[209]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 11, 1901. No. 27-28.


Sgeul air Gaolus Gaisge

(Air a leantuinn.)

IS duilichinnseadh ach is furasdathoirt fo mheamna mar a ghabh cach ri treubhantas Arsacius. Iorgail agus buaireas, garbhuaic agus tabaid, cha teid cainnt a chuir achuis. A h-uile fear agus a bheul fosgailte mur gum bann astri co a bu mhò guth na a cheile. Ghabh Licinius an staidhir, a bhana cheann don rathad uaigneach aige fein don luchairt. Dhfhan Bassus ùine ghoiridna dheigh, agus chunnacas e gu h-ard air an righ-chaithir anns aghrianan acuir nan car dheth, braoisg agus spluig air, achorruich feinga bhacadh acuir neulna chainntga fhagail liodach, manntach agus a leithid sin de straoighlich air cach agus nach cualas le fear no fear an robh dad aigega radh, no idir ciod a bha air no uaith. Seal beag da air an t-seol sin, agus thug e cul, agus ghabh sios an staighir, dalta Licinius.

Chaneil fhios on talamh an deach na Criosduidhean eile achuir gu bàs, ach saoilear gum bu gheal an airidh an leigeil mu sgaoil agus mar a chaidhiomairt orra de fhoirneart cheana fein le am priosunachadh agus an sgiursadh.

Ach o nach do theirig an sgeul fathasd, iom-aineamaid leis. Iomthusa Arsacius, fhuair e a h-uile chothrom don mhnaoi oig gus an dfhuair e aite tearuinte di, ach roimhn chabhanaich, thainig fios an eagail le fear a bhana thraill anns an luchairt, duine a bha gu math mor aig Arsacius; agus dhfhiafraich Arsacius sgeula dheth, no ciod e fath mun tainig e ann, agus thubhairt esan nach bu teic olcas, agus dhinnis da trid sios a h-uile car mar a dheirich anns an luchairt an deigh don Iompaire a ruigsinn. Chaidh esan agus Bassus an ceann comhairle, agus is e thug orra e gun do sgaoil an iomradh anns gach leth gun robh Iompaire an aird an iar an deigh cogaidh a ghairm air Licinius, agus gum be Byzantium (ard-bhaile Licinius) a bu mhiann leis a thoirt a mach, agus gun do ghlaodhadh leis gun dionadh e na Criosduidhean air an naimhdean. Be crioch an sgeoil e gun deach Licinius air deargan dearg a chothaich mar gheall air so, agus gun do rinn Bassus maorach fhads a bha an traigh ann le a iarraidh air an Iompaire Arsacius aghlacadhna phriosunach, o chionn saoradh a bhi aigega dheanamh air ciomach an righ gun a chuir ann an cead an righ an toiseach; thubhairt Bassus a thuilleadh air sin nach bu choir achuis aleigeil leis na Criosduidhean eile ach an grad chuir gu bàs leis na beistean aleigeil an sas annta, agus Candida a chuir ann air thoiseach air cach. Bu mhath le Bassus gun rachadh a toirt dasan, agus gum bitheadh i (arsesan) toileachna leoir am bàsfhulang an deigh da bhi deas dhi; ach chan aontuicheadh Licinius leis a sin ach a mhain a toirt do na leomhain.

An uair a fhuair an traill ùine air a mhaighstir, thainig e os iosal gu tigh a charaid, ’ga radh ris fein nach bu ghearan leis a shaothair nam burrainn da run a dheanamh air; “agus,” arsesan, “is e am bonn a tha agaibh ri a dheanamh a nis, ach na buinn a thoirt as, agus a h-uile cabhag a bhitheas ort, chan uilear dhut e.”

Be duine gramail, foghainteach a bha ann an Arsacius, lan seol agus comhairle, agus lamh aige a bheireadh a mach an rud a dhealbhadhinntinn. Bu ghoirid amhoill da an tigh anns an do chuir Candida seachad an oidhche a thoirt air, agus dhiarr e a dhachanaich uirre teicheadh leis gu àite eile, agus gach rud a bhaicena aghaidh sin chuir e an darna taobh e mar rud suarach. Chunnaic ise gum be an fhirinn a bha aige agus nach robh stath dhiga ràdh gum bolc. Gus an sgeul a chuir an giorrad, chuir iad uidheam air gach ni, agus iad fein as aithne, agus ghabh iad long mu thuaiream Nicomedia, agus Màiri, a piuthar bheag, comhla riutha, o chionn gur ise a rinn an saoradh air ceann Chandida. Cha bu chlos agus cha bu tàmh daibhsan e, ach areubadh cuain fad tri laithean gus an tainig iad ann am marbhan na h-oidhche gu tir fon bhaile sin. Leig iad diubh an sgios mara agus an iomaguin, agus thog iad mir beag fearainn ann.

Dheirich Bassus air a bhreathas ain-sgeunach an uair a fhuair e am mach gun do thar iad as air gun taing, gun sgeul no tuairisg orra ach mar shluigeadh an talamh iad. Chuir e forfhais os iosal caite am faigheadh e iad, ach bu bheag a mhath dha sin, le fheobhas agus a rinn iad an gno fein. Ach is ann a bfheudar da leigeil leo a nis, agus a mhalairt obair ra dheanamh aige; bha Constantine, Iompaire an aird an ear, dluth don bhaile. Beiginn dol a mach agus ceann a thoirt don nàmhaid, agus chaidh achath a chuir faisg air Hadrianople. Ach bha fear air an fhear agus am fear a bharrachd aig Constantine agus theich Licinius gu Chalcedon, far an deach cath eile a chuir. Chaidh Constantine thar an àir uair eile, agus as a sin do Licinius gu ruig Chrysopolis, agus chaidh achath a chuir air a rithisd. Thar an àir do Chonstantine a rithisd, agus mar a bairde dasan bisle don fhear eile. Cha do sharuicheadh an seanfhacal an uair so, “Am fear a bhios an diugh an uachdar, car mu char a nuas e maireach.” Beiginn do Licinius striochdadh, agus aontachadh ris na chaidh chuir fa chomhair. Thug e Thessalonica air an deigh a dhreuchd aleigeil dheth agus a thoirt do Chonstantine, agus thug Bassus Nicomedia air. Ghabh Constantine iompaireachd an domhain os laimh, agus chuir e stad air a gheur-leanmhuinn choidhche.

Ri maireann achogaidh, bhitheadh Candida ateagasg Arsacius agus thug i air gabhail ri Criosd. An uair a chaidh crioch air achogadh, ghabh ena fhear-freiceadan aig uachdaran abhaile, agus is gann a ruigear a leas a radh gun diarr e uirre gabhailna mnaoi aige-san. Ach sin cha deanadh i air an àm. Bha e a nisna Chriosduidh, arsise, agus beatha ùr roimhe; cha rachadh i a chuir dragha air, an tus toiseachaidh; be posadh a bu lugha a bu ghann di dheanamh don duine a chuir saor o bhàs agus o naire i; ach an drasd gun seachnadh e a h-ath-nuadhachadh nis fhaide; phosadh i e nan deanadh e foighidinn. Thubhairt e nach bu mho air agus beagan ciod a rachadh air no dheth ach gun deanadh i a phòsadh agus gum bu mhor an fhoighidin aige fuireach. Ach cha ghabhadh i cur bharr a ruin fhathasd; agus shuidh i a h-inntinn air i fein agus a piuthar bheag abheathachadh mar a bfhearr a burrainn di. Bu luath leatha mar a bha an aimsir agabhail seachad, agus chaidh gach ni chum suaimhneis an uair a thugadh achuing bharr nan Criosduidhean.

Air an doigh sin di fad bliadhna an deigh di an coinneamh sgeanach sin a thoirt don bhàs. Feasgar soilleir earraich agus i tighinn dachaidh, a lamhna cliabh falamh agus i tar eis a cuid mheasanus fhluirichean a reic, a piuthar bheag atristrich agus afrith leum ri a taobh. Eagal agus iomaguin an lath a bha siud ach beag air an leigeil di. Bha i fein afalbh de cheum aotrom banail, agus cabhag uirre gus gnothuch an la a chuir seachad, [ ? ] trath feasgar a chaitheamh, agus an sin aite eile a thoirt orra far an coinnicheadh iad Arsacius, a bha gus an toirt sgriob leis gus an amhainn an oidhche sin fein, agus cha bu mhath le Candida gum biodh fadal air nach robh iad atighinn.

Bha iad an deigh sraidfhagail agus cearn no oiseann sraide a chuir dhiubh, an uair a chuir Mairi lamh gu h-obann air gairdean a peathar.

Feuch, ‘Dida! ’” arsise, agus beagan den sgeonna cagar, “Co e sin?”

