[121]

[Vol . 9. No. 16. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 19, 1900. No. 16.


YUMA.

LE DONULL MAC LEOID.

(Air a leantuinn).

Chan e gu bheil tlachd acasan àite tha toirt air daoine bhith tuineachadh ann a Yùma, chan e idir, ach a ni a thug air Iscariot a Mhaighstir a bhrathgaol nam buinn airgeid. Tha a mhalairt a tha aca ris na mèinnean òrus airgiodus luaidhe a tha gu h-ards na beanntan acumail a bhaile saoibhir. Tha 3,200 sluaighs abhaile. Is Mecsicanaich trian dhiubh agus is Geancaich an da thrian eile. Chruinnich cuid dhiubh le foighidinus dichioll deagh fhortan. Fhuair am baile an t-ainm Yùma bho threibh Innseanaich den ainm cheudna. ’Nuair a fhuaireadh an t-òran Californiaan 1849, thoisich daoine geala air suidheachadh ann a Yùma. bhliadhna as deigh sin chaidh na miltean le eich, ’s le daimh troimh Tecsasus Arisona; ghabh iad an t-aiseag thairis air aCholorado aig Yùma, agus á sin ghabh iad suas druim Tir an Or. Bha moran de ghnothuichean adol air an adhart ann a Yùma, a creic biadhus aodachus deoch laidir ris an luchd-turais, agusgan aiseag thairis air an abhainn. Eadar 1860us 1880 chaidh àireamh mhor mhèinnean fhaotainn an Arisona, agus thaom moran sluaigh a stigh don roinn sin as gach cearna. Be Yùma àite bu mhotha malairtsan roinn. ’An 1880 chaidh rathad iaruinn a thogail bho Chalifornia troimh Yùmaus Tecsas gu Orleans Nuadh, agus le sin chaill Yùma a greim air a mhalairt a babhaist dhi a bhi mealtuinn. Bho 1888 fhuaireadh baide de dheagh mhèinnean òra faisg air an t-seann bhaile, agus thug sin beatha nuadh dha.

Chaneil aon as urrainn dol air falbh a fuireach ann a Yùma fad an t-samhraidh. Tha sìde cho briagha, cho bogs cho taitneach anns agheamhradhsa tha air thalamh. Tha chuid as motha de na mnathans den chlann afagail a bhaile mu thoiseach Maighs adol gu oirthir Chalifornia. Tha iomadh fearsa bhaile h-uile samhradh fad iomadh bliadhna, agus cha dean iad uidhir de ghearan air 115° de theassa ni muinnntir àitean eile air 80° . Faodar a thuigsinn nacheil na Yùmanaich acaitheamh as t-samhradh ach an trusgan as taines is gainnes is tuanaice. Chan fhaicear leine gheal ann bho Mhaigh gu October; ’se grainealachd a bhiodh ann an colar geal. Chan urrainn eadhon an fheadhainn a tha air an cleachdadh ris an aite cur suas le teasus dumhlachd seòmarsan oidhche. Is neonach an sealladh a chi neach a sheallas tarsuinn air Yùma mu thighinn latha samhraidh. Tha h-uile neachsa bhailedaoine, mnathanus clannnan cadal air taobh a muigh nan taighean. Tha leapaichean beaga nach cum ach aon neach, ris an canar cotssa Bheurla, air mullaichean comhnard nan taighean; tha leapaichean air na bherandahan, air culaobh nan taighean, air beulaobh nan taighean agus air na sràidean garbha, cam, cuagach, a h-uile neach fliuch le falluss a losgadh le fiabhrus an teas, a feuchainn ri àite fhaotainn far am bual oiteag fhann ghaoith air. Tha cuid de dhaoines de mhnathan a cadal fo phlaidean tana cotain; tha cuid eile acadalsan eideadh thana chotain a bha orra fad an latha; agus tha achlann nan suain chadail gun dad thairis air an neo-chiontachd ach na speuran. Aig an tigh-òsda tha na leapaichean a muigh air aphiasa fad an t-samhraidh. Is minig a chithear deich thar fhichead acadalsan aon sreath air leapaichean beaga canabhais. Is e gle bheag morchuis a tha anns na Yùmanaich. Fhuair an sluagh a mach air an cost nach fhaod iad ithe ach am biadh as simplidh -melons, corn, ’us measaichean, lite, agus gach seòrsa eanarich no brota a ni na Mecsicanich. Tha e duilich de dhaoine thatuineachadh ann an cearna sam bheil cnocan uaine, machraichean arbhar, sruthan, liosanus coille, agus far an tuit frasan briagha de dhuisge an drasdasarithist, a thuigsinn cho blionsatha beatha neach ann am baile fasail mar tha Yùma. Cha dean neach stràc obrach ach na dhfheumas e. Fad na sia miosan as teithe tha an sluagh ag eirigh an tighinn alatha. Tha na storaichean air am fosgladh, na carbadan air an luchdachadh le bàthar a thadol gus na meinnean, tha na mnathan-taighedeasachadh biadh, agus adeanamh nas urrainn iad de dhobair an latha; agus tha Mecsicanich adol bho dhorus gu dorus le barailtean de dhuisge plodach. Mu shia uairean tha a chuid as motha de dhobair an latha deante. Aig ochd uairean tha h-uile seorsa obair a stad re tamal. Tha a ghrian gu math àrds i losgadhsalasadh nas teithe h-uile tiotadh. Tha gach aon a nise fo sgail, tha na comhlaichean fiodha tha air na h-uinneagan duinte, tha na storaicheans na taighean oil air an druideadh, agus tha na tha air taobh a muigh nan taighean den bhaile air fhàgail aig na h-Innseanaich chàirdeil gu bhi gluasad ann mar thogras iad. Aig sia uairean feasgar tha gach neach air a bhonnan, tha na storaicheans na taighean air am fosgladh. Ma dhfhaoidte gun thuit an t-airgead beo a nise gu 112° . ’Nuair a theid a ghrian fodha tha an sluagh atoiseachadh a rithist air obair anns na taigheans anns na bùithean. Bidh iad thric nan caithris fad na h-oidhche. Tha feadhainn de na ceannaichean a deanamh achuid as motha den gnothuichean eadar ochdsan fheasgars trisamhadainn.

Tha Priosan Peanasachaidh Arisona agus bala àrd claiche ma thimchioll, na sheasamh air bruthach loisgte, thioram, ’an ceann a tuath Yùma. Rinn an t-Ard-Riaghladar spairn cruaidh air am priosan a thoirt gu àites fionnaire de Arisona agus tha sin adol leis gle mhath. Thuirt fear cumail a phriosain an roimhe gur ainneamh neach a bhios beò nas fhaide na ochd bliadhna ann am priosan fo na speuran so. Is gann is urrainn neach a thuigsinn na tha na priosanaich thruagha fulangsan t-samhradh. Gheibh an fheadhainn aig am beil airgead, no aig am beil càirdeanan àrd inbhe, cead cadal air taobh a muigh a phriosain fad na bliadhna, ach tha chuid eile dhiubh air an glasadh gach oidhche anns na budhailtean de dhobair chlaiche ris an abrar cells. Bidh na ballaicheans na h-ùrlaran cloichetional teas bho sheachdainn gu seachdainn gus am bi iad mu mheadhon an t-samhraidh an ire mhath cho teth ri ballaichean àth. Cionnus a bhios neach ach an-shocrachus truaghnuair a a bhios e air a ghlasadh gach oidhche ann an te de na budhailtean so, nacheil ach ochd troighean an dara rathadus ceithir troighean an rathad eile, agus clachan nam balaichean cho blàths nach duirig neach beantuinn riutha, agus gun ach fosgladh beagan dorus na budhailte air son leigeal gaoith ùr a stigh. Chithear na truaghain nan laidhe mar thainig iad thunn t-saoghail, air na leapaichean aca, agus seathan orra mar bhios air lisard, air neonan seasamh aig dorsan nam budhailtean aca, an aghaidhean glasa eadar na gàtan iarruinn afeuchainn ri oiteag ghaoith fhaotain. Is ann le fìor thoileachadh a chi iad an lathatighinn; thig iad a mach ás na budhailtean asileadh faluiss cho lag ris a cheò. Neachsam beil nadur an tinneas-chaitheamh cha bhi saoghal buan aige ann a Yùma.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. XXI.

