghaol agam airs a thagaibh fein. Tha sibh afaicinn nacheil iomaguin sam bith orm ma dheidhinn; oir chaneil aobhar dhomh ann. Chan eirich beud dha. Chi sibh brathair a mhathar atighinn air ais leis gun dail a cheart cho sabhailtes a bha e roimhe. Tha mfhuil-sa ann acheart cho math ri bhur fuil fhein, agus coltach riumsa agus, ri brathair a mhathair, theid aige air a bhithcheart cho beos achuans a bhios e air tir.”

Dhaontach cach uile gun robh na thuirt Gulnara fior gu leor; ach a dhaindeoin na thuirt iad ris, cha tugadh an righ geill no creideas dhaibh gus am face Beder a rithist beo, slanna lathair.

Mu dheireadh thoisich a mhuir air a dhol troimh a cheile, agus thainig righ Saleh an uachar, agus an leanabh aigena lamhan, agus ann an uine ghoirid thainig e steach air an uinneig leis.

Bha righ Phersia ro aoibhneach an uair a chunnaic e Beder a mhac beo, slan, fallainn air a bheulaobh, agus e cho samhachs ged nach rachadh e riamh don chuan. Thuirt righ Saleh ris, “Mo thighearna, tha fios agam gun do ghabh sibh eagal mor an uair a chunnaic sibh misedol don chuan agus an leanabh agam.”

Ochan! a phrionnsa,” arsa righ Phersia, “chan urrainn mi innseadh an dragh a chuir e air an inntinn agam. Bha mismaointean nach fhaicinn sealladh gu brath tuilleadh dheth; ach tha mi nis toilichte an uair a thug sibh air ais dom ionnsuidh beo, slan e.”

Be sin mo bharail, ged nach robh aobhar eagail sam bith agaibh ma dheidhinn,” arsa righ Saleh; “oir mun deachaidh mi fon mhuir leis, labhair mi facail dhiomhair a bha sgriobhte air an t-seula a bhaig Solamh mor, mac righ Daibhidh. Tha sinn adeanamh acheart ni air achloinn a tha air am breith dhuinn ann an grunnd achuain, agus air an doigh so tha sochairean aca nacheil aig na daoine a tha air am breith air an talamh. Faodaidh sibh a thuigsinn o na chunnaic sibh gum bi e ri bheo buannachdail do bhur mac, prionnsa Beder, fad uile laithean a bheath gur i Gulnara mo phiutharsa is mathair dha. Ge be uair a thogras e, faodaidh e leam don chuan, agus coiseachd air aghrunnd fhads a thogras e.”

An uair a labhair righ Saleh na briathran so, thug e an leanabh don bhanaltrum. An sin dhfhosgail e bocsa a thug e leis an lathud as an luchairt aige fhein ann an grunnd achuain, ged nach robh e ach beagan uine air falbh. Thug e as tri cheud daiman, agus a h-uile fear dhiubh uiread ri uighean chalaman; acheart aireamh de rubais a bha anabarrach mor; acheart aireamh de shlatan emerald anns a robh leith-troidh a dhfhad; agus deich air fhichead de bhannan-amhaich anns an robh deich troidhean a dhfhad, a h-uile fear dhiubh.

Mo thighearna,” arsesan ri righ Phersia, an uair a bha etairgseadh abhocsa dha, “an uair a chuir mo phiuthar fios orm, cha robh fhios agam ciod an t-aite dhen talamh anns an robh i, agus cha mho a bha fhios agam gun robh a dhurram aice a bhith posda ri righ mor, cumhachdach mar a tha sibhse. Thug so orm tighinn gun dadnam laimh. Agus o nach urrainn mi cainnt a chur air cho fads a tha sinnnur comain, tha miguidhe oirbh gun gabh sibh uam an comharradh beag so air mo thaingealachd air son gach caoimhneas a nochd sibh do mphiuthair; agus thug bhur caoimhneas dhi toileachadh mor dhuinn uile.”

Bha ioghnadh do-labhairt air righ Phersia an uair a chunnaic e cho fior luachmhors a bha na bha anns abhocsa.

Ciod e tha sibh ag radh, a phrionnsa,” arsesan, “am bheil sibh ag radh gur e comharradh beag air bhur taingealachd a thanns na seudan ro luachmhor so? Cha robh sibh riamh fo chomain mhor dhomhsa. Tha migam mheas fhein gle shona an uair a dhaontaich sibh cleamhnas a dheanamh rium.”

A bhaintighearna,” arsesan, agus etionndadh ri Gulnara, “than righ, do bhrathair, an deigh mo chur gu mor troimh a cheile; agus tha miguidhe air gun toir e cead dhomh an tiodhlac so a dhiultadh; ach tha eagal orm nach bi e toilichte dhiom mur gabh mi uaith e. Air an aobhar sin, feuch thusa ri thoirt air cead a thoirt dhomh an tiodhlac ro luachmhor so a dhiultadh.”

Mo thighearna,” arsa righ Saleh, “chaneil ioghnadh sam bith orm ged a tha sibh asmaointean gum bheil an tiodhlac so anabarrach luachmhor. Tha fios agam nach robh sibh cleachdte ri bhithfaicinn clachan luachmhor cho mors cho math so air



[107]

[Vol . 9. No. 14. p. 3]

an talamh. Ach nam biodh fhios agaibh, cho maths a thagamsa, air na meinnean as am bheil na seudan so air am buinig, gus gum bheil e comasach dhomhsa ionmhas fhaotainn moran nas mo na ionmhas uile righrean na talmhainn, is ann a chuireadh e annas oirbh gun gabhainn de dhanadas tiodhlac cho beag so a thairgseadh dhuibh. Tha miguidhe oirbh, air an aobhar sin, nach bi sibhg a mheas mar thiodhlac beag, suarach, ach mar chomharradh air an fhior chairdeas a thatoirt oirnn a thairgseadh dhuibh, agus nach toir sibh dhuinn de mhi-thoileachadh gun diult sibh a ghabhail.”