Dhfheuch i an taobh a bha suil a peathar asealltuinn. Chunnaic i an duine an sin agus ega faire o thaobh thall na sraide, ach be an truaill de a bhann dheth a bhann. Bha falt agus fiasag air dol thairis air, aghaidh misgeach air, agus e gun omhailna ghnuis, ach fuath, iongnadh agus aingidheachd. Cha daithnich ise an toiseach e, ach thainig iongantas uirre agus barrachd eagail an uair a dhaithnich. Bassus, Bassus a rithisd, ach e ach beag air a chuir as aithne leis an fheusaig agus luideagan agus trusdaireachd a choltais. Bha uspag bheagna com an uair a rug i air laimh Mairiga tarruing chuice agusga radh rithe, “Tiugainn, achuisle, na seall air an duine sin! Greasamaid dhachaidh!”

Thuit a dudam agus a dadam uirre; ar leatha gun robh toiseach aig an fheasgar air ciaradh, agus gun robh na neoil adluthachadh uimpe, agus cha biongnadh di agus na dhfhulaing i air a shailthaobh. Bhuail an t-eagal a rithisd i, an uair a mhothaich i gun robh esanga leantuinn, air a luaitheads gen siubhladh i, agus cha robh tlachd aice fein da chuideachd.



[210]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 2]

Bfhada leatha mar a bha an tigh bhuaipe. A h-anailna h-uchd, an leanabh trom aice agus i gun luthsna casan agus a cochull a cridhe leis an eagal. Is gann a burrainn di cas a chuir foidhpe, ach an uair a thainig a dachaidhna sealladh, gheuraich i uirre fein agus ruith i. Cha burrainn di riamhinnseadh mar a rainig i an tigh, ach is e ruigsinn a rinn i fa dheireadh shiar thall, agus bu ghann uirre a chreidsinn gun drainig. Bhuail i asteach, dhun i an dorusna deigh, agus ghrad chuir i suas an crann air, agus chuir i Mairi an ard an staidhir, gus nach faiceadh i fiamh an eagail air aghaidh a peathar.

Cha robh aig Mairi bhig air achuis uile gu leir ach gur e feala-dha no spors a bhann. Ach bha ise a nis agus an t-ana-cothrom aice; bha a namhaid gun teagamh air a toir, agus a cheart cho cinnteach ris a sin, dhiomaireadh e a dhroch thoil air a leannanna deigh, agus ciamar a nis a gheibheadh a gradh brath mar a dheirich agus gun seachnadh e cunnart? Suil den tug i troimh an uinneig bhig a bha anns an dorus, chunnaic i am Probhaisd air aghaidh an tighe am mach, agus coinneal nimheilna shuilean. Ciod e a bha e acuir roimhe? An deanadh e fuireach an sin gus an tigeadh i a mach?

Bu chara di, co dhiubh, sanas achuir a dhionnsuidh a leannan, agus sgeul na dunach a leigeil ris da. Chaidh i do sheomar eile, chuir i an cliabh air an urlar, thug i as a broilleach meamhran sgriobhaidh agus peann, agus thoisich i air sgriobhadh.

Chasadh B. an diugh orm agus lean e mi gu ruig mo thigh, agus mise adeanamh an iuil da agus chan ann do mdheoin. Tha fairega dheanamh aige air an tigh a nis. Chan fhuilear no gum bheil e am brath foille dhomh. Na tigeadh thu an nochd, mas fhaigheadh e brath ort mar an ceudna. Cia mar a theid sinn as air? no cia mar a dhfhairtlicheas sinn air?”

An uair a bha an litir ud sgriobhte aice, ghlaodh i air Mairi. Bha am paisde acuirneachadh abhuird, agus atoirt am mach abhidh a bu trath dhaibh, agus i gu neo-fhiosrach air cunnart.

AMhairi, achridhe,” arsise, agus dhfhiach i ri a guth ashocrachadh, “tha spors ùr ann ri a chluich. Bi sineadh as leth an litir so gu Arsacius, ach chan e dol am mach air an ard-dorus a ni thu. Bi misegad fhaireadh an sin, agus feumaidh thu mo sheachnadh, agus am balla tha cul an tighe astreapadh. An urrainn dut an uiread sin? Is math a gheibhear thu. Teann a nis, tog ort, ach cumnad chuimhne gur a milleadh spors e, ma chithear leam thu, agus thoir do cheart aire dean mar a dhiarras Arsacius riut.”

Phog i an leanabh, leis am bu gheal gach ni ùr no spors neo-abhaisteach, gu sonruichte streapadh; agus thug Mairi cul an tighe uirre, agus as gu brath leatha cho bith ri luch.

(Ri leantuinn.)


CLANN RUARI.

BHA tri mic aig Somhairle Mór Mac Ghillebride, Dughall, Raonall, agus Aonghus. Bha da mhac aig Raonall, Dòmhnall agus Ruari. Be Ruari gineadair agus ceud cheann-cinnidh Chlann Ruari. Fhuair Ruari bhoathair Muideart, Arasaig, Morair, Cnoideart, eilein Bhòid, agus roinn de Chinntire. Thug e creachan a tri bailtean an Eirinn an 1212. A bhliadhna an déidh so chaidh e do dh-Eirinn agus thug e leis a cuid de na h-eaglaisean a h-uile ni dem burrainn e feum a dheanamh. Thug na Stiubhartaich bhuaith eilein Bhòid mun bhliadhna 1260. Bha e mar sin nanamhaid do na Stiubhartaich. Chog e gu dileas fo righ Haco aig Blar na Lairge an 1263. Dheug e mun bhliadhna 1270. Bha da mhac aige, Ailein agus Dùghall. Thàinig Ailein a staigh an àitathar. Bha mac aig Dùghall dom bainm Donnachadh. Bha da mhac aig Donnachadh, Fearchair agus Donnachadh Og.

Bha tri mic dhiolain aig Ailein mac Ruari, Ruari, Ailein, agus Lachainn. Bha aon nighean aige, Cairistìne no Ciorstaidh, ri a mhnaoi. Thàinig Ruari a staigh an àitathar mar cheann-cinnidh, ach cha dfhuair e seilbh air an fhearann. Thug an lagha oighreachd a h-athar, do Chiorstaidh. Bha mac aig Ailein ris an abairteadh Raonall Fionn, agus bha mac aig Raonall Fionn dom bainm Tómas.

Phos Domhnall, Iarla Mhàr, Ciorstaidh Nic-Ruari, agus bha triuir chloinne aige rithe, Gartnaidh, Iseabal, agus Màiri. Phòs am Brusach Iseabal, agus bha aon nighean aige rithe, Mairsili, a bha pòsda ri Bhaltair Stiubhart. Phos Coinneach Sutharlan, Iarla Chataoibh, Màiri.

Thug Ciorstaidh Nic-Ruari, ban-Iarla Mhàr, thairis don Bhrusach air son a brathar, Ruari, na fearainn a leanas: cuid de Mhuideart, cuid do dh-Arasaig, Eiges Rùm, cuid do dh-Uidhist a Chinn-a- deas, Barra, agus na Hearradh. Thug am Brusach coir do Ruari air na fearainn so, agus bu mhath a bfhiach dha sin. Bha Ruari anabarrach dileas dha. Bha e air fear de na h-Eileinich a chuidich leis, aig blar Allt-a- Bhonnaich, gu saorsa chosnadh do dh-Albainn. Bha triuir chloinne aig Ruari, Raonall, Ailein agus Amaidh.

Anns a bhliadhna 1342 thug Daibhidh Brus còir do Raonall Mac-Ruari air beagan de dh-fhearainn an Cinn-tàile. An 1343 thug e dha còir air Uidhist, Barra, Rùm, Muideart, Morair, Arasaig, agus Cnòideart. Chaidh Ruari a mhort aig Peirt le Uilleam Ros, Iarla Rois, an 1346. Thàinig Ailein a bhrathair a staigh naaite. Chaochail Ailein gun mhac, gun nighinn, a gheibheadh a chuid fearainn. Bhuineadh oighreachd Chlann-Ruari a nis do dh-Amaidh, piuthar Raonaill is Ailein.

Phòs Iain nan Eileinean Amaidh Nic-Ruari, agus be deireadh na cùise gun dfhuair e fearann a h-athar leatha. Cleas Chaluim a Ghlinne bha roinn mhath de ghaol a bhith mor ann an Iain. Bha e-fhein is Amaidh càirdeach agus ghabh e air gun robh a chogais gabhuaradh gu h-olc air son i a bhith aige mar mhnaoi. Chuir e bhuaith i agus phòs e Mairearad, nighean Roib Stiubhart, oighre Dhaibhidh Bhruis. Thàinig Rob gu bhith naRigh an 1370. Bha Iain a nis air a dhoigh, oir burrainn eathair ceile a radh ris an rìgh.

