[Vol . 9. No. 18. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACHD
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 2, 1900. No. 18.
UAIR ’SA BHLIADHNA.
O BHEURLA REGINALD GOURLAY.
Is ann air an dòigh so a thainig mo charaid, Domhull Mac-an-Tòisich, fear-lagha Gàidhealach, air an do chuir mi eòlas o chionn fhada, agus air an robh mor mheas agam air son a gheur-thuigse ’sa dheagh bheusan, thairis air an sgeul neònaich a tha mi nise ’dol a chur air paipear. Faodaidh mi radh anns an toiseach gu ’n d’ thug m’ eòlas air nàdar suidhichte an duine ’s air na beachdan a bha e ’g altrum orm an sgeul a chreidsinn, agus gu ’n d’ rinn i drùghadh nach bu bheag air m’ inntinn.
Bha sinn a smocadh ar pioban anns an t-seòmar bheag anns am bithinnsa ri mo chuid sgriobhaidh us ionnsachaidh, aon oidhcbe o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, ’nuair a thionndaidh an còmhradh gu moirt dhiomhair a rinneadh o àm gu àm roimhe sin ann an caochladh chearnan de na-Stàidean, agus gun fhios gu ruige ’n uair sin co a rinn iad, ni, gu dearbh, a tha fior a thaobh cuid dhiubh.
Air dhuinn a bhi ’g aithris mar a dh’ fhairthlich gach innleach us seòl a chleachd luchd a cheartais gus na mortairean a lorgachadh, thachair dhomhsa radh “gu faodadh e bhith nach robh darna leth nam mort a bha air an cur an gniomh ’s an dùthaich air an toirt am follais, agus nach robh radh am measg an t-sluaigh bu lugha b’ airidh air creideas a thoirt da na sin a bha cur an céill nach gabhadh mort cumail am falach.”
“Cha ’n ’eil mi cho buileach cinnteach á sin,” arsa Mac-an-Tòisich. “Faodaidh am mortair dioghaltas dhaoine a sheachnadh; ach ’si mo mhor-bharail gu bheil tomad mhath de ’n fhirinn anns na briathran a sgriobh an t-ùghdar ainmeil Tearlach Dickens: ‘Na smaoineachadh neach sam bith gu bheil mortairean a dol as o cheartas, agus gu ’m faod am Freasdal a bhi air uairibh a’ cadal. Tha iomadh fichead bàs pianail ann an aon mhionaid de dh’ eagal dòruinneach a mhortair.’ Agus bha ’n t-eagal dòruinneach so,” ars’ esan, “air aobharachadh le oillt a chuireadh le cumhachd os ceann nàduir, cha b’ ann air inntinn lag no fhaoin bheachdail, ach air inntinnBill Sykes,aon de na ciontaich bu lugha mothachaidh ’s bu bhrùdeile gnè.”
“Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil thu ann an tomhas ceart, a dhuine,” arsa mise, “ged is iongantach leam fear-lagha agus duine gleusda, tuigseach, a chluinntinn a labhairt mar sin. Tha fhios agad fhein na ’s fhearr na th’ agamsa, gu bheil a chogais air a mùchadh ’s air a marbhadh buileach glan anns an àireamh a’s motha de na ciontaich. Tha eadhon am bàs a’ faotainn cuid dhiubh le cogais cho mùchte ’s cridhe cho cruaidh ’sa bha iad latha riamh. Tha mi fhéin a creidsinn gu bheil a chogais gu mor a reir nàdair an duine.”
“Dh’ fhaodte gu bheil a thaobh nam peacaidhean a’s lugha,” arsa Mac-an-Tòisich gu smaointeachail air a shocair, “ach a thaobh moirt agus droch ghniomhrran eile, tha mi dhe ’n bharail gu bheil buaidh eigin ag obrachadh air an duine o’n taobh a muigh; ni-eigin a tha air a cheadachadh.”
“So, so,” arsa mise, ’s mi deanamh gàire, “am bheil thu ’dol a dh’ innse dhomh gu bheil thu a toirt céill do ’n fhaoin-chreideamh a bha measg dhaoine o shean, gu bheil spiorad an fhir a chaidh a mhort daonnan air tòir a mhortair gus an toirear gu ceartas e?”
“Ged is e faoin-chreideamh a their thusa ris,” arsa Mac-an-Tòisich, “tha fhios agad gu bheil e air fhaotainn am measg gach seòrsa sluaigh agus cinnich, agus cha bhiodh sin mar sin gun tomhas mor de ’n fhirinn a bhi ann. Bha mise uair dhe ’n cheart bheachd riut fhein mu na nithean so; ach àireamh mhath bhliadhnaichean air ais thainig cùis f’ am chomhair gu pearsanta, cùis neonach agus uamhasach, a thug orm mo bheachd atharrachadh gu tur. Cha d’ thug mi iomradh riamh air ri neach sam bith, eadhon riut fhein, an caraid a’s fhearr a th’ agam—bha iomadh aobhar air a bhi ’ga chumail ’an cleith. Ach tha gach aon ris an robh ’chùis a beantuinn a nise marbh, agus cha dean e cron sam bith iomradh a dheanamh air. Tha an sgeul ro-iongantach, agus thoir fa-near, cho fior ’s cho uamhasach ’s nach mor nach ’eil eagal orm a h-aithris eadhon dhutsa. Am bu mhath leat a cluinntinn?”
“Gabh romhad!” arsa mise.
“Mu thoiseach a mhios Màigh, ’sa bhliadhna 1871,” arsa Mac-an-Tòisich, “bha mi air mo thurus dhachaidh, an deigh a bhi ag iasgach bhreac an ceann a tuath Chuebec, do bhaile beag Frangach as an d’ fhalbh mi do ’n choille, agus as an robh mi ’cur romham tilleadh do bhaile Chuebec. Bha aon fhear-iùil agam còmhla rium—Francis Le Maitre, tuathanach Frangach, mar a bh’ anns gach aon de luchd-àiteachaidh na cearna fàsail anns an robh mi, duine còir, modhail, mar a th’ annt’ uile. Bha sinn mu ochd mile on bhaile mu dhol fodha na gréine, agus air dhuinn a bhi gle sgith a tarruinn a chanù far an robh easan no uisge tana ’s ag iomradh an aghaidh an t-sruth làidir, dhragh mi-fhéin us Francis an canù gu tir, thagh sinn àite math réidh agus champaich sinn.
Bha dubh-thràth na h-oidhche ann mu ’n d’ fhuair sinn ar bùth a chur suas ’s ar suipear a ghabhail, ach bha Francis, a bha ’n aghaidh dhuinn a dhol air tir anns an àite idir, a nise air son sinn a leantuinn ar turuis. Chuir so ioghnadh nach bu bheag ormsa, oir bha a chuid dhe ’n abhainn a bha eadar sinn ’s am baile làn easan us thanalaichean, agus cha b’ urrainn dhuinn an t-slighe dheanamh anns an dorchadas gun ar beatha chur an cunnart. Ach bha esan air son falbh a dh’ aindeoin cunnairt, agus ’nuair a dhiùlt mise as us as feuchainn ris a bhaile thoirt a mach gu maduinn, bhrist e mach gu cas ag radh, “Fàgamaid an t-àite so co-dhiù.”
Cha b’ urrainn dhomh a thuigsinn ciod a b’ abhar dha a bhi cho diorrasach gus an t-àite fhàgail; ged a thuirt e rium mu dheireadh, an deigh dhomh a cheasnachadh gu mion, gu robh droch ainm dhe ’n àite, ’s nach robh e cneasda bhi fuireach ann. Dh’ fheuch mi ri tuilleadh fhaotainn uaithe, oir bha mi fiosrach air saobh-chreideamh nan daoine simplidh a bha ’n ceann a tuath Chuebec, agus bha amharus agam gu robh ni-eigin a b’ fhiach fhaotainn a mach air chùl an eagail a bha e nochdadh. Ach ged a bha e an-fhoiseil agus fo eagal, cha robh e dol a dh’ innse ciod a b’ aobhar, agus mu dheireadh dh’ fhàs e dannara ’s chaidh e do ’n bhùth far ’n do dhùin e e-fhéin a stigh mar gu ’m biodh eagal air a bhi ’faicinn an àite ’san robh sinn.
’Nuair a bha e ’ga shuaineadh fhéin anns na plaideachan, chuala mi e ’bruidhinn gu h-iosal ris fhein. “Cha bhithinn cinnteach,” ars’ esan, “nach fhaigheadh mo mhaighstir ann an coilltean St. Rémi ni a bhios moran na’s miosa na bhi dol troimh easan na h-aimhne ’san dorcha.”
