[129]

[Vol . 9. No. 17. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 26, 1900. No. 17.


AN DILLEACHDAN.

EADAR. ON BHEURLA.

(Air a leantuinn).

Ghluais na bliadhnaichean seachad, agus dhfhàs Ealasaid Mhorton ann am meuds ann am maise, ’na h-aobhar prois da ban-dionadairs na toileachadh mor da comb-aoisean uile. Ach thainig breòiteachd na h-aoise oirre-se bha gabhail cùraim dhi, a toirt air falbh comas a chosnaidh, agus fhuair a ghainnes an t-acras dhionnsuidh na fardoich a bha roimhe so gu seasgair pailt. Ach bha Ealasaid mar a bha i riamh, gu h-aighearach, toilichte agus taingeil; agus bu tric a thog i cridha bana-charaid le òran binn a sheinn dhi an ciaradh an fheasgair, ’sa thionndaidh i an osna throm gu fiamh a ghàire. Agus gus an crannchur a chur am feobhas, chaidh i a bhuachailleachd chaorach air na cnuic cùl a bhaile, do bhàillidh duin-uasal dam bainm Sommerville, a cheannaich oighreachd Thorndean mun àm a chaochail a màthair. Cha robh air an duine sin ach droch mheas, oir bha ena mhaighstir cruaidh, agusna fhior dhroch ceann da chéile pòsda; agus uair us uair chunnacas anns a chladh e, mu mharbh mheadhon-oidhche, na sheasamh aig uaigh Iseabal Mhorton. Dhaobharaich so moran bruidhne mu bhreth Ealasaid bhochd. Cha robh duine cloinne aige, agus bha aobhar a bhi creidsinn gum be mac bràthar dha a bha fuireach còmhla ris a bha gu bhina oighre air a chuid maoin us fearainn. Bha Uilleam Sommerville mu bhliadhna na bu shine na ar dilleachdan bàn; agus cha robh uair a gheibheadh e cùl cinn bhràthar athar ris na bheireadh e am bailair gu dhol a chleasachd còmhla ri Ealasaid. Agus a nise, ’nuair a bhiodh i air na cnoic abuachailleachd nan caorach, ruigeadh e i, agus a suidhe ritaobh theagaisgeadh e dhi na leasain a dhionnsuich e-fhéin re an latha anns an sgoil, a lamh gu neo-choireach mu muineal, an cinn cuideachd, ’s a falt buidhe dualach-se a crathadh mun timchioll. Is iomadh uair a chuireadh stad air na leasain thaitneach sin le guth coimheach agus buillean goirte bhràthair- ’athair; ach a dhaindeoin sin bhiodh Uilleam gu tric air fhaotainn an comunn a bhana-charaids ag ionnsachadh leasan dhi, gus an robh e ceithir bliadhndeug a dhaois; bha aigen uair sin ri Thorndean fhàgails e dol a ghabhailsan arm. Fhuair e cead ruith don bhaile a dhfhàgail beannachd aig a chompanaich, a bha uile gle mheasail air; ach cha deach e dhàite sam bith ach do thigh beag Nic-Dhùghaill. Nuair a chaidh e stigh thoisich Ealasaid air gal, agus shil a dheòir fhéin gu frasach. Chunnaic an t-seana-bhean chòir an gaol a bha air eirigh suas nan cridheachan ògasa dhfhaodadh tighinn gu crich bhrònach; agus abreth air laimh air Uilleam, ghuidh i gun soirbhicheadh Dia leis, agus ghabh i beannachd leis. Bha iga threòrachadh dhionnsuidh an doruis, nuair a thog Ealasaid a sùilean deurach; chunnaic esan iad, thuig e ciod bu chiall daibh agus leum e null far an robh i, agus a tilgeadh a dha laimh mumuineal, phòg e i air clàr an aodainn. “Na diochuimhnich mi, Ealasaid,” arsesan, agus ghreas e mach.

Ruith seachd bliadhna an deigh so seachad. Bha achaileag àluinn a nis air fàsna maighdinn òig ann an samhradh a maise. Bha Ealasaid fad cheithir bliadhna acumail sgoilesa bhaile, agus rinn a h-uaisles a deagh nàdur soirbheachadh neo-àbhaisteach a chur an lorg a saothair; agus bha bean a chinn léith a ghabh cùram dhina h-òige a nise air a deagh dhuaisneachadh. Bhatar aig an àm a deanamh deisealachaidh an Talla Thorndean air son fàilte chur air Uilleam a bha tighnn dhachaidh mar Chaiptean Sommerville. Cha robh carbad-puist aig an àm so na ioghnadh cho mor anns a bhailesa bha e aig àm tòiseachaidh ar sgeòil; ach bha àireamh de mhuinntir abhaile cruinn mun tigh-òsda gu fàilte chur air an oighròg. Thainig e, agusna chuideachd duin’ -uasal a bha eadar da fhichead us leth-cheud bliadhna dhaois. Chuir iad eolas air a cheile anns a charbad; bhan coigreach air thurus don taobh tuath, agus ghabh e cuireadh o Uilleam gu fuireach an tigh bhràthairathar beagan lathaichean a chur a sgiths dheth. Bha ceum goirid dhionnsuidh an taighe adol troimhn chladh, mu chairteal a mhile on bhaile. Bha ena rathad aonaranach, agus bàbhaist do Ealasaid a bhiga ghabhail an deigh uairean na sgoile, agus gu tric chuireadh i beagan mhionaidean seachad a meòrachadh aig uaigh a màthar. Bha i ag amharc gu dùrachdach oirre nuair a chuali guth faisg air laimh ag radh, “EalasaidEalasaid Mhorton.” Be fear a ghutha an Caiptean Sommerville, agus bha a charaid còmhla ris. Cha toir sinn an còrr iomraidh air coinneachadh nan leannan. Ach dhamhairc an coigreachna h-aodann gu trioblaideach, agus sheall e air uaigh a màthar agus ghuil e. “Morton,” ars esan, agus leugh e an sgriobhadh a bhair a chloich, agus dhamhairc e rithist na h-aodann agus a rithist ghuil e. “A bhean-uasail,” ars esan, “gabh leisgeul duine thruaighciod a bainm do dmhàthair? co dha bhuineadh tathair? Innis dhomh, guidheam ort.” “Mo chreach, chan urrainn domh,” ars Ealasaid bhochd, agus ceistean us deòir a choigrich acur ioghnaidh agus mulaid oirre, “chan eil fhios agam, agus mar sin chan urrainn domh innse.” “Is e Morton is ainm dhomhsa,” arsan coigreach; “bha bean agam uair, agus bha nighean againn, ’s be aodann mIseabail-sa dearbh-iomhaigh taodainn-sa.” Mun do sguir e labhairt, thainig seann Sommerville dlùth orra, ’se tighnn an còdhail mic a bhràthar. Sheall e fhéins an coigreach air cach a cheile. “Sommerville!” ars an coigreach, ’se clisgeadh. “Is e sin is ainm dhomh,” ars am fear eile, ’s neul dorcha mar thàirneanach a tighnn air aghaidh, ’sa bhodhaig adol air chrith. Rug e gu borb air guala mic a bhràthair, agus dhragh e air falbh e. Chaidh an coigreach còmhla ri Ealasaid gu tigh Nic-Dhùghaill. Bu chràiteach leis gach fiosrachadh a rinn e; oir ged a bha iad a toirt tomhas dòchais dha bha iadga fhàgail ann an imcheist chruaidh. “O, dhuine!” arsa Nic-Dhùghaill, “mas sibhse athair mo phàisde beannaichte, cha bheag an t-ioghnadh leam seann Sommerville a dhfhàs dubhsan aodann nuair a chunnaic e sibh; ’nuair a thainig an éissa bhochduinn oirnns a bfheudar do mphàisde lùrach, gun athair, gun mhathair, a dhol a bhuachailleachd nan caorach dha air taobh nan cnocbhiodh ise an sin, am pàisde beag crion (oir bha i cho crion an uair sinsa tha i cho bòidheach an dràsda) ’na suidhe air an fheurs na caoraich ag ionaltradh timchioll oirre, ’s ise gu dian a leughadh a Bhiobuill, coltach ri aingeal beag, leatha fhéin, ’nuair a thigeadh abhrùid shliagach a nuas air a culaobhs a bheireadh e breab dhi, ’sa thòisicheadh e air a damanadhs air a càineadh, ag radh nach robh innte ach creutair leisg, suarach, agus agabhail ainmean oirre nach fhaod misaithris, agus bheireadh e spionadh air folt bòidheach buidhe a cinn, ’s iomadh spionadh sin, gus an robh an darna leth dhe air a thoirt aisde gu buileach; neo bheireadh abheist an leabhar naomha uaipe agus thilgeadh e fad a laimhe air falbh e, a mionnachadhsa mallachadh fad na h-ùine. Ach bha mac a bhràthair riamh na ghiullan caoimhneil blàth-chridheach, ach mar a dhfhaodas sibh a thuigsinn, o nach robh mo phàisde ach an càramh bochd, cha be mo ghnothuch-sa misneach sam bith a thoirt daibh.”