Be Iain nan Eileinean mac Aonghuis Oig mhic Dhomhnaill mhic Raonaill. Be Amaidh Nic-Ruari nighean Ruari mhic Ailein mhic Ruari mhic Raonaill. Be Mairearad Stiubhart nighean Roib Stiubhart, mac Mairsili Bhrus, nighean Chiorstaidh Nic Ruari, nighean Ailein mhic Ruari, mac Ruari mhic Raonaill.

Tha e air innse dhuinn ann an sean leabhar eachdraidh gun do chomhairlich Mac-Aonghuis Aird-ghobhar do dh-Iain nan Eileinean Amaidh Nic-Ruari a chur bhuaith, gun robh naimhdeas aig Amaidh do Mhac-Aonghuis, agus gun robh i nameadhon air Dòmhnall Mac-Gilleain a chur do dh-Aird-ghobhar a mharbhadh Mhic-Aonghuis is choig mic, agus a ghlacadh a chuid fearainn dha fhéin. Chan fheil ann san naidheachd so ach na dearg bhreugan. Phòs Iain nan Eileinean Amaidh Nic-Ruari mun bhliadhna 1337, agus bha nighean aige rithe dom bainm Màiri. Chuir e Amaidh bhuaith mun bhliadhna 1358, agus phòs e Mairearad Stiubhart. Phos Lachainn Lùbanach, triath Dhubhairt agus ceann-cinnidh Chloinn Ghilleain, Mairi, nighean Iain nan Eileinean agus Amaidh Nic-Ruari, anns a bhliadhna 1366. Be Eachann Ruadh nan Cath mac Lachainn Lùbanaich agus Mairi. Thuit Eachann Ruadh am blàr Harla, an 1411.

Rugadh Lachainn Bronnach mac Eachainn Ruaidh nan Cath mun bhliadhna 1393. Rugadh Dòmhnall mac Lachainn Bhronnaich mun bhliadhna 1413. So an Dòmhnall a chaidh do dh-Aird-ghobhars a chuir as do Mhac-Aonghuis. A nis is ann mun bhliadhna 1432 a ghabh e seilbh air Aird-ghobhar. Be Domhnall mac Lachainn Bhronnaich, mac Eachainn Ruaidh, mac Mairi, nighean Amaidh. Bi Amaidh mar so mathair a sheanamhair. Tha e soilleir mar so, mas i Amaidh a chuir an ceann Dhomhnaill a dhol do dh-Aird-ghobhar a mharbhadh dhaoine, nach robh Dòmhnall Bàn a Bhòcain riamh na beolaiche air spioradan na bha Dòmhnall Aird-ghobhar. ’S e Alasdair Mac-Dhòmhnaill, ogha Iain nan Eileinean, a thuirt ri Domhnall mac Lachainn Bhronnaich ma bha eg iarraidh fearainn e dhol do dh-Aird-ghobhar. Tha moran de nithibh matha ann an sean eachdraidhean, ach tha moran de sgeulachdan gun bhonn annta.

Bliadhna math ùr do luchd-leughaidh MHIC-TALLA.

A. M. S.
Latha na bliadhnùire, 1901.


LITIR A CEAP NOR.

Is i an oidhche nochd an oidhche mu dheireadh dhethn bhliadhna so. Is i mar an ceudna an oidhche mu dheireadh dheth an naoidheamh ceud deug bliadhna o theachd ar Slanaighear a dhionnsuidh an t-saoghail so air ar son. ’Nuair ghabhas sinn beachd air a chunntas a tha na paipeirean-naidheachd atoirt dhuinn mu thimchioll gach adhartas a thainig air an t-saoghal re a cheud bliadhna(century)a tha nis acriochnachadh, buinidh dhuinn a radh le cridheachan taingeil agus iriosail:— “Cionnas a than Tighearna air a bhig oibreachadh.” Tha cuid de shochairean aig sluagh cumanta an t-saoghail a nis, nach robh eadhon aig righrean anns na linntean a dhfhalbh, agus mu theannas sinn rin toirt fainear, tha iad nis lionmhoire na gun urrainn sinn an aireamh. Nach mor an luathas leis am bheil e comasach do dhaoine dol thairis air tir no cuan a nis, seach mar burrainn air sinnsearan a dheanamhn an la fein? Nach aithghearr a gheibhear fios ach gu beag as gach cearna dhethn t-saoghals an la sam bheil sinn beo? Chan e sin a mhain ach labhraidh daoine richeile troimhe an telephone ged bhiodh iad astar ro mhor o cheile. Ach ciod am math dhomhsa teannadh ri luaidh a dheanamh ann an litir bhig mar so, air gach innleachd iongantaich a fhuair daoine mach re a cheud bliadhna tha nis acriochnachadh, ’n uair tha mi cinnteach gun gabhadh e bliadhna iomlan dhethn MHAC-TALLA gu mion chunntas a thoirt mun timchioll gu leir.

Than geamhradh air tighinn oirnns an aite so da rireadh; ach ged nach robh moran reodhaidh



[211]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 3]

againn fathast, tha mu dha throidh sneachda air an talamh.

Ged bhan co-thional so air a threigsinn cho ro sgiobalta leis an Urr. Lachainn Beutan, mu thoiseach a mhios sa chaidh, cha deachaidh air fagail dhuinn fein cho fadas a beagal leinn aig an am. Air an dara la fichead den mhios so, thainig an t-Urr. Iain D. MacPharlain a ghabhail àite. Tha sinn toilichtebhi faicinn gu bheil araon Mr. MacPharlan agus amhnaoi afaotainn fior dheadh chliu on chomhthional anns an robh iad air a bhi saoithreachadh o chionn sheachd bliadhna. Mar sin bidh sinn ag amharc a mach air son sith agus soirbheachadh re na h-uine dhfhaodas an Tighearna dheoinachadh mar aodhaire don chomhthional so. Faodaidh mi radh ann an so, ged nach robh sinn idir toilichte Mr. Beutan a dhol a dhealachadh ruinn cho luath, agus mar shaoil sinne, air bheag aobhar, gun robh e fein agus an comhthional gle riaraichte lecheile re na h-uine bha e saoithreachadhn ar measg, aguss e ar dochas gur amhuil a bhios e fein agus an comhthional a dhionnsuidh am bheil e nis air a dhol.

Ann an criochnachadh na litir so ceadaichear dhomh beagan fhacal a sgriobhadh a thaobh luchd-feich MHIC-TALLA. Tha cuimhne agam air beagan dheth na thuirt MAC-TALLA mu thimchioll cuid dhiubh sin o chionn ghoiridmar a lubadh iad an gluintean ann au urnuigh an am dol a laidhe, &c . ’S i mo bharail nach faigh urnuighean an t-seorsa eisdeachd idir. Nacheil an fhirinn ag innse dhuinn ma bheir sinn speis don olcn ar cridhe nach eisd an Tighearna ri ar n-nrnuigh, agus mur ni olc a bhicumail a chuid fein o MHAC-TALLA, chaneil fios agam ciod e olc no peacadh.

M. D.
Ceap Nor, Des. 31, 1900.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Beder, Prionnsa Phersia.

CAIB. XVI

Thug Beder taing agus buidheachas do dhAbdallah ann am briathran cho freagarach agus cho durachdachsa baithne dha air son gach oidhirp a thug e air a dhion o chumhachd na ban-draoidh. Agus an deigh dhaibh an tuilleadh comhraidh a bhith eatorra, thill Beder air ais don luchairt. An uair a rainig e, thuig e gun robh abhanrighg a fheitheamh anns agharadh agus igabhail fadachd gu leor. Ghabh e direach far an robh i, agus cha bu luaithe thug i an aire dha na choisich i le cabhaigna choinneamh. “Mo Bheder gaoil,” arsise, “tha e air a radh agus sin le firinn, nacheil rud sam bith a nochdas meud agus neart aghaoil cho mor ri dithis a thann an gaol a bhith car uine air an cumail o cheile. Cha robh fois aig minntinn on a dhfhalbh thu, agus saoilidh mi gum bheil bliadhnachan ann. Nan robh thu air a bhith beagan na bfhaide gun tilleadh, bha mi air falbh gad iarraidh.”

A bhaintighearna,” arsa Beder, “faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a their mi gun robh migabhail fadachd gu leor gus am faighinn tilleadh. Ach cha burrainn domh faighinn air falbh o bhrathair mathar. Tha gradh mor aige dhomh, agus bu ghoirid leis an uine a chuir mi seachadna chuideachd, on a bha e uine mhath gun mfhaicinn. Bu mhiann leis mo chumail na bfhaide, ach sgar mi mi-fhin uaithe gus tighinn far an robh an gaolga mtharuinn. Dheasaich e biadh dhomh, ach o nach dfhuair mi uine gus a ghabhail thug mi leam e, agus bu mhiann leam gun gabhadh sibh rud dheth.”

Bham bonnach air a phasgadh aig Beder ann an neapiginn gu grinn, agus an uair a thug e mach e, thuirt e rithe, “Tha miguidhe air bhur morachd gun gabh sibh e.”

