[153]

[Vol . 9. No. 20. p. 1]

MAC- TALLA

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 16, 1900. No. 20.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

LE IAIN.

CAIB. II.

NA MNATHAN AIG ACHUIRM.

NACH ann a bha còir an a thug dhut aphlacaid, a bhean Dhomhuill? Feumaidh sinn boinnein beag dheth òl air a slàinte. Gu dearbh, an uair a dhfhalbh mi on taigh, cha robh dùil sam bith agam gum blaisinn deur bu treise na gus an tillinn. Ach is iomadh rud math a tha sinn uilefaighinn ris nacheil dùil againn.”

Bha bean amhaoir còir gun teagamh; ach is i bean Dhomhuill Bhàin as còire. Is iomadh te a chuireadh aphlacaid seachad ann an àite gleidhteach gus am faigheadh i cothrom air na thinnteòl gun fhios do dhuine beò. Is ann do bhean Dhomhuill Bhàin, a Mhòr, is còir dhutsa agus dhomhsa taing a thabhairt.”

Na bithibh atoirt taing sam bith dhomhsa. Is math bu chòir dhomh ni sam bith a thachradh a bhith agam a thoirt do gach dhibh. Chan fhaiceadh seach dhibh éis sam bith ormsa, nam biodh comas agaibh air cuideachadh a dheanamh leam.”

A Cheiteag, a luaidh, fhads a bhios sinne agabhail achupa , theid thusamach, agus bidh tu ri furachail air eagal gun tig duine sam bith rathad an taighe. Ma chì thu duinetighinn, buailidh tu aig an uinneig. Gheibh thu do roinn de gach ni a thair abhòrd an uair a ghabhas sinne ar biadh. Na innis do neach sam bith a chì thudol seachad, gum bheil sinnestaigh.”

Au uair a shuidh na mnathan mun bhòrd, thugadh làmh air aphlacaid, agus dhòl iad air slàinte bean amhaoirs air an slàinte fhéin mun do bhlais iad air an . Cha bi achuirm gun a comhradh a bhaca; oir ged nach tachradh deur de stuth bu treise nan a bhith fos laimh aca, dheanadh iad comhradh gu leor. Cha robh triùir eilesan dùthaich bu deas-bhriathraiche na iad. Ach an uair a fhliuch iad an ribheid le mac na braiche, cha robh foghnadh no fosadh air an cainnt.”

Tha mise an dòchas, a Chatriona, nach tig Lachlainn dhachaidh a dhaithghearr. Ma thig, cha bhi e toilichte sinnenar dithis fhaicinn an so comhladh riutsa,” arsa Mòr.

Chan e so dath a bhios air an latha, an uair a thig e. Chaidh e fhein is Domhulls an t-searbhanta gu cùl Beinn na Corrairidh a bhuain fhraoich. Bidh an dubh oidhche ann mun tig iad. Tha Beinn na Corrairidh astar mòr as a so, agus than latha air fàs gle ghoirid.”

Ubh, ubh, ciod a chuir air falbh air astar cho fad sin iad a bhuain fhraoich? Cha chreid mi nacheil fraoch gu leòr anns aGhleann Mhòr.”

Tha fraoch gu leòr anns aGhleann Mhòr gun teagamh; ach tha am maor an aghaidh do dhuine sam bith a dholg a bhuain am bliadhna. Tha e ag radh gun dòrdaich am Baillidhs an t-Uachdaran gun gheug a thoirt as. Chaneil fhios againne co dhiubh a tha so fìor, no nacheil. Feumaidh daoine bochda mar a tha sinne a bhi umhail don mhaor, ar neo is dòcha gun cuirear as ar cuid fearainn sinn. Innsidh mise dhuibh, on is sibh a thann, rud a chuireas ioghnadh oirbh. Bha marsanta-paca air falbh air feadh na dùthcha mun àm so an uiridh, agus thainig e, an duine bochd, thun an taighe so anamochsan oidhche. Dhiarr Lachlainn air fuireach fad na h-oidhche. Is e duine anabarrach comhraiteach a thann. Comhladh ris gach naigheachd eile a dhinnis e dhuinn, dhinnis e gun do chuireadh am maor bhar na h-oighreachd air an robh e roimhe, a chionn cho eucorachs a bha e. Tha e coltach gur e bu choireach mòran dhen tuath a bhair an oighreachd a chur air fògradh gu ruige America, agus do dhiomadh àite eile. Thuirt am marsanta ruinne, gur e gliocas gach neach a bhith réidh ris, mas urrainn iad idir. Ach na tugaibhse guth no iomradh air so ri duine beò. Nam faigheadh am maor am mach gun robh sinn abruidhinn air, dhfheuchadh e gun teagamh sam bith ri ar cur as ar cuid fearainn.”

Ach, a Chatriona, cia mar a fhuair e bhithna mhaor anns an àite so, ma chaidh a chur air falbh mar dhroch sheirbhiseach as an àites an robh e roimhe?” arsa bean Dhomhuill Bhàin.

Innsidh mise sin dhut. Tha bean amhaoir agus bean aBhaillidh anns na h-oghachan dha cheile; agus an uair a chaill esan amhaoirneachd far an robh e an toiseach, shuidhich am Baillidhna mhaor e thairis air achuid so dhen dùthaich. Tha micreidsinn nach cualan t-Uachdaran còir dad cearr riamh mu dheidhinn amhaoir. Nam biodh fhios aig an Uachdaran air an obair a bhaige mun dthainig e don dùthaich so, faodaidh tusabhith cinnteach nach cumadh e lathana sheirbhis e. Ach is math a bha fhios aig aBhaillidh air an dol am mach a bhaige far an robh e roimhe. Na tugaibhse guth air so air na chunnaic sibh riamh. Nam faigheadh Lachlainn am mach gun dinnis mise aon fhacal dhe so dhuibh, cha tugadh e mathanas dhomh gu bràth.”

Am bheil thug aithneachadh orm, a Chatriona, gun do ghabh mi an deur beag ud? Tha mifaireachdain mo chinn anabarrach aotrom. Tha min dòchas ann an Math nach tig duine thun an taighe gus an stòldaich mo cheann. Ma thig, aithnichear orm gun teagamh sam bith gun do ghabh mi stuth as treise na cupan .”

Sguir dhe do bhruidhinn gun dòigh, a Mhòr. Chaneil thu ach atoirt ort fhein a chreidsinn gum bheil suaineachna dcheann. Grad òl an cupa math làidir sin, agus chan eagal dhut. Siuthad thusa, a bhean Dhomhuill. Chaneil sgoinn sam bith annad gu biadh a ghabhail. Cha bheathaicheadh e an t-eisean circe na ghabh thu on shuidh thu aig abhòrd. Greas ort mun tig streatharlach sam bith thun an taighe. Cha chreid mi nach ann a thug an deur beag ud do chàileachd uat gu buileach.”

Anns an fhacal, ghlaodh Ceiteag àird a claiginn, gun robh a h-athair atighinn leis na saic fhraoich, agus gun robh ecromadh an nuas le Cnoc na Creige-Glaise.

Droch crìoch air an olc,” arsa Catriona, “bidh iad a steach air ar muin mum faigh sinn na soithichean a thogail bhar abhùird. Grad òlaibh an sin, teiths mar a tha i, feuch an cum i an t-uisge beatha fodha. Sgrìob a steach na h-eibhleagan sin, a bhean Dhomhuill, agus cuir fòd no dhà air an teine, ar neo chithear làrach màs na poit air achagailte. Chaneil mituigsinn idir cia mar a fhuair iad dhachaidh cho tràth so. Chan urrainn gun deachaidh iad air astar fada bhuain an fhraoich. A Mhòr, a thasgaidh, cho luaths a rinn thu riamh tog air falbh na soithichean bhar abhùird comhladh riumsa. A nis na dean abheag de ghlagadaich leotha. Thoir do cheart aire nach brist thu dad. Than cridhe air chrith agam leis an eagal gun tig Lachlainn no an t-searbhanta thun an doruis mum faigh sinn na soithichean a chur as an t-sealladh.”

