[113]

[Vol . 9. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 12, 1900. No. 15.


YUMA.

LE DONULL MAC LEOID.

Beachdaich le sùil t-inntinn air àitesam beil teas laitheal eadar 105us 125° anns an dubhra fad corrus ceithir miosan á ceann a cheile. Beachdaich air bailesam beil grainne chiadan de thaigheans de stòraichean leogach iosal air an togal de chlachans de bhric agus iad gun bhith ach aon stòridh a dhàirde, agus porch ròmach air beulaobh gach aon dhiubh agus iad air a sgiotadh air bruach thioram, theth, dhonn-ruadh abhainn shlaodach, chadalach, shalachfar am beil sràidean garbha, cuagach atoinneadh suas air cliseach cnoc tioram, lom fuidh na speuran as teithes is falamh a chunnaic thu riamh. Sin agad seann bhaile Yùma ann an oisinn an iar-dheas Arisona. Tha e ainmeil mar am baile as teithesna Stàidean. Beachdaich a rithist air mìr de dhùthaich mìltean de mhiltean air mheud gun dad ri fhaicinn ann ach gaineamh bhuidhe, cacti eibhinnus clachan geala, gun bheinn gun chnoc as fhiach a bhi bruidhinn mun deighinnfàsach chianal, oillteil, neo-thorach, fuidh ghrian theinteachsin aseòrsa àitesam beil Yùma air a shuidheachadh. Smuainich gu bheil thu fhein á àite fionnar acoimhead air baile iomallach air a chlodhadh gu buileach le gathan dealrach na greine, far am beil Innseanaich lachdunnus gle bheag eideidh orra nan sineadhs iad nan suain chadail air an talamh theth anna mìr sam bith de dhubharachd a gheibh iad, gun neach geal idiram fradharc, gun neach ri fhaicinn agluasadan àite sam bith, stòraichean dùinte, taighean air an glasadhs comhlaichean ris na h-uinneagan, gun fhuaim idir ri chluinntinn ach a mhain sgriamhan nam preasan sages iad air seargadh. Sin mar tha muinntir Yùma acur seachad na h-ùine as deigh mheadhon latha samhraidh.

Bho chionn leth-chiad bliadhna bha Yùma air bruach na h-aibhne Coloradosan taobh an iar-dheas de Arisona fon ainm gur h-e am baile as teithesna Staidean. Chaneil baile eile ann a thastrì rissachuis sin. Babhaist do dhoifigich an ordachadh gu Fort Yùma, agus bhiodh na saighdearan ateicheadh no a desirtadh ás a sin nas trice na á àite sam bith eile. Faodaidh muinntir nan Staidean an ear a ta gearan air gathan na greinesna laithean sa toileachadh fhaotainn bho bhicluinntinn beagan mu theas an t-samhraidh sa chaidh anna Yùma. Cha robh an samhradh so nas teithe na samhraidhean eile. Bho Maigh 14 gu Maigh 30 bha an teas a h-uile latha bho 93° gu 101° . Bha seachdain as deigh sin cuitheasach fionnar: cha deacha an t-airgead-beò(mercury)idir os coinn 90° . Bho Iun 7 gu Iun 25 bha an t-airgead-beò air aiss air adhart eadar 105° ’us 113° . Chaidh a Solus mor ud thallan sin a sàs a cheart da rireadh. Bha na dùin fhàsal ghainmhich air am bruich, bha na cnocan iosal deiseal gu dholnan lasraichean. Fad sia seachdainean cha deach an t-airgead-beò na bisle na 102° agus chaidh e an àirde gu 123° uair san ùine sin. Bho Iulaidh 3 gu Iulaidh 20 bha an teas a chuid bu trice 115° . ’Sna h-oidhchean dheigheadh an t-airgead-beò a bhàn air a shocair gu 105° mu cheithir uaireansamhaduinn. Aig gach eirigh-greine shreapadh an t-airgead-beò a suas gu dichiollach gu trì uaireansan fheasgar. Tha seachdainean a tighinn a bhios nas teithe na sin. An uiridhse an latha bu teithe bha anna Yùma Ogust 26: air alatha sin shreap an t-airgead-beò suas gu 127° , agus beagan oidhchean cha deacha an toimhsear-teas(thermometer)idir na bisle na 108° . ’Sann an 1896 a thainig an lathas teithe chunnacas riamh anna Yùma. Be sin Ogust 16. Sheid gaoth a bha fo leth teth as an fhasach thioram, theth. Eadar bristeadh na faire agus meadhon latha chaidh an t-airgead-beò suas bho 110 gu 128° , agus mu cheithir uairean dheirich e gu 129° . Fhuar moran cloinne bàs aig an àm sin leis an teas.

Tha eachdraidh aig Yùma. Bho 1778nuair a chaidh soisgeuleich Spainnteach á Mecsico, an àirde abhainn Cholorado, gu Yùma, tha eachdraidh a bhaile loma làn de sgiorraidheans de sgeulachdan a bheireadh crith air feoil neach. Mhort na Mojaves agus na Cocopahs na soisgeulaich gu brùideal, an-iochdmhor air gainmhich thioram, theth Yùma. Chaidh iomadh blàr fuilteach a chur eadar saighdearan Mhecsico, agus a rithist eadar saighdearan nan Staidean agus na h-Innseanaich mu thimchioll Yùma. Chaidh iomadh teaghlachus cuideachd a bha air arathad gu California a mharbhadh faisg air abhaile seo leis na h-Innseanaich. Bu tric a bha na h-oifigich an tòir air robairean ladurna, fiadhaich a bha acreachsamarbhadh dhaoine mu thimchioll Yùma. Deich bliadhna fichead air ais cha robh bailesan dùthaich anns arobh uidhir de ghamblaireans de dhaoine cunnairtach eile sa bha anna Yùma. Tha na seann daoine air oirthir aChuain Shitheil fathast ag innse iomadh sgeulachdus cuimhneachdan air na doighean fiadhaich, aingidh a chleachd moran de luchd aiteachaidh Yùma mas dthainig an t-each iaruinn air an rathad mhor stailuinn a cur stad air a bhithtarruing gach biadhus bathar air am beil am baile neònach so a cur feum air druim eichus mhulaidean agus air an abhainn chiar Colorado. Tha Yùma air a shuidheachadh ann an cuan de ghainmhich Cho fadsachi an t-sùil, agus miltean nas fhaide, air gach laimh chaneil ni sam bith afàs air an talamh neo-thorach troimh am beil an abhainn chadalach Colorado ga slaodadh fhein gu leisg a dhionnsuidh bagh Chalifornia. Chan fhaicear ni idir ach cuan mor buiceanach de ghainmhich bhuidhe agus na speuran. Tha moran de sheann bheanntan-teine a chaidh ás bho chionn fhada mun cuairt air Yùma, —cnuicus glaicean tioram, neo-thorrach a threig an Cruithfhearcearna a ta làn de sheallaidhean-meallaidh (mirages) —uamh bheisteanus biastan snagach a chinneas air talamh fàsail labhaus alkali us pathadh bàsmhor, far nach fhaicear ni uaine sam bith afàs cho fad sa chi an t-sùil ach a mhain bad de chraobhan cotain biorach leth sheargte aig aitreamh an rathad iaruinn, far am beil grian dhealrach, loisgeach a taomadh a lasraichean a bharr a speuran gun neul gun ghruainn, fad uair diagsalatha, fad mhiosanfar am beil moran le sùilean goirte creuchdach agus feadhann a tha eadhon dall le solus do-fhulangach na greinefar am beil an talamh cho teths gun gann is urrainn daoine geala falbh air mar bith buinn thiugha ris na brogan aca; agus far am basaich crodh righinn, cruadalach nan comhnardan ann am beagan de sheachdainean.

