[Vol . 9. No. 26. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 28, 1900. No. 26.
Sgeul air Gaol ’us Gaisge
BHA Bassus, am Probhaisd, ’na sheasamh ri taobh an Iompaire anns a’ ghrianan rioghail gu h-àrd, agus geur-shuil aige air na traill a bha a’ slaodadh a mach as an iadh-lann-chlcas mhor, fharsuing, cuirp nan daoine chaidh a mharbhadh anns na cluichean fuilteach a bu spors agus aighear do na sean Romhanaich. Sadadh saibh ’ga sgaoileadh aig na tràillean air na luirg dhearga a dh’ fhag na cuirp ’nan deigh. B’ abhaisteach an sealladh na luirg dhearga an deigh spors an latha bhi seachad, agus is e bu spors ann latha toiseachaidh ar sgeoil, an tuasaid bheag a bha ’na fior agus ’na dluth aithris air blar-cogaidh agus a cheart cho fuilteach ris; na comhragan deise eadar da dhithis dheug a chaidh a thaghadh as an da sgoil-chleas cho-fharpuisich a bu oil-thighean do ’n luchd-stri; na comhragan eadar beisdean fiadhaich agus comhragan eadar beistean agus daoine. Bha an luchd-coimhead gu h-ard ann an aitean socharach far nach ruigeadh beisd no fear-cogaidh orra, agus iad a’ guidhe buaidh-laraich agus a’ cuir gheall ri a cheile air fear no beisd sam bith mar a roghnaicheadh iad, agus sios uapa beisdean agus daoine ag iomairt bais air a cheile gun fhios tlaths, gun duil ri trocair. Ge b’e taobh a bheireadh tu suil chitheadh tu ann an cumadh ubh-chearcaill mhoir am balla reidh, geal, ard a bu dion do ’n t-sluagh agus a bu dunadh a stigh do na beisdean ’s do na risgeanaich; air an lar, an gaineamh comhnard, farsuing a’ toirt do shuilean uat le ’fheobhas agus a dhealraicheadh e; an sluagh os cionn a’ bhalla a’ deanamh goileam agus glaodhaich; agus uthard shuas dail-bhrat snasmhor, ciatach air dath an fhraoich agus gathan na greine troimhe a’ toirt iomadh cineal ligh air na h-aodaichean; gach ni mar so air a bhoidhchead, gus gu ’n rachadh mort agus leadairt a dheanamh air doigh thaitnich a thigeadh ri cail na graisge.
Ach a mheud ’s gu ’n d’ rinneadh air an son, cha robh a’ ghraisg a’ leigeil orra gu ’n robh iad buidheach fhathast. Bu leir do Bhassus nach robh iad toilichte leis na chaidh chuir air am beulthaobh an t-seachduin roimhe, seachduin-breith an Iompaire Licinius. Bha Licinius fein frithearach, neo-shocrach cheana fein mar chomharradh air a sin agus e an deigh cuir a mach air a cho-Iompaire Constantine a bu uachdaran anns an aird an iar. Chunnaic e e fein ag imeachd air bile na h-ailbhinn sin, cogadh-baile, anns am marbh gach duine a bhrathair, agus air los ullamhachadh ’na choir, bha e an deigh tionail a’ chuir air ’airm as gach cearn de ’n dùthaich. Ar leis nach robh an sluagh a’ cuir leis, agus chuir e roimhe gu ’n deanadh e an guthannan a chosnadh air doigh air choireigin. Mar sin chuir e cul gu buileach ris a’ Chriosduidheachd, le iobairt a’ dheanamh gu folluiseach do na sean-dée, agus dh’ orduich e aireamh mhor Chriosduidhean a’ ghlacadh nam priosunaich agus an cur gu bàs aig deireadh na seachduin le an toirt do na leomhain. Chuir Bassus cagar ’na chluais gu ’m bu choir am mort a lion fear agus fear agus cha ’n ann ann an cuideachd a cheile, le run am misneach a thoirt uapa agus an sluagh a dhusgadh gu boile. Is ann do reir agus mar a bhitheadh de chradh-ghuin air giulan nan Criosduidhean a bhiodh de thoil-inntinn aig Bassus, duine leis am b’ fhior anail na beatha foirneart agus ain-iochd. Bha e an so air a lionadh le gamhlas agus an gamhlas sin gu bhi air a shasuchadh, oir is ann a nis a bha an gniomh uamharra a bu chrioch do ’n latha agus tarruing do ’n chruinneachadh mhor sin gu bhi air a chuir an ceill, agus b’ fheudar a nis do na Criosduidhean am beatha a thoirt seachad mar gheall air an creideamh agus mar abhachdas do ’n t-sluagh.
B’ iomadh iad na Criosduidhean do ’m bu bhàs agus do ’m b’ uaigh na leomhain a bha ag gluasad shios agus callaid duarmanach aca a h-uile ceann tacain. Cha b’ iad na leomhain nach d’ aithnich ciod e a bha rompa agus monmhur an t-sluaigh as gach taobh a’n leigeil brath dhaibh gu ’n robh biadh an dothain gu bhi aca. Iad a’ gabhail a null ’s a nall, air ais agus air adhart, gun fois gun stad orra ach a’ sior imeachd agus an dranndan nuallach, trom asda an drasd ’s a rithisd a sgaoileadh air feadh an adhar gu tormanach, gearanach, agus mac-talla air chrith a’ freagairt da agus ’ga mheudachadh.
Ri linn do ’n luchd-frithealaidh a’ deasachadh an iadh-lann, bha Licinius a’ coimhead air Bassus, agus cha robh fhios aige ciod e bu fath do ’n ghaire bheumnach, shearbh sin a chunnaic e air a ghnuis, ach faodar innseadh an so mar a bha agus b’e an sgeul air aingidheachd e, ged nach robh ann ach sgeul a bha gu cumanta anns na laithean a bha ’n sin. Uine ghoirid roimhe sin, chunnaic an Romhanach fein-speiseil, cruaidh, og-bhean mhaiseach a bu gheamnaidh beus agus a bu ghile dreach, agus chuir e roimhe a h-oigheachd a mhilleadh o chionn cho maiseach agus a bha i. Ach dhiult i dha, ag radh ris nach geilleadh i agus i beo agus gu ’m b’ fhearr leatha am bàs seach baois, agus gu ’m b’ fhuath leatha na theireadh e rithe. Dh’ eirich an fhearg air, an uair a chunnaic e nach robh feum da bhi rithe, agus bhuadhaich e air an Iompaire gus an deach a priosunachadh, agus air sin a diteadh mar bhiadh do na leomhain. Agus b’ ise a chiad neach a bha gu bhi air a chuir a mach daibh.
Thug Licinius sanus bhuaithe; thug na bollsgairean sgal fada, cruaidh, srannach as na trompaidean, agus bha gaoir ’gam freagairt as na clachan, gaoir a bha mar bu trice ’na ghlaodh-manaidh agus rabhadh-bais do iomadh fear. Tharruing a h-uile fear ’anail asteach, agus thainig Candida, a’ bhana-Chriosduidh a mach. Aodach fada geal oirre, agus i gun ard cheum, gun ghiulan ard, ach cho ciùin, calma agus gu ’n do thuit tosd agus samhchair air na bha an lathair.
A h-uile suil a bha anns an dumhail-sluaigh sin air a leagail oirre. Thug Bassus cromadh air fein agus an gaire beumnach sin, rabhadh an uilc, fathast ’na aodann. Thilg e crun rosan dearga chuice. Cha do chuir i suim ann an sin no an ni eile, agus i an deigh geilleachduinn do Dhia agus duil aice ri ’fhaicinn gu h-aithghearr. Bha a bhuil sin ’na gnuis; suilean seimh, fosgailte, gun fhiamh an eagail gun dalladh leirsinn, agus glan amharc aca air an speur ghuirm. A lamhan ann am meoir a cheile, ach iad gun uspairn gun teannachadh; neo-fhiosrach air gach ni, ged a bha, am fagus di, bàs cho eagallach agus gu ’n toir e allsgadh oirnn an diugh an àm an sgeul a chluinntinn.
Thionndadh Bassus ri Licinius:
“Nach cealgach mar a leagas iad orra,” arsa esan. “Thoir sanus do Arsacius, a’ thighearna, na leomhain a leigeil asteach uirre. Ni iad briseadh air a’ gho-ghiulan ud.”
Thug Licinius plathadh sula gu leisg air. “Cha robh fhios agam gu ’n robh cùram agadsa anns a’ chuis,” arsa esan, agus mag ’na ghloir. Cha robh aig Licinius air an t-saoghal mhor ach a mhain ciod e an rud a b’ fhearr a chumadh ’fhadal dheth.
