[169]

[Vol . 9. No. 22. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 30, 1900. No. 22.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

LE IAIN.

CAIB. IV.

AMHIC, CUIMHNICH.”

AIDICHIDH gach neach anns am bheil tùr is ciall is gliocas, agus anns am bheil abheag no mhòr de sholus spioradail, gun drinn Dia na h-uile nithean gu ro mhath. Ach ged a dhaidicheas daoine so, gidheadh tha ena chleachdadh cumanta am measg dhaoine a bhithfaotainn coire do dhobair aChruithfhir, agus a bhithg iarraidh fios air nithean a chunnaic Dia, ’na ghliocas siorruidh, iomchuidh a chumail an cleith orra.

Is e cuimhne air nithean a chaidh seachad aon de na buadhan cho luachmhors a bhuilich Dia air achinne-daon. Ach bfhearr le mòran fios fhaotainn mu na nithean a tha gu tachairt dhaibh fheins do mhuinntir eile, na cuimhne a chumail air na beachdan faoine agus na cleachdaidhean amaideach, suarach, a bhaca fheins an àm a dhfhalbh, agus a bha mar an ceudna aig na daoine on dthàinig iad.

Chaneil ni as soilleire air a theagasg dhuinn anns aBhìobull na gum bheil Dia anabarrach diùmbach don mhuinntir a than geall air fiosachd. Faodaidh sinn a chreidsinn gun robh Dia comasach air ar cruthachadh air a leithid de dhòighs gum biodh fios againn air na nithean a tha ri teachd, agus nach biodh cuimhne sam bith againn air na nithean a chaidh seachad. Nam be so an dòigh a bfhearr, faodar a bhith cinnteach gun do ghnàthaich Dia i; ach o nach do ghnàthaich e i, tha sinn làn-chinnteach nach robh i ceart.

Ma bheir sinn fa near achùis car tiotaidh, tuigidh sinn gum bheil achuimhne air aon de na buadhan air am bheil Dia ag oibreachadh gu cumhachdach lefhacal agus leSpiorad. Nach ann le eachdraidh a tha cuimhne dhaoine air a beothachadhs air a neartachadh ann an tormhas mòr. Nach e eachdraidh a thanns achuid as dha na bheil anns aBhìobull? Nacheil so ateagasg dhuinn gum faod sinn mòran eòlais agus gliocais, agus fiosrachaidh fhaotainn o bhith, gabhail beachd air dòighean agus cleachdaidheanh nan Gàidheal a bhann anns na làithean a dhaom mar a gheibh sinn o bhithgabhail beachd air dòighean agus cleachdaidhean nan Eiphiteach, nan Canaanach, nan Asirianach, agus nan Israeileach? Ann an leabhar naomh Dhé, tha cunntas againn air beachdan agus cleachdaidhean dhroch dhaoine; agus tha eadhoin breugan, agus buairidhean, agus meallaidhean, agus cuilbheartan shàtain air an cur gu soilleir far comhair ann. Mur biodh so feumail dhuinn, cha bhiodh e air òrdachadh le Dia. An duine anns am bheil tùr agus gliocas, gheibh e fiosrachadh o eachdraidh dhroch dhaoine mar a gheibh e o eachdraidh dhaoine matha.

Anns achairt-iùil, tha na sgeirean air an robh soithichean air am bristeadh air an comharrachadh am mach a cheart cho maths a tha na callachan sàbhailte anns am faigh an long fasgadh agus tearuinteachd an uair a dhùisgeas aghaillionn agus an stoirm.

Tha na h-uile a thug achùis fa near le cùram acreidsinn, gum biodh e anabarrach feumail dhuinn a bhith na beòlaiche air beachdan an t-sluaigh, agus air cor na dùthchadhs an àm a dhfhalbh na tha sinn. Tha na nithean so rin toirt fa near, chan ann a chum gun leanamaid anns gach ni, cos-cheuman na muinntir a dhfhalbh, ach a chum gun tuigeamaid nas fhearr gum bheil sinn fhein air ar cuartachadh le iomadh sochair luachmhor nach robh idir acasan, agus gum bu chòir dhuinn, air an aobhar sin, a bhith air thoiseach orrasan ann an gliocas, ann an tuigse, ann an spioradalachd, agus ann an taingealachd.

Faodar a thoirt fa near an so, gum bheil inntinnean an t-sluaigh ann an cumantas an diugh mar a bha inntinnean an t-sluaigh a bhann o chionn tri fichead bliadhna. Tha breugan, brosgul, cùl-chàineadh, sannt, mealltaireachd, agus fuar-chràbhadh nas pailte am measg dhaoine an diugh na tha iomadh neach an dùil. Tha na bheil againn ri innseadh mu dhaoine a bhann o chionn tri fichead bliadhna fìor gu leòr; agus dhfhaodamaid an tuilleadh innseadh, nam biodh e feumail. An uair a bhios sinn aleughadh aBhìobuill, abradh gach aon dhinn, “Am bheil na briathran so ann an dòigh sam bith afreagairt ormsa?” Agus ged nacheil sgrìobhadh sam bith ri bhith air a choimeas ris na bheil anns aBhìobull, abramaid, an àm a bhithleughadh nan duilleagan so, “Am bheil sinne nas fhearr, na nas miosa, na na daoine air am bheil cunntas againn anns an sgeul so?” Am feadhs a tha e iomchuidh dhuinn amharc air an sgeul mar eachdraidh, feuchamaid ris gach ni olc a chi sinn air aithris ann a sheachnadh; agus ma chi sinn ni ann as fhiach a ghabhail mar eisimpleir, gabhamaid mar sin e. Bheir an seillean mil as an lus anns am bheil am puinnsean, agus bheir an duine glic, tuigseach, geurchuiseach, foghlum agus gliocas as gach ni a chi, a chluinneas, agus a leughas e. Ach feumaidh sinn a nis a dhol air aghart leis an sgeul.

Cha deachaidh Lachlainn a steach cho luaths a bha dùil aig a mhnaoi ris; oir thainig beagan maille air anns an stabull. An uair a dhfhalbh e on taighs amhadainn, bha ena bheachd fuireach abuain an fhraoich gus am biodh an dubh-oidhche ann. Air an aobhar sin thug e leis gach sùgan a bhaige, agus ceanglaichean nan each mar an ceudna, gus na sopagan fraoich a cheangal. Agus chan fhaigheadh e na h-eich a cheangal gus an do chuir e na ceanglaichean air dòigh mar a bha iad roimhe. Bha amhaille so gu mòr ann am fàbhar na mna; oir fhuair i ùine gu leòr gus gach ni a bhuineadh don chuirm a chur as an t-sealladh.

An uair a chaidh Lachlainn a steach an déigh dha na h-eich a cheangal, agus fodar a thoirt dhaibh, bha am biadh deas air a choinneamh. Bhaphoit ann an oir an teine, agus thog a chridhe rithe an uair a chunnaic e i. Mar a than seanfhacal ag radh, “Is geur fiacail on fhraoch,” agus bha geurag mhath air Lachlainn air an fheasgar ud.

Tha mifaicinn gum bheil am biadh deise agad, a Chatriona, ged a thainig sinne dhachaidh na bu tràithe na bha dùil againn. Chaneil fhios agam fhein cuin a bha mi cho toilichte aphoit fhaicinn ri taobh an teines a tha mi nochd fhein. Tha mi gus mo tholladh leis an acras, agus tha mi gle sgìth,” arsa Lachlainn.

Greas thusa air do lamhan a nigheadh. Tha greis on a chuir mise an ann an tarruinn. Chan fheairrd i bhith tuilleadh is fada ri taobh an teine idir,” arsa Catriona.

Ma chuireas tusa siucar is uachdar gu leòr innte, bidh i math gu leòr leamsa. Is mise am fear nach gearain oirre ged a bhiodh i cho tiughs cho dubh ri sùgh na roide.”

Cha robh fear gun latha, ach fear gun lathidir. Agus bha latha ann anns nach cuireadh sealladh dhen phoit aoidh sam bith air do ghnùis.”