Tha fasach na Colorado air a sineadh gus an àirde an iar agus gus an àirde deas. Tha i cho an-iochdmhors nach gabh duine sam bith os laimh a dhol thairis oirre air chois no le carbad-each re miosan an t-samhraidh, agus eadhonsagheamraidh tha e air a mheas cunnairtach do neach a dhol air turas thairis oirre mar bith companaich cuide ris agus pailteas de bhiadhs de dhuisge. Chaneil samhradh a dol seachad nacheil mèinnadairean tapaidh, misneachdal acall am beatha ann an oidheirp a dhol thairis air an fhasach so, —beiridh stoirm gainmhich orra, air neo bidh iad air alagachadh gu bàs le teasus pathadh. Air an taobh tuath tha comhnardan mora, bliona, agus cnocan iosal tioram neo-thorach (grunnd gun susbainn) creagan lava agus granite pronn bog, —laraichean seann bheanntan-teine a dhfhuaraich bho chionn iomadh linn. Tha a chearna so ag òl suas teas na greine fad alatha agusga bhruchdadh a mach fad na h-oidhche. Air an taobh an ear tha muillionaan de dhacairean a tha an ire mhath a bhith na fhàsach; far nach fhàs bàrr sam bith mar bi e air uisgeachadh le innleachdan lamhan dhaoine, agus a dhaindeoin sin fhein cha bhi afàs ach cuitheasach; agus chithear cnamhan geala dhaoine am measg nan duìn ghainmhichs nan cairn chlach atogal fianuis oillteil air an oidheirp chruaidh a rinn daoine air seilbh a ghabhal air an fhearann ghraineil so fo speuran an-iochdmhor. Mu chiad mìle mu thimchioll Yùma chaneil aona chraobh, no ach fior chorra phreas afàs gu nadurra. Chaneil ni sam bithsachearna sin a ni am fionnarachd as lugha. Chaneil gaoth ùral aseideadh á àite sam bith; chaneil gaoth bho mhur no bho loch atighinn an drasdasarithist gu fuirteachd a thoirt aig deireadh latha goileach; chaneil beinn na sruth na gleann na eas na coille ann a dhionnsuidh an teid aon air son uireadus mionad de fhionnarachd. Tha eadhon abhainn mhall, chadalach aCholorado den aon dhath dhuaichnidh ris an fhearann a tha air gach taobh dhi.

(Ri leantuinn.)


Tha an t-ard-riaghladh an deigh a phàrlamaid a sgaoileadh, agus than taghadh air son pàrlamaid ùr ri bhi ann air an t-seachdamh latha de Nobhember. Bidh an t-ainmeachadh ann air an latha mu dheireadh dhen mhios so.



[114]

[Vol . 9. No. 15. p. 2]

ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. XX.

SGRIOB THUN BAILE NA CRAOIBH GHIUBHAIS.

Ma ghlasadh nan neul an lath-ar-na-mhaireach, bha gach aons a chaisteal air ghluasad, ag ulluchadh airson triall; aguss i aBhan-IarlAmelia agus a bhantighearn og choigreach bu trainge na cach adeanamh Màiri deiseil. Bha e na chleachdadh aig Màiri, fhads a bha i fuireachan Ichburg, i fhein asgeadachadh coltach ri ban seirbheasaich an Iarla; ged a dhfheumadh ibhig atharrachadh aodaich o am gu am aig tigh na craobh ghiubhais, gidheadh cha bu toil leatha, seach i bhi ro-chomharraichte, i fhein a sgeudachadh ni bfhearr nan fheadhainn a bha mun cuairt oirre, agus mar sin bha i aig an am so air a cur suas car coltach ris a chorr de nigheanan na duthcha. Thug abhantighearnog, a bha mun aon mheudachd ri Màiri, le cead Amelia, di deise gle bhoidheach a bha beulthaobh ri bi ur, agus a bha freagairt di ro-mhath. Bha e car leisg le Màiri deise cho tlachdmhor a ghabhail bhuaipe.

Ach thuirt Amelia: “Chan fhaod sgrubal a bhi ann! feumaidh tu a chuir orts a mhionaid. Tha agad ri fuireach comhla riumsa a nise, mar bhana-charaids mar bhana-chompanach, agus feumaidh tu a bhith air atharrachadh dreasaidh ri nigheanan na dùthcha. A bharrachd air a sin, feumar an t-atharrachadh a dheanamh ann a so, ’s ann as lugha a theid de dhaire a thoirt da.” Chuidich an da bhantighearnog i acuir uimpe a cuid aodaich; thug iad an sin leotha eatorra i, agus threoraich iad i a mach don rùm mhor far an robh am braiceist a nise deiseil. Ghabh iad uile gu leir iongantasn uair a mhothaich iad do thri bhantighearnan oga, achn uair a dhaithnich iad Màiri, dhfhailtich iad i gu cridheil, agus rinn iad co-ghairdeachais rithe airson cho maths a bha inisecoimhead.

Nuair a bham braiceist seachad chaidh gairm air carbad, agus dhfheumadh Màiri suidhe lamh ri Amelia, ma choinneamh an Iarlas na Ban-Iarla. Dhiarr an t-Iarla cumail rathad Baile na Craoibh Ghiubhais, oir bha toil aige an t-seana charaid choir a bha ann a sin fhaicinnan fheadhainn sin a ghabh cho caoimhneil ri Màiris rih-athair. Air an rathad dhfheoraich e de Mhàiri man deighinn, agus cha do chum ise am falach air an cor truagh anns an robh iad; agus gur e gle bheag de dhuine thoilichte ris am faodadh iad duil a bhi aca tuilleadh, ’n an seann aois.

Cha bu bheag an gluasad a chuir fuaim acharbaid fo mhuinntir Baile na Craoibh Ghiubhais; chionn cha drainig carbad e, co-dhiu cho eireachdail so, bhon a chaidh an caisteal a thogail.

Ruith abhean og a mach an coinneamh a charbaid, ’s a h-anailna h-uchd. “Feumaidh mi,” thuirt ise rithe fhein, “an tighearnog coigreach so, ’sa dha nighinn a chuideachadh a mach as a charbad.” Ach air di a lamh a thairgse do the de na ban-tighearnan oga, mar a shaoil leatha, dhaithnich i gu grad gur i Màiri a bhaice. “Gu de an deamhan tha so!” ghlaodh ise, ’na doigh ghairg fhein; leig i as lamh Màiri cho ealamhs ged a bi nathair a bhean di, leum i deich ceumannan air ais, agus dhfhas i bànus dearg ma seach.

Bhan seann tuathanach ag obair anns aghàradh. Chaidh Amelias a mathair far an robh e, shìn iad an lamhan a mach thuigechuir failte air, mhol iad a mhathas ri Màiris rih-athair, agus thug iad taing dha anns an doigh bu chaoimhneile. “Ah! chuir mise barrachd chomain airsans a chuir esan riamh ormsa,” arsan seann duine coir. “Thainig moran sonais air mo thaigh ri linn; agus nan do ghabh mi daonnan a chomhairle, bha mi gu math na bfhearr dheth an diugh. Bhon a chaochail e chaneil de thoileachadh agam ach na gheibh mi ann an sosa ghàradh. Aguss ann air achomhairle ghlic a dhfhaodas mi a thaing a thoirt gun a chum mi am mir fearainn so dhomh fhin, cho math ris an doigh cheart air oibreachadh. Bithidh mi ruamhar ann aso, oir than crann a nise tuilleadh as trom air mo shon; agus bithidh mi ag iarraidh am measg na luibhs nam flurs an toilinntinn sin nach fhaigh min am thaigh fhein nis fhaide.”

Anns acheart am fhuair Màiri far an robh an t-seana bheans arùm bheag, agus threoraich i a mach i air laimh, agus thuirt i rithe gun eagal a bhi oirre. Bha abhean choirt air chriths ann an geilt adol far an robh iad, oir cha robh i, ma dhfhaoidte, a bruidhinn ri feadhainn cho urramach riutha so riamh. Fhuair ise, cuideachd, moran taingus molaidh air son a mathais ri Màirius Iacob.

