[193]

[Vol . 9. No. 25. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN DI-HAOINE, DESEMBER 21, 1900. No. 25.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna

LE IAIN.

CAIB. VII.

AONGHAS FIONN MAC DHOMHUILL HEARRAICH.”

CHA robh dad sam bith cearr ri chur as leith Dhomhuill Hearraich, no as leith a theaghlaich; ach bha iomadh neach alabhairt le suarachas mun deidhinn, a chionn nach bann de ghnàth mhuinntir na dùthchadh a bha iad. Thug an t-Uachdaran Domhull as na h-Earradh gus a bhithna mhaor-seilge anns aghleann-uachdrach. Bha Domhullna dhuine cho grinns cho modhails cho fìrinneachs cho onarachs a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir.

Ged a bha seachdnar de theaghlach aig Domhull, cha do ràinig duine dhiubh abheag a dhaois ach an dithisAonghas agus Anna. Mar a bha nàdarra gu leòr, fhuair an dithis chloinne so, o nach robh beò ach iad fhein, barrachd dhen toil fhein na gheibheadh iad nan robh an coignear eile beò.

Bha cuid mhath de ghrìd na bàrdachd ann an Domhull. Rinn e iomadh òran éibhinn agus òran molaidh do chuid dhe na coimhearsnaich. Ach feumar a ràdh nach robh olc sam bithna bheachd ged a bha edeanamh nan òran.

Mur robh Aonghas a mhac na bu chuireadaiche agus na bu gheur-chuisiche naathair, cha robh e dad air dheireadh air. Dheanadh e duanag òrain mu thionndadh na boise. Cha deanadh duine sam bith am mach airaghaidh co dhiubh a bhiodh e mar mhagadh no da rìreadh an uair a bhiodh e ag innseadh naigheachdan; oir cha tigeadh uiread is fiamh gàire airaghaidh. Bu ghlé thoigh leis a bhith ann an cuideachd dhaoine a bhiodh déidheil air naigheachdan annasach. Dheanadh e suas naigheachdan as a cheann fhein ann an ionad nam bonn, agus cha mhòr nach tugadh duine sam bithfhacal gur e an tul-fhìrinn a bhiodh annta o thoiseach gu deireadh.

Bhiodhathair afaighinn phaipearan-naigheachd on uachdaran gu math tric, agus o nach robh na paipearan-naigheachd ach ainneamh rim faotainn aig an àm, bu ghlé thoigh leis na daoine a bhan geall air naigheachdan a bhith far am bìthteadhg an leughadh. On a fhuair Aonghas barrachd sgoile na fhuair aon sam bith eile de ghillean òga nam bailtean, agus on a bha barrachd ùine aige gu leughadh phaipearan is leabhraichean na bha aig fear sam bith, ach fear ainneamh desheorsas an dùthaich, bha tomhas mòr de dhfhiosrachadh aige nach robh aig gille òg sam bith eile a bhanns an àite.

An uair a rachadh e air chéilidh, bheireadh e leis paipear-naigheachdna phòcaid. Leughadh e gu fileanta do na bhiodhs an éisdeachd, cha be mhàin na naigheachdan a bhiodh anns aphaipear, ach mar an ceudna, naigheachdan nach burrainn a bhith ann, agus nach robh riamh ann am paipear.

Ach bann an oidhche nach biodh paipear aige bu mhò a dhinnseadh e de ròlaiste. Agus mar bu trìce, bheireadh iomadh neach creideas do gach naigheachd a dhinnseadh e, ged nach biodh abheag sam bith dhen fhìrinn annta. Ach bhiodh na daoine bu tùraile, agus bu tuigsiche na cheile gu math tric ag aithneachadh, gun robh e ag innseadh iomadh naigheachd dhaibh nach robh riamh ann an leabhar, no ann am paipear. Ged a theireadh cuid de dhaoine ris nach robhna chainnt ach ròlaiste gun bhonn gun bhlagh, cha deanadh e ach gàire riutha. Bu cheart cho math leis a bhithg a chàineadh ri bhithg a mholadh. Cha ghabhadh e gu h-olc facal sam bith a theirteadh ris.

Bha far-ainm air Aonghas. Riamh on a bha ena chnapach beag anns an sgoil, be Aonghas Fionn, a theirteadh gu cumanta ris. Fhuair e an t-ainm so a chionn gum be deise de chlò aotrom-ghlas a bhiodh e acaitheamh mar bu trice. On a bhaathairna shealgair fhiadh, dhfheumadh deise ghlas a bhith air an comhnuidh, a chum nach aithnicheadh na féidh e, an uair a bhiodh e ag ealadh orra, seach clach, no gnoban còinich. An uair a dheanadh a mhathair clò dhaathair, gheibheadh Aonghas deise dheth. Be deiseachan de chlò gorm no de chlò trom-ghlas a bhiodh air fir agus air fleasgaich òga nam bailtean. Bhiodh iad, air an aobhar sin, asamhlachadh Aonghais, on a bhiodh deise ghlas air an comhnuidh, ris achlamhan ghlas, ris an abrar gu cumanta, “an t eun-fionn.”

Bha Aonghas Fionn, mar a dhfhaodar a thuigsinn, ’na fhear-cuideachd anabarrach math. Cha bhiodh réiteach, no banais, no cuideachd chridheil sam bith eile air feadh na dùthchadh air nach bitheadh e. Ghabhadh e òrain gu leòr, agus mu dheidhinn na dhinnseadh e de naigheachdan agus de dhursgeulan eibhinn, cha robh crioch air.

An lathabha Lachlainn adol a bhuain an fhraoich, thug e an aire gun robh caora le Domhull Hearrach a staigh guleith ann an te dhe na cruachan anns an iodhlainn aige. Leig e leatha gus am faiceadh Domhull Hearrach no a mhac ann i; oir mur faicteadh ann i, is dòcha nach biodh e furasda dhearbhadh gun robh i ann idir.

An uair a bha Lachlainn adol seachad air taigh Dhomhuill Hearraich, bha Aonghasna shuidhe ri taobh abhalla, agus e gu trang aleughadh phaipearan. “Nach ciatach an gnothach dhuibh a bhithleigeadh leis achaoraich ud agaibh a bhithg itheadh mo chuid arbhair-sa? An ath uair a chì mise anns an iodhlainn i, spadaidh mi i. Gabh sios agus cuir as an iodhlainn i. Ceangail achonnlach, agus pàigh dhomhsa an domail a rinn i. Bfhearr dhut gu mòr a bhithg a buachailleachd na bhithna do shuidhes do dhruim ri ballaleughadh paipear. Nam bu leam thu ghabhainn ort gu maths gu ro mhath le taod fliuch. Chaneil annad ach an dearg sheotaire, mar a thanns a h-uile fear eile a thacur seachad na h-ùine aleughadh phaipearan is leabhraichean. Cuiridh na paipearans na leabhraichean an dunaigh air òigridh na dùthchadh, ma leanas iad air tighinn don dùthaich air an ruith air am bheil iad,” arsa Lachlainns e glé chas, corruchna inntinn.

Cha dthug Aonghas freagairt mhath no olc air Lachlainn. Phaisg e am paipear, agus ghrad dhfhalbh e a chur na caorach as na cruachan, agus a cheangal an fhodair. Ghabh e cuairt sìos rathad bruaich na h-aimhne air eagal gum faiceadh bean Lachlainn e, agus gun troideadh i ris. Agus feumar aideachadh gun robh teanga glé ealanta aice an uair a thòisicheadh i ri trods ri connsachadh. Ged a bha Lachlainn doirbh gu leòr an uair a ghabhadh e fearg, cha deargadh e air Catriona. Bha i gu nàdarrana boirionnach còir, caoimhneil; ach an uair a chitheadhs a chluinneadh i rud nach còrdadh rithe, dhfhàsadh i gle chas. Bha fhios aig Aonghas air so, oir cha bann aon uair no uair a thug i ruith chàinidh air.