Gabhaidh mi e le muile chridhe,” arsabhanrighs ibreith air as a laimh, “agus ithidh mi e gu toileach air do sgath fhein, agus air sgath bhrathar dathar. Ach mum blais mi air, bu mhiann leam gun itheadh tusa rud dhen bhonnach so a rinn mi fhads a bha thu air falbh.”

A bhanrigh mhaiseach,” arsa Beder, agus e gabhail abhonnaich gu toileach as a laimh, “cha tig rud sam bith a do lamhan ach rud math; agus is gann a theid agam air mo thaingealachd a chur an geill dhuibh air son an fhabhair a tha sibh adeanamh rium.”

Chuir Beder gu gleusda am bonnach a thug abhanrigh dha ann an aite abhonnaich a thug Abdallah dha; agus an uair a bhrist e rud dhen bhonnach a thug Abdallah dha, dhith e ma coinneamh e. Agus an uair a bha eg a itheadh, thuirt e, “Ah ! ’bhanrigh, cha do bhlais mi air aran riamh cho blasda ris.”

Thachair gun robh iad aig taobh an t-sruthain anns an am, agus an uair a chunnaic i gun do shluig e an greim a bhana bheul, thog i lan a boise dhen uisge, agus an uair a thilg i air Beder an clar an aodain e, thuirt i, “A chreutair thruaillidh! na bi nas fhaidenad dhuine, ach bi ann an cruth seann eich, agus bi dall agus crubach.”

An uair a chunnaic abhan-draoidh nach robh buaidh sam bith aig na briathran a labhair i air Beder, agus nach drinn e ach clisgeadh le eagal, dhfhas a h-aodann dearg, agus thuirt i, “A Bheder ghaoil, na biodh eagal sam bith ort, chan eirich beud dhut. Cha robh mhiann orm cron sam bith a dheanamh ort; cha robh mi ach feuch ciod a theireadh tu. Bu mhi am boirionnach cho truaghs cho truaillidhs a tha beo nan tugainn oidhirp sam bith air do churna leithid sid de riochd, chan ann a mhain an deigh nam mionnan a thug mi, ach mar an ceudna an deigh a liuthad comharradh a nochd mi air mo ghradh dhut.”

A bhanrigh chumhachadh,” arsa Beder, “ged a tha fhios is cinnt agam gur ann ri feala-dha a bha sibh, gidheadh ghabh mi clisgeadh an uair a chuala mi sibh ag ordachadh mi bhith air mo chur an riochd ainmhidh. Ach na abramaid an corr ma dheidhinn. Agus on a dhith mise rud dhen aran a thug sibhse dhomh, bu mhiann leam gun itheadh sibh a nis rud dhen aran a thug mise dhuibh.”

Bha fhios aig abhanrigh nach robh doigh aice air a h-earbsa ann am Beder a nochdadh na bfhearr na rud dhen aran itheadh, agus anns amhionaid bhrist i rud dhen aran, agus dhith i e. Cha luaithe dhith i e na thainig trioblaid oirre, agus cha burrainn i gluasad as abhad anns an robh i. Gun dail sam bith thilg Beder lan a bhoise dhen uisge oirre ann ag clar an aodain, agus thuirt e, “A bhan-draoidh ghraineil, na bi nas fhaidena dbhoirionnach, ach bi anns amhionaid ann an riochd capuill.”

Ann am priobadh na sul bha banrigh Labi ann an riochd capuill cho briaghas a chunnaic duine riamh. Agus bha i air a cur cho mor bhar a siuil leis mar a thachair dhiths gun do thoisich i ri sileadh nan dear gu frasach, rud nach drinn capull riamh roimhe. Chrom i a ceann thun an lair air beulaobh Bheder, asmaointean gun gabhadh e truas dhith; ach ged a bhiodh truas aige rithe, cha robh ena chomas cuideachadh sam bith a dheanamh leatha. Thug e leis i don stabuill, agus thug e don ghille-stabuill i gus srian a churna ceann, ach cha robh srian anns an stabull a fhreagradh oirre. Thug so air da each fhaotainn deiseil, each dha fhein agus each eile don ghille-stabuill, agus dhfhalbh iad le cheile leatha far an robh Abdallah.

An uair a chunnaic Abdallah Beder a tighinn leis a chapull, thuig e gun drinn e mar a chomhairlich e dha. “A bhan-draoidh mhollaichte,” arsesan ris fhein, agus e gle aoibhneach, “air acheann mu dheireadh fhuair thusa diol-thuarasdal dligheach air son an uilc a bha thudeanamh.”

Thainig Beder bhar muin an eich aig dorus Abdallah, agus chaidh e steach don bhuthaidh. Chuir e failte chridheil air, agus thug e mile taing dha air son a liuthad gniomh math a rinn e dha. Dhinnis e dha a h-uile car mar a thachair, agus thuirt e ris nach robh aon srian ri fhaotainn a fhreagradh air achapull. Gun dail fhuair Abdallah srian a fhreagair oirre cho maths a dhiarrteadh. Agus cho luaths a thill Beder an gille-stabuill air ais leis na h-eich, thuirt Abdallah, “Mo thighearna, chaneil aobhar dhut fuireach nas fhaide anns abhaile. Theirig air muin achapuill, agus marcaich air ais do do rioghachd fhein. Tha aon chomhairle agam ri thoirt ort, agus is e sin, ged a thigeadh ort dealachadh ris achapull, nach dealaich thu gu brath ris an t-srein.”

Gheall Beder gun deanadh e mar a chomhairlich Abdallah dha; agus an uair a ghabh e a chead dhen t-seann duine choir, dhfhalbh e.

Cha bu luaithe chaidh righ Phersia am mach as abhaile na thoisich e ri smaoineachadh air cho fortanachs a bha e an uair a fhuair e sabhailte air falbh o chumhachd na ban-draoidh, an deigh achunnairt anns an robh e gun cuireadh i ann an riochd ainmhidh e.

An ceann tri latha rainig e baile mor, agus an uair a bha e aig iomall abhaile thachair seann duine tlachdar ris a bhacoiseachd do thaigh-comhnuidh a bhaige an taobh am muigh dhen bhaile. An uair a chuir an duine stad air, thuirt e, “Mo thighearna, am faod mifhaighneachd co an cearn dhen t-saoghal as an dthainig sibh?”

Stad Beder, agus dhinnis e dha co as a thainig e. Am feadhs a bha iad acomhradh, thainig seana bhean far an robh iad, agus an uair a sheas i tiotadh agus a thug i an aire don chapull, thoisich i ri osnaich gu goirt agus ri sileadh nan deur gu frasach.

Sguir Beder agus an seann duine dhen chomhradh a bheatorra an uair a chunnaic iad an staid anns an robh an t-seana bhean, agus dhfheoraich Beder dhith ciod a baobhar gun robh iguls acaoidh air an doigh ud.

Ochan! mo thighearna,” arsise, “tha miguls acaoidh a chionn gum bheil an capull sin a tha fodhad anabarrach coltach ris achapull a bhaig mo mhac. Tha mi fhathastg a caoidh air a sgath-san. Agus theirinn gur i so acheart chapull a bhaigesan mur be gum bheil fhios agam gun dfhuair i bas. Reic rium i, tha miguidhe ort, agus bheir mi dhut a lan luach air a son, agus moran taing.

Mo bhean mhath,” arsa Beder, “tha doilghios gu leor orm air do shon, ach chaneil an capull ri bhith air a reic idir.”

Ochan! mo thighearna,” arsan t-seana bhean, “air son gradh Dhe na diult dhomh am fabhar a tha mig iarraidh.”

(Ri leantuinn.)



[212]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IANUARAIDH 11, 1901.

Bha duine stigh an la roimhe agus thuirt e nach biodh e as aonais MHIC-TALLA ged a chosgadh e tri dolairsa bhliadhna dha. Bha fear eile stigh aig àm eile agus gheall e gun tòisicheadh e air gabhail aphaipeir cho luathsa dhfhàsadh e uiread ri aon de phaipearan mora Mhontreal us New York. Nach be fhéin am fior Ghàidheal!

Gheibhear àireamh mhath de dhainmeannan muinntir a phàigh anns an àireamh so. Tha sinn ag iarraidh air neach sam bith a chuireas air adhart airgead fios a chur ugainn mur faic eainm am measg chàch an ùine ghoirid. Ach deanadh iadsan a chuir ugainn am pàigheadh o chionn ghoirid feitheamh gus am faic iad àireamh na seachdain sa tighinn, oir bfheudar dhuinn roinn dhe na h-ainmean a chumail air ais air an turus so.