“Fhuair mi fein moran de a dragh agus beagan de a h-abhachd,” arsa am Probhaisd. “Mur gabhadh i rium, gabhadh na beistean rithe.”
Bhrisd a ghaire air Licinius. Bu leir da mar a bha, ach ciod e an omhail da-san ged a rachadh na ceudan a’ bhas-leonadh agus a’ reubadh as a cheile! Smeid e air Arsacius, fear-catachaidh nan leomhan. Rinn Arsacius a chromaidh gu lar, agus thug e lamh air na sailthean iaruinn a thogail, a bha a’ cumail nam beistean a stigh. Rinn na croinn iaruinn dararaich air a cheile agus ann am prioba na sula bhuail iad a mach, an da leomhan ciar-muingeach, lachduinn, dearg-shuileach, gailbheach, a’ roiceadh agus a’ beucadh ’nan culaidhean-sgeon ’us eagail. Thug iad dluth chuairt air a’ bhalla, ach am faigheadh iad as, an uair a thilg gille beag a bha uthard shuas clachag air fear aca. Chaidh e ’na chruban agus leum e as a chorp los breith air a’ ghille; ach cha bu tig an dilinn a leumadh e am balla sin agus thuit e siar sios le gronaich uaibhreach.
“Air do shocair,” ghlaodh Arsacius ris a’ bheisd, ard a chlaiginn, ag cluinntinn sgread an leinibh da, “cum ort— —” ach chlisg agus stad e, ag mothachadh da do ’n oigh aluinn do ’m bu dan na leomhain a bhiadhadh, agus i air a gluintean an ceann ùrnuigh. Truagh a diol! Feitheamh eagalach ri bas guineach aice, agus duil aice ri ionganan ain-iochdmhorach a bhitheadh ’ga ringeadh ’s ’ga reubadh ann am prioba. Eagal craiteach, rud nach b’ iongnadh, a’ toirt uirre a h-aodann a chomhdachadh ann am filleadh a h-aodaich, agus o leth a cuil na h-ainmhidhean a’ tighinn uirre uidh air n-uidh, tar ri lar, earball a null ’s a nall, a’ snagadh thar bathais a’ ghruinnd, dalta cait an deigh eoin. An luchd-coimhead ag amharc uirre gun smid gun diog as am beul, ach a mhain an uair a bhriseadh uspag chaisgte no plosgail air duine thall ’s a bhos.
An sin, gu h-obann, dh’ eirich sgairt gheur, ghlan—sgairt leinibh a glaodhaich air a dhichioll: “Candida! Candida! feuch orra! feuch orra! sin chugad iad.”
B’e guth a peathar bige a bh’ ann, agus gun ach
[Vol . 9. No. 26. p. 2]
i aice de dhilsean no de luchd-gaoil. Bha na parantan aca marbh o chionn seachd, bliadhna, agus mar sin, bha an te bu shine ’na mathair do ’n te b’ oige, agus bu mhath an togail i.
Leatha-sa cha bu mhath an leanabh ’ga faicinn ’ga sracadh. Bu dusgadh agus bu neart di an guth sin. Thug i togail agus grad-thogail uirre ’na seasamh, ri linn do na beistean bhi mar fhad leum di, agus gu h-ughdarrach dh’ eubh i, “ ’Mhairi, theirig dhachaidh, greas ort, falbh.”
Labhair i os ard agus gu h-athaiseach, gus gu ’n cluinnteadh i gu furasda leis a’ phaisde bheag a bha ’na suidhe shuas. Agus labhair i gu smachdail, o chionn nach b’ fhiach leatha a’ leigeil ris gu ’n robh i air chrith.
Treun leinne gu ’m b’ urrainn di.
Ach is ann a chinn a gno ni b’ fhearr na shaoil leatha. Bha buaidh iongantach air a briathran. Thuig na leomhain na briathran sin gu math agus gu ro mhath, air dhoibh bhi air an oilean le Arsacius leis am bu tric na facail ud ’gan cleachdadh riu. Chrom iad gu lar agus thug iad a nios orra ’nan cruban agus ’nan seaban gus am brocluinn.
Ghluais osna cleibh trom as na bha an, lathair osna solais agus faothachaidh. Bha iomadh Criosduidh eile ann leis nach bu mhath a bàs ’fhaicinn, agus bu tearc duine measg chaich leis am bu mhiann a mort. Bu deistinneach leo na chualas mu gheur-leanmhuinn agus mu ghallraich cheana fein, agus dh’ eirich iad air am bonnaibh a casan a cheile. Shin iad a mach bhuapa an lamhan, na duirn duinte agus barran nan ordag ri speur, rud a bu sbuaicheantas beatha aca do na daoine air an deach an àr a chuir, nam bu mhath leo idir a chaomhnadh o chionn a ghaisge no ’òige. Ma bu mhor an upraid a bh’ aca roimhe, bu sheachd mhotha am burrall agus an caochladh buaireadh a bh’ aca a nis, agus an caithream ’ga eigheach aca gu h-ard, cruaidh, “Is miorbhuil e! Miorbhuil! Dhiult na beisdean i! Saor i! Caomhain i! Licinius, éisd ri ar guth?”
Bha de choltas air Licinius gu ’n leigeadh e fa sgaoil i gus an sluagh a’ thoileachadh, agus gur ann gus an gleidheadh dha fein a chaidh a’ chuis gu leir a chuir air bonn. Ach an àm da bhi an ioma-chomhairle bha de mheud na feirge a bha air Bassus gu ’n do leum e ’na sheasamh, agus gun a chonn fo bheill, a’ cuir roimhe gu ’m b’e am bas a chumadh e di agus nach rachadh i as na leomhain, olc air mhaith le cach e.
Dh’ iarr e air an Iompaire a luchd-bogha a’ ghreasad gus na h-ainmhidhean a leonadh le na saighdean beaga aca ach an gabhadh an stuigeadh chuice, ach o chionn Licinius a bhi fathasd ’san ag, rug e air fear de na leois-thuis, a bha taobh ris a’ ghrianan, agus thug e tilgeil bhras da. Le tuiteamas, bhuail an leus an lar faisg air fear aca, agus a’ tilgeil fras shradan as ann an aodann an ainmhidh. Chaidh e air boile, agus a’ gearradh leum da an comhair a chuil leig e draing as. Na traillean-saora aig Bassus, leis am bu bhuidhe miodal agus cuir asteach air an duine a dh’ fhuasgail orra, thilg iad clachan ris na beistean, a chaidh a nis gu dranndan agus gu gairge agus thionndaidh iad, seadh, thionndaidh na creutairean nach bu dàna le duine beo cur ’nan aghaidh agus thoisich as ur air snagan a dh’ ionnsuidh na ribhinne, agus i a rithisd air a gluintean, a ceann ’na h-uchd, a lamhan roimh a suilean. Bha an t-aite gu leir air aimhreit, an sluagh uile ’nan seasamh a rithisd, a’ crathadh nan dorn, a’ sgairteadh agus a’ claoradh, an uair a theirinn Arsacius le leum bharr mullach a’ charcair, agus sin e ’na chruaidh-ruith a stigh air aghaidh a chuideachadh leatha. Cha b’ aobhach d’a leithid dol ’nan dail, mur b’e am brod iaruinn teth, dearg a bha ’na laimh dheis; ach air fheobhas ge ’n d’ ruith e cha d’ rinn e ach tighinn eadar an oigh agus iad an uair a bha iad a’ casadh uirre; chrom e an sin gus a togail le a laimh chli air astrach a ghuaillnean am feadh ’s ’a bha an iaruinn sint’ a mach aige ri craos sanntach nam beistean, agus gu dearbh, agus air mo laimhsa agus air do dha laimh ’ga saoradh, a’ leughadair, cha b’ fhada dasan ag iomain fir a null ’s a nall diubh. Dhruid iad an comhair an cuil, oir bu mhath a b’ aithna dhaibh an iaruinn agus guth am maighstir, agus thug iad am brocluinn orra, agus ghabh esan a mach rathad eile agus ise air a mhuin.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Beder, Prionnsa Phersia.
CAIB. XV.
AN uair a rainig a’ bhanrigh agus Beder an luchairt, thainig iad air lar, agus thug ise a lamh do Bheder, agus thug i steach do ’n luchairt e. Bha na mnathan-coimhideachd maille rith e mar an ceudna. Sheall i dha a cuid sheomraichean uile. Bha innsreadh annta gu leir a bha anabarrach riomhach, luachmhor, lan do dh’ or ’s de chlachan luachmhor.
Thug i steach d’ a seomar diomhair fhein e, agus leig i fhaicinn dha garadh a bha anabarrach maiseach. Mhol Beder gach ni a chunnaic e, ach air dhoigh nach aithnicheadh i nach b’ e mac brathar Abdallah a bh’ ann. Bha iad a’ comhradh gu saorsnail mu chaochladh nithean gus an robh an dinnear deiseil.
