[Vol . 9. No. 23. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE DESEMBER 7, 1900. No. 23.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna.
LE IAIN.
CAIB. V.
LACHLAINN ’S A BHEAN A’ COMHRADH.
FHAD ’s a bha iad aig am biadh, bha iad a’ comhradh mu thimchioll caochladh nithean nach buineadh do ’n chomhradh a bh’ aca mu ’n mhaor; oir cha robh toil aca gu ’n cluinneadh a’ chlann, no an t-searbhanta, facal dhe na bh’ aca ri radh mu dheidhinn a’ mhaoir.
Cha bu luaithe ’ghabh iad am biadh na dh’ fhalbh Domhull air cheilidh mar bu ghnath leis. O’n a b’ e an aon mhac, bha mòran dhe thoil fhein aige; agus, mar is minic a thachair a dh’ fhear dhe sheorsa, cha b’ fheairrde cùisean sin air a’ cheann mu dheireadh. Bha aig an t-searbhanta ri dhol air cheann turuis a thaobh eiginn; agus o’n a bha toil aig Lachlainn ’s aig a mhnaoi an inntinn a leigeadh ri ’cheile, chuir iad Ceiteag air falbh comhladh ris an t-searbhanta.
Cha robh iarraidh sam bith aig an t-searbhanta air comunn Ceiteig an oidhche ud; oir bha làn fhios aice gu ’n innseadh Ceiteag a h-uile rud a chitheadh ’s a chluinneadh i. O nach ceileadh Ceiteag facal dhe na chluinneadh i, cha ’n fhaigheadh i ainm a b’ fhearr o mhuinntir a’ bhaile na “Beul gun fhàitheam” —ainm a bha glé fhreagarrach oirre.
An uair a fhuair Lachlainn ’s a bhean an taigh dhaibh fhein, leig iad an inntinnean ri ’cheile, agus b’ e an comhradh a leanas pàirt dhe na bh’ eatorra.
“Cha ’n ’eil mi idir a’ tuigsinn cia mar a fhuair thu cead a dhol a bhuain an fhraoich do ’n Ghlaic Mhòir. Tha thu ’g radh gur ann air sàillibh aoidheachd a thoirt do ’n mharsanta-paca ’fhuair thu cead; ach cha ’n ’eil mi ’tuigsinn cia mar a bhiodh gnothach aig an dara cuid ris a’ chuid eile,” arsa Catriona.
“Tha mise ’creidsinn gur h-ann; agus o’n a tha sinn leinn fhein, innsidh mi dhut mo bharail mu ’n chùis. Thachair am maor rium an latha bha mi ’dol do ’n Bhail-iochdrach, agus bha sinn greis mhath a’ comhradh mu thimchioll iomadh ni. Thug esan iomradh air na bha de luchd-reic is ceannaich a’ falbh air feadh na dùthchadh aig an àm so. Thachair dhomhsa gu ’n d’ innis mi dha, gu ’n robh marsanta-paca air chuid oidhche againn, agus gu ’n robh e ’g innseadh dhomh gu ’m b’ aithne dha glé mhath an t-àite anns an robh e fhein ’na mhaor mu ’n d’ thainig e do ’n dùthaich so. Thug mi an aire gu ’n d’ thainig atharrachadh dreach air a ghnùis an uair a dh’ innis mi sid dha. Is e mo mhòr-bharail gu ’n do ghabh e amhrus, gu ’m faodadh gu ’n d’ innis am marsanta dhomh ni eiginn mu thimchioll na h-obrach a bh’ aige am measg an t-sluaigh mu ’n do chuireadh as a dhreuchd e. Riamh o’n lath’ ud thug mi an aire gu ’n robh e mòran na bu chaoimhneile rium na b’ àbhaist dha. An uair a bha mi ’falbh ’s a’ mhadainn an diugh a bhuain an fhraoich, thachair e rium, agus thuirt e rium, gu ’m faodainn a dhol do ’n Ghlaic Mhòir am bliadhna fhathast mar a b’ abhaist dhomh, agus na thograinn de ’n fhraoch a b’ fhearr a bhuain. Ach thuirt e rium gun mi dh’ innseadh do dhuine sam bith gu ’n d’ thug e cead dhomh, air eagal gu ’m biodh daoine eile ag iarraidh cead a dhol ann mar an ceudna. Thuirt e rium cuideachd, gu ’n robh a’ Ghlaic Mhòr, agus na tha de mhonadh am mach fad an t-siubhail ri taobh Loch Airidh na Lice gus an ruigear ceann Bagh a’ Ghreusaiche, gus a bhith air a shuidheachadh air fhein aig an ath Bhealltuinn. Dh’ earb e rium gun ghuth no iomradh a thoirt air so ri duine beò. Thoir thusa do cheart aire nach cluinn duine beò facal as do bheul mu ’n chùis. Ma thig aon fhacal dhe na dh’ innis e dhomhsa thun a chluasan, theid mi an urras nach fheairrde mise e.”
“Cha ’n fhosgail mise mo bheul mu dheidhinn an t-seanachais ri duine beo. Agus cha ruigeadh tusa leas mo chur ’nam fhaireachadh, a Lachlainn. Cha chualas riamh fhathast gu ’n d’ innis mise do dhuine sam bith aon diomhaireachd a dh’ earbadh rium a chleith,” arsa Catriona ’s i ’togail colg oirre.
“Ged a thuirt mise sid, cha ruig thusa leas a ghabhail gu h-olc uam. Cha mhisde duine sam bith a chur uair is uair ’na fhaireachadh. Am fear a ghleidheas a theangadh, gleidhidh e a charaid. Is e bhith ann an sìth ’s an càirdeas ris a’ mhaor, cùis a’s glice dhomhsa, agus dhutsa. Tha e ’na chomas mòran uilc a dheanamh oirnn, ma thogras e fhein. Cha ’n fhiosrach mise gu ’n robh maor riamh anns an dùthaich so, no ann an dùthaich eile, nach robh glé mhath dha fhein ’s dha chàirdean. Ma bhios sinne réidh agus modhail ris, cha chuir e call sam bith oirnn,” arsa Lachlainn.
“Bidh sinn réidh ris gun teagamh. Cha ’n ’eil aobhar againn a dhol a dheanamh aimhreit ris. Cha chreid mi nach e boirionnach fior chòir, caoimhneil a th’ anns a’ mhnaoi aige. Gu dearbh tha teaghlach nighean aige cho dreachar, agus cho tlachdar ri ’m faicinn ’s a chunnaic mi fhein riamh,” arsa Catriona.
“Ma tha iad cho math ’s a tha iad cho briagha, fòghnaidh sin. Ach tha eagal orm gu ’m bheil iad air an togail tuilleadh is teith. Cha bu toil leam té dhiubh ’bhith aig mo mhac mar mhnaoi. Theid mi an urras gu ’m bi iad gle sgaireapach. Cha ’n ann air mac duine bhochd a fhreagradh iad.”
“Tha thu ’g ràdh na fìrinn. Cha dubhairt mise nach éireadh dhaibh mar a dh’ éirich do chlann a’ mharsanta bhàin. O’n a bha bùth aig an athair, agus o’n a bha taigh mòr, math aca, bha iad ag amharc sìos air a h-uile fear ’san dùthaich, ach fear ainneamh. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, ‘Cha ghabhadh iad na coisichean ’s cha ’n fhaigheadh iad na marcaichean.’ Dh’ fhag sin iad ’nan guragan truagha ann am bothan beag, bochd air ghainne bìdh agus aodaich. Cha b’ e a’ leithid a chleachd iad, na truaghain.”