TUILLEADH A THACHAIR AIG BAILE NA CRAOIBH GHIUBHAIS.

Chum an t-Iarla urramach ri fhacal; chionn thainig carbad á Ichburg as t-fhoghair gu Baile na Craoibh Ghiubhais an coinneamh na seana charaid. Ghuil am mac gu goirt an àm bhi dealachadh ri sheana pharantan; ach bhabhean og, a bha cunntas nan uaireans na laithean gus am falbhadh iad, ro-thoilichtebhi cuibhteas iad.

Cha robh a sòlas air a shon sin ach gearr; chionn shin gille acharbaid dhith ordugh a chuireadh i air aghairt ceithir uaireans abhliadhna troimhn oifis riaghlaidh a bfhaisge, ’an cuineadh an ama, suim a bhiodh coltach gus an cumail suas air reir nam prìsean a bha ruiths an am; airneo mar deanadh i so, rachadh a peanasachadh le pairt de cuid a ghlacadh air reir an laghas a chreic, agus na dheanadh echuir a phaigheadh an ain-fhiach. Chuir so an caothach oirre, agus leum is thoisich i ri trod. “Carson?” arsise; “chaneil ann ach as an teine don ghriosaich. Nam biodh iad a fuireach comhla ruinn cha chosgadh iad aleth dhuinn.”

Bha am mac, air a shon sin, gle thoilichte gum burrainn da mar so a bhina chuideachadh dha phàrantan fhathast, eadhon an aghaidh toil a mhnatha; ach cha robh a chridhaige sin a leigeil air.

An ath mhaduinn chaidh an t-seana charaid a stigh don charbaid agus dhfhalbh iad, am mac a deanamh



[122]

[Vol . 9. No. 16. p. 2]

ghuidheachan math dhaibh, agus a bhean og gu samhach a guidhe mhollachdan orra. Ach an t-olc a bha toil aice a thighinn air feadhainn eiles ann a dhruigh e oirre fhein, mar is math a choisinn a sannts a h-an-iochdmhoireachd.

Thug i a cuid airgiod seachad de mharsanta a bha an duil factori a chuir suas, agus a gheall deich puinnd as a cheud de riadh dhi airson a chalpa. Bhariadh ri chur ris achalpa uairsa bhliadhna, agus bha e fhein a giulain réidh a bharrachd air a sin. Bhabhean ogga saoilsinn fhein ro-fhortanach, agus cha robh toileachadh bu mhothaicena bhicunntas dacompanach an t-suim mhor gus an tigeadh ean ceann deichs an ceann fichead bliadhna. Ach fhuair an aisling or a garbh sgaoileadh. Chaidh an ionnsaidh a thug am marsanta gu buileachna aghaidh, agus chaidh gach gnothuch a bhuineadh dha a ghlacadh a reir an lagha. Thainig a chuisna thairneanach oirre. Aon uairs gun cual i mar thachair cha robh sith tuilleadh aice; bha iruith mun cuairt gun tamh, an drasda gu fear-lagha, an rithisd gus na cuirtach, eadhons an oidhche chan fhaigheadh i cadal ach a smaointeachadh mun chuis, agusga oibreachadh mun cuairtna h-inntinn. Mu dheireadh thall, cha dfhuair i airson na deich mile dolair ach beagan cheud.

Bha i, cha mhor, anns an an-dochas; dhfhas i sgith den t-saoghal, agus bha ig orduchadh abhàis. Gus an fhirinn a dheanamh, chaidh i as cho mor leis achriomchair agus gun thuit i am fiabhrus trom. Bha toil aig a fear pòsda fios a chuir air lighiche a bhansa bhaila bfhaisge ach chan fhuilingeadh ise guth a thoirt air a leithid. “Dhfhairtlich air feum a dheanamh do sheann Iacoib,” arsise, “agus cha deanadh e barrachd air mo shon-sa. Tha fear sgathadh nan ceann, am Buchdorf, gu fada nas fhearr na e.”

Gus an fhirinn a dheanamh, ’s e an sannt a chuir sona ceann, chionn le fios a chuir air an fhear so, a bha na sheorsa dotair, shabhaladh i beagan thasdan. Ach air an turus so chuir a fear-pòsdana h-aghaidh gu làidir, agus fhuair e an lighiche; ach bha ise cho diumbachs gun a thilg i acheud bhotul cungaidh a fhuair i a mach troimhn uinneig, agus chuir i fios air fear sgathadh nan ceann. Leighis na drapan ainmeil a thug e dhi gun teagamh a fiabhruis, ach a chionn gun robh iad air am measgadh le nadur puinnsean, chuir iad anns achaitheamh i.

Thainig an sagartga coimhead á Erlenbrunn, agus dhasluich e oirres ah-uile doigh bu chiuine an t-aithreachas a dheanamh, a smaointeanan atharrachadh, a cridhethogail far gach ni talmhaidh, agus sealltuinn suas ri Dia. ’S ann a chaidh i ni bu mhiosa: dhfhas i coltach ri neach a bhitheadh leth-ghorach. Sheall i cho neonach air an t-sagart, agus thuirt i: “Chaneil fhios agam gu de as ciall duibh ann a bhi teagasg aithreachais domhsa. Nan toisicheadh sibh ri teagasg don mharasanta a chuir an t-airgiod a dhith oirnne, bhitheadh rud-eigin de thoinisg ann. Ach air mo shon-sa dheth, tha mim barail gu bheil mi math gu leoir. Fhads as cuimhne leam, bha mi dol don eaglais a h-uile Dònach, agus agabhail murnaigh a h-uile latha. Fad mo bheatha cha drinn mi dad ach caontachd, agus bha min am shampull air an t-subhaile cho maths a thanndeagh bhanas-taighe. Chan urrainn duine air an t-saoghal olc a chuir as mo leth, agus cha do chuir mi riamh duine bochd a bhag iarraidh na deirce air falbh falamh bho mdhorus. Nise, bu toigh leam a chluinntinn gu de an corr a burrainn neach a dheanamh? Shaoilinn gum bu choir do mshagart paraisde smaoineachadh gur mi aon den fheadhainn a bfhearrs bu cheartana sgireachd.”

Chunnaic an sagart gum feumadh en gnothuch a chuir na bu shoilleire ma coinneamh, mun dthugadh e atharrachadh aisde. Sheall e dhi gu soilleir gun dthug i gaol don airgiod os cionn gach ni; gun dthug i a chreidsinn oirre fhein gum bu steornadh a bhanns an t-sannt mhosach a bha i deanamh, agus gur e a bhann, da rireadh, nadur de dhiodhal-aoraidh; agus gun robh an droch fhearg leis an robh i dol far a siubhailna buaireass na peacadh cho mors a bhann. Sheall e dhi gun robh i gann de chiuines de dhfhoighidinna subhailcean cho gràdhachs cho riatanachs a bhann; gur h-iomadh latha truagh a bhaig a ceile-posda air saillibh a droch naduirs a sannt; gun a dhfhògair i an dilleachdan bochd, Màiri, agus gun dfhuair i air falbh as a tigh a h-athairs a mathair cheilidhan fheadhainn sin a bha e mar fhiachaibh oirre modh is gràdh a thoirt daibh, mar gum biad a pàrantan fhein; nach do cho-lion i, ’dhaindeoin a beairteas àinte na carranachd, chionn ged a bha itoirt greim de dharan no lan an duirn do mhin do na bochdaibh, cha bann leis an inntinn cheart a bha i ris, ach gus am faighinn air falbh on dorus.