Chaidh a’ bhanrigh agus Beder a steach do sheomar na dinnearach, agus shuidh iad aig a’ bhord. B’ e or a bh’ anns a’ bhord, agus anns gach soitheach a bha air. Thoisich iad ri gabhail a bhidh, ach cha do bhlais iad air deur fiona gus an robh iad faisge air a bhith ullamh dhe ’n dinnear. An sin lionadh cupan de dheadh fhion do ’n bhanrigh, agus dh’ ol i a h-uile deur dheth air slainte Bheder. Mu ’n do leig i an cupan as a laimh dh’ ordaich i a lionadh a rithist do Bheder, agus shin i fhein dha e. Ghabh Beder as a laimh e le mor mheas, agus dh’ ol e air a slainte e.
An uair a bha ’n dinnear seachad thainig luchd-ciuil a steach agus bha iad a’ cluich agus a’ seinn gus an robh greis mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad. Agus am feadh ’s a bha an ceol ’s an t-seinn a’ dol air aghart, bha Beder agus a’ bhanrigh a’ blasad gu math tric air an fhion. Mu dheireadh dh’ fhas iad le cheile gu math blath. Agus dhichuimhnich Beder gur e ban-draoidh a bha maille ris, agus bha e ag amharc oirre mar am boirionnach cho briagha ’s a chunnaic e riamh. Cho luath ’s a chunnaic a’ bhanrigh gu ’n robh e air fas gle bhlath leis an fhion, thug i ordugh do na h-uile a bh’ anns an t-seomar a dhol am mach. ’N a dheigh sin chaidh i fhein is Beder a ghabhail mu thamh.
Air an ath mhadainn dh’ eirich iad gu math trath, agus chaidh iad do ’n taigh-fharagaidh. Thug na mnathan-coimhideachd deise a bha anabarrach riomhach gu Beder, agus bha ’bhanrigh air a h-eideadh ann an trusgan moran bu mhaisiche na ’n trusgan a bh ’uimpe an latha roimhe sid, an uair a thainig i an lathair Bheder. Chaidh iad le cheile do ’n t-seomar aicese, far an robh gach biadh a b’ fhearr na cheile deas air a’ bhord ’g am feitheamh. An deigh dhaibh am biadh a ghabhail, chaidh iad do ’n gharadh far an do chaith iad an uine gu feasgar a’ coiseachd air fheadh, agus ann an iomadh seorsa de thoileachas-inntinn eile.
Fad shia seachdainean chuir a’ bhanrigh Labi agus Beder seachad an uine air an doigh so. B’ ann mar so bu ghnath leatha an uine ’chur seachad maille ris na daoin’ oga air an robh i ’tuiteam ann an gaol.
Aig ceann nan sia seachdainean an uair a bha iad ’nan laidhe anns an aon seomar, dh’ eirich ise gu bog, balbh, agus i an duil gu ’n robh esan ’na chadal gu trom. Ach bha e ’na dhusgadh ged a bha e ’gabhail beachd air a h-uile car a bha i ’deanamh. An uair a dh’ eirich i dh’ fhosgail i ciste, agus thug i mach bocsa beag a bha lan de dh’ fhudar buidhe. Sgaoil i rud dheth tarsuinn an t-seomair, agus anns a’ mhionaid chaidh e ’na shruthan uisge. Chuir so ioghnadh mor air Beder. Ged a bha e leigeadh air gu ’n robh e ’na chadal gu trom, bha ’n cridhe air chrith aige leis an eagal gu ’m faigheadh i am mach gu ’n robh e ’na dhusgadh.
’Na dheigh sin thog a’ bhanrigh beagan dhe ’n uisge agus chuir i ann am meis e anns an robh flur. Thoisich i air fuinne, agus an uair a bha i greis mhath g’ a thaosnadh, chuir i stuthan eile ann a thug i a caochladh bhocsaichean; agus mu dheireadh rinn i bonnach dheth, agus bhruich i e. Agus fhad ’s a bha ’m bonnach a’ bruich chuir i na bocsaichean ’nan aite fhein. Agus an uair a labhair i facail dhraoidheachd, chaidh an sruthan a bh’ air an urlar as an t-sealladh. An uair a bha ’m bonnach bruich, thug i leath’ e, agus an teine, do ’n t-seomar dhiomhair aice fhein. ’Na dheigh sin thill i do ’n t-seomar anns an robh Beder ’na laidhe, agus gu ’n smaointean sam bith aice gu ’n robh o ’na dhusgadh.
Thug a h-uile solas agus toileachas-inntinn a bh’ aige ann an luchairt na banrigh air Beder gu ’n do dhi-chuimhnich e Abdallah gus a sid. Ach thoisich e ri smaoineachadh air an oidich’ ud. Agus thuig e gu math gu ’n robh feum aige air comhairle fhaotainn uaithe. Cho luath ’s a dh’ eirich e thuirt e ris a’ bhanrigh gu ’n robh toil mhor aige a dhol a dh’ fhaicinn bhrathar-athar, agus ghuidh e oirre gu ’n tugadh i cead dha.
“Ciod e tha thu ’g radh, fhir mo ghaoil!” ars’ a’ bhanrigh, “cha’n fhaod e bhith gu ’m bheil thu ’fas sgith mar tha, cha’n abair mi, de bhith ’fuireach ann an luchairt ro mhaiseach mar a th’ agamsa, far am bheil iomadh solas agad, ach de chuideachd banrigh aig am bheil tlachd ro mhor dhiot, agus a nochd iomadh comharradh dhut air meud a ghaoil?
“A bhanrigh mhor,” arsa Beder, “cionnus is urrainn dhomhsa bhith sgith dhe gach fabhar is caoimhneas a tha sibh a’ sior nochdadh dhomh? Is fhada uam a bhith ’na leithid de shuidheachadh inntinn. Is e tha ’toirt orm cead iarraidh, a chum gu ’n innis mi do bhrathair m’ athar cho fada ’s a tha mi ’n ’ur comain. Feumaidh mi aideachadh, mar an ceudna, gu ’m bheil fhios agam gur toigh leis mi, agus air eagal gu ’n saoil e gu ’m bheil mi air fas coma dheth o ’n nach deachaidh mi g’ a fhaicinn o chionn sia seachdainean.”
“Tha cead agad falbh, mata,” ars’ a’ bhanrigh; “ach cha bhi thu fada gun tilleadh, oir cha ’n urrainn mise bhith beo as d’ aonais.” An uair a thuirt i so, dh’ ordaich i each fhaotainn deiseil dha, agus dh’ fhalbh e.
Bha aoibhneas mor air Abdallah an uair a chunnaic e Beder. Ged bu righ e, rug Abdallah air ’na ghairdeanan, agus rug Beder air Abdallah anns an doigh cheudna, air eagal gu ’n gabhadh neach sam bith amhrus nach robh iad daimheil dha cheile. Cho luath ’s a shuidh iad, thuirt Abdallah, “Seadh,
[Vol . 9. No. 26. p. 3]
cia mar a tha dol dhut, agus cia mar a tha thu ’cur seachad na h-uine comhladh ris a bhan draoidh?”
“Feumaidh mi ’aideachadh gu ’n robh i gus a so anabarrach caoimhneil rium, agus gu ’n d’ rinn i na b’ urrainn i a chum toirt orm a chreidsinn gu ’m bheil gaol mor aice orm,” arsa Beder. “Ach chunnaic mi rad an raoir a tha ’toirt orm amhrus a ghabhail nach robh i ach ’g am mhealladh fad na h-uine. An uair a shaoil i gu ’n robh mi ’nam chadal, ged a bha mi glan ’nam dhusgadh, dh’ fheuch i ri eirigh gun fhios domh; agus thug so orm gu ’n do ghabh mi amhrus gu ’n robh olc eiginn fa near dhi; agus gus fhaicinn ciod a bha ’na beachd a dheanamh, dh’ fhan mi ’nam dhusgadh, ged a bha mi ’leigeadh orm gu ’n robh mi ’nam chadal.”
An sin dh’ innis e a h-uile car mar a rinn i am bonnach. “Gus a so,” ars’ esan, “feumaidh mi aideachadh, nach robh mi ’smaointean ortsa no air a’ chomhairle ’thug thu orm mu dheidhinn na banrigh eucorach so. Ach an deigh na chunnaic mi ’n raoir, tha amhrus laidir agam nach ’eil a mhiann oirre cumail ris na geallaidhean agus na mionnan a thug i dhutsa. Smaoinich mi ort ’s a’ mhionaid, agus tha mi ’g am mheas fhin fortanach gu ’n d’ fhuair mi cead tighinn far am bheil thu.”
