[Vol . 9. No. 19. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE NOBHEMBER 9, 1900. No. 19.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna.
LE IAIN.
CAIB. I.
NA MNATHAN A’ COMHRADH.
“SEALL am mach, a Cheiteag, feuch am faic thu bean Dhomhuill Bhàin a’ tighinn. A’ bhean bhochd, is ainneamh leatha ceum a thoirt o ’n taigh, agus is ro ainneamh a thig i an rathad so. Tha i anns a’ bhruthaig bhochd thaighe ud mar gu ’m biodh cearc fo bheul cléibh. Is beag a fhuair i de thoileachadh an t-saoghail so o ’n latha ’phòs i Domhull. Cò ach esan an uair a bha e ’n a fhleasgach òg! Cha robh spalpaire eile eadar gob an Rudha Mhòir agus Ceann-tràghad cho spaideil ’s cho mòr as fhéin ris an uair a phòs Màiri e. Ach spaideil, bragail, mòr as fhéin ’s mar a bha e, tha ’chùis coltach nach robh ann ach am baoghaire mòr, bog, gun fheum, gun tùr, gun toinnisg. Is ann agam a tha ’n truas ris an té a tha ’n ceangal ris. Cha ’n ’eil a bhith beò aice leis. Tha e cho leasg ri duine a sheas riamh ann am bròig leathar. Mur b’ e cho dìchiollach ’s a bha i fhein gus an taigh a chumail suas, is fhad’ o nach robh cabar as an cionn. Ach cha bu chàs e bhith leasg, ach tha e cho cruaidh ’s cho spiocach ’s nach dùirig e dhi an cupan tì. Mur gabh i fàth air cupan a ghabhail an uair a thachras dhasan a bhi muigh aig car obrach, cha teid deur a steach air port a beòil eadar dà cheann na bliadhna ach na gheibh i uamsa, no o mo leithid eile.”
“Dunaigh air na fir a th’ ann, a Chatriona. Cha chreid mi nach ’eil a h-uile mac màthar dhiubh air a thearradh leis an aon pheallan. Nach beag a shaoileadh tu fhein an uair a bha Lachlainn a’ bristeadh a chnàmhan as do dheigh, gu ’m biodh e cho cruaidh ort ’s a tha e? Ach is iomadh fear a’s miosa na e, ged a tha e cruaidh gu leòr ortsa. A dh’ aon rud, cha ’n ’eil an leisge ann, agus cha mhò a bhios e ’gearain air cho beag ’s a ni thusa dh’ obair an uair a thig e dhachaidh feasgar. Na gabh gu h-olc mise ’g a ràdh so riut. Dh’ innis thu fhein dhomhsa gu ’m bheil so mar so. Agus tha fhios aig an dùthaich air. Ach an deigh a h-uile rud, tha mi ’creidsinn gur e ceann mnà a’s fhearr gu mòr na ’n duine agam fhein, agus Domhull Bàn. Cha chùm mi so an cleith ortsa. Is mi nach cùm. Cha’n ann a chionn mi ’ga ràdh riut fhein, cha’n ’eil té eile ’s an dùthaich do ’n innsinn mo chor, gu saor soilleir, ach thu fhein. Nach bochd an gnothuch dhomh fhein gu ’m feum mi, ma ’s math leam greim de bhiadh ceart, sùghar a ghabhail, tighinn far am bheil thu fhein. Cha ’n fhuiling Seumas poit tì fhaicinn. Cheannaich mi poit tì ann am bùth Dhomhuill Bhig o chionn mhios, gun fhios nach fhaodadh cudeiginn tighinn thun an taighe a bhiodh feumach air cupan tì. Chuir mi air an dreseir i, agus mi gun dùil sam bith agam gu ’n cuireadh i dragh airsan ged a chitheadh e i. Ach an uair a thàinig e dhachaidh ’s a thug e an aire dhi air an dreseir, ghabh e null thun an dreseir gu bog, balbh, agus thog e leis i, agus rinn e spealagan dhi ris an ursainn. Cha duirt mi gu ’m b’ olc ris. Bha mi anns an àm a’ falbh a bhuain cliabh feòir do ’n chrodh. Ciod a th’ agam air ach gu ’n do chaoin mi na lìonadh a’ phoit tì mu ’n do thill mi dhachaidh. A bharrachd air sin, ghearr mi mo làmh gu dona. Leis mar a bha na deòir a’ ruith cho bras o mo shùilean, cha bu leur dhomh ach gann mo lamhan seach an corran.”
“Tha thu air chùl do sgeòil, a Mhòr. Tha Lachlainn a’ cheart cho cruaidh ormsa ’s a tha Seumas ortsa. Is glé thoigh leis a’ phoit tì fhaicinn an oir an teine an uair a thig e dhachaidh, o ’n a bhios dùil aige fhein ri ’chuid fhaotainn dhe na bhios innte. Ach nan saoileadh e gu ’n òlainnsa cupa gun fhios dha, ghabhadh e seachd leumannan dhe’n chaoch. Ged a shaoileas tusa gu ’m bheil e còir, fialaidh, an uair a thig thu thun an taighe, is e th’ ann duine cho spiocach ’s a gheibhteadh eadar dà cheann na dùthchadh. Tha dùil aige gur còir do dh’ unnsa tì mairsinn ùine fhada. Ach ciod a th’ ann an unnsa bochd tì? Cha ’n fhada mhaireas e gu dearbh. A nis, ged a tha mise ’g a innseadh so dhutsa, cha ’n ’eil math dhut guth no iomradh a thoirt ri duine beò gu ’n dubhairt mise aon fhacal riut mu dheidhinn Lachlainn. Air na chunnaic tu riamh na do bheatha, cuimhnich nach innis thu diog dhe ’n chòmhradh a bh’ eadrainn do bhean Dhomhuill Bhàin. Ged is toigh leamsa i, an truaghan, tha fàilling bhochd innte: cha cheil i aon fhacal a chluinneas i. Am bheil fhios agad ciod a thuirt i riumsa? ‘A nis, a Chatriona,’ ars’ ise, ‘rud sam bith a’s math leat a chumail an cleth, na innis dhomhsa idir e.’ Tha truas gu leòr agamsa ri té sam bith nach urrainn dìomhaireachd a chleith.”
“Creididh mi dhe sin, a Chatriona, na thogras mi fhein. Is math is aithne dhi diomhaireachd a chumail an cleith an uair a thogras i fhein. Feuch thusa an innis i dad oirre fhein. Mar a tha am facal ag radh, ‘Is fhada bhios duine o ’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.’ An d’ innis i dhut gu ’m bheil i fhein ’s bean a’ mhaoir gu math tric ann an cuideachd a chéile? Dh’ innis urra glé chinnteach dhomhsa gu ’m bheil bean a’ mhaoir glé mheasail oirre aig an àm so.”
“Cha chuala mi guth no iomradh air a leithid gus a so. Feumaidh sinn an aire mhath a thabhairt ciod a their ’s a ni sinn. Is beag orm fhein bean a’ mhaoir. Mur do mheall mo bharail mi, is i aon bhoirionnach cho dùbailte ’s a thachair riamh rium.”
“Air a shon sin dheth. Ach gabh thusa beachd oirre a’ cheud uair a thachras i riut. Tha i cho milis ’s cho mìn ’s cho beulach ’s gu ’n saoileadh tu gur i an aon té cho neo-chiontach ’s cho neo-lochdach ’s a tha beò. Air Di-domhnaich, an uair a thachras i riut air an rathad eadar so ’s an eaglais, saoilidh tu nach ’eil naomh air thalamh ach i. Air latha seachdain, an uair a thachras i riut, mur bi thu ’n ad fhior-fhaireachadh, bheir i ort gu ’n innis thu dhi, gun fhios dhut fhein, iomadh ni air nach biodh toil agad iomradh a thabhairt.”
“Cha ’n ’eil mi idir a’ tuigsinn, a Mhòr, c’ ar son a tha bean a’ mhaoir cho measail air bean Dhòmhuill Bhàin. Tha bean a’ mhaoir na boirionnach a tha glé mhòr aisde fhein. Cha ’n ann ris a h-uile té a tha i deònach comunn a chumail.”
“Is ann air a shon fhein a ni an cat crònan, a Chatrìona. Cha dean bean a’ mhaoir comunn ri té sam bith ach ri té ’dh’ innseas naigheachdan dhi.”
Anns an t-seanachas thàinig Ceiteag a steach, agus thuirt a màthair rithe, “Am faca tu bean Dhomhuill Bhàin a’ tighinn?”