Thug na briathran so air righ Phersia gun do ghabh e an tiodhlac. Agus thug e moran taing do righ Saleh agus da mhathair air a shon.

(Ri leantuinn.)


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XV.

GLACADH BAILE CHARLISLE.

Air an naoidheamh latha den Gheamhradh fhuair am Prionnsa fheachd cruinn agus dhimich iad gus an dràinig iad fa-chomhair Charlisle, baile bha uairiginn air a mheas na dhion do Shasuinn bho ainneart Alba. Air an latha sin chaidh prasgan de thrùpairean aPhrionnsa gu uchdanan Stan-Uig aghabhail beachd air abhaile tro ghlaineachan-amhairc, ach chaidh beagan urchraichean a losgadh orra bho dhaighneach abhaile agus béiginn daibh teicheadh: air an ath latha chaidh an t-arm a null air caochladh àthan de dhAbhainn Eidin agus bhruchd iad timchioll abhailair gach taobh, agus sgrìobh am Prionnsa litir gu ard-cheannard na daighneich ag iarraidh air, an armailt a leigeadh don bhaile le sìth, a chum calldachd agus dortadh falasheachnadh, ni air nach robh e idir an geall, cho fad sa burrainn e a sheachnadh, ged thubhairt e, gum beiginn da sin a dheanamh nan diultadh iad ùmhlachd dha àinte. Goirid an deigh so thàinig naigheachd a dhionnsaidh aPhrionnsagun robh Marasgal Bhade agus an t-arm-dearg air an turas as a Chaisteal-Nogha a chum furtachd air teanndachd Charlisle, agus mheas e iomchaidh gum bu chòir dhan àrmailt Carlisle fhagail air an àm sin a chum coinneamh a thoirt do Bhade anns na beanntaichean eadar Carlisle agus an Caisteal-Nogha. Ràinig e Caisteal-Uaruig ma dheich uairean ro mheadhon latha, air an aon latha diag, agus stad e air an òidhche sin aig Branton. Dhinnseadh dha an sin gum bu sgeula-bréige a chuale ma dhéibhinn Mharasgal Bhade a bhi tighinn na choinneamh; air an aobhar sin, phill e Diùc Pheairt agus Morair Seoras Moireach air an ais, le àireamh lionmhor dheth an armailt gu séisd achuir ri baile Charlisle.

Air dhaibh pailteas fiodha air son fhàraidhean a bhuain ann an Coille Chorbaidh agus mòran fàil a ghearradh ann am pàirceachan Uaruig, ghiùlan iad am fiodh agus am fàl sin fa-chomhair abhaile air an tri-amh latha diag den mhìos, agus thòisich iad air togail dùn cloiches fàil (ni ris an can na Gaill Bateri) a chum na gunnaidhean mòra thoirt an àite teine do bhallabhaile. Thog iad na dùin so an imisg -fhichead aitheamh bhona bhalla. Bha Diùc-Pheart agus Morair Seòras ag obair ás an léinteansan dìge agearradh fàil agus atogail chlach, a chum misneach nan daoine chumail suas; agus ged a bhan gearasdan a dion logadh ghunnaidhean mòra orra fad na h-uine— ’s gann gun deirmis iad ach fear no dhithis den luchd-obair, agus lean na Gàeil mar so air cladhach, ’s air bùrach, ’s air togail an duin gu solus na h-ath mhaidne, agus an uair a chunnaic muinntir abhaile agus am freiceadan an obair a rinn na fir ghasta, ann an ùin cho gearr, ghabh crith, as eagal, as gairsinn, greim air an aignidhean anmhuinn, agus cho luath sachunnaic iad na Gàeil asocrachadh nan gunnaidhean mòra air na sorrachanan thog iad a bhratach bhàn ri crann, mar chomharradh air gun robh iad air géilleadh, agus chuir iad teachdaire dhiarraidh cùmhnanta sìthe. Chaidh teachdaire dh-ionnsaidh aPrionnsa gu Brunton a dhinnse dha mun bhuaidh, agus a dhfharraid ciod ena cùmhnantan a bha e gu ghabhail bho mhuinntir abhaile. Bha gnàthachadh chomanndair Chaisteal Dunéideinn fathast fa-chomhair inntinn Thearlaich, agus chuir e fios gun iad a ghabhail cumha na cìsach smùid dearg a chuir ris abhaile mar a géilleadh an gearasdan, agus an fheachd a bhan taobh a steach dha an cuid armachd a liubhairt. Cho luath sa chuala Cornaileir Durand, comanndair a ghearasdain so, thug en gearasdan suas maille ris abhaile, ma dheich uairean samhadainn an cuigeamh latha diag de cheud mhìos a Gheamhraidh chaidh geatachan Charlisle fhosgladh do na Gàeil, agus is iomadh laoch treun a chaidh a steach le gàirdeachas don chaisteil so anns an robh fa-dheoigh an cuid ceann air a charadh mar shùlachan air stob.

Mun do chuir an t-arm Gàelach cas air fearann Shasuinn thainig achuid mhòr dheth an arm-dhearg air tìr ann an Lunnainn á Flànrais: agus am feadh a bham Prionnsa na stad ann an Carlisle thainig àireamh 10,000 saighdear ionnsaichte gu Siorramachd Stafford a chum coinneamh a thoirt don arm Ghàelach Bha muinntir Shasuinn asaoilsinn gum biodh e na ghnothach ro mhi-ghlic don Phrionnsa feuchainn ri dùbhlan a thoirt don fheachd lionmhor so, agus gu dearbha, bha na Gàeil fein, a dhaindeoin feobhas a misnich, asmaointeach nach biodh e ach na ghniomh cuthaich ionnsaidh thoirt air armailt cho laidir, agus cho acuinneach, —agus a bharr orra so, chaidh feachd eile thogail ann an Sasuinn a chum Lunnainn a dhion, agus bha Rìgh Seòras gu bhi mar cheann orra! Cha robh Tearlach féin a ghabhail a bheag a gheilt a dh-aindeoin na bha e cluinntinn a bha cruinneachadh na aghaidh, cha chreideadh e nach tugadh na Gàeil buaidh le còmhnadh nan daoine bha en dùil a dhéiridh leis ann an Sasuinn fein, maille ris an fheachd laidir ris an robh dùil aige thighinn ga ionnsaidh gach làtha as an Fhràing.