Leis cho suarachs a bha i man charranachd a chleachdadh, cha dthug i riamh tomhas de ghràn, ’na feum do bhochdaibh an taighe, ged a bha na miltean aicair an stòradh suas an taigh an t-sil. Bha a tabhartas, ’nuair a bhiodh cruinneachadh ri dheanamh de dhfheadhainn air an dthigeadh call le teine no le mi-fhortansam bith, daonnan leibideach agus neo-luachmhor. Chaill i a beairteas leis am faodadh i moran feum a dheanamh air saillibh a sannts areidh aird, agus ghiorraich i a saoghal fhein. Bha i, ’rithisd, gann den cheud nitha riatanach de Chriosdaidhgaol agus ur coimhearsnaich.

Sheall erithisd dhi, ged a bha e na dheagh chleachdadh a bhi dol don eaglais a dheanamh seirbheis , nach robh e gu feum sam bith dhise bho nach robh ifas na bana-Chriosdaidh na bfhearr; agus nach robh a h-urnaigh ceart bhon a bha i tighinn o chridhe a bha cho falamh de ghaol .

Ach cha leigeadh i leis an t-sagart a dhol ni bfhaide; thoisich i ri caoidhs ri eigheach a mach: “Is mi, gun teagamh, creutair as mi-fhortanaichs an t-saoghal; cha chuir duine sam bith suas leam; ach cha chreidinn gum bitheadh mo shagart-paraisde fhein cho cruaidh orm. Cha drinn mise sian riamh air, ged tha e cho fadam aghaidhsgam dheanamh cho dona.”

Thog an sagart còir leis ads a bhata agus dhfhalbh e mach as an taigh, ag raitinn gu bronach ris fhein, “Mo chreach! ach cho duilichsa tha e cridhus inntinn nam feadhnach a tha air an lionadh leis an t-saoghal so a thogail suas ri neamh. Agus cho fads a tha iad bho na subhailceans bhon mhathas cheart! Tha iad a smaointean gun toilich iad Dia le beagan fhacal o bharr na teanga, agus gun comhlion iad an dleasanan don coimhearsnaich le corran beagabhios air amhoran. ’S acheart àm chaneil an cridhe sian nis fhearr; chan e sin uile, ach tha iadn an doille atoirt a chreidsinn orra fhein gur e mathas a tha anns an olc!”

An am a bha edol seachad air aghàradh sheall e stigh ann, agus chuimhnich e cho amaideachsa tha iadsan a tha smaointean gun dean moran bearteas duine fhagail sona. Dhaindeoin bearteas is maoin shaoghalta a bhoirionnaich so, chan fhac i uiread do shòlass a fhuair Màiris a ghàradh bheag so am measg nam flurs.

Bha moran aig bean an tuathanaich ri fhulang fhathast. Bha icasadaich fad na h-oidhche, agus leis a chruas cha duirigeadh i urad as boinne de dhfhion no lan spàine de bhrochan a ghabhail; agus a tinneas bha i air bheag earbs’ ’an Ni Math, ’s cha mho bha i foighidneach na striochdte da thoil. Rinn an sagart a dhichioll air a toirt gu rathad. Anns na laithean ma dheireadh bha i sealltuinn beagan de choltais aithreachais, bha i na bu chiuines na bu striochdte, ach bha ean teagamh gun drinn i an t-aithreachas firinneach. Chaochail i gle og, na h-iobairt mhuladaich dasannts daspiocaireachd, agus na dhearbhadh eagallach gum faod maoin shaoghalta, an aite daoinedheanamh sona, a bhi na aobhar moran truaighe.

(Ri leantuinn.)


AN DILLEACHDAN.

EADAR. ON BHEURLA.

Aig an àmsam bheil ar sgeul atòiseachadh, bha carbad-puistna ioghnadh cho mor ann am baile beag Thorndeansa bhiodh gùintean sioda an eaglaisean dùthcha ri linn ar sinn-seanmhairean; agus air do aon de na h-uidheaman sin tarruinn suas aig dorus an aon taigh-òsda bhasa bhaile, ghreas gach aon den t-sluagh, sean us òg, a chuala fuaim nan cuidhlichean, dhionnsaidh na sràide. ’Nuair a dhfhairich bean an taigh-òsda an carbad a tighinn, chuir i i-fhéin gu grad an uidheam na bfhearr le currachd grinn ùr agus aparan geal a chur uimpe; agus a sior cheangal an aparain air a beulaobh, ruith i dhionnsuidh an doruis, a gnogadh a cinn, ’s le fiamh aoidheil a cur fàilte orra-san a bha anns a charbad ged nach robh i fhathastg am faicinn, oir cha robh an carbad gu ruige so air fhosgladh. Abhean bhochd! cha robh mor chothrom aicair modh an taigh-òsda ionnsachadh; cha robh i ann ach ùine ro-ghoirid roimhe so, agus cha robh luchd-turuis a taghal oirre ach ro-ainneamh. Mu dheireadh dhfhosgail an carbadair an dorus agus leig e sios gu modhail, cùramach, boirionnach a bha air a comhdach ann an culaidh bantraich; leum nigheag bheag, mu aois choig bliadhna, le falt bòidheach buidhe sios gun chuideachadh, agus rug i air laimh oirre. “Nach bòidheach i ars iadsan a bha timchioll nuair a chunnaic iad am pàisde lurach ag amharc suas an aodann a màthar. Choisich a bhean le ceum mall gu dorus an taigh-osda, agus ged nach robh bean an taighe uile gu leir cuibhteas a clisgeadh, ’s ged a bha beagan crithna laimh, fhritheil i air na h-aoidhean a thainig oirres gun dùil riutha le caoimhneas us irioslachd a bfhearr gu mor na ealamhach us grinneas nam ban sin dan obair a bhi freasdal air muinntir eile. Mu uair an deigh dhaibh tighinn chunnacas i fàgail an taighe, ’s air le muinntir a bhaile gu robh coltas mor gnothuich oirre. Bha iad fhathast nan grunnan mu na dorsan, agus air meadhon na sràide a bruidhinn mun dithis choigreach a thainig don bhaile; agusnuair a bha ise greasad air ceann a gnothuich, cha bu bheag an àireamh cheist a chuireadh oirre. “Am bheil fhios agad co i?” “An e bean-uasal a thinnte?” “Am bheil barail sam bith agad ciod a thug an so i?” agusFhios an ann leatha fhéin a than creutair bòidheach nighinn ud?” Ach do na ceistean so uile cha dthug i de fhreagairt ach, “Bithibh sàmhach! chan eil ùinagam air son bruidhinn an drasda;” agus ghabh i seachad. Stad i aig dorus taighe a bha beag ach a bha toirt bàrr air taigh sam bith eilesa



[123]

[Vol . 9. No. 16. p. 3]

bhaile ann an grirmeass an deagh chumail. Bha e air a chumail le Mairi Nic Dhùghaill, boirionnach ciùin, siobbalta, a bha gle mheasail, —bantrach ministeir. A h-uile samhradh bha i a toirt seachad cinn shios an taighe air mhàl do mhuinntir a bha tighinn don dùthaich air son an slàinte, no air son a bhi seachduin no dha air falbh o throimhe-cheilen t-saoghail. Bfheudar dhi so a dheanamh gus i-fhéin a chumail suas, oir cha robh a cuid dhen t-saoghal mor; agus ged a bha i dichiollach, deanadach, agus cùramach mu gach ni, bha iga fhaotainn doirbh gu leòr a h-aran làitheil a chosnadh. An ceann beagan mhionaidean chunnacas Nic Dhùghaill, ’na currachd geal, neapaigin muslin mu h-amhaich, gùn briagha dubh us aparan mar an sneachda, a dol air ais comhla ri bean an taigh’ -òsda. An ùine ghoirid thill i, ’sa bhana-choigreach air ghairdean aice, ’s a chaileag bheag mar uan agearradh leum air thoiseach orra. Chaidh lathaichean agus seachduinean seachad, agus bha daoines mnathan còire Thorndean, a dhaindeoin gach ceasnachadh us forfhaiseachadh a rinn iad, cho morsan dorcha mun bhana-choigrich a bhair chuairtnam measgsa bha iad an lathathainig i. Cha burrainn daibh ni fhaotainn a mach mu deibhinn ach gum bu bhantrach oifigeach-airm i, aon den cheud fheadhainn a thuit air taobh Bhreatunn anns a chogadh Fhrangach; agus thainig am màthairs an nighean gu bhi dol fon ainmDa dhealbh Nic Dhughaillanns a bhaileainm a thug an sluagh orra a chionn iad a bhi le cheile cho fior mhaiseach.

