[Vol . 9. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 13, 1900. No. 2
A’ BHASCAID BHEAG FHLURS.
O’n Bheurla.
CAIB. II.
MAIRI ’AN CAISTEAL AN IARLA.
Ann am maduinn bhòidheach ’an toiseach a’ Mhàigh, bhuain Màiri beagan de shlaitean seilich agus calltuinn ’an coille faisg air laimh; bhitheadh a h-athair ’deanamh bhascaidean beag orra, ’n uair nach b’ urrainn da obair a dheanam ’s a ghàradh. Anns a’ choille dh’ amais ciad fhlùrs an t-samhraidh, na gealagan-làir (snowdrops) rithe. Bhuain i pàirt diubh agus rinn i da phasgan diubh, fear di fhéin agus fear d’a h-athair. ’Nuair a bha i ’gabhail gu aotrom an ceum-coise tro’n àilean uaine, dealtrach ioma flùran maiseach, a dh’ ionnsaidh an tighe, choinnich i Ban-iarla Ichburg agus a h-ighean Amelia, a bha mar bu trice ’fuireach ’s a cheann-bhaile, ach a thàinig, aig an am so, a chur seachad beagan laithean ’an Caisteal Ichburg. Cho luath ’sa mhothaich Màiri do na mnathan-uaisle a bh’ air an comhdach ’an trusgan geal agus a’ guilain sgàileagain uaine, tharruinn i gu thaobh gus an leigeil seachad, agus sheas i gu modhail aig oir an rathaid. “O, thoir dòmhsa na gealagain sin,” ars’ an té og, aig an robh barrachd ghaoil air an t-seòrsa fhlùrs so na bh’ aic air cach uile. Thairg Màiri anns a’ mhionaid, do ’n da mhnaoi-usail, pasgan fhlùrs an té. Ghabh iad bhuaip’ iad le toilinntinn, agus thug an t-seann té a mach sporan breagha lan de dh’ or, gu duais a thoirt do Mhàiri. Ach arsa Màiri, “Cha ghabh mi paigheadh idir bho ur mòrachd. Is beag an toileachadh do nighinn bhochd an urad so a dheanamh airson a ban-mhaighstirean urramach bho’n d’ fhuair i moran, gun a chuir mar fhiachaibh oirre paigheadh a ghabhail bhuapa.” Thaing fiamh gàire air a Bhan-iarla agus thuirt i, “Bheir Màiri flùrs Mhaigh gu tric gu Amelia.” Rinn Màiri sin a h-uile maduinn; agus fhad ’s a ghabhadh a h-aon diubh faighinn, chaidh Mairi leotha h-uile lathad o’n Chaisteal. Bha i còrdadh ri Amelia na b’ fhearr gach latha ’na tuigse mhath nàdurra, na cridhe mireagach éibhinn, agus na deas-ghna mhalda agus neo-fhoilleil. Bha aig Màiri ri mòran uairean a chuir seachad fhathasd ’an cuideachd Amelia fad an deigh do na flùrs Mhàigh teirigsin. Thug a Bhan-iarl’ òg gu tric sanas seachad gu ’m bu mhath leatha Màiri a bhi daonan comhla rithe, agus bha i smaointeachadh a gabhail a stigh ’na ’seirbheis.
Bha latha-breith Amelia a nis a tighinn dlù, agus bha Màiri a’ meorachadh ciod an tabhartas bu fhreagarraiche dh’ ise a thoirt seachad. Thug i gu tric pasgan de bhlàth-luibhean dhi. Chuimhnich i, co dhiu, air tabhartas eile. Ré a gheamhraidh s’a chaidh, rinn a h-athair beagan de bhascaidean ’bha air leith boidheach airson seòmair mnaoi-uasail. Thug e ’n té bu bhoidhche dhiubh do Mhàiri. Fhuair e an sampuill as a bhaile-mhòr, agus chaidh an obair leis ro-mhath. Chuir Màiri roimpe gu lionadh i a bhascaid bheag so le flùrs agus gu’n tugadh i do dh’ Amelia i mar thabhartas air lath, a breith. Dh’ aontaich a h-athair gu toileach da ’h-iarratas. Chuartaich e a’ bhascaid bheag gu bòidheach le ceud litirichean an ainm aig Amelia, agus le suaicheantas an teaghlaich, obair a rinn e gu grinn seòlta. Air maduinn latha breith na Ban-iarl’ òg bhuain Màiri na ròsan a b’ ùraile, na lusan-samhradh bu ghile, bu deirge, ’s bu ghuirme, lus donn a bhalla, agus flùrain bhuidhe, uaine, ’s gach seòrsa dath eile; thruis i, cuideachd, fàillean bhoidheacha air an còmhdach le duilleach gorm, agus chuir i gach seòrs’ ann an òrdugh cho freagarrach ’s gu’n robh gach flùran ’g a shealltuinn fhein ’na ’uile mhaise. Chòmhdaich i taobhnan na bascaid le fleasgan àluinn de chòinnich uaine agus gucagan ròs; ach ainm Amelia chuartaich i le fleasg beag de forget-me-nots. Bha eadar-dhealachadh mòr ri fhaicinn—slatan fìnealta, geal na bascaid air an cuartachadh le flùrain ghorm, ’us dhearg, ’us uaine. Bha a’ bhascaid fhlùrs uile, gun teagamh, ’na sealladh ro-thlachdmhor. Mhol, eadhon, a h-athair suidhichte, obair Màiri, agus ’nuair a bha Mairi dol ga togail air falbh thuirt e, “Fag i tiota beag fhathasd, fiach an rannsaich mi i ni’s momha.”
Ghiulain Màiri a’ bhascaid do ’n Chaisteal, agus thug i do dh’ Amelia i, aig an am cheudna, a guidhe gach toilinntinn di le ’h-uile chridhe. Bha Bhan-iarl’ og ’na suidhe ’s an am aig a bhord-sgeudachadh. Bha té de na maighdeanan frithealaidh ’na seasamh air a culthaobh a’ cur air doigh a fuilt airson na cuirme. Cha ghabh e innse an toileachadh thug an tabhartas aig Mairi do dh’ Amelia, agus cha b’ urrainn di briathran math gu leoir a chur an ceill airson na flùrs bhoidheach agus a’ bhascaid bheag, sgiobalt a mholadh. “Mo leanabh gaolach,” thuirt i, “spuinn thu do ghàradh uile airson a leithid so de ghibht eireachdail a thoirt domhsa! Agus tha obair t-athair cho fìnealta ’s cho seòlta; cha’n fhaca mi sian riabh na ’s maisiche. Thig comhla riumsa, direach go m’ mhathair.” Leis na facail so dh’ eirich i ’na seasamh, ghlac i Màiri air laimh, agus threòraich i suas i an staìdhir gu ruige seomar a mathar. ’Nuair a rainig i an dorus, dh’ eibh i, “seallaibh so, a mhàthair, seallaibh an tiodhlac thug Màiri ’g am ionnsuidh! bascaid ’us flùrs na ’s boidhche na so, cha ’n fhacas riamh.” Chòrd a bhascaid ris a Bhan-Iarla glé mhath. Ars ise, “Bu toigh leam, da rìreamh, a dealbh fhaighinn air a tharruinn. Tha bhascaid bheag sin, air am beil driùchd na maidne fhathasd a soillseachadh, a’ deanamh dealbh cho taitneach ’sa tharruinn dealbhadair riamh. Tha e ’na onair mhoir do sheoltachd Mairi, agus ’na onair ni ’s momha uile d’a ’cridhe maith.”
“Stad ’an so mionaid, a chaileag ghradhach,” thuirt i ri Màiri, agus smèid i air Amelia a leanailt do ’n ath rùm. “Cha leig sinn Màiri air falbh gun duais,” thubhairt i ri ’h-ighinn, “de an gibht a’s fhèarr a shaoileas tu a’s urrainn sinn a thoirt di?”
An déigh do dh’ Amelia a bhi smaointeachadh car tiota beag thubhairt i, “Cha chreid mi na ’n tugadh mise gùn dith, nach freagaradh e ro-mhath; ’s e sin, na faiceadh sibhse, a mhàthair, a leithid coltach, bheireadhmaid dhi an gùn anns am beil am flùradh geal is dearg air a’ ghrunnd uainne. Tha e cho math ’s a bha e ùr; cha do chosg mis’ e ach da thuras. Ach dh’ fhàs mi nise ro-mhor air a shon. Dheanadh e earradh breagha do Mhàiri, air laithean fèille. Cha ’n ’eil strith dhi fhéin atharrachadh los gum freagair e i, tha i seòlta gu leoir go sin a dheanamh. Ma tha sibhse ’ga fhaicinn coltach, bheir mise dhith e.”
“Dean,” ars a’ Bhan-Iarla, “ ’nuair a bhios toil aig duine gibht a thoirt seachad, is coir gu ’n bi féum anns an tabhartas. An gùn uaine a th’ air a fhluradh, freagaraidh e taghte math air a ghàradair bheag.”