Thuig mi gu robh rud-eigin a’ cur eagail a chridhe air an duine, agus thug mi mathanas dha air son e bhi cho dannara rium; oir bha Francis ’na dhuine treun, modhail, agus ’na shàr fhear-iùil. Mar sin leig mi leis, las mi mo phiob, agus choisich mi sios taobh na h-aibhne ri solus na gealaich, ’ga fhàgail-san gu dhol a chadal na ’m b’ urrainn dha cadal a dheanamh. Bha mi mu chairteal na h-uarach am sheasamh ag amharc air bòidhchead na h-aimhne, ’s an fhàsaich chreagaich, choilltich a bha ’n taobh thall dhith, ’nuair a chuala mi cnacail am bun nam preas shios aig an abhainn, agus roladh chlach, agus ann an tiotadh sheas mu m’ choinneamh air a’ chnocan bheag reidh air an robh mi—duine.
Bha solas na gealaich a dearrsadh gu boisgeil timchioll orm, agus ’nuair a thainig e am fagus domh bha mi ’ga fhaicinn gu soilleir. Bu tuathanach Frangach e, a reir gach coltais a mhuinntir na sgire, air a chòmhdach ann an aodach dùthcha, agus ghluais e roimhe mar neach a bhiodh eolach air an t-slighe ’sa bhiodh air cheann gnothuich. Chuala tu am facal a th’ aca ’s na h-àiteachan cùil, “Is caraid gach duine ’sa choille;” thug mise mar sin ceum a null far an robh an coigreach gus fàilte chur air, agus an sin chunnaic mi ’aghaidh. Cha b’ aodann duaichni idir e— ’s ann a bha coltas gle thuigseach air de dhuine dhe sheòrsa; ach bha ni na ghnùis a bheireadh ort a thaghadh á measg mhiltean. Bha coltas oillt ann, ach os ceann gach ni eile, bha mar gu ’m faiceadh tu dùil eagallach ri uamhas a bha gu tighinn, agus mar an ceudna coltas a bhi làn shuidhichte air an ni sin a choinneachadh. Dh’ fhàg a choltas mi ann an suidheachadh inntinn nach robh fada bho eagal, ged a bha mi aig an àm cheudna a’ gabhail truais ris an duine. Bha mi anns a cheart shuidheachadh - inntinn uair eile, eadar a bhi gabhail gràin agus truais de mhortair a chunnaic mi ’ga thoirt a mach gus a chrochadh, ’sa mhisneach air a threigsinn a dol an coinneamh a bhàis nach robh a neart comasach air a ghiùlan.
Thilg mi dhiom na faireachduinean sin co-dhiu, agus bhruidhinn mi ris an
[Vol . 9. No. 18. p. 2]
duine. “Tha oidhche bhriagh’ ann, a charaid; tha thu anmoch ris a choiseachd, agus on tha ’n camp’ agamsa dlùth air laimh, ’s fhearr dhut fuireach comhla ruinn gu maduinn. Cha ’n eil an so ach dùthaich gharbh gu bhi siubhal na h-oidhche.”
Chlisg an duine, agus an ceann tiotaidh fhreagair e le guth trom, tùchanach, mar neach a bhiodh a ceannsachadh gluasad mor inntinn:— “Tha, a charaid, oidhche bhriagh’ ann; acn cha ’n urrainn domh fuireach—cha ’n urrainn domh stad uair no mionaid! Tha dùil rium.” Thainig crith throm air. “Tha e a’ feitheamh rium.”
Bha coltas cho fiadhaich air an duine ’s gu ’n do chuir na briathran neònach so a labhair e crith air m’ fheòil.
“Dean air do shocair,” arsa mise. “Am bheil fhios agad nach ’eil coltas ort a bhi slàn gu leòr gu bhi a’ siubhal idir? Tha an fhior dhroch dhreach ort B’e ’n gliocas dhut tigh’nn do’n bhùth ’s an oidhche chur seachad comhla riumsa.”
“Cha dean mise tàmh ann am bùth neach sam bith a nochd,” fhreagair e anns a ghuth throm, thùchanach ’s an do bhruidhinn e roimhe. “Is e so an darra latha deug dhe ’n Mhàigh. Tha e ’g am ghairm as na coilltean—as an àit uamhasach ’s an d’ rinneadh an gniomh. Air sgàth an Dé mhoir a tha peanasachadh a pheacaich, na cum air m’ ais mi agus na dean mo leantuinn. Is mise Pièrre La Rose; is leis an Droch Fhear mi a nochd!”
Thilg e dheth an lamh leis an robh mi feuchainn ri chumail air ais, sgar e na preasan o chéile, agus ann an tiotadh bha e as mo shealladh a’ gabhail suas an cois na h-aibhne. Sheas mi car greis far an robh mi, gun fhios agam ciod a dheanainn, agus a dh’ innse na firinn, bha mi air chrith leis an eagal; oir ged a tha ’n comhradh a bh’ againn ciùin gu leòr an àm a bhi ’ga innse an so, bha ni-eigin mu ’n duine fhéin a thug orm a bhi gle shuarach mu fheuchainn ri chumail air ais, no eadhon mu bhi fuireach ’na chainnt. Ach air dhomh mi fhéin a neartachadh, chaidh mi air ais do ’n champa gu Francis a chur air a chois agus a dh’ innse dha na chunnaic ’s na chuala mi. Fhuair mi Francis ’na dhùisg, agus bha e anabarrach toilichte m’ fhaicinn.
(Ri leantuinn.)
Tha coig ceud deug de ghabhaltaichean ùra a dhith oirnn romh dheireadh na bliadhna. Am faigh sinn iad? Gheibh, ma ni na Gàidheil an dleasdanas, agus tha sinn a’ creidsinn gu ’n dean. Ni a chuireas na Gàidheil rompa, theid a dheanamh, neo bidh fhios carson.
Is fhearr do dhuine bhi ’snaim nan sop na bhi ’na thàmh.
A’ BHASCAID BHEAG FHLURS.
O’n Bheurla.
CAIB. XXIII.
GNOTHUCH AOIBHNEACH EILE.
Air an ath shamhradh, ’n uair a bha an grunnd air fàs uaine ’s gach ni fo bhlath, thainig an t-Iarla ’s a’ bhean ’s a’ nighean gu Ichburg, agus bha Màiri ri bhi comhla riutha, ’na h-àite fhein ri taobh Amelia. Aig tighinn an anamoich bha iad a dluthachadh ri Ichburg, agus bha uchd Màiri ag oibreachadh le gluasad inntinn air dhith tighinn am fradharc na seann eaglaise le stiopull glas a’ soillseachadh le grian an fheasgair, a bha ’san àm a’ dol fodha, an seana chaisteal urramach aig an Iarla agus taigh beag cumanta a h-athair, ni bu toilichte bh’ ann. Thainig deoir ’na sùilean, agus thubhairt i le guth mor: “Bu bheag mo smaointean, ’n uair a chaidh mo chuir air falbh á Ichburg, gu ’n tillinn air ais ann gu brath mar so, le aoibhneas ’us onair. Nach miorbhuilleach tha Dia a stiùireadh gach cuise, agus cho mor ’s a tha ’mhathas!”
’Nuair a rainig carbad an Iarla an dorus bha an stiubhard ’s gach aon eile de na seirbheisich deiseil gu failte a chuir air an tighearna. Rinn a h-uile aon dhiubh beatha Màiri, bha iad ro-thoilichte a faicinn a’ tighinn a rithisd, agus rinn iad gairdeachas rithe air son gu ’n deachaidh fhaighinn a mach gu ’n robh ì neo-chiontach. Ach rinn an ard-mhaor no baillidh a’ bhaile barrachd sog rithe na càch, rug e air laimh oirre, mar gu ’m b’e ’h-athair a bhiodh ann, dh’ iarr e mathanas oirre airson na thachair, thug e taing do ’n Iarla ’s do ’n Bhan-Iarla airson an dioladh-fiach eireachdail a rinn iad airson an eucoir a thachair daibh a dheanamh gun fhios, agus gheall e a chionn gu’n robh a chuid bu mhotha de ’n choire aige-san, mar sin gu ’n deanadh esan a dhichioll gus a’ chuis a chuir na h-aite fhein.