An uair a chaidh e steach don iodhlainn, bhachaora staigh gu leith ann an te dhe na cruachan. Chuir emach i gu bog, balbh, agus thòisich e ri ceangal na connlaich

Bhan iodlann aig cùl an taighc, agus bha Aonghas acluinntinn cath bruidhne anns an taigh. Thug e sùil air an uinneig a bham barr abhalla, agus chunnaic e gun robh fear dhe na lòsain briste innte. Ghabh e ceum a null thun na h-uinneig, agus chuir e a chluais ri claisneachd feuch an deanadh emach co bhabruidhinn ri bean Lachlainn. Ann an tiotadh dhaithnich e guth bean Sheumais. Thug an comhradh a bha eadar na mnathan air seasamh far an robh e na bfhaide na bha dùil aige. An uair a chuale bhithg iarraidh air Ceiteig a dhol am mach a shealltainn an robh bean Dhomhuill Bhain atighinn, thuirt e ris fhein, gum bu cho math dha fuireach far an robh e air eagal gum faiceadh Ceiteag e; oir bha fhios aige gun robh i cho luath-bheulachs nach ceileadh i dad a chitheadh nochluinneadh i. An uair a thàinig bean Dhomhuill Bhain agus a thoisicheadh ri deasachadh na cuirme, thuirt e ris fhein, gum fanadh e far an robh e gus an cuireadh iad crìoch air achuirm.

So mar a chualAonghas a h-uile facal a bha eadar na mhathan o thoiseach gu deireadh. Cha dfhalbh e on uinneig gus an cuale bhithg iarraidh air na mnathan a dhol am mach air an dorus an iar. On a bhan dorus an iar ri taobh garadh na h-iodhlann, bha eagal air gum faiceadh na mnathan e nam fanadh e far an robh e. Cho luaths a bhana chnamhan leum emach as an iodhlainn, agus ruith e sios leis abhruthach gu bruaich na h-aimhne. Dhfhalaich e e-fhein ann an sgor creige. Mar a chaidh ainmeachadh mar tha, chuale an comhradh a bha eadar an dithis ban.

Ged a bann le tuiteamas a thachair a dhAonghas a bhith ann an àite éisdeachd do na mnathan an lathud, feumar a radh gun robh e glé dhéidheil air a bhith far-chluais. Bhan cleachdadh surach so glé chumanta ann am measg cuid dhen t-sluagh aig an àm ud; agus tha aobhar a bhithcreidsinn gum bheil iomadh neach aleantuinn achleachdaidh so gus an lathan diugh. Ach cha chualas riamh a bhithmoladh nan daoine a bhiodhg a leantuinn.



[194]

[Vol . 9. No. 25. p. 2]

Ged a bha gach facal eile a labhair na mnathan glé mhath air chuimhne aig Aonghas, be na labhair iad mun mhaor a bfhearr a bha air chuimhne aige. Bha e anns an àm air tlachd a ghabhail de thé dhe na nigheanan aig amhaor. Thuirt e ris fhein, gun deanadh e gach ni a ghabhadh deanamh a chum fios cinnteach fhaotainn mun dòigh anns an robh am maor adeanamh a dhleasdanais mun dthàinig e don dùthaich. “Bidh mise,” arsesan ris fhein, “agabhail beachd gu dluth air gach ni a chi agus a chluinneas mi. Ma tha dad cearr ri ràdh ris amhaor, bidh fhios agamsa air mun bi mi mòran nas sinne na tha mi. Chunnaic is chuala mi mar tha rud no dhà mun mhaor nach do chòrd rium.”


Litir a Moosomin.

Than geamhradh a nis againn an taobh so, aguss cinnteach gum bheil sin mar sin agaibh fhein mar an ceudna, ’s aig a chuid as motha de leughadairean MHIC-TALLA anns gach àite. Thainig e oirnn an so am bliadhna gu math garbh, le fuachd is sneachda na thoiseach; ach tha sìde bhriagha againn a nis. Than geamhradh coimheach gu leor na uaireans an Iar Thuath; ach chan abair mi gum bheil e cho fior aognaidh idir ris an dealbh a tharruinn Mac Mhaighstir Alasdair, na oran don gheamhradh Ghaidhealach. Ach tha fios againn uile nach biodh Alasdair coir fada ga fhàgail cho mìn, ciuin, boidheach ri samhradh na h-Eadailt, nan gabhadh e os laimh sin a dheanamh.

Tha sinn air fàs cho eolach air an fhuachd a niss nach cuir sinn uighreachd airn uair a thig e, ach cha robh sinn mar sin a chiad bhliadhnathainig sinn an taobh so. Bha gach bodach na [ ? ]tan a deanamh deiseil airson a gheamhraidh is Sero. Cha robh cuid ro chinnteach, an uair a bha iad a cluinntinn dhaoinebruidhinn gun robh Sero a tighinn, ciod an creutair a bhann idir. Chualas [ ? ]n seann duine coir a foighneachd an ann air an rathad iaruinn a thigeadh e, air neon e chas a bhiodh aige; ach mun robh e moran na bu shinne [ ? ]a fhios aige gle mhath air barrachdus sin ma chleachdanan Shero. Fhuair gach duine dhachaidh gach connadhus eile, ’s chite iad air an t-seachdain mu dheireadh den fhoghar nan sruth gun bhristeadh leis na daimh mhora falbh na bhaile dhiarraidh biadh a gheamhraidh, ann a làn dhuil nach fhaigheadh iad gluasad a mach air dorus aon uairs gun tigeadh e. Ach a nis tha gach car dheth sin, ’s iomadh rud eile, ga fhàgail air choinneamh a gheamhraidh.

Bann car mun àm ud cuideachd, a bha cogadh nan Innseannach ann, ’s ged a bha iad astar math air falbh on àite so, cha robh fios aig daoine air ùr-thighinn de dhfhaodadh na daoiniongantach sin a dheanamh, no de na cumhachdan dorcha dhfhaodadh a bhi aca. Mar sin an uair a thainig air duinàraidh a dhol don choille aon latha, ’san connadh aige air ruith am mach, ’se shuil gu mor bu thrainge nan tuagh, air eagals gu faodadh Innseannach slaodach a bhi air chul gach preas. Cha robhm fradharc aige ro-mhath cuideachd, ’s mar sin bha gach bun dubh craoibhe a gabhail chumaidhean iongantach ma choinneamh, a maoidheadh air, ’s a deanamh chleas nach do rinn bun craoibhe riamh roimhe no na dheigh. Ach smaoinich Ailein air na suinn on dthainig e, ’s gu h-araidh air a chnap-phraisich fhuar a dhfhag e stigh, ’s lean e roimhe air gearradh an fhiodh. Sheas en sin tacan a suathadh fhalluss ag amharc mun cuairt, ach a chiad shuil a thug e sheas an t-amharc aige far an robh es dheirich gach gas gruaigeadh a bhair a cheann air an corra-bid leis an uamhas, agus be so a chunnaic e: Innseannach mor urad ri fear de laoich na Feinne, mu dhusan slat uaithe, ’s gunnaige, anns an robh (a reir Ailein) coiseachd latha dhfhad, agus rud bu mhiosa na sin, e ri gualan Innseannaichsa shuil ris, ’san ceann eile— ’n ceann cunnartachair cridhe Ailein. Chaneil teagamh nach ann ga fhàilteachadh do dhùthaich a shinnsridh a bhan duine coir, ach ben fhàiltechuir Ailein air aon ghlaodh leigeil as a bheat gach sgornan a chualan t-Innseannach riamhs a sgain gach craobh mun cuairt. Thug e aghaidh air an taigh; ach na craobhan a bha cho modhail, stolda tiotadh roimhe sin, ’s ann a bha iad a nis nan deann-ruith, a tighinn o gach taobh, a feuchainn ri dhol as an rathad air, agus bhabhuil, bha iomadh te nan sineadh na dheigh, agus tha rathad réidh ann gus an lathan diugh. A nise, innseadh mi ann an cagar gum be nighinn éibhinn le nabaidh do dhAilein a bhanns an Innseannach, agus gum be maide dubh gual an gunna bha i cuimseachadh air broilleach Ailean.

