[161]

[Vol . 9. No. 21. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 23, 1900. No. 21.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

LE IAIN.

CAIB. III.

AFARCHLUAIS AIR NA MNATHAN.

AN uair a fhuair bean Sheumais agus bean Dhomhuill Bhàin á sealladh taigh Lachlann, agus a ràinig iad an rathad mòr, shuidh iad air bruaich na h-aimhne bige.

Am bheil srad agadsan adhairc shnaoisein, a Mhor? Ma tha, thoir domhsa làn na h-ite dheth. Tha mi gun aon srad o chionn trì latha. Bha min duil, an uair a dhfhalbh mi on taigh gun iarrainn cromadhthombaca an iasad air bean Lachlainn; ach leis a h-uile cabhaig a thainig oirnn cha tug mi uiread is cuimhne air guth a radh rithe. Tha fhios agam gun tugadh i dhomh e, nan diarr mi e. Chaneil i mosach idir. Cha bann aon uair no uair a thug i dhomhsa tombaca roimhe. Cha ghabh i srad dhen t-snaoisein; ach tha i glé throm air aphìob.”

Ma ta bu trom a màthair fhein air an s air an t-snaoisein. Is math a tha cuimhe agamsa air a màthair. Be sin bean gun ghruaim gun choimhicheas. Cha robh te eiles an dùthaich a bheireadh bàrr oirre ann an aoidhs an caoimhneas ri luchd falbh is tighinn. Is i nach ruigeadh a leas eagal a bhith oirre gum faiceadh fear a taighe i agabhail no snaoisein. Is e fìor dhuine còir a bhann gu dearbh. Cha chuireadh e pìobna bheul; agus mu dheidhinn na , bu cheart cho math leis cupa de dhuisgebhuntàta ri cupa dhi. Ach air a shon sin, cha robh e an aghaidh dhise a ghabhail uair sam bith a thogradh i. Is iomadh uair a chuir an dòigh a bhaice air deanamh na ioghnadh orm. Bhiodh poit bheag, bhìodach aice ri taobh an teine gun fhalbh as, agus bòrdna ceanncha be poit a bhann idir, ach poit bheag thrì chasan, an aon seòrsa ris na poitean anns am bi sinn abruich abhuntàta, ach gun robh i beag, beag, —agus an dràstas arithist dhòladh i tonnag mhath dhen thiugh, dhuibh a dheanadh i anns aphoit bhig. Cha chuireadh i siùcar no uachdar innte. Bhiodh an adhairc-shnaoiseinna pòcaid a lathas a dhoidhche; agus gu dearbh cha be am beagan snaoisein a dhfhoghnadh dhi.”

Am biodh ideanamh car ach ag òl s agabhail shnaoisein?”

Nach tuthanad cheò! Cha robh eiles an dùthaich cho deanadach rithe. Cha rachadh fois no tàmh oirre ach acalanas. Anns agheamhradh bhiodh i air a cois mun soilleiricheadh an latha agus bhiodh i gundhol a laidhe gus am biodh e gu math seachad air amheadhain oidhche. Bhiodh srann aice air sniomh, faodaidh mi ràdh, moch is anamoch is meadhain latha. Bha aice sid de phlangaidean rud a chuireadh ioghnadh ortbha ceithir chisteachan mòra luma làn de phlangaidean cho ciatachs a chunnaic tu riamh, anns an taigh an uair a dheug i.”

Ma ta, ’Mhòr, is beag tlachd a thair gun siùcar gun uachdar. Bheireadh i an cridhe asam fheinnan gabhainn mar sin i. Chaneil ioghnadh sam bith orm ged a bhan seann duine còir glé choma dhi. Chaneil mi tuigsinn car son a bhiodh tlachd aig duine sam bith dhi nas lugha na bhiodh i air a deadh dheanamh, agus rud math leatha.

Ach eadar dha sgeula, cha dthug thu dhomh an adhairc-shnaoisein idir. Is docha nacheil srad innte.”

Mo dhichuimhn; chaidh e as mo chuimhne an uair a thòisich mi ri innseadh dhut mu dheidhinn màthair bean Lachlainn. Chaneil innte ach fìor bheagan gu dearbh; achs dòcha gun dean e an gnothach dhuinn an dràsta. Chan e am beagan snaoisein a nin gnothach dhomhsas do Sheumas idir. Cha mhair cairteal snaoisein fada do dhithis a tha cho trom airs a tha sinne.”

Is e gradanadh a thagad an so, a Mhòr. Gu dearbh tha e math. An tu fhein a rinn e?” arsa bean Dhomhuill Bhàin.

Is mi. Co eile? Cha chuireadh Seumas a shròn os cionn snaoisein gradanaidh. Tha e nas as fhein na sin. Ach is e an gradanadh a bhios misegabhail mar is trice. Is e as treise; agus tha mismaointean gum bheil e nas saoire nan snaoisein Gallda. Tha amhrus agam gum bheil iad atruailleadh an t-snaoisein anns aGhalldachd. Chuala mise fear aig an robh fios ag radh, gun robh iad atruailleadh na fhein,” arsa bean Sheumais.

Fan sàmhach. Cia mar a theid aca air sin a dheanamh?” arsa bean Dhomhuill Bhàin.

Theid mar so: an uair a bhios an greis an tarruinn aca, agus a bheir iad achuid as fhearr dhen bhrìgh aisde, tiormaichidh iad gu math i, agus cuiridh iad i ann am measg eile,” arsa Mòr.

Tha mi far an cuala mi riamh a leithid.”

Gu dearbh fhein, a Mhòr, tha thu gu math gu bleith an t snaoisein. Tha e cheart cho mìn ri srad a ghabh mi riamh. Am bheil muillean snaoisein agad?” arsa Màiri.

Tha sin agam: slige mhòr bhàirnich agus dul achlobhamuillean snaoisean cho maths a chunnaic do shùil chinn riamh, a Mhàiri.”

Than urram agad fhein, a Mhòr. Cha teid obair sam bith iomrall ort,” arsa Màiri.

Ach fhads a bhios cuimhne agam air: ciod e do bharail air na bha bean Lachlainn ag ràdh mu dheidhinn amhaoir?” arsa Mòr.

Ma ta gu dearbh chaneil fhios agam. Is dòcha gur en fhìrinn a thaice; ach chaneil math dhuinne guth no iomradh a thoirt air aon fhacal dhe na chuala sinn. Ma bhamaorna dhuine eucorach, gamhlasach, far an robh e roimhe, faodar a bhith cinnteach nach bi e dad nas fhearr far am bheil en diugh. Mar a than seanfhacal ag radh, ‘Am fear a bhios carrachs abhaile so, bidh e carrachs abhaile ud thall,’ a Mhòr.”

Than tul-fhìrinn agad. Chaneil mòran eòlais aig daoine air fhathast, agus mar sin, chan urrainnear a ràdh le fìrinn co dhiubh tha no nacheil ena dhuine meineil, cneasda mar a dhfheumadh a leithid a bhith.”

Tha e tlachdmhor gu leòr rifhaicinn; agus tha iad ag ràdh gum bheil e glé shìobhalta ri bruidhinn ris.”

Beagan taing dha air son a bhith sìobhalta. Faodaidh fear sam bith a bhith cho sìobhalta ri naomh fhads nach cuirear dragh no tuairgneadh air. Nach sìobhalta an coltas a thair Ruairidh Ruadh? Agus, mar a tha fhios agadsa, is e fear cho frithir, ’s cho cass cho aingealta ri mhàthairs ri pheathraicheans a sheas am bròig leathair. Gun cuidicheadh an Cruithfhear beannaichte leis achreutair thruagh a thadol ga phòsadh.”

Nach eireachdail an ceathrar nighean a thaig amhaor? Tha iad ag innseadh dhomhsa nach robh an leithidean air an fheill.”

Tha iad eireachdail rim faicinn gun teagamh sam bith. Ach a dhinnseadh na fìrinn dhutsa, bu choma leam riamh de nigheannan mòra, boga, plamacha, bàna mar a tha nigheannan amhaoir. Creid thusa mise, an uair a phòsas iad sid, cha bhi annta ach na luidealaich as agus as truaighe a bhios anns an dùthaich. Mar a than seanfhacal ag radh— ‘Is iomadh rud buidhe nach òr: is iomadh rud còir a bha dubh.’ Ach tha e coltach gum bheil meas gu leòr aig spalpairean òga na dùthchadh air nigheannan banamhaoir.”

Bu neònach mur bitheadhs iad air ùr-thighinn don dùthaich.”