“Chunnaic. Shuidh mise air bearradh a’ bhruthaich mhòir gus am faca mi i a’ tighinn am mach as an taigh. Tha i fhein ’s bean a’ mhaoir ’n an seasamh aig an t-sruthan. Tha iad a’ sior bhruidhinn. Cha d’ thug iad an aire gu ’n robh mise cho dlùth dhaibh ’s a bha mi. Bha iad a’ bruidhinn air feadhainn air choireiginn a tha ’dol a phòsadh.”
“Na toir thusa guth air aon fhacal a chluinneas tu mar sin, a Cheiteag. Cha ’n ’eil e ceart dhutsa no do neach air bith eile ’bhith farchluais air chùl chnoc. Ma gheibh mise am mach gu ’m bi thusa ’farchluais, theid mi an urras nach bi e an nasgaidh dhut.”
“Cha robh mise a’ farchluais idir, a mhàthair. Bha mi ’n am shuidhe air fìor mhullach a’ bhruthaich far am faodadh duine sam bith a’ fhaicinn.”
“Foghnaidh sid an dràsta. Cuir air a’ phoit bheag. Cuir tonn mhath uisge innte, air dhòigh ’s gu ’m bi gu leòr ann gus na h-uighean a bhruich a bharrachd air na ni an tì. Feuch gu ’n nigh thu gu math i. Is e iasg a bh’ innte mu dheireadh. Cha bu mhath leam gu ’m biodh blas an éisg air an tì. Mur bi an tì aig a blas fhein, a Mhòr, cha ’n fhiach i a h-òl. Feumaidh mi sìlean a bharrachd a chur anns a’ phoit; oir tha bean Dhomhuill Bhàin glé choma dhe ’n tì mur bi i gu math làidir. Cha toigh leamsa tì làidir idir. Is math leam i bhith blasda, agus air a tarruinn gu caoin. Tha iad ag radh nach ’eil e math do ’n tì a bhith fad ann an tarruinn.”
“Cho math ’s gu ’n dean thusa no mise tì, cha bhi mòran tlachd oirre mur cuirear deur beag de dheadh bharr bainne innte.”
“Gu dearbh tha làn àm agad tighinn, a bhean Dhomhuill Bhàin. Is fhada o ’n a bha dùil againn riut. Tha eagal ormsa gu’n tig cuideiginn thun an taighe mu ’m faigh sinn crioch a chur air an tì.”
“Cha b’ urrainn domhsa tighinn na bu tràithe. Thaghail bean a’ mhaoir orm anns an dol seachad, agus bha leithid aice ri ràdh ’s gu ’n do theab nach fhaighinn as a seanachas idir. Ach, am boirionnach còir, thug i dhomh placaid luma làn de dheadh uisge-beatha. Thuirt i gu ’n cuala i nach robh mi ’faighinn mo shlàinte cho math ’s a b’ àbhaist dhomh, agus gu ’n do smaoinich i deur beag a thoirt do m’ ionnsuidh a ghabhainn an dràsta ’s a rithist, an uair a bhithinn a’ faireachadh mo chridhe fann. Ach a dh’ innseadh na fìrinn, cha bhiodh math dhomhsa a ghabhail ’na mo thaigh fhein. Nam fairicheadh Domhull fàileadh an uisge-bheatha
[Vol . 9. No. 19. p. 2]
dhiom aon uair, cha chuireadh an saoghal as a cheann nach mi fhein a cheannaich e. Cha chluinninn a dheireadh gu latha mo bhàis; agus smaoinich mi gu ’m bu cho math dhomh a thoirt leam. Cuir as do làimh an àite eiginn e, a Chatrìona, gus am bi sinn a’ suidhe aig a’ bhiadh. Sin agad criomag bheag de dh’ ìm ùr a thug mi leam. Rinn mi maistreadh an diugh fhein anns a’ chrannachan bheag; agus air eagal nach do thachair ìm ùr a bhith agad fhein, thug mi leam e.”
“Is math a rinn thu gu dearbh. Is fìor thoigh leam fhein ìm ùr. Ach o ’n a tha càch coma dheth, is ainneamh leam, an uair a ni mi maistreadh, gun salann a chur anns an ìm gu leir.”
(Ri leantuinn.)
Uair ’sa Bhliadhna.
O BHEURLA REGINALD GOURLAY.
(Air a leantuinn).
“Thachair duine neònach rium shios taobh na h-aibhne, a Fhrancis,” thuirt mi ris. “ ’S i mo mhor bharail gu robh o as a rian—thuirt e rium gu robh aige ri cuid-eigin a choinneachadh anns a choille; bha a sheanachas gle neònach, agus bha a choltas na bu neònaiche na sheanachas. Cha ’n eil e ceart a bhi ’ga fhàgail leis fhéin anns a choille. Thig còmhla riumsa, agus leanaidh sinn e, agus feuchaidh sinn ri thoirt air ais an so. Thuirt e rium gu ’m b’ ainm dha Pierre La Rose.”
Leum Francis gu grad air a chois, agus leis a bhoil anns an robh e, rinn e greim air dha laimh orm. “Ah, ’mhaighstir,” ars’ esan, ’s e gagadaich ’s a dol air chrith leis an eagal, “dh’ amais sibh air—am fear mallaichte! O! car son a champaich sinn idir ’san àite chiontach so? Eisdibh rium, a mhaighstir [ ? ] ’g isleachadh a ghutha mar gu ’m biodh eagal [ ? ] gu robh luchd-éisdeachd do-fhaicsinneach timchioll air. “Is e mortair a tha ann am Pierre La Rose! Agus rud is miosa na sin, cheadaich an Dia math e bhi aig an àm so dhe ’n bhliadhna—an t-àm ’s an d’ rinn e an gniomh—fo chumhachd droch anama ’n fhir a mhort e, no droch spiorad eigin eile. Tha e, a reir a sheanchais fhéin, ‘air a tharruinn gu choinneachadh ’s an àite ’s an do mharbh e e.’ Bitheamaid a falbh, a mhaighstir, air a mhionaid so fhéin, mu ’n tachair Pierre La Rose oirnn a rithist—agus am fear ud eile!”
“Bi sàmhach, a dhuine!” arsa mise, a faicinn gu robh e air bhoil leis an eagal, “cha dean a leithid so de dh’ fhaoineis an gnothuch idir. Mortair ann no as, tha an duine as a rian, agus bu chòir a thoirt air ais, a dheòin no dh’ aindeoin, gu St. Rèmi. C’ àite ’m bheil e dol? Ciod am mort a rinn e? agus cuin a rinn e e?”
“Tha e dol,” arsa Francis, beagan na bu chiùine, ach a bruidhinn gu h-iseal ’s e air chrith mar a bha e roimhe, “gu àite nach eil ach gann cairteal a mhile á so. O, b’ fhearr leam nach robh e cho faisg oirnn! Aite fàsail, fiadhaich, am measg chreagan mora, far an d’ rinneadh an gniomh. Ann an sin tha e coinneachadh an droch ni ud. Agus am mort, a mhaighstir, bha e mar so. Ach na dh’ innseas mi dhuibh, an aontaich sibh an t-àite so fhàgail, agus sin gun dàil?”
“Chi mi,” arsa mise.
“Gle mhath, ma ta, a mhaighstir. Air an oidhche so dhe ’n mhios Màigh, o chionn tri bliadhna, bha Pierre La Rose so agus a chompanach Iain Thibeault, a dol troimh ’n àite air an robh mi bruidhinn, air an turus dhachaidh gu St. Rèmi bhar cuairt air an robh iad anns na coilltean ag iasgach ’sa sealgaireachd.