’Nuair a thill a Bhan-Iarla, comhla ri Amelia, a dh’ ionnsuidh an rùm anns an robh Màiri, thubhairt i, “bithibh a falbd a nise, a chlann math, agus bheiraibh an aire do na flùrs, ’s na leigaibh leotha meath ro àm na dinnearach. Tha moran aoidhean againn an diugh, ’s i ’bhascaid ball-maise a’s momha ’bhitheas air a’ bhròd, agus ’s i ’bhitheas againn an aite Epergne (aite cumail soitheach bidhe). Tha mi ’fagail aig Amelia taing a thoirt duit, a Mhàiri a’ ghràidh.” Thill Amelia comhla ri Màiri gu rùm fhéin, agus dh’ iarr i air a mhaighdinn a bha frithealadh oirre an gùn a thoirt d’a h-ionnsaidh. Sheas Ceit—oir b’e sin ainm na h-ighinne—a’ spleuchdadh le ioghnadh, agus thubhairt i: “Cha ’n ’eil ur baintighearnas ’dol a chuir suas a ghùin sin an diugh, cha ’n fhaod e bhith?” “Cha’n eil” fhreagair Amelia, “tha duil agam a thoirt do Mhàiri.” “An gùn ud,” ghlaodh Ceit gu cas, “am beil fios aig ur màthair air a sin?” “Thoir thusa an gùn ’gam ionnsuidh-sa,” ars Amelia gu suidhichte, “agus leig leamsa a bhi smaointeachadh air a chorr.” Thionndaidh Ceit gu clis mu ’n cuairt gus a fearg fhalach, agus dh’fhalbh i, a sin, a dh’ iarraidh a’ ghùin. Bha a gnuis air lasachadh suas ’an corruich. Le feirg thug i an gùn a mach as an t-seomair-aodaich. “Tha mi ’smaointeachadh a shracadh ’na chriomagan beaga,” thuirt i le dranndan rithe fhéin. “Nighean bheag mhosach a’ gharaidh! Chuir i mise le foill as m’ aite fhìn, ann an cridhe mo bhana-mhaighstir, agus a nise feumaidh i an gùn so a ghoid bhuam; chionn is buin an t-aodach a chuireas a bhan-mhaighstir air chùl, le ceartas, do ’n mhaighdinn-fhrithealaidh. Ise ’chuir suas gu dearbh le gùintean uaine! Dhuirigean na suilean a spionadh ’à té reic nam flùrs.” Shluig Ceit a fearg cho math ’sa b’ urrainn di, tharruinn i fiamh gàire oirre fhéin ’dol a stigh do ’n rùm, agus thug i an gùn do dh’ Amelia.
Thubhairt Amelia, “A Mhàiri, ’gharidh, fhuair mise mòran thabhartasan an diugh bu bheartaich na do bhascaid-sa, ach cha d’fhuair mi ’h-aon bu docha leam. Cha’n ’eil na flùrs a th’ air a ghùn, gun teagamh, cho boidheach ri t-fheadhainn-sa, ach tha mi ’smaointeachadh, air mo shon fhìn, nach cuir thu suarach iad. Caith an gùn mar chuimhneachan ormsa, agus cuir faillt air t-athair air mo shon-sa.’
[Vol . 9. No. 2. p. 2]
Thog Màire leatha an gùn, phòg i lamh na Ban-Iarl’ òg, agus dh’ fhalbh i a mach as an t-seòmair.
Shuidh Ceit sios ri ’h-obair ann an samhachair ghnù, i ’goil le feirg, aimheal agus eud falaichte. Ag uidheamachaidh fallt Amelia, cha robh é furasda dhith a chleith cho mor ’s a bha i far a doighe.
“Am beil an fhearg ort, a Cheit?” thuirt Amelia rithe, gu fòil. “Cha bhithidh sin ach mi-chiatach, agus sìbh fhéin cho math,” fhreagair Ceit. “Tha sin air a dheagh ghràthainn,” thuirt Amelia. “Tha mi ’n dòchas gu’r ann bho ’n chridhe thainig na briathran sin.”
Thill Màiri dhachaidh leis a’ ghun eireachdail, ’s i làn de shòlas ach ’cha robh a h-athair, an duine glic, cho lan thoilichte sin, as an tabhartas. Chrath e ’cheann glas, agus thubhairt e, “B’ fhearr leam nach d’ thug thu ’bhascaid idir do’n chaisteal. Tha mi gun teagamh a meas a’ ghùin ’na ghibht fiachail bho ar maighstirean urramach; ach tha eagal orm gu’m faodadh e feadhainn eile a dheanamh farmadach ruinn, agus ni ’s miosa na sin, gu’m faodadh e thu fhéin fhagail proiseal. Béusachd ’us deagh ghiulain gu fada is boidhche a sgeudaicheas maighdean òg na ’n t-aodach a’s breagha ’s a’s cosgaile.
(Ri leantuinn.)
DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH.
LE IAIN.
CAIB. XXIV.
An ceann beagan làithean sheòl Domhull is Callum air an luing comhladh ris an t-seann sgiobair; agus o nach do thachair cunnart no gàbhadh riutha air an turus gu ruige Breatunn fàgaidh sinn iad air bòrd na luinge, agus bheir sinn gearr-iomradh air pàirt dhe na bha càirdean agus luchd-eòlais Dhomhuill ag radh m’a thimchiol.
Tha daoine gu tric glé bhuailteach air droch sheadh a chur air iomadh ni, gu sonraichte air nithean mu nach ’eil a’ bheag a dh’ fhiosrachadh aca. Thachair so a thaobh Dhomhuill. Cha robh facal a’ tighinn uaithe; agus am feadh ’sa bha ’mhàthair fo eagal gu’n deachaidh a chall, bha gu leòr eile ag radh, gu’n robh iad cinnteach nach deachaidh a bhàthadh co dhiubh. Theireadh iad, “Am fear dh’ an dual a’ chroich cha bhàthar a chaoidh e.” A chionn gu ’n do theich e as a thaigh cosnaidh, chaidh droch ainm dheth. Agus bha choire so gu léir aig a’ bhana-mhaighstir a bha cho cruaidh air, agus cho coimheach ris, mu’n d’ fhalbh e. An uair a fhuaradh fios gu’n robh an long air an robh e sabhailte, bha gach duine ag radh gur ann coma dhe mhàthair ’s dhe pheathraichean a bha e. Theireadh am beagan a bha air a thaobh nach robh e ach òg, agus gu’n robh ùine gu leòr aige gu fàs glic, curamach. Bha gach duine do ’m b’ aithne e a’ toirt breith air a reir mar a bha staid an inntinn d’ a thaobh. Bha na fìor chàirdean a’ feuchainn ri falach a chur air a lochdan, agus bha’ gach aon a bha suarach m’ a dheidhinn a’ gabhail tlachd ann a bhith comharrachadh am mach gach lochd a bh’ ann. So mar a tha gu tric a’ tachairt a dh’ ionnsuidh an latha ’n diugh.
Thainig a h-uile fathuun a bha am measg dhaoine mu thimchioll gu clusan a mhàthar. Cha leigeadh a cridhe leatha aon fhacal tuaileasach a chreidsind m’ a dheidhinn. Mar bu trice, cha’n abradh i am math no’n t-olc mu na chluinneadh i daoine ag radh mu Dhomhull. An corr uair a theireadh i facal m’ a dheidhinn, is e “Domhull dona, Domhull dona,” na theireanh i. Cha chreideadh i gu’n deanadh Domhull ni suarach, mi-chliùiteach sam bith gus am biodh e air a lan-dhearbhadh dhi.
Am feadh ’s a bha na nithean so a’ dol air aghart ann an dùthaich a bhreith is àraich, bha Domhull, mar a dh’ aithriseadh mar tha, ag obair cho cruaidh ’s cho dichiollach ri mac màthar a bha beo, a chum cuideachadh a dheanamh le ’mhàthair.
Ged a rinn Domhull fortan aig buinig an òir, cha robh toil aige sgur a dh’ fhalbh na mara. O’n a bha fior nàdar an t-seòladair ann, cha robh obair fo’n ghréid a b’ fhearr leis na’n seòladh.
Air an turus dhachaidh gu ruige Breatunn, bhiodh e fhein is Callum ’s an sgiobair a’ bruidhinn iomadh uair mu thimchioll ciod bu chòir dhaibh a dheanamh ris na bh’ aca dhe’n t-saoghal. Mu dheireadh shuidhich iad gu daingean ’nan inntinn gu’n tugadh iad fa near long mhòr a thogail eatorra ’nan triùir, agus gu’m biodh an seann sgiobair còir, cneasda, air an robh meas cho mòr aig Domhull ’s aig Callum, ’na sgiobair air an luing so fhad ’s a bhiodh e air chomas an obair a dheanamh.
Ged a thug an long air an robh iad uine mhath air an rathad, rainig i Breatunn gu sàbhailte; agus o nach robh an sgiobair gus a bhith na b’ fhaide fo na seana mhaighistirean, dhealaich eriutha cho luath ’s a fhuair e an luchd a chur air tìr dhaibh.
Gun dàil sam bith chaidh iad ’nan triùir far an robh fear-togail loingeas cho ainmeil ’s a bha anns an rìoghachd, agus thug iad ordugh dha long mhòr thrì chrann a dheanamh dhoibh gus a bhith seòladh eadar Breatunn agus na rioghachdan thall. Gheall an duine gu’m biodh i deiseil gus a dhol gu fairge ann an ceann naoi miosan. Ach o’n a bha toil aig an sgiobair gu’m biodh an long air a cur an altaibh a chéile gun mheang sam bith, chuir e roimhe gu’n cureadh e a’ chuid bu mhò dhe na naoi miosan seachad a’ gabhail deachd air a h-uile ni a bhiodh na saoir a’ deanamh. Cha da chuir e seachad ach beagan sheachdainean comhladh ri’ chàirdean, ged a bha e àireamh mhor bhliadhnachan gun am faicinn.