Riamh on lathatheab mi bhith marbh le goirteas mo chinn, agus a leighis thu fhein mi le cupa math làidir , tha creideas agàm innte,” arsa Lachlainn.

Tha mi glé thoilichte gum bheil a leithid de mheas agad air an ; oir gheibh mi fhein cupa math dhi uair is uair air do shaillibh. Tha dòchas agam gun toir thu dhachaidh punnd dhen cho maths a thann am bùth aGhriogalaich; oir tha am beagan a thainig dhachaidh mu dheireadh air thuar ruith am mach,” arsa Catriona.

Ma bheir mise dhachaidh , is ann air do shon-sa, agus air mo shon fhein. Chaneil feum aig achloinn air idir; agus mu dheidhinn na searbhanta, thig i gu math as a h-aonais. Agus tha mi am muighsam mach an aghaidh dhut a bhithdeanamh do na h-uile cailleach a thig an rathad. Bheiread cuid dhe na cailleachan as aithne dhomhsa an leith-shùil air son cupa , mar a thug an cat air son abhainne. Ach mur deanadh iad de chron ach cupa òl, cha bhithinn agearain. Mar a tham facal ag ràdh, ‘Chan fhiach achuirm gun a còmhradh;’ agus chan òlar an le tlachd mur bi naigheachdan na duthchadh air an aithris an àm a bhithg a h-òl.”

Chaneil duine sam bith nach fheum naigheachd innseadh uair no uaireiginn. Is beag orm fhein daoine dùinte, gruamach aig nach bi facal ri radh. Cha chreid mi gum bheil abheag de thlachd aig duine sam bith dhiubh,” arsa Catriona.

Tha meas aig gach neach anns am bheil tùr air daoine aoidheil, foscarra, comhraiteach, a dhinnseas sgeul fìrinneach, agus nach tog tuaileas no droch sgeul air an coimhearsnaich. Ach cùl mo làimhe ris na mnathan a shuidheas mun bhòrd a dhòl na , agus a bhios gu brosgalach, breugach, giodalach, sodalach, tuaileasachnan comhradh, agus a their riut, an uair a dhinnseas iad dhut a h-uile naigheachd as lugha bonns is breugaiche na cheile, ‘Feuch a nis nach toir thu guth ri duine



[170]

[Vol . 9. No. 22. p. 2]

gun dinnis mise sid dhut.’ Creid thusa mise, no na creid, ach tha miseg innseadh dhut, gun toir a h-uile te a bheir naigheachd ugad, naigheachd uat,” arsa Lachlainn.

Fhadsa bha Lachlainn ag innseadh a bheachd air na mnathan a bhiodh ag òl na , bha Catriona agabhail an eagail gun do ghabh e amhrus gun robh cuirm aice fheins aig an dithis mhnathan eile. Thainig luaths air a cridhe, agus bhrùchd a fuilna h-aodann. Agus mur be gun robh Lachlainn cho trang agabhail a bhìdhs nach do sheall e oirre aig an àm, dhfhaodadh e aithneachadh oirre gun robh i ciontach do ni eiginn.

Cha chuireadh na bheir mise de thì dha na cailleachan call air duine sam bith. Is leasg leam a bhith doichleach ri mnathan bochdathig thun an taighe aig àm bìdh. Bheir thu fhein cuireadh uair is uair do dhaoine gu tighinn thun an taighe. Rinn thu sin an uiridh, an uair a thachair am marsanta-paca riut shìos aig an amhainn. Chaneil mise an aghaidh dhut sin a dheanamh uair sam bith; oir tha e air iarraidh oirnn aoidheachd a thoirt do choigrich,” arsise.

Ma ta, Chatriona, mur do mheall mo bharail mi, is ann air shaillibh na h-aoidheachd sin a fhuair mise cead a dhol don Ghlaic Mhoir a bhuain an fhraoich an diugh.”

Anns an fhacal thainig an t-searbhanta steach is i an deigh an crodh a chur don bhàthaich, agus chaidh stad air achomhradh a bheadar Lachlainn agus a bhean.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

BEDER, PRIONNSA PHERSIA.

CAIB. XII.

Feumar a nis tilleadh ri Beder. Mar a dhainmicheadh mar tha, dhfhagadh air eilean es e ann an riochd eoin. On a bhathurs a chiall aige mar dhuine, bha ioghnadh gu leor aige dhe fhein. Ged a bha e gle mhi-shona a chionn e bhith ann an riochd eoin, bha e moran na bu mhi-shona a chionn nach robh fhios aige caitan robh e, no co an taobh a bheireadh eaghaidh gus a dhol do rioghachd Phersia. Ach ged a bhiodh fios aige air an rathad bu choir dhaghabhail, agus cho maths a rachadh aige air falbh air iteig tarsuinn achuain mhoir gus an ruigeadh e Persia, cha deanadh e math sam bith dha; oir cha chreideadh duine sam bith a chitheadh e gum bu righ e. Cha robh aige ach fuireach far an robh e, agus e fhein a chumail beo cho maths a dhfhaodadh e leis abhiadh a bhiodh na h-eoin ag itheadh, agus an oidhche chur seachad ann an craoibh.

An ceann beagan laithean thachair gun dthainig eunadair le linns le ribeachan don aite anns an robh e. Bha aoibhneas mor air an eunadair so an uair a chunnaic e an aon eun bu bhoidhche a chunnaic a shuil riamh ag itealaich gu socrach am measg nan craobh, agus chuir e roimhe gun glacadh e e nam burrainn e. An deigh dha iomadh oidhirp a thoirt air an eun bhoidheach a ghlacadh, ghlac e mu dheireadh e. Bha e anabarrach aoibhneach an uair a fhuair e greim air, gu h-araidh a chionn nach fhacas riamh eun dhesheorsa anns an duthaich ud. Chuir e ann an eun-lann e, agus dhfhalbh e leis don bhaile.

An uair a rainig e am margadh, thachair duine ris a dhfheoraich dheth ciod a bhiodh eg iarraidh air an eun. An aite freagairt a thoirt dha, is ann a dhfheoraich e dheth ciod a bha e gus a dheanamh ris an eun an deigh dha cheannach. “Ciod a tha duil agad a ni mi ris ach a rostadh agus itheadh?” arsan duine.

Mas e sin a tha thu gus a dheanamh ris,” arsan t-eunadair, “is cinnteach gun saoil thu gum bi mise paighte gu leor ma bheir thu dhomh bonn beag airgid air a shon. Ach than t-eun nas luachmhoire na sinnam shealladh-sa. Cha tugainn dhut e ged a bheireadh tu dhomh bonn oir air a shon. Ged a tha minam sheann duine, chan fhaca mi riamh fhathast eun eile dhe sheorsa. Tha enam bheachd a thoirt mar thiodhlac don righ. Bidh fhios aige-san air luach an eoin nas fhearr na thagadsa.”

Gun dail sam bith dhfhalbh an t-eunadair direach pu ruige luchairt an righ, agus an uair a rainig e sheas e mu choinneamh an t-seomair anns am bu ghnath leis an righ a bhithna shuidhe. Thachair gun robh an righ aig an àmna sheasamh aig uinneag an t-seomair far am faiceadh e gach ni a bhiodh adol air aghart anns achuirt a bhair beulaobh na luchairt. Ghrad thug e an aire don eun bhoidheach a bhaig an eunadair, agus chuir e oifigeach am mach gus a cheannach. Dhfheoraich an t-oifigeach dhen eunadair ciod a bhiodh eg iarraidh air son an eoin.

Mas ann don righ a tha thudol ga cheannach, tha mi gu h-umhail aguidhair gun gabh e uam e mar thiodhlac, agus bheir thusa ga ionnsuidh e,” arsan t-eunadair.

Thug an t-oifigeach an t-eun thun an righ. An uair a chunnaic an righ gur e eun annasach a bhann, dhordaich e deich buinn oir a thoirt don eunadair. Bhan t-eunadair gle thoilichte leis na fhuair e, agus dhfhalbh e.

Dhordaich an righ an t-eun a chur ann an eunlann a bha anabarrach mor, maiseach, agus gran is uisge a chur dha ann an soithichean oir.