A thaobh am barr a bhi cho dona chaneil an t-airgiod ach gann an taobh so am bliadhna: ’s ainneamh tuathanach aig a bheil sporran reamhar, gedtha biadh gu leor aca, ach a chuid sin tha togail stuic tha iad sin nas fhearr dheth am bliadhna.

Bu toigh leam tuilleadh a sgriobhadh, ach tha so air fàs car fada mar tha, ’s mar sin cumaidh mi gu uair eile. Nam biodh mo lamh fada gu leor bheirinn ribeag á Bodachan aGhàraidh. Tha min dochas gu bheil e mairionn. ’S iomadh sgriobhadair taitneach eile tha, a reir choltais, air bòidean samhchair a chuir orra fhein, iad am pinn a fhliuchadhsa mheirg a chrathadh dhiubh aon uair eile. Blais air a bhiadhs gheibh thu sannt air. Faigheadh iadsan am peann air a phaipears chan iarr iad sgur.

SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.


Na Tri Fainneachan.

O chionn fada an t-saoghail, mas fhìor na chuala mi, bha iomadh rud atachairt a bha ro iongantach. Bha buidsich ann a thionndadh le buille de shlachdan draoidheachd carragh cloiche gu h-òr, agus duine gu riochd aon a dhainmhidhibh an achaidh, no eadhon gu sgonn maide. Bha iomadh dòigh ann air bacadh a chur air tinniss air abhàs fhéin. Bha dòighean ann air muinntira chumial òg a ghnath, agus air an deanamh aoidheil, ciùin, tlachdmhor anns na h-uile ni air chor as gum biodh sìth agus sonas a ghnàth ariaghladhnam measg. Dheanadh iad so gu léir le fàine druìdheil a chur air meur neach, no le trusgan-sìthe a chur uime. Bithidh sinne a tha beos an linn as-creidmhich so gle mhall gu creideas sam bith a thoirt do sgeul faoin den t-seorsa, ach tha, aig acheart àm, iomadh leasan maith ri fhaotainn uaith. A bharrachd air sin bithidh sinn ullamh air a bhithg ràdh nach robh anns an t-sluagh am measg an déirich na beachdan faoine so ach sluagh dorcha, borb, amaideach, aineolach. Tha eagal mòr orm gum bheil sinne, moiteils mar a tha sinn as ar cuid foghluim, mòran nis fhaide air ais ann an iomadh ni na iadsan. Innsidh mi sgeula beag no dha a nochdas gu soilleir cho glics cho tùrails a bhan seann sluagh so.

Bha duine uasal ann aon uair aig an robh fàinne ro luachmhor a bheireadh air duine sam bith aig am biodh e gum biodh speis mhòr aig na h-ùile neach dheth. Aig àm a bhàis thug se e don mhac bu docha leis air chùmhnanta gun gleidheadh se e gus am fàgadh se e mar an ceudna aig amhac bu docha leis aig àm a bhàis, agus mar sin air aghaidh fhads a bhiodh mac atighinn an ionad an athar. A bharrachd air a so, am mac a gheibheadh am fàinnesann aige bhiodh riaghladh an teaghlaich agus a chòir-bhreth, eadhon ged a be bòige den teaghlach. An déigh don fhàinne a bhi air a liubhairt a nuas o athair gu mac fad iomadh ginealaich thachair mu dheireadh gun robh e aig athair aig an robh triuir mhac a bha anns na h-uile ni anabarrach umhail, agus dleasnach. Bha e cho miadhail orra nan triuirs nach robh fhios aige co aca dan tugadh em fàinne. Mu dheireadh thalls e bhuails acheann aige gun rachadh e far an robh an t-òrcheards gun tugadh e air fhàinne eile dheanamh cho coltachs a burrainn da ris an fhàinne bhuadhachs nach robh en comas do dhuine bha beò eadar-dhealachadh air an t-saoghal a chur eatorra. ’N uair a bha e air leabaidh a bhàis dhiarr e a mhac bu shine a thoirtna làthair, agus air dha comhairlean maithe a thoirt air agus a bheannachd fhagail aige thug e dha fear de na fàinneachan. Chuir e fios air an dara mac agus air an treas mac agus rinn en t-aon ceudna riutha. Beagan ùine na dhéigh sin dheug e. Thiodhlaic a chuid mac e, agus an déigh do gach ni bhi thairis dhinnis am mac bu shine gun dfhuair esan am fàinne o athair, agus mar sin gur ann aige bha còir air gach ni a dhfhàgathair. Bha mòr-ioghnadh air a dhithis bhraithrean an uair a chuala iad so, achs ann a bhan t-ioghnadh orra nuair a dhinnis gach fear mar a thuirtathair ris. Thug gach fearfhàinne fhéin a làthair, ach cha robh enan comas a dheanamh a mach co aig a bham fàinne buadhach. Bhan dithis a bòigeg am meas fhéin a h-uile buille cho maith còir air aon dad a dhfhàg an athair ris an fhear bu shine. Mu dheireadh thall chaidh na fir cho fada thar a chéiles gun tug iad achùis an làthair abhreitheamh. Thug gach fear a thaobh fhéin den chùis air aghaidh le innseadh mar a thuirtathair ris. Cha chreideadh fear seach fear dhiu gun tug an athair fealag asda; ach bha gach fear car ann am beachd gun dthug a bhraithrean ionnsuidh air a char a thoirt as le fàinne meallta thoirt air aghaidh. Ach an deigh na h-uile rud bha leithid a dhearbsa acana chéiles nach burrainn daibh so a lan chreidsinn. Bham breitheamh e fhéin ann an iom-chomhairle nach bu bheag mun chùis, ach mu dheireadh thug e breth mar a leanas: “Chan urrainn dhomhsa dheanamh a mach co em fàinne ceart, agus mar sin chan urrainn domh radh co aige tha còir air a bhina cheann thairis air an teaghlach. Ma tha e fior gum bheil buaidh shònraichte anns an fhàinne cheart a chum an neach aig am bheil e a dheanamh ionmhuinn ann an sealladh nan uile dhaoine, tha e mar an ceudna cheart cho fìor nach urrainn gum bi abhuaidh shonraichte so anns an fhàinne eile. Tillibh dhachaidh, agus sguiribh dher n-aimhreit. Creideadh gach fear agaibh gur h-ann aige fhéin a tham fàinne ceart, agus a chum sin a dhearbhadh dha fheins do mhuinntir eile, deanadh e strì a chum e-fhéin a dheanamh ionmhuinn leis na h-uile. An neach a bheir barr agus is mo choisneas de ghràdh muinntir eile dearbhaidh e gu soilleir gur ann aige a tham fàinne ceart.” Lean iad achomhairle ghlic so a thug am breitheamh orra, agus rinn iad strì feuch co bu ghràdhaiches bu neo-fhéineile gus mu dheireadh thall an deachaidh gach aimhreit a beatorra mu na fàinneachan air dichuimhne. Chaith iad am beatha gu réidh agus gu sona maille ra cheile.