O nach robh feum sam bith dhaibh fuireach ’nan triùir ag amharc thairis air luchd-togail na luinge, chaidh Domhull is Callum do ’n Ghaidhealtachd a dh’ amharc air an càirdean ’s air an luchd-dàimh. Cha robh mòran de càirdean aig Callum mu’n d’ fhalbh e as an àite ’san d’ rugadh e; oir cha robh ann ach dilleachdan bochd a chaill ’athair ’s a mhàthair an uair a bha e glé òg. Agus am fear a bhios bochd, cha bhi mor mheas air, mar is trice. Ach am fear aig am bi maoin bidh meas air. Bha meas gu leor air Callum an uair a fhuaradh am mach gu’n robh deannan math dhe’n òr aìge. Ach thuig e gle mhath gur e gaol an fhithich air a’ chnaimh a bh’ aig na càirdean air; agus ged thug e sìneadh laimhe nach robh gu h-olc do’n fheadhainn a b’ fheumaiche dhe ’chairdean, dh’ fhag e feadhainn falamh aig an robh dùil ri rud.
Cha do chuir Domhull fios sam bith roimhe, ach ràinig e taigh a mhàthar fo na bonnaibh, o’n a bha toil aige am fior shuidheachadh anns an robh iad ’fhaicinn. Bha ’n oidhche air tuiteam an uair a ràainig e taigh a mhàthar. Bha beagan bhocsaichean aige anns an robh a chuid aodaich, agus nithean a thug e gu ’mhathair ’s gu beagan dhe ’chàirdean; agus ged a bha e’n dùil gu’n ruigeadh e an taigh ann an àm math, chum na bh’ aige de dh’ imrig mòran maille air.
Bha ’mhàthair ’s a chlann a staigh, agus iad air ùr-thighinn dachaidh o’n obair-latha aig an robh iad. Bha teine briagha air a’ chagailte, gle choltach ris an teine a bh’ oirre an oidhche a theich e. Ghrad chuimhnich e air an oidhche ud; agus, ann am priobadh nan sùl, thàinig na chaidh e troimhe o’n a dh’ fhalbh e fa chomhair na h-inntinn aige.
An uair a nochd e steach au dorus, thuirt e, “Tha sibh aig an teine.”
Sheall iad uile air, agus ged a thug aon diubh freagairt dha, cha do smaoinich iad an toiseach gur e a bh’ ann. B’ e ’ghuth a dh’ aithnich iad an toiseach. Dh’ fhàs e ’na dhuine cho mòr ’s cho trom ’s cho eireachdail fad nam bliadhnachan a bha e air falbh ’s gur gann a dh’ aithnicheadh duine sam bith e.
Thòisich a mhàthair ri caoineadh leis an toileachadh. Bha i cho toilichte an uair a chunnaic i e ’s ged bu leatha oighreachd fhearainn. Bha ’dhithis pheathraichcan ’s a bhrathair mu’n cuairt dha agus greim aca air amhaich air.
Ged nach robh feum mor sam bith aig Domhull air bìadh, dh’ iarr e orra grad thoiseachadh ri biadh a dheasachadh dha; oir bha toil aige fios fhaotainn air an t-seòrsa bidh a bhiodh iad a’ gabhail. Cha robh éis bìdh no aodaich orra; oir bha iad gle dhìchiollach gu obair, agus glé mhath gus na choisneadh iad a chur gu feum iomchuidh.
Gu sgeula goirid a dheanamh dheth foghnaidh dhuinn a radh gu’n robh Domhull aig an taigh fad leith bhliadhna. O nach robh a mhàthair deònach falbh as an dùthaich, thug e fa near taigh bòidheach gun a bith mòr a thogail dhi.
Bha ’dhithis pheathraichean, dlùth air a bhith cho mór ’s a bhitheadh iad: agus ged nach robh nigheanan òga cumanta na dùthchadh a’ faighinn a’ bheag de sgoil aig an àm ud, thug e orra tòiseachadh ri tuilleadh sgoile ionnsachadh.
Thainig Callum Ros a dh’ amharc air Domhull beagan ùiue mu’ n d’ thainig an t-àm dha falbh. Ghabh Callum tlachd mòr dhe ’n phiuthair bu shinne a bh’ aig Domhull, agus chuir e roimhe gu’m posadh e i; rud a rinn e an ceann a dha no tri ’bhliadhnachan.
Thug Domhull deiseachan riomhach dhachaidh gu ’mhàthair ’s gu pheathraichean; agus cha b’ i an deise a thug e gu ’bhrathair dad bu mhiosa. Thug e iomadh rud eile dhachaidh uca air nach ’eil cunntas againn.
Thug e mar an ceudna dhachaidh aireamh nithean a bha e gus a thoirt do na càirdean bu dluthe dha mar ghean-matha.
Rud a chuir ioghnadh air iomadh neach, thug e ni glé’ luachmhor do bhean Aonghais ’ic Callum—a’ bhana-mhaighstir a bha co cruaidh air ’s cho coimheach ris an uair a bha e buachailleachd nan laogh. Thuirt e gu trice, gu’m b’ i bu mhathair-aobhair air e dheanamh ’fhortain, ged nach b’ ann d’ a deòin.
An uair a chunnaic na daoine a bhiodh cho tric ’ga ruith sios air chùl a chinn. cho math ’s a bha ’coltas, agus a chuala iad g’u robh na mìltean punnd Sasunnach aige, bha meas gu leòr aca air.
An uair a bha ’n long deiseil, fhuaradh deadh sgiobadh dhi gun dàil. Bha ’n seann sgiobair gle mhoiteil aisde. Bu leis fhein an treas earrann dhi, agus bu le Domhull ’s le Callum an dà earrann eile.
O nach robh Domhull is Callum fiosrach agus foghluimte gu leòr air son àite met a sheasamh, dh’ fhalbh iad air an luing gus an tuilleadh seòlaidh ionnsachadh, agus gus na b’ urrainn daibh de sgoil-mhara ionnsachadh o’n sgiobair.
O’n a bha ainm math aig an sgiobair mar sheòladair, agus o’n a bha ’n long ùr, agus air a togail gu laidir, daingean, fhuair iad luchd de bhathar feudalach gus a thoirt do na rioghachdan thall. Shoirbhich leotha gu math air an turus ud, agus cho fhad ’s is fiosrach sinn, na dheigh sin. Bha iad do ghnàth a’ leantuinn fìrinn,
[Vol . 9. No. 2. p. 3]
onair, agus ceartais. Ged a bha iad cho dìchiollach ri daoine a bha beò, cha robh iad sanntach.
Phòs Domhull an ceann beagan bhliadhnachan. Ach bha e cho cuimhneach air a mhàthair ’s a bha e riamh. An uair a dh’ eug a mhàthair thug e leis a phiuthar a b’ òige agus a bhràthair do’n Ghalldachd, agus fhuair iad uile air an aghart cho math ’s a dh’ fhoghnadh; oir bha iad air an teagasg le ’n athair ’s le am mathair gu bhith ’g imeachd anns na ceumannan a tha ceart, agus measarra, agus diadhaidh. “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean, cha treig e i.”
(A’ chrioch.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Nouredin agus Bean na Maise.
CAIB. XIII.
Cha bu luaithe a chaidh Abraim sios an staidhre a dh’ iarraidh bata gu gabhail air an righ na bhuail an righ a lamh air an uinneig, mar chomharradh gu ’n robh e ag iarruidh air Mesrour agus air a’ cheathrar sheirbhiseach a thainig g’ a ionnsuidh leis an trusgan rioghail as an luchairt, iad a ghrad thighinn do ’n talla far an robh e. Agus ghrad thoisich iad ri toirt dheth deise an iasgair, agus ri cur uime na deise rioghail. Mu ’n gann a bha ’n deise rioghail air a cur mu ’n righ, agus e ’na shuidhe air a’ chathair rioghail a bh’ anns an talla, co a nochdadh a nios air an staidhre chuil ach Abraim agus cuaille mor bata ’na laimh leis an robh ’na bheachd gabhail air an righ gu math ’s gu ro mhath, agus e an duil gur e iasgair a bh’ ann. Ach an aite an t-iasgair fhaicinn ’na sheasamh anns an talla mar a bha duil aige, is ann a bha aodach an iasgair air meadhain an urlair, agus an righ ’na shuidhe air a’ chathair rioghail, agus Giafar agus Mesrour ’nan seasamh air gach taobh dheth. Sheas e greis ag amharc air an t-sealladh so ris nach robh suil sam bith aige, agus e gun fhios aige co dhiubh a bha e ’na chadal no ’na dhusgadh. An uair a chunnaic an righ an staid anns an robh Abraim, thoisich e air gaireachdaich; agus thuirt e ris, “Abraim, ciod e tha dhith ort? Co air son a tha thu ’g amharc?”
Ghrad thuig Abraim gur e an righ a bh’ aige ann an aite an iasgair, agus anns a’ mhionaid thilg e e-fhein ’na shineadh air an urlar aig a chasan, agus thuirt e, “A cheannaird nam fior chreidmheach, thug do sheirbhiseach truaillidh mor oilbheum dhut; ach tha e gu durachdach a’ guidhe gu ’m bi thu gle iochdar ris, agus tha e ag iarruidh mile mathanas air son na h-oilbheum a thug e seachad.”
Cho luath ’s a chuir na seirbhisich crioch air an deise rioghail a chur uime thainig an righ a nuas bhar na righ-chathrach, agus thuirt e ri Abraim “Eirich ’na do sheasamh; tha mi ’toirt lan mhathanas dhut.”