“Neo-ar-thaing nach robh nigheanan a’ mharsanta mòr asda fhein an uair a bha iad òg, ach an uair a dh’ fhàs iad sean, b’ fheudar dhaibh deanamh air an socair. Ghabhadh a h-uile te dhiubh deadh choisiche, nam faigheadh iad e; ach, mar a thuirt an seann duine, ‘Ge b’ e nach gabh ’n uair a gheibh, cha ’n fhaigh ’n uair is aill.’ Tha cuimhne glé mhath agam air a bhith cluinntinn mar a bha Mairi a’ mharsanta an impis a dhol thar a beachd leis a’ ghaol a bh’ aice air Alasdair mac Sheumais. Bha Alasdair mu dhà bhliadhn’ ar fhichead aig an àm, agus bha ise corr is dà fhichead bliadhna. O’n a bha màthair Alasdair agus nigheanan a’ mharsanta anns na h-oghachan dha chéile bhiodh an dà theaghlach gu math tric a’ taghal air a chéile. Is e thainig as a’ chùis mu dheireadh, gu ’n do thoisich Mairi ri tarruinn á Alasdair. Bheireadh i gu math tric cuireadh dha gus a dhol gu cuirm. An uair a dh’ fhalbhadh Alasdair dhachaidh, rachadh Mairi pìos dhe ’n rathad leis. Mu dheireadh thall thoisich daoine ri monobur ’s ri bruidhinn mu ’n chùis. Cha b’ fhada gus an cual’ a mhàthair gu ’n robh Alasdair a’ taghal tuilleadh is tric ann an taigh a’ mharsanta. Rud nach b’ ioghnadh, cha do chòrd an naigheachd idir rithe. Thuirt i ris lath’ àraidh ’s gun a staigh ach iad fhein le chéile:— ‘Alasdair, a laochain, cha robh dùil agam gu ’n robh thu cho amaideach ’s gu ’m biodh tu ’deanamh suas ri Mairi a’ mharsanta. Is iomadh te cho òg rithe aig am bheil d’ aois de mhac. Ged a bhiodh Mairi gu math na b’ òige na tha i, cha b’ ann air do leithid a fhreagradh i. Cha b’ urrainn dut a cumail ann am biadh ’s an aodach cho math ’s a dh’ fheumadh i. Bha mòran m’ a laimh riamh; agus mar a tha ’m facal ag radh, Is deacair ’thoirt o’n laimh na chleachdas. So agad seanfhacal eile, Na toir bean á taigh mòr, ’s na toir bò á gràisich. Bi glic, agus grad sguir a chumail suas rithe. Tha e tuilleadh is tràth dhut smaointean air pòsadh; agus an uair a smaoinicheas tu air, tagh te a bhios cho òg riut fhein, no na ’s òige. Cha ’n ’eil ni olc sam bith agamsa ri chur as leith muinntir a’ mharsanta. Thainig iad o dhaoine cho measail ’s a bh’ anns an dùthaich; ach air a shon sin, cha tugainn de chomhairle ortsa, no air gille òg sam bith eile, té seach té dhe na h-igheanan a phòsadh.’
Cha tug Alasdair freagradh sam bith air a mhàthair leis an ioghnadh a chuir a cainnt air. Ged a bha e ’taghal an taighe, agus gu math tric aig cuirm, cha do smaoinich e riamh gu ’m bu chòir dha té seach té dhe na h-igheanan a phòsadh.”
“Bha am boirionnach còir ceart gu leòr. Cha robh e coltach gu ’m biodh gille aotrom, òg, mar a bha Alasdair aig an àm ud, a’ deanamh suas ri té a dh’ fhaodadh a bhith ’na màthair dha. An robh am marsanta beò an uaìr sin?”
“Cha robh, no bliadhnachan roimhe sid. Ach bha na h-igheanan a’ cumail na bùthadh gu math làn aig an àm, agus bha iomadh duine an dùil gu ’n robh iad a’ sìor chur airgid ma seach. Tha ’chuis coltach nach robh gnothaichean a’ soirbheachadh leotha cho math ’s a bha daoine ’smaointean.”
“Is e mo mhòr-bharail gu ’m faodadh iad a bhith mòran na b’ fhearr dheth na tha iad, mur b’ e gu ’n
[Vol . 9. No. 23. p. 2]
do thòisich an aimhreit eatorra. Bha h-uile te dhe ’n cheathrar ag iarraidh a roinn fhein dhe na dh’ fhàg an athair.”
“Sin agadsa mar a tha ’tachairt tric gu leòr. An taigh a tha air a roinn ’na aghaidh fhein, cha seas e. Nan robh iad glic, bha iad air feum math a dheanamh. Dh’ fhàg an athair cùisean glé dhòigheil, òrdail aca an uair a dh’ eug e; ach cha do chùm iadsan cùisean ann an òrdugh mar bu chòir dhaibh.”
“Mòr ’s mar a tha iad asda fhein, dh’ fhaodadh iad an làmh a chur ann an iomadh car obrach. An uair a thig a’ bhochdainn, cha chum a’ mheud-mhòr ’s an uaisle daoine ann am biadh ’s an aodach idir.”
“Tha thusa ’smaointean gu ’m bi nigheanan a’ mhaoir ’nan seana mhaighdeanan mar a tha nigheanan a’ mharsanta bhàin; ach cha ’n e sin mo bharail-sa air a’ chùis idir. Mur ’eil mise glé mhòr air mo mhealladh ’nam bharail, gheibh a h-uile té dhiubh pòsadh. Agus cha rachainn an urras nach fhaigheadh te no dithis dhiubh deadh phòsadh. Cha ’n fhiosrach mise gu ’n robh nighean maoir riamh ’san àite so, no ann an àite sam bith eile, nach d’ fhuair an t-olc no mhath de phòsadh, ged a thachradh dhi a bhith gun mhaoin gun eireachdas. Tha fhios aig a h-uile neach, gu ’m faigh a h-uile fear a phòsas nighean maoir, fearann cho math ’s a bhios anns an dùthaich. Agus ma bhios obair uachdarain, no fàbhar ri fhaotainn air an oighreachd, faodar a bhith cinnteach gur e cliamhuinn a’ mhaoir a gheibh an obair agus am fàbhar. Ach creid thusa mise, ’Chatriona, tha mollachd Dhé agus dhaoine a’ dol an cois gach euceart agus ainneart a tha ’n luchd-dreuchd a’ deanamh. Tha ’n obair a th’ aca an an-fhios do ’n uachdaran; ach cha rachainn an urras nach fhaigheadh e fios air rud no dha a chuireadh ioghnadh air mu ’n bi e mòran na ’s sinne na tha e.”
(Ri leantuinn.)
Litir a Ceap Nor.
Ged tha mi suidhe sios an nochd a chum sgriobhadh a’ d’ ionnsuidh, ’s ann tha mi ’g am mheas fein coltach ri bhi ’s an aon suidheachadh ris a Ghaidheal chòir nach maireann, Ruairidh Friseal, ’n uair thug e air m’ athair tòiseachadh air sgriobhadh litir air a shon gu cuid de ’chàirdean ’s an t-seann dùthaich, o chionn da fhichead bliadhna.
“De nis,” arsa m’ athair, “a tha thu ’dol a chur ’s an litir, a Ruairidh?” Fhreagair Ruairidh, “O, cha ’n ’eil fhios agamsa, a dhuine. Cuir beannachdan, beannachdan d’ an ionnsuidh!” A nis, ged tha beannachdan iomchuidh gu leor nan àite fhein, cha ’n fhagadh iad litir ach glé bhlian, ged bhiodh i air a lionadh leo. Mar sin cha ’n ’eil math dhomhsa deanamh mar dh’ iarr Ruairidh a dheanamh aig an àm ud, ged dh’ fhaodas mi ràdh le fìrinn, gu bheil mi ’g altrum deadh dhùrachd do MHAC-TALLA agus gach aon de ’chuid leughadairean.
O’n rinn mi iomradh idir air Ruairidh, faodaidh mi innseadh gu ’n robh e comhnuidh le ’theaghlach roinn mhor de làithean a bheatha, ann an àite aonaranach, beagan mhiltean an iar air Pleasant Bay, ris an goirear Cobh an Iasgaich. O nach robh taigh eile air an t-slighe eadar Pleasant Bay agus Cheticamp, astar choig mile fichead, is minic a fhuair am fear-turais aoidheachd chairdeil aig Ruairidh; agus is cinnteach mi gur sgapte air feadh an t-saoghail moran dhiubhsan a chuir oidhche seachad maille ris O chionn fichead bliadhna air ais, fhuair mi fhein fios o’n t-siad ud a dhol a dheanamh obair shaoirsneachd taobh am muigh taighe a bha e ’togail aig an àm. Thuirt e nach ruiginn a leas a bheag de dh’ uidheaman saoirsneachd a thoirt leam, gu ’n robh aige fhein na dheanamh an gnothuch. An deigh a bhi ùine ghoirid ag obair bha feum air sgian-tharruinn, agus cha robh aon aig Ruairidh. Chuir e ogha dha air falbh le cabhaig a dh’ iarraidh aon o dhuine àraidh am Pleasant Bay. Thill am balach air ais ’s an anmoch mar dh’ fhalbh e, gun sgian; agus cha robh a sheanair idir toilichte. ’Nuair bha obair an la seachad, ’s a thionail sinn uile mu ’n ghealbhonn, dh’ fheoraich a’ bhean de Ruairidh an d’ fhuair an gille an sgian-tharruinn o Dhomhull. “Cha d’ fhuair, cha d’ fhuair, a bhean,” arsa Ruairidh; “nach robh aige fhein ris an ceann a thoir bharr laoigh leatha!”
