[185]

[Vol . 9. No. 24. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 14, 1900. No. 24.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna

LE IAIN.

CAIB. VI.

MOR IS MAIRI ACOMHRADH.

AIR feasgar àraidh thachair bean Sheumais agus bean Dhomhuill Bhàin richeile, agus bhan comhradh a leanas eatorra:—

Droch crioch air an olc, a Mhor, chaneil fhios agam fhein ciod a their mi mu na h-uile rud a thann. Chan urrainn duine a chùl noaghaidh earbsa ri sluagh an lathan diugh. Chualan garrlaoch gille ud aig Domhull Hearrach a h uile facal a bheadrainn an latha roimhe. Chan e mhain gun innis e a h-uile facal a chuale, ach cuiridh e achoig uiread deug ris. Nan innseadh daoine an fhìrinn, cha bu leith ghearain. Chunnaic mi rud a biongantaiche leam na ged a chuireadh e ann an crois sinn. Am peasan suarach, tha e mar a bhan treibh on dthainig e. Cha robh iad riamh ach an sàs ann an cuid-eiginn on a thainig iad don dùthaich.”

Tha h-uile aon den teaghlach atoirt barr-urram air a cheile anns an dòigh sin. Tha iad uile air an tearradh leis an aon pheallan. Cha teid fosadh air an teangaidh. Nacheil iad mar bu dual dhaibh. Mar a than seanfhacal ag radh, ‘Theid cuilean ri dualchas.’ Innsidh mise dhut an rud a ni sinn, ma chluinneas sinn gun abair e facal mu dheidhinn achomhraidh a bha eadrainn. O nacheil fianuis aige oirnn, their sinn gur e na breugan a tha eg innseadh; agus o nach toir daoine geill don darna leith dhe na their e aig àm sam bith, cha mho na sin a bheir iad geill do na their e mu dheidhinn achomhraidh a bha eadrainn an lathud.”

Ma ta, ’Mhor, chaneil cuimhne agam fhein air an darna leith dhe na thubhairt sinn an lathud aig an amhainn.”

Chaneil, no agamsa. Chaidh an deur beag a dhòl minam cheann. O nacheil miga ghabhail ach glé ainneamh, theid enam cheanns amhionaid; ach tha fhios agam gun robh sinn abruidhinn air amhaors air a theaghlach, agus air na dhinnis bean Lachlainn duinn mun aobhar air son an do chuireadh am maor as an àitesan robh e mun dthainig e an so.”

Nach ann domh a dheirich e an uair a thug mi leam am botul beag ud a thug bean amhaoir dhomh? Ged a bha mi gle thaingeil dhi air a shon an lathud, bfhearr leam an diugh nach fhaca mi riamh e. Tha iomadh rud ann a bheir toileachadh do dhaoine aig aon àm, ged a dhfhaodas e mi-thoileachadh gu leòr a thoirt dhaibhna dheigh sin. Nan robh mi air òl gun fhios do neach sam bith, cha bhiodh guth no iomradh air an diugh. Ach ged a tha mi dona gu leòr, cha bfhiach leam teannadh ri òl ann an cùil leam fhein.”

Cha bu tu fhein bean a mharsanta bhig. Bidh deur beag aice a h-uile lathas abhliadhna, ar neo bidh fhios car son. Bidh a ceann eadar chomhladhphreasa, ged a rachadh tu don t-seòmar aice dusan uairsan latha. Sid an te a tha gu math rithe fhein. Chaneil biadh as fhearr na chéile nach bi aice.”

Nacheil abhlàth sin air a ghruaidh? Mar a than seanfhacal ag radh, ‘Ge be dhitheas an t-saill fon t-sop, aithnichear air a ghoic fhein e.’ Tha amhrus agam nacheil i cho math a dhfhear a taighes bu chòir dhi. Chaneil ach gann greim air a chnamhan.”

Cha chreid mi gur e cion bidh a thag a fhàgail cho caol, truaghs a tha e. Tha e cho imineachs cho dian thun an t-saoghails nach laidh feoil air. Is gann a dhfhanas e ribhiadh a ghabhail leis mar a tha gnothaichean an t-saoghail air a churna bhoil. Shaoileadh tu fhein nach ruigeadh e leas a bhith cho dian thun an t-saoghails a tha e. Nam biodh teaghlach trom aige mar a thaig iomadh fear eile, ghabhainn a leithsgeul.”

Nach tu tha amaideach? Nach fhad o chualas, gum bheil sannt nan seachd sagart ann am fear gun mhac gun nighinn? Ach feumar an fhìrinn a radh, tha e mòran nas coire nabhean. Bfhearr leamsa gu mòr rud a cheannach uaithesan na uaipese. Tha ise cho eagnaidh an àm a bhithtomhas ri aon a chunnaic mise riamh. Cha mhòr nach cunntadh i na spiligeanan .”

Cha ruigeadh i leas a bhith cho mion sin idir. Is iomadh sgillinn a tha muinntir na dùthchadh atoirt dhaibh eadar cheann na bliadhna. Mureil mise air mo mhealladh, bidh caochladh cur air clò Challum an ùine gun bhith fada. Fhuair mise am mach o urra glé chinnteach gum bheil bùth mhòr gu bhith air a fosgladh anns aBhail-iochdrach mun tig deireadh na bliadhna.”

Ma thachras sin, cha bhi am marsanta beag toilichte; ach cha mhisde daoine bochd na dùthchadh idir e. Tha iomadh fear dhe na marsantan agabhail brath air na daoine, agus faodaidh iad sin. Ach tha dol a dhfhosgladh na bùthadh?”

Tha Tearlach ruadh; ach tha amhrus agamsa nach dean e fortan air marsantachd an latha so.”

An t-amadan mor, cia mar a theid aigesan air buth fhosgladh? Chan ann gun suim mhath airgid a theid aig fear sam bith air bùth fhosgladh as fhiach an t-saothair.”

Tha thu air chùl do sgeòil. Tha Tearlach ruadh agus nighean bhàn amhaoir gu pòsadh gun dàil. Tha toil aca Tearlach ruadh a bhina mharsanta mum pòs e. Tha na daoine cho mòr asda fheins nach bu mhath leotha gum biodh aig muinntir na dùthchadh ri radh, gun do phòs acheud te dhe na nigheanan sgaomaire de dhuine òg gun fhearann, gun fhonn, gun òr, gun airgiod, gun ni fon ghrein ach a cheithir spadagan. Ach ma dhfhosglar abhùth, faodar a bhi cinnteach nach ann le airgiod Thearlaich.”

Innsidh mise dhut mar a bhitheas; theid am maor an urras air Tearlach, ar neo bheir e dha airgiod.”

Tha e coltach gum bheil deannan math airgid aig amhaor; ach tha e air a chur as a leith nach bann leis an onair a rinn e a chuid airgid. Ach chaneil fhios againne.”

Tha fhios againn nacheil sgillinn ris an t-saoghal aig Tearlach ruadh. Cha be am fear a bheireadh an aire don airgiod ged a bhiodh e aige.”

Gu dearbh cha be. An cuala tu mar a fhreagair Ruairidh aBhàigh e an lathadhiarr e air a dhol a steach a dhòl còmhladh ris don Taigh-sheinnse?”

Cha chuala mi guth air.”

Dhiarr Tearlach air Ruairidh a dhol a steach comhladh ris a ghabhail drama, agus thuirt Ruairidh ris, nach robh feum sam bith aig fear seach fear aca air drama, agus gum bfhearr dha a thasdan a chumailna phòcaid. Ghabh Tearlach saonas anabarrach a chionn nach rachadh Ruairidh a steach comhladh ris, agus chàin e Ruairidh thun a bhrògan. ‘Cha robh thu latha riamh,’ arsa Tearlach, ‘cho suarach mu thasdan a chosgs a bha mise. Chaneil annad ach an spìocaire cho truaghs a thanns an dùthaich.’ Fhreagair Ruairidh, agus thuirt e, ‘Ma tha thusa, ’Thearlaich, suarach mu na tasdain, tha na tasdain suarach umad.’ Agus bfhior do Ruairidh sid. Faodaidh am maor bùth a chur suas do Thearlach, ma thogras e; ach theid mi am bannadh dhut nach fhada gus am bi a chasan as a chionn. Ged nach biodh ann gu cur as dha ach a mhàthair, dhfhoghnadh i na h-onar.”