Am feadhs a bha Catrionas Mòr atogail nan soithichean bhar abhùird, agusg an cur as an t-sealladh gun nigheadh gun ghlanadh, bha bean Dhomhuill Bhàinna suidhes gun aon diog atighinn as a ceann. Bha i air a clisgeadh roimh Lachlainn. Is minic a thug e groilleadh math càinidh dhi ann an clàr an aodainn. Bha fhios aige gun robh i car bruidhneach, agus gur minic a thog i aimhreit eadar na coimhearsnaich, le bhithg innseadh naigheachdan gun bhun gun bharr dhaibh. Thuirt i as a guth tàimh, “Is fhurasda na soithichean a chur as an t-sealladh; ach cia mar a chuireas sinn fàileadh an uisge-beatha air falbh? Fairichidh an fheadhain a bhabuain an fhraoich e cho luaths a thig iad thun an doruis.”

Nach fhìor dhut, a bhean Dhomhuill. Bfhearr leam nach tàinig deur dheth riamh a steach air ar dorus. Bidh sinn air ar maslachadh air a shàillibh,” arsa Catriona.

Na cuireadh sin dragh sam bith oirbh,” arsa Mòrs ifreagairt. “Leigibhse eadar mise is sin. Thoir thusa dhomhsa, a Chatriona, luideag bheag de sheann aodach, ar neo làn mo ghlaice dhen chlòimh a thanns achiorachan, a chuireas mi anns an teine, agus theid mi an urras nach fhairich duine sam bith a thig thun an taighe fàileadh an uisge-bheatha.”

Mo sheachd beannachd air do cheann, a Mhòr; is tu fhein a thann fhathast. Is tu a bha gleusda riamh is roimhe. Thug mi an urram dhut thar na chunnaic mi riamh gus an car a thoirt as na fir. Tha feum againn ort an diugh co dhiubh,” arsa Catriona.

Nach e sin a thigeadh orra, a Chatriona? Nach cruaidh an gnothach mur urrainn dithis no triuir de bhana-choimhearsnaich mar a tha sinn fhein, cupan a ghabhail uair is uair comhladh gun na fir a bhithnar cuideachd?” arsa Mòr.

Tha thu ceart gu leòr, a Mhòr; chaneil gnothach aig na fir a bhith gun dìobradh gun



[154]

[Vol . 9. No. 20. p. 2]

tionnaradh ann an cuideachd nam ban. Dunaigh air na fir a thann.”

Fhads a bhan comhradh so eatorra, bha Catriona acumail a sùil gu math dlùth air an uinneig feuch am faiceadh i Lachlainn anochdadh am fianuis an taighe. Mu dheireadh thuirt i, “Tha Lachlainn atoirt nan sac bhar nan each aig achruaich mhònadh. Ged a thigeadh e steachs amhionaid, chan fhaics chan fhairich e ni a bheireadh air amhrus a ghabhail gun robh cuirm againn. Bhiodh a h-uile cuis ceart nan dfhuair sinn crioch a chur air abhiadh air ar socair fhein, mar a bha duil againn.”

So, so, a Mhòr, biomaid afalbh mun tig Lachlainn a steach.”

Gabhaibh am mach air an dorus an iar, agus cumaibh cho dlùths is urrainn sibh ri gàradh na h-iodhlann gus an ruig sibh an sruthan, agus chan fhaic e idir sibh. Cuimhnichibh nach toir sibh guth no iomradh ri duine beò air aon fhacal dhe na dhinnis mise dhuibh mu dheibhinn amhaoir. Is docha gum bi am barrachd seanachais eadrainn mun mhaor an ath uair a thig sibh.”

An uair a dhfhalbh bean Sheumais agus bean Dhomhuill Bhàin, ghrad thòisich bean Lachlainn ri deasachadh na dinnearach. On a bha fhios aice gum bu ghlé thoigh le Lachlainn cupa math , agus rud math leis, ghrad chuir i uisge anns aphoit bhig gus an a dheanamh. Anns an àm bha Ceiteag anns achùl-taigh ag itheadh a cuid dhen chuirm a bhaig na mnathan. On a bi an aon nighean, bha ifaotainn tuilleadhs achòir dhe toil fhein. Ghealladh dhi gum faigheadh i a cuid dhen chuirm, agus dhfheumadh ifhaighinn, ar neo chluinnteadh ma dheidhinn. Bha cluas fhosgailte aice an comhnuidh ris gach facal a chluinneadh i, agus bha i gu math deas gus gach ni a chitheadh agus a chluinneadh iinnseadh.

Thug so air a màthair iomadh uair a bhithgealltainn duais dhith air son abeul a chumail sàmhach Ach bfhearr dhi gu mòr a bhithg a smachdachadh an uair a rachadh i cearr. Cha robh, chaneil, agus cha bhì rath air nigheanan òga a bhios ag innsearachd, agus abruidhinn air a h-uile rud a chìsa chluinneas iadnan taighean fhein, agus ann an taighean dhaoineile.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

BEDER, PRIONNSA PHERSIA.

CAIB. X.

Bha righ Saleh gle chorruchna inntinn, agus air a thamailteachadh gu mor an uair a chuale an fhreagairt a thug righ Shamanndail air; agus bhadhiol aige ri dheanamh casg a chur air a chorruich. Ach air a shon sin, fhreagair e gu ciuin, siobhalta, agus thuirt e: “Gun tugadh Dia duais do bhur morachd a reir mar a tha sibh atoiltinn! Tha mi le urram ag innseadh dhuibh nach ann a dhiarraidh bhur nighinn gus mi fhing a posadh a thainig mi idir. Agus ged a thiginn ga h-iarraidh anns an doigh so, an aite dhuibh feins do bhur nighinn oilbheum a ghabhal air a shon, is ann bu choir dhuibh a mheas mar urram. Tha fhios aig bhur morachd gle mhath gur mise aon de righrean achuain a cheart cho math ribh fein; gum bheil an teaghlach on dthainig mi cho sean ri teaghlach rioghail sam bith eile; agus gum bheil an rioghachd a tha fo mriaghladh acheart cho cumhachdachs cho soirbheachails a bha i riamh. Mur be gun do chuir bhur morachd stad orm, thuigeadh sibhs amhionaid nach bann dhomh fhein a tha mig iarraidh bhur nighinn, ach do mhac mo pheathar, righ og Phersia. Tha lan fhios agaibh gur duine cumhachdach a thann, agus gum bheil a bhuadhan cuirp is inntinn anabarrach maiseach. Tha gach neach ag aideachadh gum bheil abhan-phrionnsa Guharana boirionnach cho maiseachs a thair an t-saoghal; agus tha e cheart cho fior gum bheil mac mo pheatharna dhuine cho eireachdail agus cho foghluimte anns gach doigh ri aon phrionnsa a tha air an talamh gu leir. Agus on a tham fabhar a tha mise ag iarraidh air thuar urram a chur air bhur morachd agus air bhur nighinn, cha bu choir dnuibh teagamh a bhith agaibh nach cord an cleamhnas a than teaghlach againne deonach a dheanamh ribh ris an t-sluagh a thann an rioghachdan achuain gu leir. Thabhana-phrionnsa airidh air righ Phersia, agus tha righ Phersia acheart cho airidh oirre-se. Tha e cho airidh oirre ri aon righ a thanns an t-saoghal.”

Mur be gun robh righ Shamanndail air a lionadh le corruich mhoir, bha e air stad a chur an righ Saleh mun dfhuair e crioch a chur air na bhaige ri radh; ach on a bha e ann am mullach na feirge cha burrainn e car uine aon fhacal a radh. Mu dheireadh labhair e mar a leanas ann am biathran a bha ro thaireil agus ro thamailteach, agus a bha gle mhi-iomchuidh dha leithid a labhairt: “A choin! An dana leat labhairt riumsa air an doigh sin? An dana leat iomradh a thoirt air ainm mo nighinnnam lathair? Am bheil thusmaointean gum bheil mac do pheathar Gulnara airidh air mo nighinn-sa? Co thu fhein? Co dathair? Co do phiuthar? Co mac do pheathar? An robhna athair ach an cu, mac achoin mar a tha thu fhein? A shaighdearan, beiribh air an truilleach mhi-mhodhail, agus thugaibh an ceann dheth.”