Air an ath mhaduinn dh’ eirich Màiri, ’s i ann a’ gean ro-mhath. Eadar a solas-inntinn agus grian bhoillsgeil na maduinn Mhàigh, a bha dealradh gu toilichte tromh ’n uinneig, dhuisg i gle mhoch. Thog i rithe a choimhead taigh a’ h-athair agus a’ ghàraidh. Choinnich iomadh aghaidh aoidheil i air an rathad; bha moran ag amas oirre de dh’ fheadhainn air an robh i eolach ’n an cloinn bhig, ach bha i ’gabhail ioghnaidh cho mor ’sa dh’ fhas iad. Thachair an seann tuathanach ’sa bhean rithe aig dorus a ghàraidh, dh’ fhailtich iad i le gràdh, agus dh’ innis iad dhi cho sunndach, toilichte ’s a bha iad ann a sud.
“Bha uair,” ars’ an tuathanach, ’s deoir thoilichte na ’shuilean, ’n uair a bha thusa gun fhasgadh, ghabh sinne stigh fo ’r n-ardaich thu; agus a nise, ’n uair a tha sinne, mar gu ’m b’ eadh, air ar sgiursadh air falbh o ar taigh fhein, thug thusa dhuinn an t-aite tamha tiorail so ’n ar sean aois.”
“Thug, gu dearbh,” ars’ a’ bhean, “is mor a’s fhiach a bhi ciùin ’us caoimhneil ri feadhainn eile; oir cha ’n ’eil fios againn gu de dh’ fhaodas tachairt.” “Cha ’n e sin, cha ’n e sin,” ars’ an tuathanach, “cha do smaointich sinne air a sin idir, agus cha mhotha a rinn sinn anns an inntinn sin e. Ach tha e ’n comhnuidh fior, gum faigh luchd na trocair trocair.”
Chaidh Màiri a stigh. ’N uair a chunnaic i an rùm-suidhe ’s an t-àite ’sam b’ abhaist da ’h-athair a bhi, thog e smaointeanan gràdhach ’na cridhe. Chaidh i, as deigh sin, do ’n ghàradh; bha gach craobh a chuir a h-athair a’ sealltainn mar gu ’m biodh iad a’ cuir fàilt’ oirre, air an seana bhana-charaid. Thionndaidh i ris a’ chraoibh ubhail, a bha ’san àm fo bhlàth: “Mo chreacbh!” ars’ ise, “nach gearr saoghal mhic an duine; caochlaidhidh esan, ach bithidh gach craobh ’us preas ann fad as a dheigh.”
Rinn i sin suidhe, far na chuir i cho liuthad latha sona seachad comhla ri ’h-athair. Air di bhi greis a coimhead air a’ ghàradh a chuir e air doigh le falus a’ ghruadhach, bha i air leatha ’ga fhaicinn ma coinneamh. Leis ’na smaointean so thainig na deoir, ach bha i gle earbsach a smaointean gu ’n robh e a nis’ an àit’ a b’ fhearr, agus a’ faighinn duais an sin airson na h-oibre a rinn e ’an so.
A h-uile samhradh thainig Màiri, fad beagan sheachdainean, gu ruige Ichburg, comhla ri teaghlach an Iarla. Bhithidh i ’fuireach comhla ri Amelia, air a’ h-urramachadh ’s air a’ gradhachadh le gach aon. Air maduinn araidh bha i ’na suidhe comhla ri Amelia aig a’ bhord-oibreach, ’s iad le cheile trang a’ deanamh gùin. Gun suil no duil ris, co thainig a stigh ach am maor-riaghlaidh, agus rud a b’ iongantaiche na sin uile, e ’na lan eideadh, ged nach robh ann ach latha seachdain. Sheall na h-igheanan air a cheile le ioghnadh, ’s gu ’n iad a tuigsinn gu de bu chiall de ’n chuis. Rinn am maor a bheic an toiseach dha ’n Bhan-Iarla, agus thuirt e an sin gu ’n deach a chuir air teachdaireachd àraid gu Màiri.
Thuirt e rithe gu ’n robh Fearchar, a mhac, air ainmeachadh gu caoimhneil leis an Iarla na fhear-cuideachaidh dhasan ’san àm, agus gur e bha air a chomharrachadh a mach gu bhi ’na aite-san mar mhaor-riaghlaidh an deigh a bhàis; gu ’n d’ thuirt Fearchar ris-san, air an fheasgar roimhe sin, gu ’n robh e an deigh gaol mor a ghabhail air Màiri, air son a cridhe math, agus air son gach deagh bhuaidh a bhuineadh dhi, agus nach deanadh sona e ach am faighinn dha fhein mar mhnaoi. Ach mar mhac dleasnach cha do leig e bheag air gus am faigheadh e cead athair, rud, air an aobhar sin, a dh’ iarr e. Thug athair a chead dha ’s a’ mhionaid, le uile chridhe, agus ghabh e os laimh bruidhinn ri Màiri e-fhein, airson a mhic ionmhuinn. Bheireadh am pòsadh so am barrachd sòlais da, thuirt esan, agus na deoir a’ tuiteam bho shuilean, nam biodh e ’na mheadhon air cothrom ’thoirt da gus dioladh a dheanamh airson an ana-ceartais a rinn e air Màiri, agus a choisinn da iomadh latha tùrsach. Bha e ann an dòchas nach robh gràin aig Màiri air a mhac air sàilibh na h-eucoir a rinn ’athair oirre gu ’n fhios da, air neo ma dh’ fhaoidte, air sàilibh a bhi feuchainn tuilleadh is laidir ris a cheartas a dheanamh; bha e ann an dòchas nach cuireadh i cùl ris, co dhiu, airson an reusain sin. Dh’ fhuirich e an sin samhach, agus bha e feitheamh ach gu de ’theireadh Màiri.
Is ann a bhà ’n tairgse so car deuchainneach air Màiri. Cha robh fhios aice an toiseach gu de ’theireadh i, agus thainig rudhadh trom ’na gruaidhean. Bha mac an ard-mhaoir ’na ghill’ òg, fiachail; bha e air ur thigh’nn a mach as an oil-thigh, far an d’ thug e deagh chliù air fhein ’an ionnsachadh, agus bha h-uile duine gle mholtach air bho ’n fhuair e ann an dreuchd; bha a ghiulain beusach, bha ’chridhe uasal, bha ’dhoighean taitneach, agus comhla ris a h-uile rud, bha e ’na ghill’ òg ro-mhaiseach.
Choinnich agus bhruidhinn e gu tric ri Màiri ’an gàradh a’ chaisteil, far am b’ àbhaist di dhol maille ris a chòrr de ’n teaghlach, as deigh na dinnearach; bha e cho deigheil air a bhi ’na cuideachd ’s gu ’n a thuig Màiri gu ’n robh gràdh aige dhi, agus bhuail e ’na h-inntinn, cuideachd, gu ’m faodadh i ’bhi gle thoilichte comhla ris. Ach cha d’ thug i cluas do ’n smaointean sin, bha i tuilleadh a’s banail, agus bha i smaoineachadh nach ruigeadh i leas a bhi seoladh cho ard. Bha i mar so a’ cumail smachd air a h-inntinn, seach dad sam bith a thachairt a dh’ fhàgadh mi-thoilicht’ i, agus as deigh so thug i fanear nach bitheadh e iomchuidh a bhi coinneachadh Fhearchair ’s a ghàradh. Air an aobhar sin, ged a bha ’n tairgse mar a miann, cha b’ urrainn di freagairt a thoirt seachad ’sa mhionaid. Le màldachd mhaighdeanail agus le rudhadh ’na gruaidh fhreagair i le guth iosal gu ’n d’ thainig tairgse cho urramach sid ro chabhagach oirre—gu ’n robh i ’griosad air beagan uine gu meorachadh mu ’n chuis—gu ’m feumadh i a comhairl’ a chuir ris an Iarla agus ris a’ Bhan-Iarla, a bha mar athair ’s mar mhàthair dise.
Bha an t-ard-bhàillidh ro-thoilicht’ as an fhreagairt a fhuair e; oir bha e
[Vol . 9. No. 18. p. 3]
gle chinnteach gu ’m biodh am pòsadh so ro-thaitneach leis an Iarla ’s le ’mhnaoi. Chaidh e gun dàil far an robh iad, agus ghabh iad le cheile ris an tairgse gu toileach.
