[17]

[Vol . 9. No. 3. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 20, 1900. No. 3.


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. I.

STAID NAN GAEL AGUS NA GAELDACHD ROIBHLIADHNA THEARLAICH.

Mun cheart àm anns an tainig am Prionnsa do dhAlbainn bha na Gàeil gu ìre bhig nan gnàths mar na priomh aithrichean, gach fine nan treubhan air leth; agus gach ceann-cinidh mar rìgh a raighladh thar a luchd-leanmhuinn féin. Bha iad abeathachadh, mar bu tric, air sealg, agus fiadhach nam beann, tacar na fairge, bliochd, agus buannachd eile na spréidhe maille ri beagan arain, oir cha robh am buntàta mun àm sin air sgaoileadh nam measg. Bha iad acur seachad a chuid bu mhò dheth an ùinri fearra-ghniomhan fearail agus abhachdail, a togail chreach agus aleantainn na tòire, agus ri caonnagan fuilteach eile. Air an aobhar sin bha iad air am fòghlum eadar shean agus òg ann an arm-chleas a chlaidheimh agus na sgéithe, ullamh gu dhol sios don teugbhail, agus an ursannan-catha a leantainn cho luathsa chluinneadh iad fuaim na cathghairm, no chitheadh iad an crann-tàra. Mheal iad mar sin an sean nòs dùchasach bho chiad linntean euchdach an sinnsir gu latha Chuil-Fhodair, ach on uair sin faodair a ràdhgum beilna Gàeils an cinn fo fhliodh!”

Cha robh na Gàeil ma Bhliadhna Thearlaich cho mi-thùrailsa bha luchd-àitichidh na machrach, (no mar their sinn na Goill,) a cur as an leth: bha iadsan an dùil nach robh annta ach daoine sìmplidh neo gheur-chùiseach, laidir, ain-eolach, gun aon ghnàths math. Air an làimh eile bha na Gàeil ag amharc le -meas nach bu lugha air na machraich. Creutairean dìblidh gun mhisneach, gun fhulang fuachda no teas, acras no padhadh, neo-chomasach air an cuid a thoirt a cruadal air muir, no air tìr. Bha gach seòrsa ceairde, mar an ceudna, air am meas suarach leis na Gàeil, air sgàth nan Gall on deach an ealdhain ionnsachadh; ach bha iad so do gnà ann am miadh, mar thuirt a mhaighdean, “Cha ben ceard a dheanadh an spàin mo roghainn de dhfhearaibh, ach an saor a chumadh agus a dhfhuaigheadh am bàt, an clachair a thogadh an tùr agus an gobha a liobhadh an claidheamh.” Uime sin cha robh tailear, greusaich, no breabadair ach aineamh ra faotainn ann am neasg nan Gàel ach cioramaich agus daoine bacach: agus chan fhaoidte duine dhe an luchd-cèirde sin a luaidh am measg mhaithean no uaislean, gun a chùis achuir an cead na bhiodh san làthair” —ann am briathran mar so:— “Tailear ler cead, —Breabadair le cead na ciudeachd.” Bha cuirm uair aig Ailean Mac Ruairidh anns a Chaisteal-Thioram, agus chan fhaodadh fear-ceairde dol air aon chor, air sgàth a chomuinn, dlù don chlàr; a thaobh gum bu tàire le treun mhìlidh nan cath a h-aon den bhuidhean fheumail, ach dhìblidh so, suidhe ra ghualainn; air an aobhar sin chaidh bòrd iosal a dheanabh dhaibh féin aig iomal na cuideachd. Tha earrann den duan a bhaig gille-bùird Ailein Mhic Ruairidh, an àm dha bhi gan cur nan suidhe, fathast air chuimhnair feadh nan Garbh-chrioch; a toiseachadh mar so:— “Dean suidheThailear, dean suidheThuairnear, suidheadh gach fear mar as deise, agus suidh thusa a Chèaird an dàimh an Leisdear.”

Bha na Gàel anns gach linn nan gaisgeich chruadalach, bhuan-leantalach, neo-ghealtach, ri uchd gàbhaidh; agus is iomadaidh cumasg fhuileachdach anns an tug iad buaidh, an uair a bhiodh triùir nàimhdean ma choinneamh gach aoin diù. mi ann so na blàir ma dheireadh, anns na dhearbh iad an diùghlanas agus an gaisge roi Bhliadhna Thearlaich, a chur sios mas téid mi nis faidair maghaidh le Eachdraidh a mhòrachd, a thaobh gur ann fo bhratach a riomhaithrichean a chog iad cho rioghail, cho duchasach, agus cho dìleas. Ann sa bhliadhna 1645 chuir iad latha Chill-Saoidh an aghaidh Righ Shasuinn, ann an aobhar Sheumais an III. Rìgh Alba. Agus mu thuaiream leth-chiad bliadhnan deigh sin dhéirich iad leCleubhars uaibreach nan each,” no mar their cuid eileTighearna Bhaile-nan-Seamrag,” ann an aobhar a mhic don goireadh iad fein am Prionnsog. *

Annsa bliadhna 1715 bha na Gàeil cho ullamh sa bàbhaist daibh gu eiridh suas a chum a choir a chumail ri Rìgh Seumas an aghaidh Rìgh Shasuinn. Air a bhliadhna sin sheas Iarla Bharr air an ceann; agus ghluais e gu deas ann an coinneamh nan nàimhdean, le teachd naoi mìle fear.

Air di-haoine, an dara latha deug den gheamhradh, chuala Iain Ruadh nan cath† a bha na cheann air an arm-dhearg, gun robh Iarla-Bharr atighinn na chodhail le feachd lionmhor a chum e-féin agus dhaoine a sgrios, a bha mun àm nan laidhe ann am Peairt. Uime sin ghluais en coinneamh nan Gàel, agus air di-sathurn thainig an armailt ann am fradharc a chéile, ma thuiteam na h-oidhche bha iad nan dithis air Sliabh an-t- Siorraimh; ma thuaiream mìle an ear-thuath air Dun-Blaithean ann an Siorramachd Pheairt. Laidh an armailt air an t-sliabh na h-òidhche ach cha be cadal a rinn cuid dheth na Gàeil. Thoisich iad air geurachadh an cuid claidhmhean, agus tha claisean a chaith iad ann an trì clachan mòra air an t-sliabh ri fhaicinn gus an lathan diugh.