Bu dùrachdach a bhan coigreach, a thug seachad marainm Còirneal Morton, ag amharc air a mhaighdinn mhaisich a thug air ais gu chuimhne làithean grianach na h-òige. Bha ega coltachadh anns gach dòigh ri bean a ghràidh, agus a gul os a cionn, ach a dhaindeoin gach coltais bha teagamh a bristeadh a stigh air inntinn, agus ghlaoidh e na dhoilghios— “O, Athair Nèamhaidh! thoir dhomh dearbhadh! O thoir dearbhadh dhomh gur h-i so mo nighean.” Am beagan sheudan a bhaig Iseabal Mhorton, bfheudar dhi an creic an àm na h-éise, agus mar sin cha robh ni air fhàgail a bheireadh dearbhadh sam bith dha. Ach air a cheart mhionaid sin co thainig a stigh le cabhaig ach Caiptean Sommerville. Dhinnis e dhaibh gu robh bràthairathar an deigh an t-àite fhàgail, agus shìn e litir uaithe don Choirneal Morton. Cha robh innte ach beagan fhacal, agus mar a leanas:—

A MHORTOIN, —Bha sinn ag obrachadh an aghaidh a chéile air son gaol Iseabailrinneadh thusa sona, agus mise truagh. Ach cha robh mise gun dioghaltas. Is mi a bhrath thu air chors gun do thuit thu an lamhan nan naimhdean. Is mi a sgaoil am fathunn gu robh thu marbhagus a ghreas an sgeul dhionnsuidh do mhnatha, agus a lean air sàil na sgeula sin do Shasunn. Is mi a chuir tuaileas breugach mu timchioll an céill da càirdean agus a dhaobharaich iad a chur cùl rithe gu buileach. Lean mi i don àit uaigneach so a chum gum mealainn mo bhuaidh; ach thug am bàs uam i mar a rinn thusa roimhe. Ach ni mi aon ghniomh trocairinnsidh mi dhut



[130]

[Vol . 9. No. 17. p. 2]

gur h-i do bhean a tha fon fhòd farn do choinnich sinn an ; agus gur h-i a bhean òg an làthair an do ghuil thu do nighean fhein.”

Thilg e uaithen litir, agus ghlaodh e, “Mo nighean! —mo nighean ghaolach a bha cho fad air chall orm!” Agus le sòlas do-labhairt, rinn an t-athairs an nighean greim air làmhan a chéile. An toir sinn iomradh air a chòrr? Dhfhàg seann Sommerville tir a dhùthchas, tir nach do mhaslaich em feasda tuilleadh le bhi fuireach innte. Bha Uilleam us Ealasaid gu tric asiubhal nan cnoc agus a leannanachd, ’s gach sealladh a chitheadh iad mun cuairt a toirt ath-chuimhne dhaibh air làithean sona na h-òige a chuir iad seachad an comunn a chéile. Beagan mhiosan an deigh so thug a h-athair dha i air làimh ann am pòsadh, agus thug Nic-Dhùghaill, le moran aoibhneis us pròis, don chàraid òig iomadh deagh dhùrachd agus beannachd.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. XXII.

TACHARTAS BRONACH EILE.

Anns agheamhradh thug teaghlach an Iarla leotha Màiri don bhaile-mhor. Aon mhaduinn araid thainig seann sagart liath a dhionnsuidh an taighe, agus air da faoighneachd airson Màiri, dhinnis e dhith gun dthainig e air teachdaireachdga h-ionnsaidh. Bha neach tinn, a bham fior choltais bàis, ro-dheonach air am faicinn; cha burrainn di am bàs fhaighinnan sith gun Màiri fhaicinn. Chuir an teachdaireachd so ioghnadh mor air Màiri. Chuir i a comhairle ris a Bhan-Iarla, agus on a bha ise eolach air an t-sagartus fios aice gun robh ena dhuine tuigseach, diadhaidh, thuirt i rithe gum bfhearr di falbh comhla ris. Air iarrtas an t-sagart dhfhalbh seann Antony cuideachd.

Bha aig Màiri ri dhol don chearna bfhaidair falbh den bhaile. Rainig iad mu dheireadh taigh dubh, grannda, air sraid chaoil air chul. Dhirich iad suas coig staidhrichean, te as deigh te, an dithis mu dheireadh cho caol, dorcha, suarach, ’s gun robh Màiri truagh leis an eagal.

Air a mhullach dhfhosgail an sagart seann dorus de bhuird ghrannda, agus cheum Màiri a stigh air lobhta shalach. Bhan uinneag bheag, chaol air a leth-dhunadh le paipear; bha fiodh na leapa suarach, agus an leaba fhein ni bu mhiosa, ’se sin nam burrainn duine leabagraithinn rithe. Air sorchan beag, briste, taobh na leapa, bha soitheach uisge gun chluas, gun phiobag, —an corr de dhairneis cha robh ri fhaicinnsan t-seomair.

Achsem boirionnach tinn sealladh bu truaighe uile. Shaoil le Màiri gur corp a bhaice; agusn uair thoisich i air bruidhinn le guth tuchanach, fann, ’s a shin i a mach a lamh chaithte, chrith Màiri bhomullach gusail. Mu dheireadh thall, le moran miomhaigh, thuig i bho na facail fhàs a bha tighinn bhuaipe le oidheirp, gur e Ceit an creutair truagh a bha ma coinneamh, —an nighean sin, a bha roimhe so, ’nuair a bha i aig seirbheis an Ichburg, cho boidheach, coltach, dearg ris na ròsan.

Fhuair an creutair truagh a mach bhon t-sagart gun robh Màiris abhaile, comhla ri teaghlach an Iarla, agus chuir i fios oirre gus mathanas iarraidh airson gnothuch an fhàine. Cha dthugadh i suas a h-ainm an toiseach air eagals man cluinneadh i e gun eireadh gamhlas as ùr suasna h-inntinn agus nach dthigeadh iga coimhead.

Bhrist Màiri, te a chridhe mhaith, a mach air gal, agus chuir ian ceill gu dùrachdach gur fhad bhon thug ise mathanas seachad, agus nach robh an gamhlas bu lughana h-inntinn, gur ann a bha i ro-dhuilich air a son. Mar dhearbhadh gun dthug i mathanas di, bha i dol a bhreth air a chreutair mhi-fhortanach eadar a lamhans a dolga pogadh; ach chaidh an sagart eatorra. “Air t-aithis, an ainm an fhortain,” arsesan; “ ’s fhearr dhuit gun dol nis fhaisge.” “Gu de an tinneas a thann?” thuirt Màiri, cho neo-chiontachs cho neo-amharusach. Chrom an sagart a cheanns cha dthubhairt e diog. An sin dhiarr an te thinn air an t-sagart gun e a chleith na cuise ni bfhaide; oir ma dhfhaoidte gum biodh a mi-fhortan-sana rabhadh do nigheanan eile.

Bha Ceit bhochd a leanailt droch chompanaich, eadhonnuair a bha in Ichburg. Ged a chaidh a cuir air falbh á Ichburg, thill i dhan àitud, agus lean i air na droch chleachdanan a babhaist a bhi aice. Fhuair i moran de dhaodaichean briagha air dhoigh eiginn; reic i iad an deireadh a laithean, ’nuair a dhfhas i bochd, tinn, air an deicheamh cuids a bfhiach iad; agus, a nise, air a treigsinn leis gach caraid a bhaice, tha ifulang anns gach doigh as cruaidhe.