Beagan lathaichean an deigh dhaibh Carlisle a ghlacadh, chuir am Prionnsa agus cinn-feaghna nam finneachan an comhairle cuideachd, ciod bu chòir a dheanamh. Thuirt cuid gum bu chòir dhaibh an Caisteal-Nogha a ruidhinn agus latha catha fheuchainn ri feachd Mharasgail Bhade; thuirt cuid eile, gum bfhearr dhaibh triall do Lunnainn rathad Shioramachd Lanca agus latha blàir a chumail ris an fheachd lionmhoir a bhair cruinneachadhnan aghaidh ann an Siorramachd Stafford; thuirt an treas luchd-comhairle gum bfhearr dhaibh pilleadh air an ais do dh-Alba, ’thaobh nach robh iad a faicinn coltas sam bith air gun eireadh feachd a bfhiùnan aobhar ann an Sasuinn, agus nach bha choltas air gun tigeadh cobhair don ionnsaidh as an Fhràing.

Mun deacham Prionnsna bfhaidair aghaidh chuir e Mac-Lachuinn ceann-cinnidh Chlann-Lachuinn air ais do dh’ -Alba le litir gu Tighearna Shrath-Ailein ard-cheannard na feachd ann an Albainn adhiarradh air na chruinnich e de dhaoinechuir air falbh gun stad gus an ruigeadh iad amhòr-fheachd ann an Sasuinn. Mun àm so fhuair am Prionnsa naigheachd á Albainn, a thug dha fìor bheag misnich; bha mòran sluaigh a bhair éirich leis ann an Dunéideann, am Peairt, agus ann an Dundeagh air atharrachadh an inntinn, agus air tréigsinn a bhrataich.

Chruinnich Tearlach a nise na bhaige ann an Sasuinn dheth an armailt ri chéile, agus air dha an àireamh, cha robh aige ach ma thuaiream 4500 fear, ruith làn mhile dhiu air falbh air an turas eadar Carlisle agus Dunéideann; gidheadh, cha robh teagamh aig Tearlach nach cruinnicheadh lionmhorachd dheth na Sasunnaich fo bhrataich. Air an dara latha fichead den mhìos bhan chiad chuideachd dhen arm air an deanamh suas de chuid dheth na réiseamaidean Macrach agus marc-sluagh Eilecho, fo chomannda Mhorair Deòrsa Moireach, agus ghluais iad gu ruige Penruith, baile tha ma thuaiream da cheud ceithir-fichead as ceithir mìle dh’ -uidhe air an taobh so do Lunnainn.

Air an ath latha ghluais réiseamaidean nam Fineachan Gàelach gu ruige Penrith, afàgail ceud gun leth fear ann an gearasdan Charlisle. A chum misneach an t-sluaigh a chumail suas bha m Prionnsa féin afalbh rin taobh gun each gun ghille; air dha bhi gabhail thar sliabh aonaranach eadar Penrith agus Sap, bha e air a theirbeirt le sgìos agus cion cadail cho mòr as gum beiginn da greim a dheanamh air crios-guaile fear dheth na daoine, chum a chumail bho thuiteam, agus choisich e mar so iomadh mìle eadar a bhi na chadals na dhùisg. Fathast bha na bha iad a faicinn de shluagh Shasuinn ag amharc orra le beag meas agus -ghrain, bhan éideadh agus an cainnt a sgaoileadh uabhais rompa mar bha ìad atriall; anns gach àite anns an robh iad a dol a steach bhan luchd-àitichidh agabhail iongantais nach robh iad a stad agus a spùileadh gach bùth a bha ri taobh na slighe air an robh iad afalbh, agus chan robh an iongnadh idir na bu lughanuair a chunnaic iad gun robh na Gàeil cho taingeil air son gach caoimhneas a bhasa taisbeanadh dhaibh.

Air an turas sgìth àngharach so, bha na Gàel ag éiridh ro bhristeadh an latha, gun ghnè sam bith de theachd-an-tìr ach beagan de mhin choirc a bha na h-uile fear aca giùlan air a mhuin ann am poca beag cainbe, agus dheth nach robh iad a dhaon chuid adeanamh lite, brochan, no aran, ach stapag (no mar their cuid, fuarag) air uisge fuar an lodain, bho thaobh an rathaid, be sin mar bu trice bu lòn daibh, ach air uairean bha iad a faotainn biatachd anns na taighean anns an robh iad acur suas air an òidhche. Bha na Sasunnaich agabhail mòr iongnadh gun robh daoine bha tighinn beò air beatha cho suarach so comasach air coiseachd bho fhichead gu deich thar fhichead mìle san latha fhuar gheamhradh, fo mheachainn gach sion as doirinn, le sléisnean rùiste, agus ged do bha iad beagan uairean gach òidhche fo fhasgath taighe, bha iad daonnan air an cois roighuth an eoin; agabhail air solus na gealaich air deireadh na h-òidhche.

Ràinig iad a nise baile beag margaidh ris an canair Preston, dhfhàilticheadh iad le rudaiginn faoilte sabhaile sin. Cho luath sa dhinndrinn iad an ceann abhaile thòisich na cluig air séirm agus dheirich cuid de mhuinntir abhaile leo. Anns abhaile so thàinig duin’ -uasal dam bainm Mr. Townley de chreideamh an t-Sagairt fobhratach Thearlaich; be so achiad duin’ -uusal an Sasuinn aig a ròbh a bheag sam bith de chumhachd a dheirich leis. Thuirt am Prionnsa nisgun robh e ro dheò-

(Air a leantuinn air taobh 110.)