Thòisich an cath air madainn -dòmhnaich, agus chuir Iain Ruadh a mharc-shluadh a mach air boglach a reodh re na h-òidhche, ach sheas na Gàeil rompa chum an cumail air an ais, agus cha mhòr nach do leir-sgrios iad gu làr cuideachd na laimhe clìthe den arm-dhearg, ag iomain na bha beò dhiù a mach air Abhainn Athlain; a ta ma thuaiream mhìle bhon t-Sliabh. An sin bhrùchd na Gàeil gu leir le leathad, a los còmhrag mar bu nòs dan sinnsir, le sgiath as claidheamh, mar rinn iad gu buadhar latha Chill-Saoidh as Chille-Chragaidh.

Thuirt seann duine bha coimhead a bhlàir gun do sguab na Gàeil làmh dheas an airm-dheirg rompa, mar dhiomaineas onfadh nan tonn clachan mina mhoil na lùib! Mharbhadh Mac-Ic-Ailein, no Tighearna Chloinn Raonaill, le peileir gunna chaoil, “ann an toiseach an latha dol sios.” Bhan t-uasal treun sin air ceann Chlann-Dòmhnuill, agus shaoil na naimhdean, nan cuireadh iad e-san ri talamh gun rachadh a shluadh gu gealtachd, ach cha bann mar sin a chaidh do shiol Chuinn; “Chaidh iad an dàil nan eascairdean mar thairbh gun sgàth.” Thòisich cuid dhiu ri tuireadh os ceann Mhic- ’Ic-Ailein; ach air do Thighearn òg Ghlinne-Garaidh an aire thoirt dhaibh ri cumha, labhair e riu mar so:— “Togaibh dheth Fhearabh; ‘Is olc an slacan na deuraibh:’ an latha màireach air son tuireadh, ach an diugh air son tòrachd!” Air cluinntinn sin do ga gaisgeich leum iad sios don mhire-chath adeanamh léir-sgrios uabhasach air laimh chlì an airm dheirg; agus cho liugha dheth na Sasunnaichsa sheachainn faobhar achlaidheimh theich iad air falbh lem beatha do Shruidhleadh.

Chan fhurasd innseadh le dearbhachd cheart co choisinn latha Sliabh an t-Siorraimh, thagair gach taobh còir na buaidh-làraich, agus thog gach taobh iolach na buaidh-chaithream. Co-dhiù, chum Iain Ruadh uan Cath a làrach féin, maille ris a bheagan Chaimbeulach a bha còmhla ris, agus ghabh e séilbh air gunnaidhean mòra agus treathlaich eile dhfhàg cuid de na Gàeil a theich, as an déigh air an t-Sliabh. Thaisbean Iain Ruadh mòran daontachd, gaisg’, agus fearlais air an latha so. Ged a thuit iomadh dheth fhìr naimdean -ruineach fo mheachainn cha do dhiol e olc air son uilc do dhaon dhiù. Tha buaidh nan gaisgeach do ghnà tròcaireach, gun uaill, am feadh a tha buaidh nan gealtairean uaibhreach agus gun iochd. Ghlac Iain Ruadh nan Cath, ma dheireadh an latha, trì buillean claidheimh air a thargaid a bha h-aon de a chuid trùpairean Sasunnach féin a cuimseachadh le rùin bàis ri Gàel tapaidh a thuit, ach gidheadh, leis nach bu diù géilleadh, no tròcair aslachadh air a nàmhaid!

Ma mheadhon mìos deireannach a gheamhraidh, an ath bhliadhna, thainig Rìgh Seumas féin air tìr ann an Ceanna-Phàduig an Siorramachd Obaireadhain agus ràinig e far an robh Iarla-Bharr ann am baile Pheairt.

Thug na Gàeil mun àm sin ionnsuidh air a chrùnadh ann an seana lùchairt Sgoinne an ionad rioghail anns am bàbhaist rìghrean Albainn a chrunadh bho shean. Am feadh a bha iad adeanamh gach ullachadh a chum na crìche sin, thainig Iain Ruadh nan Cath le feachd Righ Shasuìnn gle dhlù dhaibh agus beiginn daibh teicheadh. Bha Uìsge-Thatha mun àm sin air reodhadh, mar bhan sealbh an dàn do na Gàeil agus fhuair iad a null thar an deigh,agus theich iadnan tri buidhnean gu long-phortaibh eugsamhail shiorramachd Obaireadhain.

Bu cho luath a choisich na Gàeil air an ruaig so, is nach dfhuair na naimhdean a bhair an tòir aon sealladh dhiu gus an drainig iad Munrois, far an do ghabh Iarla-Bharr, agus am Prionnsòg long anns an do sheòl iad tharais: ach chaidh gach



[18]

[Vol . 9. No. 3. p. 2]

duinuasal Machrach, no Gallda, a bhair am feachd, a cheapadh agus cuid dhiu a chuir gu bàs, ach thàr na h-uaislean Gàelach agus an luchd-leanmhuinn as a chum nam beann gun challdachd sam bith fhulang.