Bu choma leam riamh dhe na fir a bhiodh abristeadh an cnàmhan as deigh a h-uile nighean òg a bhiodh air ùr-thighinn don dùthaich. Bidh fonn air gille nan lùg, ’s e h-uile rud ùr as fhearr. Tha Tearlach Ruadh an déis cuis mhagaidh a dheanamh dheth fhein leis mar a tha e air an troidhs air an òirlich as deigh Anna bhàn amhaoir. Nam faiceadh tusa mar a bha e latha na feilleadh. Cha do leig e as a shealladh i fad an latha. Thug e i fheins a triùir pheathraichean gu ciste rudan-milis, agus cheannaich e punnd an dhaibh. An sliomair gun tur! Bfhearr dha gu mòr briogais shlàn a chur ma athair. Thaathair bochd ann an sids gun an t-aodach slàn ma dhruim latha deugs abhliadhna. Chan fhaigh e ach athaodach Thearlaich.”

Chan ann air Tearlach a tha mi fhein acur na coire idir, ach air a mhàthair. Car son nach robh meas aice air fear a taighe mar bu chòir dhi? Tha e an sidna luidean truagh ag obair a h-uile lathas abhliadhna. Tha iad ag radh nach fhaigh e ach an greim as miosa dhen bhiadh uaipe. An uair a thig coigreach thun an taighs a nithear greim bidh deiseil dha, bidh Tearlach is Màiri bheag aig abhòrd comhladh rithe fheins ris achoigreach, agus fagar Ruairidh bochd aig an teine, mar nach biodh gnothach sam bith aige ri no ri neach a thanns an taigh. Nach nàr an gnothach sin?”

Tha cuid mhòr dhen choire aig Ruairidh fhein. Leig e tuilleadhs achòir dhetoil fhein leis amhnaoi an uair a phòs e i. Bha e gu



[162]

[Vol . 9. No. 21. p. 2]

nàdarrana dhuine sàmhach, ciùin, foighidneach, agus ghabh ise brath an uilc air. Mun robh iad da bhliadhna pòsda, cha robh fosgladh a bheòil aigena thaigh fhein. Chuir i fhein abhriogais oirre, agus chaith i riamh on uair ud i.”

Chan ina h-ònar a thacaitheamh na briogais. Chuala mise o urra glé fhirinneach gum bheil abhean aig aBhaillidhg a chumail fo smachd mar gum biodh gille beag ann. An uair a bhios an fhearg oirre buailidh i a cas air an ùrlar, agus their i ris e dhunadh a bheoil gu h-ealamh. Chan abair e facal rithe, ach eiridh e gu bog, balbh am mach as an t-seomar agus fagaidh e an sid i.”

Nach beag a dhaithnichear sin oirre an uair a thachras i ri daoine air an rathad mhòr? Saoilidh tu gur i aon bhoirionnach cho ciùins cho sìobhaltas a tha beò.”

Chan ann rim faicinn is còir fir is mnathan a ghabhail idir. Is minic a thainig muir mòr a plumanaich. Chunnaic sinn is a bha, a reir choltais, cho ciùins cho baintidhs gun saoileadh tu nach leaghadh an t-ìmnam beòil, a throideadh gu sgràthail air son rud gle neonach.”

Tha thug innseadh na fìrinn. Nam bithinn fheinnam fhear chan e a h-uile te a ghabhainn.”

Nam biodh tunad fhear bhiodh tu coltach ri iomadach fear eiles an dùthaich— ’nad dhearg amadan afalbh o bhaile gu baile as deigh a h-uile nighean as briaghas as beulaiches as lugha feum na cheile.”

Anns an fhacal chualiad lasgan mòr gàire air an culaobh. Co bhann ach fear de ghillean abhaile. Ged nach tug iad san an aire dha, bha e fad na h-ùine ann an àite eisdeachd dhaibh. An uair a thug iad le chéile ruith chàinidh air, dhfhalbh iad dhachaidh, agus bha iad air an tàmailteachadh air son mar a thachair dhaibh.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

BEDER, PRIONNSA PHERSIA.

CAIB. XI

Cha dthug na briathran a labhair Beder ri Guhara toileachadh sam bith dhi. Tha e fior gu leor gun do thaitinn a chainnt agus a dhoigh agus a choltas rithe an uair a thachair iad ri cheile, agus a labhair e rithe; ach cho luaths a chuali gum bann air a shaillibh a chuireadh a h-athair an sàs, agus a thainig oirre fhein a duthaichfhagail, bha iga mheas mar namhaid ris nach bu choir dhi comunn sam bith a chumail. Ciod sam bith togradh a bhaice an toiseach gus a phosadh, mar a bha e ag iarraidh oirre, chuir i roimpe nach biodh cuid no gnothach aice ris, gu h-araidh an uair a smaoinich i gum be aon de na h-aobhair a bhaig a h-athair an aghaidh aphosaidh gun robh Bederna mhac do dhaon de righrean na talmhainn. Air an aobhar sin runaich i gum biodh i lan-umhail do thoil a h-athar.

Ach air a shon sin, cha robh toil aice gum faigheadh Beder fios gun robh diumbadh aice air. Bha ileigeadh oirre gun robh meas mor aice air a chum gum faigheadh i cothrom air i fhein a shaoradh as a lamhan.

Mo thighearna,” arsise, agus coltas aoidheil, caoimhneil air a gnuis, “an tusa ma ta mac Ghulnara tha cho ainmeil air son a geurchuis agus a maise? Tha mi toilichte gur tu, agus tha aoibhneas orm gur mac thu do mhathair a tha cho measail. Cha robh e ceart do mathair a bhithn aghaidh dhuinn posadh. Nan robh e air dfhaicinn, is cinnteach gun robh e airaonta thabhairt gum posamaid.”

An uair a thuirt i so, shin i a lamh dha mar chomharradh gun robh i deonach a bhith cairdeil ris.

Bha Beder an duil gun robh e air thuair a bhith ann am mullach a sholais, agus an uair a rug e air a laimh, chrom e gus pog a thoirt da laimh. Phut i uaipe e, agus an uair a thilg i smugaid air an clar an aodain, thuirt i, “A thruillich mhosaich, na binad dhuine nas fhaide, ach binad eun geal air am bi casan agus gob dearg.”

Cha bu luaithe a labhair i na briathran so na bha Beder air a chruth-atharrachadh gu eun dhen t-seorsa dhainmich i. Agus bha ioghnadh is bron gu leor air.

Thoir air falbh e,” arsise, ri te dhe na mnathan-frithealaidh a bhaice, “agus cuir air an Eilean Thioram e.”

Cha robh anns an eilean so ach creagan arda anns nach robh deur uisge, agus air nach fhasadh rud sam bith.

Thug am boirionnach leatha an t-eun mar a dhaithn a banamhaighstir dhi, ged a bha truas mor aice ri Bederna leithid de shuidheachadh. “Is e gnothach muladach a bhiodh ann,” arsise rithe fhein, “nam faigheadh am prionnsog, maiseach so bas a chion bidh is dibhe. Is docha gun gabh abhana-phrionnsa aithreachas fhathast an uair a thig i ga h-ionnsuidh fhein, air son an orduigh chruaidh-chridhich a thug i seachad. Bfhearr dhomh a chur ann an aite anns am faigheadh e bas nadarra.” Air an aobhar sin thug i e do dheilean do am biodh daoine gu tric adol, agus dhfhag i e air comhnard maiseach anns an robh a h-uile seorsa de chraobhan-meas afas, agus anns an robh iomadh sruthan uisge.

Tilleamaid a nis gu righ Saleh. An deigh dha fhein agus do mhuinntir eile bhithsireadh air son Guhara, an uair nach dfhuaradh i, dhordaich e a h-athair a bhith air a dhruideadh a staighna luchairt fhein, agus a bhith air a ghleidheadh gu curamach le freiceadan laidir. Agus an uair a thug e gach ordugh feumail seachad a chum riaghladh na rioghachd a chumail air aghart fhads a bhiodh e fhein air falbh, thill e da luchairt fhein a dhinnseadh dha mhathair mar a thachair dha.

Be cheud rud a dhfheoraich e an uair a rainig e, caite an robh Beder. An uair a chuale nach robh sgeul aca air, bha ioghnadh is doilghios gu leor air.