Bham beagan shaighdearan a thachair a bhith lathair adol a thoirt umhlachd do dhaithne an righ; ach on a bha righ Salehna dhuine og luath, laidir, thug e e-fhein as mun do tharr na saighdearan an claidhnean a tharruinn. Agus an uair a rainig e geata na luchairt, thachair mile fear dheluchd-daimhs dhechairdean ris fon lan armaibh, agus iad direach air tighinn don bhaile. Bha fhios aig a mhathair nach dfhalbhna chuideachd ach ro bheagan dhaoine, agus a bharrachd air sin, bha amhrus laidir aice gur e droch coinneamh a gheibheadh e o righ Shamanndail. Air an aobhar sin chuir i am mile saighdear air falbh gus a dhion o gach cunnart, agus dhordaich i dhaibh cabhag mhath a dheanamh.

Bha na saighdearan ro thoilichte a chionn gun drainig iad ann an am cho freagarrach, agus an uaìr a chunnaic iad an righ agus am beagan dhaoine a bhana chuideachd atighinnnan cruaidh leum far an robh iad, agus luchd-torachd gu math dluth air an sail, ghlaodh iad, “Mo thighearna, ciod a tha cearr? Tha sinne deas gu dioghaltas a dheanamh air do shon: chaneil agad ach ordugh a thoirt dhuinn.”

Thug righ Saleh dhaibh gearr-chunntas air mar a thachair dha. Agus an uair a ghabh e ceannardachd an airm, dhordaich e do chuid dhiubh na geatachan a ghleidheadh, agus chaidh e fhein don luchairt leis achuid eile.”

Chuir en teicheadh air na saighdearan a fhuair ordugh a ghlacadh, agus chaidh e steach do sheomar an righ. On a bhan righ leis fhein anns an t-seomar ghlacadh anns amhionaid e.

An deigh dha an righ a ghlacadh, agusfhagail aig buidhinn bhig dhe na saighdearan, chaidh e-fhein o sheomar gu seomar an duil gum faigheadh e greim air Guhara. Ach cha bu luaithe chualise a ghaoir-chathabhanns an luchairt na leum i-fhein agus na mnathan-coimhideachd as achuan, agus chaidh iad air tir ann an eilean fasail.

Am feadhs a bha na nithean so adol air aghart ann an luchairt righ Shamanndail, thug an fheadhainn a theich an toiseach roimh bhagradh an righ fios don bhanrigh, mathair Shaleh, air mar a thachair, agus bha i air a clisgeadh gun cuirteadh a mac gu bas. Bha Beder anns an eisdeachd, agus chuir an sgeul dragh gle mhor air an inntinn aige, on a bha fhios aige gum be fhein bu mhathair-aobhair do gach olc a thachair, agus a bha air thuar tachairt. Air an aobhar sin, on a bha e coma fuireach na bfhaide ann an cuideachd a sheanamhar, leum e air falbh a grunnd achuain, an uair a bha isetoirt ordugh seachad mu dheidhinn ciod bu choir a dheanamh. O nach robh fhios aige cia mar a rachadh e air ais do Phersia, thachair dha stad air acheart eilean anns an robh Guhara.

Shuidh Beder, agus e gle throm-inntinneach, fo sgaile craoibhe moire. An uair a bha ena shuidhe mar so, agus edol fosmaointean, chuale neach eiginn abruidhinn astar air falbh, ach cha robh an guth a chuale cho dluth dhas gun tuigeadh e ciod a bhair a radh.

Dheirich e as an aitesan robh ena shuidhe, agus choisich e air a shocair fhein a dhionnsuidh an aite anns an cuale fuaim na bruidhne. Ann am measg nan geug chunnaic e an aona bhoirionnach bu bhriagha a chunnaic e riamh. Sheas e far an robh e, agus bheachdaich e oirre le mor aire. Thuirt e ris fhein, “Gun teagamh sam bith feumaidh gur i so bana-phrionnsa Guhara. Bfheudar dhi leis an eagal teicheadh a luchairt a h-athar. No, mur i Guharathan so, tha i cho airidh air mo ghaol-sa ri Guhara fhein.”

An uair a thuirt e so, chaidh e far an robh i, agus le mor-umhlachd thuirt e rithe, “A bhain-tighearna, chan urrainn domh a bhith taingeil gu leor don Fhreasdal air son an fhabhair a rinn e dhomh an uair a fhuair mi sealladh an diugh air boirionnach cho briagha riut. Cha burrainn sonas bu mho a bhith agam nan cothrom so fhaighinn air mo sheirbhis a thairgseadh dhut. Tha miguidhe ort, air an aobhar sin, a bhain-tighearna, gun gabh thu an tairgse so uam, on a bhios feum aig mnaoi uasail mar a tha thusa air cuideachadh anns an aite aonaranach so.”

Tha sin fior gu leor, mo thighearnaarsa Guhara le guth muladach. “Is e aobhar neo-ghnathach a chuir bean uasal dhe mo sheorsa-sa anns an t-suidheachadh so. Is bana-phrionnsa mi, nighean righ Shamanndail, agus is e mainm Guhara. Bha mi gu socair seimh nam sheomar fhein ann an luchairt mathar, an uair a ghrad chuala mi fuaim eagallach. Gun dail thugadh fios dhomh gun dthainig righ Saleh, gun fhios car son, le foirneart don luchairt, agus, an deigh dha mathair a chur an sas, gun do mharbh e a h-uile saighdear nach do gheill dha. Cha robh ach gann de dhuine agam fhin na theich air falbh le mo bheatha.”

An uair a chuala Beder na briathran so bha aithreachas gu leor air a chionn nach dfhan e comhladh risheanamhair gus an dfhuair e lan-fhios air an sgeul a thugadh ga h-ionnsuidh. Ach air an laimh eile bha aoibhneas gu leor air gun do chuir brathair a mhathar righ Shamanndail ann an sas; oir bha ecreidsinn gun aontaicheadh e a nighean a thoirt seachad ann an éiric a shaorsa fhein.

A bana-phrionnsa ghradhach,” arsesan, “tha e nadarra gu leor dhut a bhith fo churam mu dheidhinn dathar, ach tha e fursada gu leor saorsa thoirt araon dhut fhein agus do dathair. Aontaichidh tu leis a so an uair a dhinnseas mise dhut gur mi



[155]

[Vol . 9. No. 20. p. 3]

fhin Beder, righ Phersia, agus gur e righ Saleh brathair mo mhathar. Tha mise ag innseadh dhut le cinnt, a bhaintighearna, nacheil a run air greim a dheanamh air rioghachd dathar. Chaneilna bheachd ach thusa fhaighinn dhomhsa ri do phosadh. An uair a chuala mi iomradh air amhaise agus air an tlachd a thannad, thuit mi ann an gaol ort. Agus chaneil aithreachas sam bith orm air son mar a rinn mi. Agus tha miguidhort gum gabh thu mi. Faodaidh tu bhith cinnteach gum bi gaol mor agam ort fhads is beo mi. Tha mitoirt orm fhin a chreidsinn nach diult thun tairgsetha micur mu dchoinneamh, ach gum bi thu toileach aideachadh gum bheil righ a dhfhalbh as a rioghachd fhein air do shon, airidh air deadh ghean fhaotainn uat. Thoir dhomh, ma ta, de dhurram, a bhana-phrionnsa mhaiseach, do thoirt an lathair an righ, brathair mo mhathar; agus cha luaithe a dhaontaicheas dathair gum faigh mi thu ri dphosadh na bheir righ Saleh cead dha bhithriaghladhna rioghachd mar a bha e roimhe.”

(Ri leantuinn.)


Saobh-chrabhadh anns na h-Innsibh.

Chan fhaicear fon ghréin tìr as òirdheirce air iomadh dòigh na Innsean na h-Aird an Ear; gidheadh, chaneil tìr eile ann, ma dhfhaoidte, far am bheil nitheang an deanamh a tha nochdadh truaillidheachd naduir an duine air mhodh as soilleire, agus far am bheil nitheang an deanamh dom bu chòir toirt air na h-uile dhaoine a chunnaic na nithean so, no a chualiomradh orra, an uile dhìchioll a dheanamh a chum cur as don t-saobh-chràbhadh so leis am bheil na h-Innseanaich air an cur air seachran. Than dùthaich fein maiseach gun teagamh. Tha gach ni, mar gum bann, ag oibreachadh le chéile, a chum gach sòlas agus toilinntinn a bhuileachadh air an luchd-àiteachaidh. Tha gach ni acur an ceill glòir an Ti bheannaichte a thariaghladh os an cionn, agus atoirt gu cuimhne, ann an seadh dealbh-choslais, an ionaid sin far an do ghluais ar ceud sinnseara gun truaillidheachd ann am Parras. Ach mo thruaighe! anns acheart tìr sin air an do bhuilich an Ti as airde iomadh buaidh urramach, tha nithean cianailg an cur an gniomh air an lathan diugh.