Bhon àm sin a nios gu bliadhna Thearlaich, “cha do chaidil an t uabhasa dhùisg na Gàeil ann am broilleach Rìgh Deòrsa; uime sin dhfheuch pàrlamaid Shasuinn rifaobhar nan Gàel tapaidh a mhaoladh,” agus an cumail fo mhùiseag gu tur, agus a chum sin a dheanamh, thog iad trì daighnichean (no Gearasdanan) ann an Siorramachd Inbheirneis, aon ann an Cille-Chuimean aig ceanna deas Loch-neis, agus aon eilann an Lochabar fagus do sheana Chaisteal dubh Inbheir-Lòchaidh. Shuidhich a Pharlamaid, mar an ceudnAchd na Gàeil a dhì-armadh; an claidmhean, an gunnaidhean, agus am biodagan, a bhi air an liubhairt, no air an toirt suas, air latha àraidh, do cheannard an daighneich bu dluithe dhaibh!! Thug na Fineachan Gàelach gu léir dùbhlan don Achd sin ach iad so a mhàin, —Dùimhnich Earra-Ghàel, Rothaich Rois, na Cataich, agus Clann-Aoidh Shrath-Nàbhair. Mun àm sin sgrìobh na h-urraid dheth na Fineachan Gàelach eile litrichean brosnachaidh a dhionnsaidh Righ Seumas a ghabh dian mar fhògarach anns an Eadailt, e thighinn gun chàird thar chuan le feachd laidir a chum achuing Shasunnach a thogail bharr am muinneil, agus a chòir rioghàil, dhligheach, a chosnadh dha féin.

Tha mise fo mhulads fo bhròn,
S achaoidh ri mbheò bidh mise mar sin!
Cuaille math bat ann am dhòrn
S nach fear gun tròir no gliogair mi:
On chaidh an Righ uaìnn air sàil
Cha bhi sinn slàn mar tig e sinn,
Oir bithidh ar cuid ga n-ar dith,
S ar cinn ma chitir biodag oirn’ !”

Bann mar so a bha rùn a chuid bu mhò do na Gàeil mun cheart àm a thàinig am Prionnsair tìr ann am Mùirdeart (sabliadhna 1745.) Bha iad, co-dhiù, bho linn gu linn, dìleas don teaglaich dhligheich Albannaich, agus chunnaic iad mar fhiachan orra féin mar dhùchasaich, gach fàilean den mheacan rìoghail sin a leanmhuinn tre gach cunnart agus géibhinn, a chum an còir a sheasamh agus an dion bhon nàimhdean.

Mun àm sin be barail nan Galla-bhodach Machrach nach robh anns na Gàeil ach daoine borba, a bha caitheamh am beatha mar chinnich fhiata, cheud linntean an dorchadais, gun creideamh, gun cheartas, gun nàire, gun athadh, leis bu cho mathcromadh ann an cuid an coimheirsneich rin cuid féin.” Cha burrainn iad, co-dhiù, smaointinn ba mhearachdaiche no iad sud altrum. Cha robh sluagh mun àm air thalamh cho fiùghantach agus cho macanta ris na Gàeil: agus chan fhaighte saighdearan na bu mhisneachaile na iad anns an Roinn-Eorpa, no theagamh an àite sam bith air domhainn. Bha iad math air sloinneadh, agus èolach air seanachas an dùthcha, agus euchdan an aithrichean, ni a bha séideadh suas an aignidhean a los gach fearra-ghnoimh treun a chuir an gniomh, chum agus gum fàgadh iad iomlan nan deigh, a chliù allail sin, a choisinn an sinnsir mar dhìleab bhuan dan sliochd.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. III.

AM FAINECHAIDH A GHOID.

Dhfheuch Màiri oirre an gùn, achs gann a fhuair i a chuir di agus a phascadh seachad gu cùramach, ’n uair thainig aBhan Iarlòg, air dhroch neul, aìr chrith agus an anailn a h-uchd, a stigh don rùm. “ ’An ainm , a Mhairi,” ghlaodh i, “ciod erinn thu?” Chaneil sgial air fàine daoimein mo mhathair! Cha deachaidh neach a stigh don rùm ach thusa. O! thoir domh gu h-ealamh e ann a so, air neo bithidh ena ghnothuch truagh. Thoir seachad gu h-ealamh e, agus cha chluinnear dad tuilleadh ma dhéighinn.”

Leis an eagal a ghabh Mairi, dhfhas neul a bhàis oirre. “Mo Dhia,” thubhairt, iseciod as ciall da so! Chaneil am fàine agam-sa; cha drinn mi uidhir agus fhaicinn anns arùm. Cha do ghluais mi far an spot air an robh mi na msheasamh.” “ ’Mhairi,” arsaBhan-Iarla rithisd, “tha mig achanaich ort, as leth an luach tha thu cuir air do chliù agus staid fhein, thu thoirt domh an fhàine. Chan fhios duit ciod e fiach nan clachan luachmhoir a thann. Chosg am faine mìle crun. Gun teagamh, cha dthugadh tu leat e nam biodh fios agad air a sin. Bha thu smaointeachadh nach robh ann ach ni gun fhiù. Thoir domh e, agus théid a chuis a leigeil seachad mar ghniomh amaideach a rinn an oige.”

Thoisich Mairi ri gal. “Le fìrinn,” thuirt i, “chan fhiosrach mi dad mun fhàine. Cha burrainn mi riamh sian le duineile a shanntachadh, gun tighinn air a ghoid. Theagaisg mathair mi tuilleadh is math gu sian a thoirt bho neach sam bith.

Aig an am so, thaing a h-athair a stigh don rùm. Bha eg obair anns agharadh, agus mhothaich e don Bhan-Iarladol a stigh ann a leithid de chabhaig. ’Nuair a chual e man chùis, ghlaodh e a mach, “A Dhiathanns na Flaitheas ciod es ciall da so?” Leis cho troms a thainig achùis air, bfheudar dha a thaic a leigeil ris abhord a bhanns arùm, agus as deigh sin, suidhe sios air fùrm.

Mo leanabh,” thubhairt e, “Tha èna choire cho mòr an leithid so a dhfhàine a ghoid agus gure am bàs as peanas da. Achs e sin achuid as lugha dheth. Cuimhnich air fàinte Dhe: ‘Na dean goid.’ Tha againn ri cunntas a thoirt seachad, ann an leithid sin do ghniomh, chanann amhain do dhaoine, ach cuideachd do Thighearna as cumhachdaichedo Riaghladair na h-uile , a tha faicinn gu soilleir cridheachan gach aon, agus nach gabh cuir seachad le leth-sgeulan no briagan sam bith. Ma leig thu air diochuimhnDia agus fhàinte bheannaichte, no mo chomhairlean-sa dhut an am abhuairidh; ma leig thu le do shùilean a bhith air an dalladh le dears òirus clachan luachmhoir, agus leat fhein tuiteam anns a pheacadh sin, na dean breugan ma dheighinn, aidich do chionta, agus till air ais am fàine. ’S e sin an aon doigh as fhearr an urrainn duit a chuis a leasachadh a mis.”