Bha an t-seana charaid choir air a nàrachadh, agus ghuil iad mar gum bitheadh clann bheag ann. “Nach dthubhairt mi,” arsan seann duine ri Màiri, “gum faigheadh tu duais airson achuram a bhagad dhe dathair? Seall a nise, tha mfhaidheachd air a coimhlionadh.” Agus air don t-seann bhean misneach aghabhail, rug i air aodach Màiri eadar a meoirean agus thubhairt i: “Bha, bha dathair gle cheartnuair a thuirt e, ‘Esan tha sgeudachadh nam flùrs, gabhaidh e curam dhiotsa. ’”

Anns acheart am, bha abhean ogan cuil, ag rathainn rithe fhein: “Hum! hum! Gu de nach faic aneach a bhios fada beò! Tha nighean na deirce air fas na bean-uasal. Coshaoileadh? Chaneil a chridhaig a h-aon againne seasamh lamh rithe a nise. Ach tha fios againn ro-mhath air feasgar an de gun deach i sios an rathad agus pasgan fo h-achlais, abaigearachd a cùrsa feadh an t-saoghail.”

Cha chualan t-Iarla na facail so; bha gu leor leis a bhi coimhead an coltas dona, farmadach a bhair an aodann aice. “ ’S e creutair deisinneach a tha sud,” arsesan ris fhein; agus ghabh e gu glic cuairt air feadh aghàraidh.”

Eisd rium, a dheagh charaide,” arsesan ris an t-seann-duine, “tha mi dol a thoirt tairgse dhuit Tha misan deigh an taigh beags an gàradh a thann an Ichburg, ’s a bha greis aig a h-athair, a thoirt do Mhàiri. Ach chaneil feum aig Màiri air tigh ann fhathast. Saol nach freagradh e oirbhse gu dol a dhfhuireach ann? Fhreagradh e direach oirbh, ’s tha mi gle chinnteach nach bitheadh Màiri ag iarraidh màil oirbh ann. Thogadh sibhan sud flùrs is gnothuichean gàraidh gur miann, agusnad thaigh fhein gheibh thu sith us socair inntinnnad shean aois.

Dhaslaich a Bhan-Iarla, Amelia, agus Màiri air an t-seana charaid gabhail ris na cumhnantan so, ach cha robh moran tabhunn ri dheanamh, bha e cho toilichte as an tairgses ged a bann afaighinn a mach as an droch-aite a bhitheadh iad.

Aig acheart àm so thill mac an tuathanaich as an achadh, chionn bha e ro gheur airson fhaighinn a mach gu de bhon t-saoghal a bhan carbad lecheithir eich bhriagha, ghlasadeanamh aig a dhorus. ’N uair a chual em bargan a chaidh a dheanamh, cha do chuir e mirna aghaidh, ged a bha e duilich a bhi dealachadh ri sheana phàrantan. Achs e bu mhotha bha cur air iad a bhi air an ruigheachd cho mor so le bean am mic fhein; agus bha e lan chinnteach gum bitheadh iad ni bu toilichte a nise.

Airson a mhnatha, bha ig oibreachadh le da laimh, mar gum beadh, gus an t-seana charaid fhaighinn a mach as an taigh. Bha itoirt ionnsuidh air a bhi fuathasach modhail, agus air di Màiri a chluinntinn ag raitinn, ur morachd ris an Iarla, thubhairt i: “ ’S e fabhar mor, gun teagamh, tha ur morachd a deanamh ruinne. Bhiodh e mi-chiatach mar a gabhadhmaid ris an deagh thairgse! Is e àird a mhi-mhodh a bhiodh ann, agus shaoileadh ur morachd gun robh sinne cho gann de mhodh ri maide daraich. Gun teagamh, cha chualas gnothuch cho sealbhach so riamh roimhe.”

Tha mi ro-thoilichte,” arsa companach, “gun dthug thu fanear e; bha mi daonnan ag raitinn gun dthugadh a bhi caoimhneil ri seann sluagh math, onarach, sealbhus beannachd Dhé air taigh; ach cha chreideadh tuse. Tha thu nise faicinn gun robh mi ceart.”

Dhfhas a bhean cho dearg ri giomach leis an fheirg. An lathair choigreach cha ro math di sin a shealltuinn le briathran; ach sheall i air cho guineachs gun saoileadh tu gun cuireadh i a suilean roimhe.

Thuirt an t-Iarla gun cuireadh e fios air an t-seann fheadhainn cho luaths a gheibheadh iad gach ni deiseil. An sin chaidh e fheins an comhlan a bha maille rissa charbad agus ghluais iad air falbh.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Beder, Prionnsa Phersia.

CAIB. VII.

An ceann beagan laithean leig righ Saleh ris do righ Phersia nach robh ni bu taitniche leis fhein, le mhathair, agus leis na bana-phrionnsachan a thainig maille riutha as achuan na fuireach fad uile laithean am beatha anns an luchairt maille ris. Ach on a bha iad uine cho fada air falbh as an rioghachd fhein, far an robh iomadh gnothach cudthromach aca ri dheanamh, ghuidh e air nach biodh diumbadh sam bith aigair, ged a ghrad fhalbhadh e air ais da rioghachd fhein. Thuirt righ Phersia ris, gun robh e gle dhuilich nach robh e an comas dha taghal airna rioghachd fhein; “Ach,” arsesan, “on a tha mi lan chinnteach nach dichuimhnich sibh banrigh Gulnara, ach gun tig sibh ga faicinn an drastas arithist, tha dochas agam gum faic mi rithist sibh.”

Bha iad deurach, bronach taobh air thaobh an àm dhaibh a bhithdealachadh. Dhfhalbh righ Saleh an toiseach; ach is gann gun leigeadh banrigh Gulnara air falbh a mathair agus na bana-phrionnsachan as a lamhan idir.

Cha robh achuideachd rioghail fada air falbh an uair a thuirt righ Phersia ri Gulnara. “A bhaintighearna, nan innseadh dnine sam bith dhomh mu dheidhinn nan nithean ro iongantach a chunnaics a chuala mi on a thainig an teaghlach ainmeil dom buin thu a dhionnsuidh an taighe so, cha burrainn domh geill no creideas a thoirt dha. Ach on a bha mi fhinnam shuil-fhianuis air, cha burrainn domh gun a chreidsinn. Bithidh cuimhne agam air ri mo bheo. Agus cha stad mi gu brath a thoirt taing don fhreasdal a chuir thusana mrathad.”

Bha Beder am prionnsog airarach agus airfhoghlum anns an luch-



[115]

[Vol . 9. No. 15. p. 3]

airt fo churam athars a mhathar. Dhfhas e suas ann an neart agus ann am maise air a leithid de dhoighs gun dthug e mor thoileachadh da mhathair. Mar a bha e fas ann an laitheans ann am bliadhnachan, bha etoirt an tuilleadhs an tuilleadh toileachaidh dhaibh; oir bha en comhnuidh sunndach, tlachdmhor na uile dhoighean,agus deadh-chainnteach geur-chuiseachna uile chomhradh. Agus thug so am barrachd toileachaidh dhaibh a chionn gun robh righ Saleh, a sheanamhair, agus na bana-phrionnsachan ogatighinn o àm gu àm ga fhaicinn.

Bha e anabarrach furasda ri foghlum a chur ann, agus thainig e ann an uine ghoirid anabarrach math air aghart anns gach ealann agus eolas a bha air an teagasg dha.

An uair a rainig e aois choig bliadhna deug, bha e anns gach doigh pailt na bfhoghluimtes na bfhiosraiche na h-aon dhe na daoine a bhag a theagasg. A bharrachd air so, bha e anabarrach glic, turail. Thugathair an aire gun robh na talantan mora so air am buileachadh air, agus gun robh e anns gach doigh anochdadh gum biodh ena dheadh righ. On a bha e fhein afaireachadh anmhuinneachd na h-aoise atighinn air, chuir e roimhe gun leigeadh e dheth curam agus uallach na rioghachd, agus gun suidhicheadh e a mhacna aite fhein air achathair rioghail mum faigheadh e fhein am bas.