An uair a chuala mise,” arsa mhathair ri righ Saleh, “gun robh thusa ann an cunnart mor aig luchairt righ Shamanndail, thug mi fa near tuilleadh shaighdearan a chur ga dionnsuidh, agus anns an am dhfhalbh Beder as a so. Feumaidh gun ghabh e eagal, an uair a chuale an suidheachadh anns an robh thusa, nach biodh e sabhailte dha fuireach an so comhladh ruinne.”

Chuir an sgeul so dragh mor air an inntinn aig righ Saleh, agus bha aithreachas gu leor air a chionn gun dthug e Beder air falbh leis a Persia gun aontamhathar. Chuir e daoine air a thoir do gach aite ach a dhaindeoin cho dichiollachs a bha iadga shireadh, cha chualiad guth no iomradh air. Agus an aite an toileachaidh ris an robh duil aige an uair a chitheadh e Beder agus Guhara posda, is ann a bha doilghios anabarrach mor air. Am feadhs a bha e gun fhios aige ciod a thachair do mhac a pheathar, dhfhag e riaghladh na rioghachd ann an lamhan a mhathar, agus chaidh e fhein a riaghladh rioghachd Shamanndail. Ged a bha righ Shamanndail aigena phriosanach anns an luchairt, thug e dha am meas agus an t-urram air an robh e dligheach.

Air acheart latha air do thill righ Saleh do rioghachd Shamanndail, rainig banrigh Gulnara, mathair Bheder, luchairt a mathar fhein anns achuan. Cha robh ioghnadh sam bith oirre ged nach do thill Beder dhachaidh as abheinn sheilg an latha dhfhalbh e: oir bha ena shealgair cho diorrasachs gum bu tric leis a dhol astar fadair thoir na seilge. Ach an uair nach do thill e air an ath latha, no air an treas latha, thoisich i ri eagal a ghabhail gun deirich alltapadh dha. Bha moran a bharrachd eagail oirre ma dheidhinn an uair a thill na h-oifigich a dhfhalbh comhladh ris agus a dhinnis iad dhi nach robh e fhein no brathair a mhathar rim faotainn ged a bha iadgan sireadh air feadh nam beann fad tri latha. Thuirt iad rithe gum feumadh gun deirich alltapadh dhaibh, ar neo gun robh iad ann an aiteiginn far nach amaiseadh duine orra. Fhuair iad na h-eich a bhaca, ach cha robh fhios caite an robh iad fhein.

An uair a chuala Gulnara mar a bha, chuir i roimpe nach leigeadh i ris do na h-oifigich gun robh iomaguin sam bith oirre mu dheidhinn Bheder agus righ Saleh. Dhaithn i dhaibh falbh gan sireadh a rithist. Ghabh i amhrus gun dthug righ Saleh leis Beder don chuan, agus gun fhacal a radh ri neach sam bith mu dheidhinn na bhana beachd a dheanamh, thug i an cuan oirre, agus ann an uine ghoirid rainig i luchairt a mathars a brathar.

Cho luaths a chunnaic a mathair i dhaithnich i car son a rainig i. “A nighean,” arsise, “tha mituigsinn gle mhath nach ann gam fhaicinn-sa a thainig tu. Thainig tu feuch am faigheadh tu forofhais air do mhac. Cha dean an naigheachd a thagamsa ri innseadh dhut ach ar fagail le cheile nas bronaiche na bha sinn riamh. Cha bu luaithe chunnaic mi etighinn an so na bha mi gle aoibhneach. Ach air a shon sin, an uair a thuig mi gun dthainig e an so gun fhios dhutsa, bha mi fo dhragh gu leor mu do dheidhinn, o nach robh fhios agad caite an robh e.”

An sin dhinnis i dhi mar a chaidh righ Saleh a dhiarraidh na bana-phrionnsa Guhara do Bheder riphosadh, agus mar a thionndaidh gnothaichean am mach gus an deachaidh Beder air chall. “Chuir mise daoine air a thoir cho luaths a dhionndrainn sinn e,” arsise, “agus rinn righ Saleh mar an ceudna gach nina chomas a chum forofhais fhaotainn air. A dhaindeoin gach oidhirp a thug sinn, dhfhairtlich oirnnfhaotainn. Ach air a shon sin chaneil math dhuinn ar dochas a chall. Faodaidh gum faic sinn fathast e an uair as lughashaoileas sinn.”

An uair a chuala Gulnara mar a thachair, chaill i gu buileach a dochas gum faiceadh i Beder gu brath tuilleadh. Agus bha icur na coire gu leir air righ Saleh air son mar a thachair.

Thoisich a mathair air a comhairleachadh agus air a radh rithe nach bu choir dhi tuilleadhs achoir de bhron a dheanamh. “Tha e fior gu leor,” arsise, “nach robh e glic do dbhrathair a bhithlabhairt riut mu dheidhinn aphosaidh ud ann an eisdeachd Bheder. Agus cha robh e idir ceart dha Beder a thoirt air falbh a Persia gun do chead-safhaotainn. Ach o nacheil cinnt sam bith againn gun deachaidh Beder a chall, is coir dhutsa gach ninad chomas a dheanamh a chum an rioghachd a ghleidheadh dha. Gun dail sam bith till air ais do Phersia. Bidh e feumail don luchd-riaghlaidh thubhith maille riutha. Agus theid agad air sith a ghleideadh anns an rioghachd ma bheir thu fa near fios a leigeadh am measg an t-sluagh gun deachaidh righ Phersia a dhamharc air a sheanamhair.”



[163]

[Vol . 9. No. 21. p. 3]

Ghabh Gulnara achomhairle so gu toileach. Dhfhag i slan aig a mathair, agus bha i air a h-ais anns an luchairt ann an Ceanna-bhaile Phersia mun dionndrainn iad gun robh i air falbh.

Gun dail sam bith chuir i teachdairean air thoir nan oifigeach a chuir i air falbh a shireadh Bheder, agus dhinnis i dhaibh gun robh fhios aice far an robh an righ, agus nach biodh an uine fada gus am faiceadh iad a rithist e. Thug i ordugh acheart sgeul a sgaoileadh air feadh abhaile. Agus bha i fhein agus ard-chomhairle na rioghachd ariaghladh cho maths ged a bhiodh an righ fhein an lathair.

(Ri leantuinn.)


Urchair Thuiteamais.

LE UISDEAN.

Banns abhliadhna ochd ceud deug fhicheadsa naoi deug, ’n uair a bha sinn acogadh ris na Frangaich ann an Taobh-tuath America, a bha buidheann den armailt Bhreatunnach ann an campa air bruaich aimhne, ann an àite a bha an a dhaingneachadh cho mòr le nàdurs gun robh e eucomasach do nàmhaid sam bith tighnn orra gun fhios dhaibh.

Cha robh an cogadh ann an America aig an am sin air a chur air aghaidh mar a chi sinn aig rioghachdan an t-saoghail an diugh. Bha muinntir an aitena h-Innseanaichmar an ceudna an aghaidh a cheile, agus ghabh cuid dhiubh taobh nam Breatunnach agus cuid eile taobh nam Frangach. Bha iadsan a ghabh taobh nam Breatunnach air an ionnnsachadh mar shaighdearan eile agus air an cumail fo smachd; ach cha bann mar sin a thachair dhaibhsan a ghabh taobh nam Frangach, oir leigeadh leo deanadh mar a thogradh iad, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach be an ni a bfheàrr a rinn iad. Dhfhalaicheadh iad iad fein a measg chreagan agus air feadh na coille, agusnuair a gheibheadh iad cothrom thigeadh iad a mach len saigheadans len tuaighean agus mhortadh iad gach saighdear Breatunnach air am faigheadh iad greim. Bha luchd-faire a champa gu sònruichte air an gearradh sios gu tric agus air an toirt air falbh far nach faicte tuilleadh iad, agusnuair a rachadh luchd-torachd a mach air an son theicheadh na h-Innseanaich cho luaiths nach burrainn do dhuine sam bith an cur an sàs.

A chum crioch a chur air an t-sealgaireachd so, a bha deanadh call ro mhòr, dhublaicheadh aireamh luchd-na-faire agus dhiarradh orra sgaoileadh a mach agus suil gheur a chumail air na h-Innseannaich. ’S ann do reiseamaid shaighdearan-coise a bhuineadh a chuid mhor de luchd-na-faire, agus leis cho dlùth sa bha iad don choille chailleadh moran dhiubh. ’Se ni a biogantaiche mun cuairt air a chall a bhan so nach robh lorg no larach sam bith rim faicinn a leigeadh fios ciod e an taobh a ghabh iadsan a bha deanadh air falbh leis na saighdearan. Theireadh cuid gur e cealgaireachd a baobhair air, cuid eile gum faodadh na saighdearan losgadh agus mar so a leigeadh a thuigsinn gun robh an namhaid air tighnn orra; ach bha mòran ann nach creideadh gun robh ni aig cealgaireachd ri dheanadh ris, agus a bham beachd, ged a bha an ni do-thuigsinn aig an am, gun rachadh soileireachadh a chuir air uine.