Anns an tìr àluinn so, tha clann air an co-éigneachadh gu bhithfaicinn am pàrantan fein, agus pàrantan gu bhithfaicinn an cloinne fein, adol gu muladach gu bàs. Tha so atachairt, chan ann a chionn nacheil lòn gu leòr anns an tìr, ach a chionn gum bheil an sluagh air am buaireadh, agus air an co-éigneachadh le saobh-chreideamh gus am bàs fhaotainn le lamhaibh aoin a cheile.

Faicibh an comhlan cianail sluaigh ud adeanamh cabhaig fo ghathannaibh teithe na gréine, gu taobh an t-sruth naomh, agus adeanamh grad-sheasamh air a bhruaich. Ach faicibh ciod a tha iad agiulan air an guaillibh a chum an ionaid far am bheil iad aseasamh ri taobh na h-aimhne. So agaibh mic agus nigheanan, gu cràbhach atarruinn air an aghart an athar, no am màthar fein, a bhuaileadh le tinneas, a chum gum bi iad air an tilgeadh mar so le an sliochd fein don doimhneachd mhòir uisge a tha air am beulaobh, far am bi iad gu h-ealamh air am bàthadh air son leas an anama. Grad giulainidh an sruth sios iad far an ithear iad le eunlaith an adhair, agus le uile-bheistibh nan uisgeachan! Tha so cho mi-nàdarra, agus cho oillteils nacheil idir cumhachd aig briathraibh an gniomh eagalach a chur an ceill. Tha mòran de chleachdaidhean gràineil mar so air an cur an gniomh ann an ainm nan diathan dom bheil iad adeanamh aoraidh. Ach buidheachas do Dhia a thariaghladh os cionn nan uile, tha gach cleachdadh aingidh dhiubh so air a chur as anns gach cearn de na h-Innsibh a bhuineas do rioghachd Bhreatuinn. Ach chaneil na reachdan uamhasach a dhealbh iad air an cur air chùl fhathast; ni a than spiorad a thàrmaich iad air a smàladh as. Nam biodh gàirdean treun na cumhachd Bhreatunnaich air a tharruinn air ais an diugh, bhiodh air an latha màireach gach aon de na seana chleachdaidhean air an cur air an cois. Far nacheil ughdarras na rioghachd so ariaghladh, tha gach saobh chreideamh air a ghnàthachadh mar o shean.

Saoilidh sinn nach bu chomasach do chuilbheartan na h-ifrinn fein a dhol nas fhaide an aghaidh aitheantan agus iarrtuis soisgeil an Tighearna Iosa Criosd. Ach anns na criochaibh iomallach sin far am bheil gach dichiollga dheanamh leis na h-Eaglaisean a chum teagasgan an t-Soisgeil a chraobh-sgaoileadh, tha cleachdadh eile a cheart cho déistinneach, gràineil, ris na nithean a dhainmicheadh cheana. Tha e air a dheanamh am mach gun do chuireadh, o laithibh Chriosd air an talamh, corr is ochd ceud deug mìle leanabh nighinn gu bas le am màthraichibh fein! O, nach eagalach da rìreadh an saobh-chrabhadh sin trid am bheil moirt cho uamhasachg an deanamh le màthraichibh air an cuid cloinne fein, an dùil, le sin gum bheil iad a cosnadh deadh-ghean an diathan fein! Tha na màthraichean so adeaamh am mach, gum bheil achlann-nighean atoirt gach tubaist agus mi-shealbh a steach do na teaghlaichean aca; agus, uime sin, gur e an dleasdanas dan diathaibh, agus dhaibh fein, na leanaba sin a ghearradh as. Gu cinnteach is e so ro mheud gach cumhachd agus buaidh a fhuair Satan thairis air achreutair bhochd, thruagh sin a chaill iomhaigh Dhe, agus a thuit a dhionnsuidh staid tiugh-dhorchadais.


Toradh Iomchuidh an Aithreachais.

Eisdibh ris achosamhlachd a leanas: —Thachair dhomh a bhith air chuairt ann an àite dùthchadh a bha anabarrach briagha. Gu math moch air madainn chiùin shamhraidh, chaidh mi sgrìob air falbh on taigh anns an robh mifuireach, gus mi fhein ùrachadhs a neartachadh leis gach ni tlachdmhor a bha rim faicinns rin cluinntinn anns an àite. Bhan sealladh a bha mifaicinn, ceum air cheum mar a bha midol air aghart, anabarrach taitneach. Bha na h-achaidhean còmhdaichte le dlùth-fheur gorm, agus le ditheanan dhe gach dath is meudachd; bha gach craobh làn duillich; bha na h-eòin aceileireadh gu binn am measg nan geugs air bharraibh nam preas.

Thachair ubhall-ghort rium, agus chaidh mi steach ann. Bha na craobhan maiseach rim faicinn, agus bha coltas gum biodh toradh trom orra Bhan sealladh a bha thimchioll orm anabarrach taitneach. Choisich mi air aghart gus an dràinig mi craobh air nach robh aon chuid blàth no toradh. Ghabh mi a leithid de dhioghnadhs gun do sheas mi far an robh mi. Thuirt mi rium fhein, “A craobh bhochd, mharbh, ciod e tha thusa deanamh an so? Is iongantach nach dthugadh air falbh a so thu roimhe so.”

Ghabh mi ioghnadh gu leòr an uair a fhreagair achraobh mi mar so, le guth feargach, “Oh, seadh gu dearbh, a dhuine; seadh gu dearbh! Gun teagamh sam bith tha thusmaointean gu bheil thu fhein glic, mòran nas glice na bha na daoine on dthàinig tu. Tha thusmaointean gum bheil mòran eòlais agad; ach tha thu mearachdach. Chaneil mise aon chuid bochd, no marbh.”

Chaneil duilleach no toradh ort, agus cha chreid mi gum bheil sùgh annad,” arsa mise.

Fhreagair achraobh, agus thuirt i, “Is iongantach leam gum bheil thu cho aineolachs a tha thu. Chaneil gnothach aig na nithean a tha thug ainmeachadh ri mo bheatha-sa idir. Tha chùis coltach gum bheil thu an an-fhios gun dthàinig Slanuighear mòr chraobhan an nuas an so, agus gun do chreid mise an deadh sgeul a thug e dhuinn, agus gum bheil mi air mo shaoradh tre ghràs. Ghabh mi an t-slàinte mar shaor-thiodhlac, agus, ged nacheil aon chuid duilleach no toradh ri fhaicinn orm, gidheadh tha mi beò, slàn, fallain.”

Sheall mi le mòr-thruas air achraoibh, agus thuirt mi, “Tha thu gu mòr air do mhealladh; chaneil thu air do thearnadh idir. Tha thu marbh, agus gun fheum sam bith, a dhaindeoin na their thu mu ghràs, agus mu shaorsa. An uair a thig mi, agus a chi mi duilleach is toradh ort, an sin their mi, ‘Thachraohh bhochd ud air a tearnadh mu dheireanh; ghabh i ris an t-soisgeul, agus shaoradh i tré ghràs. ’”

An uair a thionndaidh mi air falbh, chuala mi i ag radh, Chaneil thusa fallainsa chreideamh; chaneil thu tuigsinn an t-soisgeil.”

Tham beachd a bhaig achraoibh so aig mòran dhaoinenar measg. —On Bheurla.


An Fheannag aTeagasg aGhorrachdain.