Ars’ an t-Iarla: “Tha thu toirt sgeula taitneach d’ ar n-ionnsaidh, fhir mo chridhe! ’S iomadh uair a bha sinn a’ bruidhinn eadrainn fhein air cho math ’sa fhreagradh Fearchair ciatach agus Màiri chaoimhneil air a cheile, gu ’n deachaidh an cruthachadh air son dol cuideachd. Ach thug sinn deagh fhaicill nach faigheadh feadhainn eile a mach ar cuid smaointeanan, gu ’n fhios nach faodadhmaid a bhi gu mor am mearachd, oir cha robh ar toil ri bhith ’na fàint’ idir; agus ’an càs pòsaidh tha e robh mhi-thaitneach leinn gu ’n rachadh aon sam bith a chuir ’an aghaidh an toil. Agus tha chuis a nise moran ni ’s toilichte leinn ’chionn gu ’n thuit an gnothuch tachairt direach mar bu mhiann leinn, gun sinn fhein a ghradhainn guth.”
Ars’ a’ Bhan-Iarla ris a’ bhàillidh: “Tha mi ’g orduchadh moran toilinntinn a bhi agaibh. Gheibh sibh ann am Màiri rogha nan nighean, agus ur mac, rogha nam ban. Chaidh Màiri a thogail ’an sgoil an annraidh, agus sin sgoil a’s fhearr. Theid gach ni stacach—agus tha beagan de ’s an duin’ a’s fhearr—a chosg gu math air falbh le trioblaidean. Tha Màiri làn umhlachd ’na cridhe. Cha deachaidh a milleadh riamh le brosgul; ’s i nighean is banaile ’s is neo-chiontaich a’s aithne dhomh; tha i uasal, ciùin, agus ’na deagh bhana-Chriosduidh. Bho h-oige tha i eolach air a h-uile seors’ obair; ’chionn gu ’m beil fios aic’ air gach seors’ obair taighe tha i mar sin ro fhreagarrach gu obair taighe ’riaghladh. Agus airson ard-uaisle ’s ionnsachadh, fhuair i iad ’s a bhaile-mhor, na dh’ fhoghnas di, gu ’n diubhar a dheanamh de shubhailcean math eile. Tha mais’ ’us beusachd air an co-thathadh ri cheile ’am Màiri ’an doigh ionmholta. Ni i bean fhiachail ’s gach doigh, agus bithidh do mhac ro-thoilichte comhla rithe.”
Cha ’n ’eil a bheag tuilleadh ri innse. Thainig la na bainnse, agus bha a chàraid òg air an sgeudachadh an deiseachan gle fhreagarrach da ’n staid. Bha iad a’ sealltuinn ro-mhath. Bha na cairdean uile toilichte mar thachair, agus bha moran dhiubh an lathair a phòsaidh. Fhuair Fearchar ’us Màiri air aghart gle mhath; cha robh iad saor bho bheagan thrioblaidean, ach bha ’n creidimh laidir, agus chaidh ac’ air an giulan gu ’n ghearain. Slan leotha! —Eadartheangaichte le D. D. Mac Pharlain.
(A’ chrioch.)
Ann an Sidni, Di-luain s’a chaidh, rugadh do Andra Mac Leòid, a tha ’naengineerair an rathad-iaruinn, triùir mhac. Tha na gillean ’s am màthair ann an deagh shlàinte ’sa tighinn air adhart gu math.
LITREACHAS SEASMHACH AR DUTHCHA.
LE DONNRUADH.
Am measg dheagh bhuadhan eile a tha ri ’m faotainn ann an Litreachas Seasmhach ar dùthcha—Gaidhlig ’us Beurla—tha aon nì a tha ’seasamh a mach gu comharraichte agus gu cliùiteach—agus ’s e sin, an co-fhaireachdain shonruichte a tha air an taisbeanadh eadar Litreachas Seasmhach ar dùthcha agus sgriobhaidhean a’ Bhìobuill, agus na teagasgan beusach a tha gu coitchionn air am pàirteachadh. Cha ’n ann a mháin ann an sgriobhaidhean Diadhach a gheibhear so air a thaisbeanadh, ach tha na buadhan sin a’ seasamh a mach gu follaiseach ann an oibribh nam feallsanach, ’s nan bàrd a’s àirde cliù, mar tha Shakespeare, Milton, Wordsworth, Bacon, agus móran eile de na sgriobhadairean Beurlach, cho math ri Bàird agus sgriobhadairean rosgach na Gaidhealtachd. Tha móran de sgriobhaidhean nan daoine sin lionmhor ann an samhlaidhean sgriobtuireal, agus tha an argumaidean agus an comh-dhunadh air an tarruing gu tric o mhathair-aobhar na Firinn—am Biobull. Tha teagasgan deusach an Tiomnaidh Nuaidh r’ am faotainn ann an inntinnean dhaoine a sgriobh ciadan de bhliadhnachan roimh theachd Chriosda agus mu ’n deachaidh facal de ’n Tiomnadh Nuadh a sgriobhadh.
Agus, a bharrachd air sin, is tric a gheibhear, eadhon am measg ùghdairean a tha neo-bhaigheil agus naimhdeil do ’n Bhìobull, an co-aonachd ceudna. ’Se ’n comh-dhunadh gus an tigear mu ’n chùis so, mata, gu ’m bheil ni-eiginn sonruichte, suidhichte ’s an duine, a tha ’g aomadh—ma dh-fhaoidte neo-fhiosrach dha fhéin—a chum ùmhlachd a thoirt do ’n mhaitheas sin a tha ri ’fhaotainn ann an nadur an duine. A dh’ andheoin an uilc a tha ceangailte ris an duine gu nadurra, tha móran maitheis ’n a nadur a tha ’g oibreachadh ann an iomadh dòigh gu bhi a’ cath an aghaidh an uile ris am bheil e ’g aomadh.
Am measg Litreachas Seasmhach ar dùthcha, cha ’n àireamhar na leabhraichean lionmhor a tha air an cur a mach bho àm gu h-àm, agus a tha cronail agus mìllteach d’ an luchd-leughaidh. Air an là duigh, tha seorsa litreachais air a sparradh air an t-saoghal a tha cho faoin, faileasach agus millteach, ’s nach fhiach e ’bhi air ainmeachadh ann an aon ghuth ris an Litreachas sin a tha gabhail saothar bhliadhnachan mu ’m faic e solus latha. Tha an litreachas millteach so a fagail gath puinseannta ann an inntinn an luchd-leughaidh, a’ deoghal gach maitheis agus duinealachd as an nadur, agns a’ cruthachadh bheachdan cearr ’n an inntinnean mu ’n dleasdanas anns an t-saoghal.
Ged a dh-fhaodas leabhraichean de ’n t-seorsa sin droch thoradh fhagail ’n an déigh, gidheadh cha ’n ’eil an litreachas seasmhach. Tha e mar na ballagan-losguinn—cinnidh e suas ann an oidhche, ach seargaidh e air falbh cho luath. Ann an oibrean nan ughdar a’s cliùtiche, tha e furasd ’fhaicinn nach e cumhachd no àillidheachd an ceud-fadhan, a mhàin, a tha toirt maisealachd agus ùrachd do gach nì a tha seasmhach ann an Litreachas, ach gur e beusalachd an Litreachais sin an cumhachd sonruichte a tha ’g oibreachadh mar thaos-goirt chum maith. An nì a tha truaillidh agus mi-bheusach ann an litreachas tha e ’faotainn bais—cha ’n urrainn dha ’bhi seasmhamh.
Faodaidh nithean mi-bheusach a bhi air am measgadh suas le teagasgan math ann an oibrean nan ughdar a’s fearr, ach ré uine chithear na nithean mi bheusach air an glanadh a mach, agus air an dealachadh eadhon mar tha ’n smùir agus an spruileach air an dealachadh o’n mhiotailt luachmhor. Trid uine tha am maitheas a tha ’s an t-saoghal a’ comharrachadh a mach agus a dealachadh an nì a tha truaillidh bho ’n nì a tha math, agus mar sin tha teagasgan mi-bheusach air an cur air chùl, agus teagasgan fiachail air an gabhail riù, agus air an cur air bonn seasmhach.
Gabhamaid, mar eisimpleir, sgriobhaidhean a Bhaird Burns. Ciod e a tha togail ainm a’ Bhaird so gus an àirde sin a choisinn e, agus air am bheil e airidh? Cha ’n e, gu cinnteach, nì sam bith neo-bheusach a sgriobhadh leis, ach an fhirinn ghlan, agus na teagasgan soilleir agus math a tha air an stéidheachadh air carraig dhainginn na firinn. Air an sgrùdadh agus air an glanadh bho gach nì a bha air a mheas cronail, tha oibrean a Bhàird—Burns—a seasamh a mach gu comharraichte am measg litreachas seasmhach ar dùthcha—tha iad mar dhealbh fidhte de dh-inneach òir agus dlùth airgid.