Tha sinn duilich nach robh en comas MHIC-TALLA a chàirdean a ruigheachd air an t-seachdain sa chaidh. Bha e air a chumail air ais le ni a chaidh cearr mun inneil chlo-bhualaidh nach gabhadh leasachadh air chabhaig; chum sin àireamh an 28mh latha de Dhesember gun fhalbh as an oifis gus an 4mh latha dhen mhios so, an latha bu chòir àireamh eile bhi mach. Feuchaidh e ris a chall a deanamh suas da leughadairean mun tig an samhradh.

THA Comhairlean nan siorrachdan cruinn air an t-seachdain so. Tha siorrachd Cheap Breatunn aig an àm so ann an suidheachadh nas fhearr na bha i o chionn iomadh bliadhna; tha gach cosguis a bha ri phàigheadh fad na bliadhna sa chaidh pàighte, agus tha tri miles sia ceud dolair ricreideassa bhanca. Tha tigh cùrtach ùr ri bhi air a thogail am bliadhna, agus bidh an seann tigh cùrtachs an talla air an creic. Thatar mar an ceudnabruidhinn air an tigh-caothaich a chreic agus tigh ùr a thogail am mach air an dùthaich, far am bi fearann ri fhaotainn nas saoire na tha e timchioll abhaile.


ABhliadhnUr.

LE ANNA CHAMARAN.

Thabhliadhnaig a ceann,
Lecampar, trioblaid is cradh,
S le aighear is sùgradh,
Sunndach, cridheil aig pàirt:
Tha cuibhrionn gach aoin dhinn
Roinntam freasdal do ghràidh,
Marrùnaich thu fhein,
A Dhe, ’thariaghladhs gach àit’.

Aig meadhoin na h-oidhch’,
Le suim is aire thoirt dha,
Gun dbhuail uair dheug,
S cha téid aon bhuille dhuibh cearr:
Tha duilleag as ùr
Air dùnadh dhuinnes i làn,
A chumail air chuimhn
Gach smaoin, gach gniomh agus ràdh.

Aig toiseach bliadhnùire,
Dùisgeamaidnena thràth,
Cur romhainn le cùram
Cùrsaghabhail as fhearr;
G ath-cheannach na h-ùine
Struidh sinn uile gun stà;
Oir, làithean ar cuairt
Neo-bhuan air thalamh a .

Tha tìomruith gu luath
Gach uair is mionaid mar sgàil
Tha siorruidheachd bhuan
A nuas ateannadh gun dàil:
Aig toiseach bliadhnùir
Gu h-ùmhl biomaidnenad làthr,
Ag ùrnuigh riut fein,
Mun téid ar ceumannan cearr.


Solus.

THA mi air son facal misnich a thoirt do dluchd leughaidh a thaobh an suilean. Na biodh eagal orra nach bi solus oidhche aca cho math ri solus latha gu leughadh do dheadh naigheachdan, ’s gu foghlum fhaotainn mu na làithean a dhaom agus gliocas air son na làithean ri teachd. Ged dhfhàg a chuideachd Gheancach taobh an iar Loch Ainslie gun olla fhaighinn, chan ann mar sin a tha a thaobh cuideachd Nobha Scòtia air an taobh a tuath. Chaidh iad sios mu sheachd ceud troidh agus bham pump a toirt a nuas beagan olla gach latha a measg gach stuth eile a bha e togail. Cha bhiodh agad ach biorain teinechuir riss dheireadh an lasair suas troidh os a cheann. Tha choimhearsnachd eolach air a sin. Chan eil teagamh nach eil an olla ann, co dhiu a tha lochan no tobair mhòra dhi ann no nach eil. Nam buaileadh iad loch mòr dhi aon uair bhiodh aimhnichean olla againn anns an fhàsach. Far a bheil iad a cladhach tha na clachan gu h-iosal ni-eigin air an oir no air an leth-oir, agus, mar sin, than uidheam thollaidh buailteach an toll a dheanamh air fhiaradh an deigh a dhol sios fada tren talamhs tre na creagan uachdarach. Tha sin na dhragh mòr nuair nach eil an toll ach cumhann. Faodaidh mu dheireadh an uidheam a thighinn gu bhi air a teannachadh co mòr san tolls nach teid aic air oibreachadh. Ach tha min dochas nach fhada gus am buail i tobar no cuisle mhòr a bheir seachad olla air son Gaidhilus Goill.

D. D.
Broad Cove,Nollaig, 1900.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Sanas do Chinn Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Airneis Ghrinn
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, MANAGER


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[213]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha abhreac a sgoileadh air feadh ceann a tuathNew Brunswick.Cha dthugadh ionnsuidh cheart air an euslaint a chur as nuair a bhrist i mach, air neo chan fhaigheadh i sgaoileadh mar a rinn i.

Chaidh Su Hai, an Sineach a mhort am Baran von Ketteler, fear-ionaid na Gearmailt ann am Pekin, a chur gu bàs an làthair moran sluaigh air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna. Tha e coltach gu bheil Sina adol a ghabhail ri cumhachan nan rioghachdan Eòrpach.

Air do Mhr Chamberlain fios a leigeil dhionnsuidh nan colonies gum biodh an Riaghladh Breatunnach gle thoileach tuilleadh shaighdearan a ghabhail uapa air son a dhol a chogadh an Africa mu Dheas, thairg sia ceud deug duine ann an Australias da mhile ann an New Zealand falbh cho luathsa ghabhas iad cur an uidheam. Chan eil teagamh nach dean àireamh de mhuinntir Chanada iad féin a thairgse an ùine ghoirid.

Air an latha mu dheireadh dhen t-seann bhliadhna, bha dorsan aphriosain ann anSt . John, N. B.air am fosgladh, ’s thugadh an saorsa do na bhann de phriosanaich, coig duine fichead. Cha robh cionta mhor air a chur as leth aon dhiubh, agus air an aobhar sin cha robh e air a mheas mi-fhreagarrach an leigeil ma sgaoil. Cha bhiodh e glic a leithid a dheanamh anns a h-uile priosansan dùthaich.

Sguir na mèinneadairean ann am mèinnean guail Phictou a dhobair air an t-seachdain sa chaidh ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Bha an àireamh mhor dhiubh afaotainn da dholair gu lethsan lathas ag obrachadh naodh uairean. Bha iad ag iarraidh 30c an latha bharrachd air sin. Bha an gual cho gannsa creic cho maths gun do dhaontaicheadh an tuarasdal a bha dhith orra thoirt dhaibh, agus an ceann latha no dha chaidh iad air ais a dhobair.

Tha am banca bha roimhe so adol fon ainmMerchants Bank of Halifaxa nise fo ainm ùr, “Banca Rioghail Canada.” Chaidh notaichean ùra chur am mach air an darra latha dhen bhliadhna ùir, notaichean a tha air [ ? ] clò-bhualadh an dathan nach fhacas air airgead-paipeirs an dùthaich so riamh roimhe. Tha iad mar sin air son fhàgail doirbh do luchd-deanamh an airgeid mheallta an leithidean a dheanamh. ’Se so a cheud bhanca thainig do Shidni; agus tha deich bliadhna fichead on chaidh fhosgladh ann an toiseach.

Bidh cuimhnaig ar leughadairean aigCarl Creelman,an duinòg a dhfhalbh áTruro , N. S. ,air an t-samhradh sa chaidh air son cuairt a chur air an t-saoghal le rothair, gun airgead no ni sam bith eile air a shiubhal a chuidicheadh leis. Fhuair Iain Mac Gilleain, Sidni Forks, litir o chionn ghoirid o charaid dha fhéin, Niall Domhnullach, a thana oifigeach anns an Reiseamaid Dhuibh, a tha aig an àm so am Benarres, ’s na h-Innsean an Ear. Bha Creelmansa bhaile sin nuair a sgriobh e an litir; bha e beagan roimhe sin tinnsan tigh-eiridinn, ach bha e air a dhol am feobhas. Bha dùil aige dhol as na h-Innsean do Chape Colony an Africa mu Dheas.

Chaidh luach sia millean air fhichead dolair a thoirt á mèinnean òir Chanada air a bhliadhna sa chaidh. Chaidh beagan a bharrachd air leth millean dolair dhe sin a thoirt á mèinnean Nobh Scotia.

Chaidh àireamh mhor thaighean a thogail anns a bhaile air abhliadhna dhfhalbh, agus tha e nise gu math nas furasda do dhuine àite-còmhnuidh fhaotainn na bha e mun àm so an uiridh. Ach tha e fhathast air uairibh doirbh gu leòr do dhaoine thig air an trein anmoich àite-cadail fhaotainn. Oidhche Di-màirt sa chaidh bfheudar do thriùir a thainig mar sin an oidhche chur seachad an oifis nam maor.