“Bha Pierre de ghnè uasal, suairce, na ghille math air an robh mor mheas aig na h-uile; ach bha Iain Thibeault na dhuine dùr, brùideil, aig an robh teanga shalach. Bu choigreach e anns a chearna so, ach bha e air droch ainm a chosnadh cheana. Bha droch fhuil eadar na daoine air son Eosephin Dupont, ris an robh còrdadh pòsaidh aig Pierre, ach a bha Iain a feuchainn ri thoirt uaithe, mar bu mhath a bha fhios aig Pierre, oir cha robh Iain a deanamh cleth sam bith air. Agus bha Iain, a bhrùid ’s an dubh-shlaoightire mar a bh’ ann, ’na dhuine ro bhriagha, agus ’nuair a thogradh e fhéin, rachadh aig air nithean bòidheach, milis a chur an cluais maighdinn ghòraich sam bith a dh’ éisdeadh ris. Tha e coltach gu ’n deach iad bhar a chéile mu deibhinn air an turus. Agus an deigh sin bha iad a’ dol troimh ’n àit ud. Thuit Pierre le creig agus bhrist e a chas eadar an t-aobrunn ’sa ghlùn. Dh’ éibh e ri Iain, a bha air toiseach. Thionndaidh Iain, agus chunnaic e an suidheachadh ’s an robh e, agus lean e air adhart. Agus air dha bhi ’ga fhàgail, sheall e thar a ghuaille, ’s ars’ esan, “Laidh an sin, a liobastair luidich! gus am faighear thu. Theid mise thoirt sòlais do Eosephin.” Cha ’n eil fhios agam cia dhiubh a bha e da-rireadh no nach robh robh; ach chuir na briathran an-iochdmhor sin fuil an Fhrangaich air ghoil an cuislean Phierre. Thog e ’n gunna bha ri thaobh, agus ann an tiotadh bha Iain air a bheul fodha air an làr ’s peilear air a chur troimhe eadar an da shlinnean. Fhuair cuideachd a bha dol suas an abhainn beagan lathaichean an deigh sin, corp breun Iain agus Pierre faisg air, ’s e air a dhol glan as a cheill. ’Nuair a chaidh Pierre na b’ fhearr, dh’ innis e mar a thachair do ’n t-sagart—an t-Athair La Londe—duine math agus glic; agus ’nuair a thainig a pheanas air fhuair muinntir eile fios air.”
“Ach car son, an ainm an Fhreasdail,” arsa mise ’s mo nàdar laghail ag eiridh orm, “nach robh an duine air a thoirt gu ceartas? Cha ’n eil mi creidsinn gu faighte ciontach de mhort e idir; bheirinn féin mo bhòid gur e jury gle ainneamh a rachadh ga dhiteadh gu bàs, ged a tha e doirbh a dhol roimhe ciod a dh’ fhaodas jury a dheanamh air an latha ’n diugh, agus gu h-àraidh ann an Canada.”
“Innsidh mise dhuibh car son, a mhaighstir; bha an t-àite fad air falbh o lagh ’s o cheartas. Bha pàrantan La Rose urramach agus measail; bha moran de chàirdean us de luchd-eòlais aige, agus cha robh toil sam bith againn aon de ar nàbuidhean a bhi air a chur gu bàs maslach. Agus air son Thibeault, bha gràin an uilc againn uil’ air. Agus a bharrachd air sin, ’nuair a bha Pierre air son e fhéin a thoirt suas, thuirt an t-Athair La Londe ris gun e ’ga dheanamh, ’nuair a bha toil aige e-fhéin a chur an lamhan an lagha gus faotainn as o’n ni uamhasach a bha ’ga ghairm do ’n choille ’nuair a thigeadh co-ainm an latha chiontaich mu ’n cuairt. Cha robh fhios againn car son a thug e chomhairle sin air. Ach bha an sagart na b’ fhiosraiche na bha sinne, agus bha sinn a creidsinn gu robh e deanamh gu ceart. Agus chaidh a’ mhaighdeann bhòidneach, Eosephin Dupont, do thigh nam banmhanach ann an Cuebec.
“Dh’ fhuirich Pierre ’nar measg, ’na dhuine breòite, glas-neulach, le cridhe briste. Bha e daonnan a’ deanamh math; chuidich e leis gach duine ’bha cur feum air cuideachadh; agus bha e ’cur roinn mhath dhe ùine seachad còmhla ris an t-sagart. Ach ’nuair a bhiodh an latha air ’n do mharbh e Thibeault a tigh’nn dlùth, thigeadh oillt neonach agus uamhas an-fhoiseil thairis air. Theireadh e gu robh Thibeault ’ga ghairm do ’n choille far an d’ fhuaireadh iad; agus bha ni-eigin cho uamhasach agus cho oillteil na dhreach ’s na ghiùlan aig na h-amannan sin ’s gu ’m biodh eagal air daoine bruidhinn ris. A’ cheud uair, thug an sagart leis e do ’n eaglais air feasgar an darna latha deug dhe ’n Mhàigh, ’s e an rùn an oidhche chur seachad còmhla ris ann an ùrnaigh; ach ’nuair a thainig dithis sheann daoine a bha air an cuireadh gu dhol an ceann na h-ùrnaigh comhla riutha, bha Pierre air falbh, agus fhuair iad an sagart air a bheul-fodha mu choinneamh na h-altarach, ann an laigse. Thuirt muinntir a pharaist’ uile an sin gu feumadh gun do cheadaich Dia ’na mhathas cumhachd a bhi aig an droch spiorad re tamuill, air neo nach b’ urrainn dha Pierre a thoirt air falbh o’n altair. Ach cha d’ thug an sagart gu ruige ’n uair so iomradh air na chunnaic e. An ath uair a thainig an latha, lean dithis shealgairean Pierre do ’n choille, ach thainig iad dhachaidh ’na leithid de dh’ eagal ’s gu ’n do dh’ fhàg iad am paraiste, ’s chaidh iad a dh’ fhuireach do chearn eile dhe ’n dùthaich. Bha iad ag innse gu ’n cual iad Pierre a còmhradh ri anam caillte Iain Thibeault mu nithean ain diadhaidh, uamhasach air nach tigeadh iadsan thairis.
“Agus tha e mar sin, a mhaighstir, na h-uile bliadhna. ’Nuair a thig Pierre dhachaidh o aon de na coinneamhan sin, bidh e as a rian buileach glan, agus e ’g éigheach ri Dia trocair a dheanamh air, gus an tuit e seachad ann an neul—neul as an dùisg e ’sa thùr fhéin aige, ach moran na ’s breòite ’s na ’s dlùithe do ’n bhàs na bha e roimhe. Sin agaibh an sgeul. Agus a nise, ’mhaighstir, le ’r cead, bitheamaid a’ fàgail an àite. An ainm Dhé bitheamaid cuibhteas e!”
“Eisd rium, a Fhrancis,” arsa mise ris, ’s mo mhisneach ann an tomhas air tilleadh rium; “cha’n eil air an duine bhochd so ach gu bheil e bhar a dhòigh, agus bu chòir a thoirt air ais mu ’m bi e air a mharbhadh le fuachd us anastachd nan coilltean, mar a bhitheas e an ùine ghoirid mur a gabhar aige. Agus ’se sin a tha mise ’dol a dheanamh. Tog ort, a sheòid; biodh misneach agad. Tha thu na d’ fhior dhuine treun. Chunnaic mis’ thu le m’ dha shùil fhéin a’ dol an coinneamh tairbh moose gun uiread ’sa phiob a thoirt as do bheul. Tiugainn comhla riumsa, ’s bidh Pierre La Rose againn an so ’sa champa mu ’n ruith leth-uair a thìm.”
“Mise dhol ’ga iarraidh, a mhaighstir! cha rachadh air son na tha de dh’ fhearann ann an Cuebec; ged a gheobhainn na tha dh’ òr ’s a dh’ airgead an taighean-ionmhais na dùthcha cha rachainn ceum na b’ fhaisge na so air an àite ’s am bheil La Rose a cumail coinneamh ris an droch ni ud!”
“Dean fuireach far am bheil thu, ma ta, a ghealtair bhuig,” arsa mise, ’sa bhaoth-chreideamh us eagal an deigh an fhearg a chur orm, “agus cum do cheann fo ’n phlaide fhad ’sa bhios mis’ air falbh ’ga iarraidh.”
Dh’ fheuch an duine bochd ri mo chumail air m’ ais, ach thilg mi a thaobh e, agus chuir mi m’ aghaidh air an àite ’shònruich e; bha m’ inntinn car troimhe-chéile, ach bha mi làn shuidhichte air an ni a bha mi dol a dheanamh, agus cho saor o eagal ’sa tha thusa air a mhionaid so.
Cha robh mi fada ruigheachd an àite. Cha robh dòigh air a sheachnadh. Aite fàsail, fosgailte, lan de chreagan mora, gun chraobh no ni gorm sam bith a fàs ann, ach corra sheann stoc giuthais an sid ’s an so nan seasamh eadar mi ’s an t-adhar. “Cha mhor nach fhaodar a radh,” arsa Victor Hugo, “gu bheil àiteachan ann a tha annta féin
[Vol . 9. No. 19. p. 3]
olc, aingidh.” Ma bha àite ann riamh mu ’n robh sin fior b’e an t-àite so aon dhiubh. Agus na chrùban air creig mhóir leathainn na theis-meadhon, bha an duine truagh a thainig mi dh’ iarraidh. Bha e bruidhinn, àird a chinn, an dràsda ’sa rithist, le guth aogaidh, neo-thalmhaidh. Chluinninn na h-uile facal a bha e ’g ràdh; agus bha cainnt an duine, agus an t-uamhas ’s an eu-dochas a bha, air leam, ’ga chuartachadh, ’ga m’ lionadh le crith eagail nach d’ fhairich mi a leithid riamh, roimhe no na dheigh.