An uair a thuig Bean na Maise gu ’m bu leis an righ an garadh agus am pailliun, ged a bha Abraim a’ cur an ire dhi gu ’m b’ ann leis fhein a bha, iad, dh’ fhas i na bu toilichte; gu h-araidh an uair a chunnaic i gu ’m b’ e an righ fhein agus nach b’ e an t-iasgair a bha f’a comhair. Thuirt an righ rithe, “A Bhean na Maise, eirich agus lean mise. O na chunnaic thu mar a tha, faodaidh fios a bhith agad co mi, agus faodaidh tu a chreidsinn nach ’eil mise a’ dol a ghabhail seilbh ort, ged a bha Nouredin cho fior fhialaidh ’s gu’n d’ thug e dhomh thu. Chuir mi gu ruige Balsora e gus a bhith ’na righ ann, agus an uair a theid a shuidheachadh ’na righ, theid thusa gu ruige Balsora gus a bhith ’nad bhan-righ. Tha mi an drasta a’ dol a thoirt ordugh seomraichean a chur air leith dhut anns an luchairt far am faigh thu a h-uile frithealadh agus urram air am bheil thu dhigheach.”
Thug na briathran so misneach agus comhfhurtachd mhor do Bhean na Maise. Bha tlachd anabarrach mor aice do Nouredin, agus thug an t-urram agus an suidheachadh ard anns an robh e gu bhith air a cur air falbh aobhar a broin Rinn an righ mar a gheall e, agus chur e i air churam na ban-righ, Sobaide, agus dh’ innis e dhi mu ’n t-suidheachadh anns an robh e ’cur Nouredin. Fhuair Nouredin turus do Bhalsora na b’ fhabharraiche na bha e an duil, agus rainig an long am baile na bu luaithe na b’ abhaist dhi. Cho luath ’s a rainig e am baile, ghabh e direach do ’n luchairt, far an robh an righ aig an àm air cheann ard-chuirt na rioghachd. Bha an litir ’na laimh an uair a chaidh e steach do thalla na cuirte, agus rinn e a rathad troimh an mhor-chuideachd a dh’ ionnsuidh na cathrach air an robh an righ ’na shuidhe.
Ghabh an righ an litir as a laimh, agus thainig atharrachadh dreach air a ghnuis an uair a bha e ’g a leughadh. Thug e pog do ’n litir tri uairean, agus bha e ’dol a thoirt umhlachd do dh’ aithne righ Bhagdad an uair a smaoinich e gu ’m bu choir dha an litir a shealltainn do Shaoudhaidh, an t-ard. chomhairleach, a bha ’na dhearg namhaid do Nouredin.
Dh’ aithnicn Saoudhaidh Nouredin anns a’ mhionaid, agus ghrad thoisich e ri gabhail amhruis nach b’ ann le naigheachd a chordadh ris a thainig e cho dana do ’n bhaile. Chuir na smaointean so dragh mor air. Chuir na briathran a bh’ anns an litir a cheart uiread ioghnaidh air ’s a chuir iad air an righ fhein. Agus o ’n a bha ’n gnothach a bh’ ann air thuar cron a dheanamh dha, smaoinich e gu ’m bu choir dha feuchainn ri ’thilgeadh bun os cionn. Bha e ’leigeadh air nach do leugh e an litir ceart, agus air an aobhar sin, an uair a dh’ iarr e sealladh eile dhi, thionndaidh e ceum a thaobh mar gu ’m biodh toil aige a leughadh ann an solus a b’ fhearr; agus, gun fhios do neach sam bith, shrac e dhith an t-osin air an do sgriobh righ Bhagdad na facail a bha toirt ughdarrais do ’n litir, agus shluig e e.
An deigh do Shaoudhaidh an gniomh eucorach so a dheanamh, thug e an litir do ’n righ, agus thuirt e ris, “Mo thighearna, ciod a tha ’nur beachd a dheanamh?”
“Tha mi ’dol a dheanamh mar a dh’ aithn an righ dhomh,” ars’ esan.
“Thugaibh an aire, mo thighearna, ciod a tha sibh a’ dol a dheanamh. Tha e fior gu leor gur e so lamh-sgriobhaidh righ Bhagdad, ach cha ’n ’eil an t-ughdarras sgriobhte air an litir.”
Ged a thug an righ an aire do ’n ughdarras an uair a dh’ fhosgail e an litir, cha do ghabh e beachd gu ceart air; ach leis mar a chuir an gnothach a bh’ ann cho mor troimh a cheile e, cha b’ urrainn e bhith cinnteach co dhiubh a bha e ann no nach robh.
“Mo thighearna,” arsa Saoudhaidh, “cha ’n eil teagamh nach d’ thug an righ dha an litir so an uair a chual’ e an droch theist a thug e oirbhse agus ormsa, ach cha b’ ann a chum gu ’n deanadh sibhse mar a tha ’n litir ag iarraidh, ach a chum Nouredin fhaotainn as a shealladh. A bharrachd air so, feumaidh sinn a thoirt fa near nach do sgriobh an righ facail an ughdarrais air an litir; agus as eugmhais an ughdarrais cha ghabh an t-ordugh cur an gniomh. Agus o nach do chuireadh righ riamh bhar a’ chruin gun a dhol troimh chursa araidh dh’ fhaodadh duine sam bith eile cho math ri Nouredin tighinn do ’r n-ionnsuidh le litir gun ughdarras. Ge b’ e air bith co thig le litir dhe ’n t-seorsa so, cha bu choir geill a thoirt dhi. Faodaidh bhur morachd a bhith cinnteach nach tugadh geill riamh do litir dhe ’n t-seorsa. Ma dh’ eireas diumbadh no tuasaid sam bith o shaillibh easumhlachd a thoirt do ’n litir so, gabhaidh mise air mo cheann fhein e.”
Ghabh Sinebi, an righ, an droch chomhairle so, agus leig e le Saoudhidh deanamh ri Nouredin mar a thogradh e fhein. Thug Saoudhaidh masladh gu leor do Nouredin an àm dha bhith ’g a thoirt leis d’ a thaigh fhein. An uair a ghabhadh air le slait gus an robh e leith mharbh, dh’ ordaich e a chur ann am priosan dubh, dorcha, agus gun dad a thoirt dha ach aran is uisge.
An uair a thainig Nouredin as a’ bhreislich anns an robh e an deigh mar a chaidh a leith mharbhadh leis na fhuair e de bhuillean, thoisich e ri caoidh gu trom air son na thainig air de mhi-fhortan. “Ah! iasgair,” ars’ esan, “nach tu thug an car asam? Nach beag a shaoilinn an deigh na nochd mi de chaoimhneas dhut gu ’m biodh tu ’nad mhathair-aobhair air an droch dhiol a rinneadh orm? Ach air a shon sin, gu ’n tugadh ni math duais dhut Cha ’n urrainn mi chreidsinn gu ’n robh toil sam bith agus feuchaidh mi ri gìulan le mo thrioblaidean gu foighidneach gus an tig iad gu crich.”
Bha Nouredin bochd anns an t-suidheachadh thruagh so fad seachdain. Agus cha do leig Saoudhaidh air dichuimhn gu ’n robh e anns a’ phriosan aige. Agus o ’n a chuir e roimhe gu ’n fhaodadh e so a dheanamh gun ughdarras an righ, chaìdh e far an robh an righ, agus triuir sheirbhiseach maille ris le eallaich an droma de thiodhlacan luachmhor a bha e gus a thoirt dha. “So agaibh, mo thighearna,” ars’ esan, agus e lan goimh is droch madair, “tiodhlacan a chuir an righ ur do ’r nionnsuidh an deigh dha bhith air a shuidheachadh air a’ chrun, agus tha e ’guidhe air bhur morachd gu ’n gabh sibh uaithe iad.”
Thuig an righ gu math ciod a bha Saoudhaidh a’ ciallachadh, agus thuirt e’ “Ciod e tha thu ’g radh! Am bheil an creutair suarach ud fathast beo? Shaoil ml gu ’n do chuir thu gu bas e roimhe so.”
“Mo thighearna cha ’n eumhachd agamsa air duine sam bith a chur gu bas; is ann dhuibh fhein a bhuineas an cumhachd so.”
“Bi falbh anns a’ mhionad,” ars’ an righ, “agus thoir an ceann dheth. Tha mise a toirt lan chead dhut”
“Mo thighearna,” arsa Saoudhaidh, “tha mi anabarrach fada ’nur comain air son a’ cheartais a tha sibh a’ deanamh rium; ach o ’n a thug Nouredin masladh dhomh ann an lathair an t-sluaigh, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n leig sibh dhomh cead a chur gu bas air beulaobh na luchairt, agus gu ’n cuirear daoine air feadh a h-uile cearn dhe ’n bhaile a ghlaodhaich gu ’m bheilear gus a chur gu bas a chum gu ’m bi fios aig an t-sluagh gu leir gu ’m bheil aige ri lan riarachadh a thoirt seachad air son na masladh a thug e dhomh.”
Thug an righ dha cead deanamh mar a bha e ag iarraidh. Ghrad chuireadh daoine air falbh air feadh a’ bhaile a ghlaodhaich gu ’n robh Nouredin ri bhith air a cur gu bas gu follaiseach air beulaobh na luchairt.
Chuir an sgeula muladach so dragh-inntinn ro mhor air sluagh a’ bhaile; oir bha cuimhne mhath aca gu ’n robh ’athair ’na dhuine a bha maiseach ’na ghiulan agus ceart ’na dhreuchd, agus bha uamhas agus corruich ro mhor orra an uair a chul’ iad gu ’n robh a mhac ri bhith air a cur gu bas maslach tre ’n ghamhlus a bha aig Saoudhaidh dha.
(Ri leantuinn.)
Ann an Tacoma, Wash., an la roimhe, thuit carbad-stràide bhar drochaid, tri fichead troigh a dh’ àirde. Bha i làn aig an àm, agus bha suas ri tri fichead air am marbhadh.
[Vol . 9. No. 2. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichcan, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, IULAIDH 13, 1900.