Dhaontaich ard-chomhairle na rioghachd gun deanteadh mar a bhan righ arunachadh. An uair a chuala sluagh na rioghachd mar a bha cuisean air thuar a bhith, bha iad gu leir anabarrach toilichte; oir thuig iad gu math gum biodh Bederna righ cho cothromachs a bha riamh ariaghladh anns an rioghachd. A dhaon fhacal, onach robh an righ car uine mhath comasach air a dhol an lathair an t-sluaigh ach uair gle ainneamh, fhuair iad cothrom air faicinn nach robh Beder aon chuid adeanamh tair orra, agus nach mo a bha e uaibhreach, no crosda, no ag amharc air an t-sluagh le dimeas agus suarachas, mar is minic a bha prionnsachan dhesheorsa adeanamh. An aite so, is ann a bha iad afaicinn gun robh e gle iriosal, caoimhneil, cairdeil ris na h-uile dhaoine, agus gum faodadh duine sam bith a dhol a bhruidhinn ris; gun tugadh e eisdeachd agus freagradh dhaibh ann an doigh a bha ro thlachdmhor; agus nach do dhiult e riamh ceartas a dheanamh eadar duine is duine.

Shuidhicheadh latha anns am biodh Beder air a chrunadhna righ. Bha aireamh ro mhor de shluagh cruinn. Bha righ Phersiana shuidhe air an righ-chathair; agus thainig e nuas bhar na cathrach, agus thug e an crun bhar a chinn, agus chuir e air ceann Bheder e; agus an uair a thug e air suidhe air an righ-chathairna aite fhein, thug e pog dha laimh mar chomharradh gun robh etoirt dha, ann an lathair an t-sluaigh, gach cumhachd is ughdarras a bhaige fhein os cionn na rioghachd. Agus an uair a rinn e so, sheas e am measg nan comhairleach agus nan oifigeach a bha air beulaobh na cathrach.

Na dheigh sin thainig fear an deigh fir dhe na comhairlich agus dhe na h-oifigich, agus thug iad am mionnan gum biodh iad dileas don righ agus don rioghachd, agus iadnan sineadh air an lar aig casan an righ.

An deigh do na nithean so a bhith seachad, thug an t-ard-chomhairleach caochladh de gnothaichean cudthromach fa chomhair na comhairle, agus thug an righ og breith orra le gliocas is tuigse a chuir ioghnadh air na comhairlich gu leir.

Na dheigh sin thug e fa near na comhairlich nach robh ariaghladh gu ceart a chur as an dreuchd, agus na comhairlich a bha freagarrach a churnan aite. Thug an doigh anns an drinn e so toileachadh mor don t-sluagh gu leir.

An uair a bha obair an latha seachad, chaidh e fhein isathair don t-seomar anns an robhmhathair. Cha bu luaithe a chunnaic a mhathair e agus an crun rioghail air a cheann na ruith ina choinneamh. Rug i airna gairdeanan, agus ghuidh i gum faigheadh e saoghal fada, agus soirbheachadh mor.

Acheud bhliadhna dherioghachadh rinn righ Beder a ghnothach mar righ ann an doigh a bha taitneach dha fhein agus don t-sluagh gu leir. Os cionn gach ni, thug e an aire gum biodh fios aige air an staid anns an robh gach gnothach a bhuinneadh dha fhein, agus air gach ni a thigeadh a chum math an t-sluaigh. Air an ath bhliadhna dhfhag e riaghladh na rioghachd an earbsa riathair agus ris an luchd-chomhairle, agus dhfhalbh e as acheanna-bhaile, a leigeadh air gur ann adol a shealgairachd a bha e. Ach is e bhana aire a dhol air feadh gach earrann den rioghachd, a chum gun cuireadh e ceart gach cuis a bhiodh cearr, a chum lagh is ordugh ceart a chur air an cois anns gach aite, agus gach prionnsa a bhacumail criche ris a chumailnan aite fhein air eagal gun tugadh a h-aon dhiubh ionnsuidh air dragh a chur air fhein no air a shluagh.

Chaidh bliadhna seachad mun dfhuair an righ og crioch a chur air an obair mhath so a chuir e roimhedheanamh. Cha robh e fadair tilleadh dhachaidh an uair a bhuaileadh asathair le galair a bhais, agus thuig e gu math gun robh ceann a shaoghail dluth dha. Bha e gu foighidneach seimh afeitheamh ris achrich, agus be an aon rud a bha togailaire anns na laithean deireannach a bhithcomhairleachadh do mhaithean na cuirte, agus do luchd-riaghlaidh eile na rioghachd, cumail gu dluth ris na boidean a thug iad gum biodh iad dileas don righ og an latha chrunadh e. Thug iad uile len lan thoil boidean as ur gum biodh iad dileas gu bas don righ og. Mu dheireadh dheug an seann righ. Agus bha righ Beder agus abhanrigh Gulnara fo thuirses fo throm bhrong a ionndrainn. Chuireadh a chorp ann an uaigh a bha ro mhaiseach mar a bha dligheach a dheanamh ri leithid.

An deigh don adhlacadh a dhol seachad, rinn righ Beder caoidh air sonathar fad mhios, agus cha deachaidh e mach air dorus fad na h-uine. Be so an cleachdadh a bhann am Persias an àm ud. Bhiodh ecaoidhathar fad uile laithean a bheatha nan do leig e leis abhron laidhe gu trom air, agus nam boidh e ceart dha mar phrionnsa mor a leithid a dheanamh. Anns an am thainig a sheanamhair, righ Saleh, agus na bana-phrionnsachan eile don luchairt, agus thug iad uine mhath air caoidh maille riutha mun do thoisich iad ri comhfhurtachd a thoirt dhaibh.

An uair a chaidh ceann amhios seachad, dhfheumadh an righ leigeadh leis an ard-chomhairleach agus leis achuid eile de mhaithean na cuirte tighinnna lathair. Ghuidh iad air sgur de bhron, agus a dhol am mach am measg an t-sluaigh mar bu ghnath leis, agus pairt a ghabhail anns gach gnothach a bhuineadh do riaghladh na rioghachd mar a babhaist dha. Cha robh e an toiseach deonach so a dheanamh, agus bfheudar don ard-chomhairleach bruidhinn ris mar so: “Mo thighearna, is gann a ruigear a leas innseadh do bhur morachd gur ann aig boirionnaich a tha e mar chleachdadh a bhithcumail suas abhroin tuilleadh is fada. Tha sinn cinnteach nacheil a run oirbh eisimpleir nam boirionnach a leantuinn. Cha toir ar deoir-ne no bhur deoir-sa beo bhur n-athair, ged a bhiomaidg a chaoidh gu lath ar bais. Bha aige ri dhol thun abhais mar a bhaig daoine eile. Gidheadh, is gann is urrainn duinn a radh gum bheil e marbh on a tha sinn ann an tomhas afaicinn a choltais annaibh fhein. Cha robh teagamh aige fhein, an uair a bha edol thun abhais, nach biodh e air ath-bheothachadh annaibhse; agus is ann aig bhur morachd a tha e ri dhearbhadh nach robh e air a mhealladh.”

Cha robh en comas do righ Beder cur an aghaidh nam briathran a labhair an t-ard-chomhairleach ris. Ghrad chuir e dheth an t-eideadh-broin a bha uime; agus, an deigh dha an trusgan rioghail a chur uime, thoisich e ri amharc an deigh gnothaichean na rioghachd mar a bha edeancmh mun do dheugathair. Bha gach aon toilichte leis an doigh anns an robh e dol an ceann a ghnothaich. Agus on a bha edeanamh gach ni mar bu ghnath leathair a dheanamh, cha daithnich an sluagh gun robh atharrachadh righ orra.

(Ri leantuinn.)


AN T-EILEAN SGIATHANACH.

(Air a leantuinn.)