Ach cha chaomhain an teachdaire gruamach maise no boidhchead, agus leag e a lamh fhuar air cridhe na màthar; uair a bhiodh a gruaidh bàn mar an lili thràth, agus uair a bhiodh i mar an ròs no mar am bogha-frois. Mu ochd miosan an deigh dhi tighnn gu ruige Thorndean, ’s i fhathast a bruadar mu dhol am feobhas, thainig am bàs oirre gu balbh, sàmhach, mar gun tigeadh ciùin chadal. Bann beagan mhionaidean mun do thilg an t-aingeal an gath marbhteach a thuig i gu robh a chrioch a tighinn. Bha i sineadh a làimhe dhionnsuidh na bascaid-obrach, bha am paisde gaolach a cleasachd mu glùinean, agus Nic Dhùghaill ag amharc oirre gu blàth, càirdeil mar phàrant, a feuchainn ris na deòir a bhana sùil a chumail an cleith le fiamh aghàire, ’nuair a dhfhas anail a ban-aoidh troin, cuingeil, agus an ruthadh a bha mionaid roimhe sinna gruaidh, shearg as mar fhaileas. Thilg i a lamhan laga mu mhuineal a h-ighinn a bha nise caoineadhna broilleach, agus ghlaodh i— “O! mEalasaid bhochd! co ghabhas cùram dhiotsa nisemo dhilleachdan beag bochd? Leum Nic Dhùghaill ga cuideachadh. Thuirt i gu robh moran aice ri innse, agus dhfheuch i ri bruidhinn; ach cha robh ri chluinntinnna muineal ach fuaim coimheach a bhàis; dhfhàs a h-anail na bu ghiorra; an ruthadh a bha na gruaidh thionndaidh gu guirme, a falbhsa tighinn mar fhir-chlis na h-àirde tuath; dhfhàs a sùilean car tiotadh ni bu bheothaile nas còir do shùilean bàsmhor a bhith, agus shiubhail an spiorad. Bhan dilleachdan bochd fhathastsa làmhan mu muineal, agus a pògadh bilean blàtha na màthar a bha nise gun deò.

Bha i tuilleadh us òg gus i thuigsinn cho truaghsa bha a suidheachadh, ach bha i da-rireadhna dilleachdan anns an t-seadh bu chruaidhe dhen fhacal. Chum a màthair a trioblaidean agus eachdraidh a beatha an cleith, agus cha do dhfheuch Nic Dhùghaill riamh ris an diomhaireachd fhaotainn a mach. Agus a nise bha i air a fàgail gu bhina màthair don phàisde, oir cha robh fhios aice co-dhiubh a bha no nach robh luchd-daimh aice; agus na bhaice de dheachdraidh beatha na màthar, bha e sgriobhte air a chloich a chuir i aig ceann na h-uaghach:— “An so tha tamh corp Iseabal Mhorton, bantrach Chaiptin Mhortoin; bu bhana-choigreach inar measg ach ghradhaich sinn i.” Cha robh air fhagail aig an dilleachdan le bàs a màthar ach gann leth-cheud punnd, agus am measg na h-innsridh cha robh litir no sgriobhadh eile air fhaotainn a thilgeadh solus sam bith air co bu daoine dhi, no an robh gin dhiubh beò. Ach bha a bhean chòir na cridhe blàth an deigh gabhail rithe cheana mar nighinn, agus ged nach bu phailt a crannchur fhein, bha earbsa aice gun deanadh Esan a bha cumail am bidh ri eunlaith an adhair greim a chur a dhionnsuidh an dilleachdain.

(Ri leantuinn.)


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XVII.

PILLEADH NAN GAEL A SASUINN.

Fhuair am Prionnsa fios ann an Derbie gun tàinig Morair Iain Drumainn, bràthair Dhiùc Pheairt, air tìr ann am Montròse le feachd lionmhor as an Fhràing a chum còir achumail ri Tearlach an aghaidh Shasuinn. Air an treas latha fichead de mhios dheireannach an Fhoghair ràinig Coirneil OBrian, Marcus DArgenson, a bha mun àm sin achonaidh ann aFontainbleau, baile beag màrgaidh a tha ma thuaiream deich mìle fichead bho Phàrais, (priomh bhaile mor na Fràinge,) an Rìgh Fràngach, agus dhaslaich se air comhnadh le Tearlach Stiùbhart Prionns Alba, an aghaidh a dhearg nàmhaid, Impire Hanobher. * Thuirt an Rìgh gur h-e bha deònach, agus chuireadh seòl gun dàil air feachd a chuir cruinn agus thaghadh brod nan daoine as na reiseamaidean Fràngach agus Eireannach, agus ma mheadhon ciad mhios agheamhraidh sheòl 1000 fear bho Dhunkirk am Flanras le pailteas àrmachd agus goireasan eile; thàinig iad so gu léir air tìr sàbhailt ann am Montròse air fior dheireadh ciad mhìos agheamhraidh, ach ma thuaiream ceud fear a ghlac long bheag Shasunnach.

Cho luath sadhfhàg Morair Drumainn an Fhràing thòisich luchd-riaghlaidh agus àrd uaislean na rìoghachd sin le òrdugh an rìgh air togail feachd ro laidir a bha iad gu chuir air tìr air oirthire deas Shasuinn, chaidh dheich mìle fear a chuir cruinn ann an ùin ro ghearr a chum na crìche sin, agus chaidh PrionnsEannraig Stiùbhart, brathair a bòige Thearlaich, a thoirt a Parais a chum Sasuinn a ruidhinn air cheann an airm Fhràngaich; chaidh gach goireas a chuir ann an deagh òrdugh a chum na còmhraig, agus ghabh an Rìgh Fràngach a chead dheth na Prionns òg, ag ràdh ris gun gabhadh e dhinnear maille ris, le sìth as sàmhchair ann an Lunnainn air an naoidheamh latha fichead de mhìos mheadhonach agheamhraidh. ’Nuair a bhan cabhlach Fràngach deas gu dhol fa-sgaoil, thàinig fios á Sasunn gun robh na Gàeil air gabhail an teichidh do dhAlbainn. Nan robh na Gaeil air gabhail air an aghaidh bhan fheachd Fhràngach, trà gu leòir ann an Lunnainn gu comhnadh leo; agus a réir gach coltais bhiodh sliochd nan rìghrean dùthasach air an cuir an dàil an còrach le ro bheag spàirne.

Moch samhadainn, air an chuigeamh latha den mhìos, ràinig am Prionnsa Derbie, air chath-chrith gu dhol air aghaidh le dòchas gun tugadh an fheachd Fhràngach coinneamh dhaibh faisg air Lunnainn. Bhan àrmailt gu léir ann an deagh mhisneach agusmar choin air éilair son a bhi gan cumail bho thoiseachadh air feachd Dhiùc Uilleam; bha iad gu léir an dùil gun robh iad gu toiseachadh air am arm-dhearg ás as ás; agus thoisich cuid dhiù air bleth an claidheannan anns na ceardaichean, agus cuid eil air gabhail Sàcramaid Suipeir an Tighearnanns na h-eaglaisean, thaobh gur h-e bàs no buaidh air an robh iad an geallach mo sheachd truaighean! Is beag a bha dhfhios aig na laochraidh threuna gun robh an luchd-treorachaidh do chaochla aignidh!