Rinn riaghladh nan Staidean cordadh-malairt ri Trinidad o chionn ghoirid; ach ’nuair a chuireadh a chùis fa chomhair pàrlamaid nan Stàidean chuir iad dàil ’sa ghnothach; cha robh iad air son an còrdadh a dhaighneachadh gu àm eile. Tha pàrlamaid Trinidad mi-thoilichte air son sin, agus cha’n eil iad a dol a dh’ fheitheamh ris na Stàidean, ach tha iad a cur rompa còrdadh-malairt a dheanamh ri Canada.
Anns an àireamh so gheibhear an earainn mu dheireadh dhe’n sgeul a bha “Iain” ag aithris o thoiseach na bliadhna,— “Domhull Dona Mac na Bantraich.” Tha fhios againn gu’n d’ fhuair a mhor chuid de ar leughadairean toileachadh agus fiosrachadh o’n sgeul so. Tha “Iain” ’n a fhear-innse sgeòil a tha anabarrach taitneach, agus tha dòchas againn nach ruith moran ùine gus an tòisich e air sgeul eile thoirt dhuinn.
Tha ’n sgeul mu dheireadh a thainig a Sina ag radh gu bheil an t-seana bhan-impire an deigh an riaghladh a ghabhail ’na laimh fhéin a rithist, agus nach robh gach fathunn a thainig mu mhort nan Eorpad cho fios ’sa bhatha an dùil. Ged nach i ’bhan-impire an urra riaghlaidh a’s fhearr cliù a tha air an t-saoghal, ’se ar barail gur h-i ’s fhean air an stùir ann an Sina na iadsan a th’ air ceann na ceannairc. Is fhearr an t-olc eòlach na an t-olc aineolach.
Tha e da-rireadh iongantach an dith-breathnachaidh a tha moran de phaipearan naigheachd na dùthcha so a nochdadh, a thaobh cùisean-riaghlaidh. Faigh paipear a tha gabhail pàirt nan liberals, agus leugh e o thoiseaeh gu deireadh; ma chreideas tu gach ni a chi thu ann, creididh tu nach robh dùthaich riamh fo’n ghréin a bha air a riaghladh cho glic, cho ceart, agus cho math air gach dòigh ’s a tha ar dùthaich fhéin aig an àm so, agus nach eil cunnart sam bith a’ bagradh cron a dheanamh oirre ach an cunnart gu faigh na conservatives greim air an stiùir ’nuair a bhios aonnta nan liberals a mach. Ach ma dh’ fhosglas tu paipear conservative, ’s ann a tha cùisean air atharrachadh sin. Tha an dùthaich bochd, trom anns na fiachan, air a riaghladh leis na Frangaich, agus a dol a thun an uilc cho luath ’sa ghabhas i cur ann; ’s cha’n eil dòigh air a cor truagh a leasachadh ach an aon dòigh—na grits a chur a dreuchd ’s na tories a chur ’nan àite. Cha’n eil aon seach aon diubh a’ faicinn cron sam bith ’na phairtidh fhéin no math anns a phàirtidh eile. Tha na daoine firinneach, onorach, seasmhach, dileas, uile ’sa phairtidh d’ am buin am paipear; tha na breugairean, na slaoightirean, na daoine carach, lùbach, gu h-iomlan anns a phàirtidh eile. Cha ’n eil iad am feasda sgith dhe bhi seinn nan duan sin; cumar suas iad o sheachdain gu seachdain ’s o bhliadhna gu bliadhna, a sàrachadh an luchd-leughaidh ’s gan cumail an aineolas air cùisean na dùthcha. Agus na’m bu daoine aineolach, neo-bhreathnachail a bhiodh a’ sgriobhadh nan nithean sin, bhiodh an leisgeul, ann an tomhas, ri ghabhail; ach tha moran de na paipearan air an deasachadh le daoine tha fiosrach, foghluimte, agus làn chomasach air gnothuichean a reusonachadh a mach nan toireadh iad oidhearp air sin a dheanamh; agus na’n toireadh cha ruigeadh iad a leas a bhi cho fior chruaidh air an fhirinn ’sa dh’fheumas iad air uairibh a bhith; cha chleachd neach sam bith a’ bhreug ’nuair a ni an fhirinn an aon fheum dha. Ach tha e ’n dheagh chomharradh air foghlum us tuigse ’n t-sluagh gu bheil paipearan dhe’n t-seorsa air am bheirlear a toirt iomraidh a’ call am meas, agus gu bheil parpearan nach eil cho searbh no cho mi-reusonta ’nan dòigh labhairt a faotainn am barrachd cliù mar a tha ’n ùine dol seachad. Tha latha nam paipearan agus nan daoine tha feuchainn ri buaidh a thoirt a mach le trod ’s le càinneadh a’ siubhal gu luath.
Tha esan a tha aig sith, gun amharas air neach air bith, ach am fear a tha mi-thoilichte agus buaireasach, tha e làn amharasan; cha ’n ’eil sìth aige féin, is cha leig e le daoin’ eile sith bhi aca.
Is math is aithne dhuit do leisgeal fein a ghabhail, agus an dreach a’s feàrr a chur air do dheanadas, ach cha’n eil moran foighidinn agad ri leisgealan dhaoin’ eile.
Tha daoin’ ann aig nach ’eil sìth annta fhein, ìs nach leig fois le feadhain eile. Tha iad so ’nan claoidh do dhaoin’ eile ’s ’nam buaireas dhaibh fhéin.
Is olc an t-aoidh is misd’ an taigh. Cho eolach ’s a tha ’n ladar air a phoit.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
A thaobh Caiseart.
’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.
A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 2. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha na measan, a reir gach coltais, gu bhi gle phailt air an fhoghar so.
Tha ’n t-achd leis am bheil Roinnean Australia ri bhi air an tàthadh ri chéile air a dhol troimh ’n phàrlamaid Bhreatunnaich, agus an ùine ghoirid, bidh Australia ’na h-aon dùthaich, mar a tha Canada o chionn tri bliadhn’ deug air fhichead.
An turus mu dheireadh a thaghail an soitheach-smùide Harlaw aig Eilean Phòil, chaidh triùir dhaoine chur air tìr leatha a tha dol a chladhach air son ionmhais a tha iad an dùil a bha air a thiodhlacadh air an eilean sin le Caiptean Kidd, no le fear-eigin eile dhe sheòrsa.
Tha Sir Tearlach Tupper air a dhol a null do Bhreatunn far am bheil dùil aige fuireach fad da mhios. Tha Mr. Tarte, a bha o chionn treis a dh’ ùine anns an Fhranig a tilleadh dhachaidh. Cha robh a shlàinte ach gle dhona air an earrach s’a chaidh, ach tha e air a dhol am feobhas.
Tha an ard pharlamaid an deigh lagh a dheanamh air son cùisean a dh’ fhaodas éiridh eadar luchd-fastaidh agus luchd-obrach a shocrachadh gu sitheil agus gun chall ùine. Bidh sin ’na ni gle fheumail anns an dùthaich, oir mar a tha an dràsda, ainneamh le obraichean mora bhi air an cur nan tàmh le mi-chòrdadh eiridh mu thuarasdal ’s mu ghnothaichean eile.
Tha Matheson, Townsend & Co. an deigh an cuid bathair a reic, ’s an stor a thoirt seachad air mhàl. Bha iad so ri ceannachd o chionn iomadh bhiadhna, ’s cha mhor a th’ ann an Sidni no air an dùthaich mu’n cuairt nach do chuir deagh eòlas orra. Tha sinn a’ creidsinn gur h-e Domhull Mathanach an duine ’s fhaide lean ri obair cléirich a tha ann an Sidni; chaidh e air cùl a chùnntair an toiseach ’sa bhliadhna 1863, agus bha e ’creic ’sa ceannach riamh uaithe sin.
Chuir Impire bochd Shina crioch air fhéin le deoch phuinnsean air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fheuch an t-seann bhan-Impire, ise bha gabhail an riaghlaidh os laimh o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, ri crioch a chur oirre fhéin air an dòigh cheudna, ach tha i fhathast beò. Tha e air a radh gu bheil Prionnsa Tuan an deigh lan-ùghdarras a ghabhail d’a fhéin ’nan àite ann am Pekin. Tha troimhe-chéile mhor anns an dùthaich, agus tha e duilich sgeula fior fhaotainn aisde thaobh ciod a tha tachairt.
Bha teachdairean aig na Boerich a’ siubhal nan Stàidean o chionn da mhios, a’ feuchainn ri sluagh agus riaghladh na duthcha sin a ghluasad gu cuideachadh a dheanamh leotha an aghaidh Bhreatunn. Cha d’ fhuair iad misneach sam bith. Chaidh déiigeadh gu caoimhneil riutha, ach cuideachadh cha’n fhaigheadh iad. Dh’ fhàg iad na Staidean deireadh a mhios s’a chaidh. Cha’n eil teagamh nach eil na Boerich a nise ’n deigh gach dòchas a bh’ aca ’chall gu ’n rachadh dùthaich no rioghachd air choireigin eadar iad us Breatunn.
Tha ’n riaghladh a togail laimhrig ur, a chosgas mile dolair, ann an Ingonish. Bidh i ullamh mu thoiseach an fhoghair.
Na diochuimhnicheadh luchd-gabhail Mhic-Talla gur e so toiseach na bliadhna, agus gur coir dhaibh am pàigheadh a chur a stigh gun dàil.
Leis gach parg puinnd de Union Blend Tea a cheann aicheas tu gheibh thu seansa air aon de na duairean arigeid fhaotainn.
Chaidh bristeadh a stìgh do stor ann an Sidni Tuath oidhche Di-satharna s’a chaidh. Cha d’ fhuair na robraiean ach mu shia tasdain a dh’ airgead, ’s cha d’ thug iad leotha bhaeag de sheois’ eile, oir ’se ’n t-airgead a bha dhith orra.