“Cha ’n ’eil thu meallte ’na do bharail idir,” ars’ Abdallah, agus e ’deanamh snodha gaire, mar so a’ nochdadh nach robh e ’creidsinn gu’n deanadh i mar a gheall i. “Cha toir rud sam bith air droch bhoirionnach cumail ri ’facal. Ach na biodh eagal sam bith ort. Tha fhios agamsa air an doigh leis an tuit an t-olc a tha ’na run a dheanamh ortsa air a ceann fhein. Ghabh thu farabhas ann an am math; agus is math a rinn thu tighinn a chur do chomhairle riumsa. Is gnath leatha a cuid leannan a chumail fad shia seachdainean; agus an deigh na h-uine sin, an aite an leigeadh dhachaidh, is ann a tha i ’g an tionndadh gu ainmhidhean. Ach smaoinich mise an de air doigh leis an cumar i gun chron sam bith a dheanamh ortsa. Tha ’n talamh a’ giulan fada gu leor leis an uile-bheist so, agus tha an am a nis dioghaltas a dheanamh oirre a reir mar a thoill i.”
An uair a thuirt Abdallah so, thug e da bhonnach do Bheder, agus thuirt e ris deanamh mar a dh’ iarradh e air. “Dh’ innis thu dhomh,” ars’ esan, “gu ’n d’ rinn a’ bhan-draoidh bonnach an raoir. Faodaidh tusa bhith cinnteach gur ann gus thusa ’g a itheadh a rinn i e. Ach thoir do cheart aire nach blais thu air. Air a shon sin, na diult a ghabhail as a laimh ma thairgeas i dhut e. Ach an aite ’itheadh, brist rud gun fhios dhi a fhear dhe na bonnaich a bheir mise dhut agus ith e. Cho luath ’s a shaoileas i gu ’n do shluig thu e, feuchaidh i ri thoirt ort a chreidsinn gur ann ri fealla-dha a bha i gus eagal a chur ort. Ach bidh dorran gu leor oirre ged nach leig i ris dhutsa e, agus bidh i ’smaointean gu ’n do dhichuimhnich i stuth araidh a chur anns a’ bhonnach. Bheir thu dhi am fear eile dhe na bonnaich, agus feuchaidh tu le coiteach ri thoirt oirre ’itheadh. Cha diult i thu idir, oir bidh toil aice ’leigeadh ris dhut nach ’eil an-earbsa sam bith aice annad, ged a thug i dhut aobhar gu leor air an-earbsa ’chur innte fhein. An uair a dh’ itheas i e, tog lan do bhoise dhe ’n uisge agus tilg oirre ann an clar an aodainn e, agus abair, Bi air d’ atharrachadh o ’n chruth anns am bheil thu nis gu cruth a leithid so a dh’ ainmhidh—direach ainmhidh sam bith a thogras tu. An uair a ni thu so, thig thu leis an ainmhidh far am bheil mise, agus innsidh mi dhut ciod is coir dhut a dheanamh ris an ainmhidh ’na dheigh sin.
(Ri leantuinn.)
MAR A CHEANNSAICH MI CALUM.
Tha thu son mi dh’ innse dhut gu de thug orm Calum a ghabhail, ’nuair a bha fhios agam mar a dheilig e ri Anna, a’ cheud bhean a bh’ aige. Ma ta ni mi sin; cluinnidh tu an sgeul facal air an fhacal, agus gun smid ach an fhirinn.
Tha fhios agad gu ’n do dh’ fhàg Domhull mi ann an suidheachadh bochd. Bha e gu trom anns na fiachan, agus bha am fearann ri bhi air a thoirt uam mu bhliadhna gu leth an deigh dha caochladh. Chuir mi a chlann gu Iain mo bhràthair, gus iad a dhol dh’ an sgoil. Bha Iain air son mi ’g an toirt dha fhéin, agus gheall e gu ’m biodh iad air an deagh chàradh na ’m fagainn aig iad, agus bha mi, a dh’ innse na firinn, a smaoineachadh gabhail ri thairgse, ach bha mi gle aindeonach a dheanamh. Ach ciod eile b’ urrainn mi dheanamh nuair a bha ’n t-àite ri bhi air a thoirt uam?
Aon latha, nuair a bha ’n ùine gu bhi mach, bha mi glanadh a bhuntàta ri taobh na feansa-criche bha eadar mi-fhéin us Calum. Agus gu dearbh cha robh mi latha riamh roimhe no ’na dheigh cho trom-inntinneach ’sa bha mi aig a’ cheart àm. Cha d’ rinn mi car obrach o’n latha rugadh mi ach air fearann, agus cha b’ aithne dhomh obair sam bith eile dheanamh; cha robh fhios agam air an t-saoghal ciod a thigeadh rium.
“Ma ta, ’s math an làmh thu air glanadh buntàta,” arsa cuideigin air taobh eile na feansa.
“Is beag an t-ioghnadh ged a bhitheadh,” arsa mise, “is tric ris mi o’n dh’ fhàgadh leam fhéin mi.”
“Ma ta, a Mhairi,” ars esan, “cha chreid mise nach eil sinn le cheile ’san aon deuchainn. Tha dhith ortsa duine a ghlanas am buntàta ’sa ni gach obair eile bhios ri deanamh a muigh, agus tha dhith ormsa bean a chumas an taigh dhomh; agus ma tha thusa deònach ’s ann a ghabhas sinn le cheile mar dhuine ’s mar mhnaoi. Tha air fairtleachadh orm searbhanta fhaighinn a ni ’n obair a b’ àbhaist do dh’ Anna bhi deanamh.” ( ‘Tha,’ arsa mise beag rium fhin, ‘agus cha tig an aon latha gheibh thu te eile a theid ’ga riasladh fhein gu bàs mar a rinn Anna dhut. ’) “Gu de do bharail, a Mhairi?”
Faodaidh tusa chreidsinn nach robh m’ inntinn-sa ’na tàmh beagan mhionaidean an deigh dha labhairt. Chuimhnich mi air gach ni a chuala mi riamh mu chruas ’s mu an-iochd an fhir a bha ’g am iarraidh. Bha aig Anna bhochd, nuair bu bheò dhi, ri bhi deanamh obair an taighe uile, agus pàirt dhe ’obair-san cuideachd, agus bha e air chùl sin cho spiocach ri duine sheas riamh air bonn bròige.
Bha fhios agam gu robh e na dheagh chosnaiche, agus gu robh e comasach air beòlaind mhath a chumail ris fhéin ’nan togradh e, agus tha fhios agad fhein, a Cheit, gu robh Domhull bochd na ’dhòigh calg-dhireach an aghaidh sin. Bha e na dhuine bha anabarrach tapaidh, ach bha e gle shocair agus air bheag dòigheach, agus bhiodh e cur dragh mor air m’ inntinn a bhi faicinn nithean a’ dol a dholaidh mu choinneamh mo shùilean. Thuirt mi rium fein nach b’ urrainn dhomh gach ni fhaotainn a reir mo mhiann, agus gu ’m b’ fhearr duine dona na bhi gun duine. Agus air an aobhar sin fhreagair mi Calum, agus thubhairt mi:—
“A Chalum, tha sinn a fuireach ri taobh a cheile chionn iomadh bliadhna. ’S aithne dhomsa gach coire th’ annadsa, agus tha mi cinnteach gur aithne dhut sa gach coire th’ annam-sa; agus ma ’s i do thoil fhein sinn a phòsadh, tha mise deònach. Cha ’n eil mi ’g radh nach fhaodamaid na bu mhiosa dheanamh.”
Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, dh’ aontaich sinn gun dàil sam bith a chur ’sa ghnothuch. Thuirt Calum gu robh e fasanta ’sna h-amannan so do chàraid a bhiodh air ùr-phòsadh a dhol cuairt air falbh o’n dachaidh, agus on a bha aige-san ri dhol do ’n bhaile a chreic na clòimhe gu’m b’fhearr dhuinn a dhol ann. Dh’ fhaodamaid taghal anns an tigh aig Sine Ruadh, a b’ àbhaist a bhi ’g obair aige, agus gheibheamaid ar dinnear a nasguidh. Bha nighean a pheathar anns a bhaile, agus rachamaid a choimhead oirre-se aig a cheart àm, agus rachainn-sa cuideachd a choimhead air Iain mo bhrathair, ’s bha mi ’cur romham a chlann a thoirt dhachaidh.
Agus rinn mi sin; bha Calum an aghaidh dhomh an toirt leam, ach thuirt e gu ’m faodadh iad tighinn fad seachdain no dha. Dh’fhàg mi ’na bharail fhéin e, a chionn cha robh mi air son cur a mach air fhathast.