Air madainn achuigeamh latha den mhìos chaidh na h-uaislean do dhionad ar leth a chuir an comhairle cuideachd, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Thuirt Morair Seòras Moireach agus achuid mhòr dheth na h-uaislean gun robh iad am barail gum be gnothach bu ghlic an armailt a theicheadh gun dàil do dh’ -Alba, a thaobh gun robh iad gu bhi air an cuartachadh le trì armailtean laidir dheth na naimhdean; ’nuair a rachadh iad so cuideachd bha iad ma thuaiream 30 000 fear. Nam bes gun tigeadh iad an àite buille do dhaon de na h-armailtean so, agus buaidh na làrach a chall, chan fhaigheadh duine dhiù ás lem bheatha. Mar a tuiteadh am Prionnsa féin sachath, rachadh aghlacadh leis na nàimhdean agus a cheann a sgaradh gun tròcair dheth a mhuineal. Thuirt Tearlach féin nach robh e meas gach cunnard dhiù sin ach mar ni gun diù; agus dhaslaich e gu dion air na Fineachan iad a dhol air an aghaidh. Thuirt e gum faodadh gaoid a bhi anns an arm-dhearg a bheireadh air cuid dhiù éiridh leis-an. ’Nuair a chunnaie Diuc Pheairt gun robh am Prionnsa cho tìtheach air a dhol air aghaidh thug e aonta gun bu chòir sin a dheanamh. ’Nuair a chunnaic Tearlach gun robh iad gu léir ach Diùc Pheairt, ain-deonach air adhol air an aghaidh, thuirt e gum bfhearr leis na pilleadh rathad Charlisle, a dhol do Wales, ach thuirt na h-uaislean gu léir, gum bfhearr dhaibh teicheadh. ’Nuair a chuala Tearlach so bha chràdh cridhe cho mòr is nach do labhair e smid ri iosal no uasal fad chairteal na h-uarach an deigh sin. Sgaoil an luchd-comhairle ma fheasgar, le òrdugh gun robh an t-arm gu teicheadh air ratreat moch samhadainn a màireach!

Air do Thearlach a dhol a steach air tùs do Shasuinn sheachainn a mheud dheth na Sasunnaichsa bhann an deagh rùn da aobhar comunn no còmhradh a dhaon chuid, a bhi aca ris féin no ris na Gáeil, a thaobh nach robh iad a faicinn coltas sam bith gun tugadh feachd cho lag buaidh air armailt lionmhor rìgh Deòrsa, agus nan tarladh dhaibh a dhol san eidriginn, bha iad a faicinn nach robh na bfhearr nom bàs a feitheamh orra air son an saoithreach, —ach fa-dheoigh air dhaibh a bhi faicinn cho misneachail sabha na Gàeil a dol air an aghaidh, agus fathunn a bhi dol mun cuairt gun robh feachd Rìgh na Fràinge gu thighinn ann an ùin ghearr thar chuan, dheirich iomadh dhiù, agus bha iad air an turas gu feachd nan Gàel a ruidhinn an uair a chual iad gun robh an t-àrm air teicheadh do dh-Alba. Dh-éirich àireamh lionmhor ann a Wales, Gàeldachd Shasuinn, chum Thearlaich a chomhnadh, agus choisich iad ma leth cheud mìle dhuidhe chum a thighinn fobhrataich, ach air dhaibh achluinntinn gun do ghabh àrmailt an ratreat phill iad gu léir dhachaigh. Is meoir dheth an aon chraoibh na Welsich agus na Gàeil againne, agus a thaobh cruadail, gaisge, agus misnich, is iad de shluagh

(Air a leantuinn air taobh 126).


*Righ Scoras.



[124]

[Vol . 9. No. 16. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OCTOBER 19, 1900.

Facal Misnich oDhomhnull.”

FHIR MO CHRIDHE: —Tha e toirt toileachadh dhomh a bhi tuigsinn gu bheil na Gàidheil a dol an guaillibh a chéile gu tuilleadh neart a thoirt don MHAC-TALLA. ’S mor na dhfheudas aon duine dheanaibh de mhaith. Mar be litirChaluim aGhlinnechan eil fios an smaoinicheadh duine againn air ar dleasdanas a dheanaibh. Ach their mi so os leith mo luchd-dùthcha: feudaidh iad a bhi dearmadach, somalta gu leòr air uairibh ach tuigeadh iad aon uair ciod e an dleasdanas; biodh e air a dhearbhadh dhaibh ciod is còir dhaibh a dheanamh, agus co bheir bàrr orra ann an dùrachd agus am beò-thogradh gus an dleasdanas sin a chur an gniomh? Tha mi den bheachd gu bheil tonn mhor de ghabhaltaichean ùra gu bhi aig a MHAC-TALLA air an fhoghar so. Car son nach biodh? Tha am Freasdal air bliadhna mhaith a thoirt don dùthaich so, agus tha mi cinnteach gu bheil an roinn fhein aig na Gàidheil den t-soirbheachadh a thann. ’S beag a dhionndraineas iad dolar am fear a thoirt air son bliadhna den MHAC-TALLA. On tha cach a deanaibh cho math chan fheud mise bhi air dhearadh. Cluinnidh tu an ùine nach bi fada a ris bho

Do charaid,
DOMHNULL.


Litir BhoC. C.”

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha mi aig an àm so a measg mo chàirdean an Ceap Breatunn, agus a toirt beagan de sheirbheis Ghailig do mluchd-dùthcha aig Whitney Pier. Bha min duil mun dhfhàg mi mo dhachaidh an Eilean a Phrionnsa gun robh an luchd-àiteich an so cho Gallda ri ainm a bhaile; ach bha mi fada air mo mhealladh. Chan eil ach fior bheagan de Ghoill ann air fad. ’Se baile cho Gàidhealachs anns an robh mi o cheann iomadh latha; agus tha e na bhaile cho rianail, stuama agus anns an robh mi riabh.

Thainig fear-reic deoch laidir don aite so o cheann beagan ùine. Dhfhosgail e bùth-òils en dùil fhortan a dheanabh gun dàil. Ach bha car eile an ruilebhodaich. Chaidh fios a mach air feadh a bhaile gun robh droch tholl air fhosgladhs gu feumte dhùnadh, air neo gun deanadh e call. ’S ann mar sin a bha; chruinnich na Gàidheal de gach creud us eaglaiss champaich iad dlùth don ait anns an robh an t-olc. Chuir iad teachdaireachd a dhionnsaidh fear na deocha a dhinnse dha nam fàgadh e am baile air ball gum faigheadh e an falbh le sith; ach mur falbadh e dha dheoin gu falbhadh dha aindeoin. Thuig e nach robh feum a bhi call ùine. Phaisg e chuid, ’s air an fheasgar sin fhéin dhfhàg e cead dearannach aig Whitney Pier. Gu ma fada bhios na Gàidheil comasach air an t-aite chumail glan bho dheòch làidir.

Tha mi toilichte fhaicinn ann am litirM. D.” gu bheil na sean mhnathan còire, Caitriana Dhomhnullach agus Eilidh Sheochd gu slan fallain. ’S maith a baithne dhòmhsa na mnathan sin latha dhan robh mi. Bha làn dhùil agam ri dhiùbh fhaicinn air an turas so, ach mur faic chan eil àrach air. ’S maith i bhi slan, fallain far a bheil i.

Tha e na ghnothach gle iomchaidh gum biodh gach neach tha faotainn aMHAC-TALLA ga mholadh do mhuinntir eile nach eil ga ghabhal ach dom bu choir a bhi ga fhaotuinn. ’Sann mar sin a tha na paipearan Beurla air an cumail suass air an neartachadh. Is mise, le mor dhùrachd

Do charaid dileas,
C. C.