Tha ’m bàs air taghal ’s an àite so o sgriobh mi mu dheireadh. Air an aonamh latha deug de ’n mhios so, dh’ eug bean Dhomhnuill Dhomhnullaich ’s an Acarsaid-a- Deas. Bu nighean i do Chathul Mac-a- Phearsain, an t-eildeir. Bha i ’na mnaoi chliuiteach, na ball de ’n eaglais chléirich; aon o na bhnineadh dithis dheth cuid nighean leis a bhàs, an deigh dhaibh teachd gu làn mheud, beagan bhliadhnaichean ais ais.
Gheibhear anns an litir so aon dolair o do dheagh charaid, Domhnull Moireastan, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA. ’S duilich leam gu bheil moran ann aig nach ’eil eolas sam bith air a phaipeir luachmhor so; ’s e sin, moran a tha comasach gu leoir air Gaidhlig a leughadh, agus cuid eile nach biodh fada tigh’nn suas riutha, nan cuireadh iad an comasan an cleachdadh.
M. D.
Ceap Nor, Nobhember 26, 1900.
Sgeulachdan Arabianach.
BEDER, PRIONNSA PHERSIA.
CAIB. XIII.
An uair a chuir e uime a chuid aodaich agus a dhirich e suas astar math os cionn a’ chladaich, thug e an aire gu ’n robh baile mor faisge air. Ach an uair a bha e ’dluthachadh ris a’ bhaile, thachair na h-ainmhidhean a dh’ ainmicheadh mar tha ris, agus bha iad a’ feuchainn cho math ’s a b’ urrainn daibh ri ’chumail am mach as a’ bhaile. Ach chaidh aige ann an uine ghoirid air a dhol a steach do ’n bhaile. Bha sraidean mora briagha anns a’ bhaile, ach cha robh duine ri fhaicinn air sraid no ann an taigh. Thug so air a bhith ’smaointean nach b’ ann gun aobhar a bha na h-ainmhidhean a’ feuchainn ri ’chumail am mach as a’ bhaile. Mar a bha e ’dol air aghairt troimh ’n bhaile, thug e an aire gu’n robh na buithean fosgailte; agus thug so air a bhith ’smaointean nach robh am baile cho falamh de luchd-aiteachaidh ’s a bha e ’saoilsinn. Chaidh e steach do bhuthaidh anns am fac’ e iomadh seorsa mheasan agus chuir e failte air seann duine a bha ’na shuidhe innte.
Bha ’n seann duine gu trang aig obair araidh anns an am, agus an uair a thog e a cheann ’s a chunnaic e duine og tlachdar air an robh coltas na fior uaisle ’na sheasamh aig an dorus chlisg e, agus dh’ fheoraich e dheth co as a thainig e, agus ciod e an gnothach a thug a steach e. Dh’ innis Beder dha ann am beagan bhriathran mar a thainig e do’n aite. Dh’ fheoraich an seann duine dheth a rithist an do thachair duine sam bith ris air an rathad.
“Is tu fhein a’ cheud dhuine a chunnaic mise o’n a thainig mi do’n aite,” arsa Beder, “agus tha e neo-chomasach dhomh a thuigsinn cia mar a thachair do bhaile mor maiseach mar a tha ’m baile so a bhith gun daoine ’fuireach ann.”
“Thig a steach, mo thighearna,” ars an seann duine; “na fan na ’s fhaide aig an dorus air eagal gu ’n tachair beud dhut, agus innsidh mi dhut a rithist c’ar son a tha ’m baile gun sluagh, agus an t-aobhar air son gu ’m bheil e feumail dhutsa an aire mhath a thoirt dhut fhein.”
Ghrad chaidh Beder a steach do’n bhuthaidh, agus shuidh e ri taobh an t-seann duine. An uair a chual’ an seann duine am mi-fhortan troimh ’n deachaidh Beder thuig e gu ’n robh feum aige air biadh, agus gun dail sam bith chuir e biadh air a bheulaobh. Ged a bha toil gu leor aig Beder fios fhaotainn c’ar son a bha ’n seann duine cho toileach a thoirt le cabhag a steach do’n bhuthaidh, cha’n innseadh an seann duine dha idir c’ar son, gus an do chuir e crioch air gabhail a bhidh, air eagal gu’n cuireadh an naigheachd a bh’ aige ri innseadh dha o ’bhiadh e. Ach an uair a ghabh e na thainig ris dhe ’n bhiadn a bh’ air a bheulaobh, labhair an seann duine ris mar so:— “Tha h-uile aobhar agad a bhith taingeil do Dhia gu ’n d’ thainig tu steach an so mu ’n d’ eirich beud sam bith dhut.”
“Ochan! C’ar son?” arsa Beder.
“A chionn,” ars an seann duine, “gur e so Baile na Draoidheachd, agus gu ’m bheil e air a riaghladh, cha ’n ann le righ, ach le banrigh, a tha araon ’na boirionnach cho briagha ’s a th’ air an t-saoghal, agus ’na ban-draoidh cho cunnartach ’s a bha riamh beo. Agus bidh lan-chinnt agad air so an uair a dh’ innseas mise dhut gu ’n robh na h-eich agus na miulaidean agus na h-ainmhidhean eile a chunnaic tu, ’nan daoine mar a tha mise ’s tusa gus an do chruth-atharraich ise iad le a droch innleachdan. Agus an uair a thig daoin’ oga mar a tha thusa do’n bhaile, tha daoin’ aice an sid ’s an so air feadh a’ bhaile gus greim a dheanamh orra, agus an toirt air aon doigh no doigh eile ’na lathair. Gabhaidh i riutha le caoimhneas agus le tlachd; bheir i dhaibh biadh is leaba cho math ’s a fhuair duine riamh agus bheir i orra chreidsinn gu ’m bheil i air tuiteam ann an trom-ghaol orra; agus air an doigh so tha i ’faotainn greim air a h-uile aon dhiubh. Ach cha leig i leotha an solas so a mhealtuinn fada. Ann an ceann da fhichead latha tha i a’ cruth atharrachadh a h-uile aon dhiubh gu coin no gu ainmhidhean. Dh’ innis thu dhomh gu ’n robh moran ainmhidhean a’ feuchainn ri do chumail o thighinn air tir, agus o thighinn do ’n bhaile. B’ e so an aon doigh leis an robh iad comasach air feuchainn ri thoirt ort a thuigsinn gu ’n robh thu ’g ad chur fhein ann an cunnart, agus rinn iad gach ni ’nan comas a chum do shabhaladh.”
Chuir na dh’ innis an seann duine dha dragh mor air an inntinn aig Beder. “Ochan! nach bu mhi ceann a’ chruaidh fhortain!” ars’ esan. “Is gann a fhuair mi saor o aon draoidheachd, a tha ’cur uamhais orm an uair a smaoinicheas mi air, an uair a tha mi aghaidh ri aghaidh ri draoidheachd a tha moran na ’s uamhasaiche.”
Thug so cothrom dha air mion-chunntas a thoirt do’n t-seann duine air mar a thachair dha. Dh’ innis e dha mar an ceudna gu ’m bu righ e, gu’n do thuit e ann an trom-ghaol air nighean rìgh Shamanndail, agus mar a chruth-atharraich i gu eun e cho luath ’s a dh’ innis e dhi gu ’n robh gaol aig’ oirre.
An uair a dh’ innis Beder cho fortanach ’s a bha e an uair a thachair banrigh ris a thog na geasan dheth, thuirt an seann duine ris, agus toil aige misneach a thoirt dha. “Ged a tha na dh’ innis mi dhut mu dheidhinn na banrigh fior gu leor, cha ruig e leis dragh sam bith a chuir air an inntinn
[Vol . 9. No. 23. p. 3]
agad. Tha meas mor aig muinntir a’ bhaile ormsa, agus tha beagan eolais aig a’ bhanrigh fhein orm, agus tha meas mor aice orm mar an ceudna. Air an aobhar sin is e am fortan fhein a stiuir thun an taighe so thu. Cha ’n eirich beud dhut fhad ’s a bhios tu ’nam thaigh-sa. Agus is e mo chomhairle-sa dhut fuireach ann ma chi thu fhein iomchuidh. Agus mur falbh thu air faontradh feadh a’ bhaile, theid mi am bannadh dhut nach bi aobhar gearain sam bith agad ormsa. Tha thu mar so aig saorsa do thoile.”