Dhinnis i fhein ah-uile car dheth so, agus igal gu goirt.

Mo chreach!” arsise, “is peacair trom mi, agus choisinn mi na thainig orm. Be toiseach mo bhochdainn gun do sguir mi chuimhneachadh air Dia, ’s nach eisdinn ri comhairle mhath. Chuir mi suarach guth mo chogais; cha robh tlachd agam de ni ach deiseachan riomhach, miodalus toilinntinn, agusse sin, ma dheireadh, a chuir cho fad air adhart misan olc. O, tha mi an dochas nach bichuis nis cruaidhe orm fhathastsan ath shaoghal,” thuirt ise, ann am briathran bristeach, am measg a deoir. “Ach a chionn gum beil thusa, ’Mhàiri bhochd, air an drinn mi na h-urad de dheucoir atoirt mathanais domh, tha mian dòchas gun dthoir ar Dia math mathanais cuideachd domhsa.”

Thill Màiri thun an taighes i gle mhuladach. Cha burrainn di sian ithe le geiltus truas. Bhan sealladh eagallach ud daonnan ma choinneamh a sùilean; bhan guth truagh ud daonnanna cluasan. Theireadh i rithe fhein: “Be samhla truagh ud CeitCeit bhoidheach!” Agus lean i air bruidhinn rithe fhein mar so fad an latha. Chuimhnich i, cuideachd, air a chraoibh bhoidhich ubhail fo fhlurs, a chaidh a mhilleadh leis an reothadh. Na thubhairt a h-athair air an latha sin, agus a rithist air a leaba bhàis, thainig e uile air ais gucuimhne, agus gheall i do Dhia as ùr gun caitheadh i a saoghal an doigh ghlain, neo-pheacaich.

Leh-eadar-ghuidhe chuir a Bhan-Iarla lighichechoimhead air Ceit thruagh; chuir i uice, cuideachd, anartan glan agus iomadh ni riatanach eile. Ach an deigh moran tuilleadh fhulang, chaochail ina tri-bliadhna-fichead.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Beder, Prionnsa Phersia.

CAIB. VIII.

Thill righ Saleh don chuan maille rimhathair agus ris na bana-phrionnsachan. An uair a chunnaic e gun do thoisich righ Beder a rithist ri riaghladh an deigh basathar, chuir e roimhe gun tigeadh ena onar a thaghal air aig ceann na bliadhna. Bha aoibhneas mor air Beder agus air Gulnara an uair a chunnaic iad e. Air feasgar araidh an deigh dhaibh eirigh on bhord, thug iad greis air comhradh mu thimchioll caochladh nithean.

Thuit do righ Saleh toiseachadh gun fhios dha fhein ri moladh Bheder, agus ri innseadh do Ghulnara cho toilichtes a bha e gun robh Beder ariaghladh ann an doigh a bha anabarrach glic, curamach; agus nach be mhain gun robh e fo dheadh ainm am measg nan coimhearsnach, ach mar an ceudna, am measg righrean a bha fadair falbh. Cha robh tlachd sam bith aig Beder ann a bhith cluinntinn na bha brathair a mhathar adeanamh de mholadh air. Ach o nach biodh e modhail dha iarraidh air fuireach samhach, thionndaidh eaghaidh taobh eile, agus an uair a leag e a cheann air achluasaig a bhair cul na cathrach, leig e air gun robh ena chadal.

An deigh do righ Saleh greis a thoirt air moladh cho maths a bha Beder ariaghladh na rioghachd, thoisich e ri moladh a mhaise, a ghliocais, agus ri radh nach robh duine eile air an talamh air an do bhuilichidh a leithid de bhuadhan cuirp agus inntinns a bhuilicheadh air, agus, cho fads a bfhiosrach e, nach robh a leithid idir ri fhaicinn ann an uile rioghachdan achuain.

A phiuthar,” arsesan, agusinntinn air a lionadh le aoibhneas mor, “mar a tha fhios agad fhein, tha ena dhuine cho fior mhaiseachs gum bheil ioghnadh orm nach do smaoinich thu riamh air toirt air posadh. Mur do mheall mo chuimhne mi tha e nis fichead bliadhna; agus aig an aois so, cha bu choir do phrionnsa sam bith a bhith gun phosadh. O nach do smaoinich thusa air so, bidh mi fhin ag amharc air son bean fhreagarrach dha am measg nam bana-phrionnsachan a thanns achuan.”

A bhrathair,” arsa banrigh Gulnara, “tha thucur rudnam chuimhne air nach dthug mi smaointean gus a so. O nach do nochd e ann an doigh sam bith gun robh toil aige posadh, cha do smaoinich mi riamh air guth a thoirt ris ma dheidhinn; agus tha mi ro thoilichte gun do chuir thu an gnothach ann am chuimhne. Tha mi toilichte gum bheil thusmaointean gur e te de bhana-phrionnsachan achuain as fhearr a fhreagras dha; agus bhu mhiann leam gun ainmicheadh tu te a bhiodh cho maiseach agus cho foghluimtes gun tuiteadh mo mhac ann an gaol oirre.”

Is aithne dhomh te a fhreagras dha gle mhath,” arsa righ Saleh, agus elabhairt gu beag rithe. “Ach mun innis mi dhut co i, feumaidh fios a bhith againn am bheil esanna chadal, agus innseadh mi dhut a rithist car son a tha e feumail dhuinn na nithean so a chumail an cleith.”

Sheall Gulnara air a mac, agus an uair a chunnaic i an coltas a bhair, cha robh teagamh sam bith aice nach robh ena chadal cho trom ris achloich. Ach ged a shaoil leatha gun robh ena chadal, bha ena dhusgadh cho glan rithe fhein. An aite tuiteamna chadal, is ann a thug na briathran a chuale air a bhith na bfhearrna fhaireachadh na bha e roimhe, a chum gun cluinneadh e a h-uile facal a bhiodh eadar a mhathair is brathair a mhathar.

Cha ruig thu leas,” arsa Gulnara, “a bhith bruidhinn cho beag, tha e cho tromna chadals nach cluinn e aon fhacal dhe na their sinn.”

Chaneil e freagarrach air doigh sam bith gum biodh fios aige air aon fhacal dhe na bheil midol a radh. Tha fhios agad gun teid an gaol iomadh uair a steach air na cluasan; agus cha bhiodh e freagarrach gun tuiteadh e an drasta ann an gaol air abhana-phrionnsatha midol a dhainmeachadh. Gun teagamh sam bith



[131]

[Vol . 9. No. 17. p. 3]

tha mifaicinn iomadh duiligheadas anns an rathad, chan ann a thaobh na mna-uaisle fhein idir, ach a thaobh a h-athar. Foghnaidh dhomh innseadh dhut gur i abhean-uasal a tha mi ciallachadh, Guhara, nighean righ Shamanndail.”

An e nach do pos abhana-phrionnsa Guhara fhathast, a bhrathair? Tha cuimhne agam gum faca mi i beagan uine mun dfhalbh mi as an luchairt agad fhein. Bha i mu bhliadhna gu leith a dhaois, agus bha ina leanabh ro mhaiseach. Agus ma bha ifas maiseach o bhliadhna gu bliadhnna on uair ud, feumaidh gum bheil i nis cho maiseach ri boirionnach a thair an t-saoghal. Ged a tha i beagan bhliadhnachan nas sinne na Beder, cha mhisdi sin dad. Feumaidh sinn feuchainn rifaighinn dha. Innis thusa dhomhsa na duilighideasan a thanns an rathad, agus feuchaidh sinn rin toirt air falbh.”

Is e an duilighdeas as mo, a phiuthar,” arsa righ Saleh, “gum bheil righ Shamanndail asaoilsinn moran dheth fhein, agus gum bheil e ag amharc sios air a h-uile duine eile. Chaneil e idir coltach gum bi e toilichte cleamhnas a dheanamh ruinn. Air mo shon fhin dheth, tha mi suidhichte gun teid mi far am bheil e, agus gun iarr mi a nighean air do Bheder. Ma dhiultas e a toirt seachad, feuchaidh sinn doigh eile air a faighinn dha. Air an aobhar sin, tha e pailt cho math an gnothach a chumail an cleith air Beder gus an aontaich righ Shamanndail a nighean a thoirt seachad, air eagal gun tuit Beder ann an trom ghaol oirre, agusna dheigh sin nach teid againn air a faighinn dha.”