Call nam Breatunnach.

Leis cho doirbhsa bha e fiosan earbsach fhaotainn á Africa mu dheasnuair a bhan cogadh a dol air adhart, cha robh e soirbh a dheanamh a mach cia cho tromsa bha an call air taobh nam Breatunnach. Tha an clàr a leanas, air a chur am mach le oifis a chogaidh an Lunnainn, a toirt cùnntas nas mionaidiche na fhuaireadh roimhe so:—

Oifigich. Daoine.
Mharbhadhsna blair 285 2,718
Bhàsaich le leoin 86 797
Air challs am priosan 12 809
Chaochail am priosan 3 86
Chaochail le tinneas 140 5,582
Mharbhadh le sgiorraidhean 3 107
Chuireadh dhachaidh tinn 1,239 28,199
1,777 38,298
Uile gu leir, 40,075.


Iarr air do nàbuidh cur a dhiarraidh MHIC-TALLA a chum gu faigh e an sgeul ùr— “O Chionn Tri Fichead Bliadhna” —an sgeuls fhearr a sgriobhIainfhathast. ’S fhiach i a leughadh.


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[125]

[Vol . 9. No. 16. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha liberals Victoria an deigh an t-Onorach Uilleam Ros ainmeachadh gu ruith air son na h-àrd-phàrlamaid anns an t-siorrachd sin.

Thatar ag radh gun dfhuaireadh gual aig Loch Ainslie o chionn ghoirid le dithis ghillean a bha mach a sealg thunnag. Ghabh na gillean lease dhen àites an dfhuair iad e, agus tha iad a dol a chladhach dhfheuch am bheil a bheag ann dheth.

An uair a chaidh iad a chogadh ris an Spàinn air son saorsa Chubas nan eileanan eile bha deanamh ceannaircna h-aghaidh, ghabh na Stàidean an àite am measg rioghachdan mora an t-saoghail, agus tha e ro-choltach gun cùm iad an t-àite sin. Ach tha iad ga fhaotainnna urram a tha gle chosgail. Roimhe sin cha robh an t-arm a cosg dhaibh ach suim bheag na h-uile bliadhna. A nise tha cosguis an airm air direadh dlùth air da cheud millean dolairsa bhliadhna.

Rinn stoirm na seachdain sa chaidh call mor air feadh siorrachd Inbhirnis. Bha saibhlean air an leagail ann an caochladh àiteachan, ’s bha soithichean air an cur air tir aig na cladaichean. Ann am Mabou bha deich no dusan sabhal air an leagail, agus sia no seachd ann a Hogamah. Bha àireamh air an leagail air taobh an iar Loch Ainslie, agus bha derrick a bhaig cuideachd na h-olla agus muileann-sàbhaidh air an cur as a chéile. Cha drinneadh call sam bith air taobh an ear an locha.

So an t-àm anns am bi a chuid mhor de na paipearan-naigheachd a deanamh moran seanchais mu luchd na pàrlamaid, a toirt mi-chliù orra-san a thanan aghaidh agus deagh-chliù orra-san a tha air an taobh. Tha na paipearan moran nas fhearr anns an dòigh sin na bha iadsna bliadhnaichean a dhfhalbh, ach cha bu mhisdiad a dhol beagan am feobhas fhathast, agussen duine glic nach toir làn chreideas do gach ni a chluinneas e o thaobh seach taobh, oir tha iad buailteach air a bhi fiaradh na firinn ann an stri taghaidh. Chan eil iadsan a tha air taobh seach taobh cho olcsa their an naimhdean no cho mathsa their an càirdean a tha iad.

Tha Crugar ann an Africa mu Dheas fhathastna aoidh aig riaghladh Phortugal. Tha e da-rireadh na phriosanach aca, oir chan fhaigh e dhol taobh sam bith gun chead fhaotainn uapa-san a tha ann an ùghdarras, agus cha mho a dhfhaodas e uair sam bith a bhios e mach labhairt ri cho-luchd-dùthcha. Fhuair riaghladh na h-Olaint gealladh on riaghladh Bhreatunnach nach cuirte dragh sam bith air an luing-chogaidh air am bheil e gu bhi air aiseag don dùthaich sin, achsann air chumha nach biodh e air a cheadachadh dha airgead no paipearan-stàite sam bith a thoirt leis Cha do chaill Crugar fhathast a dhòchas gun teid cuid de rioghachdan na h-Eòrpasan eadraiginns gun toir iad air Breatunn rioghachdan beag nam Boereach fhàgail mar a bha iad romhn chogadh. Ach cha bhi e ro-fhadas an Roinn-Eorpanuair a chailleas e an dòchas meallta sin.

Cha robh iasgach an truisg cho math ann an Newfoundland am bliadhnasa bha en uiridh, ach rinn na h-iasgairean gle mhath an àiteachan. Chuir na stoirmeannan a bhann o chionn ghoirid call mor air cuid dhiubh.

Thuit Seumas McLaughlin marbh air an t-sràid ann an Souris, E. P. I., maduinn Di-haoine sa chaidhse ruith le cabhaig a bhreth air an tréin a bha gus an cala fhàgail. Bha e 54 bliadhna dhaois, agus air aon de na daoine bu mheasaile bhanns a bhaile. Dhfhàg e bantrach us dithis chloinne.

Is còir dhaibhsan a thagabhail MHIC-TALLA na h-uile àireamh dheth a ghleidheadh gu cùramach, oir an ceann beagan bhliadhnaichean bidh iad gle luachmhor. Tha sinn cheana gu tric a faotainn litrichean o mhuinntir afeòrach air son àireamhan nan ochd bliadhna chaidh seachad, agus iad deonach pris mhath a phàigheadh air an son.

Tha an taghadh ann am Breatunn seachad, ged a tha àit iomallach no dha o nach cualas fhathast. Tha 669 fear-pàrlamaid air an taghadh, agus dhiubh sin is Unionists 400, agus Liberals 270. Tha an riaghladh mar sin gu math nas làidire na bha e anns an t-seana phàrlamaid. Bidh aphàrlamaid ùr air a fosgladh air acheud latha dhen ath mhios.

On chaidh Mr. Cuimein fhasdadh leis a bhaile mar inspector fon Scott Act, chaidh suas ri deich air fhichead de luchd nan taighean-òil fhineadh leth-cheud dolair am fear, agus a seachd no h-ochd, a fhuaireadh ciontach an darra uair, ceud dolair am fear. Chaidh mar an ceudna fiach dha no tri cheudan dolair de stuth laidir a ghlacadhsa dhòrtadh dhan acarsaid. Tha àireamh den luchd-reic an deigh sgur gu buileach, ’s tha moran de chàch nach eil acreic cho follaiseachsa bha iad. Tha aon àite sonruichte anns am babhaist a bhi deanamh moran gnothuich na h-uile latha Sàbaid a bha dùinte la na Sàbaid sa chaidh.

Bha stoirm mhor ann oidhche Diordaoin air an t-seachdain sa chaidh. Cha do mhair i aig a làn neart ach mu thri uairean, ach rinn i call mor fhadsa mhair i. Chaidh àireamh de shoithichean a bha air acair aig Sidni Tuath a thilgeadh air tir, agus bha da shoitheach a bhan ceangal ri laimhrig air am bristeadh cho donas gun deach iad fodha. Bha te dhiubh sin luchdaichte le flùr us biadh eile, a bha iasgairean a mhuinntir Newfoundland, a toirt dhachaidh air son a gheamhraidh, agus chaill na daoine bochda cosnadh an t-samhhraidh. Bha taighean ussaibhlean air an leagail anns gach àite bha nochte ris a ghaoith. Timchioll a Bheighen Iar bha call mor air a dheanamh anns an dòigh sin, agus a rithist ann a Hogamah, Mabou, Port Hood agus an cois nan cladaichean a deas air sin. Ann an siorrachd Antigonish, bha còrr us leth-cheud sabhal us taigh air an leagail, agus bha bean dam bainm Nic Ncachtain air a marbhadh. Rinneadh call mor an Eilean a Phrionnsa cuideachd. Aig Georgetown dhéirich an lan ochd troighean na bàirde na chunnacas e riamh roimhe.