Thug Beder taing do ’n t-seann duine air son cho caoimhneil ’s a ghabh e ris, agus air son cho toileach ’s a bha e a ghleidheadh o chunnart. Shuidh e aig dorus na buthadh. Agus cha bu luaithe shuidh e na bha aire na muinntir a bha ’dol seachad air an t sraid air a tarruinn g’a ionnsuidh leis cho og ’s cho dreachar ’s a bha e. Sheas moran dhiubh aig an dorus agus thoisich iad ri cur an t-seann duine ann am moit a chionn gu ’n d’ fhuair e greim air seirbhiseach cho briagha ’s cho glan ris. Agus bha ioghnadh gu leor orra cia mar nach d’ fhuair a’ bhanrigh fios gu’n robh a leithid de dhuine og maiseach anns a’ bhaile.
“Na creidibh idir gur e seirbhiseach a tha ’n so,” ars’ an seann duine; “tha fhios agaibh uile nach ’eil mise aon chuid cho beairteach, no idir ann an inbhe cho ard, ’s gu’m biodh seirbhiseach dhe ’n t-seorsa so agam. Is e th’ ann mac brathar dhomh; agus o nach ’eil ’athair beo, agus mi fhin gun duine teaghlaich agam, chuir mi fios air gus e thighinn a chumail cuideachd rium.”
An uair a chual’ iad so, rinn iad comh-ghairdeachas maille ris a chionn e bhith cho fortanach ’s gu ’n robh an duin’ og, maiseach so daimheil dha. Ach cha b’ urrainn iad gun innseadh dha gu ’n robh eagal orra ga’n tugadh a bhanrigh uaith e. “Tha thu eolach gu leor air a doighean,” ars’ iadsan “agus cha ’n urrainn dut a bhith aineolach air a’ chunnart anns am bheil thu, an deigh a liuthad duin’ og maiseach a chuir i fo gheasan. Nach ann ort a bhiodh an cradh cridhe na ’n deanadh i airsan mar a rinn i air iomadh fear eile a b’ aithne dhuinn!”
“Tha mi fada ’n’ur comain,” ars’ an seann duine, “air son an deadh ruin a th’ agaibh dhomh, agus tha mi le m’ uile chridhe ’toirt taing dhuibh air son na suim agus a’ churaim a th’ agaibh dhe m’ ghnothach; ach cha chreid mi gu brath gu ’n dean a’ bhanrigh cion sam bith orm an deigh a h-uile caoimhneas a bha i nochdadh dhomh. Ma thachras gu ’n cluinn i mu ’n duin’ og so, agus gu ’m bruidhinn i riumsa ma dheidhinn, cha ’n ’eil teagamh agam nach sguir i ’smaoineachadh air an uair a gheibh i mach gur e mac brathar dhomhsa ’th’ ann.”
Bha ’n seann duine anabarrach toilichte a chionn na bha ’n sluagh a’ deanamh de mholadh air Beder. Bha e cheart cho toilichte ’s ged a b’ e a mhac fhein a bhiodh ann. Bha e fas na bu mheasaile air a h-uile latha mar a bha tighinn.
Ann an ceann mios, an uair a bha Beder ’na shuidhe aig dorus na buthadh mar bu ghnath leis, thachair gu ’n robh banrigh Labi (oir b’ e so ainm na ban-draoidh) a’ dol seachad an t-sraid le mor-ghreadhnachas. Cha bu luaithe a chunnaic Beder na freiceadain a bha air thoiseach oirre na dh’eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidh, agus an uair a chaidh e steach do ’n bhuthaidh, dh’ fheoraich e dhe ’n t-seann duine ciod bu chiall do na bha e ’faicinn.
“Tha ’bhanrigh a’ dol seachad,” ars’ esan; “ach seas thusa far am bheil thu, agus na biodh eagal sam bith ort.”
Bha freiceadain na banrigh air an eideadh ann an aodach purpair, agus fo’ n lan armachd, a’ marcachd seachad, agus a h-uile ceathrar dhiubh taobh ri taobh. Bha mile ann dhiubh, agus bha claidheamh ruisgte ann an laimh gach fir dhiubh. Agus chuir a h-uile fear dhe na h-oifigich failte air an t-seann duine an uair a bha iad a’ dol seachad air dorus na buthadh. ’Nan deigh so chaidh mile caillteanach seachad ’s iad air an eideadh ann an sioda de dh’ obair-ghreis, agus iad a’ marcachd air eich a b’ fhearr agus bu mhaisiche. Chuir na h-oifigich a bh’ orrasan failte air an t-seann duine mar an ceudna. ’Nan deigh so bha moran de mhnathan uaisle oga maiseach a’ coiseachd air an socair fhein, agus iad ann an trusgain a bha anabarrach riomhach as an robh lainnir leis na bh’ annta de chlachan luach-mho. Bha sleagh ghoirid ann an laimh gach te dhiubh. Agus ’nam meadhain so bha banrigh Labi a’ marcachd air steud each grinn air an robh diollaid oir agus a bha dearrsadh le daoimein. Chuir na mnathan uaisle oga gu leir failte air an t-seann duine an uair a bha iad a’ dhol seachad. An uair a thug a’ bhanrigh an aire do Bheder, stad i mu choinneamh an doruis. “Abdallah,” ars’ ise (oir b’ e so ainm an t-seann duine,) “innis dhomh, tha mi guidhe ort, an ann leat fhein a tha’n seirbhiseach og, maiseach, tlachdar sin? Agus am bheil fad o ’n fhuair thu e ?”
Comhradh ri Mnaoi Thinn.
Ciamar a tha thu, a Chatriona? Chuala mi gu robh thu tinn, agus thainig mi stigh feuch am b’ urrainn dhomh beagan sunnd a chur ort. Tha mo chàirdean uile ’g radh gu ’n dean céilidh bheag uamsa feum mor dhaibh nuair nach bi iad ’g am faireachadh féin gu math; gu bheil mi cho còmhraiteach agus cho aoidheil agus nach urrainn iad a bhi trom-inntinneach na m’ làthair. Agus bha mi air son tigh’nn a stigh a choimhead ort co-dhiu, a chionn, mar a bha mi ’g radh rium fhein nuair a bha mi direadh na staidhre, “Cha ’n eil fhios nach e so an turas mu dheireadh a chi mi Catriona bean Sheòrais beò.”
“Cha ’n eil thu ’n dùil bàsachadh fhathast, an e thubhairt thu? Ma ta, ’s beag a tha fhios agad. Bha bean Sheumas Dhuinn air feadh an taighe ’s a h-uile h-aon a bruidhinn air cho math ’sa bha i dol am feabhas, ’nuair a bhuaileadh thairis gu grad le tinneas a chridh’ i, ’s dh’ fhag i an saoghal ann an tionndadh na boise. Cha dean math dhut a bhi fo iomguin no an fhoiseil na t’ inntinn. Tha fhios nach bi gnothuichean a dol air adhart cho math ’sa bhitheadh iad ’nan robh thu fhéin shios ’nan ceann; agus bha mi smaointeachadh an robh fhios agad gu robh Uilleam beag ann an tubaidh an teis-meadhon dama na muillne, agus gu robh Somhairle feuchainn ri Calum a leigeil sios bhar lobhta ’n taigh-chonnaidh ann am bascaid an aodaich.
A chiall seall orm! ciod e tha cur ort? Saoil nach dean am freasdal an coimhead. Na seall orm ’s an dòigh sin. Bha thu smaointeachadh gu robh Raonailt ’g an coimhead, an robh? Ma ta, ’s i nach eil. Chunnaic mis’ i na seasamh aig a’ gheata a’ bruidhinn ri duine mor, duaichni, air an robh fior choltas a mheairlich. Cha rachainn mionaid an urras nach do leig i leis beachd a ghabhail air iuchair an doruis air dhòigh ’s gu ’n teid aige air iuchair mheallta dheanamh. Ma rinn e sin cha ’n eil ni a’s cinntiche na gu ’n tig e stigh air feadh na h-oidhche agus gu ’m mort e h-uile duine tha fo dhruim an taighe. Chaidh teaghlach a mharbhadh air Cnoc-an-Uinnsinn air an t-seachdain s’a chaidh, air son leth-cheud dolair. Nach b’ uamhasach an gnothuch sin. Nise, ’Chatriona, ’s fhearr dhut feuchainn ri bhi socair; cha dean math dhut a bhi cho an-fhoiseil sin; tha e gle dhona dh’ an ghille.