Ged nach eil fhathast ach mu bhliadhna gu leth o’n chaidh a phostachd isleachadh eadar Canada ’s an t-seann dùthaich, tha àireamh nan litrichean a tha dol air ais ’s air adhart air a dhol am meud cho mor ’s gu bheil an teachd-a- steach a cheana uiread ’sa bha e mu’n do thòisicheadh air an giùlan air son da shent an àite-coig.
On a thòisich an cogadh ann an Africa mu Dheas, bha an call air taobh Bhreatunn mar a leanas: air am marbhadh, 254 oifigeach agus 2,403 saighdear; air chall agus ’nam priosanaich, 65 oifiigeach agus 2,624 saighdear; chaochail le tinneasan, 133 oifigeach, agus 4,204 saighdear; chuireadh dhachaidh tinn, 884 oifigeach agus uile gu leis 1296 oifigeach agus 27,669 saighdear. Tha na h-oifigich a’s isle ’san arm, mar a tha sergeant, corporal, agus mar sin, air an cunntas an àireamh nan saighdearan cumanta.
Iadsan a Phaigh.
Iain A. Domhnullach, St . Georges, P. E. I.
Somhairle Mac-a- Phearsain, Green Marsh.
Iain I. Siosal, Pictou , N. S.
Seumas O’ Laoghaire, Moyie , B. C.
A. Domhnullach, Hastings , B. C.
Ailean Domhnullach, Hastings , B. C.
Tormad Moireastan, Peveril , Que.
Carstine Nic Aoidh, Ripley , Ont.
D. Mac-an-t- Saoir, No . Burns, Mìch.
Iain L. Brower, New York.
N. A. Domhnullach, Bute , Mont.
M. Mac-an-t- Saoir, Twin Bridges, Mont-
Iain N. Beutan, Vallejo , Càla.
Domhull Mac Coinnich, Glaschu, Alba.
D. I. Mac Isaic, Edwardsville .
Uilleam Patterson, Sydney Forks.
Ailean Camaran, Amhuinn Dhennis.
Callum Gillios, Blues Mills.
A. R. Mac-a- Phearsain, Blues Mills.
D. A. Mac Neill, Reserve Mines.
Domhull Mac Cuthais, Bridgeport .
Callum Mac Gill-fhaollain, Margaree .
Gilleasbuig Mac Phail, Orangedale .
Iain Mac Odrum, Sidni.
Domhnll O’ Handley, Sidni.
Niall Mac Gilleain, Fourchu .
An t-Urr. R. Domhnulluch, Glace Bay.
An t-Urr. A. L. Domhnullach, Broad Cove.
Coinneach Mac Isaic, Amhuinn Mhuileach.
Seumas P. Gillios, Cobh a Bheabheir.
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien.
Iain B. Domhnullach, Rathad Lingan.
Iain G. Mac Thearlaich, Amhuinn Mheadhonach.
A. J. Mac Fhearghais, Carribou Marsh.
Alasdair Mac Colla, Hillside , Mira.
Lena B. Dhomhnullach, Amhuinn a Tuath.
S. C. Caimbeul, Eilean Phoil.
Iain Mac Aoidh, Kempt Road.
D. N. Mac Gille-mhaoil, Loch Ainslie.
Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.
Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar.
Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.
Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta.
H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 2. p. 6]
Famhair an Tighe-Chreigeadh.
Is fada bhios cuimhn’ air an am anns an robh am Famhair ann an Tigh-Creigeadh Ghleann Sgàladail ’s an Eilean Sgiathanach. Cha robh duine sam bith aig an robh fios co as a thainig e; agus cha mho chaidh duine beò sam bith a steach do ’n Tigh-Chreigeadh, mu’n d’thainig am Famhair. Bha staidhre chloiche a dìreadh a dh’ iunnsaidh an doruis; agus bha ’n staidre sin geal le cnàmhan nan daoine marbha. Bu mhòr eagal luchd-àitich na dùthcha romh ’n Fhamhair, an uair a thigeadh e ’mach a dh’ iarraidh lòin le ’thuath-chogaidh ’na laimh. Bha e ’n a chùis fharbhais do gach beag ’us mòr ’s an tìr. Cha robh feasgar a dol seachad nach cluinnte neach éigin air ionndrain a measg an t-sluaigh, no crodh ’us caoraich o measg nan treùd.
Ach bha aon ni eile a dh’ fhàg a’ chùis ni b’ uamhasaiche agus ni b’ iogantaiche. Cha deachaidh duine sam bith riamh cho fad a steach ’s a bha’n Tigh Creigeadh a ruigheachd fodh ’n talamh: agus cha robh fhios nach b’ ann bho chridh’ an t-saoghail a thainig am Famhair, far am faodadh e ’dhol air ais agus innse d’ a chàirdean gu ’n d’ fhuair e dùthaich anns an robh spréidh ’us daoine gu leoir.
Ach coma co dhiù, lean am Famhair air marbhadh a’ chruidh ’s nan daoine. ’S mòr an call a rinn e, oir bha ’thoil féin aige; a chionn nach robh doigh sam bith air a bhacadh. Sgaoil an naigheachd fad ’us farsuing agus bha mòran ann an ceàrnaibh fad as gle thaingeil nach ann ’n am measg féin a thainig a leithid sud do dh’ Uilebheist.
Bha gaisgeach òg ann an uair sin, d’ am b’ ainm Mac-an-Fhidhir. Air dhàsan an sgeul a chluinntin, thainig e do Ghleann Sgàladail, a chum gu ’m faiceadh e méud agus coltas an Famhair. Ach air an t-slighe chunnaic an t-òganach neach a bu taitniche leis na gach Famhair a bha riamh sir talamh na fodh ’n talamh. B’i ’n neach sin nighean Fear-Bhatairstein. Tha e air a luaidh ’s an t-seanachas gu ’n robh i annabarrach maiseach ri amharc oirre. Bha a sùilean caomh agus sgiamhach; a gruaidh mar ròs fodh bhlath; agus a folt mar sgiath an fhithich. Thubhairt an t-òganach ris féin gu ’m b’ i sud an aon mhaighdean air a shon-san. Ghlac a maise cridh a’ ghaisgich cho teann ’s gu ’n do thill e gu ’dhachaidh féin, gun a dhol ni b’ fhaide air aghart ’s an t-slighe do Ghleann Sgàladail.
Mu dheireadh thall, thainig am Famhair e féin gu Tigh-mòr Bhatairstein. Tha e air a chantuinn gu’n do mharbh e muinntir an tighe gu leir, ach a’ mhaighdean sgiamhach ’n a h-aonar. Ghabh e iongnadh de a maise, agus thug e air falbh i mar phriosanach no mar àilleagan do ’n Tigh Chreigedh.
Sgaoil an sgéul so fad ’us farsuing. cho luath ri falaisg an aonaich ’s a’ mhios Mhàrt. Ach cò ’chuireas ’an céill déuchainn agus fearg Mhic-an-Fhidhir, an uair a thainig an naigheachd gu ’chluasan. Cha robh fear-cogaidh riamh cho iotmhor airson fuil a nàmhaid ’s a bha Mac-an-Fhidhir airson fuil an Fhamhair. Mhionnaich an t-òganach dha féin nach biodh ann ach bas no buaidh. Thog e a sgiath-chogaidh agus a chlaidheamh mòr. Chuir e ’aghaidh air Tigh-Creigeadh Ghleann Sgàladail.
Bha ’n dorchadas a tuiteam air a’ ghleann, an uair a nochd Mac-an-Fhidhir ris an àite sin anns an robh an aon mhaighdean a bu mhilse leis fodh ’n ghréin ann an gainntir, ma bha i fathast beò. Ged a bha gathan deireannach an fheasgair a dealradh le fiamh an òir air mullach nam beanntan àrda, agus ged a bha Gleann Sgàladail shios aig am bonn, ’n a thrusgan gorm samhraidh gu tosdach, ciùin, gidheadh cha robh cridhe Mhic-an-Fhidhir ach glé mhi-fhoiseil, a plosgartach eadar fearg agus dòchas. Smuainich an gaisgeach gu ’n gabhadh e cothrom na h-oiche air an Fhamhair, nach d ’thug cothrom riamh do chàch.
’S ann mar sin a bha, dhìrich an t-òganach an staidhre chloiche, an uair a bha ’n oich’ air tuiteam. Bha ’m Famhair an deigh tilleadh thar a chuairt làthaìl, agus bha ’chuid arm ’an crochadh ris a’ boalla. Leum an t-òganach a steach gu meadhon an t-seòmair; agus mu ’n do thàr am Famhair sealltuinn uige na uaithe, bha claidheamh géur Mhic-an-Fhidhir, cho luath ri dealan na h-oiche, air feadh a chuid asnaichean. Thuit am Famhair le ràn uamhasach; agus ’s ann aige féin a bha na h-aobhair.
Gu fortanach fhuair an t-òganach a’ mhaighdean gu beò slàn. Dh ’fhuasgail e i as a ceanglaichean; agus thug e air falbh i. Cha do chuir am Famhair dragh orra, oir ’s e goirteas a chuim féin a bha air aire-san. Air an làtha màireach, chruinnich muintir an àite gu h-aoibhneach, agus shlaod ìad an Uile-bhéist leòinte gu slochd ris an canair fathast “Leabaidh an Fhamhair.” Chroch iad e gus an d’ fhag an deò e; agus dh’ adhlaic iad e gu togarrach. Cha do shilleadh dèur, agus cha chualas osna mu uaigh an Fhamhair.