Bha an còrdadh eadar Canadas na Stàidean leis am bheil cead air a thoirt do na soithichean-iasgaich Geancach tighn do phuirt Chanada a cheannach biadhaidh lion us nithean eile air am bi iad acur feum, air ùrachadh air son na bliadhna so. Chan eil còrdadh seasmhach dhen t-seòrsa so eatorra idir; tha e air a dheanamh o bhliadhna gu bliadhna, agus faodaidh Canada diùltadh a dheanamh bliadhna sam bith.

Thachair droch sgiorradh ann an Dominion No. 2, faisg airGlace Bay,Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Spraidh da cheud punnd dynamite gun fhios ciod a dhaobharaich e. Bha an tigh anns an robh e air a churna spealgan, agus bha ceathar dhaoine a bha faisg air air an goirteachadh; chaill fear dhiubh te dhe shùilean, agus bhristeadh cas fir eile, ’s bha gach aon dhen cheathrar air am bruthadhs air an gearradh gu dona.

Rainig Morair Roberts Sasunn air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna, agus chuireadh fàilte air nach do chuireadh eadhon air Wellington nuair a thainig e dhachaidh an deigh blàr Waterloo. Bha Prionnsa Wales agus àireamh den teaghlach rioghail ga choinneachadh; chuir a bhanrigh fios air, agus rinn i Iarla dheth. Tha Morair Roberts na shaighdear cho treun agusna dhuine cho ionmhuinns nach measar urram is urrainn a dhùthaich a chur air tuilleadh us mor no math dha.

On thoisich an cogadh anns na h-Eileanan Philippeach, bha sgeula-bàis Aguinaldo, ceannard nan ceannairceach a tighinn gu math tric agus cha robh uair a thigeadh i nach robh sgeul eile a tighinn ag innse gu robh e beò. Tha sgeul a bhàis a nis air tighinn aon uair eile, agus tha barrachd de dhreach na firinn oirre na bha oirre riamh roimhe A reir na sgeula so tha faisg air da mhios on chaochail e, ach chaidh a chumail an cleth, air eagal gun cuireadh bàs an ceannaird na ceannaircich gu mi-mhisnich.

Ann am Manchester, an Sasunn, bha moran tinneis agus iomadh bas air am aobharachadh le leann puinnseanta. Chaochail coig duine fichead roimhn cheathramh latha dhen mhios so, agus bha àireamh mhor tinns cuid dhiubh sin air nach robh coltas gun rachadh iad am feothas. Tha na grùdaiream a bha deanamh an leanna ri bhi air an toirt gu cùirt air son a bhi cleachdadh a phuinnsean; bha iadga chur ann air son am blas a neartachadh, ach rinn e bharrachd us sin. ’S en aon dòigh is fhearr do dhaoinenuair a bhios iad adol a dhòl leann no stuth láidir eile, gun òl idir.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


Tha againn air an rathad atighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fheins ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhadsa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.



[214]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXVI.

IOMA-RUAGADH NAN CINN-FEADHNA AGUS AN LUCHD-LEANMHUINN.

AIR fìr thoiseach a mhàighe chaidh Mac-an-Leistear Bheinne-Sith, Greamach Dhùn-Treòin, agus Morair Ogilbhie air bòrd ann an saigheach beag ma inbheir Uisge Tatha, agus chum iad an cuan ri sròin gus an deach iad air tìr gu sàbhailt ann an Lochlainn. Mun gann a chuir iad an cas air cladach ghlac righ Lochlainn iad agus chuir e staigh iad mar phrìosanaich ann a seanna Chaisteal dubh Bhaile-na-Buirbhe. Tacan an deighe sinn fhuair iad fa-sgaoil, agus theich iad don Fhràing far an dfhuair iad dìdeann.

Fad fhichead latha an deighe blàr Chul-Fhodair cha deach duine de dhfheachd an Diùc an còir nan Garbh-Chrioch far an robh achuid mhòr do shluagh Thearlaich a chòmhnuidh, agus a bha nise air cruinneachadh ri chéilechum an ath ionnsaidh thoirt air an àrm-dhearg. Air an ochdamh latha den Mhàigh thug na cinn-feadhna coinneamh da chéile ann am Mùrlagan fagus do cheann Loch-Arcaig, agus Loch-Iall air an ceann, ged a bha e air a leònadh le puthar a bhlàir ma dheireadh, air dhoigh is nach burrainn da gluasad ach air muin eich. Bha na fir ann an deagh mhisneach le sùim mhòr airgeid a thainig thuc as an Fhràing mun àm sin gu cumail suas achogaidh; bhan t-suim so mu thuaithream 38,000 Pund-Sasunnach. Chaidh a shònrachadh gun càmpaicheadh na Cam-Shrònaich, Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, Fir na Ceapaich, Clann-Raonaill, Stiùbhartaich na h-Apunn, Clann-Ionmhuinn, agus Leòdaich Mhic- ’Ille-Chalum ann an Acha-na-caraidh, air an cùigeamh latha diag den Mhàigh. Chaidh a shònrachadh mar an cianda, gun cuirte fios gu Clann-Mhuirich, Clann-Chatain na h-Abhallaich agus na Frisealach, a bhi deas gu thighinn nan ceann. Mar sin thòisich an tògbhail as ùr; fhuair Loch-Iall trì chiad dheth na Cam-Shronaich cruinn a chlisge, agus Mac- ’Ic-Alasdair agus Colla Bhàrasdail tri-cheud eatorra nan dithis, dheth na Dòmhnullaich.

Mun àm sin dhfhag Iarla Loudon Inbheirneis le seachd ceud diag fear agus ghabh e sealbh air Lochabar. Chunnacas iad so a tighinn agus theab iad Loch-Iall a ghlacadh le dùil gum biad daoine Cholla Bharasdail, ach thainig teachdaire a dhinnse dha gur e suaithneas dearg a bha nam boineidean ann an àiten t-suaithneis bhain, dhaithnich Loch-Iall an sin co bhann agus mheasadh iomchaidh an t-òr Fràngach fhalach mun tuiteadh e leis na nàimhdean, agus dhfhalaich iad cuig mìle ginni dheth ann an àllt aig ceann Loch-Arcaig agus achuid eile fagus do cheann shios an locha chianda. Iar dhaibh an t-airgead a chuir ann an aite gleite theich Loch-Iall agus na h-uaislean eile air falbh ann am bàta, agus thug an tuath an dachaigh orra.

Cho luath sa chuir Morair Loudon an céill fath a thurais do Lochabar, se sin a thogail an cuid àrmachd, thainig na daoine gu léir agus liubhair siad iad dha le làn thoil. Fhuair Caim-beulaich Earra-Ghàel na bha do dhàirm ann an Gleanna-Comhann gun bhuilebhualadh. Cha robh an Diùc idir toilichte leis a so agus chuir e roimhe gun tugadh e air achuid daoine féin (na Sasunnaich) na h-àirm a thoirt bho na chuid eile dheth na Gàeil a bha le Tearlach ge be àitanns an robh an còmhnaidh. Air an treas latha fichead den Mhàigh dhfhag e Inbheirneis le réiseamaidean coise agus chàmpaich iad ann an Cille-Chumein, ann am fir mheadhon na dùthcha.

A Cille-Chumein chuir an Diùc pairti dheth an arm-dhearg air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt. Bha gniomharranan daoine sin cho brùideil, agus cho an-iochdmhor is nach eil iomradh againn air a shamhuil ann an eachdraidh cheud linntean an dòrchadais, no idir a measg Chriosdaidhean. Chaidh teine chuir ri aitreabh Loch Iall, Chluainidh, na Ceapaich, Ghlinne-Garaidh, Cheann-Loch-Mùideart, Ghlinne-Goill, Aird-Seile. Chaidh mar an ciadna aitribh na tuath a chreachadh salosgadh, agus an cuid spréidh as amhlainn a ghiùlan leis na saighdearan dearga gu càmp an Diùc an Cille-Chuimean. Bha na saighdearan a reubadh an aodaich dheth na chloinn, agus a toirt nam ban air éiginn! Chaidh àireamh lionmhor de dhaoine neo-chiontach, nach deach riabh air feachd sam bith, a thilgeadh, agus daoine liatha aosda chuir ro na mosgaidean mar chuspairean àbhachd. Chaidh iomadaidh a theich a chum nam beann mar dhìdeann a dhìth le fuachd as acras. Bu cho lòm a chaidh na Garbh-Chriochan air eirthire siar Inbheirneis fhàsachadh roin deicheamh latha do dhara mìos an t-sàmhraidh, is gum faoite siubhal fad iomadh mìle gun cheò taighe fhaicinns gun gheum , no goireal coileich a chluinntinn!