Air maduinn àraidh chaidh buidheann shaighdearan a dhionnsuidh an aite faire bu dluithe don choille a leigeadh air falbh fear dan companaich a chaidh fhàgail anmoch an oidhche roimhe. ’Nuair a rainig iad cha robh sealladh air agus chuir so iongantas ro mhor orra. “Ach,” ars iadsan, “De than so ach ni air am bheil sinn air fas ro eolach a nis.” Dhfhag iad fear eilena àite agus dhfhalbh iad a guidhe gum biodh soirbheachadh a bfhearr leis. ’Nuair a thill iad a rìs bha am fear so mar an ceudna air falbh. Shealladh anns gach aite mun cuairt ach cha dfhuaireadh e. De nis a ghabhadh deanadh; cha robh maith an t-aite fhagail falamh. Chuir iad seachad beagan ùine a smaointeachadh ciod bu chor dhaibh a dheanadh agus an sin rinn iad suas gum fàgadh iad fear eile. Bha na saighdearan uile fo eagal ro mhòr agus cha robh a h-aon dhuibh a ghabhadh os laimh an t-àite sheasamh. Mu dheireadh fhuair iad fear a thoilich fanachd ach air chumhnant gun tilleadh iad ann an uine ghearr. Dhfhalbh iad agusnuair a ràinig iad an campa chaidh iad a dhionnsuidh a Choirneil agus thug iad dha an eachdraidh o thoiseach gu deireadh. Bha esan fo thrioblaid mhòrn uair a chual e mar bha tachairt; ’s e buille ghoirt a bhann dha a chluinntinn gun robh e call a dhaoinena leithid de dhoigh. “Thigibh,” ars esan, “amionnsuidh air an ath thurus a bhios sibh a falbh agus theid mi mach leibh, oir cha bhi fois agam gus am faigh mi mach ciod is ciall don chùis.”

Thug brithran a Chòirneil mor mhisneach dhaibh agus dhfhalbh iad ag radh gun tilleadh iad ann an ceann uair an uaireadair. Ruith an uair, thill na saighdearan mar a thubhairt iad agus dhfhalbh an Coirneal leoSe àite falamh gun duine gun bheathach a bha feitheamh orra. Bha na luirg a rinn an saighdearnuair a bha e sraideamachd air ais agus air aghaidh rim faicinn ach cha robh fuil no ni sam bith ann a leigeadh ris ma bha e stri ri namhaid mun deach a thoirt air falbh. Cha bioghnadh riamh gu so e; ach cha robh acair ach duineile a churna àitesa dhol air ais don champa. Am fear a chaidh a shonrachadh, bu duine treus misneachail e, agus an àm a bhiga fhagail thubhairt e ris a Choirnealnuair a bha iad gu fhagail. “Na boidh eagal oirbh air mo shon, cha teich mi de sam bith a thachras.” ’Nuair a ruith an uine thill an Coirneal le chuid dhaoine. Bha iad gu bhi aig annuair a chunnacas an Coirneal a suathadh a shuilean. Bha e am beachd gun robh a shiùlean ga mhealladh ach, mo chreach! cha do mheall, oir bha am fear so mar an ceudna air a thoirt air falbh mar gun togte on talamh e. Cha robh fios air an turas so coid a ghabhadh deanadh; bha an Coirneil air son reiseamaid shlàn fhagail, ach smaointich e sin nach be sin an doigh bu docha grein fhaotainn air a nàmhaid.

Gun fios a thoirt do chach ciod e bha na bheachd, ghlaodh an Coirneil air an t-saighdear a bha ri aite an fhir a dhfhalbh a ghabhail, agus thubhairt e risAm bheil thusa toileach an t-àite so a sheasamh?” “Ma tha ler cead,” ars esan, “tha fios agam gum feum mi mo ghnothuch a dheanamh, ach bfheàrr leam mo bheatha chall air doigh sam bith eile.” “Chan fhag mi,” arsan Coirneal, “duine sam bith an aghaidh a thoil.” Cha bhuileach a bha na facaìl sin a mach as a bheulnuar a thainig saighdear mor calma air aghaidh agus thubhairt e, “Tha mise toileach an t-àite a sheasamh.” Thug gach duine a bha mun cuairt urram dha air son a leithid do thairgse a dheanamh agus bhuail iad am basan ri cheile a thoirt misneach dha. “Chan fhag mi so beoars esan. Agus leigidh mi a thuigsinn duibh ma bhios mi ann an cunnart sam bith. Loisgidh mi urchair an fhuaim as lugha chluinneas mi, ged nach biodh ann ach ian ag itealaich no duileach nan craobh a tuiteam. Sin agaibh a nis an cumhnant air am fan mi; ma ghabhas sibh is maiths mur a gabh chan fhan mi.” ’Labhair thu gu ceart,” ars an Coirneal, “lean thusa mar a chi thu iomchuidh agus bithidh sinne deas gu dchuideachadh.” Dhfhàg a chompanaich beannachd aige; thill iad don champa le smuantean trom. Cha robh an uair ach gann air ruithnuair a chualas urchair agus a mach bhan Coirneal le chuid dhaoine, cinnteach air an turus so gum faigheadh iad a mach ciamar a bha iad a call nan daoine. Chunnaic iad an saighdear a tighinn nan codhail beo, slan, agus e a slaodadh Innseanach marbh as a dheigh. “Thubhairt mi ribhars esangun losgainn an fhuaim bu lugha chluinninn agus shabhail sin mo bheatha dhomh. Cha robh sibh fadair falbhnuair a chuala mi starbhanaich dluth dhomh. Sheall mi mun cuairt orm agus chunnaic mi cullach mor ag ionaltradh agusmar a shaoil mi aig an ama sealltuinn air son chnothan am measg nan duilleach aig bun nan craobh. Cha do chuir an creutair iongnadh mor sam bith orm, oir tha iad ro phailtsan àite so, ach leis mar a bha mi le cùram, gun fhios an taobh a dhfhaodadh an namhaid tighinn orm, chum mi sùil gheur air. Mhothuich miagus chuir e dragh ormgun robh e feuchainn ri faotuinn don phreas-choille air mo chulthaobh. Cha do leam mi mo shùil dheth agus bha e nis gu bhi stigh don choille. Cha robh mi cinnteach ciod bu choir dhomh a dheanamh. Shaoil leam nach deanadh sibh ach gaire-fanoidnuair a chitheadh sibh nach do mharbh mi ach cullach, agus cha mhor nach do rinn mi suas minntinn a leigeadh air falbhnuair a mhothuich mi e a deanamh deas air son cruinn-leum a thoirt a stigh don choille. Cha do chuir mi dail ni bfhaide ann, loisg mi agus leag mi e. ’Nuair a thuit e chuala mi osann a bha mi cinnteach nach buinneadh do chreutair sam bith air thalamh. Chaidh mi null far an robh e, agus faodaidh sibh a bhi cinnteach gun do chuir e iongnadh orm fhaicinn gur e Innseanach a mharbh mi. Bha e air a chomhdach cho innleachdach ann an seiche achullaichs gun robh e cu-comasach do neach sam bith aig an astar a dheanamh a mach gur e duine a bhann. Bha biodag agus tuadh aige deas air son mo mharbhadh.”

Bha e nis gle shoilleir gur h-ann air am mort a bha na saighdearan a chailleadh. Bha na h-Innseanaich a falbh ann an cruth cullaich agus gam folach féin anns achoille. ’Nuair a gheibheadh iad cothrom bha iad a tighinn a mach agus, gun rabhadh sam bith a thoirt, a marbhadh nan daoine mum faigheadh iad urchair a losgadh. Bha e farsada gu leoir dhoibh na cuirp a shlaodadh a stigh don choille agus an tiodhlachdadh far nach faighte iad. —Highland News.


Saobh-Chrabhadh nan Gaidheal.