Beagan ùine ’n a dhéigh sin phòs Mac-an-Fhidhir a’ mhaighdean. Shealbhaich iad le ’chélle gràdh an t-sluaigh. Agus tha ’chuimhne-san measail fathast, mar an t-òganach gaisgeil, a shaor a leannan agus an dùthaich bho ’leithid sudud do chuisuamhais. —N. R. ’saHighland News.
Tha iomadh ni iongantach ri bhi air fhaicinn aigLemen Brothersnach fhaicear aig circus sam bith eile. Di-satharna, Iulaidh 14.
Am meag nan nithean iongantach eile bhios aig an circus Di-satharna, chithear Caiptean Santiago a leum bho àirde mhoir dh’ ionnsuidh an lair. Tha an leum da-rireadh iongantach, agus ’s math is fhiach e fhaicinn.
’S e ’n suidhe docharach ’s an taigh osda is fearr.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, AgentSidni Tuath.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
Cha’n euchd mor do dhuine giulan le daoine ciùin ciallach, agus is taitneach an t-sìth leis na h-uile, agus is miann leò iadsan a tha dh’ aona bheachd riutha fhein.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies
Merchants’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gacn gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadhna.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 2. p. 7]
Clann Domhuall.
Dh’ fhàg Somhairle Mor Mac Gillebhride tri mic, Dùghall, Raonall, agus Aonghus. B’ e Dughall gineadair agus ceud cheann cinnadh nan Dughallach. Bha da mhac aig Raonall, Domhnall agus Ruairidh. B’ e Domhnall gineadair agus ceud cheann-cinnidh Chlann-Domhnaill; agus b’ e Ruairidh gineadair agus ceud cheann-cinnidh Chlann Ruairidh.
Bha da mhac aig Domhnall, Aonghus mor agus Alasdair. Bha coig mic aig Alasdair, Domhnll, Goiridh, Donnachadh, Eoin, agus Eachann. Bha Domhnall agus Goiridh beo sa bhliadhna 1314. Bha mac aig Domhnall do ’m b’ ainm Alasdair. Tha Alasdair air ainmeachadh comhla ri ’athair sa bhliàdhna 1291. Dh’ fhag Eachann mac Alasdair mac a cheud Domhnaill tri mic, Tearlach, Lachainn, agus Sitheach. Chaochail Aonghus Mor, darna ceann cìnnidh Chlann-Domhnaill mu’n bhliadhna 1295. Dh’ fhag e tri mic, Alasdair og, Aonghus Og, agus Iain Sprangach.
Phos Alasdair Og nighean mhic Dhughaill Latharna. Bha sia mic aige, Somhairle, Raonall, Aonghus, Eoin Dubh, Tearlach Mor, agus Goiridh. Cha’n fheil e a leanachd gur h-ann le nighinn Mhic-Dhughaill a bha na mic so uile. Tha e gu math cinnteach gu ’m b’ e Raonall an t-oighre dligheach. Chaidh Somhairle Eoin Dubh, is Tearlach Mor do dh-Eirinn. Bha Alasdair Og gu h-amaideach a cogadh an aghaidh a Bhrusaich. An 1308 thug an Brusach bhuaithe a chuid fearainn, agus thug e do dh-Aonghus og a bhratheir e.
Their ciud Alasdair Mor ri Alasdair brathair athair Alasdair Oig. Tha e duilich innse gu de am bonn a tha aca airson a bhith ag radh Alasdair Mor ris. Cha ’n fheil leabhar sloinnteireach na bliadhna 1467 ag radh ris ach Alasdair mac Dhomhnaill. Tha ’n leabhar sin gun teagamh ag radh gu ’n robh fear do ’m b’ ainm Somhairle air a shloinneadh mar so; Somhairle mac Gillebhride mhic Ghoiridh mhic Alasdair mhoir. Tha e lan chinnteach gur h-e a bha ’n sgriobhadair a rùnachadh a chur a sois, —Somhairle mac Gillebhride mhic Ghoiridh mhic Alasdair Oig mhic Aonghuis mhoir. Thachair dha, mar a thachair do dh-iomadh duine eile, gu ’n d’ fhàg e beagan fhacal as an t-sreath a bha e a sgriobhadh. Ge luath am peann is i an inntinn a’s luaithe.
B’e Aonghus Og an coigeamh ceann-cinnidh aig clann Domhnaill. Dh’ eug e mu’n bhliadhna 1329. Dh’fhag e da mhac, Iain nan Eileinean agus Iain an Fhraoich. S i nighean do Dhùghall mac Ianraic an Gleanna-Comhann a bu mhathair do’n darna h-Iain.
Phòs Iain mac Aonghuis Oig, tighearna nan Eileinean, Aimi Nic Ruairidh, agus bha ceathrar chloinne aige rithe; Iain, Raonall, Goiridh, agus Mairi. Phos e a rithisd Mairearad Stiubhart agus bha tri mic aigè rithe; Domhnall, Iain mor Tanaistear, agus Alasdair carrach. Bha Mairi posda ri Lachainn lùbanach, triath Dhubhairt. Thuit a mac, Eachan ruadh nan Cath, ann an blar Harla, no cath Garbh-fhaiche ’sa bhliadhna 1411.
Is ann bho Iain sprangach a thainig Clann Iain Ardnamurchann. Is ann bho Iain an Fhraoich a thainig clann Iain Ghlinne-Comhann. Theirteadh Mac-Iain ri triath Ardnamurchann. gus mae Mhic-Iain ri triath ghlinne-Comhann.
A. M. S.
MORT GHLINNE-COMHANN.
’S mi am shuidh, air a chnocan,
Chaidh mo leirsinn an olcas,
’S mi mar aon mhac an trotain air m’ fhagail.
Tha mi coimhead a ghlinne
Far am b’ aighearach sinne
Gus an d’ aom oirnn an fhine ’n robh ’n fhàilinn.
Rinn na Duibhnich riomh ’n eadradh
Ar fuil uasal a leagail,
’S bha Gleann-liobhann na ’sheasamh mar cheannard.
B’ e mo rogha sgeul eibhinn,
Moch Di-luan is mi ’g éirigh,
Cìnnt gu’n dàinig Righ Seumas o’n Fhraing oirnn.
gh Gu’m biodh iomain ball achaidh
Air na cealgairean ascaoin
’Loisg ar n-arbhar ’s ar n-aitreabh ’sa eamhradh.
Deagh Chlann Iain nan gadhar
’Rinn na h-uaislean a thadhal
Bha gan riasladh fo chutach gun chàirdeas.
Dh’ fhàg sibh marcaich’ ’n eich uaibhrich
Reubt’ air ruidhe nan ruadh-bhoc,
Ann an sneachda trom fuar nam beann arda
Dh’ fhàg sibh làraìchean dubha
Far am’ b’ abhaist duibh suidhe
’N comunn luchdan fhuilt bhuidhe, dhuinn, amlaich.
’Fhir Bhail’ -fhearna nam badan,
Bu chean-feadhn’ thu air brataich;
Is chaidh smùid ’chur ri t’aitreabh na smàlaibh.
Sòlas an dara duine, dòlas an duine eile.
Cha diùlt peann breug.
Thig smal air an òr.
Gheibhear fàth air a mhuir mhòr.
’S fearr pilleadh na bàthadh.
’Se dichioll athair na pisich.
An ni a theid fada o’n t-sùil, theid e fada o’n chridhe.
Bithidh dorn aig fear na h-eadraiginn.
Is ionmhuinneach le gach neach a choslas.
Mar chloich a ruith le gleann feasgar fann foghaire.
Esan a thig beo air dòchus bàsaichidh e ’na thrasgadh.
Far nach bi ni caillidh an Righ a chòir.
Am fear a thig gun chuireadh suidheadh e gun iarraidh.
“Coma-co-dhiù” —mar a bha Tòmas ’n uair loisg e ’bhrùth— ’s cha b’i bhruth idir a bha e caoidh ach a bhriogais.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
The Scotish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
Is lom an cladach air an cunntar na faochagan.
J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
[Vol . 9. No. 2. p. 8]
ORAN DO MHAC-LEOID DHUN-BAEAGAIN.
LEIS A CHLASAIR DALL.
AM BARD. —Gur h-i’ n t-saighead tha’m chré
A dh’fhag treoghaid mo chléibh cho goirt,
Aig na rinn mi ad dheidh
’S mi ’n diugh ’siubhal leam fein gun toirt,
Gun robh mis’ air do thoir,
’S bha mi ’m meas gun robh còir agam ort,
A mhic athar mo ghraidh;
B’ esan m’ aighear is m’ agh, ’s tus’ m’ olc.
Chaidh a chuibhle mu ’n cuairt,
Agus thionndaidh gu fuachd am blaths,
Nàile chunnaic mi uair
An Dun rathail nan luaidh a bha
Ard cho-chruinneach’ an t-sluaigh
’Cur ri mathas gun chruas, gun chàs;
Dh’ fhalbh an latha sin uainn
Is tha ’n talla gu fuaraidh fàs.
Tha Mac-Talla fo ghruaim
Dh’ fhag e ’m bail am biodh fuaim a cheoil;
Ionad tathaich nan char
Tha gun aighear, gun mhiagh, gun doigh,
Tha gun mhire, gun mhuirn,
Tha gun iomrachadh dluth nan corn,
Gun chuirm pailtis ri daimh,
Is gun mhachus. gun mhanran beoil.
Dh’ fhalbh Mac-Tall’ as an Dun,
Nuair a thainig oirnn diu nan triath,
’S ann a thachair e rium.
’S e air seachran air cul nan shabh,
MAC-TALLA. —Labhair esan air tùs,
Reir mo bheachd-sa gur tu ’bha riamh,
Am measg cuideachd na muirn,
Gus an uiridh an Dun nan char.