Amhairceamaid a rithist air oibrean a Bhàird Shasunnaich—Shakespeare—agus chi sinn annta sin co-aonachd, co-fhreagradh, co-fhaireachdainn, agus samhladh sonruichte ri firirm thaisbeanta an Sgriobtuir. Ann am móran nithean, ach gu sonruichte mar sgriobhadair Dhàn-chluiche, tha e os ceann nan uile. Tha a sgriobhaidhean cho torach ann an samhlaidhean sgriobtuireil, ’s gur gann a dh-fhosglar iad, gun tighinn tarsuinn air aon no cuid dhiugh. Ciod air bith am mi-chòrdadh a dh-fhaodas a bhi eadar luchd-leughaidh agus luchd-beachdachaidh
an ùghdair so air puingean eile, tha co-chòrdadh comharraichte mu ’n phuing so—gu ’m b’e ’m Biobull an tobar sonruichte bho ’n do ghabh e a stigh na teagasgan àrda agus mìorbhuilleach a tha air aa nochdadh ’n a oibrean, agus gu’ m b’ e am Biobull a h-aon de na cumhachdan sonruichte a dhealbh agus a stiùir inntinn mhór an duine ainmeil so. Troimh a sgriobhaidhe n uile, tha sruth beothail, lasrach, dearrsach agus beusach a ruith, a tha co-fhreagairt ri teagasgan oirdhearc a’ Bhiobuill, agus a deanadh a suas dealbh-bhriathra cho àillidh dreach ri dathan a bhogha-fhroise, agus cho cumhachdach, dealrach ri gathan boisgeallach na gréine aig àirde mheadhon latha. Gun teagamh b’ e am Biobull leabhar a bha a reir a chridhe, agus cha ’n ’eil teagamh, mar an ceudna, nach aontaicheadh e leis an aidmheil sin a rinn an Germailteach ainmeil, Goethe—“ ’S e mo chreidimh anns a’ Bhiobull a bha ’n a riàghailt stiuraidh dhomh ann an obair litreachail mo bheatha. Bha e dhomh-sa ’n a earras air a dheadh bhuileachadh, agus a thug dhomh riadh toradh.” Chuir Shakespeare a thaice ann an teagasgan a Bhiobuill, agus ’s e sin am prìomh aobhar gu ’m bheil a sgriobhaidhean cho seasmhach. Tha linn an deigh linn a dearbhadh luach agus seasmhachd a litreachais; agus faodar a ràdh nach eil na leabhraichean agus na teagasgan a tha ’cur air chul agus a fàgail a mach cumhachd Priomh-ughdar nan uile nithe idir cho seasmhach ann an inntinnean an t-sluaigh.
Tha lìonmhorachd nan samhlaidhean sgriobtuireil a tha r’ am faotainn ann an oibrean Shakespeare a’ soilleireachadh dhuinn cho min-eolach ’s a bha e anns an Sgriobtur, agus a chum so a dhearbhadh faodar eisimpleir no dhà de ’n t-seorsa so a thoirt seachad.
Gabhamaid a’ cheud eisimpleir bho ’n Dan-chluiche— “Tha gach nì gu math a chaiochnaicheas gu math,” far am bheil Helena, nighean lighich ainmeil, a’ feuchainn ri toirt air Righ na Frainge leigheas eiginn a chleachdadh airson a thinnis. Cha ’n ’eil a’ mhaighdeann so ach glé òg, ach tha i, gu h-ealanta, a’ toirt air aghaidh argumaidean cumhachdach as leth a h-oige agus a h-ana-cleachdaimh.
“Esan a’s Fear-criochnaiche nan oibrean a ’s mò
Tha gu tric ’g an coimhlionadh le meadhonan laga;
Mar so, tha breathnachadh ann an naoidhean air a thaisbeanadh,
’Nuair a bha breitheamhan ’n an naoidheanan.
Shruth tuiltean móra bho thobairean beaga,
Agus thiormaicheadh cuantan móra
Nuair ’bha miorbhuillean air an aicheadh.
’S tric a dh-fhailinicheas dóchas, agus ni ’s trice
Far am bheil na geallaidhean mór;
Agus ’tric a bhuaileas e far am fuaire dóchas,
Agus far am motha eu-dòchas.”
Tha a’ cheud dà shreath a’ toirt ’n ar cuimhne an earann sinn ann an litir Phoil do ua Corintianich (I). i. 27. “Ach roghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail so chum gu’n cuireadh E naire air na daoine glice, agus
(Air a leantuinn air taobh 142).
[Vol . 9. No. 18. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, NOBHEMBER 2, 1900.
B’ e Di-ciaduin latha mor an ainmeachaidh, agus anns gach siorrachd air feadh Chanada ’s am bheil taghadh gu bhith, bha cothrom air a thoirt do na fir a tha ’g iarraidh do ’n phàrlamaid am beachdan a chur an ceill do ’n chuid sin de ’n t-sluagh a thogair a dhol g’ an éisdeachd. Ged nach eil na coinneamhan so, aig am bi iadsan a tha ruith air gach taobh a labhairt, agus luchd-cuideachaidh gach taoibh ’g an éisdeachd, aig gach àm cho rianail ’s bu mhath le daoine tha gaolach air an t-sith, cha bhitheadh e ’nar barail-ne ceart sgur dhe ’n cumail; oir air an dòigh so gheibh daoine cothrom air an da thaobh a chluinntinn, agus bidh iad mar sin na ’s cothromaiche air breth cheart a thabhairt na bhitheadh iad mur cluinneadh iad ach aon taobh, no eadhon ged a chluinneadh iad an da thaobh a labhairt air leth. Ann an teas a chatha tha daoine buailteach air a bhi a fiaradh no a seachnadh na firinn ma shaoileas iad gu ’n dean i cron no nach dean i feum dhaibh fein. Bidh e ro-dhàna leis a chuid mhor sin a dheanamh an làthair na muinntir a tha ’nan aghaidh, agus mar sin gheibh an luchd-éisdeachd deagh chothrom air breth a thoirt air na cùisean a tha iad a’ cur f’ an comhair.
Cha ’n eil moran atharrachaidh air tigh’nn air an t-suidheachadh ann an Sina. Tha e gle choltach nach ruith moran ùine gus am bi na rioghachdan mora a ghabh os laimh cùisean a chur air dòigh comasach air aontachadh mu ciod is còir a dheanamh. Gu ruige so cha robh iad idir cho còrdte ’s a chuireadh iad feum air. Tha na Sineich cho carach, seòlta, agus cho fior sgileil air dealbh ’s air innse bhreug, ’s gu bheil e anabarrach duilich gnothuch a dheanamh riutha. Aig an àm so cha ghabh greim deanamh air an Impire, no air an t-seann bhan-Impire a bha riaghladh ’na ainm; tha mar sin an dùthaich gun luchd-riaghlaidh idir, agus cha ’n eil fhios aig ceannardan an airm Eòrpach co air a thoisicheas iad. Tha Li Hung Chang a’ gabhail air ùghdarras a bhi aige o’n Impire, ach co-dhiu tha sin mar sin no nach eil, ’s ann aige fhéin a mhàin a tha fhios. Chaidh a ghealltuinn o chionn ghoirid gu ’m biodh iadsan a bha ’nan ceannardan air an ar-am-mach anns ’n do chaill na h-uiread de na coigrich am beatha, air an cur gu bàs, ach latha no dha an deigh sin bha iad sin uile air teicheadh—dh’ fhaoidte gu robh mu ’n tugadh an gealladh seachad. ’S e ’n sgeul mu dheireadh a th’ air tighinn gu bheil a bhan-Impire a togail reiseamaid ann an Yang Tse gus a dhol an aghaidh nan coigreach; agus cha ’n eil teagamh sam bith nach robh an droch bhoirionnach sin a toirt misnich agus cuideachadh do na Boxers, on a thòisich iad ri ar-am-mach an toiseach.