Anns an àm bhan righ adeanamh deiseil gu falbh a shealgaireachd, agus cha robh uine aige gus beachd ceart a ghabhail air an eun. Ach cho luaths a thainig e dhachaidh, thugadh an t-eun ga ionnsuidh.

Thug an righ an t-eun as an eun-lann, agus chuir ena sheasamh air a bhois e. An uair a bha e greis abeachdachadh air, dhfheoraich e am faciad ag itheadh rud e.

Ler cead, a righ,” arsan t-oifigeach, “faodaidh sibh feinfhaicinn nach do bhlais e air abhiadh no air an deoch a thugadh dha.”

An sin dhordaich an righ caochladh sheorsachan bidh a thoirt ga ionnsuidh a chum gun itheadh e an seorsabfhearr leis.

Thachair aig an ams an dthug an righ an t-ordugh so seachad, gun robh an dinnear air a cur air abhord don righ. Agus an uair a chunnaic an t-eun so, chrath esgiathan, agus leum e bhar lamh an righ thun abhuird, agus thoisich e ri sgrobadh an arain agus abhidh eile a bhair abhord. Chuir so ioghnadh gu leor air an righ. Ghrad chuir e fios air abhanrigh gus i thighinn a steach a dhfhaicinn an ioghnaidh.

An uair a chuali mar a bha, ghrad thainig i steach. Ach cha bu luaithe chunnaic i an t-eun na chuir i srol air a h-aghaidh, agus thionndaidh i gu falbh am mach as an t-seomar. Chuir so ioghnadh air an righ. Agus o nach robh anns an t-seomar ach na mnathan-coimhideachd agus na caillteanaich, dhfheoraich an righ dhith, car son a chuir i srol air a h-aghaidh.

Mo thighearna,” arsa bhanrigh, “na cuireadh na rinn mise ioghnadh sam bith oirbh. Chan e eun nadarratha n sin idir. Is e thann duine ann an riochd eoin.”

A bhaintighearna,” arsan righ, agus barrachd ioghnaidh air na bhair roimhe, “is ann afanaid orm a tha thu. Cha toir thu ormsa gu brath a chreidsinn gur urrainn do dhuine a bhithna eun.”

Mo thighearna, is fhad a ghabhadh e uamsa teannadh ri fanaid air bhur morachd. Is i an fhirinn ghlan a dhinnis mi dhuibh. Theid mise am bannadh dhuibh gur e Beder, righ Phersia a thann. Is mac e do Ghulnara, nighean an righ aig an robh an rioghachd cho mors cho cumhachdachs a bha riamh anns achuan. Is e Saleh a tha nis a rioghachadh, brathair a mhathar, agus is ogha e don bhanrigh Farashe. Be Guhara, nighean righ Shamanndail, a chuir ann an riochd eoin e.”

A chum nach cuireadh an righ teagamh sam bith anns na bha i ag radh ris, dhinnis i dha a h-uile car o thoisich gu deireadh mar a thachair do Bheder, agus gur ann mar dhioghaltas air son mar a rinn righ Saleh air a h-athair a chuir Guhara Beder ann an riochd eoin.

On a bha fhios aig an righ gun robh abhanrigh cho foghluimte ann an ealain na draoidheachd ri h-aon a bha beo, thug e tomhas mor de chreideas do na dhinnis i dha. Agus on a bha fhios aig air gach ni a bhatachairt anns an t-saoghal, bha en comhnuidh comasach air fios fhaotainn ann an àm air gach olc a bhiodh righrean eile asmaointeachadh a dheanamh air, agus mar sin bha comas aige air bacadh a chur orra. Bha truas aige ri righ Phersia, agus ghuidh e gu durachdach oirre gun togadh i dheth na geasan.

Bhabhanrigh toileach gu leor so a dheanamhMo thighearna,” arsise, “mas e bhur toil e, thugaibh leibh an t-eun do bhur seomar fhein, agus nochdaidh mise dhuibh righ a tha airidh air meas fhaotainn uaibh.”

An uair a chualan t-eun an comhradh a bha eadar an righs abhanrigh, sguir e a dhitealaich. Agus an aite leigeadh leis an righ a thoirt a steach da sheomar fhein, is ann a choisich e steach ann leis fhein. An uine ghoirid thainig abhanrigh a steach agus soitheach lan uisge aice. Labhair i briathran os cionn an t-soithich uisge nach do thuig an righ, ach a thug air an uisgebhith goil. Thog i boiseag dheth, agus chrath i air an eun e, agus thuirt i, “Le buaidh nam briathran naomha, diomhair so a labhair mi agus ann an ainm Cruithfhear nan neamhan agus na talmhainn, a tha dusgadh nam marbh, agus a thacumail suas achruinne-che, na bi nas fhaide ann an cumadh eoin, ach gabh gad ionnsuidh an cumadh a thug an Cruithfhear dhut.”

Mun gann a leig abhanrigh na facail so as a beul, chunnaic an righ an t-eun a bha air a bheulaobh air a chruth-atharrachadh gu prionnsog cho maiseach cumadh, agus cho eireachdail dreachs a chunnaic a shuil riamh.

Anns amhionaid leig Beder e fheinna shineadh air a ghluinean agus thug e tainig do Dhia air son an fhabhair a chaidh a bhuileachadh air. An uair a thug an righ a lamh dha gus a thogailna sheasamh, thug e pog dha laimh mar chomharradh air a thaingealachd dha. Rug an righ airna ghairdeanan le mor aoibnneas, agus leig e ris dha gun robh toileachadh mor aige an uair a chunnaic e e air atharrachadh gu cruth duine.

Ged a bha toil aig Beder tainig a thoirt don bhanrigh air son an fhuasglaidh a thug i dha, cha dfhuair e cothrom air so a dheanamh; oir dhfhalbh i am mach as an t-seomar gun fhios dha.

Thug an righ air suidhe comhladh ris aig abhord, agus an deigh na dinnearach ghuidh e air gun innseadh e dha cionnas a burrainn Guhara a



[171]

[Vol . 9. No. 22. p. 3]

bhith cho cruaidh-chridheachs gun cuireadh i prionnsog, maiseach mar a bha e ann an riochd eoin. Dhinnis righ Phersia dha a h-uile car mar a thachair o thoiseach gu deireadh.

An uair a chuir e crioch air na bhaige riinnseadh, bhan righ air a bhrosnachadh cho mors nach burrainn da gun choirechur air Guhara.

Gun teagamh sam bith,” arsan righ, “tha i ri moladh air son an draghas achuraim a bhoirre mu dheidhinn mar a thachair dha h-athair; ach mu dheidhinn an dioghaltais a rinn i air prionnsa aig nach robh coire sam bith ris mar a thachair, chan urrainn di i-fhein a shaoradh o chionta. Na biodh an tuilleadh comhraidh againn mu dheidhinnn aghnothaich so, ach innis dhomh, tha mi guidhe ort, cia mar a theid agam air cuideachadh a dheanamh leat.”

Mo thighearna,” fhreagair righ Beder, “tha mi fo leithid de chomain do bhur morachds gum bu choir dhomh fuireach maille ribh fad uile laithean mo bheatha mar chomharradh air mo thaingealachd. Ach o nacheil crioch air achaoimhneas a tha bhur morachd toileach a nochdadh dhomh, tha miguidhe oirbh gun toir sibh dhomh long gus mo thoirt gu ruige Persia. Tha eagal orm gum faod an uine fhada a tha mi air falbh as mo rioghachd a bhithna mhathair-aobhair air ar-am-mach a thogail am measg an t-sluaigh, agus gum faod mo mhathair, o nach dinnis mi dhi gun robh mifalbh as an rioghachd, a bhith dluth air abhas le bron, o nacheil fhios aice co dhiubh a tha mi beo no marbh.”

Dheonaich an righ dha ga toileach long a chur leis gu ruige Persia, agus ghrad thug e ordugh an long-chogaidh bu mho a bhaige fhaotainn fo a lan-uidheam, agus na seoladairean a bfhearr a bhanns an rioghachd a chur air bord innte.

Ann an uine ghoirid fhuaradh long fo a lan-uidheam. Chuireadh biadh gu leor air bòrd, agus gach inneal-cogaidh a shaoileadh iad a bhiodh feumail.