Chan robh an t-arm-dearg fathast toilichte leis na thog iad do chreachan air fearann nam fineachan a dhéirich le Tearlach, thòisich iad a nisair iomain rompa gach spréidh a bha tachairt nan co-dhail, air chor is gun robh na daoine dhfhan aig a bhaile achogaidh air an aon diol riu-san a thionnsgain an t-àr-a- mach; air an aobhar sin bhan àireamh spréighe a thog iad cho lionmhor is gun deach cunntais cheudan mhart as each a réic le feachd an Diùc ris na dròbhairean Sasunnach air son leth-chrun an ceann; chaidh an t-airgead so a rinn mar chreich a


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[215]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 7]

measg nan saighdearean. Bha chuid eile de ghnìomharadh nan daoine an-diadhaidh, neo-dhaontachail so, cho gràineil ri aithris, agus cho déistinneach ri leughadh, is na chràdh cridhe ri chluinntinn, air chor is gur iomchaidh dhomh an Caibidil acho-dhùnadh.

Bha Tearlaich mun àm sin ann an Beinne-Mhaol an Uidhist a chinnedeas, an deigh dha féin as don sgioba an oidhche chuir seachad gu dosgainneach a caitheamh na fàirge ri garbh shéideadh ann am bata fosgailte. Anns an eilean so be bàtheach fosgailt bu lùchairt dha, bu leabaidh stàta dha connlach shalach, bu lion-anard dha lùireach de sheana chainb, bu bhiadh dha min choirc as feòil. Dhfhàn iad ri port anns an eilean so cheithir latha diag, a thaobh doirbhead na sìde, ach air Di-màirt an naoidheamh latha fichead den Ghiblin ghabh iad orra uidhe chuain fhiadhaich, a leigeadh fa sròin, agus chum iad oirre mar dhfhaod iad gu eirthire Leòghais oir bha ruin orra dhol do Steòrnabhaidh far an robh dùil aig Dòmhnuill Mac-Leòid saigheach fharadh a chum am Prionnsaiseag don Fhràing. Cha robh iad ach tacan air fairge gusna shéid a ghaoth gu treun, agus dhéirich an linne na caoraibh gheala air chor is nach burrainn iad giùlan na bfhaidair fuaradh, air an aobhar sin leig iad ruith leatha dhionnsaidh an Eilein ghlais, a ta na laidhe ma dha fhichead mìle tuath air Beinne-Mhaol agus man imisg chiadna deas air Steòrnabhaidh. Chaidh iad air tìr anns an eilean so ma bhristeadh na camhanaich, agus a thaobh gum buineadh am fearrann do Mhac-Leòid na h-Earadh, a bhan aghaidh aPhrionnsa, mheas iad iomchuidh iad féin a chléth; uime sin thug iad a chreidsinn air muinntir an eilein gum bu cheannaichean Arcach a bha annta air an deach an long a bhristeadh na sgealban air an ’ -Irtich, droch sgeir a ta na laidhe sa chuan air taobh siar Ile. Cha do chuir muinntir an Eilein ghlais am briathran an teagamh, agus a chum na cùisedheanamh na bu ro choltaiche ris an fhirinn, chaidh iad fo ainmeanan meallta. Bann do Chlann na Ceairde bham Prionnsagus OSuilibhan, (a be nam bfhior am mac agus an tathair), agus bhan sgioba gu léir air an gairm do réir ainmeanan tuathach eile. Fhad sa dhfhuirich iad san Eilean-Ghlas, bann an taigh Dhòmhnuill Chaimbeil am fear aig an robh an t-eilean air mhàl a chuir iad suas; nochd fear an taighe, (ged bu Chaimbeulach e,) mòr chaoimhneas dhaibh, agua thug e a bhàta féin do Dhòmhnull Mac-Deòid a chum a dhol do Steòrnabhaidh air ti an t-saigheich a bha mhiann orrfhaotainn. Dhfhalbh Dòmhnull do Leòghas air an athairne-mhàireach, agus dhfhan am Prionnsann an taigh a Chaimbeulaich gus an tigeadh e air ais.

Air an treas latha den Mhàigh thainig fios bho Dhòmhnull Mac-Leòid gun dhfhuair e saigheach, ag iarraidh air aPhrionns a dhol air aghaidh gun dàil; air an aobhar sin chuir Dòmhnull Caimbeul bàt eile na h-uidheam, agus fo lan sgioba; air an ath latha dhfhalbh iad leis aPhrionns thar chuan gu Steòrnabhaidh. Ach mun dràinig iad an calla sin thiondaidh a ghaoth nan aghaidh, agus béiginn daibh ruith a steach do Loch-Sith-phort a ta ma thuaiream fichead mìle bho Steornabhaidh, choisich iad as a sin tarsuinn a mhointeach a bha glè bhog aig an àm, agus air a chùigeamh latha den mhìos stad iad aig rinn Rugha-àr-innis ma uigh mìle don bhàile. As a sin chuir iad gilie dhionnsaidh Dhòmhnaill Mhic-Leòid ag iarraidh air biadh a chuir thuca; air ball thainig Dòmhnull don ionnsaidh le biadh as drama, agus theòraich iad gu taigh Baintighearna Chill-Duinn far an deach am Prionns a laidhe.


Iadsan a Phaigh.

Ruairi Mac Neill, Glace Bay.
Donnacha Mac-Gill-fhinnein, Nyanza.
Aonghas Mac Ascuill, Sidni.
Calum Mac-a- Phearsain, Sidni.
An Siorram Buchanan, Sidni.
Mairi Mhathanach, Sidni.
An t-Urr. Uilleam Calder, Sidni.
An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria
Iain A. Mac Gille-mhaoil, Grand Mira.
Iseabal Nic Gilleain, Narrows Mhora.
Ruairi Moireastan, Rudha nan Rothach,
Ruairi Mac Phaic, Rudha nan Rothach,
Mairi Cheanadach, Alban Iar.
An t-Urr. A. M. OHandley Amhuinn Bhourgeois.
Domhull Moireastan, Ceap Nor.
Domhull Mac Cuthais, Bridgeport .
Gilleasbuig Gillios, Bridgeport .
Fearchar Mac Gill-fhinnein, Victoria Line
Padruig Mac Neill, Cobh a Phiobaire.
Niall V. Mac Neill, Seana Bhridgeport,
Dughall S. Caimbeal, Seana Bhridgeport,
Iain F. Domhnullach, Seana Bhridgeport,
Iain Morreaastan, an Gut a Deas.
Alasdair Mac Neacail, Port Morien.
Ailean D. MacEachainn, am Bagh an Ear
Aonghas Gillios, Orangedale .
Iain I Mac Neill, Reserve Mines,
Iain A. Mac Isaic, Sydney Mines,
Padruig MacGille-Mhaoil, Gleann Ainslie
D. I. Mac Eachainn, Port Hastings.
Anna S. Nic Fhioghnain, Port Hastings.
Eachunn Mac Neill, South Bar.
Seonaid Ros, Cul Bagh Bhaddeck.
Donnacha Mac Aidh, Cul Bagh Bhaddeck.
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove
Iain I. Mac Fhraing, Broad Cove Bank,
Iain E. Mac Leoid, Ingonish .
R. S, Mac Leoid, Baile nan Gall.
Alasdair Domhnullach, Amhuinn Bhradain.
Calum Mac Fhearghais, St . Esperit.
Domhull Mac Pharlain, Cox Heath.
Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck.
Aonghas Mac Gilleain, Catalone .
Eoghan A. Mac Eachainn, am Bagh an Ear.
Iain A. Mac Fhionghain, Shunacadie .
Domhull I. Mac Leoid, Amhuinn Dhennis
Iain Mac Ille-mhaoil, Horne ’s Road.
C. F. Mac Ascuill, Loch Lomond.
A. I. Caimbeul, Sydney Mines.
Tormad D. Mac Neill, Benacadie .
Caipt Donnacha MacLeoid, Baile nan Gall
Seumas R. Gillios, Deepsdale .
Steaphain Mac Neill, Cobh a Bheabheir.
Iain MacGill-fhinnein, Amhuinn Dhennis
Domhull MacGill-fhinnein, Port Hood.
Aonghas D. Mac Fhraing, Glengarry .
Domhull F- Beuton, Mabou .
Iain Domhnullach, Framboise .
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit.
Louis Domhnullach, Sea Side.
Iain A. Domhnullach, Glenville .
Padruig Mac Fhionghain, New Canada.
Aonghas Mac Leoid, Port Morien.
Alasdair Caimbeal, Brook Village.
D. C. Domhnullach, Birch Grove.
Alasdair Mac Neacail, Birch Grove.
Lachuinn Mac Gilleain, Lexington .
Alasdair Mac-an-t- Saoir, Catalone .
Domhull Moireastan, Ceap Nor.
Gilleasbuig Beuton, Boularderie .
Martuinn Martuinn, Martindale , E. P. I.
Domhull Mac Calamain, Kinross , E. P. I.
Cailean I. Mac Phail, Argyle Shore, E. P. I.
Alasdair Domhnullach, Double Hill, E. P. I.
An t-Urr. Calum Caimbeal, Strathalba.
Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifax , N. S.
Alasdair I. Mann, Halifax , N. S.
Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton .
Bean Iain Mherlin, Springhill , N. S.
Iseabal Dhomhnullach, Thorburn , N. S.
Domhull Boyd, Fraser ’s Mills, N. S.
Iain I. Sutharlan, Kerrowgare , N. S.
D. I. Caimbeal. Toronto , Ont.
A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa , Ont.
Bean Aonghas Mhic-a Bhiocair, Teeswater
Domhull I. Friseal, Vankleek Hill, Ont.
Iain Mac Calum, Heather , Ont.
Cairistine Nic Aidh, Ripley , Ont.
Domhull Mac Aidh, Ripley , Ont.