Thug iad greis air comhradh mu dheidhinn aghnothaich, agus mun do dhealaich iad, shuidhich iad gun rachadh righ Saleh gun dail air ais da rioghachd fhein, agus gun iarradh e Guhara air a h-athair righ Shamanndail gu bhithna mnaoi aig mac a pheathar, righ og Phersia.

Bha Gulnara agus righ Saleh lan-chinnteach gun robh Bederna chadal fad na h-uine, agus dhaontaich iad gun duisgeadh iad e mum falbhadh iad as an t-seomar. Leis cho doirbhsa bha e dhaibh a dhusgadh shaoileadh duine sam bith gun robh e gle thromna chadal fad na h-uine. Ach chuale a h-uile facal a thubhairt iad, agus thug na chuale air gun do thuit e ann an trom-ghaol air Guhara. Bhuail e anns an inntinn aige gun robh ina boirionnach air leith maiseach, agus leis an toil a bhaige greim fhaighinn oirre, cha do dhuin a shuil fad na h-oidhche ach asmaointean oirre.

Air an ath latha rinn righ Saleh deiseil gu falbh da rioghachd fhein anns achuan. An uair a chualan righ og gun robh brathair a mhathair adeanamh deiseil gu falbh, thainig atharrachadh dreach air, oir thuig e anns amhionaid gur ann a chum gum faigheadh e nighean righ Shamanndail gus toirt ga ionnsuidh fhein mar mhnaoi a bha leithid de chabhaig air gu falbh. Thug so air gun do mhiannaich e moran na bu mho greim fhaighinn air nighean an righ gun dail sam bith. Bhuail e anns an inntinn aige uair no dha gum bu choir dha iarraidh air brathair a mhathar atoirt ga ionnsuidh gun dail; ach cha robh toil aige gum faigheadh a mhathair am mach gun robh fios sam bith aige air na briathran a bha eadar i fhein is righ Saleh an oidhche roimhe sid. Mu dheireadh ghuidh e air brathair a mhathar fuireach aon latheile comhladh ris gus iad a dhol le cheile don bheinn-sheilg, agus ena bheachd gun leigeadh e inntinn ris dha.

Ged a chaidh iad air an ath latha don bheinn sheilg, agus ged a fhuair e cothrom gu leor airinntinn a leigeadh ris do bhrathar a mhathar, cha dfhosgail ebheul ris mun chuis fad an latha.

An uair a bha iad gu trang air toir na seilge, agus iad fheins na h-oifigich a bhanan cuideachd air an sgapadh thalls abhos air feadh na frithe, thainig Beder bhar muin an eich aig taobh uillt. Cheangail e an t-each ri craobh a bha air bruaich an uillt, agus thoisich e ri osnaichs ri caoidhs ri sileadh nan deur gu frasach. Bha e uine mhath anns an t-suidheachadh so, adol fosmaointean agus gun fhacal atighinn as a cheann.

Anns an am dhionndrainn righ Saleh e, agus bha iminidh air ma dheidhinn; ach cha robh fios aig duine dhe na bhanns achuideachd caite an robh e, no con taobh a rachadh iad ga iarraidh. Air an aobhar sin dhfhalbh e fhein feuch am faiceadh e e. Agus mu dheireadh thug e an aire dhana shineadh aig bruaich an uillt. Chunnaic e an latha roimhe sid, ach gu h-araidh an lathud fhein, nach robh Beder cho sunndachs bu ghnath leis, agus gun robh e mar an ceudna ann an coltas muladach, trom-inntinneach seach mar bu choltach dha leithid a bhith. Agus an uair a chuireadh e ceisd air, is docha nach tugadh e freagradh idir air, ar neo gun tugadh e freagradh gun doigh air. Ach cha do smaoinich e idir car son a bha Beder anns an t-suidheachadh inntinn so.

Cho luaths a thug e an aire gun robh Bederna shineadh air an talamh, agus e gu tursach, deurach, bronach, ghrad smaoinich e gum faodadh gun cuale an comhradh a bha eadar e fheins a phiuthar mu dheidhinn Guhara, agus gun do thuit e ann an trom ghaol oirre. Thainig e bhar muin an eich, agus ghabh e ceum air a shocair fhein mun cuairt nan craobh, agus thainig e cho dluth do Bheders gun cluinneadh e a h-uile facal a theireadh e. Chuale Beder alabhairt mar so:— “A bhana-phrionnsa ro thlachdar, a nighean righ Shamanndail, is e beagan tha mi creidsinn, a chuala mi mu thimchioll na maise neo-chumanta a bhuilicheadh ort; tha micreidsinn gum bheil do mhaise os cionn maise uile bhana-phrionnsachan na talmhainn mar a tha maise na greine os cionn maise na gealaich agus nan reultan. Rachainn an drasta fhein agus thairginn mo chridhe dhut, nam biodh fhios agam caite am faighinn thu. Is ann dhutsa bhuineas mo chridhe, agus chan fhaigh bana-phrionnseile coir air gu brath.”

Cha deisd righ Saleh ris achorr. Chaidh e anns amhionaid far an robh Beder, agus thuirt e ris. “A mhic mo pheathar, tha mi nis atuigsinn gun cualthun comhradh a bheadar mises do mhathair an oidhche roimhe. Cha robh toil sam bith againn gun cluinneadh tu e; agus bha sinn an duil gun robh thu gu tromna dchadal.”

A bhrathair mo mhathar ionmhainn, chuala mi a h-uile facal a bha eadraibh, agus thachair dhomh mar a bha sibh ag radh; ach cha robh comas agam air. Bann a chum gun leiginn ris minntinn dhuibh a ghuidh mi oirbh fuireach gus an diugh. Ach bha naire orm innseadh dhuibh gun do thuit mi cho trom ann an gaol air abhana-phrionnsa Guhara. Tha miguidhe oirbh, ma ta, air sgath achairdeis a thagaibh rium, gun gabh sibh truas dhiom, agus nach feith sibh gun Guhara a thoirt do mionnsuidh gus am faigh sibh aontah-athar gus mig a posadh. Mur dean sibh so, is docha gum faic sibh mise marbh mum faic misise.”

(Ri leantuinn.)


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XVII.

Ma dha uair an deigh mheadhon latha ràinig am Prionnsagus an t-àrm abhainn Esg a ta roinn na criche eadar Albainns Sasuinn, bhan abhainn so leis bu ghnà a bhi glé thana nisair fàs na linne dhomhainn le dòrtadh nan sion, agus a thaobh gun ròbh eagal orra gun deanadh dìle na h-òidhche sin na bu ro dhoimhni, smaointich iad gum bfhearr dhaibh a dhol tharais gun mhaille. Rinn iad an sin innleachd air an àth a churChaidh am marc-shluadh a mach beagan os-ceann na h-àtha chum neart a bhuinne bhristeadh; agus chaidh na coisichean ann an reang deichneir an guailean achéile chum gun seasadh iad na bfhearr san t-sruth. Chaidh marcaich a chur mar an cianda tacan sios bhona bhial-àthchùm , no neach a rachach leis an t-sruth a thogail suas. Mar so fhuair iad gu léir a null sàbhailt, agus dhfhad iad teineachan mòra connaidh air bruaich na h-aibhne gu iad fèin a thiormachadh agus agharadhan sin thog iad luathgair éibhneis air son gun dfhuair iad am buinn arithist air fraoch Alba! acur air chùl gu tur, gach dosgainn agus alabhan a thàinig nan caramh air an turas sgìth sin!