Thòisich an fheannag air teagasg aghorrachdains thuirt i ris, “Ma chi thu fear a tighinn agus stichd chaolna asgaill agus ceann leathann oirre, teich; ’se gunna bhios ann; bidh e dol ga dmharbhadh. Ma chi thu fear a tighinn agus e togail dòirneig, ’s annga togail a dhol ga dmharbhadh-sa bhitheas e; teich. Ma chi thu fear a tighinn lom, direach, ’s gun ni sam bithna asgaill, ’s gun e cromadh, cha ruig thu leas carachadh; cha bhoin am fear sin duit. “Gu de,” ars an gorrachdan, “ma bhios achlachna phòca?” “O,” arsan fheannag, cha ruig mise leas a bhi ga dionnsachadh nas fhaide.”


Ann an cearn àraidh chaidh cnapach de ghille a chur dhan sgoil, ’si air ùr-fhosgladh toiseach a gheamhraidh. Bha e fad an t-samhraidh ag iasgach, agus bha e làn ionnsaichte anns an obair sin, ach cha robh eòlas sam bith aig air na litrichean. Sheall a bhan-sgoilear an litirAdha, agus dhfhaoighneachd i dheth gu den litir a bhan siud. Cha robh ega h-aithneachadh idir. “Sin agadA, ’” ars a bhan-sgoilear. “Cia mar a tha fhios agad?” ars an gille. “Dhinnis mo cheud mhaighstir-sgoile dhomh,” ars a bhan-sgoilear. “Agus cia mar a bha fhios aige-san?” ars an gille. “O,” ars a bhan-sgoilear, “tha mi cinnteach gun do dhinnis maighstir-sgoil eile dha.” “Seadh, gu dearbh,” ars an gille, “ ’s cia mar a tha fhios agadsa nach robh iad le cheile ag innse nam breug?”


Ann am blàr beag a chuireadh ann an Africa mu Dheas eadar na Breatunnaichs na Boerich, chaidh an t-each aig fear de na Boerich a thilgeadh, ’s thuit e marbh fodha. Chunnaic e each a bhuineadh don arm Bhreatunnach a criomadh an fheòir faisg air; rug e air, chaidh e air a mhuin, agus bha ega mharcachd air falbh nuair a chunnaic fear de na gillean-dùdaich e. Sheinn an gille sin air an dùdaich an t-òrdugh tillidh; thuig an t-each an t-òrdugh, agus air ball chuir e mun cuairt agus a dh aindeoin na burrainn am fear a bha air a mhuin a dheanamh gus a chumail air ais, chaidh ena dheann-ruith do champa nam Breatunnach, far an drinneadh priosanach dhen Bhoereach.



[156]

[Vol . 9. No. 20. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear ga luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan fein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sain bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, NOBHEMBER 10, 1900.

Ann an taghadh na pàrlamaid ann an Newfoundland, fhuair an riaghladh buaidh mhor air Mr. Reid. Chaidh a dha dheug air fhichead a thaghadh air taobh an riaghlaidh agus ceathrar air an taobh eile. Tha Mr. Bond, am priomhair, agus a phairtidh mar sin nas làidire na bha iad roimhe. Tha e coltach nach eil Mr. Reid gle mheasail air an eilean, oir cha robh ach soirbheachadh gle bheag air an t saothair chruaidh a rinn e air son an riaghladh a chur á dreuchd.

Ann an Victoria, an Australia, ’se Gàidheal dan ainm Ailean Mac-Gilleain a thana Phriomhair, agus is mac bràthar e don Urr. Ailean Mac-Gilleain, nach maireann, a bha fad àireamh mhor de bhliadhnaicheanna shagart paraiste ann an Siudaig. Bha eòlas farsuing agus meas mòr airMaighstir Aileanann an siorrachd Inbhirnis, agus bidh moran toilichte chluinntinn gu bheil mac a bhràthar air tighinn gu inbhe cho àrd. Tha mac don Phriomhair Mac-Gilleain anns an reiseamaid a chuir Australia do chogadh an Transbhaal.

CLUINNEAR o àm gu àm fàidheadaireachd air a deanamh a thaobh na Gàilig, nach fhadan ùine gus an sguirear a bhiga labhairts am bi ina sineadh fuar gun deò am measg nancànainean marbha.” Than fhàidheadaireachd so gle shean; chaidh a deanamh an toiseachnuair a ghabh Calum Ceann-mor, righ na h-Alba, da ionnsuidh féin ban-Sasunnaich mar mhnaois mar bhan-righ, agus a thòisich ise air a Bheurla thoirt a stigh mar chainnt na cùirte rioghail. Is ann aig an àm sin a thòisich na daoine glice air a ràdh gu robh a Ghàilig a dol bàs, agus nach bfhada chluinnteadh a fuaim air an t-saoghal idir. Tha dlùth air naodh ceud bliadhna air a dhol seachad on uair sin, ach lean an fhàidheadaireachd so an cois na Gàilig fad nam bliadhnaichean sin, agus cluinnear daoinega h-aithris air an lathan diugh mar nach rachadh a h-aithris riamh roimhe. Tha i air a h-aithris cho trics gu bheil moran eadhon de na Gàidheil gacreidsinn, agus ag radh, “Ciod am feum dhuinn a bhi feuchainn ri bhicumail suas cainnt a thadol bàs co-dhiu, ’sa bhios marbh an ceann beagan bhliadhnaichean?” Chaneil teagamh nach gabh iadsan a thag radh mar sin iongantas gu leòrnuair a leughas iad barail an Spectator, aon de na paipearan as fiosraiches as fhearr breathnachadh a tha ann an Sasunn. Tha neach eigin asgriobhadh anns aphaipeir sin mar a leanas:— “Le ceartas agus aire mhath a thoirt dhi, tha e reusanta gu leòr a bhi creidsinn gu mair aGhàilignar measg mar chànain beò. Tha i aig an àm so air a h-ionnsachadhss air a foghlum le uaislean na h-Alba, agus le muinntir eile aig nach robh an toiseach ach Beurla; tha i air a teagasg anns na sgoiltean mar nach robh i riamh roimhe, agus tha duine aig am bheil eòlas oirre an diugh air a mheas foghluimte an àite bhi air a mheas aineolach mar a dheante bliadhnaichean roimhe so.” Tha an sgriobhadair ceudna ag radhgu robh a Ghàilig na cànain ionnsaichtenuair nach robh a Bheurla air a labhairt ach le fineachan fiadhaich aig nach robh eòlas no foghlum gam bith; agus gum bu chòir cothrom na bfhearr na tha i faotainn a thoirt do chànain aosda nan Gàidheal.”

Tha na cumhachdan aonaichte acordadh gu math nam measg féin a thaobh ciod is còir a dheanamh ann an Sina. ’S i Ruisia is mo a tha cur de mhaille orra. A reir na their iad tha na Ruiseanaich cho deònach air ceartas a dheanamh agus air sith aiseag don dùthaichsa tha muinntir nam rioghachdan éile, ach tha iad aig a cheart am ag obair os iseal air son an greim fhein air an dùthaich a neartachadhsa dhaingneachadh. Tha Manchuria aca cheana gun teagamh sam bith, agus bu mhath leotha barrachd air sin fhaotainn. Tha Breatunnsa Ghearmailt an deigh tighinn gu còrdadh gun dean iad nas urrainn iad a chum Sina a chumail slàn mar a tha i, agus a puirt a bhi fosgailte do mhalairt an t-saoghail uile; agus ni sin grabadh beag no mor a chur air na Ruiseanaich. A thaobh nan Sineach féin, tha an teaghlach rioghail fhathast air falbh á Pekin, far nach ruig na h-Eòrpaich orra, agus mar sin tha e doirbh gnothach a dheanamh riutha. Dhaontaich Li Hung Chang, os leth nan Sineach, ris gach ni a dhiarr na teachdairean Eòrpach, ach a mhàin ri di-cheannadh nan daoine bha coireach ris a cheannairc, ri cur na ban-impire á dreuchd, agus ri Prionnsa Tuan a chur gu bàs. Tha Li Hung Chang afaicinn cho mi-chordtesa bha na h-Eòrpaich roimhe sonam measg féin, agus tha egabhail a chothroim sin orra.


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[157]

[Vol . 9. No. 20. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Mharbhadh fear dom bainm Fred Linch ann an Louisburg Dior-daoin sa chaidh. Bha eg obair air a charbad-iaruinn air laimhrig cuideachd a ghuailnuair a thuit e fo na cuidhlichean agus bha e air a mharbhadh air ball. Bhuineadh e do Louisburg, agus bha e fichead bliadhnadhaois.