An uair a fhuair iad soirbheas fabharrach, sheol iad. Mun deachaidh Beder air bord, thug e mile taing don righ air son a liuthad caoimhneas a nochd e dha.

Fad deich latha fhuair an long soirbheas cho fabharrachs aburrainn do neach sam bith iarraidh. Air an aonamh latha deug dhatharraich aghaoth, agus ann an uine ghoirid thoisich i ri beothachadh cho grads gun dthainig stoirm is doinnionn eagalach orra mun do tharr iad a dholnam faireachadh. Dhfhuadaicheadh an long cho fad air falbhs gun do chaill iad an cursa. Mu dheireadh bhristeadh na crainn, agus chaidh an longna connalaich air na creagan.

Bhathadh an aireamh bu mho dhe na bhair bord. Shnamh feadhainn gu tir, agus fhuair feadhainn eile gu tir air cliathain dhen luing.

Bha Beder uine fhada air a thonn-luasgadh, agus greim daingean aige air cliathan. Mu dheireadh chuir an sruths aghaoth thun achladaich e. Cho luaths a rainig e aite grunnachaidh, leig e as an greim a bhaige air achliathan, agus ghrunnaich e gu tir.

Cha bu luaitherainig e tir na choinnich eich is camhail is miulaidean is asail is daimh is crodh is tairbh, agus ainmhidhean eile e, agus iad acur rompa nach leigeadh iad leis a dhol air tir. Chuir so ioghnadh anabarrach mor air. A dholc no dheiginn gun dfhuair e, chaidh aige mu dheireadh air direadh suas do na creagan a bha air bruaich achladaich far an do leig eanail gu math, agus an do thiormaich e a chuid aodaich ris aghrein.

(Ri leantuinn.)


MAC-TALLA

Am Buideal Ime.

Bham madadh-ruadhs am madadh-alluidh afalbh comhla, ’s chaidh iad timchioll achladaich, ’s fhuair iad buideal ime, ’s thiodhlaic iad e.

An lar na mhaireach chaidh am madadh-ruadh a mach, ’s nuair a thill e staigh, thuirt e gun robh duine air tighinn ga iarraidh gu baisteadh. Dhfhalbh am madadh-ruadh as sgeadaich e e-fhein ann an deagh thrusgan, ’s ghabh e air falbh, ’s cait an deachaidh e ach a dhionnsuidh abhuideil ime, ’s thug e sios gubheul gu math as abhuideal, ’s nuair a thainig e dhachaidh dhfhoighneachd am madadh-alluidh dheth n t-ainm a bhair a phaisde, ’s thuirt e gun robhFo bhial.” An lar na mhaireach thuirt e gun do chuir duinega iarraidh gu baisteadh; ’s rainig em buideal, ’s thug e as mu leith. Dhfhoighneachd am madadh-alluidh, nuair a thainig e dhachaidh, n t-ainm a bhair aphaisde.

Mata,” arsesan, “tha ainm neonach nach dthugainn fhein air mo dhuine cloinne, nam biodh e agam. ThaMu leith mu leith. ’”

An lar na mhaireach thuirt e gun robh duine an sid, air tighinnga iarraidh-san a rithist gu baisteadh. Dhfhalbh es rainig em buideals dhith e air fad e. Nuair a thainig e dhachaidh dhfhoighneachd am madadh-alluidh dheth n t-ainm a bhair aphaisde, ’s thuirt e gun robhBuillimlich. ”. An lar na mhaireach dhfhalbh e, ’s thuirt e ris amhadadh-alluidh gum bu choir dhaibh am buideal a thoirt dhachaidh. Dhfhalbh iad agus nuair a rainig iad am buideal cha robh sgath dhan im ann.

Mata cha robh thusa gun tighinn a choimhead seo, ged a bha mise gun tighiun ann,” arsam madadh-ruadh. Mhionnaich am fear eile nach dthainig e na choir. “Cha ruig thu leas a bhith amathachadh nach dthainig thu ann; tha fhios agamsa gun dthainig, ’s gur tu thug as e; ach aithnichidh misort, nuair a theid thu dhachaidh, mas tu dhith an t-im,” arsam madadh-ruadh. Dhfhalbh e, ’s nuair a chaidh e dhachaidh, chroch em madadh-alluidh air chasa deiridh, ’s a cheann slaodadh ris, ’s bha cnap den im aige, ’s chuir e fo a bheul e, ’s ma bfhior, gur h-ann á broinn a mhadadh-alluidh a thainig e.

A dhearg mheairlich,” arsesan, “thuirt mi roimhe gur tu dhith an t-im.”

Chaidil iad an oidhche sin mar a bha iad, ’s an lar na mhaireach, nuair a dheirich iad, thuirt am madadh ruadh, “Matas gòrach dhuinn fhein a bhithdol bàs mar seo le barrachd mor den leisg; ruigidh sinn a leithid seo de bhailes gheibh sinn pios fearainn ann.”

Rainig iad am baile, ’s thug an duine, leis am bu leis am pios fearainn, daibh fiach sheachd puinnd Shasunnach. ’S e corc a chuir iad a bhliadhna sin, agus bhuain iad es thoisich iad riroinn.

Mata,” arsam madadh-ruadh, “co-dhius fhearr leat am bun nam barr? Gheibh thu do dha roighinn.”

“ ’S fhearr leam am bun,” arsam madadh-alluidh. Bhan sin aran briagha corc aig amhadadh-ruadh fad na bliadhna; ’s fodar aig an fhear eile!

An ath bhliadhna chuir iad barr; ’s e buntàta a chuir iad, agus dhfhas am buntàta gu math.

Co-dhiu as docha leat am bun nam barr am bliadhna?” arsam madadh-ruadh.

Gu dearbh cha dthoir thun car tuilleadh asam! Bidh am barr am bliadhna agam,” arsam madadh-alluidh.

Gle mhath, a laochain,” arsam madadh-ruadh. Bhan sin barr a bhuntàta aig amhadadh-alluidh a rithist; ’s am buntàta aig amhadadh-ruadh.

Bhiodh, an seo, am madadh-alluidh agoid a bhuntàta air amhadadh-ruadh.

“ ’S fhearr dhuit a dhol a nulls an tainm sin agam ann an crodhan na làire bàine a leughadh,” arsam madadh-ruadh.

Dhfhalbh am madadh-alluidhs thoisich e air leughadh an ainm, ’s uair de na h-uairean tharruing an làir bhàn a cas, ’s thilg in ceann bhar a mhadadh-alluidh.

O!” arsam madadh-ruadh, “ ’s fhada on a chuala mi e, Bfhearr leam a bhith amchleireach nabhith leughadh leabhair.”

Dhfhalbh e dhachaidh, ’s cha robh am madadh-alluidh a cur dragh air tuilleadh. —Sgeulachd.


An Talamh.

Is ball cruinn an talamh, a ta dluth air ochd mile de mhiltibh troimhe, agus còig thar fhichead mile de mhiltibh mun cuairt. Tha esiubhal mun cuairt don ghréin ann an cearcall, a tha ceithir fichead agus còig muillean deug de mhiltibh air astar uaipe: agus gabhaidh e tri cheud, tri fichead, agus còig laithean, agus than ùine so a deanamh suas na bliadhna againne. —Ged is bras a tan talamh mar so asiubhal, sea fichead uair nis luaithe na peileir gunna-mhòir, gideadh, chaneil e idir co luath ri Mercuiri, a cheann nacheil edeanamh ach mu thrì fichead agus ochd mile de mhiltibh anns an uair, am feadhs a ta Mercurideanamh corr agus ceud mile de mhiltibh! Than talamh, mar an ceudna ationndadh air a mhul fein, gach uile cheithir uaire fichead agus mar so tha ceithir uairean fichead air fad anns an latha againne-ne! Tha na nithe so uile iongantach annta fein; ach an déigh sin tha iad fior. Cha soirbh, gidheadh, le daoinibh aineolach a thuigsinn, gum bheil an talamh idir acarachadh, nogluasad as an aon aite. Tha iad mar as tric s abharail, gum bheil e neo-ghluasadach, am feadhs ta aghrian, na rionnagan, agus feachd neimhe gu leir, acur char diubh mun cuairt da! —Is iongantach leò, mar an ceudna ra smuaineachadh, gum bheil an talamh son a reult, a tan am beachdsan, nis na aon air bith de na rionnagaibh beagan drilinneach sin, chithearn am miltibh anns an speuraibh, air oidhche shoilleir. Ach tha fior, gum bheil an talamh agluasad air a mhul fein, gach ; agus ann an cearcall mun cuairt don ghrein, gach bliadhna; ceart mar a ta Mercuri, Bhenus, agus na reultan eile. Tha moran an dùil gum bheil aghrein agus na reultan, aruith gu luath anns na speuraibh mun cuairt don talamh, nacheil acarachadh asaite; ach tha iad air am mealladh an son am barail, ceart mar a ta iad, an uair a ghiulainear iad seachad gu luath air luing an cois fearainn; oir an sin, tha iad an dùil, nacheil an long acarachadh; ach gum bheil am fearann a ruith gu grad seachd orra!