Tha leabhar ùr air tighinn a mach an Glaschu anns am faighear mòran do sheann chràbhadh is chreideamh nan Gàidheal. Bha e air a sgrìobhadh leis an Urr Iain G. Caimbeul nach maireann, a rinn ainm is cliù airidh dha féin mar fhear-cruinneachaidh sgeulachdan Gàidhealach. Gheibhear anns an leabhar so cùnntas glan soilleir air ursgeulan, uiriscean, is bruadaran iongantach am measg nan Gàidheal. Chithear na Sithichean aig obair; agus an t-Each Uisge atighinn a mach á doimhne an loch a dheanamh suiridh air gruagaichean aonarach an àm an fheasgair. Anns an leabhar so mar an ceudna gheibhear cunntas air an Sgoil Dhubh, agus air an Diabhul aig an robh a ghnàth àite sònruichte, am measg nan Gàidheal. Bha Mr Caimbeul ro dhìchiollach ann a bhi acur nan seann nithean so ri chéile ann an cànain ghasda ùr labhrach. Gun teagamh fhuair e achànain so ann am beòil an t-sluaigh féin, ach chan e ah-uile fear a chuireas sgeulachd an t-sluaigh a sìos gu grinn glan mar tha i againn an so. Thionndaidh e aGhàilig gu Beurla bhlasda a bhiosna tlachd do luchd leughaidh na cainnt sin. Bha eòlas math aig Mr Caimbeul air aGhàidhealtachd gu léir; achs ann an eilein Thiridhe a fhuair e achuid is a tha anns an leabhar. Tha dùil gum bi leabhar eile atighinn a mach fathast o làmh an ùghdair anns am bi seann chleachdaidhean ar luchd-dùthcha mu bhuidseachas agus mu thaibhsean air an cur sìos air dòigh chomasach fhìrinneach. —Oban Times.



[164]

[Vol . 9. No. 21. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, NOBHEMBER 23, 1900.

THA Mod bliadhnail aChomuinn Ghaidhealaich ri bhi air a chumail ann am baile Pheairt air an naodhamh latha fichead dhen mhios (Di-haoine sa tighinn). Tha àireamh mhor dhuaisean ri bhi air an toirt seachad, agus tha dùil ri coinneamh mhor a bhi ann. Nach biomchuidh an gnothuch do Ghàidheil Chanada cruinneachadh dhen t-seòrsa so a bhi aca uairsa bhliadhna? Tha sinn dhen bharail, nan rachadh a chur air chois aon uair, gum biodh de dhuinealass de dhilseachd anns na Gaidheil na chumadh suas e air sgàth an gràidh do thirs do chainnt an sinnsir.

RE nan ceithir seachduinean romh lathan taghaidh, bha moran ri chluinntinns ri leughadh ann am paipearan-naigheachd na dùthcha mu dha sheòrsa sluaigh a bhi ann an Canada, air an roinn o cheile a thaobh nan sinnsirean on dthainig iad, agus a thaobh nan cainntean a tha iad alabhairt. Anns na cearnan sin dhen dùthaich anns am bheil a mhor-chuid den t-sluagh de shinnsireachd Bhreatunnaich, bha rim faotainn daoine a rachadh a chur mar dhleasdanas orra riaghladh na dùthcha a spionadh gu buileachs gu bràth á lamhan nam Franagch; agus anns na cearnan anns am bheil a mhor chuid den t-sluagh de shinnsireachd Fhrangach, tha e air innse dhuinn gu robh e air a chur mar fhiachaibh orra feuchainn ris an ni ceudna dheanamh a thaobh na muinntir a bha de shinnsireachd Bhreatunnaich. Is obair mi-iomchuidh ann an dùthaich sam bith a bhi dùsgadh aon earainn dhen t-sluagh an aghaidh an earainn eile air bhonn nach ionann sinnsireachd dhaibh; ach tha e ro amaideach agus ro olc a bhi ri leithid ann an Canada, dùthaich nacheil fhathast achna h-òige, agus air an dean comhstri dhen t-seòrsud lagachadh mor. Ach tha ena aobhar aoibhneis a bhi faicinn gu bheil an spiorad coimheach sin a dol bàs, nach do shoirbhich leothasan a bha feuchainn ri fhadadh, agus gu bheil iadsan a bha air son an sluagh a chur an aghaidh a cheile a thaobh sinnsireachd us cainnte a nisegabhail nàire dhiubh féin air son an deanadais. Gu dearbhadh fhaotainn air sin chaneil againn ach sealltuinn anns na paipearan-naigheachd agus chi sinn muinntir gach taoibh a cur na coire air muinntir an taoibh eile, mar chloinn bhig a rachadh bhar a cheile, mu ni a tha iad a nise faicinn nach bfhiach an t-saothair. Faodar mar sin a bhi cinnteach, nuair a bhios pàrlamaid eile ri taghadh ann an Canada, nach toirear ionnsuidh cho garg air an t-sluagh a champachadh an aghaidh a cheile mar Bhreatunnaichs mar Fhrangaichsa chaidh a thabhairt air an turus so. Is dùthaich Canada anns am bheil saorsa thoile féin aig gach duine, fhads is i a thoil an ni a tha ceart a dheanamh, dùthaich anns am bheil na h-aon chòiricheans na h-aon sochairean aig gach seòrsa sluaigh, agus cha mheudaich e còir no sochair aon duine còir no sochair sam bith a thoirt bho dhuineile. Tha leud us farsuingeachd innte a dhfhoghnas do na h-uile. Tha àit innte don Ghalls don Ghàidheal; don Eireannach don Fhrangachs don Ghearmailteach; agus mar is luaithe dhaontaicheas iad uile cur suas le fàillingean a cheiles còmhnuidh a ghabhail an siths an càirdeas, taobh ri taobh, ’s ann is fhearr dhaibh fein agus dhan dùthaich anns am bheil iad a deanamh an dachaidh.

THA cuid de phaipearan nan Stàidean adeanamh uaill as mar a mheudaich am malairt ris na h-Eileanan Philippeach on thainig iad fom brataich féin. Tha luach a bhathair a chaidh a chur do na h-eileanan a nise mu dha cheud mile dolairsa bhliadhna nas àirde na bha e riamhnuair a bha iad fo bhratach na Spàinne. Ach tha aon pàipear a nochdadh nach eil aobhar uaill mhor sam bith aca. Tha luach corr us ceud gu leth mile dolair de stuth làidir air a chur do na h-eileanan gach bliadhna, agusnuair a chuirear ri sin fiach a bhidh a chosgas an tri fichead us coig mile saighdear a thaig na Stàidean annta, cha bhi ach earann ro bheag dhen da cheud mìle dolair air fhàgail gu chur ri creideas fior mhalairt. Air son an stuth làidir, cha robh cleachdadh aig na h-eileanaich ris, agus bfhearr don mhor chuid dhiubh, anns an t-seadh sin co-dhiu, nach fhaciad bratach na Stàidean riamh; bfhearr, agus do shaighdearan nan Stàidean féin, oir tha na ceudan dhiubh nach drinn ach gann blasad air deoch làidir riamh gusn do ghabh iadsan arm, an diughnan sineadh fuar fon fhòd air neo air an dunadh suas ann an taighean-caothaich.


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Searlot.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[165]

[Vol . 9. No. 21. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha an carbad-iaruinn gu bhi ruith air tim-chlar agheamhraidh air an t-seachdain sa tighinn. Thatar ag radh nach ruith ach aon treinsan latha; gum bi an trein luath air a toirt bhar an rathaid.

Chaochail bean Andra Mhic-Leoid oidhche Di-haoine sa chaidh. Bha i ann an slàinte mhath, agus cha do ghearan i bhi tinn gu mionaid no dha mun do dheug i. ’Se tinneas a chridhe a dhaobharaich a bàs.

Shil caitean beag sneachda deireadh na seachdain sa chaidh, a cheud shneachd a shil air an fhoghar so Bha an t-uisge ann a chuid bu mhotha de thoiseach na seachdain so. Cha ruigear a leas sùil a bhi ri moran de shide bhriagha tuilleadh gus am bi an geamhradh cruaidh ann.

Chaidh fear Iain Donovan a ghoirteachadh aig an obair iaruinn Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, agus chaochail e feasgar Di-satharna. Thuit e air stob iaruinn agus bha slige chinn air a bhristeadh, ’s chaidh an t-iarunnna eanachainn. Bhuineadh e do Ingonish, agus cha robh e ach bliadhnair fhichead a dhaois.

Bha Iubili coithional Mhira air a cumail Di-donaichs Di-luain sa chaidh. Bha an t-Urr. Mr. Calder air a chuideachadh le àireamh de mhinistearan eile. Bha sluagh mor cruinn, agus chaidh ceithir fichead dolair a thional. Bhuineadh Sidni do choithional Mhìra fhadsa bha an Dotair MacLeoid na mhinisteir ann. Bha an Iubili air a cumail ann an Sidnisan t-samhradh.