Bha aon uair ann an aon de dhùthchannaibh na h-airde-near duine uasal a bha ann an suidheachadh ro àrds arioghachd. Be a bfhaisge ann an



[195]

[Vol . 9. No. 25. p. 3]

inbhe air an righ fhéin. Ciod sam bith tubaist a dheirich dha thachair gun drinn e dol as an rathad air choireigin a choisinn dha diombadh agus corruich an righ. Thug an righ ordugh teann, cruaidh e bhi air a ghleidheadhna phriosanach fhads bu bheò e ann an seomar beag am mullach tùir àird. Rud nach bioghnadh bha a chridhe gu bristeadh le bron. Bha e cruaidh leis deadhghean an righ a chall, ach bu shuarach leis sin seach a bhi dealachadh ra mhnaois ra phàisdean. Chunnaic e air a shon sin nach deanadh bròn feum sam bith dha, agus gum bfhearr dha an oidhirp a bfhearr a burrainn da dheanamh air teicheadh as an tùr. Cha robh e furasda dha idir teicheadh. Chan fhaigheadh e sios gun fhios, a chionn gun robh luchd-faire a ghnàth aig dorsaibh an tùir, agus nan tilgeadh se e fhein sios on uinneig bhiodh e grad mharbhnuair a bhuaileadh e shìos. Bu duine e aig an robh mor eolas mu thimchioll iomadh ni. Bha e ghnath adeanamh feum de shùilibhs de chluasaibh. Bha e agabhail beachd air gnathannaibh gach creutair bheo air am burrainn dha a bheag a dheolas a chur. Ann an àm na trioblaid rinn an t-eolas so feum mor dhathug e comas dha air teicheadh as an tùr. ’S ann o ghnàthannaibh daolaig, an creutair beag suarach sin air am feudadh na h-uile neach a bhi gle eolach, a dhfhoghlum e an doigh air am faigheadh e teicheadh.

Air feasgar àraidh thainig a bhean gu bonn an tùir, ’s thoisich i ri guls ri caoidh. Labhair e rithe mar so, “Mas maith leat mise a bhi air mo chomas, grad sguir dhe dbhròn, agus rach dhachaidh agus na tig air ais gus am faigh thu na nithean so: daolag dhubh bheo, rud beag de sheann ìm, ceirsle bheag de shnath grinn sìoda, ceirsle de shnàth cainbe, ceirsle de chòrd maith làidir, agus cuairteag mhaith de bhall.” Ghrad dhfhalbh a bhean dhachaidh, agus fhuair i na h-uile ni dhiu so. An ath oidhche thainig i leo gu bonn an tùir. Dhiarr e oirre rud dhen ìm a chur air ceann an daolaig, agus ceann an t-snàth shioda a cheangal ma meadhon, agus a cur air balla an tùirs a h-aghaidh a chur rathad mullach an tùir. Rinn a bhean so. Nis tha ena chleachdadh aig an daolaig a bhi sìor dhol air aghaidh air an rathad air am faigh i fàileadh laidir sam bith as a cionn. Nuair a chuireadh a h-aghaidh ri barr an tùir, air dhi a bhi air a tarruing le fàileadh an ime bhair a ceann, choisich i suas air abhalla gus mu dheireadh an dràinig i an uinneag far an robh am prìosanach. Fhuair e mar so greim air an t-snàth shioda, agusnuair a fhuair, cheangail a bhean ceann na ceirsle cainbe ris. Tharruing e thuige e, agus na dheigh sin an còrd, ’s mu dheireadh am ball. Cheangail em ball ris an uinneig, agus mar so leig e e-fhéin sios leis an uinneig. Fhuair e mar so a shaorsa troimh an eòlas a fhuair e air cleachdadh na daolaig. —An Gaidheal.


Am Mac mar an t-Athair.”

Aontaichidh gach neach gu bheil e fior ann au tomhas ro-mhor mu lusans mu gach creutair cruthaichte a mach o dhuine, gu bheilam mac mar an t-athair.” Tha gach Garadairs gach Tuathanach asaoithreachadh anns achreidimh so, agus tha toradh an saothrach adearbhadh firinn an creidimh. Bhiodh e coltach gu leoir gum biodh an lagh ariaghladh na bu teinne thairis air gach creutair mar a bisle a staid anns achruthachadh. Ma tha e fior gur iad na tri cumhachdan a dhainmich mi a tha sonruchadh cor gach ni anns abheil beatha; tha e so-thuigsinn nach ionann neart do gach cumachd fa leth thairis air cor gach gne chreutair. Mar is isle staid gach creutairs ann is lughas is laige a chomasan; oirs e meudus neart a chomasan a thasonruchadh airde no isle a staid. Chaneil mar so dithis de na cumhachdan a dhainmich mi ag oibreachadh cho tric no comasach ann am beatha achreutairs a tha iad am beatha an duine. Chaneil a chumhachd fein no cumhachd an t-saoghail asonruchadh beatha an ainmhidh is airde staida shonais no thruaighemar tha iad asonruchadh beatha an duine is diblidhn ar measg. Chaneil an Saoghal (agus leis ant-saoghaltha miciallachadh gach ni tha buntainn ris o bhreith gu bhas) acaisleachadh achreutair air cho iomadh doighs a tha ecaisleachadh an duine. Do bhrigh nach eil e fein adol an coinneamh an t-saoghail cho tric no cho dians a than duine, chaneil an saoghalg a choinneachadh air cho liutha bealach. Ann am beatha achreutair an coimeas ri beatha an duine, thachairdeans a naimhdean nas laige. Ach bhiodh e mealltach a radh mun chreutair nach eil cumhachd idir aige feins gu h-araid aig an t-saoghal thairis air a bheatha. Mu na h-ainmhidhean is airde comasan, cha ruigear a leas dearbhadh a thoirt seachd aon chuid air aghleustachd a tha iad acleachdadh a chum sonas a shealbhachadhus truaighe a sheachnadh, no air gach iomadh doigh anns abheil an saoghalnan siontancreutairean eilepailteas us gainne loinasonruchadh an neart, an dreach, ’s an aireamh, anns gach tir. Tha so soilleir do gach neach a sheallas mun cuairt dan a dhuthaich fein, noleughas mu eachdraidh ainmhidhean an duthchannaibh eile. Agus tha na ceart chumhachdan ariaghladh, ’n an staid fein, beatha nan lus. Ma leughas sinn oibre nan daoine a rannsaich gu geur gneus doigh nan luss nan creutairean is isle bith, chi sinn nacheil ni is cinntiche na so, gu bheil anns gach staid na comasan is feumailechum beathachumail suas air an neartachadhs air an aiseagn an neart don t-sliochd. Anns an stri mhior gu bhi beo, tha e fior, air aghaidh achruthachaidh anns gach ceum, gu bheil dfheum asonruchadh do neart; agus chan en duine a mhain, ach gach bith, a dhfhaodas a radh, “Ciod e nach toir neach air son a bheatha.”


Seann Sgeulachd Lochlannach.

Nuair a dh-iarras sinn soilleireachadh mu thimchioll mòran de na saobh-chràbhaidhean a thainig a nuas duinn o na linntibh dorcha feumaidh sinn, mar is tric, dol do sheanachas agus do sgeulachdan ar n-athraichean.

Theagamh gun toir an sgeulachd Lochlannach a leanas beagan soillse air abhaoth-chreideamh sincho cumanta, eadhon anns na laithibh sogun roimh-innis donnalaich nan con gu bheil tuiteamas tubaisteach éigin ri tachairt don neach mhi-shealbhach a chluinneas i.

Co-dhiù, tha mi saoilsinn gun taitinn an sgeul rir luchd-leughaidh— ’s mar soso agaibh e.

Dhfhalbh Daighrinn gu eilean fad thar achuan agus phòs e nighean bhòidheach òg. Ghabh iad còmhnuidh an sin le cheile sheachd bliadhntan, agus bha sianar chloinne aca. Ach, ’s ann a thainig am bàs don dùthaich sin, agus ghlac e bean Daighrinn, ’s in lilidh àluinn, gun mheang, gun chron.

Dhfhalbh Daighrinn gu eilean eile agus roighnich e bean ùr. An deigh aphòsaidh, thug e leis da dhachaidh i. Ach bha ise olc, cruaidh-chridheach. Thainig istigh far an robh na leanaba muladach. Bha iad a deanamh caoidh agus an gorm shùilean a sìleadh dheur.

Dhùtaich i uaipe gu garg iad, oir bha i gun truas. Cha dthug i beòir na aran daibh, ach thubhairt i riuthaBithidh an t-acras agus an tart oirbh.” Thug i uatha am pilleanan gorma, agus thubhairt i riutha, “Laidhidh sibh air achòmlaich.” Ghlac i uatha an coinnealan dealrach, agus thubhairt i riuthaFuirchidh sibh anns an dorchadas!”