Nach iongantach leamsa gun tugadh am maor a nighean do Thearlach. Nam bithinn-sana àite, bfhearr leam mo chuid nighean a bhith gun phòsadh gu bràth na seach dhiubh a thoirt do Thearlach, no dha leithid. Cha bionnan a bfhearr do thé sam bith fuireachna seana mhaighdinn, agus dichioll a dheanamh air i fhein a thoirt troimhn t-saoghal le fìrinns le onair, na duine aotrom, neo-steidheil a phòsadh.”

Chan e cho neo-steidheils a tha Tearlach an cron as a thagam fhein idir air, ach cho leasgs a tha e. Mhill a mhàthair e. An uair a bha ena chnapach balaich, cha leigeadh i leis car a dheanamh, air eagal gum faigheadh e sgios no sàruchadh sam bith; agus an uair a dhfhàs e mòr, cha deanadh e car air a comhairle ach an car a thogradh e fhein.”

Is gann a chreideas mi gun gabh nighean amhaoir e.”

Nach tu tha gòrach? Gabhaidh: is i a ghabhas. Ged a tha ena shliomair mòr gun fheum, tha ena dhuine òg cho dreachars a thanns an dùthaich. Mar is trice, tha nigheanan coma ma gheibh iad fear mòr, briagha riphòsadh. Cha bionnan a bfhearr dhi Domhull beag mac Sheumais. Is e gille òg cho glic, cho deanadach, agus cho steidheils a thanns an dùthaich. Is fìor thoigh leis a bhith air cheilidh ann an taigh amhaoir. Tha mi cinnteach gur e bu doigheile a chumadh bean na Tearlach ruadh.”

Chaneil teagamh nach e; ach chan ann air



[186]

[Vol . 9. No. 24. p. 2]

a leithid sin a tha nigheanan òga, gòrach asmaointean idir. Tha Domhull beag cho aoidheils cho modhail ri fear sam bith, ach tha e car sàmhach, socrachna dhòighean. Is e tha dhith air cuid dhe na nigheanan, fleasgaich òga a bhios cuireadach, comhraideach, a ni gàireachdaieh is cridhealas gu leòr comhladh riutha, agus a bheir dhaibh bràisteachan is fainneachan, agus iomadh rud eile.”

Theid mi an urras nacheil Domhull beag cho gòrach, no cho faoins gun dean e a leithid sin gus an tig an t-am freagarrach.”

Coma leatsa; taghaidh Domhull beag ghlic, chrionna, aig am bi meas air, agus a chumas a thaigh ann an deagh òrdugh, agus a bheir an aire mhath air a gnothach fhein mar is còir dhi.”

Tha meas mòr aig bean amhaoir air Domhull beag. Is math a tha ituigsinn gur e taghadh an tuathanaich a bhios ann. Ma dhfhaodas i, gheibh i greim air. Cha teid fois oirre ach amoladh nan nigheanan a h-uile uair a bhios e air chéilidh aca.”

Cha dubhairt mise nach a ni i de chron na ni i de mhath le cuid molaidh. Bu choma leam riamh dhe na pàrantan a bhiodh amoladh na cloinnenan làthair fhein. Chaneil fhios agam an do ghabh thusa beachd air, ach achlann a bhios na pàrantan amoladh an clàr an aodain, fàsaidh iad mòr asda fhein, agus, gu math tric, bheir iad aobhar bròin do na pàrantan. Gabhaidh clann milleadh le tuilleadhs achòir de mholadh, mar a ghabhas iad milleadh le tuilleadhs achòir de smachdachadh.”

(Ri leantuinn.)


Litir bhoC. C.”

FHIR-DEASACHAIDH RUNAICH: —Tha nise àireamh sheachdainean on dhfhàg mi Ceap Breatunn, far na chuir mi mios de dhùine seachad gle thaitneach. Bha min duil fios a chur gu mluchd eolais an deigh dhomh tighinn dhachaidh; achs iomadh ni a dhfhaodas bachdail a chur oirnn ann a bhi toirt ar ruintean gu buil.

Cha mhor gun cuala mi facal á Ceap Breatunn on thainig mi dhachaidh, ach a mhain na tha mi faicinn anns a MHAC-TALLA. Chan eil fhios nach e mo choire fhein a thann. Ach nam biodh fios aig na cairdean air gach ni a tha air uairibh a tilgeadh gach suidheachadh a tha sinn a deanamh bun os cionn, cha bhiodh iad cho trom oirnn air son cho beagsa tha sinn a sgriobhadh.

Dhfhàg mi Sidni air Di-luain an naoidheamh la fichead de October. Thug mo charaide coir, Ailean Mac Leoid, na charbad mi gu cala an rathaid-iaruinn, gu moch air a mhaduinn ud. An oidhche sin fhein chaidh sinn air bord na smuid-shoitheach Halifax, aig Caolas Chanso, agus trath an ath mhaduinn chaidh sinn air tir am Baile Charlotte. Bha sinn naoidh uairean air an uisge. Bhan fhairge cho min ri gloine air an turus ud; ach cha bann mar sin a bha chuis air an t-seachdain roimhe sud. Air an turus sin sheid a ghaoth agus dheirich a mhuir, le cair gheal air cirein gach tuinn. Bhan luchd-turuis a dol á cochull an cridhe leis an eagal. ’Nuair thainig an stoirm gu h-airde bha iomadh neach air bòrd a bhag radh gun robh daor an ceannach aca air an turus. Bhan long air a tulgadh cho mors gun ghluais an luchd as àite, air chors gun deach i car air a leth taobh. Sheol i stigh don acarsaids am fiaradh neonach sin innte, mar gu faiceadh tu boineid chocte air leth-cheann saighdeir. Thachair gun robh bean choir, thomadach a mhuinntir an àite air bòrd; agus gu de thoisich na h-eolaichs na càirdean aice ri chumail a mach rithe, ach gur ise bhi air bord a chuir an car fiaraidh ud anns an luing. Chaneil fhios agam an e no nach e an Gaidheal àbhachdach sin, Alasdair Bànach, a thuirt so; ach an uair a chuala mi e thuirt mi gun robh e coltach ri rud a theireadh e, oir tha fios gu bheil e làn do fhearas-chuideachd agus do fhala-dhà neo-lochdach.

Tha nise an geamhradh air tighinn oirnn, agus cha bhi e cho soirbh a dholl a nulls a nall thar an aisigs a bha e re an t-samhraidh; ach ma bhios mi beo, slan, cha bhi mo thogradh dol do Cheap Breatunn air an ath bhliadhna dad air ais air mar a bha e anns an àm a dhfhalbh. Faodaidh mise radh mun eilein sin mar a thuirt am bàrd Albannach mu dhùthaich fhein:—

Fhads a bhios anail ann am chom
Bidh tir nam beann a tighinn air maire.”

Is domhain an daimh diomhair a tan cridhe gach duine, aig a bheil inntinn cheart, do thir a bhreth is araich. Co a thuigeas e ach an neach a ta air falbh o a dhùthaich, agus aig nacheil comas dol air ais. Bha mi comhradh ri aon o chionn ghoirid, a bha meas gun robh i air leabaidh a bàis, agus chuir i mulad orm le bhig aideachadh gu saor gum be miann a bhi na laidhe ann an tir a gràidh, far an dfhuair i h-àrach og. Their thu nach robh ann an sud ach amaideachd; ach cumamaid air chuimhne gun robh Iacob den inntinn cheudna. “Adhlaicibh mi,” arsesan, “maille ri maithrichibhsan uaimh a ta ann an achadh Ephroin an Hitich.”