Tha Dia alabhairt gu tric agus air iomadh dòigh ruinne, mar a bha elabhairt ris na h-athraichean o shean. Tha elabhairt ruinn le guth an fhacail, le guth an fhreasdail, agus le guth an Spioraid. Am bheil sinn atoirt éisdeachd is aire do na guthan so mar is còir dhuinn?

Is e subhachas neochiontach an aon ni as fhearr a chumas suas inntinn an duine; air an aobhar sin chaneil peacadh ann an gàire cridheil a dheanamh mu thimchioll ni anns nacheil olc.

Is maiseach comhairlean an duine sin aig am bheil a chaitheamh-beatha ann an co-chòrdadh richomhairlean.



[172]

[Vol . 9. No. 22. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, NOBHEMBER 30, 1900.

THA Crugar an deigh an Fhraing a ruigheachd, agus tha na Frangaich adolnam boil uime. Chan eil urram is urrainn daibh a chur air tuilleadh us mor air a shon; ged bu Fhrangach e air tilleadh à dùthaich chéin an deigh buaidh mhor a thoirt am mach, ’s gann a dheanadh iad a bheatha na bfhearr na rinn iad beatha Chrugair. Chan ann air son càirdeas sam bith a thaca do Chrugar a tha iad adeanamh so; nam bann ri rioghachd sam bith eile ach ri Breatunn a bha Crugar acogadh cha chuirte urram mor sam bith air anns an Fhraing. Tha Crugar, anns na h-òraidean a tha e liubhairt acur sios gu mor air na Breatunnaich, ag radh gu bheil iad nas an-iochdmhoire na fineachan fiadhaich Africa, agus nithean eile nach eil e-fhéin acreidsinn nas mo na tha iadsan ris am bheìl e a labhairt. A reir a sgeòil fhein tha fiosrachadh aige a bheir air rioghachdan na Roinn-Eorpa a phàirt a ghabhail an aghaidh Bhreatuinn, agus ma bhios iad cho olcs nach gabh iad a phairt idir, tha edol air ais don Transbhaal.

Is neonach da-rireadh an seòrsa chogaisean a thaig cuid de dhaoine. Gabhaidh iad paipear o bhliadhna gu bliadhna, leughadh iad fein e o thoiseach gu deireadh, agus an deigh sin bheir iad seachad an iasad e do fhear mu seach den coimhearsnaich. Ni iad moladh mor air a phaipear, agus ni iad saoghal fada agus sonas a ghuidhe dhaibhsan a tha ga chur a mach. Ach uiread us dath an airgeid cha chuir iad aìr adhart gus a phàigheadh; agus nuair a ruitheas ceithir no coig de bhliadhnaichean, ’sa bhios iad a smaoineachadh gu bheil muinntir a phaipear a teannadh rigabhail fadachd, diùltaidh iad a thoirt a oifis aphosta, agus iarraidh iad air a phostmhaighstir a chur air ais agus e sgriobhadh an fhacailRefusedair. Agus an deigh dhaibh sin a dheanamh, gabhaidh iad an ùrnuighs theid iad a chadal an oidhche sin mar a bàbhaist, gun uiread us smaoineachadh orra-san air am bheil iad a deanamh na h-eucoir. Tha moran dhen t-seòrsa sluaigh so anns an t-saoghal. Tha iad rim faotainn, eadhon am measg nan Gàidheal a thagabhail MHIC-TALLA; agus ma chuireas neach sam bith sin an teagamh, theid againn air innse co iad air an ainms air an sloinneadh.


Litir Bheag a Australia.

A MHIC-TALLA GHAOLAICH: —Is ann le toileachas mor a tha mi sgriobhadh so gu dionnsuidh. Bha mi shuas aig Brewarrina air an t-seachdain sa chaidh, aig fosgladh an rathaid-iaruinn. Bha moran de bhuill na pàrlamaids de dhuaislean na dùthcha an làthairam measg chàch Mr. E. OSullivan, Ministear Obraichean, Mr. P. Crick, an t-Ard-phostmhaighstir, agus buill na Comhairle Rioghail, a tha fiosrachadh mu chor tuathanaich nan caorach, aig am bheil fearann air mhàl on chrùn. Chuireadh call mor orra sin leis an tiormachd a thann o chionn tri bliadhna. Thatar an dùilnuair a chriochnaicheas achomhairle so an obair gun dean an riaghladh cuideachadh leotha air dhòighs gun teid aca air cumail air an aghart gus an tig uisge. Tha micur ugad àireamh den phaipear-naigheachd, Brewarrina Times, anns am faigh thu cunntas as fhearr air na gnothuichean sin nas urrainn dhomhsa thoirt dhut. Bha àireamh dhen MHAC-TALLA agam air mo shiubhal, agus fhuair mi fear-gabhail ùr dha, Eoseph Mac-Coinnich. Gheibh thu òrdugh air son an airgeid anns an litir so. Chan eil a Ghàilig aig Mac-Coinnich idir, ged a bha i aig a shinnsirean, ach tha e air son am paipear a chumail suas, agus mar sin tha ecur ga iarraidh.

Tha mi dol gu cruinneachadh Gàidhealach a tha gu bhi aig Bourke, da fhichead mile á so, air an 12mh latha dhen ath mhios, agus feuchaidh mi ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn ann an sin.

Bheir mi a nise mo litir ghoirid gu crìch le bhiguidhe saoghal fada, soirbheachail do MHAC-TALLA.

Do charaid dileas,
ROB TURNBULL.
Brewarrina Road, N. S. W.,
October, 15, 1900.


Chaidh fear Gilleasbuig Domhnullach a mhuinntir Sand Lake a mharbhadh leis a charbad-iaruinn faisg air Glace Bay Di-ciaduin sa chaidh. Bha e dol dhachaidh oobair nuair a thainig an carbad air gun fhios da. Bha cur us cathadh ann aig an àm, agus mar sin cha chluinneadhs chan fhaiceadh e an carbad. Bha e tri fichead bliadhnasa coig a dhaois, agusna dhuine air an robh meas us cliù mor am measg a luchd-eolais uile.


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Searlot.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, MANAGER


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[173]

[Vol . 9. No. 22. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Thachair sgiorradh do Mhorair Roberts ann an Johannesburg air an ochdamh latha deug don mhios so. Thuit an t-each aige agus bha e air a bhruthadh gu dona. Tha sinn toilichtechluinntin gu bheil e faighinn air aghart gu math, agus gum bi e aig obair a rithist ann an ùine ghoirid.

Bha stoirm mhor againn an so Di-ciaduin sa chaidh. Thòisich isa mhaduinn le sileadh uisge, agus air feadh an latha thionndaidh sin gu sneachda, agus a ghaoth a fàs ann an neart fad na h-ùine. Cha robh anns an stoirm so ach meur den stoirm a bhaca o chionn ghoirid anns achuid is motha de na Stàideans de Chanada.