Breislich, sgriachail, griosad agus mallachadh—gach ni leis an gnàth caothach us dith céille bhi air an nochdadh—bha mi ullaichte air an son, ach bha caothach an duine so, ma ’s caothach a bh’ ann, na bu neònaiche ’s na b’ uamhasaiche na ni a chunnaic no chuala mise riamh. Bha e mar gu ’m biodh e a’ còmhradh ri neach eigin nach robh mise ’faicinn—bith uamhasach, gràinichte, a bha e le uile neart a cur an aghaidh. Chluinninn e gu tric ag radh, “Cha bhi an cumhachd so agad thairis orm an còmhnuidh. Ni Dia mo thearnadh air a cheann mu dheireadh.” An sin bha e ùine ghoirid ’na thosd. “Ni mi ainmeachadh.” Stad e rithist, agus an sin le guth anns an robh oillt agus uamhas, “ ‘Dia a mhallachadh agus a bhi aig fois o m’ dhoruinnean!’ Cha dean mi sin gu bràth. Ged a mharbhadh e mi, cha ’n àicheidh mi e!” Agus an sin, an deigh a bhi na thosd ùine na b’ fhaide na bha e roimhe, “Ach anns na h-ionadan sin—ionadan uamhasach nan anaman caillte—tha Dia an sin mar an ceudna. Agus is Esan is cumhachdaiche na thusa.” Agus an sin (an robh mi fhéin a call mo chéille?) air leam gu ’n cuala mi guth cruaidh, biorach, a’ tigh’nn mar shanas á duilleach nan craobh, “Ach tha cumhachd aig bith eile anns na h-ionadan sin, spiorad aig am bheil eagal agus fuath do ’n Dia agadsa; tha cumhachd aig an spiorad sin anns na h-ionadan sin, agus anns an ionad so.”
Agus an cois nam briathran sin thainig orm geur-mhothachadh air bith naimhdeil, sgriosail a bhi dlùthachadh orm, agus air cunnart mor a bhi ’ga m’ chuartachadh; thainig na faireachduinean sin orm mar thuil bhàiteach, agus threig mo lùth ’s mo mhisneach mi air ball. Theich mi mar ghealtair—cha robh ni air m’ inntinn ach faotainn air falbh as an àite. Rainig mi an campa. Cha d’ thug Francis ach aon sùil orm ’nuair a thuig e mar a bha. Thug sinn leinn ar gunnaichean, ruith sinn gu bruaich na h-aimhne, leum sinn dh’ an chanù, agus dh’ iomair sinn air falbh cho luath ’sa bh’ againn.
Bu bheag oirnn cunnartan na h-aimhne, ged a bha againn ri dhol troimh thanalaichean ’s am measg chreagan an dubh dhorchadas na h-oidhche. Bu bheag oirnn sin uile seach na bha sinn a’ fàgail ’nar deigh an àit an uamhais ud. Sgriob sinn air adhart air doigh-eigin, cha ’n eil cuimhn’ agam gu ro-mhath ciamar, agus rainig sinn baile beag St. Rèmi mu ’n do shoilleirich an latha.
Cho luath ’sa bha e iomchuidh a dhol ’ga fhaicinn, chaidh mi far an robh an t-Athair La Londe, agus dh’ innis mi dha gach ni a chunnaic ’sa chuala mi. Thuirt e rium nach robh facal bréige anns na dh’ innis Francis dhomh, agus chuir e ’n céill dhomh a bharail fhein air a chùis. “A thaobh an duine mhi-shealbhaich so, dh’ fhaodte gu bheil Dia ’na mhathas a ceadachadh do dhroch spiorad cumhachd a bhi aige thairis air re tamuill mar pheanas air son an droch ghniomh a rinn e; agus mar sin gu ’m bi e air a shaoradh o pheanas anns an àm a ta ri teachd. Tha fhios agad,” ars’ esan, “gu bheil sinne tha dhe ’n t-seann Eaglais a creidsinn anns a Phurgadair—àite anns am bi sinn air ar peanasachadh air son ar peacaidhean an deigh ar bàis, agus as am bi sinn fa-dheòidh air ar saoradh gu bhi mealtuinn sonas nam flathanas. Agus ma theid duine pheanasachadh mar sin ’san àm a ta ri teachd, car son nach fhaodar, air uairibh, a pheanasachadh ’san àm a ta làthair? Is ionnan gach àm agus gach àite ann am fianuis Dhé.”
Beagan a bharrachd air bliadhna ’n deigh an ama so, fhuair mi litir o’n Athair La Londe, anns an robh na briathran so bu mhath leat a chluinntinn: “Chaochail Pierre La Rose, an duine bochd, o chionn dha no tri lathaìchean, air sàileabh ànnraidh us chlaoidh nan tursan bliadhnail air an robh e ’dol gu làrach a chionta. Bha e air leabaidh a bhàis làn aithreachais us dòchais, agus tha mi ’n earbsa gu robh e air a thearnadh. Ach, ged a bha e mar sin, bha aige gu latha ’bhàis ri dhol troimh ’n deuchainn uamhasaich ud— ‘Uair ’sa Bhliadhna. ’”
Sgeul Beag do ’n Oigridh.
AIR A H-AITHRIS LE FIONN.
Is e deagh bhalach a bh’ ann an Cailean Ruadh, ged a bha aon droch-cleachdainn aige a bha deanamh mòran coire dha. Nis tha balaich ann agus tha iad de’n bheachd nach dean aon droch-cleachdainn moran coire, ach tha’ m beachd so fada ceàrr; fòghnaidh aon fhàilinn de’n t-seorsa so a mhilleadh cliù duine gu h-iomlan—mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh “millidh tarrang each, ’s millidh each seisearach.” Thachair so do Chailean Ruadh.
Bha e na chleachdamh aige a bhi daonnan “beagan air dheireadh.” B’ abhaist da a ràdh, “Tha gu leòir a dh’ ùine,” ach tha e coltach nach d’ aimis “gu leòir” air-san riamh, oir bha e ’ghnàth ’s gun tàmh a cur dheth gach ni gus an tiota mu dheireadh.
Theireadh e ris fhein, “bha mi ’m beachd a bhi ’sa sgoil an àm an diugh,” ach ’n uair thigeadh uair na sgoile bhitheadh Cailean na chabhaig ’s e astar math o’ n tigh-sgoil.
Latha bha sin, chaill a mhairnealachd duais dha a bu ghle mhath leis aige. “Tha fhios agam,” ars’ esan, feasgar a bha sin, “gu bheil mi ni beag air dheireadh air cuid de m’ chompanaich, ach ma gheibh mi do’n sgoil an àm am màireach agus nach bi mearachd agam ann am leasain, ’s e mo bheachd gu ’m bi mi suas riutha. A mhathair an cur sibh air mo chois mi leth uair ni’s tràthaile ’sa’ mhaduinn am màireach?”
Air an ath mhaduinn ghairm a mhàthair e mar a gheall i, ag radh ris— “Eirich a Chailein, cuimhnich air an duais air a bheil thu’n geall.”
“Tha cuimhne agam air a sin,” arsa Cailein, “Cha ’n eil eagal nach bi mi an àm an diugh.” Ach an àite éirigh, mar a gheall e, laidh e mar a bh’ aige tacan eile agus mun do chuir e crioch air a bhrochan thuirt a mhàthair ris— “Greas ort a laochain, air neò cha ruig thu ’n sgoil àm an diugh.”
Dh’ éirich Cailean ’s bha e ’na ruith ’s na leum— “C’ àite bheil mo’ bhoineid? Co chuir falach mo leac-chunntais? C’ àite bheil mo leabhraichean—dh’ fhàg mi iad an àit-eigin an raoir—cha ’n ’eil feum falbh as an aonais.”
Thòisich e fhein ’sa mhàthair air rùrach air son gach nì, ach mu’ n d’ fhuaireadh iad uile, bha e teann air uair na sgoile.
Dh’ fhalbh Cailean na dheannan, ach ged a bha’n anail ’s an uchd aige ’nuair a ràinig e’ n tigh-sgoil, bha e beagan air dheireadh, agus bha ’n dorus dùinte, glaiste.
“A Chailein,” ars’ am Maighstir-sgoil, “cha ’n ’eil thu ach fior bheagan air dheireadh air Seumas Alasdair, agus na’n robh thusa an àm an diugh bu leat an duais.”
Shaoileamid gu’m fòghnadh an t-achmhasan so dha ré a bheatha, ach tha e coltach nach tug e fiaradh á Cailean bochd.