Chuir aon de ar bàird fhein an smuain so ann am briathran snasmhor, mar a leanas:—

Nuair thig am bàs mars ,
Is a dhallas e mo shùil,
Be mo mhiann mo chursan ùir
San àitadhlaic a tha dlùth
Air taigh beag mo mhàthar.”

Chuir Niall Mac Leoid sios mar so an ni ceudna:—

Mo shoraidh leis gach cuairteig,
Leis gach bruachaig agus còs,
Mun tric an robh mi cluaineis,
N àm bhi buachailleachd nam bo;
Nuair a thig mo reis gu ceann,
Agus feasgar fann mo lo,
Be mo mhiann a bhisan àm sin
Anns aghleannsan robh mi òg.”

Slan leat. Thoir fios do mchàirdean, do luchd-leughaidh, thalls a bhos, gu bheil mi beo, agus gur taitneach leam a bhi faicinn an ainmeans a MHAC-TALLA a measg na muinntir a phàigh. Ge be earrann den phàipear a bhios gun leughadh cha bhin earrann ud a tha toirt dhuinn ainm is ionad comhnuidh nan Gaidheils nam ban-Ghaidheil a tha cur luach air cainnt mhilis tir nam beann; a chainnt anns an tric a dhéisd sinn ris a chronan as tric a churnar suain sinn air broilleach ar mathraichean; agus anns na dhéisd sinn on uair sin ri fonn milis na salm, air an seinn anns an seann doigh Ghaidhealach, a tha toirt barr air gach doigh seinn eile dhaibhsan a bha air an cleachdadh ris on oige.

C. C.


Chaneil làn chumachd aig an droch spiorad thairis air daoine idir. Ged a tha cead aige droch comhairlean a thoirt oirnn, chan fhaod e ar co-éigneachadh gu olc a dheanamh.

Tha sheorsa pheacaidhean annpeacaidhean deanadais agus peacaidhean dearmaid. Is iad na peacaidhean dearmaid mòran as sgriosaile na na peacaidhean deanadais. Ach is ann glé ainneamh a thachras daoine ruinn a thag a làn-chreidsinn so.


Sgeulachdan Arabianach.

BEDER, PRIONNSA PHERSIA.

CAIB. XIV.

MUN do fhreagair Abdallah abhanrigh, thilg e e-fhein air an talamh air a beulaobh, agus an uair a dheirich ena sheasamh thuirt e, “A bhain-tighearna, is e mac brathar dhomh a thann. Tha mo bhrathair marbh o chionn aireamh bhliadhnachan. Agus o nach robh duine teaghlaich agam, chuir mi fios air mac mo bhrathar gus e thighinn a dhfhuireach comhladh rium. Tha e dhomh mar mo mhac fhin; agus an uair a gheibh mi bas fagaidh mi aige mo chuid dhen t-saoghal.”

Chan fhaca banrigh Labi duine riamh cho briagha ri Beder, agus thuit i ann an trom ghaol. Chuir i roimpe, air an aobhar sin, gum feuchadh i ri greim fhaotainn air.

Athair,” arsise ri Abdallah, “bhithinn anabarrach fadana dchomain nan tugadh tu dhomh fhin e. Tha mi aguidhe gu durachdach ort nach diult thu a thoirt dhomh. Agus bheir mi dhut mo mhionnan air an teines air an t-solus, gun dean mi cho mors cho cumhachdach es nach robh a leithid de dhuine riamh air an t-saoghal. Ged a bhiodh a run orm olc a dheanamh air achinne-daoingu leir, cha dean mi cron sam bith airsan. Tha min dochas gun toir thu dhomh na tha mi ag iarraidh, chan ann a mhain a chionn gum bheil meas mor agam ort, ach gu sonraichte a chionn gum bheil fhios agam gum bheil meas mor agad orm.”

A bhaintighearna,” arsAbdallah, “tha mi anabarrach fadann an comain bhur morachd air son cho fior chaoimhneils a tha sibh rium, agus air son an t-urram a tha sibh toileach a chur air mac mo bhrathar. Chaneil e airidh air tighinn dluth do bhanrigh mhoir mar a tha sibhse, agus tha miguidhe air bhur morachd gun gabh sibh a leithsgeul.”

Abdallah,” arsabhanrigh, “bha min comhnuidh atoirt orm fhin a chreidsinn gun robh meas mor agad orm; agus cha robh e an comas dhomh a smaointean gun tugadh tu a leithid de chomharradh follaiseach dhomh air cho suarachs a bha thu mu mdheidhinn. Ach tha mi rithist atoirt mo mhionnan air an teine agus air an t-solus, agus air gach ni a tha naomhnam aidmheil, nach teid mi as a so gus am faigh mi na tha mig iarraidh. Tha mituigsinn gle mhath car son a tha eagal ort miarrtus a thoirt dhomh; ach tha migealltainn dhut nach bi aobhar aithreachais agad gu brath air son deanamh mar a tha mig iarraidh ort.”

Bha Abdallah fo dhoilghios mor araon air a shon fhein, agus air son Bheder, a chionn gum beiginn da umhlachd a thoirt don bhanrigh. “A bhain-tighearna,” arsesan, “cha bu toil leam idir gun saoileadh bhur morachd gum bheil mi an comhnuidh toileach gach ni a thanam chomas a dheanamh a chum bhur toileachadh. Tha micur lan earbsa ann bhur facal, agus chaneil teagamh agam nach cum sibh ris na thubhairt sibh. A mhain tha miguidhe air bhur morachd gun dean sibh dail gun an t-urram mhor so a chur air mac mo bhrathar gus an tig sibh an rathad so a rithist.”

Thig mi am maireach,” arsabhanrigh. Sheall i le aoidh air, agus dhfhalbh i don luchairt.

An uair a chaidh banrigh Labi agus achuideachd a bha maille rithe as an t-sealladh, thuirt Abdallah ri Beder, “A mhic (oir bann mar so bu ghnath leis a baithbruidhinn ris, air eagal gum faigheadh daoine am mach co e,) cha robh enam chomas, mar a dhfhaodadh tu fhaicinn, an ni a dhiarr a



[187]

[Vol . 9. No. 24. p. 3]

bhanrigh orm cho fior dhurachdach a dhiultadh dhi. Bha eagal orm gun gnathaicheadh i draoidheachd gu diomhair no gu follaiseach araonnam aghaidh fhin, agusnad aghaidh fhein, agus mar sin gun deanadh i dioghaltas oirnn le cheile, agus gum fàgadh i sinn na bu mhiosa na na daoine a dhainmich mi dhut. Ach tha aobhar agam a bhithcreidsinn gum bi i gle mhath dhut, mar a gheall i, on a tha i ag aideachadh gum bheil meas mor aice orm. Faodaidh tu so a thuigsinn leis an urram a nochd i fhein agus maithean na cuirte dhomh. Bhiodh ina creutair mollaichte gun teagamh nam mealladh i mi. Ach ma mheallas ise mi, chan ann gun chron mor dhi fhein; oir is aithne dhomh cia mar a bhios mi cho fadamach rithe.”

Cha robh earbsa mhor sam bith aig Beder gum biodh abhanrigh cho math dhas a bha Abdallah ag radh, agus air air an aobhar sin, bha e gle throm-inntinneach. “An deigh na dhinnis thu dhomh mu dheidhinn aingidheachd na banrigh so,” arsesan, “cha ruig thu leas ioghnadh a bhith ort ged a tha eagal orm roimpe. Is docha gum faotainn na dhinnis thu dhomh ma deidhinn a chur ann an suarachas, agus a bhith air mo dhalladh leis aghreadhnachas a tha mun cuairt dhi, mur be gun dfhairich mi air mo chosg fhin ciod a thann a bhith fo chumhachd ban-draoidh. Than staid anns an robh mi tro dhraoidheachd na banaphrionnsa Guhara, agus on robh mi air mo shaoradh, gus a bhith air mo ghrad chur fo gheasan, ’g am chur fo uamhas mor.” Ghrad thoisich e ri sileadh nan deur cho frasachs nach burrainn e an corr a radh. Bha e soilleir gun robh gairisinn air an uair a smaoinicheadh e air an droch shuidheachadh anns am faodadh banrigh Labi a chur.