Anns an oidhche, bha achlann ri gul. Chluinn am mathair iad, agus i fon fhòid uainechluinn i iad on mharbh-phaisg fhuair, agus chuir i roimhe pilleadh air a h-ais chum bhi nis fhaisge dhaibh. Thainig idh ionnsuidh ar Tighearna, agus thubhairt i risThoir cead dhomh dol a choimhead air mo chloinn bhig,” agus rinn i ùrnuigh gun sgur gus an do leig o dhi pilleadh don talamh. Gidheadh, thug e aithne dhi teachd a rithisd don uaigh mun goireadh an coileach.

Chuir i air ghluasad a buill do-lubadh, sgith, agus streap i balla na réilig. ’Nuair a chaidh i seachad air abhaile-bheag, ’s ann a lion na coin an t-adhar len donnalaich an-aoibhinn, mhuladaich. ’Nuair ràinig in tigh, fhuair i a nighean as sine, agus i a seasamh air an stairsnich. “ tha thu deanamh an sin, mo nigheanag ghaolach,” deir i rithe, “agus caitem bheil do bhràithrean agus do pheathraichean.” “Carson a their thu rium-samo nigheanag ghaolach?” fhreagair am pàisde, “cha tusa mo mhathair: bha mo mhàthair-sa bòidheach, òg; bha a gruaidhean cho dearg ris an ròs, agus cho geal ris an t-sneachd; ach tha thusa cho bàn ri corp-marbh.”

Cionnas as urrainn domh bhi bòidheach, ogthàinig mi à tìr nam marbh, agus is bàn mo ghnùis, Cionnas as urrainn domh bhi geal agus dearg, agus cho fadan tìm on dfhuair mi bàs.” Chaidh i a stigh don t-seòmar-chloinne, agus fhuair i iad an sins iad a deanamh caoidh le chéile. Nigh i a cheud diubh, chìr i falt fir eile, chomhfhurtaich i an treas agus an ceathramh, agus ghabh in cuigeamhna làimh mar babhaist anns na laithean a dhfhalbh. An sin thubhairt i ra nighean as sine, “Imich agus iarr air tathair teachd am ionnsuidh.” Agusnuair thàinig Daighrinn a stigh don t-seòmar, ghlaodh i, ’s i fo chorraich mhòir. “ ’Nuair a dhfhàg min tigh sodhol do thìr nam faileasan, bha beòir agus aran ann gu leòir; ach a nis tha acras air mo phàisdean gaolach. Bha pilleanan gormaca, agus a nis tha iad a laidh air achomhlaich. Dhfhàg mi coinnealan dearlach, agus tha iad anns an dorchadas. Mas feum dhomh tilleadh an so a rithisd, bithidh tubaist agus mallachd oirbh! Ach, eisdibh! e!sdihh! ghoir an coileach ruadh— fe[ ? ]aidh na h-uile mairbh tilleadh don uaighean beul-fhosgailte. Eisdibh a rithisd! ghoir an coileach dubh, agus fosglaidh dòrsan néimh. A nis, goiridh an coileach geal, chan urrainn domh fuireach nis fhaide!”

On oidhche rim beò, ge be uair a chluinneadh Daighrinn agus a bhean na coin a deanamh tathunnaich, thugadh iad an sin beòir agus aran don chloinn, agus ge be uair a chluinneadh iad na coin ri donnalaich, bhiodh fiamh chritheanach orra, air eagal gun tigeadh an tannasg a rithisd on uaigh. —W. H. ’saHighland News.


Cha dean ar neart fhein feum sam bith dhuinn. Cha dean am fear as treises an t-saoghal feum anns achogadh mur bi airm aige. Cha mhò na sin a theid aig daoine air cur an aghaidh an diabhuil mur bi iad comhdaichte le uile armachd Dhé.



[196]

[Vol . 9. No. 25. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $l .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, DESEMBER 21, 1900.

THA MAC-TALLA a guidhe NOLLAIG CHRIDHEIL da chàirdeans da luchd-eòlais anns gach cearna dhen t-saoghal mhors am bheil iad acomhnuidh. Agus tha en dòchas gum bi iad beò, slàn air choinneamh iomadh Nollaig eile.

Nach bochd an gnothuch nach urrainn na rioghachdan, beag agus mor, a bhi aig sìth ri cheile. Tha da dhùthaich bheagPortugal agus an Olainda maoidheadh air a cheile ann an dòigh a bheir air daoine a chreidsinn nacheil iad fada bho chogadh. Bha ard-chomhairleach aig an Olaind ann an Lorenso Marques, a bha feuchainn anns a h-uile dòigh a burrainn da, laghail no mi-laghail, air na Boeirich a chuideachadh. Rinn Breatunn gearain mu dheidhinn an ni so ri Portugal, a chionn gur ann leis an dùthaich sin a tha Lorenso Marques. Thug Portugal a dhreuchd bhon duine so, air dhi a chluinntinn mar a bha cùisean; agus is ann airson an ni so a tha an Olaind a bagradh cogaidh. Tha Portugal agus Breatunn aig an àm so gle chairdeil ri cheile, agus, air an aobhar sin, cha bhi an Olaind cho marbhteachsa tha i maoidhteach. Is math gu bheil na dùthchannan so a sealltuinn suas ri Breatuunn, mar a ni gille beag ri duine, air neo cha ruitheadh moran lathaichean seachadnuair a bhitheadh iad ann an cìreannan a cheile. Tha an saoghal làn de throimhe-cheile aig a cheart àm; ach tha sinn an dòchas gum bi gach rioghachd, beag agus mor, aig sìth agus samhchair ri cheile ann an ùine ghearr.

BHA beagan fhacal aig MAC-TALLA ri radh, ann an àireamh a thainig a mach o chionn ghoirid, mu chaochladh sheòrsachan sluaigh a bhin Canada, ’s mu chuid dhiubhsan a bha ruith air son na pàrlamaid a bhi feuchainn rin cur an aghaidh a cheile air son buannachd dhaibh féin. Chuir na bhaige ri radh beagan feirge air aon den luchd-leughaidh, agus thug en aghaidh oirnn air a shon, agus faodaidh sinn a radh gun drinn e sin ann an dòigh cho ciùins cho uasals gun tug e toileachadh mor dhuinn. Tha cuid de dhaoine anns gun dean iad cronachadh cho garg air neach a shaoileas iad a chaidh cearr, ’s nach e chur ceart a ni iad idir. Cha robh mhiann air MAC-TALLA aig an àm ud, ’s chaneil aig àm sam bith, a bhi luidhe nas truime air aon taobh na bhios e air taobh eile. Tha e meas nach e mhàin gur e shochair, ach gur e dhleasdanas a bhi togail a ghutha o àm gu àm a thaobh cùisean-riaghlaidh na dùthcha, an ni nacheil ceart a chronachadh, agus an ni tha ceart a mhisneachadh; ach chaneil na bheachd taobh pàirtidh sam bith a ghabhail, agus ma thachras dha facal a ràdh a chuireas miothlachd air muinntir, chan ann dha dheòin a tha ega dheanamh. “An ni nach cluinn e an diugh chan aithris e màireach;” agus eadhon ann a bhig aithris an ni a chluinneas e, tha e air son aithris gu firinneach, gun leth-bhreth sam bith, agus aig an àm cheudna ann an dreach cho taitneachs nach cuir e oilbheum air neach sam bith a bhiosga leughadh.


Na Gaidheil an Africa.