Tha Sidni Tuath air a dhol gu mi-riaghailt air an fhoghar so. Cha mhor gu bheil seachdain adol seachad gun na paipearan a thoirt cunntas air bristeadh lagha de sheòrsair choireigin. Tha buidheann de dhaoin ann a tha a reir coltais a cur rompa lagh agus còraichean dhaoineile a chur a thaobh. Bu chòir ionnsuidh mhath a thoirt air daoine dhen t-seòrsa sin a pheanaisteachadh mar a than giùlan a toilltinn.

Rinneadh long-bhristeadh cianail aig Baule Island, air cladach Chuebec, air an t-seachdain sa chaidh. Bha an St. Olaf, soitheach a dhfhalbh á Sheldrake air a turus do Chuebec, air a bristeadh, agus cha do shàbhaileadh duine dhe na bha air bòrd. Thatar a deanamh a mach gun dfhuair iad uile gu tir, ach gu robh iad air an reothadh gu bàs, agus gu bheil an cuirp air an còmhdach thairis leis an t-sneachda.

Ann am Pictou, air an t-seachdain sa chaidh, fhuaireadh duinòg dam bainm Munn, a mhuinntir Murray Harbor, E. P. I., marbh air an rathad-iaruinn. Bha daoinen dùil aig an àm gu robh e air a mharbhadh leis na carbaid a dhol thairis air. Ach a nise thatar dhen bharail gur e mhort a rinneadh, agus gu robh a chorp air a chur air an rathad gus an gniomh a chumail am falach. Bha loch fala air fhaotainn pios air falbh on àite anns an dfhuaireadh an corp, agus bha ni no dha eile mun chùis a tha toirt air daoine chreidsinn gur ann air a mharbhadh le lamhan dhaoine a bha e. Tha baile Phictou atairgse duais air son fiosrachadh sam bith a chuireas solus air bàs an duine bhochd.

Tha na ministearan ann am baile Chicago gus tagradh a chur air beulaobh Ceann-suidhe na Staitean, Mac Fhionnlaidh, ag iarraidh air coimhead anns a ghniomh eagallah a rinneadh ann am baile Limon, an Colorado. Loisgeadh gu bas duine dubh airson mort a rinn e, —daoine a bhaile mar so a gabhail a lagh nan lamhan fhein. Anns na deich bliadhna chaidh seachad chuireadh gu bas air an doigh sona daoine a gabhail an lagha nan lamhan fheinda mhile pearsa. Ma chi an Ceann-suidhe freagarrach an tagradh so a fhreagairtagus tha sinn an dòchas, ann an ainm ceartais, gu faicgheibh a h-uile duine a bhios ciontach de mhort no de dhroch ghniomh sam bith, fheuchainn leis an lagh, agus mar so cuirear stad air na daoine a bhios a gabhail an lagha nan lamhan fhein.

Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh bha coinneamh aig conservatives na siorrachd anns abhaile so, agus shònruich iad Cailean Mac-Fhionghain, á Sidni, agus Eanruig Domhnullach, á Bridgeport, gu ruith air son pàrlamaid Nobha Scotia.

Tha an carbad-iaruinn a nisefàgail abhaile aig sia uaireansa mhaduinn, ’sa tilleadh an deigh naodh, ’san oidhche. Tha an trein luath a ruith fhathast, ’sa coimhead nan aon uaireansa bha i fad an t-samhraidh. Chan eil fhios fhathast am bi i ruith fad agheamhraidh no nach bi.

Am measg nan treun a thuit ann an taghadh na h-àrd-phàrlamaid, bha an Maidsear Ruairidh Mac-Gill fhinnein a bha o chionn iomadh bliadhna a suidhe air son siorrachd Ghlinn-a- Garaidh, an Ontario. Is siorrachd so anns am bheil moran Ghàidheal, agus bha iad gle mheasail air Ruairidh Mor, ach air an turus so chuir iad cùl ris.

Loisgeadh gu làr saibhlean mora le R. W. Kingman & Co., ann an Canning, Nobha Scotia, Diordaoin sa chaidh, anns an robh ceud ceann cruidh, da each dheug, ceud gu leth tunna feoir, agus fiach $2 ,000 de dhinnealan tuathanachais agus seorsachan eile. Bfhiach na saibhlean seachd mile dolair. Bha an crodhs na h-eich de stoc cho mathsa bhasan dùthaich.

Bha an t-side anabarrach fliuch o chionn da sheachdain air ais; nas fliuiche na chunnacas deireadh foghair no toiseach geamhraidh an so o chionn fhada. Leis gach falbh us cladhach a tha air sraidean a bhaile, tha iadnan cùis-eagail le polls le eabar gach taobh a thionndaidhear. Is e so aon de na dòighean anns am bheil sinn air ar peanaisteachadh air son am baile bhi fàs mor.

Tha an trioblaidean féin aig Impirean mora na Roinn-Eorpa. Bha Impire Ruisia tinn o chionn corr us seachdain, agus ged a tha e air a radh gum be dhaobharaich a thinneas gun do dhith e mir de dhroch iasg, tha a mhor chuid a creidsinn gur ann a chaidh ionnsuidh a thoirt air a phuinnseanachadh. Agus chaidh tearnadh caol air Impire na Gearmailt mar an ceudna, ’se dol troimh bhaile Bhreslau ann an carbad; thilg boirionnach a bha measg an t-sluaigh air an t-sraid tuagh air, a bhualsa charbad, ach a sheachainn gu fortanach esan air an drinn i cuimse.

Tha Morair Roberts an ùine ghoirid ri Africa mu dheas fhàgail, agus tha Kitchener ri ceannardachd an airm a ghabhail na àite. Tha daoine deanamh a mach gum bi atharrachadh mor air cùisean fo laimh-san seach mar a bha iad fo laimh Roberts. Tha Robertsna dhuine ciùin, truasail, agus cha dean e ni sam bith a chuireas call no cunnart a ghabhas seachnadh air a dhaoine fein no air na naimhdean; ach tha Kitchener de dhatharrachadh gne. Ni a chuireas esan roimhe, bidh e air a dheanamh gun suim sam bith a ghabhail den fhulangass den sgrios a dhfhaodas tighinn na lorg. Tha daoine fàgail air eadhon gu bheil e an-iochdmhor agus neo-thruasail; ach chan eil fhios nach e beagan dhe sin a tha dhith air na Boerich. Mur be Roberts a bhi cho ciùin riuthasa bha e, chan eil fhios nach fhaodadh an cogadh a bhi seachad roimhe so.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN.

Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire.

Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta.

FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT.


Tha againn air an rathad atighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fheins ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhadsa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.



[174]

[Vol . 9. No. 22. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXII.

ULLACHADH ROBHLAR CHUIL-FHODAIR.

Ged do theich am Prionnsagus na Gàeil an fhadso roiarmailt Dhiùc Uilleam cha bann le rùn an strì a leigeadh gu tur ma làr, ach a chum am barrachd sluaigh a chruinneachadh an aghaidh feachd lionmhor an nàmhaid. Bha dùil aca gach latha ri còmhnadh sluaigh a thighinn air tìr as an Fhràing air taobh siar na h-Alba, maille ri iomadh dheth na Fineachan a bha fathast gun eiridh a thigeadh fom brataich.

Dhfhan Diùc Uilleam bhon chuigeamh latha fichead de chiad mhìos an earraich gu an t-ochdamh latha de mhìos deireannach an Earraich, ann an Obaraidhean, a thaobh nach burrainn na saighdearan dearga dhol air an aghaidh le fuairead na side, ach bhanisan t-aiteamh air glanadh an t-sneachd air falbh de bheinns de shrath, is bha na h-aibhnaichean air traodhadh. Dhòrduich an Diùc don armailt màrsail air an ochdamh latha den mhìos. Bha nise cabhlach làn bidhe air tighinn le biadh a dhionnsaidh na h-àrmailt á Sasuinn, agus bha i seòladh cois an fhearainn aleantainn an àirm mar bha iad a triall agus a cuir a bhìdhair tìr mar bhite ga ithe. Bhan armailt air a deanamh suas de chùig réiseamaidean diag de shaighdearan coise, réiseamaid thrùpairean agus marc-shluagh Khingston, Caimbeulaich Earra-Ghàel, Rodhaich Fòluis, beagan de Leòdaich Shiol-Tòrmod, agus de Rosaich Bhaile-nan-Gobhann, agus àireamh de thuath Mhorair Cat. Leo sin bha feachd an Diùc eadar Ghoill as Ghàeil ma naoi mìle fear!