Highland News. )

Is e Gleandail aon de na ceithir ghlinn a bfhearr a fhuair aGhlasgbobhar” —a ghobhar a bha cumail bainne ris an Fheinn. Thug aghobhar sin an t-urram air son feuraich doGhleaundail an Diurinish; do Ghleann Uige an Troternish; do fhior Bhràighe Ghlinn Hìnnisdail: agus do Ghleann sgiamhach Sgàladail.” Chaneil mi cinnteach con Gleann Sgàladail a bhan so, oir tha dha no tri dhiubh sinsan Eilein Sgiathanach. Tha e coltach gun robh am pailteas bainne aice, agus gum biodh a h-adharc a sgaoileadh pailteis air gach taobh, mar a bha adharc na gaibhre a bha toirt bainne do Iupiter an uair a bha e an Cornucopiaadharc a phailteis. Nach bochd nach tigeadh in rathad so. ’Nuair a thubhairt sinn na h-uiread so mu Ghleanndail, chi sinn nacheil e cho iongantach, ged sheinneadh am bard milis duanag donGhleannsan robh mi òg.” Gidheadh chaneil na monaidhean aig Gleanndail ro ard; ach tha sealladh boidheach ri fhaicinn thar mullach Holbhal. Tha Scoebhal air an taobh eile den bheinn sin. Chan ainmean Gailig iad sin idir. Tha Gleanndail air fas gle ghaireasach anns gach ni, seach mar a bha e rim cheud chuimhne-sa. Tha bàta na smùide a tighinns a taghal air maduinn agus air feasgar tri laithean den t-seachduin an sin. Tha litrichean a tighinn fad sia laithean na seachdain, agus iad sin air an toirt seachad aig na dorsaibh. Than teachdaire dealanaich(lightning messenger, or telegraph)an sin, agus cluinnear a ghuth fad air falbh. Tha fuineadair ann agus feòladair a cumail an cuid each air falbh am measg an t-sluaigh, mar an ceudna. Is e ni cho mors a ta ri fhaicinn an diugh an Gleanndail, na tighean maiseach a chaidh a thogail ann, agus a thatar a sior thogail ann on fhuair an sluagh còir nas cinntiche air an fhearann. Bha tuath chòir agus ghasdanan comhnuidh an Ramasaig agus ann an Lourgill gus an do chuireadh fàs na bailtean sin. Tha na glinn sin fo chaoraich an diugh. Air an t-slighe gu Lourgill tha àite iomraiteach bu chòir do choigrich agus do luchd-siubhail gun dhol seachad air. Nuair a bha aon de theaghlach Mhic Leoid Dunbheagain na chòmhnuidh ann an Hamara an Gleanndail, bhiodh edeanamh ceartais ann an cùisibh beaga, am measg an t-sluaigh. Bheireadh e gach cuis throm a chum an ard-uachdarain. Bha seachdnar thuathanach acòmhnuidh an Lourgill o chionn ùine fhada, agus chaidh iad a mach air a cheile. Thòisich iad air

(Air a leantuinn air taobh 118).



[116]

[Vol . 9. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OCTOBER 12, 1900.

LITIR OFHEAR-TURAIS.”

Leugh mi litirChalum aGhlinneanns a MHAC-TALLA o cheann seachdain no dha, agus gu firinneach tha mi gle thoilichte gun dthug e iomradh ann an doigh cho snasail air ni a bha gu tric air minntinn fhein— ’se sin tuilleadh cuideachaidh a dheanamh ris a MHAC-TALLA, an t-aon phaipear a thagainn nar cainnt mhathareil. Tha e soilleir gu feum ni air choireigin a bhi deante aig a cheart àm. Tha pris gach ni air eirigh gu mor; tha tuarasdal luchd-obrach air eirigh; agus mar sin cosgais an lorg cur a mach a phaipear air dol gu mor a meud. Chaneil e iomchuidh gum biodh an t-eallach so air fhagail air druim aon duine. Faodaidh daoine bhin duil gu bheil druim laidir aig a Ghaidheal threun a tha cur a mach a phaipear, ach ged a tha chan fhaodar brath a ghabhail air tuilleadhsa choir. ’Se strabh mu dheireadh a bhriseas druim a chamhuill. Gu de ma tha ghabhas deanamh? Tha so. Biodh na Gaidheil uile, gach mac is nighean mathar tha gabhail a phaipear, a gluasad suas agus a faighinn gabhaltach no dha eile. Chaeil te no fear, og no sean, thall no bhos, a tha faotuinn MHIC-TALLA nach faod, le beagan saothair, aon ghabhaltach co-dhiu fhaotainn, agus an t-airgead a chur air aghaidh gu dail. Dublaichidh sin àireamh an luchd-gabhail a dhaon bheum; ’s theid mise an urras gun cuir sin uigh air an fhear-dheasachaidh a ni feum dha fhein agus dhuinne iomadh latha. Thug litir Chalum a leithid a ghluasad air minntinnnuair a leugh mi is nach burrainn mi bhi socair gus an sgriobhainn na facail so ugad. Ach chaneil mi dol a stad le so; tha mi dol a mach a dhfhaicinn co gheibh mi air son am paipear a ghabhail. Ma ni mi cho math riCalum aGhlinnecha bhi mi gearain. Tha fios aig an fhear-dheasachaidh gur iomadh gabhaltach a fhuair mi dha anns na h-ochd bliadhna dhfhalbh, (chan ann le bòsd sam bith a tha mi ga radh), ach chaneil mi idir sgith dheth no smaointinn gun drinn mi gu leor air a shon.

Cluinneamaid o chach a cheile gus gum bi fios aig an dara neach ciamartha neach eile tighinn air aghart leis an obair. Ma bhios sinn dileas chan fhada gus a fas MAC-TALLA nis motha na bha e fhathast. Leanamaid air cuideachadh leis gus a fas e cho leathann ri plàt fhasgnaidh.

Ur caraid,
FEAR-TURAIS.


LITIR A CEAP NOR.

A MHIC-TALLA RUNAICH: —Shaoil mi gun rachadh agam air sgriobhadh a dionnsuidh na bu traithe nan t-àm so den mhios, ach cha dean e feum sam bith teannadh ri aithris gach ni bha cur bacaidh orm.

Air aon bheul oidhche o chionn ghoirid, ’nuair bha mi deas gu sgriobhadh, co thigeadh a dhionnsuidh an taighe ach Eilidh Sheochd, a thainig o chionn naoi bliadhna fichead bharr na h-Aibhne Meadhonaich maille ri a fear-posda, Cailean Urchadain, a ghabhail comhnuidhs an àite so. Geds minic a chur Eilidh oidhche seachad maille ruinn roimhe so, ’s ann a thainig i air an turas so a chum acur seachad maille ri a seana bhan-choimhearsnach, Caitriona Dhomhnullach, mar theirte rithe an làithean a h-òige. ’Nuair thoisich na mnathan aosda coire so ri comhradh, co burrainn teannadh ri sgriobhadh? Cha burrainn mise, co-dhiu. Bu roghnaiche leam gu mor suidhe siosg an eisdeachd, ged bhuaineachadh iad air comhradh gu meadhon-oidhche. Cul mo laimhe ris gach aon a dheanadh tair air a mhuinntir aosda tha gluasads an t-slighe cheart. Tha e sgriobhte gun teagaisg lionmhorachd bhliadhnachan gliocas; agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nan eisdeadh a chuid as lionmhoire gu mor de oigridh an t-saoghail ri comhairlean glice nan aosda, gur iomadh slochd agus ribe tha do-leirsinn dhaibh fein a dheanadh iad a sheachnadh. Chan fhaicte iad cho ro thric acosnadh dhaibh fein cliu dith na ceille, an cliu a than fhirinn ag innse dhuinn a bhuineas do gach aon leis an aoibhinn talla cheoil agus an t-subhachais. Ach tha mi air dol beagan a thaobh.