Bidh mèinnean guail Cheap Breatunn air a gheamhradh so air an obrachadh nas cruaidhe na bha iad geamhradh riamh roimhe. Chan urrainn dan chuideachd uiread guail a chur am machsa thatar ag iarraidh. Air an t-samhradh sa tighinn tha dùil aca gun cuir iad feum air coig ceud air fhichead duine bharrachd air na thaca aig an àm so.

Tha Cruger a nise dlùthachadh air an Roinn-Eorpa. Bha an soitheach air am bheil e aig Suez Di-ciaduin, agus as a sin sheol i gu Marseillessan Fhraing, àite thatar an dùil a ruigeas i Di-luain sa tighinn. Tha fàilt agus furan ri bhi air air a chur air leis na Frangaich, sluagh a ghabhas gach cothrom a gheibh iad air ni sam bith a dheanamh a shaoileas iad a chuireas fearg no dorran air Breatunn. Ach tha Breatunn foighidneach, làn fhiosrach air nàdar nam Frangach, agus leigidh i leotha gach othail a thogras iad a dheanamh ri Cruger.

Chaidh fear Alasdair Mac-Gillebhràth, a mhuinntirBig Marsh,a mharbhadh ann an Antigonish Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, le carbad a ruith thairis air. Bha e air tighnn a mach as an tallas an robh eg éisdeachd òraidean lathan ainmeachaidh, nuair a thainig an carbad air gun fhios da. Bha cnaimh a dhroma air a bhristeadh agus dhfhuiluig e cràdh mor gusn do chaochail e maduinn an ath latha. Bha e 47 bliadhna dhaois, agus dhfhàg e bean us triùir chloinne comhla ri phàrantan aosda aig nach robh fear-taice ach e-fhéin.

Tha mèinnean guail Phennsylvania a nise air an obrachadh mar a bha iad roimhe. Fhuair an luchd-obrach na bha iad ag iarraidh, ach tha luchd-seilbh nam meinnean adol a thoirt na tha iad acall air na daoine á pòcaidean an luchd-ceannaich. ’Nuair a bha na daoine aseasamh a machs nach robh na mèinnean air an obrachadh, dheirich pris a ghuail. Achnuair a chaidh na daoine air ais a dhobair, an àite pris a ghuail isleachadh, ’s ann a chaidh a thogail leth dolair eile an tunna. Tha mar sin an gual cruaidh nas àirde ann am pris na bha e ach gann riamh roimhe.

Chaill an Dotair Landerkin, air an dthug ar caraid a bhios a sgriobhadh ugainn á Priceville, Ontario, lathan taghaidh, agus feumaidh aphàrlamaid deanamh as aonais re nan coig bliadhna sa tighinn. Bidh e air ionndrain gu mor, e-fhéin us Neacal F. Davin á Regina, ’san Iar-Thuath, a tha air a thaghadhgu fuireach aig an tighcuideachd. Biad so an dithis bu spòrsailesa bàbhachdaichesan tigh uile, agus bu tric a thug iad air luchd nan argumaidean seasamh a thaobhsa thug iad dhaibhsan a bhan teas na comhstri cothrom air am fearg a thraoghadh. Is e liberal a thann an Landerkin, agus conservative ann amBard Regina.”

Tha sinn aig an àm so acur chùnntas gan ionnsuidh-san a tha air deireadh ann am pàigheadh a phaipear. Cuiridh iad sin comain oirnn leis an t-suim a thanan aghaidh a chur ugainn gun dàil, oir tha sinn fo chosguis mhor agus gle fheumach air an airgead.

Bha tairneanaich us dealanaich ann oidhche Di-haoine sa chaidh, ni nach fhaicear anns an dùthaich so ach gle ainneamh cho anamochsa bhliadhna. Bha na dealanaich anabarrach tiugh agus boisgeil. Bha an sabhal aig Eoseph Rudderham, aig North West Arm, air a bhualadhs air a losgadh gu làr; bha am bàrrs na h-innealan tuathanachais a bha ann air an call gu h-iomlan.

Chuir dithis dhaoine anns a bhaile so, Padruig Mac Gill-fhinnein agus Richard Smith geall mu thaghadh luchd na parlamaiddeich dolair fhichead agus cuidhleadh ann am bara-roth o oifis a Phosta dhionnsuidh an Acadia House. Chaill Padruig, agus Di-haoine sa chaidh, chuidhl e am fear eile air carbad corrach an aona roth am fianuis an t-sluaigh gu leir. Bha dearrsach mhor uisge sileadh, agus ma bha iad rin gabhail air an coltas nuair a rainig iad an ceann-uidhe, cha tig an latha chuireas fear seach fear dhiubh an geall ceudna rithist.

Rinneadh long-bhristeadh agus bàthadh muladach anns a Bhay of Funday faisg air Yarmouth Di-satharna sa chaidh. Bha an soitheach-smùideMonticelloair a cur dhan ghrunnd, agus bha sia deug air fhichead air am bàthadh, naodh air fhichead de sgioban t-soithich, agus seachdnar a bha gabhail an turuis oirre. Bha stoirm mhor ann aig an àm, dhfhàs an soitheach ao-dionach, agus dhfhairtlich orra a toirt gu port, agus chaidh i fodha mu fhad urchair gunna on chladach. Chuireadh am mach bàtaichean, ach cha drainig tir ach aon fhear, agusse ceathrar dhe na bhann a fhuair gu tir beò. Be so call cho muladachsa rinneadh mu chladaichean Nova Scotia o chionn iomadh bliadhna.

Tha Sir Tearlach Tupper acur roimhe nach teid e don phàrlamaid tuilleadh. Thairg àireamh deluchd-leanmhuinn a fhuair a stigh air an turus so an àiteachan fhàgail air a shon, ach cha ghabhadh e an tairgse sin, oir tha e air son na tha roimhe dhe bheatha a chur seachad a leigeil dheth sgiths nam bliadhnaichean a bha lamh aige an cùisean-riaghlaidh na dùthcha. Tha ceithir fichead bliadhnasa coig on chaidh a chur an toiseach do phàrlamaid Nobha Scotia. Re na h ùine sin cha do chaill e aig aon taghadh gus an turus so, agus bha e a chuid mhor dhen ùine sin ann an dreuchdan riaghlaidh. Tha ena cheist air a phairtidh a nise co a chuireas iadna àite mar cheannard. Tha cuid ag radh gum bi Mr. Borden á Halifacs air a churna àite, achses dòcha gun deanar roghainn de Dheorsa E. Foster no de Uilleam F. Mac-Gilleain á Toronto. Tha Foster us Mac-Gilleainnanseann eòlaichanns an tigh, ’s chan eil ann am Borden ach duinùr, agus ged tha Foster gun àite-suidhe, theid aige air faotainn a stigh an Toronto, far an dean aon dechàirdean àite dha.


Stor nan Sutharlanach
an stor as fhearr an Sidni air son
Caiseart agus Aodaich.

Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7 .20. Nach anabarrach an cunnradh sinDEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7 .20. Chan fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein.

DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN
sa tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw, ”LEATHAR UILE, air $1 .15. Bha acheart sheorsa creic roimhe so air $1 .40.

H . H. Sutherland & Co.
An Stor Thormaid Dhomhnullaich.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[158]

[Vol . 9. No. 20. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XX.

TIGHINN DHIUC UILLEAM DO DH-ALBA.

Air an latha anns an dràinig sgeu la mar chaidh do Sheanalair Hawley ann am blàr Sliabh na h-Eaglaise Lunnainn, bha cùirt Righ Sheòras crunn anns a mhùr Rioghail, ri fleaghachas agus ri sùgradh, agus air don litir a thug naigheachd a bhlàir a Albabhi air a leughadh ann an éisdeachd nam maithean, chaochail a mheoghail ghreadhnach rìoghail gu bròn, agus dhatharaich gach gnùis an tala na feile cruth, ach aogais Shir Iain Chope agus Iarla Stair. Mheas a chùirt a nisiomchaidh gum bfheumail an Seanalair cogaidh a bainmeile agus a bfhòghluimte ann am feachd an Rìgh a chuir an aghaidh nan naimhdean, agus be sin Diùc Uilleam, mac an Righ féin a lean na Gàeil an uair a bha iad ann an Sasunn cho fad air aghaidh ri Carlisle. Cha do chaill an Diùc a bheag do dhùingun òrdugh athar a fhreagairt agus ràinig e Dunéideann, an ceann cheithir latha an deighe dha Lunnainn fhàgail.