An creutair beag, bochd! Agus cha ’n eil fhios agadsa no agamsa nach fhaod e bhi bodhar no balbh no crùbach ’nuair a dh’ fhàsas e suas. Tha e doirbh a dhol roimhe ciod a bhios cearr air pàisde dhe ’aois.
Ach a chuid a’s motha dhiubhsan aig am bi an ciall ’s an cothrom, ’s olc am feum a ni iad dhiubh, agus bu chòir sin a bhi na chomhfhurtachd dhutsa ma thachras gu ’m bi dad cearr air. Agus tha cuid eile dhiubh nach fhaic ceann na ceud bliadhna. Chunnaic mi tiodhlacadh pàisde dol seachad direach mu ’n d’ thainig mi stigh.
Ciamar a tha Seòras? Gu math, ach a’ cur uidheachd air an teas anns a’ bhaile. Ma ta, cha ’n eil sin a’ cur ioghnadh sam bith orm. Tha iad a’ tuiteam ’s an ceudan le teas na gréine na h-uile seachdain. Na cuireadh e ioghnadh sam bith ort ged a bhiodh e air a ghiùlan dhachaidh latha dhe na lathaichean so. Agus ’s e gnothuch gle chunnartach a th’ ann dha a bhi ’falbh ’sa tighinn gach maduinn us feasgar air a’ charbad-iaruinn. Tha mi-fhéin a smaointeachadh gu bheil duine tha dol ro thric air na h-uidheaman siubhail sin a buaireadh am Fhreasdail.
Mo chreach! ’s beag fhios a th’ againn ciod na cunnartan uamhasach a tha daonnan a feitheamh oirnn ris nach eil dùil sam bith againn. ’S neo-chinnteach an saoghal a th’ ann.
Tha ’m fiabhrus dearg air bristeadh am mach am measg na cloinne anns a bhaile. Tha ’m fear a’s òige de ghillean a ghobha ’na laidhe tinn leis, agus chunnaic mi Seumas beag agaibh-se a cleasachd comhla ris Di-satharna s’a chaidh.
Tha uam a nise bhi falbh. Tha agam ri dhol a choimhead bana-charaid eile tha gle fhaisg air a bhi cho tinn riut fhein, agus cha bhiodh mo chogais reidh rium an nochd mur rachainn a dh’ fheuchainn ri beagan sunnd a chur oirre mu ’n gabhainn fhéin mu thàmh. Slàn leat, ma ta. ’S tu th’ air fàs neulach, glas ’s an aghaidh. Cha chreid mise gu bheil dotair ceart agad. Nach fhearr dhut a chur uat agus fear eile fheuchainn. Cha ’n eil thu idir cho math dreach ’sa bha thu ’nuair a thainig mi stigh. Ach ma theid thu na ’s miosa feuch gu ’n cuir thu fios orm. Ni mi na ’s urrainn mi gus t’ inntinn a thogail, agus sin rud a ni feum mor do neach a bhios an droch shlàinte.
Bidh an latha mu dheireadh de dh’ October, 1900, ainmeil ann an eachdraidh eaglaisean na h-Alba. Air an latha sin bha an Eaglais Shaor agus an Eaglais Chleireach Aonaichte air an aonadh na ’n aon eaglais. Bha an da eaglais a’ deanamh chòrdaidhean aonaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean, agus a nise tha an t aonadh air a thoirt gu crìch. Is e “Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba” is ainm do ’n eaglais ùir. Dh’ fhuirich àireamh bheag de mhinistearan na h-Eaglais Shaoir a mach, agus tha iad a’ cumail ainm na h-Eaglais Shaoire dhaibh fein, a’ deanamh a mach gu ’n d’ fhàg a bhuidheann mhor a chaidh do ’n aonadh cuid de phrionnspalan na h-Eaglais Shaoir air chùl. Tha a mhor chuid diubh sin anns a Ghàidhealtachd. Tha e doirbh a dhol roimhe fhathast ciod an soirbheachadh a bhios leotha-san, no an lean moran dhe’n t-sluagh iad. Cha ’n eil ann an Alba nise ach da mheur mhor de ’n eaglais Chleirich, an Eaglais Stéidhichte agus an Eaglais Shaor Aonaichte agus tha moran anns an da eaglais sin an dùrachd ’s am barail nach ruith moran bhliadhnaichean gus an aonaich iad, ’s nach bi ann an Alba an uair sin ach aon eaglais Chleireach, mar a tha cheana ann an Eirinn, an Sasunn, an Canada ’s an dùthchannan eile.
[Vol . 9. No. 23. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, DESEMBER 7, 1900.
Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha ceithir cheud de’n arm Bhreatunnach air an cuartachadh agus air an glacadh leis na Boerich. Bha mu dha mhile gu leth dhe na Boerich ann, agus cha b’ urrainn na Breatunnaich seasamh ’nan aghaidh. Tha so ’na thilleadh mor do na Breatunnaich; bha sinn an dùil gu robh an cogadh faisg air a bhi thairis, agus na Boerich ullamh gu toirt suas, ach tha e coltach nach eil.
Ma fhuair Pol Crugar fhàilteachadh anns an Fhraing, cha d’ fhuair e failte sam bith a chur air an àiteachan eile. Cha ’n eil Impire na Gearmailt air son a ghnùis fhaicinn idir; cha’n eil ùin’ aig Impire Austria air son éisdeachd a thoirt dha; agus chaidh iarraidh air fonn Bhelgium a sheachnadh gu buileach. Dh’fhaodte gu’m faigh e an seanchas an t-Sàir, ach cha dean an urra mhor sin fàbhar sam bith ris. Ma bha e ’n dùil gu robhas a dol a dheanamh cuideachaidh leis anns an Roinn-Eòrpa, bha e gu mor air a mhealladh.
Tha iomadh sgeul a tigh’nn á Sina a thaobh an dòigh anns am bheil saighdearan Criosdail na Roinn-Eorpa a buntainn ris na Sineich, agus ma tha iad fior, tha iad maslach da-rireadh. A reir nan sgeul sin cha’n eil tròcair sam bith air a nochdadh do na Sineich nuair a gheibhear iad ciontach de naimhdeas sam bith a nochdadh. Tha na Ruiseanaich agus na Gearmailtich gu h-àraidh trom orra. Cha chuala sinn gu robh lamh sam bith aig an arm Breatunnach ann an an-iochd sam bith a nochdadh dhaibh, agus tha dòchas againn nach cluinn. Tha e ceart gu leòr na Sineich a pheanaisteachadh, nuair a choisneas iad sin, ach tha a ceart aig an àm cheudna a bhi cho tròcaireach riutha ’sa ghabhas deanamh, agus gun am peanaist a dheanamh na’s truime na ’s còir dha bhith.
Bha àireamh cheudan de’n luchd-obrach ann am factoridhean bhròg Cuebec a mach air strike, ach tha iad an deigh a dhol air ais gu’ n obair. Tha e nise coltach gu ’n teid an luchd-obrach anns na factoridhean am Montreal a mach.
Tha cuid de na saighdearan Canadach an dràsda ann an Lunnuinn, air an turus dhachaidh, agus tha iad air am fàilteachadh gu cridheil gach taobh a theid iad. Tha a bhanrigh fhéin a toirt mor speis dhaibh, agus a nochdadh gu bheil i anabarrach buidheach dhiubh air son a dhol a chogadh na h-aobhar, agus pròiseil air son cho treun ’s cho gaisgeil ’sa ghiulan iad iad-fein anns na blàraibh.
Chaochail an t-Urramach Seumas M. Quinan, D. D., ann am Montreal maduinn na Sabaid s’a chaidh, aig aois leth-cheud bliadhna ’sa ceithir. Bha e air a shuidheachadh o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ann am paraiste Arichat, agus bha e ’naVicar - Generalan sgireachd-easbuig Antigonish. Bha e ’na ard sgoilear, agus na shearmonaiche ’s na fhear-riaghlaidh taitneach. Bu mhac bràthar e do ’n Urr. Seumas Quinan a bha gus o chionn ghoirid ’na shagart paraiste an Sidni.