Tha fear dan ainn Cyrus J. Doull anns a phriosan an dràsda, far am bheil aige ri fuireach, mur faigh e mach air urrais, gu àm na cùirte moire, as t-samhradh sa tighinn Bha e air a chur an sàs air son nighean a mhuinntir a bhaile, Maud Lowther, a ghoid air falbhsa chur do thigh mi-bheusach ann a Halifacs. Fhuaireadh an nighean, agus thugadh dhachaich i toiseach na seachdain so.

Di-ciaduin air an t-seachduin sa chaidh, bha fear Edwards a bha na shergeants an arm ann a Halifacs adol a phòsadh. Achnuair a thainig an carbad gus a thoirt dhan eaglais, fhuaireadh ena shineadh marbh anns an t-seomar-chadailsen deigh peilear a chur troimhchridhe. Chaidh e-fhein is cuid de chompanaich bhar a cheile an oidhche roimhe sin, ’s iadsan a tarruinn as, agus thatar adeanamh am mach gum ben dragh a thug an aimhreit sin ma cheann a thug àìr crioch a chur air fhéin.

Tha an cogadh ann an Africa mu Dheas gle fhaisg air a chrich, agus tha e ro-choltach gun dean àireamh mhor de na Boerich an dùthaich fhàgail; oir chan eil iad deònach fuireach fo bhratach Bhreatuinn. Tha moran dhiubh air a dhol thar nan criochan cheana, ’s tha iad adol a dheanamh an dachaidh air fearann a bhuineas don Ghearmailt. Tha aon sgeul ag ràdh gu bheil riaghladh na h-Olaint adol a cheannach fearainn dhaibh far am faod iad cur suas air an son fein mar a bha iad roimhe ma thoilicheas iad sin a dheanamh; ach tha sgeul eile ag radh nacheil sin fior, ach gu feum iad a bhi fo riaghladh na Gearmailte, ni nach cord a bheag nas fhearr riutha na bhi fo riaghladh Bhreatuinn fhéin.

Tha a bhan-phrionnsa Victoria, nighean Prionnsa Wales, gu bhi air a pòsadh ri Seoras, Prionnsa na Greige. Is e am prionnsòg so a thana riaghladair air Crete on chaidh an t-eilean sin a thoirt á làmhan nan Turcach.

Chaidh muillean-sàbhaidh Mhic-Asguill, anns na Narrows Bheaga, a losgadh oidhche Di-màirt, agus chailleadh gach ni a bhana broinn. Cha robh urrasachadh sam bith oirre, agus tha an call air a mheas aig da mhile dolair.

Tha pàrlamaidean Chuebec us Eilean aPhrionnsa air an cur ma sgaoil, agus tha pàrlamaidean ùra ri bhi air an taghadh: ann an Cuebec air an t-seachdamh latha dhen ath mhios, ’s air an Eilean air an darra latha deug.

Chaidh fear Lachlainn MacEachainn, a mhuinntir meinn an Reserve, a chur air falbh an dhan tigh-obrach, far am bheil aige ri da bliadhna chur seachad. Be chionta rinn e botull a thilgeadh air a charbad-iaruinn aig calan Dominion oidhche cheathramh latha fichead de dhOctober.

Chaidh fear Iain A. Friseal a mharbhadh leis a charbad iaruinn aig Amhuinn an Iar Phictou maduinn Di luain sa chaidh. Dhfheuch e ri dhol air bord a charbaidnuair a bha egluasad a mach on challa. Thuislich e, agus thuit e fo na cuidhlichean, far an robh e air a ghearradhna mhirean. Bhuineadh e do Hopewell, agus bha eg obair air an rathad-iaruinn.

Bha coinneamh aig na liberals an de ag ainmeachadh dhaoine air son parlamaid N. S., an àiten Dotair Kendall us Alasdair Johnston a tha nise nam buill dhen ard-phàrlamaid. Bha D. D. Mac-Coinnich, á Sidni Tuath, agus Niall I. Gillios, a Glace Bay, air an ainmeachadh. Cha do thagh na conservatives an daoine fhéin fhathast. Bidh an taghadh ann air an darra latha deug dhen ath mhios.

Tha aon de na reiseimidean a chuir Canada don Transbhaal ri taghal ann an Sasunn air an turus dachaidh, agus tha e air innse gur h-iad a bhios aig Morair Roberts mar gheard pearsantanuair a ruigeas iad Lunnuinn. Ma than sgeul sin fior, bidh na Canadaichga mheasna urrainn mor. ThaBobscho measail aig na saighdearans gum bi iadsan a gheibh a dhol mar gheard timchioll air air an togail gu mor nan sùilean féins an sùilean chàich

Tha a phàrlamaid ùr aig an àm so a seasamh mar a leanas. Tha tri siorrachdan anns nach robh an taghadh aca fhathast a thaobh iad a bhi fad air chul agus nach drainig an t-òrdugh iad cho tràthsa rainig e na siorrachdan eile. Tha aon dhiubh sin an Ontarios a dha an Columbia Bhreatunnach.

Lib. Con. Ind.
Nobha Scotia 15 5
New Brunswick 9 5
Eilean a Phrionnsa 3 2
Cuebec 57 7 1
Ontario 34 55 2
Manitoba 2 3 2
An Iar Thuath 4 — —
Columbia Bhreatunnach 1 2 1
125 79 6

Tha mar so na liberals 46 nas laidire na na conservatives, agus 40 a bharrachd orra ged a rachadh na h-independents leotha; achses docha gun teid achuid is motha dhiubh sin leis an taobh as làidire.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN.

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


Tha againn air an rathad atighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fheins ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhadsa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.



[166]

[Vol . 9. No. 21. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXI.

MARSAIL NAN GAEL DON TAOBH-TUATH.

Air achiad latha de chiad Mhios an Earraich, ghluais Tearlach agus mòr-fheachd an àirm Ghàelich gu tuath agus stad iad ma òidhchaig Dunblathain, ach thriall am Prionnsbeagan air aghaidh, agus dhfhan e na h-òidhche sin ann an Caisteal Dhrumainn tàimheach Dhiùc Pheairt. Air an ath mhadainn fhuair iad nan ròidean cho olc is gum beiginn daibh pàirt dheth an cuid trealaich fhàgail as an deighe. Ràinig iad an òidhche sin cho fad air an aghaidh ri Cruidhagus chaidil am Prionnsann an taigh Mhorair Iain Drumainn am Baile-Ranaich.

Air an lathairne-mhàireach, a ben treas latha den mhìos, chunnt Tearlach an àrmailt, agus fhuair e nach do theich urrad dheth na daoinair falbh sabha em barail. Chaidh an sin a shonrachadh gun trialladh iad gu tuath nan chuideachd. Mhàrsail na Fineachan Gàelach agus am Prionnsa féin an rathad-mòr dìreach gu Inbheirneis, agus ghabh na réiseamaidean Machrach agus am marc-shluadh fo chomannda Mhorair Seòras Moireach an rathad timchioll a tha treòrachadh tro Shiorramachd Aonghais agus Obaraidhean. Bhan chuideachd gu chéile chodhlachadh ann am bailInbheirneis. Air acheart latha sin, bha Diùc Uilleam na stad acaradh drochaid Shruidhleadh a chums gum faigheadh an t-àrm-dearg air aghaidh, chaidh an drochaid sin a bhristeadh le Blackney air tùs a chogaidhchum na Gàeil a bhag éiridh leis aPhrionnsa chumail air an ais.