Mar ann an ioma ceàrn eile don t-saoghal tha Gàidheil an Africa ris an canarCape Town Highlanders;agus tha sgeul cianail ach cliùteach atighinn dhachaidh mun déighinn. Bha fhichead diubh air an cur mar ghearasdan ann am baile beag ris an abrar Jacobsdal, agus fhuair iad an deuchainn. Chuir iad a suas am bùth ann an cùirt ceithir cheàrnach le tighean air gach taobh dhiubh. An déigh dhoibh a bhi an sin ùine bheag, rinneadh ionnsuidh fhiadhaich orra ás na tighean anns an robh mnathan Dùitseach a bha fo chùrams fo ghleidheadh nan Gàidheal. Aon mhaduinn aig leth-uair an déigh ceithir thòisich na Boers air losgadh orra air gach taobh. Bha e ro-dhuilich dhoibh iad féin a dhìon a thaobh gun robh na naimhdean air cùl ballachan nan tighean, agus na mnathan Dùitseachgam biadhadh agusgan cuideachadh. As an fhichead ud thuit ceithir deug agus leònadh ceithir deug nan naoi uairean a mhair an strì. Fhuair iad fuasgladh an déigh mheadhon- troimh chùignear dan luchd-dùthcha féin a thàinig on amhainn Modder air dhoibh a thuigsinn gun robh an co-Ghàidheil aig Jacobsdalan teinn. Theich na Boersnuair thàinig achuignear ud, air dhoibh a bhi saoilsinn gun robh armailt atighinnnan déigh. Losgadh an sin gu làr tighean nan troiteirean far an robh na Boerich air am falach agus air am beathachadh ceithir làithean mun drinn iad an ionnsuidh fhuileachdach chasgraidh air na Gàidheil. Tha an sgeul so acurnar cuimhne seann sgeulachd air euchdan na Féinne.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Sanas do Chinn Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, MANAGER


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[197]

[Vol . 9. No. 25. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha an t-sìde o chionn faisg air da sheachdain air ais anabarrach briagha, ged a bha latha no dha air an t-seachdain sa chaidh anabarrach fuar; cha burrainnear side geamhraidh a bfhearr iarraidh. Tha gu leòr de shneachda air an talamh gu ròidean grinn a dheanamh, nach fhacas an leithidean mun àm so o chionn àireamh bhliadhnaichean. Cha burrainn duine ach gann guidhe bfhearr a dheanamh a thaobh a gheamhraidh na gum maireadh an t-sìdes na ròidean direach mar a tha iad gu toiseach an earraich.

Thachair sgiorradh muladach aig Loch Ainslie Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, leis an do chaill Tearlach Mac-Gilleain a bheatha. Bha e frithealadh air muillean-bualaidh a bhag obairs an t sabhal aige, agus air dha bhiglanadh na h-inneil-fhasgnaidh chaidh a lamh an sàs, agus bha i air a gearradh dheth os cionn caol an dùirn. Bha ena sheann duine, tri ficheadsa tri deug a dhaois, agus thug am pians an call fala buille cho trom dhas gun do chaochail e an ath latha. Bha ena dhuine measail anns achoimhearsnachd. Dhfhàg e bean agus teaghlach mor.

Bhuail an da bhàt’ -aiseig, an Acadias an Hygeia na cheile faisg air Point Edward, Di-màirt sa chaidh. Bha an oidhche a fàs dorcha, agus bha iad gu math dlùth dha cheile mun dthug na sgiobairean fa-near gu robh iad an cunnart bualadh; an sin dhfheuch iad ri cheile sheachnadh, ach gu mi-fhortanach chaidh iad aon rathad, agus bhuail ceann-toisich na h-Acadia an cliathaich na Hygeia. Rinneadh spealgadh agus bristeadh mor air fiodh agus rinn abhuille crithneachadh mor air an da bhàta, ach air chùl sin, cha drinneadh call sam hith. Chuir an Acadia a dhionnsuidh na laimhrig aig Point Edward, agus thainig am bàteil gu Sidni. Tha e air innse gu robh ùpraid uamhasach air bòrd an Acadia an deigh dhi bualadh, daoine air choltas a bhi dol as an céill leis an eagal, atilgeadh an cuid aodaich dhan uisgesgan deanamh féin deiseil air son a bhàis. Bu luchd obrach a mhor chuid dhiubh, adol dhachaidh on obair-iaruinn.

Thatar adol a dhfheuchainn ris an taghadh a bhristeadh ann an deich siorrachdan an Nobha Scotia, ann an deich siorrachdan an New Brunswick, ’s anns a h-uile siorrachd an Eilean a Phrionnsa. ’Sem bonn air am bheilear adol a dhfheuchainn ri sin a dheanamh, gun drinn iadsan a chaidh a thaghadh, mas fior sgeal na muinntir a tha curnan aghaidh, dòighean mi-iomchuidh a ghnàthachadh air son bhòtaichean a chosnadh. Tha mu uiread us uiread de liberalss de chonservatives ri bhi air am feuchainn, agus chan eil teagamh, mun tig latha na cùrta nach dean iad iomlaid: leigidh an darna pàirtidh am fear so saor air chumha gun leig a phàirtidh eile am fear ud saor. Tha so na chleachdadh aca o chionn iomadh bliadhna, agus chan ann dhe na cleachdaidhean as fhearr e; oir tha lagh agus ceartas gu tric air an cur a thaobh leis. Tha daoine tha ciontach afaotainn á làmhan an lagha, agus tha daoine neo-chiontach gu tric a faotainn droch cliù le bhi air an iomlaid air son dhaoine tha ciontach.

Tha achuideachd Gheancach a bha cladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie an deigh toirt suas. Chladhaich iad ceithir tobraichean, a chosg dhaibh mu dheich mìle dolair, agus cha dfhuair iad uiread us àileadh olla fhathast.

Ged tha na Sineich nan daoiniongantach ann an iomadh doigh tha iad ag amharc le tàir air neach nach pàigh a chuid fhiachan aig ceann gach bliadhna. Tha sinn am barail nach biodh e as an rathad do chuid do ar luchd-leughaidh eisimpleir na Sineich a ghabhail anns an doigh so.

Bhàthadh corrus da cheud pearsa air amhuinn ann an Sina air doigh iongantach o chionn ghoirid. Thuit duine anns an uisge bhar soitheach-smuide air an robh ceithir cheud luchd-turuis, agus leis cho ealamhsa leum pairt dhiubh gu taobh an t-soitheach chaidh i thairis leis an sgrios a dhainmeachadh.

Tha an soitheach-iasgaichSigrridair chall á Gloucester, Mass., o chionn corr us ceithir miosan, agus chan eil teagamh sam bith nach deach i fodha leis gach aon a bhair bòrd, Bha da dhuine dheug oirre, agus bhuineadh dithis dhiubh do Cheap Breatunn, an Caiptean Friseal, a bhuineadh do Phort Hawkesbury, agus Iain Mac Gill-fhaollain, a bhuineadh do St. Anns.

Thainig bàs cianail air fear Iain Domhnullach, ann am Bridgeport, feasgar Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Bha e fein us dithis no triùin eile ann an taigh-òil, agus air dhasan suidhe air bocsa, thòisich e ri gearan. Chaidh a chompanaich dhachaidh, agus o nach robh fear an taighe-òil am barail gu robh dad cearr air cha do chuir e suim sam bith ann. Ach air do fheadhain eile tighnn a stigh, thugadh fa-near gu robh an duine, a bha nise na shineadh air an ùrlar, marbh. Bha jurynan suidhe dha no tri lathaichean, a feuchainn ri tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn ach cha robh fianuisean rim faighinn. Bi bhreth a thug iad a mach mu dheireadh gun do dhaobharaicheadh a bhàs leis an ol, breth a tha gun teagamh sam bith fior.

“ ’S dan an coileach air a dhùnan fhéin.” Tuigidh neach ciallach sam bith brigh an fhacail sonuair a leughas e am beachd amaideach a thaig Mercier, ceannard an airm Fhrangach, air rioghachd Bhreatuinn. Tha e ag ràdh gum biodh e furasda gu leor do shoithichean cogaidh na Frainge a dhol a null do Bhreatunn agus ionnsuidh a thoirt air an rioghachd sin a ghlacadh gun mhoran dragha. So beachd cho faoins cho gorachs a chur neach an geill riamh, a bha ann an dreuchd ard an dùthaich sam bith. Dhfhaodadh nacheil an duine amaideach so ach a bruidhinn airson ainm a chosnadh dha fhein am measg rioghachdan na h-Eorpa; aguss es docha gur e barail an amadain a bhios aca air air a cheann mu dheireadh. Feuchadh esan no a leithid air Breatunn a ghlacadh agus chi e an uair sin de cho furasdasa tha e sin a dheanamh. Cha chuir na briathran a labhair an duine so moran dragh air Breatunn. Aguss es docha mun ruith moran sheachdainean seachad gun cluinnear gu robh Mercier air a sparradhsan taigh-chaothaichan aon àites freagarraiche air a shon.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


Gibhtean Nollaig

Gu de bfhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh tinntinn asmaoineachadh gu de chuireas tu gan ionnsuidh mar ghibht, theirig don t-seomar dhealbh aigKelly & Dodge,agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son sar obair mhath.