Rinneadh comh-fheall ann am Pretoria o chionn ghoirid air son cur as do Mhorair Roberts. Bhatar a’ dol a shéideadh suas na h-eaglais anns am bitheadh e ag aoradh la na Sabaid; bha mar sin, cha’n e mhain Morair Roberts, ach an coithional gu h-iomlan ri bhi air an cur gu bàs. Cha robh làmh sam bith aig na Boerich anns a ghnothuch. Bha an t-ais-innleachd air a dhealbh le coignear Eadailteach, ceathrar Ghreugach agus aon Fhrangach, daoine nach buineadh do’n dùthaich idir. Gu fortanach fhuaireadh am nach na bha nam beachd an deagh àm,agus tha ’n deichnear an diugh anns a phriosan far am bi iad gus an toirear a mach binn orra ’s am bi iad air an cur gu bàs mar is math a choisinn iad. Cha duine Morair Roberts a ni eucoir no bhios na’s cruaidhe air sluagh na dh’ fheumas e bhith, agus cha’n eil leisgeul sam bith acasan a thug an ionnsuidh air a bheatha.
Bha ann uair maighstir sgoile nach robh gle chùramach mu choltas. Bha e mi-sgiobalta ’na ghluasad, agus bha a dhreach daonnan mar nach bu chòir dreach fir sam bith a bhith d’ an obair a bhi teagasg ’sa toirt eiseimpleir do’ n mhuinntir òg. Bha e aon latha a’ cronachádh gille a bha anmoch a tigh’nn dh’ an sgoil, agus ghabh an gille mar leisgeul nach robh ùin’ aig gu e fein a dheanamh deiseil. “Ma ta,” ars an maighstir sgoile, “tha sin gle neònach; tha cheart uiread ùin’ agad ’sa th’ agamsa, agus cha’n eil mi anmoch latha sam bith.” “Tha sin ceart gu leòr,” ars an gille gu neo-choireach, “ach bidh mise nigheadh m’ aodainn.”
AM BHEIL GAILIG AGAD?
Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime.
Faic dealbh na leine os cionn an doruis.
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Sanas do Chinn Theaghlaichean.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Airneis Ghrinn
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, MANAGER
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 23. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Anns an stoirm shneachda bh’ ann toiseach na seachdain s’a chaidh, chaill fearFred Vessya bheatha faisg air Baile-Shearlot, E. P. I.
B’e Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh Latha Taingealachd anns na Stàidean; tha an latha air a shuidheachadh aca anns an dùthaich sin, an Dior-daoin mu dheireadh de dh’ October. Ann an Canada tha an latha air a chur air leth gach bliadhna leis an ard-riaghladh.
Bha deagh rathad shleigheachan againn an so oidhche Di-ciaduin agus Dior-daoin, a cheud uair a bha sin againn air a gheamhradh so. Bha rathad shleigheachan ann an cearnan eile dhe’n eilean o chionn corr us seachdain. Bha doimhneachd mhor shneachda ann an àiteachan.
Tha e coltach gu bheil na panthers, gu math pailt fhathast ann an cearnan de na Stàidean an iar. Bha nighean tuathanaich, a bha fuireach faisg airCartwright , Wisconsin,air a giùlan air falbh le fear de na beothaichean oillteil sin an la roimhe, ’s air a h-ithe anns a choille faisg air a dachaidh.
Tha baile Ghlace Bay a’ fàs gu math bras air a bhliadhna so. Tha cuideachd a ghuail a’ dol a thogail ceithir fichead tigh ’sa deich air a gheamhradh so air son mhéinneadairean ris am bheil dùil aca toiseach an earraich; a bharrachd orra so bha àireamh mhor thaighean air an togail re an t-samhraidh.
Tha an taghadh aca ann an Cuebec an diugh. Cha’n eil teagamh sam bith nach bi a phàirtidh a bha ’n dreuchd roimhe so, na liberals, air an cur an dreuchd a rithist; fhuair a h-aon deug an fhichead dhiubh a stigh gun ruith idir, àireamh a tha gle fhaisg air darra leth na tha ri bhi de bhuill ’sa phàrlamaid air fad.
Leis cho stoirmeil ’sa bha an t-side Di-ciaduin, cha robh ach àireamh bheag, mu thri cheud, de luchd-taghaidh na siorrachd cruinn air son òraidean latha ’n ainmeachaidh a chluinntinn. Ach bha na h-òraidean air an liubhairt mar a b’àbhaist, agus cha’n eil aig daoine nise ach feitheamh gus an tig latha ’n taghaidh. Ann am Pictou dh’ aontaich iad fear dhe gach pàirtidh a leigeil a stigh ’s gun taghadh a bhi ann idir.
Chaidh bristeadh a stigh do storC . W. Laversann an Sidni Tuath oidhche Di-dònach s’a chaidh. Tha e gle choltach gur e airgead a bha dhith air na meairlich, ach o nach d’ fhuair iad sin, thug iad leotha luach ceud gu leth dolair de thombaca, cigars, agus pioban. Cha d’ fhuaireadh lorg sam bith orra fhathast, ach tha cuid am barail gu ’m bu sheòladairean iad bhar aon de na soithichean a bha ’san acarsaid an oidhche sin.
Chaidh robair iomraiteach d’am b’ ainm Mussolino a thoirt gu cùirt anns an Eadailt o chionn ghoirid air son mort. Am feadh ’sa bhatar ’ga fheuchainn, fhuair e m’a sgaoil, agus mharbh e am breitheamh, seachdnar dhe’n jnry, agus a h-uile aon de na bha air an toirt ’na aghaidh mar fhianuisean. Theich e an sin do na beanntan, agus tha riaghladh na h-Eadailte a’ tairgse da fhichead mile dolair air son a ghlacadh beò no marbh.
Thatar a mise ’g radh gu bheil taghadh gu bhi aca ann an Ontario. Tha cho liutha taghadh ann am bliadhna ’s gu bheil daoine air fàs sgith dhiubh, ’s bidh iad toilichte ’nuair a bhios iad uile seachad.
Tha an t-side air fàs fuar agus stoirmeil. Bha cur us cathadh mor ann Di-ciaduin. Cha ’n eil e ro-choltach gu’m bi an geamhradh so cho briagha blàth ’sa bha na geamhraidhean o chionn beagan bhliadhnaichean; agus tha sin gu math na ’s fhearr dh’ an dùthaich.
Chaidh barrachd sgadain a chur do na Staidean á Newfoundland am bliadhna ’sa chaidh a chur ann bliadhna riamh roimhe. A cheud da latha dhe’n mhios bha luchd deich soithichean air a chur air tir anGloucester , Mass. ,da mhile dheug baraille uile gu leir.
Ann amMarysville , N. B. ,Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, bha muileann sàbhaidh agus muileann bleith le fear Gibson air an losgadh gu làr. Tha an call air a mheas aig coig mile deug air fhichead dolair. Chaidh an teine fhadadh le fear de’n luchd-obrach a dh’ fheuchainn ri lampa laiste a lionadh le olla.
Mar is luaithe bhios cogadh Africa mu Dheas seachad, ’s ann is fhearr le muinntir nan eileanan Breatunnach. Tha a chumail air adhart a cosg dhaibh seachd millean gu leth dolair ’s an t-seachdain, còrr us millean dolair ’san latha. Feumaidh na cisean a bhi air an tromachadh gu mor air son cosguis a chogaidh so a dheanamh suas.
Chaidh ionnsuidh a thoirt airR . C. Hamilton,fear-deasachaidh aon de phaipearan Phictou, a mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh. Loisgeadh urchair air troi ’n uinneig, ach gu fortanach cha deach am peilear na chòir. Tha an doigh so air cur as do luchd deasachaidh phaipearan car annasach anns an dùthaich so. Tha iad mar is trice air an cur gu bàs leis a’ bhochduinn.
Bha an solus electric na shàrchadh mor do mhuinntir a bhaile air an fhoghar so, a’ dol as gu tric, agus aig amannan eile cho beag feuma ’s nach mor nach bu cho math a bhi as aonais. Di-luain s’a chaidh, chaidh àireamh de ’mharsantan ’s de luchd-gnothuich a bhaile do oifis na cuideachd a ghearan air mar a bha iad a fulang le cion soluis, ’sa maoidheadh seòrsa soillseachaidh eile ghabhail mur rachadh an solus so am feobhas a dh’ aithghearr. Gheall luchd dreuchd na cuideachd gu’m biodh an solus na b’fhearr o so a mach; tha sinn an dòchas gu’m bi ’nan comas an gealladh sin a chumail.
Tha seann duine còir a fuireach aig Méilnnean Guail Mhabou ris an canar anns an t-seann dòigh mhath Ghàidhealaich, “Gilleasbuig mac Dhomhuill an t-saoir.” Tha e ceithir fichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois, ach ged a tha, cha do chum sin e gun dol a mach latha ’n taghaidh, agus choisich e coig mile thoirt seachad a bhòt. Rinn e duanag bheag air slàinte ’n fhir d’an d’thug e i, agus mur b’ e ’n t-eagal a bhi oirnn gu’m biodh iadsan a bhòt air an taobh eile ’nar cìrean, chuireamaid anns a MHAC-TALLA i. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada agus comas bhotaidh iomadh uair fhathast dh’ an laoch.