Goirid na dhéigh so fhuair Cailean cuireadh o bhrathar-a- mhàthar tighean agus seachdain a chuir seachad leis air an dùthaich. Dh’ innis e do Chailean an latha ’s an uair a bha e ri dol leis an each-iarruin, agus gu’n tachradh esan air aig ceann a thurais, agus mur biodh e sin air an latha ’s air an uair, nach biodh suil aige ris aig àm eile. Bha Cailean ann am boch mòr, agus bha e cur roimhe a bhi ann an àm air an turas so.
Chuir a mhàthair air a chois e glé mhoch air a mhaduinn ud, agus bha a bhrochan deas ann an àm gu leòr, ach mar bu dual, bha Cailean air dheireadh.
Ruith e air falbh gun bhiadh a bhlasadh, ag ràdh, “gheibh mi rud-eigin ’n uair a ruigeas mi sin.”
“Theagamh gu ’m faigh,” fhreagar a mhàthair, “ma ruigeas tu, ach ’s e mo bharail-se nach bi thu ’n àm.”
Mar a thubhairt a mhàthair, bha Cailean air dheireadh, agus b’ fheudar dha tilleadh dhachaidh ’gu nàrach, muladach.
“Cha b’ urrainn ni b’ fhearr tachairt dhuit,” thubhairt a mhàthair, ’nuair a chunnaic i Cailean, “agus mur faigh thu thairis air an leisg ’s air a’ mhàirneulachd so cha ’n ’eil fhios agamsa ciamar tha thu dol a dh’ fhaighinn troimh ’n t-saoghal idir.”
Beagan bhliadhnachan na dhéigh so dh’ fhàg Cailean an sgoil, ’s bha e an geall air an t-saorsainneachd ionnsachadh. Chual e gu ’n robh balach a dhith air Calum Saor agus thug e air ’athair dol a bhruidhinn air a shon. Gheall Calum Saor an t-àite do Chailean na ’m biodh e sin aig sea uairean maduinn Dhi-luain.
’Nuair thàinig maduinn Dhi-luain bha Cailean bochd air dheireadh mar a b’ abhaist agus ’s e bh’ ann gun do chuir Càlum Saor muinntireas air balach eile. Ràinig Cailean beagan an déigh na h-uarach, agus ’se thuirt Calum Saor ris— “Cha dean so feum idir ’ille, am fear a bhios fada gun éirigh bidh e na leum fad’ an latha. Tha mi duilich air do shon, ach an giullan a tha daonan air dheireadh cha bhiodh cuid no gnothach agam ris.”
Ghabh na facail so greim air Cailean, chrath e dheth an leisg, fhuair e obair ’s chum e i. Tha e nis a deanamh a rathaid anns an t-saoghal ’s cha ’n ’eil anns a’ bhaile a nis a’ s fearr air a mhoch-eirigh na Cailean Ruadh. —An Fhianuis.
An Coileach ’s am Madadh Ruadh.
Mar a thug an coileach an car as a mhadadh ruadh; ’s cha d’ thug beathach riamh an car as ach an coileach a bha ’n siud.
Thainig am madadh ruadh thun taighe, ’s rug e air coileach. Dh’ fhalbh e leis a choileach ’s dh’ fhalbh muinntir a’ bhaile as a dheigh.
“Nach iad a tha gòrach,” ars an coileach, “a falbh as do dheigh, ’s nach urrainn iad breith ort co-dhiu.” Bha ’n coileach, nuair a dh’ fhosgladh am madadh ruadh a bheul, gus leum as. Nuair a chunnaic e gu ’n robh an coileach cho deònach air falbh còmhla ris fhein bha e cho toilichte.
“O, a cheòlaire! nach abair thu, ‘ ’S e mo choileach fhéin a th’ ann’, ’s tillidh iad,” ars an coileach. Thuirt am madadh ruadh, “ ’S e mo choileach fhéin a th’ ann;” ’s nuair a dh’ fhosgail am madadh ruadh a bheul leum an coileach air falbh.
An uair a tharruingeas gach duine ’chuid uige, is mairg a bhitheas gun chuid aige.
[Vol . 9. No. 19. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, NOBHEMBER 9, 1900.
Bha muinntir Newfoundland a’ taghadh pàrlamaid ùr Dior-daoin. Cha d’ fhuaireadh fios mu’n deach am paipear so an clò, cia ’n taobh a thug buaidh. Bha an cath, air an eilean sin, eadar an riaghladh agus Reid, duine d’ an goirte o chionn beagan bhliadhnaichean air ais “Righ Newfoundland.” Thog esan an rathad-iaruinn, agus chuir e moran obrach air adhart a bha toirt soirbheachadh nach bu bheag d’ an dùthaich. Air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh, bha e air son achd ùr fhaotainn troimh ’n phàrlamaid; ach dhiult an riaghladh sin dha, agus uaithe sin tha e ’g obrachadhan aghaidh an riaghlaidh, agus aig an taghadh so ’se nàmhaid a’s cumhachdaiche a bh’ aca. ’Nuair a theid cuideachd làidir no duine saoibhir, cumhachdach an aghaidh luchd-riaghlaidh dùthaich bheag coltach ri Newfoundland, bidh e gle bhuailteach air an cur bun os ceann; air an aobhar sin, cha b’ iongantach leinn ged a b’ i ’n sgeul a thigeadh á Newfoundland an duigh gu robh an riaghladh air a chur á dreuchd.
Tha latha ’n taghaidh seachad; thug sluagh Chanada breth orra-san a chaidh fa ’n comhair ag iarraidh àiteachan-suidhe ann an àrd-phàrlamaid na dùthcha, agus feumaidh iadsan a chaill cho math riutha-san a choisinn, a bhi leagte ris a bhreth sin. Is iad na liberals a choisinn an latha; tha iad air an cur a stigh a rithist, agus iad a reir coltais na’s treasa na bha iad roimhe. Chaill iad ann an Ontario, ach rinn iad buanachd mhor ann an Cuebec, an New Brunswick, an Eilean a Phrionnsa, ’s an Nobha Scotia. Cha d’fhuair na conservatives ach ceathrar a stigh ann an Nobha Scotia, coignear ann an New Brunswick, agus seachdnar ann an Cuebec; ach ann an Ontario fhuair iad naodhnar no deichnear a bharrachd air na bh’ aca roimhe. Air eilean Cheap Breatunn, bha liberals air an taghadh anns na ceithir siorrachdan, eadhon an siorrachd Cheap Breatunn, nach do chuir duine dhe ’n aidmheil sin do ’n àrd-phàrlamaid o chionn còrr us fichead bliadhna. Chaill, mar sin, Sir Tearlach Tupper, duine nach do chaill aig taghadh pàrlamaid riamh roimhe. Chaill na conservatives, a bharrachd air Sir Tearlach, àireamh de na daoine b’ fhearr a bh’ aca, am measg chàch an t-Onorach Deorsa E. Foster agus Uisdean Iain Domhnullach Air taobh nan liberals, fhuair gach aon de mhinistearan a chrùin a stigh, agus cha ’n eil teagamh, air an aobhar sin, nach bi an riaghladh air fhàgail anns na ceart lamhan anns an robh e re nan ceithir bliadhna chaidh seachad.
An àireamh a chaidh a thaghadh dhe gach pàirtidh anns gach roinn fa leth, a reir nam fiosan mu dheireadh a fhuaireadh ann an seo:—
Lib. Con.
Nobha Scotia 16 4
New Brunswick 9 5
Eilean Phrionns Iomhair 4 1
Cuebec 57 7
Ontario 40 50
Manitoba 2 3
An Iar Thuath 3 1
Columbia Bhreatunnach 2 3
135 74
A reir a chunntais seo, tha 61 a bharrachd aig na liberals. Ach tha corra àite as nach d’ fhuaireadh fios ceart fhathast.