Thoisich Mairi air caoineadhs air osnaich. “O, athair, gu firinneach, gu firinneach, chan fhaca mis am fàine. Na faighinn-sa fàine, eadhon air an rathad, cha bhitheadh fois aig minntinn gus an tillinn e a dhionnsuidh an fhir leis am bu leis e. Gu firinneach, chaneil e agam.”

Labhair a h-athair a rithisd mar a leanas: “Seall fhein an créutair beannaichte so, aBhan-IarlAmelia, a thainig, tré a gaoil duit, gus do theasragain bho chrògan a cheartais; ise a bha cho math dhut agus a thug dhuit, ’s a mhionaid so, a leithid do thabhartas, cha bu choir gun ìnnseadh tu breug dhi. Ma tha am fàine agad, na ceil e; agus teasraigidh aBhan-Isral, urramach so thu, leh-eadar ghuidhe, bhon pheanas a choisinn thu. NisaMhairi, bi treidhireach, agus na dean breug.”

Athair!” fhreagair Mairi, “tha fios agaibh fhein nach do ghoid mise riamh, ann an cùrsa mo bheatha, fiach aon fhàirdein. Cha dthug mi riamh fiù aon ubhal far craoibh coimhearsnaich, no lan-an-duirn do dhfhiar a pairce duineile, gun tighinn air gnothuch cho fiachail so! ’Athair, creidimh mi, cha dinnis mi breug dhuibh riamh fhathasd!”

Thubhairt a h-athair, aon uair eile, “Seall, a Mhairi, air mo chiabhagan glasa! Na dthoir a nuas iad le bochdainn thun na h-uaighe! ’An ainm , a dhionnsaidh am beil duil agam a dhol an uine ghearr, agus nach fuilig breugadairn arioghachd innis am beil am fàine agad? Tha mig achanaich ort, as leth do dhuil ri saorsainn, an fhìrinn innse.”

Thog Mairi a suilean déurach suas ri neamh, chuir i a lamhan an glacaibh a chéile, agus fhreagair i, “Tha fios aig Dia nach eil am fàine agam-sa. Cho cinnteachs a tha mo dhùil ri bhi sàbhailte, a cheart cho cinnteach sin chaneil e agam.”

“ ’Nise,” arsa h-athair, “tha mise, cuideachd, a creidsinn nach eil e agad. Chaninnseadh tu breug ann alathair Dhe, ann an so air bheul thaobh na Ban-Iarlurramaich agus tathair aosda Agus bhon a tha thu, mar a tha mise creidsinn gu daingean, neo-chiontach, tha mi nise riaraichte. Bi thusa mar sin cuideachd a Mhàiri, na biodh eagal agad ro ni sam bith. Chaneil ach aon olcs an t-saoghal roimhn coir duinn eagal a bhith againn, aguss e sin am peacadh. Chaneil anns aphriosan agus ns abhas ach faoineis lamh ris. Ge be thign ar rathad a nis, agus ged a threigeadh an sluagh uile sinn, agus ged a thionnndadh iadn ar n-aghaidh fhathasd bithidh Dia againnn a charaide, bheir Easan breath oirnn gu ceart, agus bheir E ar neo chiontas an uachdar luath no mall.”

Shuath a Bhan-Iarlòg deur far a suil agus thuirt i, “ ’Nuair a chluinneas mi sibhse, ’dhaoine matha, abruidhinns an doigh so, tha milan chreidsinn nach eil am fàine agaibh; ach, air an laimhe eile, ’nuair a bheachd-smaointicheas mi air gach cùis, saoilidh mi nach gabh ebhith nach ann agaibh a tha e.

Tha fios aig mo mhathair acheart aite air abhord-sgeudachaidh airna chuir i am fàine gu curamach, tiota man deach Mairi a stigh don rùm. Tha Mairi fhéinna fianuis nach deachaigh mise an còir a bhùird. Cha deach duineile a stigh dhan t-seòmar. Bha Mairi leatha fheins an rùm, ’nuair a bha mo mhathair a bruidhinn riumsas an ath rùm: ’nuair a dhfhalbh sinne, ghlas mo mhathair an dorus, gus i fhein a sgeudachaìdh. ’Nuair a bha in a h uidheam, sheall i airson an fhàine gus a chuir suas, ach cha robh sgial air! Rannsaich mo mhathair a sin, aseòmar uìle leatha fhéin. Cha dthubhairt i dad mu dheibhinn, agus cha do leig i h-aon dheth cuid daoinestigh, cha do leig eadhon mise, gus na rannsaich i an rùm a dha no tridhuairean. Cha robh ann ach obair dhiomhain! Co aiga nise, as nrrainn am fàine a bhith?”

Chanurrainn mi a thuigsinn,” thuirt an t-athair. “Chuir Dia deuchainn chruaidhgar n-ionnsaidh. “Ach ge be thig ruinn,” thuirt easan, le suil os a chionn, “seall ormsa, ’Thighearna, aig do chasan. Thoir domh do ghrasan. O mo Dhia, is pailteas sin dhomh.”

Le fìrinn, ’s ann le cridhe ro-throm tha mi tilleadh a dhionnsaidh an tighe,” thuirt a Bhan-Iarlòg. “ ’S e latha-breith brònach a tha so dhòmhsa. Leis an toil a thaig mo mhathair Mairi a theasraigin, cha dthug i guth air a so fhathasd ri duine ach riumsa. Ach cha ghabh e ceiltinn nis fhaide. Feumaidh mo mhathair fàine a chosg an diugh. Tha duil againn ri mathair as abhaile-mhor mu mheadhon latha, agus ionndrainnidh em fàines a mhionaid. Thug e dhi e an latha rugadh mise. Bha ian dòchas gum bitheadh am fàine agamsanuair a thlllinn. —Slan leibh,” thuirt Amelia, a rithisd. “Their mise gu firinneach gu bheil micreidsinn gum beil sibh neo-chiontach; ach an teid mo chreidsinn?” Dhfhag irùm gu muladach agus deoirn a suilean. Bhan t-athairsa nighean fo leithid de dhioghnadh agus nach burrainn do h-aon seach aon guth a ghràthainn.