A mhic,” ars Abdallah, “na big ad chur fhein fo dhoilghios; oir ged a dhfheumas misaideachadh nacheil moran earbsa ri chur ann an geallaidhean agus ann am mionnan banrigh a tha cho mealltach rithe, gidheadh feumaidh mi innseadh dhut nacheil cumhachd sam bith aice thairis ormsa. Tha fhios aice air a sin gle mhath. Agus is e sin a mhain is aobhar gum bheil itoirt urram cho mor dhomh. Ged a bhiodh toil aice cron a dheanamh ort, theid agamsa air bacadh a chur oirre anns amhionaid. Faodaidh tu do lan earbsa chur annamsa. Agus ma leanas tu gu dluth ris achomhairle a bheir misort mun dealaich mi riut, cha bhi nas mo de chumhachd aice thairis ort na thaice thairis ormsa.”

Thainig abhanrigh air an ath latha mar a thubhairt i, le mor ghreadhnachas mar a babhaist dhi, agus bha Abdallahg a feitheamh le mor urram. “Athair,” arsises i stad mu choinneamh an dorus, “faodaidh tu aithneachadh gum bheil fadachd orm gus am faigh mi coir air mac do bhrathar, an uair a thainig mi aig an am a gheall mi gus do ghealladh a churnad chuimhne. Tha fhios agam gur duine thu a chumas ri dfhacal, agus chan urrainn mi chreidsinn gum brist thu air.”

Leig Abdallah e fheinna shineadh air a bheul fodha an uair a chunnaic ebhanrigh atighinn, agus an uair a labhair i ris, dheirich ena sheasamh. Agus o nach robh toil aige gun cluinneadh neach sam bith ciod a bha e gus a radh ris abhanrigh, choisich e gu ceann an eich, agus thuirt e gu beag rithe. “A bhanrigh chumhachdach, tha fhios is cinnt agam nach bi gruaim oirbh rium a chionn mi bhith cho aindeonach an de mac mo bhrathar earbsa ribh, on a tha fhios agaibh air an aobhar a thagam air a shon. Ach tha mig ar cur fo bhoidean gun cuir sibh air chul an ealain dhiomhair sin air am bheil eolas cho mor agaibh. Tha meas agam air mac mo bhrathar mar gum be mo mhac fhine; agus chuireadh e am bas orm nan deanadh sibh ris mar a bha sibh adeanamh ri feadhainn eile.”

Tha migealltainn dhut nach dean,” arsabhanrigh. “Tha mi air tighinn a dhurachadh mo mhionnan a thug mi an de, nach bi aobhar agad fhein no aig mac do bhrathar air a bhith diumbach dhiom. Tha mi gu soilleir afaicinn nacheil thu eolach gu leor orm fhathast. Chan fhaca tu maodann riamh, ach troimh an t-srol. Ach on a tha mi meas gur airidh mac do bhrathar air gun nochdainn cairdeas dha, leigidh mi ris dhut nacheil mi neo-airidh air.”

An uair a thuirt i so thug i dhith an srol, agus leig i fhaicinn do Bheder agus do dhAbdallah gun robh i na boirionnach anabarrach briagha. Ach cha do tharruinn a maise cridhe Bheder ga h-ionnsuidh idir. “Chan fhoghainn a bhith maiseach idir,” arsesan ris fhein; “bu choir gum biodh co-chordadh eadar maise agus gniomharan gach neach.”

Am feadhs a bha Beder asmaoineachadh mar so, agus eg amharc gu dluth air banrigh Labi, thionndaidh an seann duine ris, agus an uair a rug e air ghairdean air, thug e an lathair na banrigh e. “So agaibh e, a bhaintighearna,” arsesan, “agus tha miguidhe oirbh aon uair eile gun cum sibhnur cuimhne gur e mac mo bhrathar, agus gun leig sibh leis uair is uair tighinn gam amharc.”

Gheall abhanrigh so dha. Agus mar an tuilleadh comharraidh air a taingealachd dhordaich i mile bonn oir a thoirt dha. Cha robh e an toiseach deonach a ghabhail, ach thug i air le coiteach a ghabhail.

Thug i fa near each air an robh acfhuinn cho briagha ris an acfhuinn a bhair an each a bhaice fhein a bhith deiseil air son Bhedeir. An uair a bha edol air muin an eich, thuirt abhanrigh ri Abdallah, “Cha do chuimhnich mi fhaighneachd dhiot cainm a thair mac do bhrathar. Innis dhomh e, guidheam ort.”

Fhreagair Abdallah, agus thuirt e, “Is e Beder (aghealach lan) is ainm dha.”

Thuirt abhanrigh, “Is cinnteach gun drinn na daoine a thug an t-ainm air mearachd mhor, bu choir dhaibh a bhith air Shems (aghrian,) a thoirt mar ainm air.”

An uair a chaidh Beder air muin an eich, bha e toileach marcachd an deigh na banrigh, ach cha leigeadh i leis. Thug i air marcachd air a laimh chli. Sheall i air Abdallah, agus an uair a chrom i a ceann ris, dhfhalbh i.

Thug Beder an aire gun robh sluagh abhaile, an aite bhith aoibhneach an uair a bha iad afaicinn na banrigh amarcachd seachad, ag amharc oirre le taire, agus eadhon atoirt am mollachd oirre. “A bhan-draoidh,” arsa cuid dhiubh, “fhuair i fear ur gus a droch innleachdan a chur an gniomh air. An toir an Chruithfhear idir an creutair aingidh bhar aghaidh na talmhainn?”

A choigreach bhochd!” arsa feadhainn eile, “tha thu air do mhealladh gu mor ma tha thusmaointean gum mair do shonas fada. Is ann gus do thruaighe air acheann mu dheireadh a dheanamh moran nas eagallaiche a tha thu nis cho mor air dardachadh.”

Thuig Beder o na briathran so gun robh na dhinnis Abdallah dha mu dheidhinn na banrigh fior gu leor. Ach o nach burrainn e e-fhein a dhion uaipe na bfhaide, chuir e e-fhein air churam freasdail agus toil Dhe.


Ruigidh am buaireadair oirnn ge be air bith àite anns am bi sinn. Ruigidh e sinn eadhain an uair a bhios sinnnar suidhe anns an taigh-aoraidh.


Seanntraigh.

Bha bean fir coimhead ann an eilean Sheanntraigh, agus bha coiraice. Thigeadh bean shìth a h-uile latha a dhiarraidh achoire. Cha chanadh i smidnuair a thigeadh i, ach bheireadh i air achoire. ’Nuair a bheireadh i air achoire theireadh bean an tighe,

S treasaiche gobha gual
Go iarrunn fuar a bhruich;
Dleasnas coire cnaimh
Sa thoirt slan go tigh.