Bha muinntir nan Stàidean a’ taghadh ceann-suidhe no Righladair Di-màirt s’a chaidh. Fhuair Uilleam Mac-Fhionnlaidh le guth an t-sluaigh aonta cheithir bliadhn’ eile dhe ’n dreuchd urramach agus chudthromach sin; ach cha robh a bhuaidh air an turas so cho mor ’sa bha i ceithir bliadhna roimhe so. Cha ’n eil an ceum a tha na Staidean, fo riaghladh Mhic-Fhionnlaidh, air a thobhairt ann a bhi ’gabhail gnothuich ri cùisean an t-saoghail nach robh iad a’ gabhail riamh roimhe, a còrdadh fior mhath ris an t-sluagh; agus ged a bu roghnaiche leotha Mac-Fhionnlaidh le chuid Rioghalachd na Bryan le saor chùineadh an Airgid, nochd iad nach robh iad cho spéiseil uime ’s nach cuireadh iad cùl ris ma ’m biodh duine gun Rioghalachd ’s gun Saor Cuùineadh air a bhi ruith ’na aghaidh. Ach cha ’n urrainn na Stàidean a mise dhol air ais o’n àite ghabh iad am measg rioghachdan na talmhainn, agus cha’n eil teagamh nach fàs an sluagh ri ùine cleachte ris an t-suidheachadh ùr, agus gu ’n tig iad a lion beagan us beagan gu bhi cho deigheil air a bhi deanamh uaill as an lamh a tha aca ann an gnothuichean an t-saoghail ’sa bha iad roimhe so á bhi leigeil leis an t-saoghal dol mar a thogradh e, ’s iadsan a toirt an aire air an gnothuichean féin. Fhuair Theodore Roosevelt a stigh mar iar-riaghladair còmbla ri Mac-Fhionnlaidh. Tha iad le cheile ’nan daoine tapaidh, onarach, agus faodar earbsa riutha an dùthaich a riaghladh gu glic agus gu ceart.
AM BHEIL GAILIG AGAD?
Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime.
Faic dealbh na leine os cionn an doruis.
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 19. p. 5]
LITIR A CEAP NOR.
Tha ’m fogharadh gus a bhi nise seachad, agus an geamhradh, a tha neo-thaitneach le moran, a’ tarruing dluth. Saoilear aig a’ toiseach gur e ùine mhor a tha ann am bliadhna, achd cha ’n fhairich iadsan aig am bheil deadh shlàinte agus inntinn thoilichte an ùine sin fada ruith seachad. Bidh a mhuinntir euslan, mar a’s trice, foighidneach ’s mar dh’ fhaodas iad a bhi, a’ faireachadh an làithean anshocrach a’ dol seachad gle mhall. Bidh moran eile aig am bheil an t-slàinte, a’ deanamh na dh’ fhaodas iad a chum, mar their iad fein, uine mharbhadh, mar nach bu tàlant ro luachmhor i a bu choir do gach aon a chur gu deadh bhuil. Is iomadh aon de ’n t-seorsa sin a bheireadh an saoghal uile, ged bhiodh e nan seilbh aig uair am bàis, an eiric tuilleadh uine fhaotainn air uachdar. Tha e ri fhaicinn gu soilleir nach ann a chum a bhi air an anacaitheabh a tha laithean agus bliadhnaichean air an deonachadh dhuinn, ach a chum a bhi gniomhach anns gach doigh a tha air aithne dhuinn, agus a chum a bhi air ar n-ullachadh air son an t-saoghail ri teachd.
Aig an dearbh am so fein—àm an taghaidh— ’s cinnteach gur mor a tha air a labhairt agus air a dheanamh air feadh Chanada gu leir, nach bi buannachdail ann an seadh ceart do neach sam bith. ’S ainmic paipear-naigheachd a leughas sinn anns nach fhaod sinn fhaicinn an dian stri a tha ’m paipear sin agus a bhuidheann d’ am buin e a deanamh a chum iad fein a mholadh agus a thogail, agus a bhuidheann eile dhi-moladh agus a chur an suarachas. Saoilidh mi gu ’n aidich gach neach gur fior agus cothromach a bhreth so a thug MAC-TALLA orra sin o chionn ghoirid: “Cha ’n ’eil iadsan a tha air taobh seach taobh cho olc ’s a their an naimhdean no cho math ’s a their an cairdean a tha iad.” ’S iad an t-Onarach Uilleam Ros agus D. A. Mac Ascuill a tha stri ri cheile air son na siorrachd so. Bha iad le cheile ’s an àite so ré beagan làithean o chionn ghoirid. An deigh dhaibhsan pilleadh air an ais, thaghail an t-Ard-chomhairleiche Murray oirnn; ’s mar sin cha ’n ’eil fois gus a bhi aig moran gus am bi an taghadh seachad, ma bhitheas an deigh sin fhein.
Tha tuathanaich an àite so mu bhi ullamh de chladhach a bhuntàta. Tha roinn mhath aig gach aon, ged nach ’eil iad cho pailt ’s a’s minic a bha iad.
’Nuair dh’ fhosglar an acarsaid againn, agus a bhios bàta-smùide ruith eadar so agus Sidni gach là, mar tha air a ghealltuinn dhuinn, agus a thogar meur de ’n rathad-iaruinn o Mhargaree troimh an àite so guWhite Point,agus a chi iadsan a tha air bhi cluinntinn fuaim na trein cheana roimh an àm, an t-each-iaruinn ’na dheann le chuid charbad troimh ’n àite, an sin ’s math a thig do gach Gàidheal us eile bhi ’togail an cinn, oir “cha bhi iad am fang ni ’s mo.” Tha e fior gu bheil surveyors air a bhi mach o Mhargaree a chum slighe rathad-iaruinn a thaghadh agus a chomharrachadh a mach gu ruige an t-àite so, agus tha e air aithris gu bheil e ’m beachd Mhic Coinnich agus Mann gu ’m bi malairt mhor air a’ giulan air adhart eadar Canada agus an t-seann dùthaich air an rathad so.
Oct. 31, 1900. M. D.
NAIGHEACHDAN.
Bha stoirmeannan sneachda ann an cearnan de Bhreatunn o chionn ghoirid.
Is e so, da-rireadh foghar nan taghaidhean. Cha ’n eil muinntir Bhreatunn ach direach a’ faotainn cuibhteas an taghaidh fhéin; agus air an t-seachdain so, bha taghadh anns na Stàidean Di-màirt, taghadh againn fhéin an Canada Di-ciaduin, agus taghadh ann an Newfoundland Diordaoin.
Tha Morair Roberts ag asluchadh air muinntir Bhreatuinn, iad a sheachnadh deoch làidir air na saighdearan an àm dhaibh a bhi ’cur fàilte orra air an tigh’nn dhachaidh á Africa mu Dheas. Tha eagal air gu’n dean an sluagh, ’nan caoimhneas, moran dibhe thathunn orra, ni a dh’ fhaodas a bhi na’s cronaile do mhoran dhiubh na uile chunnartan an Transbhaal. Tha Roberts ’na dhuine stuama e-fhéin, agus tha e daonnan a’ togail a ghuth air taobh stuaime anns an arm. Tha e-fhéin agus Kitchener dhe ’n aon inntinn a thaobh an ni sin,
’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:—
Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1 .50 air a chur thugainn aig a toiseach.
Rainig am bàta-smùid Idaho Halifacs Dior-daoin s’a chaidh leis a cheud bhuidheann shaighdearan a chaidh á Canada an uiridh a chogadh air taobh Bhreatuinn anns an Transvaal. Bha othail agus greadhnachas ann a Halifacs ’nuair a rainig iad nach fhacas a leithid ach ainneamh riamh roimhe anns a bhaile sin. Tha direach bliadhna on dh’ fhalbh ar saighdearan, agus cha do thill iadsan uile dh’ fhalbh: tha àireamh nach beag dhiubh ’nan cadal buan fo’n fhòd ann an Africa mu Dheas. Cha b’ ann ann a Halifacs a mhàin a chuireadh fàilt agus furan orra-san a thill; bha cheart uiread othail agus di-beathachadh air a dheanamh riutha ann an Cuebec, am Montreal ’s an Toronto.
Stor nan Sutharlanach
an stor a’s fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.
Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.
DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.
H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.
KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN.
Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.
Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.
FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
[Vol . 9. No. 19. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XIX.
BLAR NA H-EAGLAISE BRICE.
Bha ’n ùine nìs’ a’ teannadh dlù do cheithir uairean ’s an fheasgar sa’ mharcachd-shine sgaoileadh doilleireachd, cho math ri dubhar an anmoich ’nuair thug Seanalair Hawley òrdugh dha thrùpairean ionnsaidh thoirt air na nàimhdean. Bha sùil aig Hawley mar chaidh chean aithris, nach cumadh na Gàeil an aodann ri aon mharcach cogaidh, no idir ri réiseamaid thrì cheud diag trùpair!