[19]

[Vol . 9. No. 3. p. 3]

Shuidh an t-athair sios, leag e cheann air a lamhan, sheall e gu h-iomaguineach air an talamh, agus ruith na deoir sios leghruaidhean bana. Thuit Mairi sios aig aghluinean, ag caoineadh; thog i suas a suilean ri aodann a h-athar, agus thubhairt i: “Gu firinneach, gu fìrinneach athair, tha mi gu tur neo-chiontach. Le firinn tha mi neo-chiontach.” Thog a h-athair a ceann, agus sheall e gu dian agus gu dealasachna suilean gorma agus thubhairt e: “Tha thusaMhairi neo-chiontach. Cha burrainn neach a bhitheadh ciontach sealltuinn cho fosgarra firinneach sin.”

O mathair,” ars Mairi, a rithisd, “ciod echrioch as urrainn tighnn air a so! ciod edheireas duinne! Nan dthigeadh e uile gu leir mu mhullach mo chinn-sa chuirinn suas leis. Achs e sibh-se a bhith co-phairteachadhn am thioblaidain-sa, cuis as dorra leam.”

Fhreagair a h-athair, “Earb á Dia, ’s na bi fo churam. Cha tuit fuiltean as ar ceann gun a thoil-san. Ge be thign ar rathad, ’s ann bho Dhia a thig e, agus mar sins ann gur math fhéin a bhitheas e; agus ciod en còrr a bhios a dhith oirnn? Na leig leat fhéin, ma ta, a bhi fo iomaguin no geilt, agus lean daonan gu dlù ris an fhìrinn. Dhaon doighg am faod neachs am bith bagairt ort, agus a dhaon rudgan abair iad riut, na rach thusa leud na ròineige on fhìrinn; agus na rach idir an aghaidh do choimhseas. Tha coimhseas mathna dheagh chluasaig eadhons a phrìosan.’

Theid air dealachadh o cheile; chan urrainn t-athair furtachadh ort nas fhaide, ’Mhairi bhochd! Cuir tearbsa nis treise ann an Athair nam Flaitheas. Esan, fear-dion cumhachdach nan neo-chiontach, cha ghabh toirt bhuat.”

Aìg acheart àm so chaidh an dorus fhosgladh gu cabhagach, agus thainig ard-bhàilidh no maor a bhaile, fear lagha agus beagan oifigeach a stigh don t-seòmar. Leig Mairi ràn a mach, agus ghlac i a h-athair eadar a da laimh. “Dealachaibh iad,” thuirt am bailidh, agus a shuilean alasadh le corruich. “Ceanglaibh a nighean agus thugaibh i don phriosan. Biodh an t-athair cuideachd air a chuir an laimh, agus curam air a ghabhail dheth. Deanamh faire air an taigh agus air agharadh, agus na leigibh le duine tighinn a stigh gus an rannsaich mises am fear laghan t-aite.” Sgar na h-oifigeich Mairi bho h-athair, agus cheangail iad i. Thuit i ann aneul, agus chaidh aslaodadh air falbhs an doigh sin. ’Nuair a chaidh an t-athairs an nighean a thoirt a mach a dhionnsaidh an rathaid-mhòir, bha moran sluaigh a cheana air cruinneachadh. Bha naigheachd an fhàine, mar tha, air sgaoileadh feadh an aite. Bha sluagh a domhlachadh mu thigh beag aghàradair bhig, ionnas mar gum biodh e dolna theine. Bha sgeulachd uile air a h-innseadh. Ged a bha Iacob agus Mairi cho math do gach aon mun cuairt, gidheadh bha feadhainnn am measg a bha,le sòlas farmadach, atighinn a mach le briathran gle naimhdeil. Chionn gun a chum Iacob agus Mairi iad fhéin ann am meas le faicill agus caontachd, bha farmad aig mòran riutha. “Tha fios againn a nise,” theireadh iadsan, “co as bha an cothrom atighinn. Cha burrainn duinn a thuigsinn roimhe so. Ach gu fìrinneach tha e sealltuinn soilleir nach eil seol air tighinn ron t-saoghal nis fhearrna thaig daoine onarach eile.

Ach bha truas mor aig a chuid bu mhomha de shluagh Ichburg de dhIacob onarach agus da nighinn; agus thuirt iomadh athairus màthair ri cach a cheile; “O Dhia, ach mi-shealbh gach créutair talmhaidh! Tuitidh an neach as fhearr. Co a chreideadh e air na daoine matha so? Ach ma dhfhaodte nach eil a chùis mar so; agus bheir Dia an neo-chiontas an uachdar. Agus ma tha a chius mar so, cuiridh Dia an gnothuch ann an doighs gum faic iad am mearachd, gun dean iad nis fhearr, agus gun seachainn iad an truaighetha nisemaoidheadh tighinn man ceann. Gun deonaicheadh Dia leghrasan air cumail on pheacadh, bhon nach eil neach tearuinte fad aon latha!”

An suds an so chiteadh clann an àite acaoineadh. “Ar creach,” ars iadsan, “nuair a theid an cuirs aphriosan, cha toir Iacob bochd dhuinn measan tuilleadh, agus cha toir Mairi laghach dhuinn an corr fhlùrs. Cha bu choir dhaibh an cur a stigh idir.”

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Nouredin agus Bean na Maise.

CAIB. XIV.