[108]

[Vol . 9. No. 14. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OCTOBER 5, 1900.

LITIR A NEW ZEALAND.

Agus dhinnis iad dha agus thubhairt iad, thainig sinne a dhionnsaidh an fhearainn gus an do chuir thu sinn agus gu deimhin tha e sruthadh le bainne agus le mil agus is e so a thoradh.” —Aireamh xiii: 27.

S tric a chuala mi na facail so. Na litrichean a bha sinn a faighinn ann an Ceap Breatunn bhon dùthaich so, cha burrainn doibh moladh a bfhearr a dheanamh air saoibhreas na duthcha so na bhig ainmeachadh nam facail ud, “A sruthadh le bainne agus mil.” An t-Urramach Tormad Mac Leoidnuairshuidheadh e aig biadh, bhiodh en comhnuidh toirt taing gu robh an sluagh a togail as an talamh anns na h-aitean aca fein. Bha e na mheadhoin air an sluagh a ghluasad thun nan duthchannan so (Australia). Cha robh e sona gus an dfhuair e fearainn dhaibh; ’nuair a thachair sin bha en comhnuidhtoirt taing agus beannachd airson a h-uile trocair a bha air a ghnathachadh dha agus don t-sluagh a thainig air a sgath. Bhan dùthaich as an deach na briathran solabhairt, anns an aon chuairt den t-saoghal anns an aird atuath mar tha so gu deas. Tha sinn, a rithisd, saoibhear anns na nithibh ud, “bainne agus mil,” ged a tha, tha e na cheisd am bheil sinn toilichte leis?

Chaidh seillein na mealathoirt don dùthaich so mu thri fichead bliadhna air ais. Tha cuid ag radh gur ann á Australia a chaidh an toirt; ach tha dearbhadh gur e Baintighearna Hobson, bean an fhir-riaghlaidh a bhann aig an am sin, a thug don dùthaich iad. Sgaoil iad fadus farsuinn feadh na dùthcha bhon uair sin. Tha leabhar mor air a sgriobhadh mu thimchioll nan seillean. Chaneil e nam chomas an leabhar so a leantuinn air fad, ach ni mi beagan dhe na thann innse.

Thachoille lan meala. A h-uile craobh anns abheil toll no grodadh tha seillean a gabhail fasgadh innte an ordugh obrach. Chaneil tuathanach gunbheag no mhor de sgeap aige airson mil da theaghlach agus ri reic. Tha e car duilich mil a chosnadh. Aon doigh a tha cumanta na seillein a mharbhadh le bhi losgadh pronnusg fodhpa. Tha sin na obair a tha car bruideil. Ach ma tha iad tric air an spuilleadh tha na seillein a fas cho borbs nach urrainnear tighinn fagus daibh, agus theid a reisd an doigh mharbhteach ud a chuir an geill. Mur dtheid an doigh sin a ghabhail cuiridh luchd-spuillidh aodach srol timchioll an cinn agus an aodainn aca airson dion. Tha cuid de dhaoine theid nam measgsa ni an nead a spuilleadh gun seillean buntainn daibh. Chaneil nead na seillean cho pailt bho chionn beagan bhliadhnaichean; bha teine mor ann a sgrios astar coille, ’s chaneil fasgadh aca. Tha h-uile tuathanach a cumail aireamh bheag no mhor sgeap, tha bocsa air a chur an òrdughs air a chur fo chraobh an aite fasgach far am bi pailteas do lusan blath agus barr-guc. Tha iomadh teaghlach bochd a fhuair furtachd bho bhi togail meala; nuair a bhitheas iad gun airgiod agus ann an gainne beannaichidh iad an uair a thainig iad gutir a ghealaidh.” Bithidh moran de thuathanaich a togail meala air son feille, ach tha nis a phris cho beags nach fhiach e an t-saothairchaneil oirre ach mu thri sgillinn am punnd. Tha rithist an siucar cho saor. Theid a mhil a chosnadh (no spuilleadh) eadar a bhliadhnur agus am Màrt. Bidh mu leth-cheud punnd de mhil anns a h-uile bocsa glan bho cheir. Tha iad furasdan dealachadh; le beagan teas tha cheir a leaghadh agusg eiridh air uachdar na meala, oir tha i nas aotruime. Theid an sin a cheir a thogail le slige chreacainn, ’s a cuir na mulachaig (mar chaise no geir). Tha pris mhath air a cheir, mu ochd sgillinn am punnd. Tha dotairean a cuir feum air a cheir air son ungadh agus sabh. Tha moran dhith a dol do Shina far am bheil iad a deanamh sliob-oladh dhith. Tha iad afaighinn chraobh anns am bi eadar da cheud agus uairean tri cheud punnd eadar mil agus ceir.

Tha anns a h-uile sgeap tri seorsa seilleana bhan-righ, na seilleinean diomhain, agus a chuid eile an luchd-obrach. Tha iad a sgaradh mun Mhàrtnuair tha iad a falbh air son aite eile; ’s docha leotha craobh na aite fasgadh sam bith. Feumaidh abhan-righ bhi nan cois. Tha iad a leantuinn dluth ritheh-uìle car tha isiubhal. Thachair mi tric air sgaoth de na seillein air astar. Feumaidh neach a bhi faicilleach nach laidh a bhan-righ air; laighidh a h-uile seillein tha anns a sgaoth cho dluthsa ghabhas aice, agus muchaidh iad duine gu bàs. Tha cunntas air a

(Air a leantuinn air taobh 112).


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[109]

[Vol . 9. No. 14. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha coinneamh aig Sir Tearlach Tupper ann an Sidni Tuath oidhche Di-màirt agus ann an Sydney Mines oidhche Di-ciaduin.

Am bheil thu dol a dhfhaighinn fear-gabhail ùr no dha don MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthar a chumail suas.