Thigeadh abhean shìth air a h-aish-uile latha leis achoire, agus feoil as cnàmhan ann, Latha bhan sin bha bean an tighe airson dol thar an aiseig do Bhaila Chaisteil, agus thuirt i ra fear, “Ma their thusa ris abhean shìth mar a their mise, falbhaidh miBhaile Chaisteil.” “U! their,” arsesan, “ ’s cinnteach gur mitheir.” Bha e sniamh siamain fraoich gos a chur air an tigh. Chunnaic e bean atighinns faileas as a casan, ’s ghabh e eagal roimhpe. Dhruid en dorusd as stad e da obair. Nur a thàinig ise don dorusd cha dfhuair i n dorusd fosgailte, ’s cha dfhosgail esan di e. Chaidh i as cionn toll a bhas an tigh. Thug an coire da leum as, agus air an treas leum dhfhalbh e mach air drìom an tighe. Thàinig an oidhche, ’s cha dthàinig an coire. Thill abhean thar an aiseig, ’s chan fhac i dad den choire stigh, agus dhfhoighnichd i can robhn coire. “Matas coma leam cabheil e,” arsa fear, “cha do ghabh mi riabh a leithid de dheagals a ghabh mi roimhe. Ghabh mi eagal, ’s dhùin min dorusd, ’s cha dthàinig i tuillidh leis. “A dhonain dhona, rinn thu? ’s dithisd a bhios gu donthu fhìn agus mise.” “Thig im màireach leis.” “Cha dthig.”

Sgioblaich i i fhìn, ’s dhfhalbh is ràinig in cnoc, ’s cha robh duine stigh. Bha en déigh na dinnearach, ’s bha eud a mach am bial na h-oidhche. Ghabh i stigh. Chunnaic in coires thog i leathe. Bha-e trom aice, ’san còrr a dhfhag eud ann. Nur a chunnaic am bodach a bha stigh i dol amach, thuirt e,

A bhean bhalbh, a bhean bhalbh,
A thàinig oirnn a tir nan sealg;
Fhir a than uachdar abhruth,
Fuasgail an Dughs lig an Garg.

Ligeadh an da chù ma sgaoil, ’s cha bfhada bha isair falbh nur a chual i strathail nan con atighinn. Ghléidh in còrr a bhas achoire air alts nam faigheadh i leathe gum bu mhath, ’s nan dthigeadh na coin gun tilgeadh i orre. Dhfhairich i na coin atighinn, ’s chuir i làmh sachoire, ’s thug im bòrd as, ’s thilg i orra ceathra de na bhann. Thug eud an aire treis air an siud. Dhfhairich i ris eud, ’s thilg i pìoseilorra nur a chas eud urra. Dhfhalbh i coiseachd cho maths a dhfhaodadh i. Nur thàinig i dlùth air abhaile thilg ibhial fodha, ’s dhfhàg in siud aca na bhann. Bhuail coin abhailair comhartaich nur a chunnaic eud na coin shithstad. Cha dthainig abhean shìth riabh tuillidh a dhiarraidh achoire.


Chan ann ri am faicinn is còir daoine a ghabhail idir. Is iomadh duine air am bheil coltas na diadhachd an uair a chi thu ena shuidhe gu stolda ann an eaglais, a tha tur falamh de spiorad na diadhachd.

Than cealgair glé dheas aig gach àm gu bhith labhairt mu nithean spioradail. Thachuid diadhachd gu léir air barr a theangan; ach chaneil srad dhina chridhe. Ged a tha cleòca na diadhachd uime, tham pailteas de luideagan salach na fein-fhìreantachd fon chleòcha. Ged nach fhaic thusa no mise na luideagan so, chi Dia iad.



[188]

[Vol . 9. No. 24. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, DESEMBER 14, 1900.

Paipeirean-naigheachd.

CREIDIDH mi nach urrainn an neach is farsuinge inntinn am feum a rinn paipeirean-naigheachd don t-saoghal a mheas mar bu choir. Cha tig sinn as an eugmhais gu brath tuilleadh; agus tha e iongantach leinn ciamar a thainig daoine beo as an eugmhais cho fada. Ach chaneil eadhon na paipeirean-naigheachd saor o mhearachd. Gheibhear anntasan mar anns an t-seilleinan taice cheilemhils an gath.” Gheibhear annta amhil ann an tomhas moran nas pailte nam puinnsean. Ach chaneil mi ro chinnteach nach ann an lughad a tha mhil adol agus nach ann am meud a tham puinnseann adol. A dhaon ni tha mi meas gum faighear anns aphaipeir-naigheachdn ar latha-ne nas lugha de naigheachdan agus nas mo de bharailean na bhiodh freagarrach. Tha am paipeir-naigheachd a nis agabhail os laimh teagasg cho maith ri foghlum a thoirt seachad. Tha e stri ri dthoil a lubadh cho maith ri dcheann a lionadh. Chan fhoghainn leis an Deasaiche naigheachdan a thoirt dhuit, ach a bharail fein air na naigheachdan. Tha so buil ùr, ann an tomhas mòr, gus abheil am paipeir-naigheachd air a chur. ’S e am paipeir-naigheachd mor so is fear-teagaisg don mhor chuid dhethn t-sluagh. Tha moran de na daoine is foghluimte agus is gleusta anns an rioghachd a nis asgriobhadh anns na paipeirean-naigheachd; ach, ged tha, chaneil na paipeirean ro fhreagarrach airson teagaisg. Tha na naigheachdan a dhìth oirnn fhaotainn cho luath agus a chluinnear iad; ach cha bhi abharail a theid a thoirt seachad clis an comhnuidh fallain. A rìs tha gach paipeir-naigheachd a tha againn aseasamh air taobh buidheann no beachd no aidmheil shonruichte, agus chan fhaigh teagasg nacheil ann an co-chordadh ri beachd no aidmheil aphaipeir moran aite ann. Tha moran dar sluagh nach urrainn ach aon phaipeir-naigheachd a cheannach no fhaicinn. ’S e so a cheart chuid den t-sluagh is mo a tha ann am feum air teagasg fallain; ach ann an aon phaipeir-naigheachd chan fhaic iad ach aon taobh de na ceistean cudthromach a tha glusad inntinnean dhaoinen ar latha-ne, agus mar so chaneil e cho comasach dhoibh barail chothromach a bhi aca mu thimchioll nan cuisean sin.

Ach chan ann a mhain ann a bhi toirt seachad teagaisg aon-taobhach no mi-fhallain a tha mi saoilsinn a tha ar paipeirean-naigheachd adol clì. Gheibhear annta gu minic naigheachdan nach bu choir a bhi annta. Tha, ’n ar latha-ne co-dhiu, sonas agus comh-fhurtachd gach duine ann an tomhas mòr an crochadh ri gluasadus giulan dhaoine eile. Chaneil duine a thag iarraidh no gabhail as laimh a bhi seasamh an aite buidheann den t-sluagh a chum an coir a dhion no am beachdan a chur an ceill nach feum cunntas a thoirt air a stiubhardachd. Chaneil neach a ghabhas os laimh dol a theagasg a cho-chreutairean le theangaidh no le pheann nach feum fulang da cho-chreutairean a bhi toirt breith air a theagasg. Chaneil neach ann an cumhachd no ann an ughdarrasn ar measg nacheil cunntasach don t-sluagh, a reir creidimh ar latha-ne, airson abhuil gus abheil ecur achumhachd non ughdarrais a bhuineas dha. —D. MK.

THA an doigh bhrùideil, an-iochdmhor a thaig Ruisiaaon do rioghachdan mora na Roinn-Eòrpaair na Sineich thruagha a chiosnachadh da-rireadh maslach, ma tha na fiosan a tha tighinn á Sina fior. Leugh sinn ann an aon de na paigearan-naigheachd o chionn ghoirid far an do ghlac reiseamaid Ruiseanach leth-ceud de na Sineich, agus, an deigh an sgiùrsadh cha mhor gu bàs, thiodlaic iad beò iad. Tha so na ghnothach eagallach. Tha fiosus cinnt againn gu bheil na Sineich fhein nan daoine nacheil aon chuid truasail no iochdmhor; achnuair a smaoinicheas sinn gu bheil rioghachd a tha creidsinn ann an Dia agus ann an Criosd ciontach den ghniomh sogniomh a bheireadh eas-onair air dùthaich chriosdail sam bithaidichidh sinn, agus aidichidh gach duine turail gum biodh e moran nas fhearr leigeil leotha mar a bha iad. Tha sinn an dochas gun deanar dioghaltas air na Ruiseanaich air son a ghniomh so, agus gun tig cordadh eadar na rioghachdan a tha cogadh ris na Sineich ann an ùine ghearr.