AM BARD. —A Mhic-Talla nan tùr,
’S math mo bharail gur tu a bha
Ann an aros nam tiann
A comhaithriseadh gniomh mo lamh.
MAC-TALLA.— ’S ceart do bharail: gur mi
Is bu deacair dhomh fhin ’bhi ’m thamh
’G eisdeachd brosluim gach ceoil,
Ann am fochair Mhic-Leoid an aigh.
’S mi Mac-Tall’ a bha uair
’G eisdeachd faruim nan duan gu tiugh,
Far ’m bu mhuirneach am beus
An am cromadh do ’n ghrein ’san t-sruth;
Far am b’ fhoirmail na seoid,
’S iad gu h-oranach, ceolmhor, cluth;
Ged nach faicteadh mo ghnuis
Chluinnteadh leotha ’san Dun mo ghuth.
’S mi Mac-Tall’ a bha ’thamh
’S an aitreamh ’n robh gradh nan cliar,
An triath tighearnail, toann,
Is an cridhe gun mheang na chliabh.
Thug e speis d’a thir fein,
Cha do chleachd e Duneìdeann riamh;
Dh’ fhag e ’m bonnach gun bheum,
S b’ fhearr gun leanadh na ’cheum a shiol.
’N am bhith ’g eirigh gu moch
Ann ’san teaghlach gun sproc, gun ghruaim,
Chluinnteadh gleadhraich nan dos
Is an ceile nan cois o ’suain.
’Nuair a gheibheadh i ’lan
’S igun duisgeadh an àird an sluagh,
Le meoir fhileanta ghrinn,
’S i gu ruith-leumnach, binn ’sa chruaich.
Bhiodh a rianadair fein
’Cur an ire gur h-e ’bhiodh ann.
’S e ag eirigh nam measg
Is an eighe gu tric na cheann.
Ged a b’ ard leinn a fuaim,
Cha tuairgneadh e sinn gu teann,
Chuirteadh tagradh am chluais.
Le h-aidmheil gu lath ’s gu mall.
An am gabhail mu thàmh
Gum biodh furtachd ’san fhardaich reidh;
Dhómsa b’ fhurasd’ a radh
Gum bu chuireideadh gàir nan teud;
Iad fo iomairt do lamh
’Cur am binneas de ehach an geill;
’S gun bu shiubhlach am chluais
Mothar luth’ar do luasgan mheur.
Ann san fheasgar an déidh
Am teasa na greinn’ trath-noin,
Bhiodh fir chneapain ri clair
’S mnai a feagairt a ghnath ’cur leo.
Bhiodh da chomhairleach ghearr
A dian labhalrt ’s gum b’ ard an gloir;
Is bu thitheach an guin
Air na daoine gun fhuil, gun fheoil.
Gheibhteadh fleasgaich gun sgraing
Ann san talla le gradh gun fhuafh,
’S oighean grinne ’n fhuilt reidh
Air an urlar lé cheil’ a gluas’d,
Iad le ceileiribh beoil
’Dannsadh iollagach, ordail, suairc’,
Is fear-bogha nan coir
A cur meadhail a mheoir nan cluais.
AM BARD. —A Mhic-Talla so ’bha
Ann sa bhail’ ’an do thàr mi m’ iul,
’S ann an nis duinn a’s leir
Gu bheil mis’ is tu fein air chul.
’Reir do chomais thoir sgeul
On ’s fear-comuinn mi-fein is tu;
’N robh do mhuinntireas buan
Aig an dream sin d’an dual an Dun?
’S fiosrach mis’ air gach am,
’S mu gach aon diu a bh’ ann o thos.
Càit am faicteadh air chuairt
Ceanna-cinnidh ’thug fuath cho mor
Do dh-fhaoin mhorchuis nan Gall?
’S gun an sporan ’bhi gann de dh-or.
Tighearnan Eilg’ is Chlar-Sgith
Cha bu bhacadh dhaibh diobhail stoir.
Bho linn nan linntean bha mi
’S mi mar aon duin’ a thamh sa chùirt,
’S theireadh iomadh Mac-Leoid
Nach robh uireasbhuidh eolais duinn;
Ach cha’n fhaca mi riamh,
Gun taoitear, gun triath an Dun,
’S e na ’fhasach gun fheum,
Gus na slaithean so fein bho thus.
AM BARD. —Bhon a thainig ort aois
Tha ri radh gur a baoth do ghloir;
Cha’n e fàsach a th’ ann,
Ged e tha e ’san am gun lòd
Is air taoitear ’s beag fheum,
’S og thighearna fein ’na lorg,
’S e ri ’fhaotuinn gun fheall
’Cur ri baoithe an ceann luchd chleoc.
’S ionnan sin ’s mer a tha
Cuid de dh-uachdarain ard an iugh,
Bho nach léir dhaibh an call
Meud an deidh air cuirt Ghall cha sguir,
Gus an déid iad do ’n Fhraing,
S gur a soilleir ri am a bhuil;
Bidh droch ghalar gan cnàmh,
’S theid an storas a ’n laimh na ’shruth.
’Nuair a theid e gu blar
Air each cruitheach a’s gairmhor srann,
Diallaid làsdail fo ’mhas,
’S mor gum b’ fheard e srian oir ’na cheann.
Fichead gini cha’n- fhiach,
Gun deid sud a chur sios an geall;
Cha deid bonn dheth ’am feum,
Is cha’n- fhaighear e ’n deidh a chall.
Nuair a thig e bho ’n reis
Theid e ’dh-iomairt le beisd air glac;
’S mur dig lamh ’sam bi feum
Gun caill e an leum gu grad
Mi ’s iad disnein a mhiann
Bheir e thairis h-aon-diag mu seach;
’S ged a chaill e coig ciad,
Fire, faire, ’s beag fhiach am mairt.
Theid coig coigean de ’n or
’Thoirt gu faoin airson cord do ’n aid;
’S urad eil’ oirre fein,
’S math na’bharail a feum gu spaid;
’S a ghrabhat a’s glan li
Theid punnd Sasunnach innt’ gun stad;
Ach ’s beag sud as a mhàl,
Theid a chunntadh air clar gu grad.
Theid luach mairt no na ’s mo
An da stocain de ’n t-seors’ a ’s fearr;
Sud na gartain a suas
’S paidhir thasdan de luach nam bàrr.
Ducait diuca no ’n corr
Theid a chur ann sa bhroig ’bhuinn aird,
’S clachan crios tal ’s math snuadh
Ann an bucaill mu ’n cuairt le stràic.
Theid e staigh ann am buth
’S chi e fasan as ur bho’n Fhraing;
’N t-aodach gasda ’bha ’n dé
Air a phearsa le speis neo-ghann
Theid a thilgeadh an cuil;—
“Fasan dona, cha n-fhin e plang.”
Air mal baile no dha
Bidh a pheann is a lamh ri bainn.
Bidh a pheidse gun mheas
Mur bi eideadh am fasan chaich;
Ged bhiodh e gini an t-slat
Gheibhear uil’ e air mart no dha.
Casag riomhach gun sgòd
Theid a cheannach do dh-og an àigh,
’S briogais bhelbheit bhuig bhriagh
’Bhios a ruigheachd a sios gu ’shail.
Cha bhi pheids’ ann am pris
Is e fhathasd a dhith a chloc;
Cealltair olla cha ’n fhiach,
’S cuis fhanaid cloth liath mu ’n og,
Aodach riomhach o ’n bhath,
Le crois airgid, luach chruintean oir,
Feumar sin ’fhaotuinn dha;—
“Tilgidh m ’fhearann dhomh mal na ’s mo’,
(Ri leantuinn.)
Cha chreid an oig gun tig an aois; cha chreid an aois gun tig am bàs.
Is fearr an t-olc eòlach na’n t-olc aineolach.
LEMEN BROTHERS’ WORLD’S MONSTER SHOWS.
3 RING CIRCUS,
5 CONTINENT MENAGERIE,
TRAINED ANIMAL EXHIBITION,
REAL ROMAN HIPPODROME,
FREE HORSE FAIR.
SURELY COMING AND POSITIVELY EXHIBIT
—AT—
SYDNEY, on SATURDAY, JULY 14.
[Dealbh]
THE MIGHTY BOVALAPUS,
The rarest, strangest, awfullest of all the mighty monsters of the great deep.
RAJAH,
The biggest brute on earth, a towering giant. The very lord of beasts. Taller, longer, weighs more, cost more than any elephant ever captured. Bigger than the famous Jumbo.
CAPT. SANTIAGO, HIGH DIVER,
The world’s highest diver; actually flings himself backward from the highest point ever dived from.
LITTLE EDNA,
The girl wonder. The only lady turning forward and backward somersaults on a bareback horse. A challenge of $10 ,000 to any one who can produce her equal.
RACING STEERS—A GREAT NOVELTY.
100 EXALTED CIRCUS CHAMPIONS IN 150 SUPREME ACTS.
Completest, Largest, Greatest WORLD’S MENAGERIES.
KITTIE KRUGER, The only lady 4- and 6- horse rider in the world.
Whole droves and herds of Animals, Giant Camel, Long Maned and Tailed Horse. Baby Hippopotamus, Baby Lions, Serpents and Birds.
A Grand Free Street Parade Every Entry Day at 10 o’clock A. M. High Dive, 10.30 a. m. and 6.30 p. m.
EXCURSIONS ON ALL RAILROADS. ALL TENTS WATERPROOF.
Doors open at 1 and 7 P. M. Performances at 2 and 8 P. M.
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
D. A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TAALA.
C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
title | Issue 2 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 2. %p |
parent text | Volume 9 |