Chaochail an t-Onorach Mr. Marchand, priomhair Chuebec, air a choigeamh latha fichead de September. Bha e tri fichead bliadhnasa h-ochd a dhaois. Bha ena bhall den phàrlamaid on bhliadhna 1867, agus fhuair e bhina phriomhairsa bhliadhna 1897.

Chaidh an t-Eadailteach air an dthug sinn iomradh air an t-seachdain sa chaidh aithneachadh le piuthar na mnatha aige. Tha e nise dearbhte gur h-en duine a bha luchd-ceartais Holyoke ag iarraidh, agus bidh e air a thoirt air falbh cho luathsa bhios cead air fhaotainn on ard-riaghladh.

Tha cùisean ann an Galveston adol gu math nas fhearr. Tha an àireamh as motha de na mairbh air an tiodhlacadh no air an losgadh, agus tha obair us ceannachd air tòiseachadh. Thatar ameas gun cum e ceithir mile duine trang fad mios a reiteach air falbh nan droighnichean a dhfhàg an stoirm air feadh a bhaile.

Mharbhadh Iain Mac Fhionghain, mac do Dhomhnull Mac Fhionghain, a mhuinntir Grand Mira, ann am mèinn Chaledonia, air a cheud latha dhen mhios so, le torr guail a thuiteam air. Bha e a draibheadh aig an àm agus thatar a deanamh a mach gun do bhual an tuba ann am fear dhe na puist. Dhfhuasgail so an gual, a thuit na thòrr air a mhuin ga mharbhadh air ball. Bha e fichead bliadhnadhaois agus gle mheasail aig na h-uile.

Tha mu cheud gu leth duine dhen cheud reiseimeid a chuir Canada don Transbhaal air an turus dhachaidh. Dhfhàg iad Pretoria toiseach na seachdain sa chaidh. Tha an ùine dhaontaich iad fuireach san arm suas. Chuir a chuid eile dhen reisimeid rompa fuireach gus an cuirte crioch air a chogadh, ’s cha chum sin iad fad air deireadh air càch. Bidh duil ris an t-soitheach air am bheil iad ann a Halifacs mun cheathramh latha fichead dhen mhios so.

Chaidh suim airgid ( $85 .00) a ghoid á pocaid fir Beckwith ann an aon de thaighean-osda a bhaile o chionn che-la-deug. Bha dorus an t-seòmar chadail gun ghlasadh re na h-oidhche agus bha e smaoineachadh gum be cuid-eigin a thainig a stigh a rinn a mheairle; ach toiseach na seachdain sa chaidh chaidh amharus a leagail air fear Smith, a bhacadal còmhla ris. Dhfheuch am fear sin ri teicheadh Di-ciaduin; dhfhalbh e air an tréin mhaidne, ach chaidh a ghlacadh aig Point Tuppersa thoirt air ais do Shidni far an deach a chur don phriosan a dhfheitheamh na cùrtach. Chaidh a thoirt gu cùirt toiseach na seachdain so ach cha robh dearbhadh gu leòr na aghaidh, agus chaidh a leigeil ma sgaoil.

Tha coinneamh gu bhi aig na liberals anns abhaile Di-màirt sa tighinn, air son an daoine ainmeachadh gu ruith anns an t-siorrachd so air son na h-àrd phàrlamaid.


O CHIONN TRI FICHEAD BLIADHNA. —An sgeul ur a tha gu tòiseachadh anns a MHAC-TALLA. Mur eil thunad fhear-gabhail cheana cuir ga iarraidh gun dàil a chum gu faigh thu cothrom air an sgeul so a leughadh.

Tha Mr. A. G. Domhnullach, a bha o chionn àireamh bhliadhnaicheanna Oilear anns anNormal Schoolan Truro, an deigh an dreuchd sin a leigeadh naithe. ThaJ . Alphonse Benoit, B. A. ,air a churna àite. Tha Mr. Domhnullach gu bhina fhear-ceasnachaidh nan sgoilean ann an siorrachd Antigonish.

Tha riaghladh na h-Olaint an deigh long-chogaidh a thairgse do Chrugar gus a thoirt dhan Roinn Eòrpa. Gheall an Riaghladh Breatunnach nach cuirte dragh sam bith air an luing air a turas, agus mar sin faodaidh am bodach mor tir a shinnsir a ruigheachd gun eagal romh nàmhaid as marbhtiche nan tinneas-mara.

Dhfheuch fearRobert Richards,a mhuinntirCharlottetownri e fhein a bhàthadh anns a bhaile so, oidhche Di-màirt. Leum e dhann uisge ann aWentworth Creeka chunnacas e, agus fhuaireadh ga ionnsuidh mun robh e fad ann, ’s bha e air a shàbhaladh. Tha e asaoirsneachd anns abhaile o chionn dha no tri mhiosan. Chan eil fhios ciod a thug air feuchainn ri crioch a chur air fhéin.

Tha an t-Urr. Seumas Quinan, sagart paraiste Shidni a leigeil dheth a pharaisde mu mheadhon a mhios so. Tha Maighstir Quinan a saoithreachadh ann an Sidni o chionn còrr us leth cheud bliadhna, agus tha ceangal mor aig muinntir a pharaiste ris; than aois a nise tromachadh air, agus chan urrainn dha an obair a chumail air adhart. Tha ena dhuine air am bheil meas mor anns a bhaile agus anns gach àitesam beil eòlas air. Tha an t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, a bha roimhe sona oilear ann an Colaiste Naomh Francis Xavier, agus a tha aig an àm so na shagart paraiste am Pomquet gu bhi air a chur an àite Mhaighstir Quinan.