An uair a beiginn don Diùc fantainn latha acàradh drochaid mas faigheadh e féin agus armailt thar an abhainn, chuir am Prionnsagus fheachd, iomadh bial-àth, agus dhìrich as thearuinn iad iomadh tulach as bealach, gun umhail de dhfhuachd no dhoireann, atriall air an aghaidh tro gach cruadal gu Siùlbhlach, suilbhear, neo-acanach. An latha theich iad bharr an t-Sélibhe, chan robh an dùic ach ma astar latha as an deighe, ach air an treas latha chuale gun robh an t-àrm Gàelach astar shia latha an ceann air, agus gum bann nan chuideachd a thriall iad dhachaighaon bhuidhean air an t-slighe dhìrich gu Inbheirneis, agus am bhuaidhean eile air rathad mòr an rìgh a ta dol timchioll eirthire cuain Mhontroise agus Obaraidhain. Chunnaic e nise gum bu diamhain da bhi leantuinn na ruaige aig an àm sin; bhan t-sion agus am fuachd an impis gasanan fuara reòta dheanamh dheth achuid saighdearan: agus cha robh beanntaichean bàna sneachda na Gàeldachd a bha nisetogail an cinn dhosracha ghailbheinn na shealladh a toirt dha uch beagan misnich a chum an tòir a leanntainn air luchd nam breacan. Air an aobhar sinn phill e air ais gu baile Pheairt, far an dhfhan e beagan laithean; ach cha bann ri obair a ghaisgeich non diùlanaich. Chuir e prasgan dheth na saighdearan ruadha suas air feadh Gàeldachd Pheairt a shàrachadh mnathan, clann, agus càirdean na h-aitean a dhéirich leis aPhrionns’, agus a thogail chreachan dheth an cuid spréidh as amhlainn. Thug iad iomadh dheth na chobhartaich so gu baile Pheairt, ni a reic iad ri muinntir abhaile air son airgeid agus thòisich iad air roinn na criche sinn ann an lathair an Diùca féin! Ghlac iad air an turas gun chliù so, bainn-diùcPheairt agus bainntighearna Shrath-Ailein, a thug iad leo mar phrìosanaich gu ruige Dunéideann, agus chum siad iad fo ghlais fad thrì mìosan anns achaisteal!

Air Di-dòmhnaich an siathamh latha diag de chiad mhìos an Earraich, ràinig Tearlach taigh na Mòidhe, tàimheach Mhic-an-Tòisich na Mòidhe, a tha ma thuaiream sia mìle diag bho bhailInbheirneis. Bha Mac-an-Tòisich féin aig a cheart àm sin na cheann-armailt ann am feachd Righ Deòrsa, ach bhabhaintighearn aig abhaile, bean-uasal fhoghainteach aig a robh mòr spéis don Phrionnsagus a bha an deigh àireamh de Chlann-Chatain a thogail na aobhar, ’nuair a fhuair i Mac-an-Tòisich ás an dùthaich. Faodaidh sinn a mheas nach robh arigh a bfhearr leis a bhainntighearnthighinn a dhiarraidh cuid na h-òidhchoirre na Tearlach Stiùbhart, a bha i bho chian an geall aig fhaicinn. Bha rùn air a nise fantuinn ann an taigh na Mòidhe car beagan laithean gus an tigeadh an fheachd a bha mun àm so sgaoilte feadh na Dùthcha cruinn cuideachd, oir chaidh innse do Thearlach ann an so gun robh a nàmhaid Morair Loudon le seachd ceud fear ga fheitheamh ann am bailInbheirneis. Ma chùig uairean samhadainn di-Dòmhnaich chuala Morair Loudon gun robh am Prionnsann an taigh na Mòidhe, gun a bhi còladh ris ach prasgan beag dheth a luchd-leanmhuinn. Mun àm sin bha seana bain-tighearna Mhic-an-Tòisich a chomhnuidh ann an Inbheirneis, agus chual i gun dhfhalbh am Morair agus fheachd a chum na Mòidhe los am Prionnsa ghlacadh. Air ball chuir i gillòg dam bainm Lachunn Mac-an-Tòisich a thoirt fios do bhean a mic mun chùis,

Ghearr Lachunn Mac-an-Tòisich aithghearra talbhainn air feachd a Mhorair agus rainig eMhòidhe na làn fhalas ma chuig uairean sa mhadainn luain, leis an naigheachd so: —Gun robh Morair Loudon, le cuig ceud fear ann an uighe mìle do thaigh na


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROGDEASHN-ACAH DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


F. O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[167]

[Vol . 9. No. 21. p. 7]

Mòidhe. Air ball chaidh am Prionns a dhùsgadh agus a threòrachadh gu àite falaich ma bhruachan Loch Mòidhe far an tug Loch-iall agus cuid dheth na Gàeil a bha tighn na chodhail coinneamh dha; stad iad ann an ionad sin deas gu bualadh air feachd a Mhorair nam bfheudar dhaibh. Air an òidhche roimhe sin chuir bain-tighearna Mhic-an-Tòisich seiseir fhear air freiceadan, agus Dòmhnull Friseil, gobha dubh na Mòidhe, mar cheann orra. Chuir an gobha an armailt bheag so ann an òrdugh cho mathsa dhfhaoda e; thug e orra laidhe sios a measg phreasan bealaidh a bha ri taobh an rathaid le gunnaidhean làna, agus gach aon uidhe araid bho chéile; dhiarr e losgadh cho luath sa chitheadh iad coltas feachd a tighinn dlù dhaibh. Fa-dheoigh thàinig toiseach armailt aMhorair ann an ionad urchair dhaibh, agus loisg an gobha an làn a bha na sheanna mhosg ghlagaich féin nan còdhail; agus air maluinn, ged a be urchair h-eab a bha sin, cha bann annssan fhraoch a chaidh am peileir! —mharbh e pìobaire Mhic-Leòid Dhùn-bheagain a bha cluich air fior thoiseach na feachda. Cho luath sa chuala còmpanaich a ghobha fuaim na làmhaich, loisg gach fear a ghuna féin, agus leònadh leo so triuir no cheathrar dheth an fheachd. Ghlaodh an gobha an sin le guth ard-labhrach:— “A Chlann Dòmhnuill, seasaibh air an laimh dheis, a Chlann Chatainn seasaibh air an laimh chlì, agus seasaidh mi-féins na Frisealaich sa mheadhon, agus faiceam nach leig sibh anam beò dheth na ghràisg as, a thàinig air bhur Prionnsa gráidh a mhort.” Air cluinntinn so do dh-armailt a Mhorair shaoil iad gum be guth Loch-iall a chualiad, a toirt ordugh de mhor-fheachd aPhrionnsa tòiseachadh orra: ghlac maoim as uabhas iad gu léir, agus ann am priobadh nan sùlchuir gach fear aghaidh air iòllsa clùl ri ain-eola pilltinn air an ais ann am mòr bhreisleich, a saltairt air muin a cheile, am fear bu laige bha en iochdar, ’s am fear bu treise bha en uachdar, agus cha do sheall iad aon uair as an deigh, gus an dfhàg iad an gobha agus àrmailt àireamh mhìltean air an cùl. Bha Tighearn òg Bhaile-nan-Gobhann fad iomadh bliadhna ann an armailt Rìgh Deòrsa agus ann an iomadh blàr fuileachdach ás na Rioghdan so, agus chualas e gu tric ag aithris, nach fac e riabh ruaig cho dorainneach riRuaig na Mòidhe.” Chaidh sgeul air euchd aghobha aghiùlan a dhionnsaidh Thearlaich: an sin dhfhag e-féin, agus a luchd-leanmhuinn an ionad fhalaich, agus chaidh iad le mor ghàirdeachas gum biadh-maidhne gu taigh na Mòidhe.

Air an latha sin féin an t-ochdamh de chiad mhìos an Earraich, fhuair Tearlach cuid mhath dheth an àrmailt cruinn, agus ghabh e air aghaidh do bhaile Inbheirneis, nithug air Morair Loudon teicheadh le choig ceud diag fear a null thar Port Cheasaig gu Shiorramachd Rois. Bha Morair Seòras Moireach a nis air tighinn leis na réiseamaidean Macrach agus leis na marcaich. Fhuair am Prionnsa nisarmailt aon uair eile cruinn, agus thòisich iad air séisd a chuir ri gearasdan Air-nan-Saor. Fo ceann latha ghéill an gearasdan agus fhuair iad ann ma thuaiream ceud baraille feòla, &c ., ni a rinn mòran fuasglidh air feum an àirm.
(Ri leantuinn.)


Iadsan a Phaigh.