Thainig Donnachadh Moireastan, aon de na saighdearan a dhfhag am baile so an uiridh leis a bhuidheann mu dheireadh a chaidh á Canada don Transbhaal, dhachaidh Di-luainsa chaidh. Ged a bha an oidhche gu math fuar, bha e air fhailteachadh gu cridheil. Thig an fheadhainn eile a dhfhag am baile so comhla ris dhachaidh aig toiseach na bliadhna.


AM BHEIL GAILIG AGAD?

Ma tha seorsaodaich sam bith a dhith ort, thig dhan stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn acumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eilechuireas duinuime.

Faic dealbh na leine os cionn an doruis.

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Sanas do Chinn Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, MANAGER


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[189]

[Vol . 9. No. 24. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha fear Alasdair Domhnullach, a mhuinntir Cheap Breatunn, ach a bha fuireach ann an Converse Creek, California, o chionn tri bliadhndeug air ais, air a robaigeadhs air a mhort anns an àite sin, air an ochdamh latha den mhios a dhfhalbh.

Thainig ceithir mile de luchd-imrich á dùthchannan céin air tir ann am Montreal air a bhliadhna so. Tha an roinn as motha dhiubh gus dachaidh a dheanamh dhaibh fhein anns an Iar-thuath, agus tha an corr a dol do Ontario agus do Chuebec.

Tha an fheoil a tha na Stàidean a cur a null do Bhreatunn am bliadhna air a mion-rannsachadh mas urrainnear a cur air a mhargadh. Dhfhaodadh gur es aobhar dha so an fheoil a bha na Geancaich a cur gu ruige Cuba, ’nuair a bha an cogadh aca ris an dùthaich sin, a bhi air a puinnseanachadh.

Bha D. D. Mac-Coinnich agus Niall I. Gillios air an taghadh air son na pàrlamaid Di-ciaduin. Fhuair Mac-Coinnich dluth air 3000 bhot, an Gilliosach, 2800, Mac-Fhionghain, 2100, agus an Domhnullach, 2200. Tha àite no dha as nach dfhuaireadh fios fhathast, ach cha dean iad sin na h-àireamhan so atharrachadh gu mor. Bha an taghadh so gle shàmhach, agus cha deach ach mu dharra leth an luchd-taghaidh a mach.

Ma chreideas daoine na h-Innseanaich faodaidh muinntir Cheap Breatunn coimhead air son geamhradh fada, fuar. Tha iad ag raitinn nuair a bhios gaoisid fada air na fiadh-bheathaichean agus na cnothan pailt air na craobhan beech gun e sin comharradh air geamhradh fuar. Cha robh am bian cho tiugh air na fiadh-bheathaichean no na cnothan cho pailt air na craobhan beech o chionn grunn bhliadhnaicheansa tha iad am bliadhna.

Thachair sgiorradh muladach ann amMalpeque , E. P. I. ,o chionn da sheachdain air ais. Chaidh dithis dhaoine dom bainm McArthur agus Piton, a mhuinntir Gaspe Bay, am mach ann am bàta mu dhorcha na h-oidhche gus a dhol air bòrd soithich a bha air acaire mu leth-mhile on laimhrig. Anns a mhaduinnnuair nach drainig iad an soitheach chaidh rannsachadh a dheanamh air an son, agus fhuaireadh an cuirp beagan làithean an deigh sin astar ghoirid on laimhrig. Thatar a deanamh am mach gun deach am bàtaca fodha.


Chaneil seachdain a dol seachad nacheil sinn a cluinntinn naigheachd mu dhaoine a tha air am báthadh le bhi leantuinn na mara. Am bliadhna chaill a h-aon deug air fhichead dhe na daoine a tha seoladh am mach á Gloucester am beatha air an doigh so, agus chailleadh sia soithichean. Anns na coig bliadhna fichead a chaidh seachad, tha an àireamh a bhàthadh gach bliadhna bhar a cheile a ruigheachd ceithir ficheadsa seachd deug. Mar sin bha daoine a tha seoladh am mach as a phort sin na bfhortanaiche am bliadhna na bha iad bliadhnaichean roimhe.


THA e gle choltach nacheil gnothuichean a soirbheachadh cho math le Cruger anns an Roinn-Eòrpasa bha dùil aige. Bha e am barail gum faigheadh e rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa gu dholsan eadraiginn anns a chogadh a tha eadar an Transbhaal agus Breatunn; ach ann an sin tha e fada cearr. Dhinnis na daoine a tha fodha ann an riaghladh an Transbhaal, mun dfhalbh e idir don Roinn-Eorpa, nach ruigeadh e leas sealltuinn airson cuideachadh anns a chearna sin; ach chan éisdeadh e riutha. Rainig e an Fhraing, agus liubhair e òraidean ann am bailtean mora na dùthcha sin, a ruith sios nam Breatunnach agus ag raitinn gu robh iad moran nas an-iochdmhoire na fineachan fiadhaich Africa. Dhéisd muinntir na Frainge ris; agus bha dùil aig Crugar bochd nach biodh dragh sam bith aige cuideachadh fhaighinnach cha robh a thrioblaidean ach a toiseachadh.

Chaidh e don Ghearmailt a choimhead air Iompaire na dùthcha sin, ach cha robh Uilleam ag iarraidh a ghnuis fhaicinn idir. Bha so na bhuille throm do sheann Cheann-suidhe an Transbhaal. Bha e am barail gum faigheadh e cuideachadh bho Iompaire na Gearmailt co-dhiu, ach bha e gu mor am mearachd. Tha na rioghachdan mora eile gu tur na aghaidh; chaneil iad ag iarraidh a shron fhaicinn a stigh air an criochan. Mar so feumaidh Cruger a laithean deireannach a chur seachadchan eil fhios aige càite. Ionnsaichidh so gliocas, chan e mhàin dhasan, ach do cheann-cinnidh sam bith eile a chuireas an aghaidh ughdarras ceart an leomhainn Bhreatunnaich.


Tha an seanailear a tha air ceann nam BoereichDeWetna dhuine a tha air ainm a chosnadh dha fhein ann an cogadh an Transbhaal. Ghlac e o chionn ghoirid ceithir cheud de na saighdearan Breatunnach. Ach gedtha na Boereich a faighinn buaidh air na Breatunnaich ann am blar no dha mar so cha seas iad fada. Thatar a deanamh am mach nach cuir iad moran dragh air na saighdearan Breatunnach an deigh deireadh na bliadhna so, a chionn gu bheil iad a dol nas laige a h-uile latha. Tha an cogadh so air sgrios uamhasach a dheanamh air an da thaobh. Chaill na Breatunnaich, eadar saighdearanus oifigich, corrus fichead mìle pearsa, agus tha an cogadh air cosg dhaibh coig ceud muillean punnd Sasunnach. Tha call nam Boereich moran nas truime na so. Mar is luaithe thig crìoch air a chogadh sos ann as fhearr.


Mharbhadh coig daoine a bhag obair air an rathad-iaruinn ann am Barrie, Ontario, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh leis na carbaid.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


Gibhtean Nollaig

Gu de bfhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh tinntinn asmaoineachadh gu de chuireas tu gan ionnsuidh mar ghibht, theirig don t-seomar dhealbh aigKelly & Dodge,agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son sar obair mhath.

Kelly & Dodge,
Dealbhadairean,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.



[190]

[Vol . 9. No. 24. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXIII.

BLAR CHUIL-FHODAIR.