Mu mheadhon na seachdain sa chaidh, dhfhosgail fear M. T. Mac Aidh tigh-oil air aon de na sràidean a tha air an ùr-fhosgladh aigWhitney Pier.An latha thòisich e air deanamh gnothnich, chruinnich mu cheud gu leth de mhuinntir an àite ann an tigh faisg air, agus chuir iad teachdaireanga ionnsuidh ag àithne dha sgur a chreicsa bhi fàgail an àite. Air dha fhaicinn gu robh iad a cheart da-rireadh, rinn e sin agus gus nach biodh leisgeul sam bith aige gu tilleadh, chaidh an tighsa chriomag fhearainn air an robh e a cheannach naithe le Ailean Mac Leoid, fear de cheannardan na buidhne. Than gnothuch so gle chreideasach do mhuinntir a Phier, agus tha dòchas againn gum buanaich iad anns an deagh obair, agus nach fuiling iad do dhuine sam bith, ùr no sean, coigreach no eile bhi creic stuth làidir nam measg.


Stor nan Sutharlanach
an stor as fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.

Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sinDEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Chan fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.

DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
sa tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha acheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.

H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN

Dec 8, ’99, —1yr.



[110]

[Vol . 9. No. 14. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 107.)

nach a dhol air aghaidh gun mhaille rathad Lunnainn, gun robh e làn-chinnteach gun éireadh pailteas dhaoine leis anns gach ceum den t-slighe mar bhiodh e triall. Thuirt e mar an cianda gun robh e cinnteach gun tigeadh feachd lionmhor na chomhail as an Fhràing mun rachadh e na bfhaide air aghaidh. Mar so cho-eignich e na cinn-feadhna gu dhol air an adhart ged nach robh bheag a dhòchas aig cuid aca air buaidh achosnadh. Aig an àm so ghlac lag-mhisneach cuid dheth na daoine, air dhaibh cuimhneachadh air an drid-fhortan a thainig an caramh nan Gàel ann am Preston bliadhna Sliabh an t-Siorraim 1715, agus thuirt cuid aca gun robh eagal orra nach rachadh iad gu bràch na bfhaidair an aghaidh. A chum bristeadh air na geasan sin, chaidh Morair Seòras Moireach thar Abhainn Ribhle le àireamh lionmhor dheth an fheachd, agus thug e orra an cairtealan òidhche a chuir suas ann an sin.

(Ri leantuinn.)


AN T-EILEAN SGIATHANACH.

(Air a leantuinn.)

(Highland News. )

Tha sinn a nis air teachd gu Aird aChòmhraig. Is e so an rudha om biodh dream a gabhail an aiseig thar an locha, a null do Dhunbheagain. Tha Aird aChòmhraig air taobh an iar an locha, mu choinneimh a chaisteil, agus than àird sinAird a Chòmhraig acumail air chuimhne a bhatail ghuinich a chuireadh an sin. Chan eil e cinnteach con linn anns an tugadh am blàr so. Is e mo bheachd fein gur an an uair an bha Clann Raonail Uist agus Mhùideart a cogadh ris na Leodaich, a chuireadh e. Tha abheinn ris an abrar fathastBeinn na Creichemu thuairim mhile o Aird a Chòmhraig, agus tha guala a bhasraidh, no bhusruidh, mu mhile o Aird a Chòmhraig. Tha na tri àitean so Aird a Chomhraig(head-land of ihe conflict) ,Guala a Bhasraidh(shoulder or hill of hand-clapping) ,agusBeinn na Creiche(hill of the prey or spoil) ,a nochdadh nach faoin a bha anns a chath a chuireadh an sin. Chitheadh na mnathan agus a chlann a thigeadh a nall á Gleanndail, sealladh thar guala a Bhasraidh den chath agus bhuaileadh iad làmhan agùl; no le gàirdeachas, ma fhuair na fir acabhuaidh. Ach tha basradh, no bàs-bhualadh gu tric an co-cheangal ri gal le doilgheas. Mun drinneadh an rathad bhiodh muinntir Ghleann-dail agabhail an aithghearr thàr guala a Bhasruidh, agus chitheadh iad am batal air a chur shios fodhpa air a chòmhnard. Agus chan fhaiceadh iad sealladh dheth gus an tigeadh iad gu guala na beinne so. Is maith a dhfhaoidte gun deach an cath so achur ni bu tràithe nan còigeamh ceud diag linn; ach tha e fior gu robh na Leòdaich, agus Clann Raonails an am ud a mach air a cheile. Thigeadh iad a stigh a Uist a deas gu grad lem birlinnibh, agus thogadh iad creach, nam burrainn iad. Tham mallachadh a rinn muinntir na dùthcha so air Clann Raonail an uair a dhfhalbh iad an déigh am blàr guilbheach so a chur, fathast air a chumail air chuimhne:—

Gaoth an iar-dheaschum na Féiste Leam cha mhiste.
Clann Raonail air bhòrdaibh briste,
Sgioba fann frionasach, gun urram fir da chéile.
Luchd de bharrailibh falamha,
Agus tuim gu totaichibh.”

Beagalach a bhi air muirsan staid sin. Tham bealach a ta eadar an bheinn mun teid neach a stigh do Ghleanndail ni éigin domhain. Is anns a bhealach sin a chruinnich gillean òga Ghleanndail air son ionnsuidh a thoirt air gillean gorma nam bataichean goirid, agus nam putain, aig am strìth an fhearrainn. Chruinnich na caileagan laghach dileas, mòran de chlachaibh do na fir air son am bualadh air na gaisgeich ud. Cha robh tuille armachd aca. Ach nam biodh iad air am fòghlum ri airm-chogaidh alaimhseachadh, cha seasadh naBoersfada dhaibh, ach iad a dhol a null. Bham bealach so freagarrach gu leor, ach cha tàinig na gillean gorma air an adhart, agus bha e cho maith. Thainig na saighdearan dearga air adhart an òrdugh cogaidh(skirmishing order) .Thàinig iad a steach don ghleannnan tri buidhnibh-aon bhuidhean radhad a bhraighe Cholboist agus an treas buidheann radhad Blàr an Dorain. Choinnich iad a chéile aig drochaid Ghleanndail. Cha tug aon namhaid ionnsuidh orra an sin. Dhfhalbh an anns an deanadh iad sin. Chaidh na h-airm chogaidh a thoirmeasg do na Gaidheil an déigh na comhstrith a bhaca mu thimchioll Phrionnsa Teàrlach.