POSAIDHEAN.

Ann am Boston, air an 13mh latha de Nobhember, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., A. Albert Jones á Boston, agus Cairistiona Nic Fhearghais, á Nobha Scotia.

Ann am Boston, air an 21mh latha de Nobhember, leis an Urramach cheudna, Richard M. Young, agus Mairi J. Nic Mhuirich, an dithis á Nobha Scotia.

Ann am Boston, air an 28mh latha de Nobhember, leis an Urr. cheudna, Seoras C. Lawrence, á Margaree, C. B., agus Anna M. Skinner, á Port Hastings, C. B.

Ann an Boston, air an 19mh latha de Desember, leis an Urr. cheudna, Padruig C. Foley agus Ealasaid Dyment, an dith-á Eilean a Phrionnsa.

Ann am Boston, air an 29mh latha de Desember, leis an Urr. cheudna, Spencer D. Beecher, á Chelsea, Mass., agus Seornaid M. Brien, á New York.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[216]

[Vol . 9. No. 27-28. p. 8]

Bruadar an t-Saighdeir.

(The Soldiers Dream) .

EADAR-THEANGAICHTE ON BHEURLA.

Sheinn dùdaich an fhois-ghairm aig drochadh nan tràth,
S an speur le a freiceadain reul mar is gnàth;
Le sgios, laidh na miltean a siosan droch chàs,
An claoidhte gu cadals an leòinte gu bàs.

Am shuain air mo sheideig air leitir glé gharbh,
Taobhn teinebha gleidheadh na feitheid on mharbh;
Bho mheadhon na h-oidhche, gu soillseachadh .
Tri uairean gun dbhruadair mi bruadar an àidh.

Ar leam gun do thàr mi troimh fhàsaichean balbh,
Glé fhada bhon àraichs gach blàr-uidheam gharbh;
Fo speuran a bàilles gun mhàirneal amcheum,
Gu dachaidh mo chàirdean thug failtdhomh am fheum.

Ruith misagus leum mi gu réidhlean nan blàth,
S an tric bha mi éibhinnan ceitein mo la;
Mo ghabhair ameigeadaichfreagairt a chéil’,
Is beol dhomh am buanaichs an duan bha na beul.

Is gheall mi do mchàirdeans sinn àbhach mun fhion
Mo dhachaidh nach fhàgainn air àilgheas an righ;
Mo bhean is mo phàisdean gam thàladh a strì,
Ghuil isagus ghàir i an lànachd a crìdh’.

Fuirich! O, fuirich! Fan le dmhuirichinn ghràidh,
S bhan t-ànrach glé ullamh gu fuireach is tàmh;
Ach thill rium mo thruaighe, le luath-theachd an ,
S an tlàth-ghutham bhruadar, theich nam mar an sgàth. LUSSA.


Oran an Uisge-bheatha.

LE RAONALL MAC IAIN MHIC EOGHAIN.

N àm éirigh anns a mhaduinn dhomh
S mi dol am mach gu msheirbheis,
Gun dthachair òigfhear gasda rium,
S bu charthannach a sheanachas.
Nuair thaitinn fhearas-chuideachd rium
Gu suigeartach leis dhfhalbh mi:
Thug e-san bharr an rathad mi,
S dhfhàg sin an gnothach ainmeil.

Ged dhfhalbh mi air an turus ud,
Air murras bha mismaointinn
Gum bu mhath an tearnadh dhomh
Nan tàrainn a bhith saor uaith’.
Thachair cuid dechàirdean ris
Dham bàbhaist a bhithn gaol air,
S cho fadsa mhaireadh fàirdein dhaibh
Bhiodh pàirt deth air a thaobh-san.

Nuair bha mi greis nachomunn
Bha min sin a togairt falbh as,
Ach fhuair mi e cho caoimhneil
S gun do dhfhoighneachd mi bainm dha;
Thuirt esan, dean air tathais
Is glaodh fhathast air an t-searbhant’—
Thigs lion an soitheach sòlasach,
Am fear than stòp mar ainm air.

Ghnog mi màs a ghurraich,
S chuir mi cuireadh air an t-searbhant’;
Smaoinich mi on dhfhuirich mi
Gum faighinn bun a sheanachais.
Dhfhaighneachd mi coshloinneadh dha,
Ged cheileadh e de bainm dha,
Is thuirt e rium gu faoilteach,
Cha bhith aon diu ort an dearmad.

Ma tha thug iarraidh eòlais orm,
S gu bheil thu feorach mainme,
Gum faigh thu fios mo shloinnidh
Le bhith ùine bheag na msheanachas.
S mi mac na poite duibhe,
Bhios na suidham bun a ghealbhain;
S en t-eòrna buidhas athair dhomh,
S in atharnach mo sheanamhair.

Mas es gur tusan urra sin
Is curaidh fearail calmthu.
Chan fhaca mi fear eallaich
Bheireadh barrachd ort an Albainn.
Gu dearbh bu deagh fhear-gnothuich thu,
S bu chomharraichtair falbh thu;
Bu dannsair math le fidhil thu,
S nad shuidhe bu tun seanachaidh.

Bu mhath air cheann gach feumthu,
Bha thu treubhach gun bhith cearbach;
Bu tric thu air na féilteachan,
Bhiodh spéis dhiot aig luchd-bargain;
Cha bhiodh àit an suidheadh iad,
Nach guidheadh iad fear tainmann;
S tu bfhianuis air an cùmhnantan,
S bhiodh trian den chuis na tearbsa.

Bu leoghann treubhach, sgairteil thu,
Cha robh thu lag no leanabail;
S mur biodh iad ga do bhaisteadh,
Gum biodh cuid dhe dbheairtean ainmeil.
Dhùisgeadh tu na cadaltaich
S gun lagadh tum fear amasguidh;
Is dheanadh tum fear lapach
Chur an staid an fhir bu mheanmnaich’.

nis is àite fuirich dhuit,
No bheil do bhunait dearbhte?
Nom bi thu aig daoinuaisle,
Mar a bha thu uair dhe taimsir?
Is minig a bha fuaim acort
Gad chur an cuachan airgid;
Bhiodh uisge teth is fuar aca
Ri truailleadh do mhac-meanmna.

Chan fhuiling iad an dràsda mi,
Tha àilgheas agus anbharr
Gan lionadh leis an stàtalachd;
Tha mfhaileadh-sa ro shearbh leo.
Cha leig iad ball nan làthair dìom
Bhon tha mifas an Albainn;
S fearr fion is rumas branndaidh leo,
Tha tighnn a nall thar fairge.

Gur gnothach tha ro chruadalach
Ma chumar bhuainn do chòmhradh;
Gun déid a chuis bho eireachdas
Ma cheilear air an stòp thu.
Do ghlasadh ann an seileirean
Gun choire tha e neònach,
S gur h-iomadh fear a theireadh
Nach bu bheag air thu nasheomar.

Rugadh Raonall DòmhnallachRaonall Mac Iain Mhic Eoghainan sgìre Mhinginissan Eilein Sgitheanach. Bha e nadhuine geur deas-chainnteach, agus na dheagh bhàrd.


Tha moran de na saighdearan a dhfhalbh anns acheud reiseimeid Chanadach do Africa gle dhiombach de Coirneil Otter a bhana cheannard orra. Tha iad afàgail air gu robh e tuilleadh us cruaidh orra, a cur uallaichean troma us obair man coinneamh anns nach robh feum sam bith, agus mar an ceudna nach robh e toirt ceartais dhaibh ann an dòigh sam bith coltach ris mar bha air a thoirt do na saighdearan ann an reiseamaidean eile. Is bochd an gnothuch ma tha so fior, agus chan eil teagamh nach eil ann an tomhas mor, oir than seanachas atighnn troimh dhaoine creideasach, agus ann am paipearan do nach cleachdadh a bhi cur bhreug air iseal no uasal. Tha e gle choltach gun chuinnear tuilleadh mun chùis so an ùine ghoirid.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


GIBHTEAN NOLLAIG.
Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets , Lockets, Dressing Cases,Bataichean le cinn oir.
ANNS AN STOR AIG—K . BEZANSON.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE, 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


[TD 217- 224]

[No . 29. a dhìth]

titleIssue 27-28
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 27-28. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page