Reic-a- mach Mhor
DE
dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.
Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor.
H . H. Sutherland & Co.
Gibhtean Nollaig
Gu de b’ fhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh t’ inntinn a’ smaoineachadh gu de chuireas tu g’ an ionnsuidh mar ghibht, theirig do’n t-seomar dhealbh aigKelly & Dodge,agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son sar obair mhath.
Kelly & Dodge,
Dealbhadairean,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 23. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXII.
BLAR CHUIL-FHODAIR.
Bha’n t-arm dearg a nis’ a’ teannadh dlù dhaibh ann am fir òrdugh blàir, thog iad a’ chath-ghairm le fathrum nan ceudabh druma, agus chìte an armailt mar ghàradh fada de lasair sholuis le lainnir nam béigeileidean ruiste ri ghréin. Bha na Gàeil gha’n amharc a dlùthachadh ri uchd catha le na bu mhò ’dh’iongantas no dh’ uabhas agus cha do thionndaidh iad an sùil a null no nall gus na stad nan naimhdean ma uidhe cheud ceum mu’n coinneamh air a bhlàr!
Bha ’n latha ’bha roimhe so tioram agus grianach a nis’ air fàs gruamach le coltas doireinn, agus thòisich frasan gailbheacha meallain air brùchdadh a nios le stòirm bho’n airde-n- ear-thuath ann an aghaidh nan Gàel. Thug iad an sin ionnsaidh air faighinn air fuaradh air an àrm-dhearg, ach cha deach’ ac’ air a’ sin a’ dheanamh. An deigh dha’n dà armailt leth-uair a’ dh-ùin a chaitheamh a’ co-strith ma thaobh na gaoithe, stad an dà fheachd air an talamh air na sheas iad air tùs fa chomhair a’ chéile.
Bha’n dà armailt seal ma choinneamh a chéile, gun bhuille gun urchair. Fa-dheoigh, thòisich an iomairt air taobh nan Gàel. Thug iad an cuid gunnaichean mòra fa chomhair prasgan dheth na nàimhdean anns an robh iad an dùil a bha ’n Dùic na sheasamh, agus thòisich iad air bras losgadh agus chualas fear dheth na Gàeil féin gu tric ag aithris gum “b’ann le cuimse cho olc is nach buaileadh iad cruach-mhòin’ air a tarsuinn!” Bha na peileirean a dhol céin thar ionad sheasamh nan naimhdean, agus ged a loisg iad ma cheud urchair dhiù so cha do rinn iad a dhochann air an eascaraid ach te dheth na casan a chuir de dh’ aon duine le peileir fuadain!
Tacan an deigh sin dh’ fhosgail an t-arm dearg an cuid gunnaidhean mòra fein, fa-chomhair nan Gàel, chaidh an cuimseachadh riu le Corneileir Beadford, an gunnair a b’ ainmeile a’ bh’ ann am Breatainn ri linn, chaidh an lionadh le peileirean frois; thòisich a ghunaireachd is cha b’e sin a chuspaireachd chearbach, bha gach urchair a cuir na ficheadan dheth na Gàeil ri talamh, loisg e dà urchair air prasgan each far an robh am Prionnsa na sheasamh, agus b’ann le cuimse cho math is gu’n bhuail an talamh a dhùisg a h-aon dheth na peileirean am Prionnsa ma na sùilean! agus mharbh am peileir eile gille’ bha na sheasamh r’a thaobh.
Leis a ghunnaireachd mhilltich so chunnaic na Gàeil iomadaidh dheth an càirdean gaoil nan sìneadh gun deò air an àilean, agus cha b’ urrainn Clann-Chatain cumail orra féin n’a b’ fhaide, agus ged nach robh iad riabh roimhe sin ri aghaidh teine, no ann am blàr bhrùchd iad air an aghaidh tro theine nan nàimhdean, agus ged a bha iad air an dalladh le ceò an fhùdair is le dlù chur sneachd ’a bha seideadh gu laidir nan aghaidh, rainig cuid aca na nàimhdean, ruith na h-Abhallaich, na Cama-Shronaich, na Stiùbhartaich, na Frisealaich, agus Clann- ’Leain, as an deighe. M’a ùin dà mhionaid an deighe sin, bha na Fineachan gu léir, ach Clann-Domhnuill, ri aodann nan nàimhdean le claidheamh a’s sgiath. Ged a bha canoin nan Gall a sadadh pheileirean air feadh nan Gàel mar gharbh-fhras de chlacha-meallainn an Fhaoillich thriall nan laoich gu ’n tioma air an aghaidh, chum faighinn an ionad tarruinn la[ ? ] agus mar gu ’n sgaoileadh osag nam beann an ceò air falbh bharr uilinn nan cnoc, dh’iomainn na Gàeil na trì réiseamaidean a bha mu’n coinneamh rompa, iar dhaibh iad so a chuir bho thapadh, ruith iad air aghaidh cuideachd eile dheth an àrm-dhearg, ach loisg iad so làdach ghunnaidhean caola nan codhail agus a’ chuid dhiù nach do mharbh an teine sin bha na trì béigeileidean sàite còladh nan corp, agus bu ghann a fhuair iosal no uasal diu ás le’m beatha.
Bu cho mòr an t-ár a rinneadh a measg nan Gàel man am sin is gun d’ fhuaradh ann an iomadach àite dheth an àraich truir a’s ceathrar dhiu na laidhe marbh air muin a cheile. Dheth na phrasgan threun de Chlann Chatain a chuir bain-Tighearna Mhic-an-tòisich fo’n armachd, cha do phill a dh-aithris an sgeoil ach ma dheich ’ar fhichead agus trùir oifigeach.
’Nuair a bha chuid eile dheth na fineachan Gàelach, mar sud a treun-iomairt nan lann anns sa chaonnaig bhasmhoir ach chlù-mhaireannaich so, bha Clann-Domhnuill nan seasamh balbh dh’an amharc agus dhiult iad claidheamh a’ tharuinn a truaill, a chionn nach dh’ fhuair iad urram na laimhe deise, far bu dual daibh seasamh anns gach cath bho latha Allt-a- Bhonnaich. Thoisich Diùc-Pheairt air am brosgnachadh gu fearra-ghniomh, ag innse dhaibh nan rachadh iad sios le meanmna gaisge Siol-Chuinn, agus iad fein a dhearbhadh sa’ chaonnaig mar ’b ’abhaist dha ’n aiteam air an sloinnt’ iad, gu’n goirt’ an laimh dheas ris an làimh chli a mach bhuaidh sin, cho fad sa’ bhiodh Gàel air domhainn no seanachaidh a dh’ aithriseadh sgeula nan cath. Ach cha’n fhoghnadh so le Clann-Domhnuill, cha rachadh iad ceum air aghaidh, agus ged a loisg an t-arm-dearg làdach ghunnaidhean caola nan aodann cha do tharrunn iad lann na gunna, agus ’nuair a chunnaic iad gun robh na Gàeil eile gu bhi shios dheth, thug iad am buinn as. ’Nuair a chunnaic Fear na Ceapaich, an t-uasal treun fuighantach, a luchd-cinnidh a’
Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:—
LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am baraillean ’s am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.
R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROGDEASHN-ACAHDEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 23. p. 7]
fagail a raoin mar chlaghairean, bha chridhe air a chradh na chòm agus ruith e na aonair an dàil nan nàimhdean le claidheamh rùiste na laimh dheis agus daga na laimh chlì, a labhairt nam briathran so mar bha e triall:— “Mo Dhia! an do thréig Clann mo Chinnidh mi?” Cha deach e ach tacan air aghaidh nuair a thilg peileir gunna caoil gu làr e, thog fear dheth a’ chuid daoine suas e agus ghrias e air teicheadh air falbh dheth an àraich le bheatha, thuirt fear na Ceapaich ris an duine e thoirt an airre air féin, agus thug e’n sin an ath dheann air aghaidh, agus air ball bhuail an ath pheileir e agus thuit e sios gun deò.