Is e ni cho mòrsa tacur iongantais orm ni a chuala mi an uair a bha mi òg, agus a thachair ceithir fichead agus a naoi, no deich de bhliadhnaibh mun do choinnich na saighdearan. Bha duine àraidh ris an abradh iad Tormoid Mac Ruairidh Mhòirna sheasamh aig ceann a thighe féin anns an Lephin, tràths amhaduinn agus a ghrian air éirigh. Chunnaic e sealladh de na saighdearaibh a tighinn a stigh do Ghleanndail air na tri bealaich a dhainmaich mi, agus a coinneachadh a chéile anns aGhailanaich, còmhnard a ta ri taobh na drochaid. Cha robh drochaid annsan ud air an amhuinn no iomadh na dhéigh. Nis nam be ni a chluinninn a bhi ann an deigh do na saighdearaibh teachd cha chuireadh eleithid de dhiongantas orm, ach an uair a bha miga chluinntuinn o mòige, tha e cur an tuille ioghnaidh


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.



[111]

[Vol . 9. No. 14. p. 7]

orm. Bha mi riamh teagmhach mu nithibh den t-seorsa sin, coltach ri fàistneachdChoinnich Uidhir.”

Nuair a sheasas neach air feasgar bòidheach samhraidh air an rathad mhor anochdadh ri Gleanndail, agus a sheallas e ris an iar-thuath, agus a chi eghrian air teachd iosal dlùth air dol fodha, agus a chì en amhuinnna sniomhanan a dol tron ghleann chaneil mismuainachadh gun tug neach riamh buille deshùil air sealladh as bòidhche. ’Nuair a nochd Mahomet ri Damascus, agus a dhearc e leshuilibh air cho bòidheach àluinnsa bha suidheachadh a bhaile sin:— “Cha teid mi steach ann. Chaneil sùil agam ach a dhol do aon Phàras.” Thubhairt e sin an uair a chunnaic e mar a bham baile mor sin air a shuidheachadh. Neachsam bith a chi Gleanndails an tìm a ta mig radh, aidichidh e gu bheil so fior; mas neach e a ni feum dheshuilibh.

(Ri leantuinn.)


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh leIain,” ughdarTaigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoinetha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul as fhearr a sgriobhIainfhathast. Tha ina sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i.

Tha baile Ghalveston ann an suidheachadh. Chan eil teagamh sam bith nach bi àireamh nam marbh cho àrd ri coig no sia mile Chaidh suas ri tri mile corp fhaotainn mar tha; tha da mhile duine ag obair a dhoidhchesa latha, ’gan toirt as na draoighnichean, ’sgan tiodhlacadh nogan losgadh.

ThaUnion Blend Teaa nise ri faotainn anns gach stor a tha creic ti; stor anns nach fhaighear i, chan fhiach i stor a radh rithe. Ceithir seorsachan, 25, 30, 35 us 40 sent am punnd.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’001yr.


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.


Thachair dithis Eirionnach aig féill; chan fhaciad a chéile o chionn àireamh bhliadhnaichean roimhe sin, agus bha moran bruidhneaca ri dheanamh. “Am bheil fhios agad gu bheil mi pòsda,” arsa OBrian. “Chan eil thusag radh,” area Mulbhànaidh. “Tha,” arsa OBrian, “agus tha duine cloinne agam; gille mor fallain, agus tha iad ag innse dhomh gu bheil e fuathasach coltach rium fhin.” Sheall Mulbhànaidh air; cha robh OBrian riamh ainmeil air son a bhriaghachd; agus thuirt e, “O gu den deifir a ni sin on a tha ena phaisde fallain.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAIN DI-CIADUINS DI-HAOINEA Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.

DI-MAIRT DIOR-DAOINS DI-SATHARNAA Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR, G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.



[112]

[Vol . 9. No. 14. p. 8]

(Air a leantuinn o thaobh 108).

leithid sothachairt. ’Nuair tha na seillein air siubhal mar sin tha doigh airn glacadh. Theid aodach geal (comhdach leapa) fhaighinn agus fuaim a dheanamh le glag; tha h-uile h-aon dhiu a laidhe air an aodach. Theid a rithisd an cruinneachadh cuideachd agusn cuir ann am bocsaichean, ach feumar aire thoirt gum bi abhan-righ nan cois. Ghabh na seillein seilbh air sabhal ann an sgir Waipu anns an tulchann. Cha burrainnear am faighinn am mach; cha burrainn dol faisg air an t-sabhal. Chum iad seilbh naodh miosan. Mu dheireadh bha aca rin losgadh a mach le toit a dheanamh le losgadh seann aodach. Tha mhil as fhearr air a togail bho bhlath na craoibhe pohutukawacraobh mhor tha fas an cois na mara. Thamhil so a fas gealnuair tha e fas sean agus a fas cruaidh mar an ceudnasa dol na mhulachag. Bha mibhliadhna thainig mi don dùthaich so air turus astar beag anns an acarsaid so gu àite triuir dhaoinòga thog fearann. Thug iad gu caoimhneil domh cuireadh gu biadh maduinn. Cha robh aca ach aranus ti gun bhainne. Thog iad air ithes iad a bristeadh mirean bhar mulachag a bha air a bhord. Thog mise an t-aran tioram. Cha robh mi idir ag ithe cho sunndachs bu mhath leotha agus thug iad cuireadh dhomh a bhig ithe. “Moran taing dhuibh!” arsa mise, “chan urrainn domh geir ithe!” Ghabh mi naire neo-chumanta.

SEILLEIN-CLACHAR.