Bha min duil innseadh dhuit gur ann an Eilean a Cheo a rugadh agus a dharaicheadh Caitriona. Bha tigh a h-athair agus tigh Iain Bhàin fagus da cheile aig ceann Loch Shnisort. Mar sin bha Caitriona agus Màiri nighean Iain Bhàin, a bhana-bhard nach maireann, daonnan an cuideachd a cheile ann an laithean an oige. Thainig i mach gu America maille ri

(Air a leantuinn air taobh 120).


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[117]

[Vol . 9. No. 15. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha am Florida gu falbh á Sidnisa mhaduinn an diugh. ’Se so an turus mu dheireadh a ni i edar so us Boston air an fhoghar so.

Chaidh gille beag le Niall Mac Neill, anSydney Mines,a ghoirteachadh le tuiteam bhar carbad guail Di-haoine sa chaidh, agus chaochail e an ceann beagan uairean.

Tha Morair Strathcona aig an àm so ann an tir a dhuthchais. Tha e air an t-seachdain so ann am Montreal, baile annsn do chuir e seachad roinn mhor dhe bheatha, agus a than diugh acur urram mor air.

Chaidh gille dam bainm Alfred Leonard a mharbhadh anns a mhèinn am Bridgeport feasgar Di-luain sa chaidh. Bha e anns a chro, a tighinn a nuas oobair, agus bhual a cheann ann am maides bha e air a mharbhadh air ball. Bhuineadh e do Cheticamp, an siorrachd Inbhirnis, agus cha robh e ach coig bliadhndeug a dhaois.

Chaidh gille dubh dam bainmAvard Chandlera mharbhadh ann amBridgetown , N. S. ,Di-satharna sa chaidh, le companach a loisg air. Cha robh Chandler ach ochd bliadhndeug a dhaois, agus am fear a loisg air, Howard Wade,coig bliadhndeug. Tha Wade anns aphriosans ri bhi air fheuchainn air son a ghniomh oillteil a rinn e.

Chaidh duine mhuinntirRiver Inhabitants—Domhnullacha ghoirteichadh gu dona air an rathad iaruinn faisg air a Bheighen Iar, mu mheadhon na seachdain sa chaidh. Chaneil fhios ciamar a thachair dha. Fhuaireadh e maduinn Di-ciaduin ann an lòn fala, slige chinn air a bhristeadhs an eanchainn ris. Bha e ann an suidheachadh gle iseal, agus am fios mu dheireadh a fhuair sinn cha robh mor choltas air gum biodh e fada beò.

Chuir sinn cuibhrigus paipear litreach dhionnsuidh gach aon de ghabhaltaichean MHIC-TALLA toiseach a mhios a dhfhalbh. Bha iad air son a bhi air an cur gu feum ann an cur ugainn pàigheadh a phaipeir. Rinn àireamh mhor am feum sin dhiubh cheana, agus iadsan nach drinn, tha dòchas againn gun dean gun dàil. Tha dùil againn ris gach cuibhrig us paipeir a thighinn air ais ugainn agus dolar an cois gach aoin dhiubh, agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Tha an strike ann am mèinnean guail Phennsylvania adol air adhart fhathast. Tha iadsan a thanan tàmh eadar sia us seachd fichead mile an àireamh, agus chaneil ach fior chorra mhèinn air a h-obrachadh. Tha na daoine anabarrach sitheil; cha robh troimhe-cheile sam bithnam measg on sheas iad a mach. Tha na maighstirean a nise tairgsinn na tuarasdail àrdachanh deich sentichean air an dolair ma theid na daoine dhobair. Cha do ghabh na daoine ris an tairgse sin fhathast, agus cha mho a dhiùlt iad i; ach tha cuid dhen bhargil nach teid moran ùine seachad gun còrdadh a bhi air a dheanamh.

Faigh FEAR-GABHAIL UR don MHAC-TALLA, ’s cuir ugainn dolair gu leth ( $1 .50) agus gheibh sibh le cheile am paipear fad bliadhna.

Bha àireamh dhaoine tinn leis a bhric ann amBathurst , N. B. ,o chionn ghoirid, ach chaidh gabhail aig an tinneas an àm, agus cha dfhuair i cothrom sgaoileadh.

Tha liberals na siorrachd so an deigh an Dotair Kendall agus Alasdair Johnston a roghnachadh gu ruith air son àiteachan-suidhe na siorrachd so san àrd-phàrlamaid.

Iarr air do nàbuidh cur a dhiarraidh MHIC-TALLA a chum gu faigh e an sgeul ùr— “O Chionn Tri Fichead Bliadhna” —an sgeuls fhearr a sgriobhIainfhathast. ’S fhiach i a leughadh.

Thainig tri mile fichead de mhuinntir na h-Eirinn do na Stàidean ruith an da mhios dheug a dhfhalbh. Tha an sluagh a sior fhàgail Eirinn, agus than àireamh mhor dhiubh a dol do na Stàidean, far am bheil cheana barrachd mor dhiubhsa thanan seann dùthaich fhein.

Ann an Acarsaid Neill, o chionn tri miosan air ais, bha fear Jeans air a mharbhadh le bruis a chaidh a thilgeadh air le Tomas Ingrahams iad ag obair comhladh ann an tigh éisg. Bha Ingraham air fheuchainn aig achùirt mhóir ann am Baddeck Di-màirt sa chaidh, agus thug an jury saor e.

Chaidh seann duine, Uilleam Mc-Grath, a losgadh gu bàs aig Windsor Junction, toiseach na seachdain sa chaidh. Chaidh am bothan taighesan robh efuireach na theine, agus esan na chadal. Nuair a thug muinntir eile an aire dhan teine bha e ro fhad air adhart. Bha an seann duine tri fichead bliadhna dhaois.

Tha taghadh na pàrlamaid ann am Breatunn adol air adhart, agus tha Morair Salisburysa phàirtidh a faotainn achuid as fhearr dheth. Than cogadh a bhi air a thoirt gu crich, agus Breatunn buadhachna neart mor do naUnionists.” Chaneil an taghadh ann am Breatunn air a chur seachad an aon latha mar anns an dùthaich so, oir cha bhi e anns a h-uile siorrachd aig an aon am. Gu math tric bidh còrr us seachdain eadar toiseach us crioch an taghaidh.

Toiseach an earraich sa chaidh chuir achlann a tha feuchainn ri foghlum a thoirt a mach ann a sgoilean Philadelphia, air falbh aon dhiubh mar theachdaire gu Crugar a dhinnse dha cho measailsa bha iad airs cho dòchasailsa bha iad gun rachadh aige air saorsa dhùthcha a sheasamh. Rainig an teachdaire òg sin Crugar nuair a bha rioghachd an urra mhoir sin a lion beagan us beagan a dealachadh ris, chuir en céill a theachdaireachd, agus thill e dhachaidh. Tha e-fheinsa chompanaich a nise sona. Is dòcha gu bheil iad gle shuarach mu Chrus arg muchuid iochdaran, ach nach drinn iad ni nach drinn buidheann sgoilearan an àite sam bith eile? agus nach deach iomradh a thoirt orra ann sna paipearan-naigheachd?


Stor nan Sutharlanach
an stor as fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.

Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sinDEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Chan fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.

DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
sa tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha acheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.