Dh’ fhuirich sinn am measg nan càirdean ’sa bhaile fad seachdain, agus an deigh sin, aon fheasgar grianach, thainig sinn dhachaidh. Maduinn an latha mhàireach dhùisg mi gu math tràth, agus thuirt mi rium fhein, “biodh misneach agad a Mhàiri, seas a mach an diugh, air neo cha ruig thu leas feuchainn ris tuilleadh. Dh’ fhuirich mi gu balbh, socair, Calum us srann chadail aige, ach mu dheireadh thug e srann mor as a dhùisg e fhéin. Phut e mise le ’uilinn agus ars esan:—
“A Mhàiri, a Mhàiri, tha ’n latha geal ann. So, so, bi ’g eiridh neo cha bhi ’m biadh deiseil an diugh.”
Bha mi uamhasach doirbh mo dhusgadh, ach an ceann beagan ùine chaidh agam air tigh’nn ugam fein, agus air dhomh a bhi suathadh mo shùilean, dh’ fhoighneachd mi de Chalum an robh teine math aige.
“Teine,” ars esan; “cha d’ rinn mise teine, cha’n eil cuimhn’ agam cuin. Bhiodh Anna beothachadh an teine dhomhsa.”
“An bitheadh gu dearbh?” arsa mise car coma-co-dhiu; “bhiodh Domhull ’ga bheothachadh dhòmhsa.” Chuir mi car dhiom fhéin ’s leig mi orm gu robh mi na mo chadal a rithist.
Thòisich e air tionndadh ’s air cur char dheth fhéin, ’s cha do ghluais e as an leabaidh fad uair an uaireadair, ach nuair a thòisich a ghrian ri dearrsadh a stigh air uinneag an t-seomar, dh’ eirich e agus bheothaich e an teine. Cha robh bior de chonnadh tioram timchioll an taighe, agus bha dhiol aige ri dheanamh.
’Nuair a bha ’n teine a’ gabhail gu math, dh’ eirich mi. Ach mo lamh-sa dhut nach d’ rinn mi cabhag mhor sam bith. Bha mi gu math sgith dhe’n leabaidh, a fuireach innte cho fada, ach thuirt mi rium fhein, “Ma ni mi ’n teine ’n drasda feumaidh mi a bhi ’ga dheanamh ri fuachd a gheamhraidh, agus sin rud nach dean mi air son duine chunnaic mi riamh.”
Bha e car dannarra fad an latha, ach cha do chuir mi suim sam bith ann, agus romh fheasgar dh’ fhàs e na b’ aoidheile. An la-iar-na-mhàireach bha e tòiseachadh air an fheur, agus bha sianar dhaoin’ aige còmhla ris. Bha agamsa ri obair an taighe dheanamh nam aonar, am bainne ri chur air doigh, agus maistreadh ri dheanamh, agus creid thusa nach robh mi ’na mo thàmh eadar a h-uile car a bh’ ann. ’Nuair a chaidh mi a dheasachadh na dinneir, cha robh stob connaidh air a ghearradh. Chuir mi Seonaidh, a bha mu sheachd bliadhna dh’ aois, a mach dh’ an phàirc fheòir a dh’ innseadh do Chalum gu robh mi ’ga iarraidh.
Thainig e, ’s coltas crosda gu leor air, agus dh’ fheòraich e dhiom car son a chuir mi g’a iarraidh. Thuirt mi ris gu robh connadh a dhith orm gus an dinnear a bhruich.
(Air a leantuinn air taobh 206.)
[Vol . 9. No. 26. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA.
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, DESEMBER 28, 1900.
Tha MAC-TALLA, aig deireadh a bliadhna so, a toirt moran taing dha chàirdean a sheas cho dileas air a thaobh, agus a rinn gach cuideachadh a bha ’nan comas leis re na bliadhna. Tha fhios againn gu math na’m biodh iad a feuchainn ri coire fhaotainn dha gu’m b’ fhurasda dhaibh sin a dheanamh, oir cha’n eil sinn a tagairt e bhi coilionta ann an dòigh sam bith, ach tha againn ri radh nach cuala sinn uapa ach gle bheag gearain. Chaidh àireamh an luchd-gabhail am meud; thainig moran a stigh ris as ùr, agus ’se àireamh gle bheag a chuir cùl ris, cho fior bheag ’s nach cuireadh am falbh no an tighinn call no buinig mhor air paipear sam bith. An àm a bhi gabhail ar cead de’n bhliadhna ’s de ’n naodhamh linn deug, cha’n eil againn ri radh ach gu bheil sinn an dòchas gu’m bi MAC-TALLA, gach bliadhna ’s gach mios a theid seachad air a cheann, a sior dhol na’s fhearr agus a fàs na’s measaile aig na Gaidheil anns gach cearna ’s am bheil e ’g an ruigheachd. Guidheamaid BLIADHNA MHATH UR, agus moran eile dhiubh do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, agus do na Gàidheil uile. Gu’m biodh sith agus soirbheachadh leotha, gu’m biodh iad fada beò agus ceò as an taighean, ’s gu’m biodh aca
“Biadh us aodach agus slàint’
Is saorsa, càirdeas, agus sith”
fad uile laithean an cuairt air an talamh—is e sin dùrachd MHIC-TALLA do na Gàidheil an àm na Bliadhn’ Uire.
Tha luchd-ionaid nan cumhachdan mora an deigh a chur an céill ciod a tha iad a dol a chur mu choinneamh riaghladh Shina, mar dhioladh air son gach call us cosguis a chuir iad air na h-Eòrpaich agus mar dhearbhadh nach cuirear am beatha no ’n cuid an cunnart tuilleadh. A bharrachd air ceannardan nan ciontach a chur gu bàs, agus iadsan uile aig an robh lamh sam bith ’s na moirt a pheanaisteachadh gu trom, tha air iarraidh orra teachdaire chur do’n Ghearmailt a dh’ iarraidh mathanais air son bàs Bharon von Ketteler, leacan-cuimhne a chur suas air an làraich air an deachaidh a mharbhadh, agus mar an ceudna anns na h-àitean-adhlacaidh Eorpach a bha air an creachadh leis na Sineich, sgriobhaidhean gu bhi air na leacan sin ag innse mar a rinneadh, agus ag aithris duilichinn. Tha na daighneachdan a tha air an abhainn eadar Pekin ’s an cuan ri bhi air an leagadh, a chum gu’m bi slighe reidh aig soithichean gach rioghachd gu falbh us tighinn. Tha iad so agus cumhachan eile air an cur air Riaghladh Shina, agus mur gabhar riutha, tha ’n t-arm Eòrpach ri fuireach anns an dùthaich, ’s ris gach ni a chi iad iomchuidh a dheanamh a chum còraichean nan dùthchannan d’ am buin iad a sheasamh. Cha bhi fhios gu ceann beagan ùine ciod an fhreagairt a bheir riaghladh Shina dhaibh; cumaidh iad air ais cho fada ’s is urrainn daibh, agus ni iad cho beag ’s is urrainn daibh, ge b’e de gheallas iad.
Rinn fir-ionaid o’n Riaghladh Bhreatunnach ’s o Riaghladh nan Stàidean air an t-samhradh s’a chaidh cùmhnant a thaobh sligh-uisge a tha riaghladh nan Staidean a dol a ghearradh thairis air an amhaich chaoil fhearainn a tha ceangal America mu Dheas ri America mu Thuath. Chuir pàrlamaid Bhreatunn a h-aonta ris a chùmhnant sin gu h-ealamh, ach rinn senate nan Staidean atharrachadh cho mor air ’s nach urrainn Breatunn gabhail ris idir; mar a dh’fhàg iad e, buinidh an t-sligh-uisge gu buileach do na Stàidean agus cha bhi ach gann còir no sochair sam bith aig Breatunn. Rinn na senators so air chomhairle luchd-seilbh nan rathaidean-iaruinn a tha ruith o chuan gu cuan anns na Staidean, daoine air am bheil eagal gu’n deanadh an t-sligh-uisge call a chur orra fhéin. Is dùthaich na Staidean ris am bheil e gle dhoirbh gnothuch a dheanamh.