Stor nan Sutharlanach
an stor as fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.

Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sinDEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Chan fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.

DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
sa tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha acheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.

H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[126]

[Vol . 9. No. 16. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 123).

a chruinne as faisg a théid air na Gàeil Albannach anns gach euchd agus fearra-ghniomh. Nan robh iad so agus na Fràngaich air tighinn ann an ceann airm Ghàelaich bhiodh eachdraidh eile ri innse maBhliadhna Thearlaich.”

A thaobh nach cuala na saighdearan, no na h-oifigich Ghàelach an òidhche sin gun be rùn nan uaislean teicheadh, ’nuair a ghluais iad air fìr thùs na madainnan ath latha, le sùil gun robh iad atriall ann an coinneamh Dhiùc Uilleam agus an airm-dhéirg, bha iad gu léir ann an deagh shunnt agus ann am fonn còmhraig; ach cho luath sa shoilleirich an latha, sa dhaithnich iad le cotharraidhean a bha iad a cuir air na clachan-mìle len claidheannan, mar bha iad a dol air an aghaidh, gun robh iad a nise pilleadh dhachaigh gun bhuaidh, cha chluinnte measg na h-armailt gu léir ach osnaich thùrsach agus gearan! Ged a bha mulad nan daoine mun àm so mòr, bu bheag e seach mulad aPhrionnsa féin; bha gach dòchas a nisair seargadh na uchd; agus bu léir a bhlà air a mhala chaoin, chairdeil, —cho fad sa bha e dol air aghadh le buaidh, chuir e gach cruaidh-chas agus dosgainn ann an neo-bhrìgh, be féin a chiad fhear den fheachd a bhiodh air a bhuinn anns amhadainn acuir an airm an òrdugh agus a bhrosnachadh nan daoinair aghaidh; ach a nise, bhiodh an armailt gu léir deas gu triall mun eireadh e, agus is gann gun canadh e facal connaltraidh ri iosal no uasal bho mhoch gu dubh.

Bha teicheadh no ratreat an airm aig an àm so air a stiùradh le diomhaireachd, seòltachd, agus sgil, air alt is gun robh iad mar bu tricastar dha latha air thoiseach air an arm dhearg mum bu chomasaich do Dhiùc Uilleam a mheasrachadh ciod in t-slighe a leanadh e air an ruaig, ach air dha brath cinnteach fhaotainn air an taobh a theich iad, chuir e mìle fear dheth na saighdearan coise air muin each as an dheighe agus e féin air an toiseach, ghabh e rathad Chonventry tro fhìr dhroch ròidean a tha treorachadh tre Ultoxester agus Cheadle agus thainig e gu Macclesfield air feasgar an deicheamh latha den mhìos, da latha an deigh do na Gàeil am baile sin fhàgail. Chaidh innse dha ann an so, an deigh dha na Gàeil imeachd tre Ashbourn Leck agus Mhacclesfield, gun dhfhag iad air a mhadainn sin féin Manchester agus gun thriall iad gu Wigan.

Feadh sabha na Gàeil a triall air an ruaig bha iad a siubhal cho riaghailteach agus cho beag fiamhs ged nach biodh an tòir orridir, agus cha mhò a leig iad leis an nàmhaid an cothrom bu lughfhaotainn orra féin no air an cuid trealaich, ged a bha iad a siubhal dan cois agus an t-àrm-dearg air eachabh chum iad a ghnà uighe math astair an ceann orra, gun bhuille gun urchair fhaotainn fad latha dhiag, agus dalatha dhiù sin a chuir seachad nan stad ann am Preston agus ann an Lancaster. Air an dara làtha diag den mhios thàinig marc-shluagh Sheanalair Wade ann an ceann feachd Dhiùc Uilleam. Bhan t-àrm dearg a bha nis an tòir air na Gàel ma thuaiream da-fhichead ceud marcach, agus chum iad air an astar bho Phreston tro ròidean a bhair fàs ro olc le flichead na h-àimsir. Cuir Diùc Uilleam man àm so gairm a dhionnsaidh gach luchd-dùthcha mun cuairt, iad a mhilleadh nan ràidean mòra agus gach drochaid a bhair gach slighe a bha na Gàeil gu ghabhail a bhristeadh sios: ach ged do chaidh sin a dheanamh, cho luath sa fhuaradh an t-òrdugh, cha mhòr maille chuir e airfir threubhach nan Garbhchrioch,” achs ann a thionndaidh an t-olc a chaidh a chumadh dhaibh leis an Diùc chum am buannachd. Bhan rathad cho olc aig marc-shluaigh an Diùc féin an uair a thàinig iad an déigh nan Gàel, is gun deach an astar am maillead cho luath sa ràinig iad e, air chor is gun dfhuair na Gáeil gum math an ceann orra.

Ràinig am Prionnsa agus achuid mhòr dheth an àrm Penrith air feasgar an darra latha diag, ach thainig tubaist an caramh cuideachd dheiridh na feachda bha fo chomannda Mhorair Seòras Moireach a thaobh cuid dheth na carbadan a bha giùlan an cuid trealaich a dhol as a chéile le olcas an rathaid chuir so maille air an astar, agus thug e comas don chuid bu luaithe de thrùpairean Dhuic Uilleam athighinn suas riu; an sin thug Morair Seòras òrdugh do Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh a dhol nan còdhail, ach theich na trùipairean air falbh, mun dfhuair na Dòmhnullaich an àite buille no teine dhaibh.

Bhachuideachd dheiridh air a deanamh suas de Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, fochomannda Iain Ruaidh Stiùbhairt, a bha ma thuaiream cheud fear an àireamh, ach man àm so thàinig, Stiùbhartaich na h-Apunn, agus na Bàideanaich, réiseamaid Chluainidh, ’nan ceann, bha iad an sin ma thuaiream mìle fear. An earalas gun tugadh an t-arm-dearg an ath ionnsaidh orra, chuir Morair Seòras Iain Ruadh Stiùbhart air aghaidh gu Penrith a dhiarraidh mile fear a thighinn gun dàil a chòmhnadh leis a chuideachd dheiridh. Ma dhol fodha na gréine thàinig feachd Dhiùc Uilleam, (ma thuaiream fhichead mìle marcach,) am fradharc nan chuideachd ma astar mìlenan deighe.

A chùm a thoirt achreidsinn air an arm-dhearg gun robh feachd nan Gàel na bu lionmhoire na bha iad, thug Morair Seòras air cuid dheth na fir bhrataich a dhol air cùl garaidh


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.



[127]

[Vol . 9. No. 16. p. 7]

fada sgithich a bha faisg orra, agus an cuid brataichean a sgaoileadh a chum gun saoileadh Diùc-Uilleam gun robh feachd lionmhor air cùl aghàraidh. Chaidh Morair Seòras an sin air cheann nam Bàideanach, agus Cluainidh ra thaobh. Dhiath dallabhrat na h-òidhche nise mun cuairt air chor is nach bu léir dhaibh na nàimhdean, ach air don ghealaich boisgeadh tro na neoil dhubha stoirmeil a bha ga falach, chunnaic Morair Seòras feachd thrùpairean a tearnadh bharr nan each, agus a dlù-theannadh dan ionnsaidh mar shaighdearan coise. Air ball dh-òrduich Morair Seòras an réiseamaid a bfhaisge dhaibh a dhol nan còdhail, air dhaibh sin a dheanamh loisg nan nàimhdean làdach ghunnaidhean caolorra: cho luath sa chunnaic Morair Seòras, so ghlaodh e:— “claidheamh mòr!” mun cunnte seachd bha na Gaeil nam buillsgean, agus thòisich iad air speòltach mar bu nòs daibh a dheanamh le claidheamh as sgiath, air chor is gun ghabh an t-eas-caraid ruaig ann am beagan mhineidean. * An deigh an sgiùrsaidh so a thoirt air na nàimhdean ghabh Morair Seòras agus a dhaoine an deigh na mòr-fheachd agus air dhaibh Penrith a ruidhinn leag iad an anail, as ghabh iad ùrachadh bidhe.