Dh’ fhan na trùpairean so nan stad-sheasamh fa chomhair nan Gàeil car cairteal na h-uarach, —a feitheamh gus an loisgeadh na Gàeil a’ chiad làdach le dùil, an uair a bhiodh an gunnaidhean falamh gun rachadh ac’ air an saltairt sìos fo chasan an cuideach, agus an lot le rinn am pìcean, —cha robh làmh dheas an airm Ghàelich féin fathast an ro gheall air dhol an dàil nan trùpairean a thaobh nach d’ fhuair an làmh chlì an òrdugh catha, air do’n dà arm a thighinn a nise gu cothromach ri uchd bualaidh, ghreas na trùpairean dearga ’n cuideachd gu ionad urchair daga do laimh dheis an àirm Ghàelaich. An sin thug Morair Seòras òrduge dha ma Oàeil losgadh, agus rinn iad sin le cuimse cho cinnteach ’s gun bhrist iad reang nan trùpairean leis a’ chiad làdach. * Air ball theich trùpairean Ligoneir agus Hamilton, na gealtairean sin air na chuir na Gàeil an ruaig latha Sliabh a Chlamhain. Air dhaibh so a bhi teicheadh bharr na h-àraich shaltair iad sios saighdearan coise laimh chlì an airm aca féin fo chasan an cuideach! ag éigheach ri’n còmpanaich mar bha iad a ruith air falbh. “A bhràithrean gaoil bi’dh sinn gu léir air ar mort an diugh!” Cha d’ rinn trùpairean Chobhain dad n’a b’ fhearr, ruith iad sios a’ ghlaic a fhaotainn fras pheileir bho na Gàeil mar bha iad a triall. Bha cuspaireachd nan Gàeil cho ro chinnteach air an latha so is gur gann a chuir iad dusan pheileir ’san fhraoch, dheth na thilg iad, air chor is gun tug iad “iomadh fear mòr a nios.” Co-dhiùbh, chaidh an réiseamaid each a bha fo Chorneileir Whitney air thapadh, ’nuair bha réiseamaid a dhol aig a h-aghaidh chunnaic Whitney féin Iain Ruadh Stiùbhart, air an robh e roimhe eolach, ma choinneamh thall a measg nan Gàel, agus ghlaodh e, “A! am beil thus an sin Iain Ruaidh? Cha ’n fhada gus am bi mise suas riut!” “ ’S e do bheatha ’nuair thig thu,” ars Iain; agus mu ’n gann a labhairt Iain Ruaidh na facail so, bhuail Peileir Whitney a thug air ball a nuas e gu ’n deò a bharr an eich. Air faicinn sin da chuid daoine ruith iad an cuid each air muin Chlann-Raonuill (a bha mu ’n àm sin mu ’n coinneamh) ga saltairt sios fo chasan nan each ann an priobadh nan sùl; ach cha b’ ann air mi-thapadh a chaidh Clann-Raonaill, ged a bha ’n cùl ri talamh, thòisich iad air bruanadh nan each ma na tarran le ’n cuid biodagan, rinn cuid eile gréim air earbaill nan casagan dearg’ aig na trùpairean ga’n tarruinn a bharr nan each agus ga ’m fagail gun deò le aon bhruan de ’n bhiodaig!
Cho luath sa theich trùpairean Whitny air falbh thug a’ chuid eile dheth an arm-dhearg an ionnsaidh air na réiseamaidean a bha nan seasamh eadar làmh dheas agus chli an àirm Ghàeilich, b’iad sin Clann-Chatainn, Clann-Mhuirich, na Cam-Shronaich agus Stiùbhartaich na h-Apunn; loisg iad so aon làdach air an arm-dhearg bho cheann gu ceann, agus as deigh sin a dheanamh leum iad nam badabh le ’n claidheannan rùiste gus na theich iad fa-dheoigh le breislich bharr na h-àraich; mu ’n àm chianda bha na Dòmhnullaich air brùchdadh sios air laimh chlì an airm-dheirg a bh’ air an deanamh suas dha réiseamaid Ghallda maille ri Caimbeulaich Earra-Ghàel. B’ ann an cuideach na feaghnach so a bha Donnachadh Bàn nan òran, a thubhairt:—
“Mar gu’n rachadh cù ri caoirich,
’S iad nan ruith air aodann glinne,
’S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh
Air an taobh air an robh sinne!”
Chaidh na réiseamaidean so nan tur bhreisleich, araon le ceò an fhudair agus an t-sion, a bha bras dhortadh na ’n aodainn, air chor is gun theich iad sios do ’n Eaglais-bhric, gun amharc aon uair as an deigh no air gach taobh, ach an t-sligh’ a bha roi’n sroin a ghabhail co-dhiu bu mhìn no gàrbh:—
“Nuair a bhuail iad air a chèile,
’S ard a leumamaid a pilleadh,
’S ghabh sinn a mach air an abhainn
Dol g’ar n’ -amhaich anns an linne!”
Air ball an deigh so sguab osag threun ghaoithe ceò an fhùdair dheth lòm na h-àraich is cha ’n fhaca na Gàeil trùpair no fear cota deirg ’nan sealladh, agus air dhaibh a bhi fathast an teagamh nach bu leo féin a bhuaidh-làraich, ach gur ann a chuir an nàmhaid car ma chnoc dhiu chum a thighinn orra le foill a thaobh an cul, thòisich iad air farraid ri chéile:— “C’ àit’ am beil na daoine? C’àit’ an deach iad? Air do na Gàeil a bhi tacan nan seasamh air an àraich ’san imcheist so, co dhiu a choisinn no nach so choisinn iad buaidh na teugbhail, a bhrì gun robh am feasgar ro dhoirbh thuirt cuid de na h-oifigich gum b’ ghearr dhaibh triall gu fasgath Dhun-Mhaic, gus am faigheadh iad fios cia mar chaidh dha na nàimhdean, ach thuirt Morair Seòras gu ’m
*Chualas Wade fein gu tric ag innse ann an Sasuinn, ged a bha e gu tric ri aghaidh teine nach fac e riamh cuspaireachd cho cinnteach ris a’ chiad ladach a loisg lamh dheas an airm Ghaelich air a chuid trupairean latha Sliabh na h-Eaglais.
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 9. No. 19. p. 7]
b’ fhearr dhaibh an Eaglais Bhreac a thoirt orra air eagal gun cuireadh an t-arm dearg an òidhche seachad sa’ bhaile is gun biodh iad ùr fuaslaidh a chum an ath ionnsaidh a thoirt air na Gàeil sa’ mhadainn. Thuìrt am Prionnsa mar an cianda gur e ’n Eaglais Bhreac a ruidhinn a réir a bheachd-sa’ bu bhuannachdail, ach thuirt e gu ’m fanadh e-féin ann an aon de thaighean na tuatha ri uchd an t-sléibhe, gus an cluinneadh e cia mar chaidh dha na nàimhdean. Thàinig an sin fios as an Eaglais Bhric gun do theich Senalair Hawley (as deigh dha òrduchadh a Phàilinn a chuir r’a theine) rathad Dhunéideinn. ’Nuair chuala na Gàeil so, dh’ fhag iad an Sliabh nan trì cuideachdan fo chomannda Mhorair Drumuinn, Loch-iall agus Mhorair Seòras, agus chaidh gach cuideach a steach do ’n bhaile air slighe fa-leth.
Cha do ràinig an Eaglais-Bhreac air an oidhche sin ach ma chuig ceud diag dheth na Gàeil. Chaidh cuid eile chum taobh siar an t-Sléibhe a shirreadh fasgaith ré na h-òidhche, chaidh mòran dheth na daoine, nan tur bhreisleich: theich cuid ac’ air falbh le dùil gun deach’ an armailt a léir-sgrios no ghlacadh leis na nàimhdean, ràinig Morair Luthais Gòrdon agus caochladh dheth na fineachan taigh Dhun-Nipaic, gun fhios sam bith aca, cia mar chaidh an latha, no ciod a thainig ri pàirt dheth an cuid daoine féin. Fa-dheoigh ma ochd uairean a dh’ òidhche, chaidh fuasgladh air imcheist nan daoine so, le Dòmhnullach Locha-Bhric le teacaireachd bho ’n Phrionns’ ag iarraidh orra an cuid daoine chur air an aghaidh do ’n bhaile sin, air fìr thoiseach na maidne. Bha iad a nis’ air creidsinn gur ann aca féin a bha chuid a b’ fhearr de ’n latha.