Bha Diùc Uilleam man aon aois ri Tearlach féin, ma chùig bliadhna fichead, ach cha robh e na mhacan-maise cho dealbhach ri Tearlach, bha e anabarrach bronnach agus dùmhail, a ghnàs agus a chòmhradh garbh agus mi-thaitneach, agus a bhrì nach do dhAlbannach sam bith a chliù a chur an céill gun chlaonbhreth, faodaidh e bhi cho iomchaidh an alla fhuair e bho fhear dùthcha fein Morair Mathon a chuir sios an so:—

Bha e na dhuine ris an robh iomadh subhailc fuaighte, onarach na rùn, a cumail ri ghealladh, dàimheil ri chàirdean, na mhac dleiseil, mar shaighdear deigheil air a bhi air feachd, agus air dòighean an àirm fhòghlum, agus mar fhear stiùraidh airm dhfhaoite mholadhsan linn anns an robh Sasuinn fad air dheireadh ann an seòltachd cogaidh. Choisneadh a leanmhuinn gun sgìos agus a misneach cliù dha aig àm sam bith mar shaighdear, ach bha bhreathanas fo smachd aig a nadur brais a bha mar bu trice droch-mhuinte agus do-cheannsaichte. An aghaidh a nàimhdean ann an rioghachdan céin, cha do gnàthaich e cainnt gharbh sam bith; agus do chuid saighdearan nochdadh e air uairean iochd. Cho luath sa ràinig e Dunéidean ghnàthaich e na doighean ceusaidh cruaidh-chridheach a bhaig Hawley agus bu tric a ghearan achuid saighdearan féin air e bhi na dhaormunn gun iochd: agus air sonreubaltacha thachradh ris ghnàthaicheadh se e le cho beag troc air sa ghnàthaicheadh e madadh-allaidh. Riamh cha do thachair nàmhaid ra eascaraid cho an-iochdar ris an duine so. Bho na gniomhan fuileachdach a rinneadh an Albainn le òrdugh féin, agus acheadaich e do dhaoineil a dheanamh, thug a mhuinntir sin a bha beò ri linn, an ainisge sgainnealach so mar ainm airAm feoladair! agus am fear-eachdraidh nach urrainn a ghlanadh bhon sgainneal feumadh e an t-ainm sin a dhainneachadh agus aithris!”

Air dha thighinn gu lùchairt rìoghail Dhunéideinn, chaidh e gun dàil gu leabaidhanns acheart leabaidh-stata anns na chaidil Tearlach chetheir mìosan roimhe. An deigh dha fois dha uaire ghabhail, dheirich e, agus thòisich e air cur a ghnothaichean air dòigh, gu dhol an deighe nan Gàel. Roiochd uairean, agus mun do ghabh ebhiadh-maidne, bha e gu dicheallach a cumadh innleachdan maille ri Seanaileir Hawley, Husk, agus ard ofigeich eile, a chum feachd aPhrionnsa sgrios. Mun àm sin bha cluig-chiùil aBhaile acluich mar onair agus mar shòlas ri theachd. Bhan t-arm-dearg air fàs mòrairn a bu lionmhoire agus na bu mhisneachail na bha iad an uair a theich iad a Sliabh na h-Eaglais, —bha iad deas air son ath theine thoirt air na Gàeil, agus bha iad air triall nan dail beagan laithean mun tàinig an Diùc.

Bha nisa rùn air an Diùc triall air an ath mhadainn leis an arm-dhearg a chum latha blàir fheuchainn ris na Gàeil, agus é fein air ceann na feachd a chum am beothachadh, agus am misneach a chumail suas. Dhfhàg e féins an t-arm Dunéideann air an tri-amh latha diag thar fhichead de mhìos dheireannach aGheamhraidh.

Chuir Diùc Uilleam an òidhche sin seachad ann an Gleann-Iuch, an làn dòchas gun robh e gu chothrom féin fhaotainn air feachd aPhrionnsan ath latha, —Moch samhadainn dhfhàg an àrmailt Gleann-Iuch agus an Diùc féin amàrsail air tùs na réiseamaide ris an cainntAn fheachd Rìoghail Albannach, abrosnachadh nan daoine le dion bhriathran, iad an ceum a luathachadh, a chum tarruinn suas ris na Gàeil, a chaidh innse dhabha nise teicheadh le deifir don taobh-tuath. Dhfhan en òidhche sin anns an Eaglais-Bhric far an dfhuair e beagan cruinn de dhfheachd aPhrionns’, achuir e air ball mar phriosanaich a dhionnsaidh Chaisteil Dhunéideinn.

Bha na Gàeil a nise cuir rompa triall gu tuath agus machair nan Gall fhàgail; ged a bha iad beagan laidhean roimhe so air son ath choinneamh a dheanamh ris an arm-dhearg air Sliabh na h-Eaglais: air an aobhar sin dhàireamhadh an fheachd air faich Allt-a bhonaich. Air an ochdamh latha fichead den mhìos nuair a chualas gu robh Uilleam atighinn do dh-Alba chum comanndan airm dheirg a ghabhail, bha na Gàeilsan aon inntinn, agus


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[159]

[Vol . 9. No. 20. p. 7]

bhan dòigh anns an robh iad gu seasamh ann an òrdugh catha air a tharruinn suas le Morair Seòras Moireach. Ach a nise cha robh dheth an arm Ghàelach cruinn ach ma chùig mìle fear, bha cuid acair dol dachaigh; agus cuid eile air farsan feadh na dùthcha mun cuairt don Eaglais Bhric. Bha cinn-feadhna nam Fineachan a nise cinnteach nach bu chomasach dhaibh barrachd air cùig mìle fear a thoirt a chum na h-àraich an aghaidh feachd lionmhor an Diùc a bha mun àm sin ma dheich mìle fear. Air an aobhar sin chaidh Morair Seòras Moireach, Loch-iall, Fear-na-Ceapaich, Tighearna Chlann-Raonuill, Fear-Aird-Seile, Dòmhnullach Locha-Garraidh, Fear-Sgotais, Oighre Mhorair Sim, agus sgriobh iad litir a cuir na cùise so an céill do na Phrionns’, agus ag aontachadh gu h-aon-sgeulach, gum be teicheadh gu tuath bu ghlice dhaibh na iad féin a chuir ri uchd gabhaidh, anns nach bion dhaibh sùil a bhi acri na bfhearr na tur léir-sgrios. Air an làimh eile bhiodh an t-arm agheamhraidh acruinneachadh neartanns an taobh tuath, agus cha bu spàirn orriad féin a dhion bho fheachd lionmhor an Diùc nan tàradh iad aon uair air feadh nan Garbh-Chrioch. Osbarr, bha iad dearbhta roithùs an Earraich gum biodh iad comasach air deich mìle fear-feachd a thoirt thun na h-àraich, gun luaidh idir air achobhair ris an robh dùil aca bho righ na Fraing.

Chaidh a shonrachadh air an oidhche sin, gun trialladh na Gàeil don taobh-tuath ma naoiuairean an ath madainn. Ghlac maoim iomadh dheth na daoine, agus cha dfhan iad ris an uair shuidhichte a shonraich am Prionnsgu triall, ach dheirich iad mu sgarachdain nan trà, air madainn achiad latha de chiad mhìos an Earraich, agus dhfhalbh iad nan iomadh cuideachd sgaipte gun fhuireach ri òrdugh oifigeach. Leis an chabhaig so anns an robh iad a teicheadh, ghabh ma thuaiream leth cheud baraille dheth an cuid fùdair, a bhacan tasgaidh ann an Eaglais Naoimh Niniain teine, agus mharbh e deichnear de mhuinntir an àite, agus cuid dheth na Gàeil féin, a cuir na h-Eaglais na smuid san iarmailt; agus bu chaol a thearainn am Prionnsa féin oir chaidh cuid de chlachan agus de sgliat na h-Eaglais seachad ra thaobh.