H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[118]

[Vol . 9. No. 15. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 115).

trods air iorghuill— “Thugainn, a choin? Caite, a choin? Do Hamara, a choin! Car son, a choin? Gu ceartas a choin!” Dhfhalbh na fir, agus o àrd fhocail air an t-slighe, thainig iad gu buillibh. Bhuail iad air a cheile gus an do mharbh iad a cheile; oir bhiodh gach neach a giulan airms an la udgu h-àraidh claidheamh, no biodag. Tha làraichean nan seachd càrn rim faicinn anns an ionads an dfhuaireadh marbh iad, agus tha iad a cumail air chuimhne a ghniomh oillteil ud gus an so. Faodaidh coigrich agus luchd-siubhail, air dhaibh teachd a nuas o Dhunbheagain, an rathad aleantuinn sios gu Husabost agus gu Boreraig agus Galltergill. Is ann an Husabost a rugadh am fearlagha ainmeil sin, an Siorram Alasdair Mac Neacail. Bha e sinna fhior sgoileir Gailig. Is ann am Boreraig a bha na piobairean ainmeil sin, Clann Mhic Cruimein, a gabhail comhnuidh. Chaneil ann am Boreraig a nis den treibh sin ach aon neach. Bha Padruig Mor Mac Cruimein an sin, Padruig Caog, Domhnull Bàn, &c . Is lionmhor piobaire maith a chaidh ionnsachadh anns an Oil-thigh aig Clann Mhic Cruimein, ann am Boreraig. Ghabhadh e moran ùine a sgriobhadh mun timchioll. Bham piobaire dall, Mac Aoidh, an sin ag ionnsachadh. Bha e sinna bhàrd cho maiths na phiobaire, agus thaleum an daillan sin dluth air dùn Bhoreraig, far an dfheuch iad a chur leis a chreig bhar an do leum e. Thasloc nam piobaireanan sin, far am biodh iad acluich. Bu bhoidheach a bhig an cluinntinn air feasgar feathach samhruidh. Theid sinn a nis sios do Ghalltergill, far am bheilClach a mhodha” (the manner stone) .Rachadh an dream a ta gun mhodh an sin fathast agus buaileadh iad am màsan tri uairean air a chloich sin mar a dheanadh dream roimhe so, agus fagaidh iad an t-àite fior mhodhail. Tha e coltach gu robh buaidh eufachdach aig a chloich sin, mas fior an sgeula. Tha ina luidhes na suidhe an sud fathast a feitheamh co a theid thuice. Is ann an Galltergill a bhan duine uasal dileas sin Domhnull Mac Leoidan sgiobair-cuain a dhaisig Prionnsa Tearlach á Mùideart do Uist a chinne-deas, agus a dhfhalbh leis do na Hearadh agus do Leobhasagabhail comhnuidh. Cha dfhuair mi riamh a mach ciod a dheirich dha fein an deigh teachd as a phriosan. Bha e fein air teachd air adhart ann an aois, ach bha mac aige a bhana ghille tapaidh. Is e mo fheachd gun deachaidh iad air imrich do America an uair a dheirich an odhail mhor air daoinibh gu falbh, agus a bham fearanng a chur fo chaoraich. Chan urrainn miradh am biodh Mac Leoid ro bhàighail ri Domhnull còir no nach biodh. Cha robh Mac Leoid e fein air taobh a Phrionnsa le chuid daoine ged bha beagan aca leis. Ach co dhiubh, chaill sinn sealladh air Domhnull Mac Leoid á Galltergill agus air a chuid sliochd. Bu mhaith leam, gu dearbh, fhaotainn a mach ciod bu chor dha feins da mhac tapaidh.

Is iomadh luinneag thuiridh a chaidh a dheanamh an uair a bha iad a cur air falbh daoine do America, agus mar an ceudna an uair a bha iad a toirt air falbh gillean òga don arm leis na croinn. Nithe, ma bhios tim agam, a chuireas mi thugaibh.

CAS AIR ASTAR.


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XVI.

TURAS NAN GAEL GU MANCHESTER.

Air an ochdamh latha fichead den mhìos dhfhàg an t-arm gu léir Preston agus ràinig iad ma oidhche Wigan* baile margaidh a tha 196 mìle air an taobh so do Lunnainn agus air an ath mhadainn thog iad orra gu ruige Manchester, agus ma naoi uairean a dhòidhche ràinig toiseach an airm (ma thuaiream ceud marcach), am baile sin, agus air an ath latha ràinig an t-arm gu léir Manchester. Thàinig am Prionnsa féin a steach don bhaile ma dha uair an deigh mheadhon latha agus prasgan taghta dheth na Gàeil bu chalma ma thimchioll, an latha, (a ben naoidheamh latha fichead den mhios), chaidh maoir abhaile mun cuairt a thoir rabhaidh do gach neach aig an robh cìs-rìgh ri dhioladh iad ga pàigheadh do dhfhear gleidhidh an iomhais aig aPhrionnsann an lùchairt an rìgheadar sin as feasgar chaidh na maoir a rithist mun cuairt a chuir an céill gun robh e air a shonrachadh le mathaibh abhaile gum biodh tineachan-éibhinn air am beodhachadh ann an caochladh ionadan mun cuairt don bhaile mar onair ri teachd aPhrionnsòig; ma chiaradh na h-òidhche chaidh na teineachan-aighear sonan caoirean dearga agus thòisich cluig abhaile air séirm, ach cha dfhuair fear-gleidhidh an ionmhais a bheag de dhairgead cìse gus an deach an ath bhairlinn mun cuairt. Air an deicheamh latha fichead den mhìos, chruinnich an t-arm Gàelach gu léir ri chéile ann am Manchester; chaidh sùrd a chuir air togail dhaoine, agus dheirich bho dha cheud gu trì cheud


*Mu ’n drainig iad am baile so bha iad a falbh air fior dhroch rathad air chors gun tainig toll air te de bhrogan a Phrionnsa, agus a thaobh nach robh greusaich faisg air laimh, chaidh am Prionnsa steach do cheardaich a bha ri taobh na [ ? ] , agus thug e air gille ghobha bre[ ? ]ban de mhir a dhiarrainn tuna [ ? ]gheal le tuirnean air bonn a bhroighe. Rinn an gobha og an obair gu grinn: agus air don Phrionnsa bhi ga phaigheadh air son a shaoithreadh thuirt e ris mar so.— “So dhut do dhuais a laochain,agus as math a choisinn thu i: agus faodaidh tu nise radh gu dearbh, gur tu fein a chiad ghobha riabh a chuir cruithean air mac Righ!


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.



[119]

[Vol . 9. No. 15. p. 7]

fear do mhuinntir abhaile, agus thugadhReiseamaid Mhainchestermar ainm orra. Bha iad so fo chomannda Mr. Townly.

Bha cuid dheth na Sasunnaich am barail gun robh an t-àrm Gàelach gu beanntaichean Wales a thoirt orra, dùthaich anns am biodh sàr-chothrom acair an arm-dhearg, a thaobh e bhi na thalamh garbh anns nach burrainn saighdearan ionnsaichte iad féin a ghnàthachadh cho math; air an aobhar sin leag muinntir Dheòrsa na drochaidean a bha thar Abhainn Mhercy, a bha ruith eadar an dùthaich sin as Manchester, chums nach faigheadh na Gàeil a null.

Air achiad latha de chiad mhìos a gheamhraidh, dhfhag an t-arm Manchester nan chuideachd, ghabh aon chuideachd rathad Stocport agus achuideachd eile rathad Knottesford, bha so a nochdadh gur h-e Lunnainn a bha dìreach nam beachd. Chaidh na drochaitean a bhair an t-slighe so mar an cianda bhristeadh sios, air an aobhar sin thàinig air an arm a dhol thar Abhainn Mhercy air sheol eile, agus be sin coille chrithinn a bha ri taobh na h-aibhne aghearradh agus seòrsa drochaid a dheanamh dheth na craobhan air an dfhuair na h-eich, na canoin, agus gach trealaich chòmhraig eile null: ghabh am Prionnsa féin maille ris achuideachd eile den àrm am bial-àth aig Stockport agus an sruth aruidhinn suas gu chrios.

Air feasgair achiad latha de mhìos mheadhonach aGheamhraidh thainig an chuideachd dheth an armailt an ceann achéile aig Maccleshfield far an dfhuair Tearlach brath gun ghabh Diuc Uilleam comannda an arm Shasunnaich a bha na laidhe ann an Siorramachd Stafford. Rùinich am Prionnsa gun gluaiseadh e féin agus an t-arm Gàelach gu Derbie chums nach biodh fios aig an Diùc càitan rachadh e air an tòirmar sin chaidh Morair Deòrsa Moireach le prasgan dheth an arm gu ruige Congleton, air an rathad dhìreach a ta treorachadh gu Litchfield, an uair a chaidh a chuid eileden armailt gu ruige Derbie.