Tha na Boerich, fo ’n cheannard De Wet, an deigh bristeadh a stigh airCape Colony,agus a reir na sgeula tha an suidheachadh anns a mhor-roinn sin gle fhada ’n aghaidh nam Breatunnach. Tha fios a thainig ag radh gu bheil coig ceud deug de na Dùitsich, a tha na’n iochdarain do Bhreatunn, agus a bha roimhe so gun ghluasad sam bith nam measg, an deigh eiridh air taobh an càirdean as an Transbhaal. Ma tha sin fior, agus gu’n eirich tuilleadh dhiubh, tha cùisean cunnartach da-rireadh. Cha’n eil arm anabarrach mor aig Breatunn anns an dùthaich a nis, agus ma bhios a h-iochdarain Dùitseach cho olc ’s gu’n eirich iad ’na h-aghaidh, faodaidh nach eil an cogadh ach a’ tòiseachadh. Tha De Wet ’na cheannard ro theoma, agus doirbh a bhi suas ris. Na’n robh esan air a ghlacadh, bhiodh an cogadh seachad a dh’ aithghearr, ach cha’n e ’n soirbh breth air. Bidh dòchas againn, co-dhiu, nach eil cuisean cho dona ’sa tha an t-iomradh, agus gu’m bi sith air a h-aiseag do’n dùthaich an ùine ghearr.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Sanas do Chinn Theaghlaichean.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Airneis Ghrinn
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, MANAGER.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 26. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh fear A. Pitman a ghoirteachadh gu dona ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh le tuiteam ann an clais dhomhain anns an robhas a leagadh phioban air an t-sràid. Tha Pitman a’ dol a lagh ris a bhaile, air bhonn gu’m bu chòir na claisean a bhi air an dion air dhòigh ’s nach b’ urrainn duine tigh’nn faisg orra gun fhios d’a. Tha e a’ tagairt coig mile dolair.
Thainig an t-uisge toiseach na seachdain, agus thug e ruith cho dona air an t-sneachda ’s nach robh rathad sleighe anns a bhaile air an Nollaig idir. Dh’ fhàg sin gnothuichean na bu shàmhaiche na bhitheadh iad na’n robh an sneachda air fuireach. Bha na deagh ròidean ann air an dùthaich. Shil caitean beag sneachda oidhche Di-ciaduin, agus ma thig beagan eile na cheann bidh am falbh cho math ’sa bha e roimhe.
Air a’ choigeamh latha dhe’n mhios so, sheas mu dha cheud de’n luchd-ceaird a bha ’g obair do chuideachd an iaruinn a mach a diùltadh obrach. Bha an latha air fàs cho goirid ’s nach b’urrainn daibh obrachadh ach naodh uairean, agus bha a chuideachd air son luach na h-uarach a thoirt bhar tuarasdail gach duine. Bhuineadh a mhor chuid dhiubh do Phittsburg, Pa., agus bha iad a faotainn o $2 .50 gu $3 .00 ’san latha. An ceann da latha thainig iad féin ’sa chuideachd gu còrdadh, agus chaidh iad a dh’ obair.
Bheir ar leughadairean fa-near nach eil caibidil de’n sgeul “O chionn tri fichead bliadhna” anns an àireamh so. Tha sinn duilich gu’n do thachair sgiorradh beag anns an oifis leis an deach earrainn de’n sgeul a chur as an rathad, agus feumaidh luchd-gabhail a’ phaipeir foighidin a dheanamh fad dha mo tri sheachdainean gus am faighear an earainn sin a rithist o’n ùghdar. Cha’n eil sinn a’ meas gu’n dean e call mor sam bith dhaibh a bhi as aonais na sgeula fad na h-ùine sin, oir tuigidh iad o’n ionndrain a bhios ac’ oirre cho fior thaitneach ’sa tha i.
Tha e coltach gu bheil traoitear am measg teachdairean nan cumhachdan mora ann am Pekin. Aig gach coinneamh a bhios aca, tha iad ag aontachadh nach toirear iomradh air na cordaidhean gu’n tig iad am mach as an t-seòmar ’s am bheil iad. Ach tha e air tigh’nn am follais gu’m bi fhios aig Li Hung Chang air gach facal a bh’ eatorra mu’n ruith da uair an uaireadair. Cha’n eil fhios co tha toirt fios dha, agus tha e cunnartach gu’n tog a’ chùis aimhreit eadar luchd-ionaid nan rioghachdan Eòrpach. ’Se sin a’ cheart ni bu mhiann le Li Hung Chang tachairt.
Tha sgeul neònach a’ tigh’nn á Omaha, Nebraska. Bha gille beag d’ an ainm Eideard Cudahy, mac do dhuine beairteach a th’anns a’ bhaile sin, air a ghoid air falbh o dhachaidh o chionn ghoirid, agus fhuair ’athair fios gu’m faigheadh e air ais e na ’m pàigheadh e còig mile fichead dolair de dh’ òr. Rinn an t-athair sin gu toileach, agus chuireadh an gille dhachaidh. Fhad ’sa bha e air falbh—mu latha gu leth—bha e an ceangal agus a shùilean air an còmhdach; cha’n eil fhios aige mar sin càite ’n robh e, agus bidh e doirbh na daoine a thug air falbh e a lorgachadh a mach ’s a thoirt gu ceartas.
Cha’n eil uiread ’sa b’abhaist de naigheachdan mu’n chogadh a tighinn on fhuair an Seanalair Citchener air ceann an airm. Tha esan a’ cur glasguib air an fheadhain d’am bu chleachdadh a bhi deanamh sgeul mor de ni beag; cha cheadaich e do bheag tighinn ach na chuireas e fhein air adhart, agus bidh sin daonnan cho goirid ’sa ghabhas deanamh.
Oidhche Nollaig, thainig Nataniel Domhnullach, Sidni Mines, dhachaidh à Africa mu Dheas, far an robh e ’na shaighdear ann an aon de na reiseimidean a chaidh a null á Canada. Chuireadh fàilte agus furan air le muinntir na Meinne Tuatha. Bha band ’ga choinneachadh aig calla ’n rathaid-iaruinn, agus chaidh a chomhlachadh dhachaidh le àireamh mhor de chàirdean ’s de luchd-eòlais.
Tha an cogadh a tha na Stàidean a’ cumail air adhart anns na h-Eileanan Philipeach a cosg gu daor dhaibh ann an airgead ’s an daoine. Tha e doirbh cùnntas a chumail air an airgead a thatar a’ pàigheadh a mach o mhios gu mios, ach ged a tha sin mor ’s e ’n call beatha is truime dh’fhairicheas an dùthaich. Thainig soitheach as na h-eileanan sin gu San Francisco an la roimhe agus dlùth air sia ceud deug corp aice air bòrd, cuirp shaighdearan a chaill am beatha ann am blàir no a bhàsaich le fiabhrus.
Thachair sgiorradh muladach ann a Washabuckt maduinn latha Nollaig. Dh’ fhalbh Domhull Domhnullach gu dhol thairis air an amhuinn, air an robh deigh o chionn beagan lathaichean, agus bhrist an deigh fodha. Chaidh a phiuthar Anna dh’ fheuchainn ri shàbhaladh ach bhrist an deigh foidhpe-se cuideachd. Chualas iad ag eigheach air son cuideachaidh, ach mu ’n d’ rainig an cuideachadh iad bha ’n dithis air am bàthadh. Fhuaireadh an cuirp feasgar, agus bha iad air an tiodhlacadh le cheile Dior-daoin. Bha Domhull deich bliadhna fichead a dh’ aois, ’sa phiuthar coig bliadhna na bu shine na sin. Tha am màthair ’na bantraich, agus b’e Domhull a h-aon mhac. Chuir am bàs cianail so duilichinn mhor air na coimhearsnaich, aig an robh a phiuthar ’s am bràthair fior mheasail.
Tha daoine nis air tigh’nn gu bhi dhe’n bharail gu bheil an cogadh ann an Africa mu Dheas fad o bhi air a thoirt gu crich. Tha an Seanalair De Wett agus iadsan a tha fodha ’nan daoine treuna, agus a reir coltais a’ cur rompa seasamh a mach fhad ’s is urrainn iad, ged a tha iad cinnteach gu feum iad striochdadh air a’ cheann mu dheireadh. Tha iad mion eòlach air an dùthaich, agus tha sin a toirt cothrom mor dhaibh. Tha Breatunn a’ deanamh ullachaidh air son tuilleadh airm a chur am mach mur tig atharrachadh air cùisean an ùine ghoirid. Tha Riaghladh New Zealand a’ tairgse reiseimid eile chur air falbh, agus tha daoine ann an Canada dhe’n bharail gu’m bu chòir do’n dùthaich so an ni ceudna dheanamh. Cha’n eil teagamh nach eil na saighdearan Canadach anabarrach freagarrach air Africa mu Dheas; rinn na tri reiseimidean dhiubh a dh’fhalbh toiseach na bliadhna so obair mhath, agus tha e cinnteach gu’m biodh an riaghladh Breatunnach gle dheònach, ma leanas an cogadh, reiseimid eile dhiubh a dhol a null, ma chi Canada iomcbuidb an tairgse thobhairt.
Reic-a- mach Mhor
DE
dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.
Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor.
H . H. Sutherland & Co.
Gibhtean Nollaig
Gu de b’ fhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh t’ inntinn a’ smaoineachadh gu de chuireas tu g’ an ionnsuidh mar ghibht, theirig do’n t-seomar dhealbh aigKelly & Dodge,agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son sar obair mhath.