Mun àm chianda bha -fhear-dhiag as pìobair de Chlann-Rath ateicheadh le cabhag as an àrich, rinn am pìobair suidhe ann am badan beag de phreis sheilich a bha ri taobh na slighe chum a phìob a phasgadh suasna bhreacan. Cha robh e fàd anns an ionad sonuair a thug trùpair a thainig an rathad an aire dha, agus theirinn e bharr an eich chum a mharbhadh, cha robh arm sam bith air a phìobair ach a bhiodag, agus mun deach an trùpair na earalas bha i sàite gu léirg na chorp, An deigh don phìobair na bhadhairgead ann am pòc an t-Sasunnaich a thoirt aiste thòisich e air toirt dheth nam bòtan a bha cho teann ma luirgnean is nach tigeadh iad a nios le tarruinn; air ball thug am pìobarlàmh air a bhiodaig agus ghearr e na casan dheth an t-Sasunnach ma na glùinean, agus thilg se iad ann an lùib a bhreacain maille ris a phìob. Thug e sin as, an deìghe chàich, ach cha dfhuair e fradharc orr’. Ràinig Clann-Rath an òidhche sin Torra-Ghoill ann an Gleann-a- Moireaston, far an robh taigh-òsda beag ri taobh na slighe tha treòrachadh gu Cinn-tàile. A thaobh nach robh àite cadail acdo na h-urraid sin a dhaoine anns an taigh-òsdchaidh iad a laidhe anns an t-sabhal agus thuirt iad ris an òsdair, nan rachadh duine sam bith a chuir bruailean orra, nach biodh aig ach am bàs air son a shaoithreach. Ma mheadhon oidhche ràinig am pìobair Torr-a- Ghoill na làn fhalas, agus dhfheòraich e dena mhnaoi-mhuinntir a dhfhosgail an dorus dha, am fac i Rathach dhiag (mun am so bha na Finneachan gu léir aithnichte dha chéile a thaobh a bhreacan sonraichte féin a bhi air gach duine,) a gabhail sios an Gleann.” Thuirt an cailin gum fac ach nach deach iad fathast seachad gun robh iad nan cadal anns an t-sabhal ud thall; “théid mi còladh riuars am pìobair; “cha téidars an cailin, “dhiarr iad gun duine leigeadh air an sgàth gu madainn agus cha bhi e sàbhailt dhut a dhol nan còir, ach ni mis àite laidhe dhut anns a bhà-theach mòran nas seisgeire na thaca-san.” ’Nuair a ghabh am pìobair a bhiadh sa dhrama chaidh e féin san cailin a mach a thaigh a chruidh, bhan òidhche ro fhuar agus thuirt am pìobair gun laidheadh e anns a bhualaidh air bial-thaobh na -riabhaich; dhfharraid an cailin, carson a dhianadh e sin? Thuirt am pìobair gun cumadh anail na anabarrach blàth e; mar sin shìn se e-féin anns a bhualaidh air bial-thaobh na agus chuir a bhean-mhuinntir ultach math feòir air uachdar. Cho luath sadhàfhg an cailin am -theach, chaidh am pìobar air cheann a ghnìomha, agus mun tàinig an latha chaidh aig air luirgnean an t-Sasunnaich a thoirt ás na bòtun, agus thilg e iad anns an fhrasaich air bial-thaobh na riabhaich, agus shuain e na bòtan anns a bhreacan maille ris aphìob. Ma ghlasadh an latha thriall e-féin agus na Sàilich eile air an turas, agus chaidh nighean an taigh-òsd don bhà-theach chum fàilte na madainna chuir air a phìobair. ’Nuair a rainig in t-àitan robh fear a cridhe na laidhe, chan fhac i anionad a gràidhach luirgean an t-Sasunnaich. Bhuail i na basan as thog i ioram na truaighe, chaidh i steach far robh an t òsdair anns a ghal, dhfharraid fear an taighe ciod a bha cuir oirre? “Och nan och?” ars ise, “dhith a bho riabhach am pìobair gu léir bhon raoir, chan eil mìr a làthair dheth ach na casan.” Air ball leum an t-òsdair a mach le thuaigh na làimh, ghlan spad e bhò aghs thiodhlaic se i-féin agus luirgnean caolan t-Sasunnaich san aon uaigh!

Rinn na naimhdean léir sgrios uabhasach air achuideach den àrmailt a ghabh rathad Inbheirneis, bhan t-slighe cho comhnard is gun dfhuair na trùpairean suas riubha ann an tiotadh, agus thòisich iad air obair a bhàis. Cha robh fear féilidh no bonaid a bha tachairt riu nach robh iad a marbhadh agus chaidh mòran d luchd-dùcha chaidh le iongantas a dhamharc a bhlàir a chuir gu dith ameasg chàich.

Cha do mhair a mhire-chatha latha Chuil-Fhodair ach ma dhà fhichead mionaid. Bha bhuaidh gu h-iomlan air taobh nan Sasunnach. Ach gu cinnteach biadsan a chaill bu chliùtiche agus bu treuna fhuaradh na bhuidheann a bhuinig; bha Shasunnach mun aon fhear dheth na Gàeil bha ghaoth leo agus iomadaidh gunna mòr a frasadh nam mìle peileir an measg nan Gàeil, ach a dhain-deoin gach cùise, nan robh, Clann-Domnuill air dol sios, theagamh gun biodh sgeul eile ri aithris ma dhéibhinn latha Chuil-Fhodair.

An deighe dha na chath a bhi thairis dhòrduich an Diùc do chuid saighdearan a dhol a chasradh nan daoine bha nan laidhe leòintair an raon, chaidh na h-oifigich leis na saighdearan air feadh na h-àraich agus thòisich iad air bruanadh gach duinanns am fac iad coltas anail na beatha lem béigeileidean, agus dan gearradh sios len claidheannan, bha na gealtairean brùideil so a deanamh fearas-chuideachd de phian nan treun-laoch a bha nise nan laidhe gun chomas éiridh chum iad féin a dhion, agus thòisich iad air sadadh na falabha taosgadh tro na h-ùr-lotan a bha iad a gearradh anns na daoine leth-mharbh so air a chéile mar chùis abhachd, gus an robh iad fa-dheoigh (mar bha fear aca féin ag aithris) na bu choltaiche ri feòladairean na ri


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.

Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


Bha Eirionnach atomhas muice, agus air dha fhaicinn na chothromaich i, thuirt e:— “Cha do thomhais i faisg uireadsa bha min dùil, agus gu dearbh cha robh mismaoineachadh gun tomhaiseadh.”

Léintean farsunn do na leanaban òga.

Cinnidh an fheòil fhads as beò an smor.

Tha an riaghladh Breatunnach adol a cheannach àireamh mhor eachleth-cheud mileanns na Stàidean. Tha iad ri bhi air an cur do Africa mu dheas, far an cuir an t-arm feum orra.

Cha bhi sonas air bus lom.

Cha chuimhnich comain.

Cha robh bàs fir gun ghràs fir.

Leum an gàradh far an ìsle e.



[191]

[Vol . 9. No. 24. p. 7]

àrmailt de shaighdearan Criosdaidh. Mar bhan Diùc féin agus triuir no cheathrar dheth achuid oifigeach a marcach air feagh na h-àraich, thainig e fagus do Ghàeil òg a bha na laidhe leòint air uilinn, thog an t-òganach a cheann, agus dh’ -fhoighnaich an Diùc ris co dha bhuineadh e? Thuirt an t-òigear gumbhuineadh e don Phrionns’ .” Air cluinntinn sin don Diùc dhiarr e air fear dheth na h-oifigeich an t-òganach a mharbhadh, thuirt an t-oifigeach ris gur h-e nach deanadh a leithid air chomhairle duine bha beò, agus gum bannsa leis gum mòr an dreuchd a bhaige anns an arm a chall gu tùr seach a bhi na fheòladair dhaoine. Dhiarr an Diùc an sin air fear eile dheth na h-oifigich an t-òganach amharbhadh dhiult am fear so mar a rinn achiad fhear, thainig an sin saighdear an rathad agus dhfharraid an Diùc dheth an robh urchairna ghunna? thubhairt gur robh, agus mharbh an saighdear an t-òigear. Chaill na h-oifigeich a dhiult an gniomh brùideil so a dheanamh fàbhar an diùc bhon uair sin. Ben gill òg a chaidh a chasradh aig an àm so, Tearlach Friseil, mac a boige Fhir Inbheir-fhalachaidh.