Air an naoidheamh latha diag de mhios mheadhonach agheamhraidh stad an t-àrm Gàelach gu léir ann an Carlisle agus dhfhàg iad ann an gearasdan abhaile sin mar fhriceadan Réiseamaid Mhanchester agus àireamh àraidh dheth na réiseamaidean, Macrach, beagan Fhràngach, agus Eireannach, bhan àireamh shluaigh a dhfhàg iad gu léir anns aghearsdan ma thrì cheud fear. Air madainn an fhicheadamh latha den mhìos thàinig mòr-fheachd nan Gàel ma choineamh aghearasdain a toirt slàn leis a mhuinntir a dhfhag iad ann; thàinig am Prionnsa féin dlù don bhalla thoirt seòladh dhaibh mar ghnàthaicheadh siad iad féin gus an cuireadh e ann an ùin ghearr feachd á Albainn a rachadh nan àite; dhéisd iad ris le mòr spéis agus ro-airre, an sin ghabh e chead dhiu. Be sin an sealladh deireannach a chunnaic iad dheth na Prionnsagus dheth an co-shaighdearan, a bha nise adlùthachadh ris an tìr ghràidh nach dòrduich dàn dhaibh-sa fhaicinn gu bràch tuileadh!

*Anns an arabhaig so ghlac Iain Ruadh Stiubhart gille-eich Dhiuc Uilleam (no mar a their na Goill fein groom) air dha thoirt mar chulaidh-abhachd air cholair a dhionnsaidh Thearlach, phill am Prionns e air ais a rithist a dhionnsaidh a mhaighsteir.
(Ri leantuinn.)


Am bheil thu dol a dhfhaighinn fear-gabhail ùr no dha don MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthair a chumail suas.

Faigh FEAR-GABHAIL UR don MHAC-TALLA, ’s cuir ugainn dolair gu leth ( $1 .50) agus gheibh sibh le cheile am paipear fad bliadhna.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh leIain,” ughdarTaigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoinetha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul as fhearr a sgriobhIainfhathast. Tha ina sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i.


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAIN DI-CIADUINS DI-HAOINEA Sidni, 6.30 p. m., 8.00 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.

DI-MAIRT DIOR-DAOINS DI-SATHARNAA Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.



[128]

[Vol . 9. No. 16. p. 8]

AN CLAMHAN AGUS AN CALA-MAN.

“ ‘Chan ann dem chuideachd thu,’ mar thuirt an calaman ris achlamhan.”

Tha gach creutair atighinn beò a reir a ghné. Tham fitheach atighinn beò air na closnaichean marbh, breuna, a thachras ris anns an fhàsach. Is e so am biadh as blasda leis a gheibh e.

Air an làimh eile, than calamanna eun glan, a sheachnas achlosnach bhreun, agus nach ith ach am biadh as glaine, ged a gheibheadh e am bàs.

Tha e muladach ri innseadh gum bheil mòran dhaoine ann a thagabhail acheart uiread de thlachd ann an sgainnil, ann am mi-chliù, ann am breugan, ann an tuaileas, ann am mi-rùn, ann an cul-chàineadh, agus ann am farmads a tham fitheach agabhail anns na closnaichean marbha, breuna, làn de dhroch bholtrach, a thachras ris air a chuairt troimhn fhàsach.

Chan urrainn am fitheach a bhithna chalaman, agus cha mhò is urrainn an calaman a bhithna fhitheach. Cha mhò na sin is urrainn luchd an fhuar-chrabhaidh, aig am bheil an inntinn làn de thruaillidheachd, a bithnan daoine diadhaidh; agus cha mhò is urrainn do na daone a tha diadhaidh neach sam bith a chùil-chàineadh, no ann an ni sam bith a chuireas masladh no mi-chliù air an coimhearsnaich.

Nach muladach ri thoirt fa near gum bheil daoine a tha gu follaiseach ag aideachadh na diadhachd air Lathan Tighearna, anochdadh fad na seachdain don t-sluagh am measg am bheil iad acaitheamh am beatha, nacheil Spiorad Chriosd annta? Is e so a thatoirt air mòran de shluagh na rioghachd a bhithfuireach air falbh o thaigh an Tighearna. Air lathan Tighearna chi iad daoine afalbh don eaglais, agus coltas gle chràbhach air an aghaidhean. Ach air Di-luain an uair a thachras na daoine so riutha mar choimhearsnaich, no mar mhaighstirean, no mar sheirbhisich, tha iad a cheart cho saoghalta, cho truaillidh, agus cho aingidhnan cainnt agusnan gluasads ged nach seasadh an cas riamh an taobh a staigh de dhorus eaglais!

Than duine diadhaidhna dhuine diadhaidh aig gach àm agus anns gach àite. Is e bhith diadhaidh a nàdar; agus chan urrainn e dealachadh rinadar ge be suidheachadh no àite anns an tachair dha bhith.

Am fear a bhios acaitheamh cleòca na diadhachd, faodaidh e a chur uime agus a thilgeadh dheth mar a fhreagras dha. Cuiridh e uime e a h-uile madainn Di-domhnuich an uair a bhios edol don eaglais; ach cha luaithe a thig e dhachaidh na thilgeas e dheth e. Chan aithnich a bhean agus a chlann gun robh e riamh ann an eaglais. Anns amhadainn Di-luain, an uair a theid e mach gu obair a mhaighstir, bidh e coma ach an latha chur seachad. Chan e obair a dheanamh air son an tuarasdil a tha e gus fhaotainn a thana bheachd idir, ach tuarasdal fhaotainn ged a bhiodh an obair gun deanamh gu bràth.

Tha am maighstir an-diadhaidh cruaidh, an-iochdmhor ris na seirbhisich a thag obair dha. Tha e coma cia mar a thachras dhaibhna dheigh sin ma gheibh e mòran asda air son beagan tuarasdail. IAIN.


Tairgse Mhaith.

S fhiach MAC-TALLA dolars a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhen phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:—

Neach sam bith nach eil am fiachan don phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1 .50 air a chur thugainn aig a toiseach.


Am na h-Iubili.

An samhradh a bha Iubili ban-righ Victoria air a chumail, chualas dithis bhoirionnach air carbad-sràide ann am baile beag Sasunnach a bruidhinn mu sheadh an fhacailIubili.” Cha robh fhios aig te dhiubh ciod bu chiall da; ach bha an eilena barail fhéinga thuigsinn math gu leòr, agus thòisich i air a mhineachadh: “Nuair a tha càraid pòsda coig bliadhna fichead, bidh a bhanais airgeid aca, agusnuair a bhios iad posda leth-cheud bliadhna bidh a bhanais òir aca, agus bidh an iubili annnuair a bhàsaicheas an duine.”


Tha fiosan a thainig á St. Pierre ag radh gu bheil a seachd deug de shoithichean-iasgaich a bha air na Grand Banks ris an stoirm a bhann air September 12, fhathast air chall, agus nach eil a nise dùil riutha. Bha mu dha cheud duine air bòrd aca. Chaill soithichean eile a fhuair troimhn stoirm mu cheud duine, agus mar sin chan urrainn an call uile gu leir a bhi fada goirid air tri cheud duine.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’001yr.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dhan stor againne chi thu gur ann againn a than stoc Chlocaichean as motha thasa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.

Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.

Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 16
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 16. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page