Chaidh crìoch a nisa chuir air an turas so, —theagamh, a thaobh seòltachd, cruadal, agus gaisge, nach robh a shamhail bho thùs an t-saoghail ann an tìr sam bith air domhainn, mhair e sia seachduinean ann am fearrann nàimhdean, eadar àrmailt a bha na h-uile h-aon diù a cheithir lionmhoiread ris na Gàeil féin! Bhan aimsir cho olc is gum bu leòir i na h-aonar gu dòlas a thoirt an caramh luchd-turais aig nach robh ach ainmig ionad anns an cuireadh iad an cinn fopa, gidheadh, bhon uair a chaidh iad thar na crìche Sasunnaich, gus an tàinig iad a rithist a nall oirrcha do chaill iad dheth na chùig mìle fear, le sgiorradh, teine, no claidheamh an nàmhaid, ach ma dhà fhichead fear! eadhon air an ruaig, bha riaghailt agus misneach dhan leanmhuinn nach cualas iomradh a bhi aig feachd ach iad féin agus an àite teicheadh le breisleich ghiorragach ron luchd-tòrachd is ann a phill iad gu minig nan aodann, gam pilleadh airn-ais mar chaoirich ro mhadraidh. Ghiùlain iad bratach Ghlinn’ -Fianain astar cheud gun leth mìle tro fhearann làn nàimhdean, agus thug iad rithist air a h-ais i gun ghaoid gun bheudtro mhìle gàbhadh agus thorunn nan cath.”

Air faicinn do Dhiùc Uilleam gun do theich na Gàeil á Sasunn gu tur mheas e iomchaidh Lunnainn a ruidhinn a chum coinneamh a thoirt don arm Fhràngach a bha en duil a bha gu thighinn air tìr air taobh deas Shasainn, agus dhfhag en t-arm-dearg fo chomannda Sheanaileir Wade le cuid dheth an arm anns an Chaisteal-Nogha agus chaidh Hawley do dhAlbainn leis an earainn eile.

Ri taobh Abhainn Esg roinn am Prionnsan armailt na chuideachd. Chaidh aon chuideachd dhiu rathad Ecclefechan agus Mhoffat, le Morair Seòras Moireach, Diùc Abhall, Morair Ogilbhie, agus Morair Narain air an ceann. Chaidh am Prionnsa féin air ceann na cuideachd eile maille ri Duic Pheairt, Morair Elecho, agus Morair Phitsligo, Lochiall, Tighearna Chlann-Raonuill, Tighearna Ghlinne-Garaidh agus Fear na Ceapaich. Stad iad an òidhche sin aig Annainn. Air an ath mhadainn thriall Morair Elecho le cùig ceud fear gu séilbh aghabhail air Dun-phris. Dhiarr am Morair air muinntir Dhun-phris cìs 2000 pund-Sasunnach a phàidheadh, agus mìle daothain bhròg a thoirt dhà gu

(Air a leantuinn air taobh 134).



[132]

[Vol . 9. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OCTOBER 26, 1900.

LITIR A ONTARIO.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha cuidhleachan na h-aimsir air tionndadh; an àite an teas a bha againn na chaidh seachad den fhoghar tha nise anail fhuar na gaoithe tuatha a leigeadh ris duinn nacheil an geamhradh fad as. Tha gach flur agus ros boidheach a bha deanamh aghaidh na talmhainn maiseach len àileachd air an gearradh sios leis na reothaidhean cruaidhe aig October. Tha na craobhan a bha deanamh dubhair len duilleach do ainmhidhean na machrach, a nise mar chrannaibh ruisgte, oir thuit an duilleach dhiubh a dhionnsaidh an lair. Ach ged a sheargas craobhs ged a gheibh i bàs nin t-earrach nuadh i ris; ach an duine, aon uairs gu faigh e bàs, cha phill e air ais, ’s cha dean an t-earrach a thoirt beò. ’S iomadh neach a bha laidir, fallain an uair a sgriobh mi mu dheireadh, a tha an diugh nan sìneadhsan leabaidh chaoilnan tosd; achs ann mar sin a bha an saoghal bho thuscuid ga fhagail agus tuilleadh a tighinn nan àite.

Bha foghar againn an so cho briagha agus a chunnaic duine riamh. ’S ann gle theth a bhan t-side gus a so. Bha frasan sneachda againn air an t-16mh latha dhen mhios so. Tha an t-side fuasach tioram againn, agus tha uisge gu math gann aig a chuid mhor de na tuathanaich fo cheann mios no dha air ais. Bha am barr gle aotrom ach thionndaidh e a mach moran gràin. Tha an gràn gu math saor. Tha coirce areic air son 23c. am buiseal, peasair 56c., agus cruithneachd 70c.; tha fiar suas ri deich dolair an tunna. Chaneil am buntàta cho lionmhor agus a bha e air a bhliadhna chaidh seachad, ach tha e gle mhath air a shon sin. Tha biadh gu leor anns an tir air son duine agus ainmhidh a gheamhraidh agus fad na bliadhna.

Tha feadhainn a fàgail an àite so agus a dol gu dùthchannan fad as a shireadh am fortain, ach feumaidh sinne a tha mi-chomasach air falbh a bhi toilichte le ar staid aig air dachaidhean an so.

Bha an t-Urr. Maighstir Mathanach ag innseadh dhomh gun robh e ann an oifis a MHAC-TALLA an uair a bha e air falbh air a thurus don dùthaich anns an do rugadh e. Tha Maighstir Mathanach a tighinn air adhart gu mathsa Ghàilig on a thainig e do Phriceville. Tha e searmonachadh ceithir uairean a h-uile Di-domhnaich agus tha sin gu math trom air, ach tha e òg, làidir fhathast.

Bidh anelectionagainn an so air an t-seachdamh la de Nobhember. Tha an Dotair Landerkin aruith air son naodh bliadhna fichead. Chuir e stigh tri bliadhna ficheadsa phàrlamaid cheana, agus tha sinn an dòchas gu faigh e stigh a ris air an àm so.

Bha an fhéill bhliadhnail air a cumail againnsa bhaile so air an darna latha deug de October. Bha moran sluaigh cruinn, oir bha latha blath, briagha aca air son an aobhair. Tha an cleachdadh a bha measg dhaoine fo cheann bhliadhnachan( ’s e sin a bhi gabhail deoch laidir) a dol air ais, agus chaneil na h-uireadga gabhal a nis ged tha cuid dona gu leor fhathast. An car a chaidhsa mhaide nuair a bha e òg tha e duilich a thoirt asnuair tha e air fàs crionta agus tioram. Tha moran a deanamh amadain dhiubh fein leis an deoch a bhiodhnan daoine gasda nan seachnadh iad e.

Chaidh am muileann flur againnsa bhaile so ri theine o chionn mios na dha, agus tha sinn a nis gun mhuileann idir.

Chaneil mi dol a sgriobhadh a chòrr an drasda, agus bidh mi a gealltuinn a bhi nis dleasdanaiche ann a bhi cur naigheachdan gur n-ionnsuidh anns an àm ri teachd na bha mi roimhe so, ma bhios mi gu maith. Tha dochas agam gum bi muinntir a cur naigheachdan gur n-ionnsuidh as gach cearna den t-saoghal. Slan leibh an trath so.

Is mi ur caraid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Oct. 19, 1900.


Tha e toirt deagh mhisneach dhuinn a bhi faicinn ar càirdean cho eudmhor a thaobh luchd-gabhail MHIC-TALLA a chur an lionmhorachd. Tha dòchas againn gum bi iad uile dhen aon inntinn, agus nacheil duine aig am bheilainm air ar leabhraichean nach cuir a stigh ainm ùr romh cheann na bliadhna. Chaneil an ùine ach goirid, agus chaneil latha ri chall. Tòisicheadh iad uile gun dàil. Tha sinn aig an àm so a toirt tairgse dar luchd-gabhail a tha sinn a smaoineachadh bu chòir brosnachadh mor a dheanamh orra gu luchd-gabhail ùr fhaotainn. Chithear an tairgse sin air taobh eile dhen àireamh so.


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[133]

[Vol . 9. No. 17. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Am bheil thu dol a dhfhaighinn fear-gabhail ùr no dha don MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthair a chumail suas.

Thatar ag radh gu bheil rim faicinn bhar an rathaid mhóir eadarBroad CoveusPort Hood,seachd fichead sabhal a bha air an leagail leis an stoirm a bhann air an aonamh latha deug dhen mhios. Rinn i sgrios mor an cois a chladaich an iar, agus tha call mor air a chur air na tuathanaich.

Fhuaireadh fear Abram Guthro, a mhuinntir Frenchvale, marbh air an rathad-iaruinn faisg air mèinn an Reserve, maduinn Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha e gle bhodhar, agus thatar dhen bharail gu robh e coiseachd an rathaids gun dthainig an carbad air gun fhios da. Bha a chorp air a dhroch mhilleadh. Dhfhàg e bean agus àireamh de chloinn.