Air an deicheamh latha den mhìos ràinig an Diùc agus an t-àrm-dearg baile Bhainbh; thachair dithis de dhaoine Phrionns riu anns abhaile so agus air an lathairne-mhàireach dh-orduich an Diuc an crochadh. Air an ath latha ràinig an t-arm-dearg Uisge-Spé, agus roinn an Diuc an armailt nan trì-chuideachdan gu dhol thar an abhainn. Chaidh cuideachd dhiu so a null air a Bhial-gharbh agus cuideachd eile fo Chaisteal-Gòrdon agus an treas cuideachd aig Clachan Bhealaidh. Rinn na saighdearan Gàelach a bha codhla riu an treòrachadh cho math tro na h-uisgeachan is nach deach a bhathadh dhiù ach ceathrar bhan agus aon trùpair!

Chàmpaich an t-arm-dearg an oidhche sin aig Bruachan Uisge-Spé, agus mhàrsail iad air an latha, a be Di-dòmhnaich tro Eiligin a null air monadh Aile-bheinn; bha iad a nise ma thuaiream deich mìle fichead bho Inbherneis. Air an ath fheasgar an coigeamh latha den mhios, agus co-ainm latha breth an Diùc, ràinig an t-arm Inbheir-Narunn, agus chàmpaich iad anns abhaile sin, agus mar onair ri lathabhreth thug an Diùc cuibhrinn branndaidh as chàise do do gach saighdear san fheachd, agus thòisich iad air caitheamh nam fleagh agus air a bhi subhach.

Air Di-dòmhnaich an ceathramh latha diag, ’nuair a chuala Tearlach gun tàinig an t-arm-dearg a nall air Uisge Spé, dh-òrduich e na pìoban a sheinn, agus na drumachan a bhualadh, air feadh gach àite den bhaile, achum na daoine thionail ri chéile. ’Nuair a chruinnich iad air na sràidean thòisich am Prionns air spaidsearachd air am feadh, lechlaidheamh rùiste na dhòrn dam brosnachadh ag iarraidh orra bhi misneachail agus a bhi treuniad [ ? ]adh co [ ? ] thàinig iad, agus co ris a bha [ ? ] na Gàeil ris a bhrosnachadh chatha so le ro aire, agus air dha crioch a chuir air a labhairt, thog iad luath-ghair àrd eibhneach ag radh— “Bheir sinne Fontenoi eile do Dhiùc Uilleam.” Chaidh am Prionnsan sin air muin eich, agus thriall an armailt a mach as abhaile, le pìobaireachd as drumaireachd, as brataichean sgaoilte, agus chàmpaich iad air an oidhche sin air an fhaiche roi chaisteal Chuil-Fhodair.

Ma shia uairean samhadainn air achuigeamh latha diag den mhìos thriall an armailt gu Druim-Usaidh, a bha ma astar mìle do thaobh na h-airde-n- ear do chaisteal Chul-Fhodair. Air an t-sliabh so chuir am Prionnsa an àrmailt ann an òrdugh catha a chùm coinneamh a thoirt do Dhiùc Uilleam, a bha sùil aige thigeadh á Inbher-Narunn air an latha sin. Cha robh feachd Thearlaich aig an àm so cho lionmhor sa bha i latha blàir na h-Eaglaise-Brice; air dha an cunntadh, cha robh iad ach ma thuaiream sia mìle fear. Bha na h-uraid dheth an armailt sgaoiltair feadh na dùthcha nach robh fathast air cruinneachdadh; bann diu sin: —Na Frisealaich, Clann-Dòmhnuill, Clann-Mhuirich, Clann-Ghriogair, cuid mhòr de Dhònullaich Ghlinne Garaidh, agus Clann-Choinnich Iarla Chrompa. A thaobh iad so a bhi gun tighinn fathast chum na h-àraich, bham Prionnsa làn thoilichte nach robh mor chabhaig air an diùc ann a thighinn air aghaidh gus am faigheadh e shluagh cruinn. Bham biadh a nis air fàs cho gann aig an armailt, is nach robh ach aon bhuilionn beag de dhroch aran ma choinneamh gach fir. Bhana Gàeil mar sin air an claoidh le fuachd as acras, ’nuair a bha na saighdearan dearga air air deagh giullachd, leis gach biadh as deoch mar chaitheadh iad.

Tha Druim-Usaidh na bhlàr comhnard fraoich ma dha mhìle bho Inbheirneis, agus ma dha-dhiag bho Inbheir-Narunn. ’Nuair a sheas na Gàeil len aghaidh ri càmpa Dhiùc Uilleam bha Inbheirneis air an cùl-thaobh,


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-DEASHN-ACAH DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton

Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[175]

[Vol . 9. No. 22. p. 7]

Uisge-Naruinn air an laimh dheis, agus raointean Chuil-Fhodair air an laimh chlì.

Chualas Morair Seòras Moireach gu tric ag innseadh gun robh e ro fhadan aghaidh na Gàeil a tharruinn suas an òrdugh blair air an talamh so, a thaobh gun robh talamh càthair air taobh deas Uisge-Naruinn bu fhreagarraiche do na Gàeil mar làraich chatha, bha e sin na thalamh cho bog is nach deanadh eich an Diùc an casan a thoirt ás, ni bha e freagarrach air son ghunnaidhean mòra. Air an chùigeamh latha diag den Mhìos thug Morair Seòras am Prionnsagus cuid dheth na h-oifigich a dhamharc an talmhuinn so, dh-aontaich iad gu léir gur e àraich bu fhreanarraich dona Gàeil; ach thuirt am Prionnsa gum bfhearr leis an armailt fantuinn far an robh iad air eagal gun faigheadh an Diùc sealbh air bailInbheirneis. A thaobh gun robh dithis dhaoine aig an Diùc mun aon do na Gaeil, chaidh a mheas gum bfhearr don àrm Ghàidhealach Druim-Usaidh fhàgail air an òidhche agus càmp an airm dheirg a chuartachadhnuair a bhiodh iad nan cadal, a chum cuir as daibh mun tàradh iad nan earalas. Ben t-àm a shonraicheadh a chùm màrsail ma ochd uairean san oidhchagus chaidh teann ordugh a mach na daoina chaidh air feadh na dùthchair bidh a chruinneachadh ri chéile an ceann nam mor-fheachd. Dhfhalbh na h-oifigich rathad Inbheirneis agus nam bailtean eile mun cuairt a chum nan daoine thional ach thuirt na saighdearan ris na h-oifigich iad gan grad thilgeadh, gum bu roghnaichte leom bàs no claoidh na gorta. Uime sinnuair a thàinig an uair shonraichte, cha robh ach ma leth na h-àrmailte cruinn. Thuirt Tearlach ged nach biodh aige ach aon mhìle fear gun tugadh e ionnsaidh air achàmp, agus nach robh eagal sam bith air sin a dheanamh, ’nuair a bha e faicinn mhìle ullamh gu triall.

Nuair a dh-aontaich na h-uaislean gun robh iad toileach an ionnsaidh a dh-ainmicheadh a thoirt air an arm-dhearg chaidh a shònrachadh nach rachadh acuinn-theine sam bith a ghnathachadh, ach bualadh orra le claidheamh as biodag, ’s am bruanadh thall sabhos, agus a thaobh nach robh an càmp air falbh ach ma naoi mìle, bhasan dùil gun ruigte tacan an deighe mheadhon òidhche, agus gun rachadh obair a bhàis a chrìochnachadh roighlasadh an latha.