Oighrig Nic Aoidh, Beinn a Mharmoir.
Tormad Mac Ascuil, Sidni.
Alasdair Mathanach, Malagawatch .
Bean Lachuinn Mhic Gille-mhaoil, Loch Ainslie.
Aonghas Domhnullach, Amhuinn a Tuath.
Anna Mhathanach, Valley Mills.
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien.
M. R. Mac Neill, Benacadie .
Lachuinn Mac Gilleain, Orangedale .
Calum Mac Leoid, Orangedale .
Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett.
Mairi Nic Gill-fhaollain, Braigh Mhargaree.
Iain Mac Fhionghain, (Taillear), Sidni.
Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sidni.
Micheal H. Domhnullach, Sidni.
Eoseph S. Mac Dhuibhi, Sidni.
Sim A. Gillios, B . C. Chapel.
Catriona Sheathach, Grand River.
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
Lachuinn Domhnullach, Milton .
D. I. Domhnullach, Bridgeport .
Iain N. Domhnullach. Sidni Tuath.
Iain Mac Amhlaidh, (Eildear), Port Morien.
Bean Iain D. Mhic Fhionghain Kirkwood.
Micheal Mac Neill, Glengarry Valley.
Uilleam Domhnullach, Marion Bridge.
Aonghas Mac Cuithein, Framboise .
Coinneach A. Mac Leoid, Framboise .
Eos A. Mac Fhionghain, Narrows Mhora.
Donnacha Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N.S.
An t-Urr. Iain I. Siosal, Pictou , N.S.
Calum Mac Mhannain, Braidalbainn, E. P. I.
Cailean Mac Gilleain, McLennan P. O., Ont.
Iain Dughalach, Sowerby , Ont.
Aonghas Johnson, Park Hill, Ont.
Bean Aonghais Bhell, Wiarton , Ont.
Daibhidh Spence, Toronto , Ont.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Calum Deora, Dunbheagain, Ont.
Aonghas Mac Fhearghais, Port Hammond, B.C.
A. B. Mac Leoid, Plymouth Tuath, Mass.
D. I. Mac Pharlain, San Francisco, Cala.
Iain Mac-a- Phearsain, Somerville , Mass.
H. A. Mac Gillebhrath, Ashtola , Penn.
Domhull Mac-an-Toisich, Greenleaf , Michigan.
D. Mac Coinnich, Amhuinn Mhitchell, E. P. I.
Gilleasbuig Nac Phaidein, Hogomah .
Lachuinn Mac Guairi, Amhuinn Mheadhonach
Iain Domhnullach, Beinn Mhic-Gill-Andrais.
Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac.


BAS.

Aig Eilean Christmas, air an 17mh latha de Nobhember, Catriona, bantrach Ailein Mhic Neill. an greusaiche, aig aois ceithir fichead bliadhnasa sia. Rugadh i aig a Cheann Dearg, an siorrachd Victoria, agus bu nighean i do Ailean Mathanach. R. I. P.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’001yr.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[168]

[Vol . 9. No. 21. p. 8]

CUMHA.

LE NIALL MAC-AN-ABA.

Do Mhàrtuinn Màrtuinn, dom bu cho-ainm Màrtuinn Mor a Bhealaich.

Nam bfhear facail no dàin mi
Bhon la thiodhlaiceadh Màrtuinnsa chìll,
Mar chuimhneachan bàis ort
Bheirinn greis air do nàdar math ìnns’.
Cho fadas a beol dhomh
Bha gach teisteanas mòr air do thì;
S mairg finas an dfhalbh thu
S a liuthad deagh ainm air do ghniomh.

S còir dhomh labhairt neo-chearbach
Ann an toiseach mo sheanachaisthoirt bhuam,
Mun og mhisneachail, chliuiteach,
So a thog iad air ghiulan Di-luain.
Gun robh silteach gu siubhlach
A tuiteam bho shùilean dhaoinuaisl’,
Bhon lachuir iads an ùir thu,
Ann am fois bho nach dùisg thu a suas.

Bu tun gasan neo-lapach,
Gun robh rogha gach maisort, a laoich;
Nam bu treun anns an fheachd thu
Bhiodh tu ainmeil mar ghaisgeach aig daoin’.
S mairg a bhagradh an dòrn ort
Nan cuireadh tun tòrachd ga thaobh;
Cha robh fear a thoirt cùis dhiot,
Mar mo bharail, an tùbh so den chaol.

Gaol peathar, gaol bràthar,
Gaol athar is màthar gun cheist,
Gaol mna oig agus leannain
Mar nach faodadh iad fhalach no chleith,
Gaol na mnathathug cioch dhuit,
S mun ghniomh sin cha baireach i dheth;
Bha sud agad a Mhàrtuinn,
S tha iad uilair an cràdh as do leth.

S beag an t-ionghnadh do mhàthair
Bhi gun aighear, gun slàinte, gun sunnd;
Is a sùilean bhi dòrtadh
Ri sior shileadh nan deoir os do chionn.
Gur h-i naidheachd na Ciadain
A bhrosnaich gu liathadh a cùl,
Mun fhiuran ghlan, chiatach,
Dhan robh tuigsagus riaghailt mhic Diuc.

S beag an t-iongnadh do chéile
A bhi airsnealach, eisleineach, tinn;
S a bhi tric ort asmaointinn,
S a bhicadal gle aotrom ga chinn.
Chaill i companach guailne
S an robh tuigsagus uaisle mhic righ;
Gur a h-iomad bean uasal
A bha caoidh an fhir shuairctha ga dìth.

S ann an toiseach a gheamhraidh
A fhuair do dheagh chleamhnan an sgath;
Chaill iad ceile na baintighearn,
Ort bhan aghaidh gun sgraing air dheagh dhreach.
An àm cruinneachadh nan uaislean,
Ort a thigeadh gach tuairisgeul ceart,
S tu lan modh agus eolais
An àm suidhe mun bhord ann an sreith.

Bu tu marcach nan steud-each,
Cha robhn taobh-sa Dhuneideann na bfhearr;
Gum bu tlachdmhor thud dhiollaid
Air each cruitheach mor briaghachinn àird,
Nuair a bhiodh tu air Ghalltachd,
S tu gum buidhneadh an geall leat thar chàich;
Bu leat urram gach reise,
Fhir mhoir mhacantbu bheusaiche gnaths.

S mor an naidheachd am bliadhna
Gu bheil Lachasa riabhach gun cheann;
Ge be rachadh ga fiachainn,
Tha a seoltans a riaghailt air chall,
Tha a h-uaisleans a h-ìslean
A sior-ionndrainn an fhirein a bhann.
Ged a rinn mi sud innse,
Cha do chuir mi ceann-crich air mo chainnt.

Co a sheall ann ad aodunn
Nach deanadh deagh fhaoilte ri dghnàs.
S mor na bhort de luchd ionndrainn
An àm suidhes a chuirts an taigh bhàn.
Bha do ghnothaichean seasmhach,
S gum bu lionmhor ort teisteanas àrd;
Dhfhàg thu uile iad an riaghailt
Mar a dheanadh neach iarraidh roimhn bhàs.

Bha thu foghainteach, làidir,
Bha thu iriseal, tàbhachdach, ciuin;
Dreach an t-samhraidh mar shnuadh ort,
Cha robh ainneart no fuachd ann ad ghnùis,
Fiamh a ghaire air do mhala,
S bu phailt blàths ann an sealladh do shùl,
S mor an leonthug do bhàs
As a mhuinntir a dhfhàg thus an Dùn.

Ciod a bhuaidh a bhair duine
Nach robh suas riut bho dmhullach gu dbhròig’.
Bha thu macanta, siobhalta,
Cha togadh tu striths an taigh-òsd’;
Lan de cheill is de ghliocas,
Lan de dh-eolass de thuigsebha mor;
Cuimhneach, sealltuinneach, rianail,
S cha robh mealladh am briathraibh do bheoil.

S ann na laighe gun éirigh
Tham fear mòr nach drinn eucoir air neach;
Gun robh tuigsagus reusan
A streup riut le cheile mu seach.
Bha thu ceannsgalach, treubhach,
Bu leat urram nan ceud air an fhaich’;
Bha thu modhail, lan eolais,
Is a h-uile ni còir ann ad bheachd.

Bha thu caoimhneil gun àrdan,
S tu a sior chur do chairdeis an liad;
Bha thu iochdmhor, ro bhaigheil
Ris gach duinebhan sàs agad riamh.
S i mo bharail gu làidir
Gu bheil tanam làn shàbhailtaig Dia;
S iomad beannachd le dùrachd
Bha, ’n uair dhfhalbh thu, guchùirt leat atriall.

Bha thut iasgairs ad shealgair,
Gun robh cuimse gun chearb ann an laimh;
S i do shuil bu ghlan dearcadh,
Cas thu dhìreadhs a dhastar nam beann.
Anns a h-uile deagh chleachdadh
Bha do shuil is do thlachd gu fior theann;
S bhon lachaidh thu fon fhuar-lic
Tha do chàirdean bochd truagh dheth mun call.


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH

Tha sinn acreic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.

Do Ghillean do Dhaoines do Chloinn.

Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tighnn a stigh.

H . H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dhan stor againne chi thu gur ann againn a than stoc Chlocaichean as motha thasa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.

Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.

Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 21
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 21. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page