Kelly & Dodge,
Dealbhadairean,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 26. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 203.)
“Agus nach eil tòrr mor connaidh a muigh aig ceann an taighe?” ars esan; “cuidich thu fhéin.”
“Tha,” arsa mise, “ ’s gun maide dheth air a ghearradh no air a sgoltadh. Feumaidh tu stobh a’s motha na ’m fear so a cheannach ma tha ’n connadh ri bhi air a losgadh mar sid.”
“Ma ta,” ars esan, “cha bu mhor an obair dhut fhéin làn an stobh dheth a ghearradh. ’S iomadh uair a rinn Anna sin ’nuair a bhithinnsa trang.”
“An iomadh, gu dearbh?” arsa mise. “Bhiodh Domhull a’ gearradh a chonnaidh dhòmhsa.”
Ghearr e an connadh, agus nuair a bha e dol a mach dh’ an phàirc-fheòir, thuirt e rium nach robh esan ri thoirt dhachaidh o ’obair uair sam bith tuilleadh ach nuair a bhiodh an biadh deiseil. “Gle cheart,” arsa mise.
An ath latha bha chuis air an aon doigh; cha robh bior connaidh gearrte. Arsa mise rium fhein, “Cha’n eil Màiri agad fhathast, a bhodaich. Ionnsaichidh mise cleas no dha eile dhut.” ’Nuair a thainig àm na dinnearach sheid mi an dùdach, agus thainig an t-seachdnar dhaoine ’s shuidh iad timchioll a bhùird. Cha’n fhaca tu seachdnar dhaoine riamh air an robh leithid de dh’ ioghnadh ’sa bh’orra-san. Bha ’n t-aran na thaois, ’s am buntata ’s an fheòil ’s gach mi eile air an nigheadh gu glan ’s air an cur air a’ bhord dearg amh. Cha robh ni air a bhruich.
Dh’ fhàs aodann Chalum cho gruamach dubh ri neul tairneanaich. “Gu de ’s ciall da so?” ars esan.
“Is ciall da an ni is ciall da,” arsa mise. “Thuirt thu rium an dé gun eigheach dhachaidh ort ach nuair a bhiodh am biadh deiseil, agus rinn mi sin. Tha ’m biadh deiseil mu do choinneamh.”
“Tha,” ars esan, “agus ann an deagh uidheam; a h-uile greim dheth cho amh ’sa ghabhas e bhith.”
“Cha ghabh biadh bruich gun chonnadh,” arsa mise.
An sin dh’éirich an t-seachdnar aca o’n bhòrd, thug iad an torr connaidh orra, agus cha do lasaich iad gus an robh am maide mu dheireadh dheth air a ghearradh ’s air a sgoltadh cho meanbh ’s a dh’ iarrainn. Cha robh an còrr dragha agam a thaobh connaidh.
Mios no dha an deigh so bha beagan airgid a dhith orm. Bha mi air son Seonaidh agus Morag a chur dh’ an sgoil, agus chuir mi romham nach rachadh iad innte gun a bhi air an deagh chòmhdach. Dh’ iarr mi an t-airgead air Calum uair us uair, ach cha robh uair a dh’ iarrainn e nach biodh leisgeul air choireigin aige air son a chumail uam. Thug mi mo cheart aire nach innsinn dha gu de bha mi dol a cheannach leis. Ach aon latha thainig marsanta dh’ionnsuidh an taighe a cheannach uidhean us ime. Bha roinn mhath dhe ’n da chuid a stigh, a bha Calum a’ cur mu seach gus a thoirt leis dh’an bhaile ’nuair a gheibheadh e as a chabhaig. Reic mi a h-uile punnd dhe’n im ’s gach aon dhe na h-uidhean ris a cheannaiche, agus fhuair mi faisg air coig dolair fhichead orra. Nuair a thainig Calum dhachaidh, dh’ innis mi dha gu’n do reic mi an t-im ’s na h-uidhean, ’s na fhuair mi air an son. “Càit an bheil an t-airgead?” ars esan.
“Tha e agamsa,” arsa mise.
“ ’S fhearr dhut a thoirt dhomhsa,” ars esan. “B’ àbhaist do dh’ Anna bhi toirt dhomh gach sgillinn airgeid a gheibheadh i air an im ’s air na h-uidhean.”
“Am b’ àbhaist, gu dearbh?” arsa mise. “B’ àbhaist do Dhomhull a bhi toirt gach airgeid a gheibheadh e dhòmhsa.”
Dh’ fhàs e sgith a bhi ’g innseadh dhomh ciod a b’ àbhaist do dh’ Anna bhi ’deanamh, chionn cha robh uair a bheireadh e iomradh oirre nach toirinnsa iomradh air Domhull. Chunnaic e gu robh mi cho fada ’nam bharail fhéin ’s gu’m b’ fhearr dha-leigeadh leam. ’Nuair nach toireadh e dhomh airgead nuair a bhiodh e dhith orm, reicinn rud-eigin. Aon uair reic mi da thunna feòir, ged a bha fhios gle mhath agam nach robh dh’ fheur aige ach gann na bheireadh na beothaichean troimh ’n gheamhradh. Agus nuair a thuig e nach robh eagal sam bith agam roimhe dh’ fhàs e moran na bu chialaiche ’s na bu reusonta. Thuirt mi ris o chionn ghoirid gu robh e gu bhi na dhuine tapaidh. “Tapaidh,” ars esan; “b’fhearr dhut gu mor a radh gu bheil mi ’nam amadam.” Ach tha e air a dhol gu mor am feobhas o’n fhuair mis’ e, agus tha mi lan chreidsinn gur e n’ t-ionnsachadh air fhein a rinn mi a thus air adhart e.
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXV.
Air an ath mhadainn, (di-haoine an t-ochdamh latha diag de’n mhios) bhuanaich iad air an turas chum na h-airde n-iar gus an d’ rainig iad Miath-Poll aig criochan dhùthaich Loch-Iall far an d’ fhuair iad gabhail riu gu suilbhear furmailteach. Cha robh nis ach frith-rathad anns an astar a bha rompa agus thainig orr’ an cuid each fhàgail ann an Gleann-Peighinn, agus triall da ’n cois, thainig iad ma fheasgar gu àite do’n gairte na h-Obun, faisg air ceann shuas Loch-Mòr thir, agus chur iad an òidhche sin seachad ann am bothan-chaorach m’a iomal na coille. Air an lathairne-mhàireach (Di-dòmhnaich an fhicheadamh latha de mhios dheireannach an Earraich,) ghabh iad thar a’ gharbhlaich agus thàmh iad an òidhche sin ann an Gleann-Biasdail ma chriochan Arasaig, baile beag a tha fagus do’n àit’ anns an tàinig am Prionns’ air tìr ’nuair ’thainig e’n tùs do dh’ Alba.
Mun d’fhag Tearlach am baile so thainig Tighearn’ òg Chlann-Raonaill agus feaghainn eile dheth a chàirdean g’a amharc, agus dh’ innis iad dha gu ’n robh mòran de luingeis Sasunnach air freiceadan anns a chuan a Siar, air an aobhar sin nach b’ion da sùil a bhi aige ri faotainn do ’n Fhràing, gus a fàgadh iad sin an linne; iar do Thearlach an naigheachd sin a chluinntinn, stad e greis ann an ioma-chomhairl’, fa-dheoigh thuirt e gu ’n robh e togairt a dhol do ’n Eilean-Sgiathanach, agus e-féin a thilgeadh fo mheachainn Shiol-Leòid. Thuirt Tighearna Chlainn-Raonaill gum bu tearainte dha fan-
Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:—
LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am baraillean ’s am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.