Tha pàrlamaid ùr Bhreatuinn a nis air a taghadh. Tha na conservatives air an cur an dreuchd a rithist, agus iad mu ’n aon neart ’sa bha iad roimhe; tha àite-suidhe no dha aca bharrachd air na bh’aca aig crioch na seann phàrlamaid. Rinn an cogadh ann an Africa mu Dheas, agus a bhuaidh a fhuair an t-arm Breatunnach feum mor do ’n riaghladh; a bharrachd air sin, tha na liberals moran na’s laige na bha iad fhad ’sa bha Gladstone beò. Cha d’ fhuair iad fhathast duine a lionadh àite. Na ceannardan a th’ orra o àm a bhàis-san, tha iad lag seach mar a bha esan, agus cha ’n eil iad idir cho aonaichte ’s a dh’ fheumadh iad a bhith a’ dol fa chomhair an t-sluagh a dh’ iarraidh ùghdarrais riaghlaidh. Cha ’n eil teagamh nach d’ rinn sin mar an ceudna cuideachadh mor leis an riaghladh. Tha Morair Salisbury ri bhi ’na phriomh mhinistear mar a bha e roimhe, agus bidh na h-oifigean eile air an lionadh, a reir gach coltais, leis na daoine bha ’gan lionadh ro nan còig bliadhna chaidh seachad.
’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:—
Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1 .50 air a chur thugainn aig a toiseach.
Tha an cogadh ann an Sina an deigh pris na ti a thogail. Bidh so ’na dhroch naigheachd do mhoran sluaigh anns a h-uile cearna de’n t-saoghal.
AM BHEIL GAILIG AGAD?
Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime.
Faic dealbh na leine os cionn an doruis.
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 18. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha duil aig Morair Roberts Africa mu Dheas fhàgail air a choigeamh latha deug de’n mhios so. Dh’ fhàg Seanalair Buller Capetown air an t-seachdain s’a chaidh.
Air an t-seachdain s’a chaidh ann am Montreal ’nuair a bha gille d’ am b’ ainm Leblanc a lionadh lampa ’si laiste spreadh i agus chaidh an taigh ’na theine. Loisgeadh coignear chloinne gu bàs, a bharrachd air triùir eile bhi air an leònadh.
Ann aHamilton , Ontario,air an treas latha fichead de September, loisg duin’ òg de ’n ainm Pearson air nighinn a bha e ’n dùil a phòsadh, agus mharbh e i. Sheas e cùirt air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh ciontach e, agus tha e ri bhi air a chrochadh air an t-seachdamh latha de Dhesember.
An àite dithis a bhi ruith air son na h-àrd-phàrlamaid ann an siorrachd Richmond, mar a thuirt sinn anns an àireamh mu dheireadh, ’s ann a tha triùir a ruith. ’S e ’n treas duineH . N. Paint.Tha esan agus an treas duine ann an siorrachd Inbhirnis, Somhairle Mac Dhonuill, a ruith gun a bhi fo sgéith pàirtidh sam bith; mar a theirear ’sa Bheurla, tha iad gu bhiindependent.
Ann an àireamh na seachdain s’a tighinn, gheibhear a’ cheud chaibidil de ’n sgeul ùr, “O CHIONN TRI FICHEAD BLIADHNA,” le “IAIN.” Is i so sgeul cho math ’sa sgriobh “IAIN” riamh fhathast, agus an deigh sin a radh cha ruig sinn a leas an còrr molaidh a dheanamh oirre, oir, gun dimeas no tàire dheanamh air sgriobhadair sam bith eile, tha fhios againn gu ’m biodh “Iain” air a thaghadh á measg chàch uile le leughadairean MHIC-TALLA.
Thachair gnothuch cianail ann am Point Aconi air an t-seachdain s’a chaidh. Chaochail bean Ioseph Stubbert Dior-daoin, agus an ath latha chaidh a dithis mhac gu Sidni Tuath a dh’ iarraidh ciste-luidhe. ’Nuair a thill iad cha robh sgeul air an athair, agus an deigh do na coimhearsnaich coimhead air a shon fhuaireadh e ann a pairce air a bheul fodha ann a lòn uisge, marbh. Thatar a deanamh a mach gu ’n d’ obraich bàs a mhnatha cho mor air inntinn ’s gu ’n do thuit e ann an laigse, ’se coiseachd tromh ’n phàirce. Far an robh e air a bhàthath cha robh ann ach mu thri oirlich de dh’ uisge.
Thachair droch sgiorradh aigLeitche ’s Creek,seachdain gu Di-màirt s’a chaidh leis an deachaidh Micheal Domhnullach, á Beechmont, a ghoirteachadh cho dona ’s gu ’n do chaochail e maduinn an treas latha. Bha e draibheadh dhachaidh á Sidni Tuath nuair a thuislich an carbad ’s bha esan air a thilgeadh as. Bhual a cheann air an làr agus chaidh e ann an neul. Chaidh a thoirt gu tigh Dhomhuill Ghordoin, far ’n do fhritheil an Dotair Mac Leoid dha, agus fhuaireadh gu robh slige chinn air a bhristeadh. Thainig e uige fhein, ach bha a leòn cho trom ’s nach robh e beo ach gu maduinn Dior-daoin.
Leis cho gann ’sa tha ’n gual air an fhoghar so, tha aig moran de na bailtean beaga air feadh Newfoundland ri deanamh as aonais gu buileach, agus feumaidh iad tòiseachadh ri losgadh connaidh. Tha connadh gu leòr ri fhaotainn air an eilean, ach thig e gu math na ’s daoire dhaibh na ’n gual.
Nuair a bha Tearlach C. Mac-an-Tòisich, a bha ’na fhear-cuideachaidh aig Maighstir Mac Glaisean am Bridgeport ’s an Reserve, a dol air ais do ’n cholaiste, chaidh sporan anns an robh ceud dolair a thoirt dha leis an t-sluagh mar theisteas air a mheas a bha iad a cur air a shaothair ’nam measg fad an t-samhraidh.
Toiseach na seachdain s’a chaidh, thug fear Tomas Doyle, ann am Boston ionnsuidh air a bhean a mhort. Stob e sgian innte coig uairean, agus an dùil gu robh i marbh, chuir e crioch air fhéin. Cha robh a bhean air a leònadh ro dhona, agus cha ’n eil dùil nach teid i am feobhas. Bhuineadh Doyle do House Harbor, air an eilean so. Cha robh e ann am Boston ach ùine ghoirid, agus bha e ’g òl a chuid bu mhotha dhe ’n ùine sin.
Anns an àireamh so tha an sgeul a bha ruith anns a MHAC-TALLA o thoiseach Iulaidh air a toirt gu crich, agus tha sinn a creidsinn gu ’n d’ fhuair a mhor chuid de ar leughadairean toileachadh agus fiosrachadh nach bu bheag ann a bhi leughadh mu ’n “BHASCAID BHEAG FHLURS.” Gheibhear aig a crioch ainm an fhir a thionndaidh an sgeula bòidheach so gu Gàilig. Tha sinn a deanamh so air iarrtus àireamh de leughadairean a phaipeir a ghabh tlachd de ’n sgeul, agus a bha feòrach co a rinn a h-eadar-theangachadh.
Bha coinneamh aig muinntir a bhaile oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, air a gairm air son earann dhe ’n bhaile a chur air leth anns nach biodh e ceadaichte togalaichean fiodha chur suas, ach a mhain togalaichean cloiche no bric. Ach ’nuair a chaidh barail na coinneimh a ghabhail cha robh ann ach triùir a bha air son sin a dheanamh. Tha mar sin daoine air am fàgail aig saorsa ’n toile féin a thaobh ciod a chuireas iad nan taighean, fiodh no clach no bric. Ach bidh aig luchd nan taighean fiodha ri barrachd a phàigheadh air son an cumail air an urrasachadh.
Bha coinneamh latha ’n ainmeachaidh air a cumail Di-ciaduin anns a Rosslyn Rink. Bha an da thaobh comhladh, ged a bha e air aithris ’sa mhaduinn gu robh iad gu bhi air leth. Liubhair triùir dhiubhsan a tha ruith òraidean, Eachunn F. Dùghlach, Alasdair Johnston, agus an Dotair Kendall, agus liubhair an Senator MacKeen òraid air son Sir Tearlach Tupper, a bha ann an Ontario. Fhuair luchd nan òraidean deagh éisdeachd, cho math ’s is àbhaist d’ an leithidean fhaotainn, agus bha a choinneamh gle shitheil. Chaidh a choinneamh a stigh mu dha uair, agus bha e faisg air sia uairean mu ’n do sgaoil i. Bha coinneamh aig na liberals dhaibh féin anns an ionad cheudna air an oidhche.
Stor nan Sutharlanach
an stor a’s fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.
Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.
DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.
H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.
KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN
Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.
Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.
FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 9. No. 18. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 139).
roghnaich Dia nithe anmhunn an t-saoghail, chum gn ’n cuiridh E gu naire na nithe cumhachdach.” Tha sinn a’ cuimhneachadh, mar an ceudna, air na briathran ann am Mata xxi. 16.—
“A beul naoidhean agus chiochran choimhlion thu moladh;” agus a rithist anns na facail “nuair a bha breitheamhan ’nan naoidheanan,” gheibhear co-shamhladh ann an Samuel agus Daniel mar naoidheanan a toirt breith air an dà eildear.
Anns an t-sreath “thiormaicheadh cuantan mora” tha cunntas againn an Ecsodus xxii., air Cloinn Isreil a’ dol thar an fhairge ruadh; agus “nuair bha miorbhuillean air an aicheadh,” tha iomradh againn air Phàro a’ dìultadh creidsinn annta. Tha “tuiltean mora bho thobairean beaga” a’ cur ’n ar cuimhne mar thug Maois uisge as a’ charraig ann an Horeb.
Righ Richard III.—
“Na deuran a tha sruthadh bho d’ shùilean
Thig a rìs air an cruth-atharrachadh gu neamhnuid luachmhor
Airson an iasaid—a’ faotainn riadha de shonas—
Deich uairean air a dhùblachadh.”
Salm cxxvi. 5, 6.— “Iadsan a chuireas sìol le deuraibh, buainidh iad le gàirdeachas.” “Esan a theid a mach agus a’ ghuileas ag iomchar roghadh sìl, gu cinnteach thig e a rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.”
Mata v. 4.— “ ’S beannaicht iadsan a tha ri bròn, oir gheibh iad sòlas.”
Faic Ieremia xxxi. 9, Isaia xxv. 8.
Righ Richard II.— “Eiric an t-saoghail-mac beannaichte Muire.”
Righ Eanruig IV.— “Na machairean naomha sin thar an do ghluais na casan beannaichte a thairnicheadh ceithir cheud deug bliadhna roimhe so, airson ar buannachd air a’ chroich.”
Litir Phoil do na Roimhich v. 8— “Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fein duinne, do bhrìgh an uair a bha sinn fathast ’n ar peacaich, gu ’n d’ fhuiling Criosd bàs air ar-son.”
Righ Eanruig VIII.— “Tilg air falbh uabhar—leis a’ pheacadh sin thuit ainglean. Cia mar, uime sin, a bhios dùil aige an duine a chruthachadh an iomhaigh a chruithfhir, nì a chosnadh le uabhar?”
“So staid an duine: an duigh tha e ’cur a mach duilleagan maoth an dòchais—am màireach, fo bhlàth, agus a’ giulan onoirean mòra: an treas là, thig reothadh—reothadh marbhtach—agus an uair a shaoileas e gu ’m bheil a mhórachd abuich, tha ’fhreumh air a gearradh, agus an sin tuitidh e.”
Isaia ii. 17.— “Agus islichear uabhar an duine mhóir, agus leagar sios àrdan nan daoine suarach, agus bithidh an Tighearn ’na aonar air àrdachadh anns an là sin.”
Gnath-fhocal xxi. 18- “Roimh sgrios theid uabhar, agus roimh leagadh, spiorad àrdanach.” —Life and Work.
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XVIII.
ULLACHADH RO’ BHLAR NA H-EAGLAISE BRICE.
Air do Thearlach agus da fheachd ochd latha chur seachad ann an Glasacho ga ’n cur féin ann an uidheam agus a’ leagail an sgìos, thriall iad air an treas latha de mhìos dheireannach a’ gheamhraidh ’nan dà chuideachd, chaidh aon chuideachd rathad Chill-Saoidh agus a’ chuideachd eile rathad Chumbernauld.
Bha stiùradh an airm-dheirg ma ’n àm so, an earbsa ri Seanaileir Hawley, an dearbh dhuine aig an robh riaghladh lamh dheas an àirm dheirg latha Sliabh an t-Siorram, agus a thaobh gun chuir e’n ruaig an latha sin air na Gàeil le réiseamaid lionmhor thrùpairean, cha robh teagamh sam bith aige nach deanadh e’n cleas ciand’ air feachd a’ Phrionnsa cho luath sa’ rachadh e na dail, agus chluinnt’ e gu tric ri sgeig ’sa’ magagh air Sir Iain Cope agus air na bha coladh ris air Sliabh a Chlamhain.
A chum na h-ùine chuir seachad gus an tigeadh a’ chuid eile dheth na Fineachan Gàelach as an Taobh-tuath, thug Tearlach ionnsaidh air Sruidhleadh a ghlacadh, agus air di-dòmhnaich an cuigeamh latha de ’n mhìos bha ’m baile air iadhadh mu ’n cuairt leis na Gàeil. Air madainn di-luain thog iad Bateri ma uidhe urchair gunna do ’n bhaile: air faicinn so do ’n ard-bhàili dh-aslaich e orra fantuinn air an ais gu deich uairean sa’ mhadainn a maireach, thug Tearlach an dàil sin dà, agus ma thrì uairean an deigh mheadhon latha leigeadh an t-arm gu léir a steach do’n bhaile gu ’n urachair a chuir a gunna, no claidheamh a thoirt a truaill. Air an ath mhadainn thàinig àireamh lionmhor dheth na Frisealach, agus ceithir cheud de Chlann-Chatainn a thog Baintighearna Mhic-an-Tòisich na Mòidhe gu Sriudhleadh, a chòmhnadh Thearlaich.
Air a’ cheart latha a chaidh na Gàeil a steach do Shruidhleadh bha Seanaileir Hawley an deigh an t-arm-dearg fhaotainn ri chéile ann an Dunéideann, bha fheachd ma thuaiream ochd mìle fear agus bha tri cheud diù na ’m marc-shluadh. Air an treas latha diag dh’fhàg iad Dunéideann a chum tachairt ris na Gàeil, agus chàmpaich iad feasgar an t-sé-amh latha diag air an t-sliabh air taobh na h-airde n-iar-thuath de ’n Eaglais bhric. Moch air madainn an ath latha thàinig Iain-Caimbeul a Mhàim Mhòr le mìle fear dheth a’ chuid Caimbeulach fèin an ceann an airm-dhéirg.
Air a’ mhadainn so cha do mheas Seanaileir Hawley iomchaidh a dhol an codhail nan Gàel; a thaobh gun
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 9. No. 18. p. 7]
deach innse dha gun robh iad féin a dol a thoirt coinneamh dhasan; oir a cheart cho luath sa’ chuala Tearlach gun robh an t-arm-dearg air tighinn dlù do làimh chuir e roimhe gun rachadh e leth na slighe nan còdhail, agus chàmpaich na Gàeil an òidhche sin ma dha mhìle air an taobh sear do dh’ Allt a Bhonaich, agus ma sheachd mìle bho’n Eaglais Bhric. ’Nuair a bha an t-arm-dearg nan laidhe air raointean na h-Eaglaise Brice agus na Gàeil air sliabh Phlean bha solus an dà chàmp’ ann am fradharc a chéile.
Bha gaisge nan Gael cho suarach ann am beachd Sheanaileir Hawley ’s nach robh ullachadh air son a chath’ a’ cuir air ach ro bheag cùraim; bha e’n duil gu ’n cuireadh an t-arm dearg fhaicinn mu’n coinneamh, ann an òrdugh catha, maoim air a nàimhdean. Air madainn latha bhlàir bha e ga fhaicinn fèin cho sàbhailt is gun deach e’ ghabhail a mhocharain maille ri bana-mhorair Chille-Màrnoc, do thaigh Chala-Sraid, ged a bha dearbh chinnt aige gum b’ann air taobh a phrionns ’a bha dùrachd na bainn-tighearna sin, a rinn na h-uile dhichioll air a dheanamh subhach agus a chunnard a chuir air chul, ni a chaidh aic’ air a dheanamh. Bha’ gheilbhinn uasal ud cho mhodhail na giùlan agus cho sgiamhach na maise, air chor is gu ’m bu mhòr bu mhi-chuisiche leis an t-seann Seanaileir liath féin “Briodal binn a beoil, seach tòirm searbh nan cath.” Thasa ’g ràdh gun dh’ fhan Hawley ann am fochar na baintighearna so n’a b’ fhaide na bu chòir do dh’ fhear a ’dreuchda ris an robh gnothach cho cudthromach an earbsa, agus a thaobh gun robh pailteas fiona ann an taigh Chaladair cha b’ ann falamh a dh’ fhalbh e.