Chaidh Saoudhaidh don phriosan agus fichead seirbhiseach comhladh ris, a bha gus a ghnothaichean eucorach a chur an gniomh, agus thug iad leotha Nouredin, agus chuir iad air muin seann eich e gun diollaid na dad fodha. An uair a chunnaic Nouredin gun robh e ann an lamhan a namhaid, thuirt e, “Tha lamh-an-uachdar agad orm a nis, agus tha thumi-ghnathachadh na cumhachd a thagad; ach tha misecreidsinn gum bheil na briathran so a thann an aon de na leabhraichean againn fior, ‘Tha thusa atoirt breith gu h-eucorach, ach ann an uine ghoirid bheirear breith ort fhein. ’”

Bha Saoudhaidh adeanamh buaidh-chaithreamna chridhe, agus thuirt e, “A dhuine gun mhodh, an dana leat tamailt a thoirt dhomhsa? Ach bi falbh, chaneil mi cur suim anns an tamailt a tha thutoirt dhomh. Tha mi coma ciod a dheireas dhomh, on a tha de thoileachadh agam dfhaicinn air do chur gu bas ann an lathair muinntir Bhalsora gu leir. Bu choir dhut cuimhneachadh ciod a tha sgriobhte ann an aon eile dhe na leabhraichean againn, ‘Nach coma do dhuine ged a chuirteadh gu bas e an la an deigh bas a namhaid? ’”

Bha Saoudhaidh cho lan de dhfhuaths de ghamhluss a bha e riamh, agus thug e ordugh do chuid dhe na seirbhisich a bha maille ris falbh le Nouredin thun na luchairt. Dhfhalbh e fhein agus achuid eile dhiubh thun na luchairt mar an ceudna. Bhan sluagh amaoidheadh a mharbhadh mar a bha edol air aghart. Agus nan dthug aon neach ionnsuidh air, bha cach uile air a bhithn sas anns amhionaid gus a chlachadh.

An uair a thugadh Nouredin a dhionnsuidh an aite anns an robh e ri chur gu bas aig beulaobh na luchairt, mu choinneamh na h-uinneig a bhair seomar an righ, dhfhagadh e ann an lamhan an fhir a bha gus an ceann a thoirt dheth, agus chaidh Saoudhaidh a steach far an robh an righna shuidhe, agus e gu toilichtefeitheamh gus am faiceadh e Nouredin air a chur gu bas.

Bha Nouredin air a chuartachadh le freiceadan an righ, agus le seirbhisich Shaoudhaidh; agua bhan diol aca ri dheanamh sluagh abhaile a chumail o Nouredin a thoirt leotha le lamhachas-laidir.

Chaidh am fear a bha gus a chur gu bas far an robh e, agus thuirt e ris, “Mo thighearna, tha dochas agam gun toir thu mathanas dhomh; chaneil annam ach seirbhiseach, agus feumaidh mi mo dhleasdanas a dheanamh. Mureil feum agad air rud sam bith eile, tha mi guidhe ort thu fhein ullachadh air son abhais; oir than righ adol a thoirt ordugh dhomhsa an ceann a chur dhiot.”

Sheall Nouredin truagh mun cuairt dha, agus thuirt e, “Am bheil duine sam bith a lathair a tha cho iochd, mhors gun toir e dhomh deoch dhen uisge?”

Anns amhionaid thugadh deoch dha. Thug Saoudhaidh an aire nach robh cabhag sam bith air an fhear a bha gus Nouredin a chur gn bas, agus ghlaodh e am mach troimhn uinneig, “Cuir an ceann dheth? Car son a thu tha deanamh dail.”

An uair a chuala an sluagh na briathran cruaidh-chridheadh so, thoisich iad ri mionnachadh s ri mollachadh aird an claiginn an aghaidh Shaoudhaidh. Cha robh an righ toilichte a chionn Saoudhaidh a bhithgabhail air fhein ordugh a thoirt seachad, agus dhiarr e air an fhear a bhadol a mharbhadh Nouredin dail a dheanamh. Ach bha aobhar eile aig an righ air son stad a chur air an obair. Thug e an aire aig an am gun robh aireamh mhor de mharc-sluagh air tighinn a steach don bhailenan cruaidh leum. “Ard-chomhairlich,” arsesan, “seall sid; ciod es ciall dha na bheil an sid de mharc-shluagh?”

Cha robh fhios aig Saoudhaidh ciod e thug am marc-shluagh don bhaile, ach bha e sparradh an righ gus ordugh a thoirt seachad gun dail Nouredin a chur gu bas.

Thuirt an righ nach cuirteadh gu bas e gus am faigheadh e am mach ciod a bha fa near don mharc-sluagh. Cobhann ach Giafar air cheann moran sluagh, agus e air tighinn a Bagdad le teachdaireachd on righ.

A chum gun tuigear car son a thainig Giafar do Bhalsora, feumar a thoirt fa near, an deigh do Nouredin falbh a Bagdad le litir an righ, gun do leig an righ gu buileach an gnothach air dichuimhn fad aireamh laithean, agus mar sin nach do chuir e air falbhna dheigh gu ruige Balsora an t-ordugh rioghail mar a gheall e do Bhean na Maise.

Thachair dha air latha araidh a bhith ann an seomar a bha faisge air seomar nam mnathan, agus an uair a bha edol seachad air fear dhe na dorsan, chuale fuaim gutha a bha gle thlachdmhor. Sheas e tiotadh a dheisedeachd aghutha, agus an uair a chuale gur ann ag ionndrainn neach a bha air falbh a bha i, ghrad dhfheoraich e dhen oifigeach a bha comhladh ris, ciod am boirionnach a bhann. Thuirt an t-oifigeach ris, gum be sid an searbhanta a bhaig an duinuasal og a chuir e air falbh gu ruige Balsora gus a bhithna righ an aite Shinebi.

Ah! a Nouredin bhochd,” ars an righ, “leig mi as mo chuimhne gu buileach thu. Greas ort,” arsesan ris an oifigeach, “agus abair ri Giafar tighinn far am bheil mi gun dail.”