Kelly & Dodge,
Dealbhadairean,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.



[198]

[Vol . 9. No. 25. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXIV.

Air an ath mhadainn chual an Diùc gun robh tuilleadh fathast dheth na Gàeil leointe, an cleth ann an cùiltean falaich air feagh na h-àraich, air ball chuir e pàirtidh dheth an armailt a chum am faotainn agus am marbhadh. Fhuair iad air a mhadainn sin ma thri-fichead sadeich de dhaoine leòinte, agus ghiulanadh iad gu braighe uchdain, far an deach an càradh mar chuspair ro aghaidh prasgan shaighdearan a chuir ás daibh le aon làdach.

Fhuair Siamarlan Thighearna Chuil-Fhodair naoi-deug dheth na h-oifigeich Ghàelach nan laidhe leoint, ann am badan beag coille fagus don àraich agus fhuair e dòigh air an giùlan air cràgh-leabaidh a dh-ionnsaidh saibhlean a mhaighstir far an robh e a nochdadh gach caoimhneis a bha na chomas daibh, gus am fàirte an giùlan air falbh gun àiteachan comhnaidh féin. Fhuair an t-àrm dearg brath far an robh iad so am falach agus ghiùlan siad iad a mach gu cùl garaidh, a bha dlù don àite, iar dhaibh an càradh nan sreath ri taobh a chéile, chaidh iarraidh orra bhig ullachadh air son bàis, chaidh cho liugha dheth na h-oifigeich saburrainn gluasad air an glùinean, cha bann a dhaslachadh iochd an luchd-casgraidh, ach a shirreadh tròcair nèamh don anamunnan, a bha nis aig iomal na siorruidheachd. Feagh a bha iad mar so crom ag ùrnaidh rin Athair nèamhaidh, chuir aon làdach mhosgaidean crioch air am beatha dhòrainich, agus a chum an obair a dheanamh na bu ro chinntiche thòisich na saighdearan air sadadh nan eanachailean asda le earr nam mosgaidean.

Cha dfhuaradh riabh a mach fir àireamh nan Gàel a thuit ann am blàr Chuil-Fhodair: ach cha burrainn gun robh iad na bu lugha na mìle fear agus be sin cùigeamh earrainn na h-àrmailt, nam measg sin bha iomadach duinuasal ainmeil. Thachair air an latha so (mar bu ghnà leis na Gàeil a dhol sios don àraich) gun robh na h-uaislean agus na diùlanaich a bfhearr ann an teas a chatha. Biad na Finneachan de bu mho thuit na Cama-Shronaich, na Stiubhartach, na Frisealaich, Clann-Chatain, agus Clann-Leain. ’Nuair a bha Mac- ’Illeain nan Drumainnean air teicheadh le bheath as an àraich, chunnaic e dìthis dheth a chuid mac air an leòn, agus chaidh innse dha gun robh an treas fear na laidhe marbh air a bhlàr. “Cha bhi sin gun dioladh,” arsa fear nan Drumainnean; agus ged a bhan t-uasal so cho aosda is nach robh ròine fuilt air a cheann, ruith e air ais thun na h-àraich, mharbh e aon trùpair agus leòn e fear eile, ach an tiotadh an deighe sin thuit e fein gun eiridh tuilleadh le lainn thrì trupairean sàite na chorp. Chaidh iomadaidh eile dheth na h-uaislean Gàelach a mharbhadh, ach thàr Stiùbhartach, Ghlinne-Seile agus Loch-Iall, às lem beatha.

thrì laithean an deighe a bhlàir bhan Diùca a tional na crice a dhfhàg na Gàeil as an deigh air an raon, agus fhuair e deich canonan fichead, mhìle trì-cheud agus fichead gunna, aon cheud ceitheir fichead as naoidiag claidheamh, seachd diagar fhichead baraille fùdair, agus làn fichead cairt do pheileirean eadar bheag as mhòr. Bha [pìos a dhìth]

Theich Tearlach dheth an raon le prasgan mharcach ma thimchioll, maille ri cháirdean agus a luchd comhairle; chaidh iad a null air abhainn Naruinn, tro àth na Faile ma thuaiream ceithir mìle bhon àraich, stad iad an sin car tacain acuir an comhairle ri chéile ma ciod bu chòir daibh dheanamh. Thuirt cuid dheth na daoinuaisle gum bfhearr dhaibh teicheadh a chùm nam beann leis an armailt far am burrainn iad iad féin a daoin a dhaindeon na feachda bu treise burrainn Rìgh Seòras a thogail nan aghaidh, gus an tigeadh cobhair as an Fhràingno gus an naiste sìth eadar iad féin as fir Shasuinn. Thuirt am Prionnsa féin nach robh e faicinn tearnadh air a shon ach teicheadh don Fhraing far an robh e cinnteach á tearmunn, agus á còmhnadh sluaigh a bheireadh an ath dheannal air Sasuinn maille ris na Gàeil. Gun tuilleadh a ràdh ghabh e chead dheth na cinn-feadhna agus dh iarr e orra dhol gu ruige Rua-bheinn ann am Bàideanach agus stad ann an sin, gus an cuireadh e fios dan ionnsaidh ciod a dheanadh iad an deigh sin.

Air don Phrionnsaghabhail den armailt, thriall e-féin agus còignear dheth ha h-uaislean a thainig thar sàil as an Fhràing a chum eirthire sior shiorramachd Inbheirneis a ruidhinn far an robh sùil aige ri long fhaotainn anns an gabhadh en t-aiseag don Fhraing. Air an turas so cha robh còladh ris dheth na Gàeil ach aon duinedam bainm Imhear Bure, duine bochd, a chaith greis dheth aimsir ann an Duneideann [pìos a dhìth] agus a phàirti, chum an Torr-dharaich far an robh Mr Tomas Friseal Siamarlan Mhic-Shimidh na. h-Airde chòmhnaidh. Anna an so chan fhaigheadh iad fàrdach, bha na dorsan duinte agus an teaghlach bho na bhaile. Bha Mac Shimidh féin man àm sin [pìos a dhìth] a bha dùil aig a chaitheamh mar ònair ris a bhuaidh a bham Prionnsa gu chosnadh thar a nàimhdean; ach mun deach a bheag dheth na chùirm so ithe ràinig am Prionnsa, Imhear Burcagus a choignear eile taigh Ghor-tuileig, agus bem Prionnsa féin a thug a chiad naigheachd de Mhac-Shimidh, air an truaighe a thug a nuas air a cheann agus air a


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


Bras dOr Steamboat Co. ,Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[199]