’Nuair a chunnaic an Diuc gun robh na Gàeil air thì teicheadh, dh’ iarr e air a’ chuid trùpairean iathadh mun cuairt dhaibh a chum nach taradh iad teicheadh gus an rachadh an tur sgrios, thug na trùpairean an ionnsaidh air a’ sin a dheanamh ach cha deach ac’ air, bha na réiseamaidean Macrach na Fràngaich, agus na h-Eireanaich fathast gun bhristeadh agus loisg iad làdach air na trùpairean a chuir stad air an gluasad gus na thar na Gàeil teicheadh, agus dh’ fhag iad an àrach nan dà chuideachd. Ghabh a h aon dheth na cuideachdan so an rathad mòr gu Inbheirneis, agus a’ chuideachd eile gu làimh na h-airde n-iar-dheas thar uisge-Narainn, agus theich iad a dh-ionnsaidh nam beann mar thearmuinn.
Bha na trupairean Sasunnach a nis air faotainn ann an òrdugh, agus thug iad ás an deigh nan Gàel, agus a thaobh [ ? ] an cuid ach fhuair iad a dhol air thoisich air a’ [ ? ] a ghabh rathad [ ? ]isge -Naruinn, agus sheas iad le’n cuid each romp’ anns a’ bheul-àth’, bha na Gàeil a tighinn air an aghaidh cho colgail neo-sgàteach, le’n aogaisgean cho neo-athach, is gun d’ fhosgail na trùpairean bealach nan reang a chum an leigeadh seachad le sìth. Co-dhiù bha aon fhear dhe na trùpairean a dh’ fheuch ri fear dheth na Gàeil a ghlacadh. B’ oifigeach an trùpair so agns bu daor a phàigh e ghòraich. Thog an Gàel air ball a chlaidheamh, agus le aon bhuille ghearr e’n trùpair sios. Cha d’ fhoghainn sin leis a Ghàel chalma neo-mheata, thug e ’n t-uaireadair òìr a pòcaid an t-Sasunnaich agus thriall e an deigh chàich. Bha na trùapirean eile ’g amharc dànadas a Ghàeil so le iongantas, agus cha do ghabh duin ac’ orr’ a mhaile bu lugh’ a chuir air, le eagal gun dùisgeadh iad corraich nan Gàel eile nach robh fathast ach tacan uapa.
Tha e air innse gu bheil Diùc agus ban-Diùc York a dol a thigh’nn air chuairt do Chanada air an ath bhliadhna. Is e Diùc York am mac a’s sinne tha beò aig Prionnsa Wales, agus mar sin ceud oighre chrùin os a dheigh. Faodar a bhith cinnteach, ma thig iad do Chanada gu’n cuirear failte agus furan orra.
POSADH.
Aig Eilean Christmas air an fhicheadamh latha de Nobhember, leis an Urr. Dr. A. Camaran, Seumas D. Mac-Neill, mac Dhomhuill Mhic-Neill, Lon nan Giadh, agus Caorstaidh Anna, nighean Ruairidh D. R. Mhic-Neill, air a Chul.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAL A STIGH AGUS FAIC.
Tha againn air an rathad a’ tighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 23. p. 8]
Marbhrann
Do Iain Mac-Fhionghain ’s d’a bhràthair Murchadh, ’sa Mhèinn a Tuath.
LE IAIN DOMHNULLACH.
Fonn:— “Calum cliuiteach.”
Ged chaill mi ùine gur còir dhomh dusgadh,
O’n ghlac mi cùram an tus a sgeoil,
Mu’n òigear chliùiteach tha sinn ag ionndrainn,
Bu mhor an diùbhail nach robh thu beò.
An liùthad fiùran a shuidheadh dlùth riut,
Bhiodh pailteas rùm aca mu na bhòrd;
’S a chridhe fialaidh ’se fhéin a dhioladh,
Cha bhiodh an t-siochaireachd ann ad choir.
A dheagh Mhic-Fhionghain, nach deach air iomrall,
Fhad ’sa shealbhaich thu bhi beò
Cha chualas tuasaid a rinn thu ghluasad,
Bha sid mar bhuaidh ort a fhuair thu òg.
’Se ghlachd thu cùram ’sa chuir thu ùidh ann
Nach biodh luchd-diumbaidh agad ri d’ bheò;
’S o’n thng E null thu gur beag an cùram
Nach seinn thu chlù mar a b’ uidh a ghlòir.
A mhic a chriosdaidh sin, Eachunn ciatach,
A chinn a riamh a bha flalaidh, còir;
Co ni ùireachdan anns an dùthaich
A h-uile cliù a bha dlùth dh’ ad fheóil?
Na ’n robh na gasaidean pailt ’sad àite
’Nuair bha ar pàrantan ’nan daoin’ òg,
Gu ’n deach a riaghladh le print ’s briathran
Air barrachd fialachd ’s gach gniomh ro chòir.
’S e ’m bàs am buachaille, ’s cha ’n ’eil truas ann,
’Thug a chuairt oirbh uair ’sa dha;
Am fleasgach àluinn a rinn ar fàgail,
Cha d’ thug e dàil dha, ’s e làidir, òg;
A dh’ fhalbh na shlàinte a mach o mhàthair,
’S o ’athair gràdhach a dh’ fhàg e fo bhròn;
A thoirt dhachaidh marbh, ’se gun chothrom seanchais,
A ghearr air falbh iad ’s bu shearbh a leòn.
Cha ’n ioghnadh iad a bhi tùrsach, brònach,
Mu Mhurchadh còir a dh’ fhàs mor gun mheang,
Lan de reusan is de dheagh bheusan,
O’n ghlachd e céill ’s ann ’gu feum gun chall;
A loisg ’sa ghual iad, ’s thug snidh o’n gruaidhean,
Bha sgeula cruaidh gun fhear-rhighlaidh ann;
’S e their na h-eòlaich, a thogadh còmhl’ ris,—
‘An sgeula brònach! ’s bu mhor an call.’
Ach Iain bhiùthasaich ’s mor luchd d’ ionndrainn
’S gach àit ’san dùthaich gun dùil ri d’ bheò;
Cha ’n ’eil cùirt anns an gluaisear sùgradh,
Nach deanar t’ ionndrainn le tùrs’ is bròn.
’S tu ghluaiseadh sunndach ’sa labhradh sugach,
’S cha tu a chùineadh an cùirt an òil;
’S ann bhiodh tu pàigheadh le flath ’s le gàire,
’S gu ’m b’e bhi mànran do rogha ceòl.
Gu tric mi smaointean nuair bhios mi m’ aonar,
Air na daoine so nach ’eil beò,
A fhuair troimh ’n t-saoghal le biadh ’s le aodach,
Gun bharrachd caoineig ach gaolach, còir.
Tha ’n diugh nan sineadh gun dad a dhith orr’,
Gu ’m bu cinnteach dhaibh sith is gloir;
’S gu ’m b’e ar n-ùrnuigh le deotha dhùrachd,
Fhad ’sa leigeas e dhuinn bhi beò.
’S na bheil an làthair dhe ’n teaghlach bhàigheil
A fhuair an sàrachadh leis a’ bhròn,
A caoidh nam bràithrean nach ’eil an làthair,
’S nach till gu bràth far an d’ fhàs iad òg.
Gus an gàbhadh a dheanamh slàn dhaibh,
’S iad fad o chàirdean, ged bha iad beò;
A ruigeadh luath iad nuair bu duais e,
’S bu mhor a bhuaidh e ’s an cruadal mor.
Na daoine calma, na daoiue meanmnach,
’S na daoine dh’ fhalbh is nach tig ’nar còir;
An linn a dh’ fhàg iad gun dad a thàmailt
Bidh sid na earlaid dhaibh ri am beò.
Gur mor ri ràitinn na dh’ fhalbh dhe ’r càirdean
Anns gach àite bha ’n àireamh mor;
Ach lain ghradhaich, ’s tu ghluais mo nàdar,
Cha d’ fhàg thu t’ àicheadh ’san àite beò.
’S na bheil ’san àite dhe na bràithrean,
Air a làthair gu càirdeil, còir,
Mar bha na pàrantan ’rinn an àrach,
Anns gach àite ’san robh iad beò.
’S o na b’ àil leinn, an cliù ’san talanta
Bhi ’ga àireamh mar bu chòir,
Ach Dia bhi sàbhaladh na tha lathair dhiubh,
Eadar phàisdean is mhnathan òg.
AODAICHEAN DEANTA
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH
Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.
Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn.
Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh.
H . H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
Clocaichean.
A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha.
Clocaichean Dusgaidh o $1 .00 suas.
Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas.
Clocaichean Seomar-suidhe o 5.50 suas.
Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas.
Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn.
BEZANSON ,
An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 23 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 23. %p |
parent text | Volume 9 |