Mhàrsail an t-àrm dearg ma fheasgar gu Inbheirneis. Be chiad ni rinn an Diùc an deigh dha am baile ruidhinn na saighdearan Gàelach a ruith air falbh as an àrm dhearg a thearbhadh a measg nam prìosanach, a chum an crochadh, cha bu lugha na sia-diag- ’ar fhichead dhiù a chaidh a chrochadh. Am feagh a bha òganach uasal dheth na daoine truagha so a slaodadh ris achroich, thainig oifigeach Sasunnach, agus shàth e a chlaidheamh anns achorp gun deò, chum a leigeadh ris nach robh a nàimhdeas ciocrach fathast sàsaichte. Mar bha e bualadh a chuirp le lainn, chuir e dheagh dhùrachd do Shasuinn, agus fhuath do dh-Alban céill anns na briathran so:— “A shlaightaire fairich sin! ’s ged a bhiodh do luchd-dùthcha gu léir air an aon diol riut is beag bu mhistan saoghal e; ceannairicich reasgach, agus luchd-brathaidh mi-dhìleas.’ Bha na saighdearan Albannach a bhanns an àrm-dhearg acoimhead agus a cluinntinn na brùide so, bhan inntinnean uasal, caomh-chairdeach a bha riabh a lasadh le eud dùthasach air an claoidh nan còm; agus cha burrainn aon fhear dheth na h-oifigeich Ghàelach cumail air féin na bfhaide, ruith e an dail an oifigeich Shasunnaich le chlaidheamh rùiste gu ghrad mharbhadh; ann an tiotadh bha chaonnag air a bonn eadar an da thaobhh agus bhan ath chath a dol a thòiseachadh eadar na saighdearan Albannach agus Sasunnach nuair a thàinig an Diùc le pairti thrùpairean san eadraiginn.


Cha robh breugach nach robh bradach.

Cha tug gaol luath nach tug fuath chlis.

Fear nach tréig a leannan no a chompanach.

Am fear a thas achùil cumadh e shùil falach.

Cha robh call mòr riamh gun bheagan buidhinn.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAL A STIGH AGUS FAIC.


Tha againn air an rathad atighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fheins ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhadsa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.


W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


Merchants ’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[192]

[Vol . 9. No. 24. p. 8]

OISEIN DON GHREIN AN AM EIRIGH.

A ghrian na h-òg-mhaidne, ’s tug éirigh
Air sléibhtibh soir le dchiabhan àillidh,
S ait ceuman do theachd air an aonach,
S gach caochan mear sa ghleann ri gaire.
Troimh dhriuchd nan caoin fhras tha croinn uaine
Ag eirigh a suas gu bras ad chòmhail,
Is filidh bhìnn nan coilltean fàsail
A cur failtort gu moch len oran.

Ach càit a bheil air sgiathan siubhlach
Roimh ghloir do ghnuise triall na h-oidhche?
Is càit a bheil aig duibhra comhnuidh,
Is uamh chòsach nan reultan soillseach?
N tràth leanas tun ceuman gu h-uallach,
Mar shealgair gan ruagadhs na speuran;
Thusa direadh nan aonach àrda,
S iadsan air beanntan fàs a leumnaich.

S aoibhinn do thriall a sholuis àghmhoir,
A sgaoileas le ddhearrsadh gach doinionn,
Is maiseach do chleachdan dlùth òr-bhuidh
A snàmh siars do dhoigh ri pilleadh.
Le seachran an dall cheo na h-oidhche,
Cha ghlacar thu a chaoidh ad chùrsa,
Is doinionn dhoirbh nan cuantan gàbhaidh
Cha séid len neart gu bràth o tiul thu.

Le gairm na ciuin mhaidne bidh teirigh,
Is do ghnuis fhéillidhdusgadh sonais,
A fògradh na h-oidhcho gach àite
Ach suil a bhàird nach faic do sholus.
Ach mar ta mise, a ghrian mhaiseach,
Bidh thusa fhathast, anfhann, aosliath;
Do shiubhail mallad chuairtsna speuran,
Do shuil gun léirsinns tu a taonar.

Do ghnùis bidh doilleir mar a ghealach,
Do shlighe cha lean thusna speuran;
Binn chaismeachd na maidne cha chluinn thu,
Bidh tu mar shaoidh gun luaidh air eirigh.
An sealgair seallaidhn ear on leacain,
Ach chan fhaic eteachd taogas sgiamhach;
Brùchdaidh a dheoirs e pilleadh fo smalan,—
A mhadaidh mo ghràidh, threig a ghrian sinn.”

Tha na rannan so air an tabhairt bhoShean DanaMhic-a- Ghobha. Chan fheil fios co a rinn iad; ach tha e làn chinnteach nach do rinn Oisein iad. Ge be co a rinn iads es dòcha gun deach an deanamh fada mun do rugadh an t-Ollamh Mac-a- Ghobha.


Far nach bi caillidh an righ a chòir.


CUMHA

Do Mhr. Dòmhnall Mac-Neacail, a chaochailsa bhliadhna 1802.

A neonan bhàn as àìllidh snuadh,
Gu càirdeil sgaoilmach thur na h-uaigh’.
An so tha sìntan laoch bha treun;
Bu mhor a mhaths bu bheag a bheud.

Tha cheolraidh brònach air gach taobh;
Cha chluinn iad tuilla chòmhradh gaoil.
Nachadal trom tham fiubhaidh còir,
Bu ghrinne beuss bu chaoine gloir.

Chan fhaic an t-aineol tuilla ghnùis,
A sgaoileadh fuachds a ghluaiseadh rùn.
Than gaire blàths an fhàiltgun fheall
Air caochladh dreachs an cleachd air chall.

Nis faodaidhm fear a thig an céin
A sgeul a dhathadh réir a bheus’,
Bhon dh-ìnnseadh dha gun dthréig am beul
A mhaoladh gath na teanga bréig’.

Thig, ’fhir a shiubhleas thar an raoin,
Is faic an cròthan boidheach aoil;
Rach agus dòirt an sud do dheur,
Oir bairidh e-santha fon fheur.

Eoin bhinnes moichedhùisgeas fonn,
Taomaibh an so bhur ceolan trom,
Is biodh bhur guth gu tiamhaidh tric;
Bu bhinn a bheul-san tha fon lic.

A ghrian as àillidh ceuman shuas,
Do ghathan blàtha dòirt mun uaigh;
Bu shamhldo dhearrsaidh cridh an tréin
A chi thun so fo smachd an éig.

A bhean na céillas caoine snuadh,
Na biodh do dheoir a ruith cho luath,
Cha mhair an cadal so a chaoidh,
Is chi fhathast rùn do chrìdh’.

Seadh, chi thu esan t-saoghal chian,
Mar dhearrsadh gréinnach caochail sian;
N sin sguiridh bròn is sileadh dheur,
S cha sgar am bàs sibhchaoidh o chéil’.

A chlann mo ghràidh as aille dreach
Na biobh an còmhnuidh chòir nan leac;
Ged chaill sibh athair bàigheil, ciùin,
Tha agaibh fhathast reul gur stiur’.

S nin alladh ghlan gun smal, gun smùr,
A dhfhàg e air an taobh son ùir,
Fior chàirdean duibhs gach àit an téid;
Chan eagal duibh, ’s leibh gràdh nan speur.


Cadal gun fhaireachadh cailleach an tàillear.

Cadal nan consamhuilionn.


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


GIBHTEAN NOLLAIG.
Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets , Lockets, Dressing Cases,Bataichean le cinn oir.
ANNS AN STOR AIG—K . BEZANSON.


CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH

Tha sinn acreic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.

Do Ghillean do Dhaoines do Chloinn.

Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tighnn a stigh.

H . H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 24
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 24. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page