[Vol . 9. No. 25. p. 7]

theaghlach; ach ged a bha sin mar sin ghabh am morair ri Tearlach gu suilbhear, agus dhiarr e air a bhi tapaidh, a mhisneachd a chumail suas, nach beagal nach cinneadh buaidh leis fathast. Thuirt am Prionnsa gun robh e ann am mòr theagamh mun chùis sin. “Cuimhnich thusa,” arsa Mac-Shimidh, “air cruadal agus buan-leanmhuinn a h-aon dheth na laoich bhon tàinig thu, Raibeart Brus, a chaill aon bhlàr diag, ach chaidh an dara blàr diag leis agus choisinn e Albainn.” Cha do labhair am Prionnsa facal mar fhreagairt do na briathran so, ach ghabh e-féin agus a phairti biadh as deoch as thriall iad air an turas. Tacan an deigh sin chaidh Mac-Shimidh féin, a bha mun àm so na sheann duine lag agus tinn, a ghiùlan air falbh air cràgh-leabaidh gu àite falaich. Chunnacas Tearlach agus a chompanaich a dol seachad gu bras astarach tro Chille-Chuimean ma dha uair samhadainn, agus beagan roishoillearachd an latha ràinig iad Caisteal Inbher-Garaidh; cha robh aon chuid biadh no earnais anns an teach so agus a thaobh gun robh iad sgìth le astar dhà fhichead mile choiseachd, chaidil iad air an ùrlar nan cuid breacanan. ’Nuair a dhùisg iad ma mheadhon latha cha robh dad aca chuireadh iad gum bial, ach chunnaic Imhear Burc slat-iasgaich na sìneadh ri taobh a chaisteil le dubhan as driamlach. Bhan t-iasg mun àm sin a bristeadh gu dlùth san t-sruth, agus chaidh Imhear Burc air beagan a ghlacadh. Cha robh e na bhròd iasgairna bheachd féin no dhaoin eile, bha en dùil co-dhiù gun rachadh aig air beagan bhreac a ghlacadh, agus gu sealbhach air an treas siabadh theum e bradan, agus cha bfhada gus na mharbh e geadag mhòr eile, an nuair a bhruich iad an t-iasg dhith iad e gun aon dad leis ach deoch dheth an fhìr-uisgshoilleir anns ann deach àrach. Ghabh a phàirti gu léir an cead dhe na Phrionns anns an àite so ach Suilibhan, ONeill, agus Imhear Burc, [pìos a dhìth] e-féin agus Imhear Burc iomlaid deise a chum am Prionnsa chuir às aithne nan tarladh do luchd-brathaidh tighinn dlù dheibh. ’Nach a fhuair iad air dòigh thug iad am buinn as cho luath sadhfhaod iad, agus ghabh iad sios ri taobh Loch Arcaig. Ma naoi uairean adhòidhche rainig iad taigh Dhòmhnuill Chama-Shròin ann an Gleann-Peighinn; chuir iad rompan òidhche sìn a chuir seachad ann an taigh a Chama-Shronaich, agus bha Tearlach cho sgìth an deigh a thurus is gun thuit e na chadal man dfhuair e chuid aodaich a chuir dheth.

(Ri leantuinn)


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheac
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAL A STIGH AGUS FAIC.


Tha againn air an rathad atighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fheins ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhadsa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.


W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[200]

[Vol . 9. No. 25. p. 8]

An t-Seann Charaid.

Innseam dhuibh mu charaid liath
Gun cuir mi sios an ordugh e
Iad na suidhe stigh nan aonar,
Cha robh aon a comhradh dhiubh;
N sin chrath an seann duincaomh a cheann
Is thuirt e, “Seall na stolan ud:
Tha bhi gam faicinn ga mo chradh,
Is bfhearr leam as an t-seomar iad.”

O,” arsise, “dean am fagail
Greis an drasda comhla rium,
Nuair a sheallas mi nan dàil
Than tim a bhatoirt solas dhomh;
Saoilidh mi gu faic michlann
A tighinn nan deanns iad comhraideach,
A suidhe sios orra mar babhaist,
Cridheil, slàn, ’san oigaca.

Tha mo ghillean-sair dol bhuam;
Tha fearsa chuan gun eirigh dhiubh;
Tha fear eile dhiubhsan araich,
Anns na blair cha gheilleadh e;
Tha mo nigheanag chlanach, bhàn,
An diughs a pàisdean fein aice;
S dhfhàg iad sinne so nar n-aonar:
S beag ar maoin on threig iad sinn.

Bha iomadh curam air ar toir
Nuair bha iad og rir glun againn,
Ach shaoil sinn gun dreidh sud ma làr
Nuair dhfhasadh iad ri ùine dhuinn.
A bhi ag aithris mar a tha
Cha dean e stath, ach ciuradh dhuinn;
An àitar trioblaid a dhol bàs
S ann tha en dràsdair dublachadh.

Bha sinn misneachail gu leor
Nuair bha sinn ogsan t-slaintagainn;
S ge be call a thigeadh oirnn
Cha chluinnte bron no canran sinn.
Ach dhimich sud mar sgapas ceo,
S gur lapach, breoite an drasda sinn,
S dhfhalbh ar misneach mar ar treoir,—
S gur cullaidh bhroin a charaid sinn.

Ach na biodhmaid tur fo champar
Ged is lom a dhfhagadh sinn,
Cuiridh sinn ar deighs gach àm
San Ti a gheall a chairdeas duinn.
Ruithidh sinn an reis gu ceann,
Ged tha sinn mall is faillinneach;
S ma gheibh sinn uile dhachaidh thall
Cha dean a chlann ar fagail ann.”

Nach bochd gur firinn tha nam oran
A thaobh moran phàrantan,
Thog iad clannnuair bha iad og
Le muirn is doigh mar tharradh iad;
S a nisnuair tha iad aosmhor, liath,
Tha saoghal riaslach annrach dhaibh;
S a mhuinntir og a dheanadh doigh
Gur beag than coir an àite dhiubh.

C. C.


IS LUAINEACH MINNTINN AN NOCHD.

Is luaineach minntinn an nochd,
Ge beo mi, cha bheo mo thlachd;
Mo chridhair seargadh am uchd,
S trom dubhach minntinn gu beachd.

Is anns an àraich so shios
Tha bheans meachair, min-gheal cruth;
Deud air dhreach cailce na beul,
Bu bhinne na teud a guth.

Mar chobhar an uisge ghloin,
Mar eala ri uisge mear,
Mar chathadh-cuir air uchd sléibh
Bhan léug mu bheil mi fo smal.

Bu mhìns bu mhòdhar a sùil
Fo mhalair nach brùchdadh neoil,
S a gruaidh mar an caorann dearg,
Air lasadh mar dhealbh an ròis.

Meoir fhionna air bhasan bàn’,
Uchd soluis a bàille snuadh;
Ochan nan och! ’s cruaidh an càs
An gràdh thug mi dhi ra luaidh.

Cha dirich mi aonach no beinn,
Mo cheum air lagachadh ;
Aighear cha dig air mo ghnùis
Gus an dean an ùir mi slàn.

Mar ghràinne mullaich na déis,
Mar ghallansa choill a fàs,
Mar ghréin a folach nan reul
Bha thu fein am measg bhan ailt’.


BRIATHRAN FHINN RI FEARGHUS.

Bha Fionn agus a naimhdean mu choinnimh a cheile. Ghairm Fionn air Fearghus, a mhac, agus chuir e air ceann an t-sluaigh e gu dhol a sios don bhlar. Labhair e ris anns na briathraibh a leanas:—

Càit a bheil an og iolair fhuaimneach
Bu tartrach sgiath am feachd a chruadail.
Cha bfhòthnan len do sgaoil thum blàr,
S cha bu lorg leinibh do shleagh ad laimh.
Chi mi orra colg a chatha;
S leats’, a mhic, an diugh an latha.
Lùb an t-uaibhreachs na buail am fann,
S am fuil a mhiodhair na truaill do lann.
Mur tuit na trein chan éirich do chliu,
S taibhsean nan speur gu dcheum cha dig dluth.
Caomhainn an lag, ach an aghaidh an làidir
Bitheadh mar dhoire ri theine do ghàirdein.
Mar ghaoth gu séideadh na caoire
Bidh mo ghuth sair an raon so làmh riut.

BhoShean Dana.”


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc n de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


GIBHTEAN NOLLAIG.
Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets , Lockets, Dressing Cases,Bataichean le cinn oir.
ANNS AN STOR AIG—K . BEZANSON.


CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH

Tha sinn acreic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.

Do Ghillean do Dhaoines do Chloinn.

Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tighnn a stigh.

H . H. MAGEE.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 25
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 25. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page