Bha an t-Urr. Alasdair S. Mac-Neill, ministear Orwell, E. P. I., beagan lathaichean aig a sheann dachaidh an Orangedale o chionn ghoirid. Thainig àireamh de chàirdeans de luchd-eòlais air chéilidh air aon fheasgar mun dfhalbh e, agus thug iad còta béin mar ghibht dha fhéin agus sporan airgeid dha mhnaoi, mar sin a nochdadh am mor spéiss an deagh dhùrachd do chompanach an òige.

O chionn da bhliadhnair ais, bha ceathrar Eadailteach air am marbhadh ann an iorghuill a dhéirich ann am baile Tallaluh, an stàit Louisiana. Cha deachaidh duine thoirt gu ceartas riamh airson a ghniomh sin, oir bha gràisg lionmhor ma thimchioll, agus bha lamhan luchd a cheartais tuilleadh us lag air son an cur an greim. Tha nise ceann-suidhe nan Stàidean, Uilleam Mac Fhionnlaidh, a cur roimhe iarraidh air àrd-phàrlamaid (no Congress) na dùthcha, an ath uair a shuidheas i, suim airgeid a chur air leth air son teaghlaichean nan daoine sin. Tha riaghladh na h-Eadailte, riamh on chaidh am mort a dheanamh, a tagradh air son ceartais dan luchd dùthcha, ach gu ruige so cha deachaidh ni sam bith a dheanamh.

Tha strike nam mèinneadairean ann am Pennsylvania gu ire bhig seachad. Di-luain sa tighinn, mur teid ni sam bith cearr, roimhe sin, bidh na mèinnean uile ag obair an lan neart. Fhuair na daoine gach ni air sonn do sheas iad a mach. Chaneil teagamh nach en taghadh a bhi cho faisg air laimh is coireach ri cùisean a bhi air an réiteach ann an ùine cho goirid. Is Republicans iadsan leis an leis na mèinnean, agus nan diùltadh iad iarratusan an luchd obrach as is as, chailleadh aphàirtidh sin bhòtaichean nam mèinneadaireans luchd-obrach eile anns gach cearna dhe na Stàidean, agus bfhearr leotha call mor airgeid fhulang na sin a thachairt. Chaneil teagamh nach robh sinsan amharc aig na mèinneadairean an uair a sheas iad a mach.

Chaidh aona mhac Aonghais Mhic Fhionghain, ’sa Mhèinn a Tuath, aois da bhliadhndeug, a mharbhadh air dòigh ro-mhuladach Di-màirt sa chaidh. Bha e draibheadh ann an cairt, agus dhfhuasgail am bocsas bha esan air a thilgeadh dhith. Bhuail a cheann air cloich, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean.

Chaochail an Dotair Michael A. Domhnullach anns an tigh-eiridinn ann a Halifacs, feasgar Di-dònaich sa chaidh. Bha e air a thiodhlacadh ann an Sidni Di-ciaduin. Bhuineadh e donC. M. B. A.” agus lean buill achomuinn sin an giùlan dhionnsuidh a chladha. Bha e 51 bliadhna dhaois. Rugadh e aig Amhuinn Dhennis, agus bha ena dhotair anns abhaile o chionn àireamh bhliadhnnaichean. Bu bhràthair e don t-Senator Dhomhnullach ann an Glace Bay. Dhfhàg e bantrach agus moran chàirdean.

Ann an stàid Kansas tha en aghaidh an lagha bhi creic tomhas sam bith de dheoch làidir. Bha duinair fhaotainn ciontach o chionn ghoirid, airn do chuireadh ùmhladh $4 ,900, a bharrachd air naodh miosan fichead priosain. Cha robh airgead aige gus an t-ùmhladh a phàigheadh, agus mur dean aon dechàirdean cobhair air, bidh aige ri da latha chur a stighsa phriosan air son gach dolair, agus cumaidh sin e air cùl nan uinneagan iaruinn fad ochd bliadhna fichead. Chuirte feum air lagh agus peanaistean dhen t-seòrsa so anns an dùthaich so, ’s gu h-araidh ann an Sidni.

Ann an siorrachd Inbhirnis, tha triùir a ruith air son na h-àrd phàrlamaid, —an Dotair Mac-Gill-fhinnein, a bhasa phàrlamaid re nan ceithir bliadhna chaidh seachad, agus Somhairle Mac-Dhonuill, noSam,” mar a theirear ris gu cumanta, liberals, agus an Dotair Camaran, conservative. Ann an siorrachd Victoria, tha an t-Onarach Uilleam Ros, liberal, agus D. A. Mac-Ascuill, conservative, a ruith. Ann an siorrachd Cheap Breatunn, an Dotair Kendall us Alasdair Johnston, liberals, agus Sir Tearlach Tupper agus Eachunn F. Dùghlach, conservatives. Agus ann an siorrachd Richmond an da EosephEoseph Mathanach, liberal, us Eoseph A. Gillios, conservative.

Thachair gnothuch iongantach ann an Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh. Thainig fear Dùghallach, o nach dfhuaireadh sgeul o chionn faisg air deich bliadhna, dhachaidh, agus fhuair e a bhean a dhfhàg e aig an tighnuair a dhfhabh e pòsda aig fear eile. ’S ann a leantuinn na mara a bha e, agusnuair nach cualise guth uaithe fad na h-ùine bha e air falbh, bha i cinnteach gu robh e air a bhàthadh. Ach cho luathsa thainig e, ’sa dhearbh e gu robh e beò, slàn, dhfhalbh i comhla ris, afàgail an fhir eile leis fhéinsan dachaidhsn do chuir iad seachad iomadh latha sona an comunn a chéile. Ged a bha daoineilecumail an latha thachair so mar latha taingealachd, ’ses dòcha nach robh moran de spiorad na taingealachd an cridhen fhir sin, a bha air fhàgail na bhantraichsa bhean fhathast beò.


Stor nan Sutharlanach
an stor as fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.

Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sinDEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Chan fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.

DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
sa tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha acheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.

H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[134]

[Vol . 9. No. 17. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 131).

feum an àirm. Nuair thòisich muinntir abhaile air gearan gun robh achìs sin tuilleadh as trom, thuirt cuid dheth na Gàeil gur ann bu chòir dhaibh a bhi taingeil a chionn nach fac iad an taighean a doln an lasair mun cluasan.

Air madainn an tri-amh latha fichead den mhìos chaidh am Prionnsagus achuid eile dheth an àrm suas gu Nithsdale agus chuir en òidhche sin seachad ann an Druim-Lannraig an taigh Dhiùc Queensberry; chaidil am Prionnsa féin anns an leabhaidh stàta; agus laidh iomadaidh dheth na daoine air seidein connlaich air ùrlar cuid de sheòmraichean an taighe.

Air an ath mhadainn dhfhàg am Prionnsa Druim-Lanraig agus ghabh e-féins an t-àrm an t-slighe gharbh thar Dala-bheinn gu Dail-Chluaidh le rùn triall do Ghlasacho, chuir en òidhche sin seachad ann an lùchairt Dhiùc Hamilton, chaith echuid mhor dheth an ath latha ri sealg ann am pàirceachan séilg an duin’ -uasail sin.

Air madainn an ath latha ghabh an t-arm tro bhaile beag ris an canair Lesmahàgo sios gu Glasacho agus bann air eiginn a chùm am Prionnsa na Gàeil bho theine chuir ris abhaile a thaobh mar a ghnàthaich iad Tighearna Chinn-Loch-Mùideart air dha bhi gabhail tro na bhaile sin air a thuras do Shasuinn. *

Thriall iad an sin gun stad do Ghlasacho, be muinntir abhaile sin a bfhaide sheas a mach an aghaidh Thearlaich a bhan Albainn gu léir. Am feadhsa bhan t-arm Gàelach ann an Sasuinn thog muinntir Ghlasacho cheud diag fear gu seirbheis Dheòrsa. Air latha Nollaig dhinndrinn achiad chuideachd dheth na Gàeil baile Ghlasacho, agus air an lathairn-a- mhàireach thàinig am Prionnsa féin a steach leis achuid eile dheth an armailt. Bha na Gàeil mun am so an deigh astar chùig ceud agus cheitheir fichead mìle a dhuidhe a choiseachd ann an ùin dha-fhichead lathasa sia-diag, ged a bha iad iomadh latha dhiù sin nan stad.