An uair a thainig Giafar, thuirt an righ ris, “Gus a so dhichuimhuich mi an t-ordugh rioghail a bha gus a dhaingneachadh mar righ air Balsora a chur gu Nouredin. Ach chaneil uine againn a nis gus an t-ordugh a sgriobhadh. Air an aobhar sin bi thusafalbh cho luaths a rinn thu riamh gu uige Balsora, agus thoir leat aireamh mhath sheirbhiseach. Ma chuireadh Nouredin gu bas, bheir thu ordugh Saoudhaidh a ghrad chrochadh. Ach mu tha e beo, bheir thu an so e fhein agus an righ, agus an t-ard-chomhairleach.”

Gun dail sam bith dhfhalbh Giafar agus aireamh mhath de mharc-shluaghna chuideachd gu ruige Balsoro, far an drainig iad anns an doigh agus aig an am a dhainmicheadh.

Cho luaths a rainig iad an luchairt, sgap an sluagh, agus leig iad leotha a dhol a steach thun an doruis, agus ghlaodh iad uile, “Tha mathanas air tighinn gu Nouredin.”

Dhaithnich righ Bhalsora gum be Giafar, ard-chomhairleach righ Bhagdad, a bha air cheann amharc-



[20]

[Vol . 9. No. 3. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, IULAIDH 20, 1900.

Tha iomguin mhor air feadh an t-saoghail a thaobh cùisean ann an China. Ged nach urrainnear gach sgeul a tha tighinn e chreidsinn, tha e ro-choltach gu robh àireamh mhor de na h-Eorpaich a bhann am Pekin air am mort. Tha na Sineich nan daoine cho borb agus cho cealgachs gu bheil ena ni uamhasach a bhi cogadh riutha. Cha chum iad ri riaghailt iochdmhor sam bith ris an cum muinntir rioghachdan eile. Chan fhoghainn leotha namhaid a chisneachadh no dheanamhna phriosanach; feumaidh iad a chur gu bàs air dòigh cho cràiteachs cho oillteils is urrainn dhaibh a dhealbh. Faodar so a thuigsinn on doigh a ghabh iad gu cur as do ard-fhear-ionaid Ruisia ann am Pekin. Chaidh esan, mas fior an sgeul a thainig, a shlaodadh air feadh sràidean a bhaile leis na Boxers, ’s an sluaghga lots ga phianadh cho mors a burrainn daibh; chaidh an deigh sin a thilgeadh ann an coire mor de dhuisge goileach, agus an deigh am bàs uamhasach sin fhulang, chaidh a chorp a thilgeadh dhionnsuidh nan con. Chuireadh blàr ris na Boxers faisg air Pekin air an t-seachdain sa chaidh, anns am bfheudar don arm Eorpach teicheadh, agus tha e air a radh, mun dfhàg na saighdearan Breatunnach, an làrach gun do thilg iad an companaich a bha air an leònadh, ’s nach burrainn falbh leotha. Rinn iad so air iarrtus nan daoine leòinte fhéin, leis am bfhearr a bhi air an cur gu bàs gu h-ealamh len companaich fhéin na bhi air an cur gu bàs dòruinneach fadalach leis na Sineich.

Thainig sgeul thaitneach á baile beag ann an stàid New Jersey anns am bheil cuideachd làidir acur air adhart obair-ghlaine anns am bheil àireamh cheudan de dhaoines de ghillean ag obair. Toiseach an t-samhraidh so, sheas mu cheud de na gillean a bhas an obair a mach, agus bha an luchd-obrach eile cho mornan eisiomails gun do sguir an obair gu h-iomlan. ’Se baobhar do na gillean a dhol am mach gu robh each anns an obair nach robh afaotainn ceartais. An deigh dha bhisan acuinn fad an latha bhatarga chur an greim a rithist aig seachd uaireansga obrachadh gu meadhon-oidhche. Thug na gillean rabhadh don chuideachd gun rachadh iad air strike mur faigheadh an t-each bochd a cheartas fhéin. An ath oidhche chaidh air t-each a chur a dhobair mar a bàbhaist, agus cho luathsa chunnaic na gillean sin, chaidh iad am mach. Cha burrainn an obair a dhol air adhart os an aonais; chaidh a dunadh suas gu h-iomlan agus cha do thoisich i rithist gus an dfhuair na gillean dearbhadh nach biodh aig an each ri obrachach latha sam bith ach an aon chùnntas uairean riutha fhéin.

Bha righ noShahPhersia air chuairt ann am Breatunn air an t-samhradh so, agus chuireadh urram mor air leis an teaghlach rioghails le uaislean nan tri rioghachdan. Tha Persia an diugh comharraichte mar rioghachd anns nach eil aon inneal clo-bhualaidh ri fhaotainn. Tha litreachas na dùthcha air a chumail suas, agus leabhraichean air an deanamh mar o shean, le sgriobhaichean. Mu thoiseach na linne so, chaidh inneal clo-bhualaidh a chur air obair ann an Tabris, ach cha robh i fad ann an uair a bfheudar a curna tamh. Tha sgriobhadh nam Persianach eadar-dhealaichte on sgriobhadh againne, agus chan eil meas sam bith aca air leabhar clo-bhuailte; tha na sreathan tuilleadh us direach agus na litrichean tuilleadh us sgiobalta air son a bhi maiseachnan sùilean-san Tha iad cho measail air duine ni deagh sgriobhadhsa tha sinne air duine tha math air deanamh dhealbh.

Chuir àireamh mhor de bhuill na h-ard-phàrlamaid tagradh air beulaobh an riaghlaidh, ag iarraidh, on bha a phàrlamaidna suidhe cho fada, gum biodh $1500 air a thoirt dhaibh mar thuarasdal, an àite $1000 . Ach chan aontaicheadh Sir Wilfrid Laurier ri sin idir, agus feumaidh iad deanamh leis na tha iad afaotainn. Mur biodh moran de bhuill na parlamaid cho fior bhruidhneachsa tha iad, dhfhaodadh iad a bhi ma sgaoil o chionn fhada; agus mase an toil moran time chur seachad a cònsachadh mu nithean gun fheum, deanadh iad air an cosg fhéin e, ’s na bann air cosg na dùthcha.