(Ri leantuinn.)


S fhiach MAC-TALLA dolars a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhen phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:—

Neach sam bith nach eil am fiachan don phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1 .50 air a chur thugainn aig a toiseach.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.


Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’001yr.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[160]

[Vol . 9. No. 20. p. 8]

RANNAN O LEABHAR MHIC-MHUIRICH.

An dfhàg thu slighe ghorm nan speur
A mhic gun bheud as òrbhuidh ciabh?
Tha dorsan na h-oidhche dhuit réidh
Agus pailliun do chlossan iar.

Thig na stuadhan mun cuairt gu mall
A choimhead fir as àillidh gruaidh,
A togail fo eagal an ceann
Ri tfhaicinn cho àillidh ad shuain.

Theich iadsan gun tuar o do thaobh,
Gabh thusa cadal ann ad chòs,
A ghrian, is tillsa maduinn mhoich
Don speur o dchlos le aoibhneas mòr.

Biodh mile solus togte suas,
Ri binn fhuaim sheimh nan clàrsach grinn,
S biodh sòlas an talla nan stuadh,
Thill Fionn nam buadh le cliu guthir.

Tha còmhstri Charuinn fada uainn,
Mar fhuaim nach cluinnear leinn nis .
Togaibh, a bhàird, a chiuil, an duan,
Thill gaisgeach treun nam buadh leshlògh.

Mar sin bha facail Ullainn chaoin,
Nuair thill an sonn a raon nan triath,
Le ùrla laiste suas le àgh,
S le leadan trom a bàillidh ciabh.

Bha clogad gorm mu cheann an t-suinn,
Mar neul nach trom air gnùis na gréin’,
Nuair bhios i falbh na h-éideadh ceo,
S a feuchainn leith a soills’ ’san speur.

Bhaghaisgich chalman déidh an triath,
S bha fleadh nan sligean fialan àird;
Thionndaidh an laoch bu chiuinsan t-sìth,
Is dhiarr e fonn o bheul nam bard.


Rugadh Seumas Mac-Mhuirich am Baideanach, ’sa bhliadhna 1738. Fhuair e àrd ionnsachadh an Oil-thaigh Abereadhainn. Anns a bhliadhna 1760 chuir e am mach dàin ann am Beurla, a bha a reir a naidheachd fhein air an eadar-theangachadh on Ghaidhlig. Chaochail esa bhliadhna 1796. Bha e làn de bhàrdachd agus nafhear-sgriobhaidh snasmhor.


ORAN DO MHR. DOMHNALL MAC-NEACAIL.

LE FEAR GHLINN-NODHA.

S e Maighstir Dòmhnall Mac-Neacail
An gaisgeach còmhraigtha reachdmhor;
Is gasdan òrdagh an eachdraidh
Thug feachdadh don daormunn.

An uair bha Albainn fo lighe
Aig fear na ceilge, Mac-Iain,
Chaidh tu gu calm ann ad uidhim
S thug thu rithis saor i.

Bha na Gaidheil aig Mac-Iain
Mar a bha Sàl aig Goliah,
S tusa mar Dhaibhidhn deagh chridhe
O righe nan caorach.

Nuair bha sinn uile fo mhasladh
Gun àirdsa chruinnedhol as duinn,
S tu thàrrsa chumasg gu tapaidh,
Agus thachd thun craosair.

S ann bha sinn uile mar bhalbhain,
No duinair am biodh glas-charbaid,
Gusn do chuir thu umad tarmachd,
Guineach, gailbheach, faoghluimt’.

Nuair a bheachdaich thu mun cuairt duit,
S nach deachaidh do thaic ri dghualainn,
Chuir thu spraic ort ris a chruadal,
S bhuail thu steach don chaonnaig.

S mor an t-eibhneasbhorm rifhaicinn,
Gach leumthug thu air an t-Sasnach,
Is tug eirigh air le dchasan
Ann au clais an aolaich.

S mall leam gach filidhs luchd-fòghluim,
Feadh Galltachd, innis, is mòr-thir,
Nach drinn rann no grinneas ròsg dhuit
Chur an clò gusgaoileadh.

Cha mhò a fhuair iad de chridhe
Dolsan tuasaid ri Mac-Iain,
Ged is iad a fhuair an ruigheachd
Lo fitheach nan aoirean.

Ged tha ar colaisdean oirdheirc
Fo dholaidh sgoileam is oilbheum,
Cha do chronaich iad an lorg sud
Coirbeach a bheoil sgaoilte.

S tusan t-aon duinann an Albainn
Dhen drinneadh ùmpair na h-arguin;
Chaidh tùngadh mar rogha seanachaidh,
S dhearbh thu gu neo-chlaon e.

S iomadh pears-eaglais ro sgairteil
Bionnans an dreag leo gum faicteadh
Do leabhar eigseach nan tasguidh,
Len gealtachd roimhn bhlaomair.

Nam biodh Mac-Cailein naGhaidheal
Mar na h-athraichean on dfhàs e,
Bheireadh e baile, no dha dhiu,
Ri do làithean saor dhuit.

Nam biodh Righ Deorsa nashuidhe,
Mar bu deonach leam a ghuidhe,
Bheireadh a Mhòrachd dhuit luigheachd
Bu chubhaidh dhuit fhaotainn.

Righ, nach misefhuair an comas
Duais thoirt duit air son na comain,
An ruaig a chur air an ollamh,
S bu shomalta maoin dhuit.

Phòs Domhnall Mac-an-t- Saoir, Fear Ghlinn-Nodha agus ceann-cinnidh Chloinnan-t- Saoir, Catriona, nighean Fear Dhailan-Easa, agus bha aon mhac aige, Seumas. Rugadh Seumas mun bhliadhna 1727. Bha e na sgoileir math agus nadhuine fiosrach. Phòs e Anna, nighean do Dhonnachadh Caimbal, Fear Bharra-Challtuinn, agus piuthar do Chailein Ghlinn-Iubhair. Bha sia mic agus triuir nighean aige. Chaochail esa bhliadhna 1799.


DUANAG

LE IAIN MAC MHURCHAIDH AN CINN-TAILE.

Thogainn fonn, fonn, fonn;
Dhéireadh fonn orm rifhaicinn.

Thainig litir bho Iain Peutan,
Chuir éibhneas air fear nach fhac i;

Beagan de mhuinntir mo dhùthcha
Triall an tùbh am faigh iad pailteas.

Far am faigh sinn de gach seorsa
N t-sealg as bòidhchetha rifhaicinn.

Gheibh sinn fiadh, is boc, is maoisleach,
S comas na dhfhaodarthoirt asda.

Gheibh sinn coileach-dubh is liath-chearc,
Lachan, sioltaidhean, is glas-gheoidh.

Gheibh sinn bradan agus bàn-iasg,
S glas-iasg mas es fhearr a thaitneas.

S fhearr dhuinn sin na bhith fo uachdrain,
S nach fuilingeadh iad tuath bhith aca;

Ghabhadh ann an àit an t-seoid
An t-òr ge bann a spòig a phartain.

Ghabhadh ann an àit an diùlnaich
Siochair sgiùganachs e beairteach.

Falbhamaid le beannachd Dhé leinn,
Triallamaid gu gleusda, sgairteil.

Falbhamaid uile gu léir,
S gur beag mo spéis do dhfhear gun tapadh.

Be Alasdair Mac-Rath ceann-cinnidh Chloinn Mhic-Rathsa bhliadhna 1662. Bha e pòsda da uair agus bha naoi mic aigeDonnachadh nam Pios, Iain, Alasdair, Domhnall, Gillecriosd, Fearchair, Murchadh, Ailein, is Uisdein. Bha mac aig Fearchair dom bainm Murchadh, agus bha mac aig Murchadh dom bainm Iain. ’S e Iain so, Iain Mac Mhurchaidh, a rinn an t-òran. Bha e nadhuine gasda agus nabhard gle mhath. Thainig e do dh-America mun bhliadhna 1774.


CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH

Tha sinn acreic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.

Do Ghillean do Dhaoines do Chloinn.

Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tighnn a stigh.

H . H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dhan stor againne chi thu gur ann againn a than stoc Chlocaichean as motha thasa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.

Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.

Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 20
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 20. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page