Bhan armalit mun àm so air dol gu tur ù uidheam, bha nise mhìos bhon a dhfhàg iadTir nam beanns nam breacanas bhan éideadh mar bu dha bhi air call amhaises adhath le sion as doireann as droch ghiullachd eile; bham brògan air diobairt agus an osanan air caitheamh; ach cha robh am Prionns a bheag a dh-ùin ann an Glasachonuair a chuir e seòl air an armailt a chur ann am bròd uidheam; thug e air muinntir abhaile gun do sholar iad 12,000 leine, 6000 cota-gearr, 6000 daothain bhròg, agus an àireamh chianda de dh-osanan. Chuir e sin fios air Proaist abhaile agus air dha thighinn da ionnsaidh dhiarr e air ainmeanan na feaghnach a bha togail feachd na aghaidh a thoirt suas , oir neo gun crochadh se e cho àrd sa chuireadh maidean edhfhreagair am Proaist gu dànanach ainmaicheadh e duine sam bith ach e-féin: agus nach buabhas leis idir am bàs fhulang air son gnothach co iomchaidh agus cho ceart.” —Co-dhiubh thug Tearlach air a Phroaist gun do phàidh e cis 500 Pund-SasunnachThug e mar an ciandair muinntir Phaislig gun dioc iad cìs 500 Pund-Sasannach agus dhioc Rinn- fraoich* agus na bailtean eile ma thimchioll Ghlasacho an cìsean féin. Mun àm so dhàireamh càirdean Rìgh Deòrsann an Glasacho armailt Thearlach, agus mheas iad i bhi ma thuaream 3600 coisiche agus 500 marcach.

*Air do Thighearn og Chinn-Loch-Muideart a bhi pilleadh do Shasuinn, an deightheachdaireachd bho na Prionnsa gu Sir Alasdair Mac-Dhomhnuill, agus gu Mac-Leoid Dhun-bheagain a chur an ceill. Ghabh e fein agus a ghille mar ath-ghorid a chum na criche Sasunnaich tro Lesmahago. Bha beadagan de sgoileir og dam bainm Linnings anns abhaile sin a chunnaic Tighearna-Chinn-Loch-Muideart ann an Duneideann, agus air ball dhaithnich e gum be a h-aon dheth na h-oifigich Ghaelach; a chunnaic e maille ris aPhrionnsaann an Duneideann, chaidh e air ball agus chruinnich e muinntir abhaile, thug cuid dhiu leo seanna mhosgaidean glagach: cuid eile gobhlagan aolaibh! agus ghearr iad aithghearra-talmhuinn air an Domhnullach choir, agus dhiath iad ma thimchioll. ’Nuair a chunnaic gille an Dhomhnullach am prabar a nochdadh mi-mhodh da mhaighstear chuir e dha na thri de ruagairean na ghunna chum cuid aca thoirt gu talamh, ach cha do cheadaich a mhaighstear dha sin a dheanamh; thuirt e gum bu roghnaiche leis geilleadh na duine dheth na ghraisg a mharbhadh, agus dhfhuilig e dha na phrasgan thruagh so a ghiulan gu Caisteal Dhuneideann, anns an deach a chumail na phriosanach, gus an deach a thoirt maille ri priosanaich eile gu Carlisle chum a chur gu dith!

*Renfrew .

(Ri leantuinn.)


Tha luchd nam politics a nise nan làn uidheam ann an Canada. Tha an fheadhainn mhóra a liubhairt òraidean anns na bailtean as mothas anns na h-àiteachan as neartmhoire air feadh na dùthcha, agus tha an fheadhainn bheaga adeanamh an dichill anns na bailtean as lughas anns na h-àiteachan iomallach leth-oireach. Tha Sir Wilfrid Laurier us Sir Tearlach Tupper acur seachad an ùine gu h-iomlan eadar Cuebec us Ontario. Cluinnear gu tric o gach taobh gu bheil iad cinnteach á buaidh, achse lathan taghaidh a dhinnseas le firinn co dha bu chòir a bhi cinnteach. Cha leig duine onarach sam bith a leas mor iomguin a bhi air a thaobh cian taobh a tha gu bhi stigh. Thoireadh e a bhòt do na daoine a ni, ’na bharail-san, gnothuch ceartnuair a gheibh iad ann an ùghdarras, agus tha a dhleasdanas deante, biodh an duine no a phàirtidh dan toir e a bhòt a muigh no stigh air lathan taghaidh. Iadsan a tha daonnan deònach air bhòtadh le duine no le pàirtidh a chionn gu bheil iad cinnteach gum bi iad a stigh, chan ann air son math an dùthcha a tha iad ag obrachadh, ach air son am math fhéin.

Thachair sgiorradh air an rathad-iaruinn air eileanVancouver , B. C. ,o chionn beagan us mios air ais leisn do chaill ceathrar den luchd-turuis am beatha. Fhuaireadh aon de sheirbhisich an rathaid ciontach de bhi dearmadach mu dhleasdanas aig an àm agus thugadh naodh miosan priosan dha.


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.



[135]

[Vol . 9. No. 17. p. 7]

Tairgse Mhaith.

S fhiach MAC-TALLA dolars a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhen phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:—

Neach sam bith nach eil am fiachan don phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1 .50 air a chur thugainn aig a toiseach.


Tha coig ceud deug de ghabhaltaichean ùra a dhith oirnn romh dheireadh na bliadhna. Am faigh sinn iad? Gheibh, ma ni na Gàidheil an dleasdanas, agus tha sinn acreidsinn gun dean. Ni a chuireas na Gàidheil rompa, theid a dheanamh, neo bidh fhios carson.


Iadsan a Phaigh.

Murchadh Domhnullach, Ceap Nor.
Anna Chaimbeil, Ceap Nor.
Coinneach Mac Leoid, Ceap Nor.
Domhull MacGilleain, Glace Bay.
Niall H. Domhnullach, Glace Bay.
Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien.
Ailean Domhnullach, Amhuinn a Bhradain.
T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch .
H. C. Mac AidhMalagawatch .
Cailean Caimbeal, an Amhuinn Mheadhnach.
Mairi B. Dhomhnullach, S . W. Margaree.
Gilleasbuig Gillios, Gleann nan Sgiathanach.
Callum Siosal, Brook Village.
Iain R. Caimbeal, Jamesville .
An t-Urr. Niall Mac Mhuirich, Loch Ainslie.
Tearlach I. Mac Aonghais. Loch Ainslie.
Iain A. Mac Cuthais, whitney Pier.
Ailean Mac Leoid, whitney Pier.
An t-Urr. A. Mac-a- Phearsain, Bay St. Lawrence
G. D. Mac Eachairn, na Narrows Mhora.
Seoras Mac Neacail, Cobh, a Bhiobhair.
A. G. Mac Gilleain, Sidni.
Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake.
Steaphain N. Mac Fhionghain, Shunacadie .
Domhull E. Mac Neill, Benacadie .
Micheal S. Mac Neill, Gleann Bharra.
Aonghhs Mathanach, Gut a Tuath.
S. D. Mac-Dhuibhi, Gleann Uilleam, E. P. I.
An t-Urr. C. Mac Coinnich, Halifacs, N. S.
Ailean Mac Gilleain, Halifacs, N. S.
Aonghas Sutharlan, Elmsfield . N. S.
Alasdair H. Sutharlan, Diamond , N. S.
Bean D. Dhomhnullaich, Glen Road, N. S.
Iomhar Mac Cuinn, Stayner , Ont.
Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont.
H. A. Mac Ille-mhaoil, Finch , Ont.
Mrs. Nic Leoid, Southampton , Ont.
D. Mac Cuthaig, Abbottsford . B. C.
Eachunn Dughlach, Exeter , N. H.
Iain G. Mac Eachuinn, Woburn , Mass.
Bean Sheumais Dhomhnullaich, Winchester .
A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala.
Mrs . C. B. Fox, Boston, Mass.
Robt. Turnbull, Bourke, N. S. Wales.
A. V. Mac-Gillebhrath, Seana Bhridgeport.
Donhull Mac-Gilleain, Sruileigh.
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Bean I. D. Mhic-Gillebhrath, Allt a Bhailidh.
Dunnachadh Domhnullach, Sault Ste. Marie.
Mairi B. Nic-a- Bhiocair, Enon.
Bean Aonghas Dhomhnullaich, Enon.