R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 26. p. 7]
tainn far an robh e, agus gu’n deanta seòl air bothan falaich a dheanamh dha ann an àite diamhair ’san aonach, far am faodadh e còmhnaidh ghabhail gu tearuinnte, gus am faighte urra chinnteach a rachadh do Leòghas a cheannach saigheich anns am fàradh e seòladh ás an rìoghachd. Thuirt am Prionns’ nach robh e idir air son fantainn na b’ fhaid’ air mòr-thìr, gu’m b’ annsa leis e-féin a chleth a measg nan eilean. Ma’n àm sin bha duine da’m b’ ainm Dòmhnull Mac-Leòid a mhuinntir Ghualtair-Cill ’san Eilean-Sgiathanach, an deigh thighinn do Cheann-Loch-Mùideart le sùim àirgeid a chuir long Fhràngach air tìr ann am Barra gu féum a’ Phrionnsa féin, agus a thaobh gun robh Mac-Leòid na dheagh mharaiche agus eòlach air feagh nan eilean, araon air muir a’s tìr, mheasadh gum biodh e na bhrod fhir-iùil chum am Prionns a threòrachadh gu ionad falaich, na ’m b’e is gu ’n gabhadh e os-laimh sin a dheanamh. Gun tuilleadh ùine ’chall, chaidh fios a chuir do cheann-Loch-Mùideart a dh-ionnsaidh Mhic-Leòid, a thriall an còdhail a’ Phrionnsa cho luath sa’ labhair an teachdair’ a’ chiad fhacal; air dha bhi gabhail tro Ghleann-Biasdail, chunnaic e coltas coigrich a’ tighinn na dhail, mar gum biodh e air son labhairt ris, ’nuair a dhlùthaich iad le chéle gu àite còmhraidh, labhair am falbhanach ri Mac-Leòid mar so:— “An tusa Dòmhnull Mac-Leòid a Gualtar-Cill.” Ged a bha ’m Prionns’ ann an trusgan suarach, dh’aithnich Mac-Leòid air ball co e, agus fhreagair e:— “ ’S mi le’ cead ar Mòrachd rioghail an dearbh dhuine.” Labhair am Prionnsa rithist mar so:— “Tha thu faicinn a Dhòmhnuill gu ’m beil mise ’n-am éiginn, tha mi air an aobhar sin dha mo thilgeil féin ann a t’uchd, dean rium mar is àill leat. Tha mi cluinntinn gur duin’ onarach fiùghantach thu ás am faod mi earbsa.” Thuirt Mac-Leòid le guth guil na bheul gun leanadh e ris tro mhìle cunnard a’s gàbhadh cho fad sa’ b’ urrainn e gluasad. Cha tàinig Mac-Leòid riabh tharais air na briathran so gun làn silteach ’na shùilean agus reachd bròin na mhuineal.
Dh-fharraid am Prionns’ de Mhac-Leòid an sin an rachadh e le litrichean bhuaithe gu Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte, agus gu Mac-Leòid Dhun-Bheagain, a dh’ fheuch an nochdadh iad a bheag de chaoimhneas ris na airc; thuirt Dòmhnull Mac-Leòid, gur h-e nach rachadh, gun robh na daoin’ uaisle sin sa’ cheart àm an dlù thoir air a chum fhaotainn an laimh, agus gu’n robh pàirt dheth an cuid daoin cho fagus ri dà mhìle dhiag do’n dearbh bhall dheth an talamh air an robh e na sheasamh. Dh’ fharraid e ’n sin do Dhòmhnull an rachadh e leis rathad an Eilein-Fhada far an robh e saoilsinn am biodh e na bu shàbhailte na fanntuinn air tir mor. Thuirt Mac-Leòid mar thubhairt e roimhe gu ’n deanadh e gach ni a b’ urrainn e air a shon.
Air a cheathramh latha fichead de ’n mhìos, chaidh ochd-ramhach a chur
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAL A STIGH AGUS FAIC.
Tha againn air an rathad a’ tighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadhna.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 26. p. 8]
na h-uidheam aig ceann Loch-nan-Uamh le làn sgioba, a chum am Prionns’ aiseag do dh’ Uidhist, agus sheòl e-féin a’s Dòmhnull Mac-Leòid, O’Suilibhan, O’Neill, agus am Burcach ma chiaradh na h-òidhche; bha ’n t-shide man àm an deach iad fa-sgaoil rudeiginn doirbh. Ged a bha Dòmhnull Mac-Leòid na leth sheann duine bha e na dheagh mharaich’ agus shuidh e air an àilm, agus shuidh am Prionnsa sios eadar a dha chois a chum is nach faict’ e, gus am fasadh an òidhche na bu doilleire, cha deach iad ach tacan bho thìr ’nuair a ghabh Mac-Leòid beachd air na neòil, thuirt e ris a’ Phrionns’ gu ’n robh choltas air an òidhche bhi fiadhaich, agus gu ’m b’fhearr dhaibh fantainn air sgàth an fhearainn gus an ath-fheasgar. Thuirt Tearlach air meud a chunnairt agus an dosgainn da fuiligeadh e gu’m b’ fhearr leis an cuan a ghabhail na fuireach n’a b’ fhade far an robh e ’n cunnairt a bhi air a chuartachadh le luchd tòireachd.
Mar sin chum iad oirre, agus thachair dìreach mar thubhairt Mac-Leòid; thog na tonnan gàireach, cairgheal, an cinn le bairlinn bhristeach, a’s ged a bha Dòmhnull tric a’s mìnig a gabhail na linne eadar na h-eileanan a’s mòr-thìr, cha robh e òidhche no latha riabh air. Chuan-sgìth cho stoirmeil rithe so, ’s an oidhche cho dòrcha is nach robh fios aig duine dheth an sgioba c’àit’ an robh iad, no ciod an t-eirthir a bha fo sròin. Bha iad air uairean fo eagal gun rachadh am bàta tharais, air uairean eile gun tuiteadh iad air cladach an Eilein Sgiathanaich far a biodh iad gu léir ann an làimh. Ma shoillearachd an latha dh’aithnich iad gun robh iad air eirthir an Eilein-fhada. Ghiùlain an stoirm iad ma thri fichead mìle dh’ uidhe, ann an ùine dheich uairean. Chaidh iad air tìr ann an Rosinnis an Uidhist a chinne-deas, agus air dhaibh am bàta thàrruinn, ghlac iad bò, ghrad spad iad i agus dheasaich iad pàirt dheth a feòil, bha prais ac’ anns a bhàta agus ceitheir peiceanan de mhin choirce.
Chuir Diùc Uilleam a nise feachd air feadh fearain nam fineachan a dh’ éirich leis a’ Phrionnsa a’ chum na daoine ghlacadh agus an cuid armachd a thoirt uapa. Chaidh gach slighe ioma-dhruideadh a chum ’s nach tàradh na cinn-feadhna an rìoghachd fhàgail. Bha na trùpairean aig an Diùc a freiceadan air taobh sear na h-Alba, agus bha mailisi a freiceadan na dìridh eadar machair a’s Ghàidhealtachd. Thog Mac-Coinnich, Mac-Dhòmhnuill, agus Mac-Leòid, an cuid daoine, chum fògaraich a chumail á eileanan Innse-Gall. Bha na Rothaich, Clann-Aoidh agus na Cataich mar fhreiceadan air an taobh-tuath agus Caim-beulaich Earra-Ghàel a freiceadan an taobh-deas. Bha luingeas Sasunnach a cuartachadh cuan Alba air gach taobh, air chor is gum bu deacair do dhuine dheth na fògaraich bhochda teicheadh air falbh, air chor is gun deach gach prìosan tuath air Port-na-Bannrigh a’ lionadh de dhaoine Thearlaich ann an ùin cheithir latha diag an deigh Blàr Chuil-Fhodair. B’ iad na ciad dhaoin uaisl’ a’ ghlacadh Morair Bhaile-morina, Iarla Chrompa agus Iarla Chill-Màrnoc; chaidh an triùir mhathaibh so a chuir ann an long-chogaidh nam Priosanaich gu ruige Tùr Lunnainn. Mu ’n cheart àm sin ghlacadh Sir Seumas Ceannloch, Corneileir Gearr Ghreadainn, agus cùignear eile dheth na h-uaislean machrach, a chaidh a ghnàthadh air an t-sheòl chianda.
Theich Diùc-Abhall gu Deas agus a thaobh e bhi ann an droch shlàinte b’ eiginn da a dhol a dh’ iarraidh fàrdaich gu taigh Mr Buchannain, Dhruim-na-Cille fagus do Loch Loamainn; bha bean an taighe sin dìleas da, uime sin bha e’n dòchas gu ’n nochdadh an teaghlach caoimhneas dà na airc. Bha fear Dhruim-na-Cille na oifigeach ann an àrm an Rìgh agus chunnaic e mar fhéich air féin an Diùc còir a ghlacadh, agus air an dara latha fichead de mhìos deireannach an Earraich chaidh a’ ghiùlan mar phrìosanach gu caisteal Dhun-Breatainn, agus ás a sin gu Leibhte agus á Leibhte gu Tùr Lunnainn. Bha Fear Dhruim-na-Cille an deighe sin air a mheas na leibidean cho suarach ’s nach òladh duine dheth na h-uaislean a bha ’na nabachd stòp no cairteal na chòmpanas, ni mò chìte duine b’ fhiach na chuideachda, eadhoin air druim an rathaid mhòir!
AODAICHEAN DEANTA
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
GIBHTEAN NOLLAIG.
Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets , Lockets, Dressing Cases,Bataichean le cinn oir.
ANNS AN STOR AIG—K . BEZANSON.
CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH
Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy.
Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn.
Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh.
H . H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 26 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 26. %p |
parent text | Volume 9 |