Thog iad an sin orra gu càmp an Diùc a ruidhinn, agus bhan òidhche glè dhorcha, ni a bha ro fheumail a chum an rùn a chleth air an Diùc, ach a bha gle dhosgainneach air sheòl eile, do-bhrìgh nach ben rathad mòr a ghabh iad a dh-ionnsaidh a chàmp, ach thar mhonaidhean ardas lòintean boga, agus bu tric a thuit iad air muin a chéile sagharbhlach le cion léirsinn. Cha robh am màrsail ach gu fìor mhall, agus ged a bha Morair Seòras Moireach gan sìr ghreasad air an aghaidh, cha burrainn iad an ceum a luathachadh, air choir is gun robh e ma dhà uair samhadainn mun dràinig iad aChill-Riabhach a bha ma uidhe thrì mìle do champ an Diùc. Aig an àite so chuir Morair Seòras stad air an fheachd, agus thuirt e gum bfhearr dhaibh pilleadh air an ais, air a chas-cheum chianda nach burrainn iad an camp a [ ? ] roishòlus an latha, ni[ ? ] fo chomruich teine an nàmhaid. Mar sin phill iad air an ais agus ràinig iad an dearch [ ? ] luach iad air tùs ann [ ? ] an tàinig orra seasamh a rithist, a Chum catha gun bhiadh gun chadal. Chunnaic iad a nise feachd an Diùc atighinn nan dail, agus du-òrduich am Prionnsa canon a losgadh a chum caismeachd a thoirt don bhuidheann a bha sgaoilte a ghrad chruinneachadh a dh-ionnsaidh na h-àraich. Mun àm so bha Fear na Ceapaich agus a dhaoinair tighinn thun an raoin, tacan an deighe sin thainig na Frisealaich. Bhan armailt a nisair glacadh rudeiginn misnich gu ionnsaidh thoirt air na naimhdean.

Nuair a bha na bha fagus do laimh dheth an arm Ghàelach gu léir air cruinneachd bha iad ma thuaiream cùig ceud tear, agus achuid mhor dhiù sin féin ann an staid ro fhann le cion bìdhas cadail, gu ionnsaidh a thoirt air armailt de shaighdearan ionnsaichte a bha dhà lionmhoireachd riu féin, a dhaindeoin gach mi-choltais rinn iad gach ullachadh gu bhi nam bad cho luath sa thigeadh iad anns an dòigh bu dual do na Gàeil an nàmhaid a chasg, le claidheamh as sgiath agus chaidh iad nan chuideachd, achiad chuideachd anns an òrdugh so bho thuath gu deas, Fir Abhall, na Cam-shronaich, Stiùbhartaich na h-Apunn, Na Frisealaich, Clann-Lachuinn, Clann-Leain, Réiseamaid Iain Ruaidh Stiùbhairt, Clann-Fhearchair, Clann-Raonuill, Fir na Ceapaich agus Dòmhnullaich Ghlinne Garaidh. Chaidh an dara cuideachd ann an òrdugh mar so bho thuath gu deas: Morair Ogilbhi agus a dhaoine, Morair Luthais Gòrdon agus a dhaoine, Gòrdonach Ghlinne-Bucaid agus a dhaoine, Diuc Pheairt agus a dhaoine, No h-Eireannaich agus na Frangaich. Ghabh Morair Seòras Moireach comannda na ciad chuideachd eile.


Is e Union Blend Tea an deoch as docha le daoine, mar is in ròs am flùr as fhearr leotha. Bidh $400 air a roinn air luchd-ceannach na so tràth an Desember.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.

The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9. 15 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[176]

[Vol . 9. No. 22. p. 8]

Sean-fhacail agus Comhadan.

LE DONNACHADH LOUDAIN.

Nuair a chailleas neach a mhaoin
Is gnothach faoinbhithg iarraidh meas;
Ged a labhradh e le céill,
Is beag a gheibh e dhéisdeas ris.

S iomadh caraidthaig fear saibhir,
Tha daoine bochda gun phrìs;
S gann a dhaidicheas an càirdean
Gum buin iad dhaibhs iad bhithn dìth.

Is ainmig a dhéireas fortan
Le fear crosdabhios gun chéill.
S fearr do dhuine fuireach sàmhach
Na droch dhàn a chur an géill.

S coltach fear tha ris an fhoill,
Is e gun sgoinn aige den chòir,
Ris an neach a thaisg an luaidhe
S a thìlg air falbh bhuaithan t-òr.

Leig teallach air làr mun lag thu,
Ma dhaithneas tu teallach trom;
Is mór gur fearr an a ruitheas
Nan a shuidheas air tonn.

S olc an toiseach cogaidh geilt,
Chan ionnan sgeul do chreichs don tòir;
Is searbh glòir an fhir a theich,
S am fear a dhfhuirich ni e bòsd.

Na gabh farmad ri neach idir,
Ged shaoileadh tustaid bhith mór;
Bheinn as àirdethasan tìr,
S ann oirres tricechi thun ceo.

Cha toir neach air eiginn beairteas,
S duilich droch chleachd a chur fàs;
Bheir gach Dòmhnach leis an t-seachdain,
S bheir am peacadh leis am bàs.

Ceart mar thig gaillionn nan siantan
Nuair nach miann leat i bhith ann,
S amhluidh sin a thig an t-aog ort,
Ged a shaoil thu nach ben t-àm.


Rugadh Donnachadh Loudain an Gleann-Liobhann mun bhliadhna 1730. Bha e a leanachd na tuairnearachd mar cheàird. Dheug e an Raineach mun bhliadhna 1812.


An Luchd-riaghlaidh.

LE NIALL MAC-GILLEAIN, AN GLASCHU.

Ged tha daoinann an Albainn
Tha gu dìleas a leanmhuinn na còir’,
Gheibhear fir nach dean marbhadh,
Dhaindheoin maoidheadh is seanachas am beoil.
Tha an dùthaich na h-eiginn,
Tha na bochdan ag éigheach fo leon,
S an cinn thagraidh gan tréigsinn,
N dùil gun dean iad dhiu féin daoine mor’.

S iomadh biast a ni gàire
Nuair a gheibh e don phàrlamaid ùir,
Bhios mar bhuidealair Fhàro,
Nach do chuimhnich a chàirdeas norùn.
Dhfhàg e Ioseph am prìosan,
Ged a gheall e gun innseadh echliu;
Nuair a fhuair e gu lànachd
Chuir eghealladhs a ghràdh air a chùl.

S iomadh fear than diugh brònach
Anns a bhaile gun chòmhdach gun bhiadh;
A chaidh fhuadach bhodhachaidh
Leis na h-uachdarain lastanach, fhiat’.
Aig na coitearan truagha,
Tha gun fhearann, gun bhuaile, gun fhiar,
Thar chàch uile tha aobhar
Air bhith gearans a glaodhach gu dian.

Ged than croitear na eiginn
Le lagh mallaichtfir fhéineils le màl,
Tha taigh-comhnuidh is mart aig,
Ach than coitear am mach air an t-sràid;
E gun fhàrdach, gun dion air,
Ach fo shadadh na dìles a Mhàrt,
Gun mhart-bainne no caora,
Agus pàisdean a ghaoil a dol bàs.

Dhall an gionach luchd-riaghlaidh,
Is chan ioghnadh ged dhiarr iad am fonn
Chur fo fhéidh is fo chaoraich,
Ann an àite bharr chaoin agus shonn.
Chaidh na bochdan a ruagadh
Mach gu dùthchannaibh fuarameasg chrann;
Chall nan cluasans nan srònan
Leis an reothadhs an comhdaichean lom.

Tha min dòchas gun deanar
Gnothach ceart leis na riaghlairean ùr’;
Gum bi suim acden gealladh,
S nach bi foill air a cleachdadhsa chùil.
Na biodh Alba nas fhaide
Fo na prabairean sladach gun diu;
Thoiribh saorsa don tìr so,—
Saorsbho ainnearts bho chìsean an Diuc’.


BAS.

Ann an Gleann nan Sgiathanach, air Dior-daoin, an darra latha fichead dhen mhios, Cairistine Ghillios, tri fichead us ochd bliadhna dhaois.

Ann an New Canada, air an treas latha fichead dhen mhios, Niall Mac Aidh, ceithir fichead us sia bliadhna dhaois.


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH

Tha sinn acreic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.

Do Ghillean do Dhaoines do Chloinn.

Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tighnn a stigh.

H . H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dhan stor againne chi thu gur ann againn a than stoc Chlocaichean as motha thasa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.

Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.

Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 22
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 22. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page