Air an dara latha de mhìos mheadhonach a gheamhradh, chuala Diuc Uilleam gun robh feachd-laidir dheth na Gàeil ann an Congleton agus gun robh achuid eile dhiù gu bhi ann sabhaile sin ma òidhche. Chaidh Diùc Uilleam air an fheasgar sin gu baile ris an canair Stone, afulang do mhòr-fheachd nan Gàel gabhail seachad air gun fhios da. Fhuair Morair Seòras a nise seachad an rathad bu mhiann leis, agus dhfhàg e Congleton agus chaidh e seachad tro Leek, agus ràinig e bhaile don goirrear an t-Allt-Innsinn ma fheasgar.

Tacan an deigh dhaibh a dhol seachad air Leek thrus armailt a Phrionnsa gu léir ri chéile air an rathad direach gu Derbie chums nach tugadh an t-arm-dearg ionnsaidh orra gun iad a bhi gu léir cruinn.

Ràinig Tearlach a nise an imisg shia fichead mìle do Lunnainn le seòlaidhean innleachdach Mhorair Seòras. Dhfhaodadh e Lunnainn a ruidhinn a nise gun a thighinn an àite buile don arm-dhearg a bha mun àm so ma thuaiream naoi mìle na bfhade bho na bhaile sin na bha na Gàeil.

Nuair a chualas ann an Lunnainn gun robh na Gàeil afaighinn seachad air an arm-dhearg, ghlac uabhas muinntir abhaile, chaidh gach bùth a dhùnadh, agus theich mòran sluaigh a dhionnsaidh na dùthcha atoirt leo gach seud bu luachmhoire bha nan séilbh. Ghlais Diùc a Chaisteil-Nogha, a h-aon de dhfhir stàta na rìoghachd, e-féin na sheòmar latha, ga cheasnachadh féin, co dhiù a bfhearr dha Tearlach no rìgh Seòras aicheadh. Chuir rìgh Seòras féin achuid usgraichean agus sheudan bu luachmhoire air bòrd a luinge agus bha i ga fheitheamh fo làn uidheam, deas gu seòladh air falbh leis a null don Ghearmailt acheart cho luath sachluinnte na Gàeil a bhi dlù don bhaile! Bu chian a bha cuimhnaig na Lunnainnich air lathan ullachaidh mhoire sin a ta fathast iomraiteach ann an seanachas fir Shasuinn air an tug iadDi-haoine dubhmar ainm.

(Ri leantuinn.)


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAIN DI-CIADUINS DI-HAOINEA Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.

DI-MAIRT DIOR-DAOINS DI-SATHARNAA Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.



[120]

[Vol . 9. No. 15. p. 8]

(Air a leantuinn o thaobh 116).

fear-posda, Iain Caimbeul, anns a bhliadhna 1841. Bha iad a chomhnuidh air an Abhuinn Mheadhonaich gus an dthainig iad len teaghlach don aite so mu thri bliadhna roimh Chailein. Dheug a fear o chionn dusan bliadhna, agus tha a dachaidh a nis maille rimac as oige, anns a Bhras dOr Bheag.

Tha Cailean Urchadan fathast beo, agus e mu cheithir fichead bliadhnasa deich a dhaois. Tha de naigheachdan aige air cogaidhean Bhonapart, a bha e faotainn o shaighdearan a bha anns na blair, na ghabhadh uine mhor gan sgriobhadh sios. Ged bu leoir an fhirinn innse mu thimchioll uamhas nam blar ud, chaneil teagamh nach robh cuid dhe na saighdearan ag aithris nithean nach robh idir fior.

Air an ochdamh fichead den mhios sa chaidh bhan t-Urr. Lachunn Beutan, a bha air a bhi saoithreachadhn ar measg re da bhliadhna, agus dan dthug sinn gairm aonaichte, air a shuidheachadh os ar ceann. Bhan comanachadh againn air an ath Shàbaid, air do Mhr. Beutan a bhi air a chomhnadh o Dhir-daoin gu Di-luain leis an Urr. Calum Mac Leoid, á Baile-nan-Gall. Bha Mr. Mac Leoid e fein a saoithrachadh re beagan bhliadhnaicheans a choithional so, agus chaneil òg no aosdan ar measg nach dean togail ri fhaicinn agus ri eisdeachd cho minics gun tig e dar n-ionnsuidh.

M. D.
Ceap Nòr, Sept. 28, 1900.


LITIR A AFRICA MU DHEAS.

A CHARAID CHOIR: —An raoirn uair a bha Iain Domhnullach is mi fhein a sràidearachd timchioll a champ gu de a bhrist a stigh air ar cluasan ach ceòl na pioba moire, mu leth-mhile mach air a veldt. Ruith sinn a mach gun dàil far an cuala sinn an ceol binn, agus co bha so ach fear de na gillean Gàidhealach againn fhin a feuchainn na piobaus fear eilega chuideachadh. Cho luathsa chuala sinn an coigreach a bruidhinn na Beurla smaoinich sinn gu robh Ghailig aige, agus bhruidhinn sinn ris anns a chànain mhilis sin. Cha luaithe bhruidhinn na fhreagair e anns a chainnt cheudna, agus mun robh an crathadh-laimh blath an sin eadar an triuir againnDomhnullach, Mac Leoid agus Mac Coinnich; oir dhinnis e dhuinnainm, agus gun drugadh e ann an Eilean Raasaidh. Thainig e de thréibh ChlannIc Ille-Chalum. Chluich e coig no sia de phuirt air an robh sinn eolach, agus mun àm sin bha mu dhusan de na Gàidheil oga, a chuid bu mhotha dhiubh Ceap Breatunnaich, air tional timchioll, agus mun toireadh tu suil thall no bhos bha sinn a breabadh na gainmhich, a dannsa ruidhle Ghaidhealach. Bha sinn cho toilichte leis a phiob-mhor agus coinneachadh ris a Ghaidheal og so as an t-seann dùthaichs nach robh fhios againn de dheanamaid. ’Nuair a bhiodh sinn sgith a dannsa ghabhamaid orain Ghàilig, agus mar sin chaith sinn tri uairean a thide. Chan fhaca mi sealladh ach ainneamh cho moralach ri bhi faicinn agus acluinntinn gillean oga calma Gaidhealach anns an deise shaighdearachd, air a veldt ann an Africa Deas, a bruidhinn agus a seinnan cainnt mhàthareil. Tha sinne feuchainn mar is urrainn dhuinn air a Ghàilig a chumail ann an cleachdadh. Bidh sinn a cuir seachad na tide air an oidhche anns a champ le bhi faighinn comhla ri cheile agus a bhi bruidhinnsa seinn nan òran a a dhionnsaich sinn o ar sinnsirean; agus gu dearbh mar is motha a bhruidhneas sinn is ann is fhearr a tha sinn afas oirre agus is motha ar meas oirre.

Tha mi smaoineachadh, a reir an t-sloinneadh a thug Mac Leoid dhomh, gu bheil e cairdeach dhomh fhein air taobh mo mhàthar, oirs e Nic Leoid a thinnte, agus tha min duil as an aon àite. Ach, co-dhiu, gheibh mi mach uaipenuair a theid mi dhachaidh. Fhuair mi address Chabar Feidh uaithe, agus tha mi dol a choimhead air agus air na Gàidheil eilenuair a theid sinn gu Lunnainn.

Slan leibh an drasda. Our caraid dileas,

MURCHADH A. MAC COINNICH.
Vaal River,Iulaidh 21, 1900.


Gleidh gach iuchair a gheibh thu ann am pasgan deUnion Blend Teaagus cuir iad gu George S. de Forest & Sons, Saint John, N. B., trath an Nobnember. Fosglaidh 129 de na h-iuchraichean 129 bocsa anns am bheil o $1 .00 gu $25 .00, agus bidh an t-suim a bhios anns gach bocsa air a chur a dhionnsaidh an neach a chuir air adhart an iuchair a dhfhosgail e.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’001yr.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 15
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 15. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page