Air an òidhche sin féin chuir am Prionnsa àireamh mhath dheth a’ chuid dhaoine a réiteach na h-àraich agus a thrusadh na creich’. Dh’ fhag Hawley gach trealaich a bha ’n cois an airm-dheirg as a dheigh ’nuair theich e, a’ meas gach seud gun bhrìgh an coimeis r’a bheatha. Air an aobhar sin fhuair na Gàeil sealbh air an urrad so de chuid ri Deòrsa: —Seachd gunnaidhean mòra, sia ceud mosg, da-fhichead ceud pund fùdair, iomadh dheth an cuid brataichean &c . An deigh sin chaidh an earradh a thoirt dheth na mairbh, agus am fagail an òidhche sin ’nan sineadh an’ suain a bhàis air an àraich. *
Cha deach a mharbhadh air taobh nan Gàel féin ach dà fhear deug ’ar fhichead agus ma shia fichead fear a leòn, chaill an t-arm-dearg, eadar na chaidh a leòn s’a mharbhadh, ma dha cheud a’s ceithir fichead fear. B’e ’n
*Bha fir sheann duine nach d’ rinn ach caochladh bho cheann beagan bhliadhnachan ag radh gu ’n deach e air a mhadainn an deigh a’ bhlair a dh-amharc na h-araich, agus gun robh i air a glanadh cho ro lom leis na Gaeil, is nach fac e dad ach eich mharbha. cuifeannan leth loiste, agus cuirp nam marbh; a bha na laidhe gle dhlu air a cheile. Agus a thaobh gu ’n robh iad uile ruiste, shamhlaich se iad ri trend lionmhor de chaoirich bhana nan laidhe air uchd cnuic!
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.
“Cha ’n ion do dhuine a ghàire,” ars’ am fear a bha ’s an àrfhaich, ’s fitheach air e fhein a ribeadh ’n a chaolain, ’s e ri fàite-gàire ri lon an fhithich.
“Ruchd, ruchd!” thuirt am fitheach, “ ’s e mo mhac an tighearna.”
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’00—1yr.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 19. p. 8]
urra b’ ainmeile dhiu sin, Sir Rob Munro, Tighearna Fòluis, diùlanach cho math agus saighdear cho treun sa dheanadh Alba mhòr gu léir an latha sin. Bha e air cheann a’ chuid daoine féin (na Rodhaich) air laimh chlì an airm-dhéirg maille ri Caim-beulaich Earraghàel, agus ged do dhearbh nan Rodhaich iad-féin “mar bheath-raichean geura nan cath” latha Fontenoi ghabh iad an ruaig air an latha so gu cas, a’ fàgail a’ ghaisgich bu cheann orra fo mheachainn a nàimhdean, * Air ball an deigh sin thàinig sianar fhear chum an uasail so a ghlacadh, agus ann an toirt ionnsaidh air e féin a dhion mharbh e dithis diu sa’ chonnstri, ach a thaobh gun robh fios aig a’ cheathrar eile gun b’ e Fear Fòlais bu roghnaiche leo na mharbhadh a thoirt mar phrìosanach, ach ma’s do thàr iad a ghlacadh, thàinig caraid do dh’ fhear de an dithis a mharbh e agus chuir e peileir ann ma iochdar a chuirp agus bha e marbh air ball. †
Cha robh na Gàeil a’ caoidh duine dheth na naimhdean a thuit an latha so ach Fear Fòlais na aonar, bha mhòr euchdan latha Fhontenoi nan cliù, cha ’n ann a mhàin do gach Gàel, ach do shluadh Bhreatainn gu léir, cha ruigear a leas cliù an latha sin ainmeachadh an so; tha i cheann’ iomraiteach ann an seannachas gach rioghachd leis am miann “uirsgeul nan cath.” A thaobh a mhòr spéis a bh’ aig Fear Fòlàis fhuair a ciste-laidhe duin’ -uasail air a deanamh dha san Eaglais-Bhric: agus an uair a chaidh na h-oifigich dhearg’ a thilgeadh air muin a chéil’ ann an tuill gun fiù lein’ an anard far na thuit iad; chaidh Fear-Fòlais a ghiulan air ghuaillean Chlann-Dòmhnuill gus na leag iad sios e ri taobh an dà ghaisgeich iomraitich sin, an Greamach agus an Stiùbhartach a thuit ann sa chath ghailbheach, a chuireadh, air Sliahh na h-Eaglais aireamh bhliadhnachan roimhe sin, agus a bha air an tiodhlaiceadh ann an clagh na h-Eaglaise-Bric. Feagh a bha Fòlais ga ghiùlan a chum na h-uaighe, bha dà chlaidheamh air an cuir tarsuinn air a chéile air clar-uachdair na ciste, agus targaid ’nan glaic. Bha cinn-feadhna nan finneachan gu léir an deigh a’ ghiùlain, agus siathnar phìobairean a cluich “Cumha Fir Fòluis.” Cha’n fhada bho’n a chaochail seana bhean a mhuinntir na h-Eaglaise-Bric aig an robh cuimhn’ air tiodhlaiceadh an fhiùidh so.
Mu ’n dh’ fhàg Seanaileir Hawley Dunéideann, chum tachairt ri armailt a’ Phrionnsa, thog e dà chroich air Margait an fheòir, air an robh dùil aige mheud sa’ tharadh e ghlacadh dheth na Gàeil an deigh a bhlàir a chrochadh. Ach air dha an àrach fhàgail mar ghealtaire gun cliù, gun mhisneach, thòisich e air crochadh a chuid daoine féin air na dearbh chroichean sin a thog e air son nan Gàel. Ge be ciod a choire fhuair e do na truaghanan bochda sin cha chuala mi. Dh’ fhàg e’n cuirp an slaodadh ris na croichean bho mhadainn gu dol fodha na gréine; agus chan fhaca muinntir Dhunéideinn a lethid sin do latha bho’ bhliadhna 1681, anns na chroch Párlamaid Alba siathnar mhinistearan ceannairceach ann am Margait an fheóir!
Bha na Gàeil cho deigheil air iad féin a chur ri uchd gabhaidh ann an aobhar Thearlaich is gun aithris mi ann an so sgeula beag a chum sin a chòmhdach. Bha Gill’ òg d’am b’ ainn Rob Stiùbhart de Theaghlach Bhonnsgaid ann an Abhall na shaighear an geard a’ bhaile ann an Dunéideann. Latha ro’ bhlàr Sliabh na h-Eaglais, dh’iarr e fòrlach dha latha air Caiptin a Gheaird. Air dha sin fhaotainn thug e ás le ghun’ air a ghualainn agus cha da stad e gus an deach e fo bhratach nan Stiùbhartach an armailt Thearlaich, agus chog e maille ris a’ chuid eile dheth fhine an aghaidh rìgh Deòrs’ air Sliabh na h-Eaglais; agus bha e ann an Dunéideann air an ath mhadainn an deigh a’ bhlàir, agus sin trà gu leòir gu ionad a sheasamh air an fhreiceadan. Bha fios aig caiptin a gheaird gu fìr mhath an turas a thug Rob Stiùbhart air falbh, ach an àite chrochadh ri croich mar dheanadh Hawley ’s ann a rinn an t-Albannach fiùghantach glag mór gàire. *
(Ri leantuinn.)
*Tha cuid de mhuinntir a’ cumail a mach nach robh na Rodhaich air son buladh air na Gaeil eile latha Sliabh na h-Eaglais, gu ’n robh iad air son leigeil eadair iad fein ’s na Sasunnaich. Ach mar a leughair an deigh so. ’Nuair a chunnaic iad gun do thuit an ceann-feadhna sa chath, bha ’n cas ro mhor, agus bha iad a cuir rompa gun dioladh iad a bhas air a’ chiad cothrom, agus chaidh ac’ air a sin a dheanamh latha Chuil-Fhodair.
†Be ainm an duin’ a chuir am peileir bais ann am Fear Folais, Calum Mac-Ghriogair, fear do dhaoine Glinn-Goill. Theirte ris mar leas-ainm Calum na Ciabhaig. Theagamh na robh siunnailt do Dhiuc Uilleam an Albainn ann am blar Sliabh a Chlamhain cha robh aon chuid gunna no claidheamh aig an duin’ uaraidh so, ach seann speal le dorn math coise do cheathramh innsinn. Leis an arm oilteil so bha e leagail mionach nan each-cogaidh ri a’ chiad bhuille, agus a meadhadh dhorn a’s chnuac dheth na naimhdean air gach taobh dheth. Ged do bha na dearganaich bhochda dol air an gluinean roimhe ag iarraidh trocair, bha e deanamh spealadh nan dialtag orra. ’Nuair a thug an Prionns’ an aghaidh dha an doigh a bhlair air son a bhi cho beag iochd, ghabh Calum coir a leisgeul fein le radh nach robh e tuigsinn le cion na Bheurla co dhiu bha iad ag iarraidh sith no comhrag.
*Sin agaibh aon Chaimbeulach math, an dearbh dhuine bho d’fhuair Donnacha Ban nan oran “Seonaid nighean Deora” an turas “thainig e Dhuneideann a dh’ iarraidh leannain.”
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH
Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.
Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn.
Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh.
H . H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.
Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.
Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 19 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 19. %p |
parent text | Volume 9 |