Tha e mu oirleach air fad agus mun aon ghairbhead ri seillein na meala, ach chan ionnan obair dhaibh. Bidh am fear so a marbhadh nan damhan-alluidh; tha e deanamh sin air son biathadh nan seillein og aige agusgan greidhadh gus am fas iad laidir. Tha e feitheamh agus a tamh faisg air an lion agus a deanamh fuaim coltach ri cuileig nuair tha i ann an sas. Than damhan-alluidh nise tighinn a mach agus ni an seillein greim air. Chaneil ega mharbhadh gu buileach, tha ega fhagail leth bheo air fheumas fhein. Tha e rithisd a tional creadha agus a deanamh cos na uamh anns am bi e cuir closach nan damhan-alluidh bloigh marbh. Than cosan creadha mu mheud cno callduinn agus na sreath. Tha h-uile tolls aite fosgailte air a lionadh leis na cosan. Ma tha aodach an crochadh ri balla theid iad eadar es am balla, tha na glasan air na dorsan, agus eadar leabhraichean ri balla air an lionadh leis. Chaneil fada bhon thainig e don duthaich. Chunnaic mi a sabaid e-fein agus an damhan-alluidh agussen damhan-alluidh a choisinn. Cha do sheall an seillein co bha aige, agus anns a chabhaig a bhair air son a ghlacadh chaidh fillte den lion timchioll air. Ghabhn damhan-alluidh cothrom air sin agus gu grad chuir e mun cuairt e gus an robh e mar gum biodh e ann am poca. Chuir e mun cuairt e gus nach robh gluasad ann. Nise thoisich e air tarruinn agus ga bhuaileadh eadarn da shuil gus nach robh gluasad ann. Mar thuirt an Caolasachnuair a chunnaic e da ròn a sabaid air a chladach, “Tha mu roghainn an uachdar.”

KA-TI-PO.

So damhan-alluidh, beothach gle bheag a tha gle phuinnseanta, nas miosa na beothach sam bith eile ann an New Zealand. Tha e air fhaotainn air na cnuic gainmheich. Ged tha sin pailt mun cuairt dhomh chan fhaca mi aon riamh dhiu. Is tric leis na Maoris a bhi air am bideadh leo, ach cha chuala mi riamh gun tug iad bas. Ged tha sin dona gu leor tha aobhar a bhigan seachnadh. Chaneil e ach beagan nis mo na an deargann. Theid aithneachadh le steall dhearg a tha airn druim aige.

Than litir so fada gu leor. Tha moran tuilleadh agam ri innse ma bhiosn comas agam air àm eile.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mhairstean,
Cheud latha den t-Sultuine, 1900.


Iadsan a Phaigh.

Cailean Mac Ritchie, Holeb , Maine.
Mairi Mhathanach, Harding , Mass.
Alasdair Ceamp, Auckland , New Zealand.
Iain Rothach, Auckland , New Zealand.
Iain Ceamp, Auckland , New Zealand.
Bean A. Mhic-a- Phearsain, Grenfell , N. W. T.
Domhull I. Domhnullach, Milan , Que.
An t-Urr D. Mac Leoid, Milan , Que.
C. L. Smith, Milan , Que.
Aonghas N. MacAmhlaidh, Steornabhagh, Que.
Ailean Domhnullach, Hastings , B. C.
Murchadh Mac Leoid, Selkirk , Man.
F. A. Gemmel, Selkirk , Man.
Padruig Mac-an-t- Saoir, Eilean Phresque, Ont.
Iain I. Mac Rath, Baile-Mhartuinn, Ont.
Domhull Mac-a- Ghobha, Duntroon , Ont.
Bean Andra Shutharlain, Goderich , Ont.
Uisdean Mac Colla, Strathroy , Ont.
Sine Bhellairs, Springbank , Ont.
An t-Urr. I C Mac Ille-mhaoil, Cardigan , E.P. I.
Domhnull Beutan, Cardigan , E.P. I.
A. D. Mac Leoid, Baiie Shearlot, E. P. I.
D. Mac Coinnich, Amhuinn Mhitchell, E. P. I.
Domhull Mac Gill-fhaollain, St . Georges, E. P. I.
M. D. Mac Cormaic, Launching , E. P. I.
Iain Mac Gill-fhaollain, Bridgetown , E. P. I.
D. K. Mac Mhuirich, Summerside , E. P. I.
Calum Caimbeul, Kinross , E. P. I.
Aonghas Mac Neacail, Elliots , E. P. I.
Domhull Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I.
Bean Iain Mhic Gilleain, Eilean Phictou, N. S.
Iain Mac Ualraig, Argyle , N. S.
Iain Sutharlan, Rockland , N. B.
An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne .
Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines.
Gilleasbuig Domhnullach, Bridgeport .
Alasdair A. Camaran, Bridgeport .
A. D. Domhnullach, Beinn nan Sgiathanach.
Domhull Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Ceit Mhoireastan, an Gut a Tuath.
An t-Urr. Uilleam Grannd, Grand River.
Iain Camaran. Grand River.
D. D. Mac Pharlain, S . W. Margaree.
Ceit C. Dhomhnullach, an Bobh a Deas.
Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone .
Iain Moireastan, Enterbhal Framboise.
Sim A. Gillios, Broad Cove.
Iain F. Siosal, Long Point.
Domhnull Mac-Dhuibhi, Glenmoriston .
Iain I. Gillios. Meadows .
Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee .
An t-Urr. R. H. Dughallach, South Bay.
Raonull Mac Coinnich, Eilean Christmas.
Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni.
Eos. C. Mac Fhionghain, Meadows .
Ceit A. Dhomhnullach, Beinn Ghill-Andrais.
Flori Nic Gill-fhinnein, Beinn Ghill-Andrais.
Iain Mac Leoid, Beinn nan Sgiathanach.
Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien.
Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath.
D. Mac Fhionnlaidh, Iochdar LArdoise.
Niall I. Mac Neill. Rudha Mhic-Gilliosa.
Am Post-mhaighstir, Rathad Shalem.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic m ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 14
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 14. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page