Bha ’n soirbheas a nis air tionndai bho’n aird an iar-dheas, agus ghluas na Gàeil gu uchdach a bh’ air taobh na gaoithe agus deas air càmpa Hawley. ’Nuair a chunnaic an t-arm-dearg gun robh na Gàeil gu léir air gluasad chuir iad fios a dh’ionnsaidh an t-seanalair a bha fathast gun taigh Chala-Sraid fhagail. Cho luath sa rainig an teachdaire leum an seanalair na dhìollaid, agus mharcaich e le cruinn-leum gus an d’ ràinig e’n àrmailt, ceann-ruiste, gun ad gun phiorbhuic coltach ri fior dhàimheach air ùr éiridh bho chlàr nam fleagh. Bha ’n latha a bh’ air tus na maidne ciùin agus soilleir a nis air fàs gruamach agus ro choltach ri seideadh doireinn. Bha Tearlach mu ’n àm sin a sior ghreasad a dhaoine gu ard Sliabh na h-eaglais a bha ma dha mhìle dh’ uidhe deas air càmp an airm-dheirg.
’Nuair a chunnaic Hawley gun robh na Gàeil an geall air cothrom na bruthaich a bhi aca féin, thòisich e air gabhail eagail gun eireadh dha dìreadh mar thachair do dh’ Iain Cope latha Sliabh a Chlamhain, agus dh’ iarr e air a’ chuid marcaichean, ionn-
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.
“Cha ’n ion do dhuine a ghàire,” ars’ am fear a bha ’s an àrfhaich, ’s fitheach air e fhein a ribeadh ’n a chaolain, ’s e ri fàite-gàire ri lon an fhithich.
“Ruchd, ruchd!” thuirt am fitheach, “ ’s e mo mhac an tighearna.”
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’00—1yr.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 18. p. 8]
saidh a thoirt air séilbh fhaotainn air an uchdaich mu ’n ruigeadh na Gàeil suas. Cho luath sa thug e’n t-òrdu’ chaidh na trùpairean nan teann-ruith. agus ruith na coisichean as an déighe. Bha na gunnaidhean mòra ga ’n giùlan le cairtearan a mhuintir na h-Eaglaise Brice, agus do bhrigh gur ann a dh’ aindeoin a thugadh na daoine so bho na bhaile, cha do dhearbh iad a bhi nan seirbheisich ro dhileas; chuir iad na h-eich a mach tro bhoglach càthair as nach b’urrainn na brùidean truagh’ an casan a thoirt, agus air dhaibh na gunnaidhean fhagail anns an fhéithe sin, ghearr iad iallan beairte nan each agus mharcaich iad dhachaigh cho luath sa’ dh’ fhaod iad. Mar bha ’n t-àrm-dearg a direadh na h-uchdaich, bha ’n t-sion ghailbheach gheamhraidh a brais dhortadh nan aghaidh, a cuir maill’ air an leirsinn a’s air an imeachd agus mu ’n deach iad na b’ fhaid’ air an adhart chunnaic iad an t-àrm Gàelach (a ghabh rathad moran n’a b’ aithghearra) gu h-ard air bràidhe na h-uchdaich.
Bha trì reiseamaiden Chlann-Dòmhnuill (a bhri seana chòir shioll Chuinn) gu bhi air an latha so air deas lamh an àirm, ach anns an réis ruithe a bh’ eadar na Gàeil gu léir ’s na trùpairean dearga, le strì co aca e bhuannaicheadh an uchdach, b’e Clann-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig bu luaithe rainig am am mulach, agus dh’ fhagadh san ionad sin iad rè an latha, agus chaidh a’ chuid eile dheth na Finneachan an òrdugh catha anns an t-suidheachadh so; bho dheas gu tuath: —Clann-Ghriogair, —Dòmhnullaich na Ceapaich, —Clann-Raonail, Dòmhnullaich Ghlinne Garaidh—Stiùbhartach na h-Apunn, —Na Camshronaich, —Na Frisealaich, —Na h-Abhallaich, —Clann-Ogilbhi, —Clann-Fhearchair, —Feachd Iarla Chrompa, —Na Fràngaich. Sheas am Prionnsa féin air fàireadh ag amharc gluasadan dà armailt agus prasgan beag mar gheard air.
Sheas an t-àrm-dearg ma choinneamh nan Gàel, anns an òrdugh so bho thuath gu deas: —Wolfe, —Cholmondley, —An fheachd rìoghail Albannach, —Price, —Ligomeir, —Blancney, Fear-Chul-chàrn, —Fleming, —Barrell— ,Battereau, —Réiseamaid Ghlasacho—Howard, —Iain Caimbeul a Mhàim-Mhòir. Ann an àireamh, bha na Gàeil ’s an t-arm dearg mu’n aon lionmhorachd, 8000 fear air gach taobh, agus a thaobh nach robh gunnaidhean mòra, a dh’ aon chuid aig an arm Ghàelach no Ghallda, ’s doigh leam gun robh “cothrom na Féine” eadar na Gaill a’s luchd nam breacan.
(Ri leantuinn.)
Am fear a theid am mach air na h-uaislean is duine truagh a measg chàich e.
An duine a’s miosa càramh, an duine gun chinneadh taobh athar no mhàthar.
An Fhirinn Uile, agus gun Ni ach an Fhirinn.
Ann an cuis eadar maighstir agus fear-muinntir, chaidh an gille mhionnachadh mar fhianuis, is dh’ fhoighneachd am fear-tagraidh dheth cia mar a bha ’n seanchus eadar e fhéin ’s a mhaighstir. “Thubhairt e rium, an cead dhuibh fhein,” ars’ an gille, “gu ’m bu mhi an slaightear salach, ’s gu ’n robh mi ’goid na dibhe.” “ ’S eadh, agus dé thubhairt thusa?” “Thubhairt mi ris, an cead dhuibh fhein, gu robh e cho breugach ris a’ chu.” Ars’ am breitheamh gu cudthromach, “Bha do chainnt gle neo-iomchuidh, fhir òig.” “Cha ’n ’eil comas agams’ air sin,” ars’ an gille. “Thainig mi ’n so a dh’ innseadh na firinne, ’s tha i agaibh a nis!”
Cumha Cheap Breatunn.
LE ALASDAIR AN RIDSE.
Air dhomh a bhi air latha soilleir samhraidh a dol do Cheap George agus a bhi coimhead air Ceap Breatunn rinn mi an duanag so:—
Fonn:—
“Thug mi gaol do ’n fhear bhàn.”
Chi mi bhuam, fada bhuam,
Chi mi bhuam ri muir làin;
Chi mi Ceap Breutunn mo luaidh
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chi mi Creiginis nan craobh,
Le cuid aonaichean àrd;
’S an Rugh’ Fada tha ri ’taobh
Gheibhte maoin ann us bàrr.
Bha na Glaisrich ann gun éis,
Bheireadh feum as an fhal;
Bha iad modhail, bha iad gleusd’,
Bha iad spéiseil nan gnàths.
Chi mi Siudaig nam fear cruaidh,
Chi mi Bruaich nam fear àrd,
Bha Clann Sheumais ann ri uair—
Laoich a bhuanaicheadh blàr.
Bha iad fearail, bha iad treun.
’S iad gun eucoir nan càil;
Ach ’nuair chasadh iad gu streup
’S iad nach géilleadh do nàmh.
Chi mi Sestico nan tùr,
’S am bheil bùthan ’us stràid;
Chi mi Mabou air a cùl—
B’ i sid dùthaich mo ghràidh.
’S e na thug mi dhi de m’ rùn
Rinn mo dhùsgadh gu dàn,
’S gu bheil m’ fharmad ris gach gnuis
Tha mu bru’ichibh a tàmh.
Gu bheil togradh ann am inntinn
Bhi leibh mar a bha,
Ged tha fios again ’us cinnt
Ribh nach till mi gu bràth.
Chi mi cladach Mèinn a Ghuail,
’S am bidh buar agus gràn;
’S Rugha ’n t-Seallaidh fad mu thuath,
Creagach, fuar agus àrd.
Tha mi ’ruith gu ceann mo réis,
’S mi fo éislein gach là;
Sguiridh mi ’s cha ’n ’eil mi réith,
’S cha ’n ’eil feum ann am dhàn.
Nis bho ’n tha mi air bheag stàth,
Leam a b’ àil, nuair nach beò,
Mi bhi comhla ri m’ chàirdean,
Am Mabou fo ’n fhòid.
Is e an geamhradh luath, an geamhradh buan.
Mar is luaithe a’ ghaillionn, is ann a’s cruaidhe a’ ghaillionn.
CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH
Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.
Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn.
Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh.
H . H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.
Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.
Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 18 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 18. %p |
parent text | Volume 9 |