POSADH.

Anns a Mhansa, aig Loch Ainslie, air September 20, leis an Urr. Niall Mac Mhuirich, Parmena Waters, a Hogomah, ri Seonaid A. Nic-Aidh Scotsville, C. B.


BAS.

An deigh tinneas fada, air a ghiulan le mor fhoighidin, chaochail Seonain Nic-Aidh air la na Sabaid, October 7. Bha an tiodhlacadh ann air an ath Dhi-mairt, agus bhan t-seirbheis air a cumail leis an Urr. Niall Mac Mhuirich, ministeir Loch Ainslie. Bha i air a tiodhlacadh ann an cladh Loch Ainslie aig an eaglais.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh leIain,” ughdarTaigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoinetha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul as fhearr a sgriobhIainfhathast. Tha ina sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i.


Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAIN DI-CIADUINS DI-HAOINEA Sidni, 6.30 p. m., 8.00 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.

DI-MAIRT DIOR-DAOINS DI-SATHARNAA Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.



[136]

[Vol . 9. No. 17. p. 8]

Oran Stuamachd.

Leugh mi an nisgriobhF. O. S.” anns a MHAC-TALLA muol na bliadhnan uiridhanns na tri rioghachdanAlba, ’s Eirinn is Sasunn. Tha mi cur maonta ris na h-uile facal a labhair e. Is fior, da rireadh, gu bheil misg is mi-bheus afalbh an cuideachd a cheile mar is trice; gu bheil buaidh a chum uilc aig an deoch laidir thairis air gach aon a thanan traillean dhi. Tha na rainn a leanas air an cur ri cheile fo bhuaidh na smuain a dhuisg na briathran ud an inntinn
AN SGRIOBHADAIR.

FONN:—
Sud agaibh an deoch a dholainn,
Fior uisge fallain nan lointean.

Deoch de dhuisge glan an fhuarain,
Tha gun truailleadh no fotus.
Sud agaibh an deoch, &c .

An t-uisge ni bhon charraig srùladh,
S tric a dhuraich e mo threoir dhomh.

S mor gur fearr nafeadan truailte
Thig na chuaich bho bhraich an eorna.

Cha be uisge beathach bàis e;
S truagh an àireamh a than toir air.

S mor mo thruas ri cor a mhisgeir,
S iomadh trioblaidbheir an t-ol air.

Sgriosaidh e do chorpus danam;
S fearr duit dealachadh ri dbheo ris.

Slaodaidh e do chuids do chliu bhuait,
Bheir e na crùin as do phocaid.

Fagaidh e gun dreach gun tuar thu,
Ni e truaghan bochd gun treoir dhiot.

S falamh, lom a dhfhasas dfhardaich;—
Seasgair, blath bidh tigh an osdair.

Bidh do thigh gun bhiadh gun annlann,
Bidh do chlann air bheagan comhdaich;

Bidh do bhean gu tric an uaigneas,
Caoidh gur truagh i rinn do phosadh;

Bidh tu fhein a dchulaidh bhurta
Lachdunn, luireachail do chota.

Muinntir eile greimeil, gniomhach,
Modhail, rianail mar bu choir dhaibh.

Thusana damadan faoin
A cosg le daoraich do chuid storais.

Bheiream comhairlort le durachd
Thu chur cul ri obair ghorach.


Sliochd Lachainn Fhinn.

Bha Lachainn Fionn a fuireach ann an Heinis, an Tireadh. Bu mhac e do Dhomhnall Dubh a Chaisteil; agus be Domhnall Dubh mac Eachainn na Blàthaich, mac Eoghainn Airdghobhar, mac Dhomhnaill Airdghobhar, mac Lachainn Bhronnaich, triath Dhubhairt, mac Eachainn Ruaidh nan Cath a thuit ann am blàr Harlasa bhliadhna 1411. Bha Lachainn Fionn na dhuine doirbh gu leoir. Ma chreidear gach naidheachd a dhinnsear uime cha chuireadh e moran dragh air a dhol a null do dh-Eirinn a ghearradh a chinn de namhaid. Be Tearlach Mac-Gilleain an Tireadh mac Lachainn, mhic Dhomhnaill Oig, mhic Iain, mhic Eoghain, mhic Lachainn Fhinn. Bha triuir chloinne aige, Lachainn, Iain, agus Mairi. Be Gilleasbuig Laidir mac Lachainn, mhic Thearlaich. Be am Bard Mac-Gilleain ogha Iain mhic Thearlaich. Agus be Dùghall Mac-Eacharn ogha Mairi nighean Thearlaich. Bha Gilleasbuig Laidir na bhard math agus bha Dùghall Mac-Eacharn faisg air cho math ris fein. Tha e soilleir gun robh a bhardachd a ruith ann an sliochd Thearlaich Mhic GilleainTearlach mac Lachainn mhic Dhomhnaill Oig.

Phòs Ailein Mac-GilleainAilein mac Iain mhic Thearlaichogha do Niall Mac-Laomuinn, bard Tiristeach, agus bha ceithir mic aige, Domhnall, Iain, Tearlach, agus Niall. Dheanadh Domhnallris an abairteadh Domhnall Cùbairduanagan aotrom. Be Iain am Bard Mac-Gilleain, agus a reir coltais thainig a bhàrdachd ann bho na Leathanaichs bho Chlann-Laomuinn. Phòs Niall, an ceathramh mac aig Ailein, Mor Dhomhnallach, agus bha naoinear chloinne aigeMairearad, Anna, Niall Og, Tearlach, Iseabal, Catriona, Fionnaghal, Mairi agus Seumas. Bha Anna pòsda ri Lachainn Mac-Gilleainsa Chaolas, agus bha Mairi pòsda ri Lachainn Mac-Gilleain an Urbhaig. Bha mac aig Anna dom bainm Niall, agus bha mac aig Mairi dom bainm Iain. Tha Niall ann an Glaschu, agus e a seinn gu sgairteil. Is e a rinnOran a Cheilidh.” Bha Iain na dheagh bhàrd, ach cha bheo an diugh e.

Nuair a leugh Iain Chailein Oran a Cheilidh chuir e a chriomag a leanas ris:—

Fhir a rinn oran a cheilidh
Dhinns thu gle mhath dhuinn na baill leat;
Nionagan bhith tighnn don choinneamh
As gach eilein agus bàgha.

Ach chan fhaic mi anns a chòmhlan
Te a Ilen fheoir ghuirm alainn;
Chuir na Duibhnich as an tir sin
Siol nan righrean dhan robh Ghaidhlig.

Dhionndraich mi Morag a Muideart,
Chuireadh sunnd fo orain Thearlaich,
S Alasdair a cur na cluais
Mar luaidheadh i clòth ruadh a mhàdair.

Cha robh ann a Lochabar,
Dhaithris Iain Luim no Nic-Raill,
Domhnall Dona no Fear na Ceapaich,
Ged bu deiseil dhaibh an dànachd.

Tha e soilleir gu bheil bàigh aig Iain Chailein ri Clann-Domhnaill, agus gu bheil sgil mhath aig air òrain a chur ri cheile.

G.


Ann anJersey City,toiseach an t-samhraidh, rinn duinòg, aois naodh bliadhndeug, a chompanach fhéin a mhort air son a chuid airgeid fhaotainn. Bha an gniomh uamhasach sin air a dhearbhadh air, agus thugadh am mach a bhinn bu chruaidhe dhfhuilingeadh lagh na stàite, ’se sin deich bliadhna fichead dhen tigh-obrach. Cha do chuir a bhinn taiseachadh sam bith air an òganach aingidh so; bha e miananaichsa gàireachdaich fhadsa bham breitheamh a labhairt ris.


CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH

Tha sinn acreic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.

Do Ghillean do Dhaoines do Chloinn.

Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tighnn a stigh.

H . H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dhan stor againne chi thu gur ann againn a than stoc Chlocaichean as motha thasa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.

Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.

Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 17
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 17. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page