Chan eil na Breatunnaich fhath-cuibhteas na Bonréich. Di-haoine sa chaidh, ghlac iad Nitrals Nek a bha air a ghearasdanachadh le buidhean no dha de shaighdearan Breatunnach. Mheall iad na Breatunnaich le deiseachan Khaki a chur umpa. Chaidh àireamh mhor a mharbhadh. Thatar ag radh nach seasadh na Boerich a mach na bfhaide mur be Steyn, gu bheil Cruger deònach rtriochdadh, ach nach leig ùteyn leis si n a dheanamh.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[21]

[Vol . 9. No. 3. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Sgaoil parlamaid Chanada air an t-seachdain so. Cha robh i riamh roimhena suidhe cho fadasa bha i air an turus so.

Chan eil an strike a bhann am Belle Isle thairis fhathast Chaidh buidheann eile de mhaoir a chur ann a St. Johns toiseach na seachdain sa chaidh.

Dhen cheud bhuidhinn a chuir Canada do Africa mu Dheas chan eil an diugh air chomas cogaidh ach mu thri cheud gu leth. Tha dlùth air ochd ceud dhiubhnan laidhe tinn le fiabhrus.

On thoisich uisge air sileadh, tha adhartas mor air tighinn air an fheurs air gach seòrsa barra. Ma leanas an t-side mar a tha i gu toiseach an fhoghair, bidh am feur faisg air a bhi cho mathsa bàbhaist dha bhith.

Bha fear dam bainm Lehivre, ann an St. Jacques, Cuebec, ag iarraidh bantraich dam bainm Chouinard ra pòsadh. Nuair a dhiùlt i a ghabhail, thug e mach dagas loisg e air fhèinna làthair, a cur crioch air a bheatha.

Tha moran a bàsachadh ann am Bombay gach seachdain leis acholera. Tha a ghort anns na h-Innsean anabarrach trom fhathast; tha còrr us sia muilleinean dhen t-sluagh a faotainn bidh o riaghladh na dùthchas o mhuinntir eile.

Chaidh an Coirneal Otter, ceannard na ceud reisimeid Chanadach a chaidh don Transvaal, a leònadh ann an aon de na blair o chionn beagan us mios. Chaidh peilear troimhn amhaich aige, agus chaidh e gle fhaisg air lot bàsmhor a thoirt dha.

Tha na Geancaich a bruidhinn air sligh’ -uisgechladhach eadar na lochan mora agus acarsaid New York. Bidh troigh air fhichead de dhoimhneachd uisgann, agus cosgaidh e da cheud us sia muillein dolair mun urrainn soitheach falbh air. Cha dean an t-òl ach am fear a dhfhaodas.

Bha moran òil adol air adhartsa bhaile oidhche Di-satharna sa chaidh, agus bha e doirbh gu leòr do na maoir rian a chumail air luchd na daoraich. Mur cuir am baile àireamh nan tighean-oil an lughad, feumaidh iad an ùine ghoirid àireamh nam maor a chur am meud.

Tha na gàraidhean-meas air feadh Nobha Scotia gle ghealltunnach air an t-samhradh so. Tha adhartas math air gach seòrsa, agus tha an t-side gle fhabharrach Tha gàradairean a tha ris an obair o chionn moran bhliadhnaichean am barail gum bi bàrr na bliadhna so nas truime na aon a chunnaic iad riamh.

Dhaontaich tigh nan cumantach leis an riaghladh gun bu chòir a phostachd a tha air na paipearan naigheachd isleachadh o leth sent am punnd gu ochdamh cuid sent. Ach air don bhill a bha air son so a thoirt mun cuairt a dhol don t-Seanadh, thilg uaislean an taighe sin a mach e. Tha mar sin uallach nam paipearan naigheachd cho tromsa bha e roimhe.

Chaidh Innseanach dam bainm Newell Paul a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Truro air an t-seachdain sa chaidh. Bhan daorach air, agus chaidh an carbad thairis air, agearradhsa milleadh a chuirp gu h-uamhasach. Tha an lagh gle chruaidh an aghaidh a bhi creic stuth làidir ris na h-Innseanaich, ach thathas ga dheanamh a h-uile latha, agus chan e Truro an aon bhaile a thaga cheadachadh.

Tha e air a radh gu bheil Breatunn ag ullachadh da fhichead mile saighdear air son an cur gu ruige China, far an cuirear feum orra, a reir gach coltais, an ùine ghoirid. Tha na saighdearan sin ri bhi air an tarruinn á Africa Deas, Breatunn agus na h-Innsean. Ma thig an gnothuch cruaidh air Breatunn anns an aird an ear theid aice air da cheud gu leth mile saighdear a thogail anns na h-Innsean.

Tha na Filipinos an dràsda tairgse do na Staidean sgur dhen chogadh ma bheirear fein-riaghladh dhaibh. Tha iad mar an ceudna deònach an t-suim a phaigh na Stàidean don Spainn air son nan eileanan— $20 ,000,000a phaigheadh air ais dhaibh. Chan eil moran de na Geancaich deònach na cumhachan sin a ghabhail, agus tha e coltach gu feum an cogadh leantuinn gus an toir an darna taobh buaidh.

Thachair iomadh droch sgiorradh air feadh nan Staidean air a cheathramh latha dhen mhios so, latha tha na Geancaich a cumail gach bliadhna mar chuimhne air saoradh an duthcha o uachdaranachd Bhreatunn. Leis gach spraidheadh fùdair, obair-theine, ’s gleadhraich eile leis an robh iad acur an céill an gàirdeachaiss an gràdh-dùthcha, chaidh deich air fhichead a mharbhadh, agus fhuair còrr us tri cheud deug droch leònadh.

Chaochail ceann-feadhnInnseanach ann an California, o chionn ghoirid, a tha ceud tri bliadhndeug air fhichead a dhaois. Bainm dha Augustine, agus bha ena cheann-feadhna air an treibh Sequoir còrr us ceud bliadhna. Tha àireamh de dhInnseanaich ann an California a tha thairis air ceud bliadhna, agus gabhaidh an aois a dhearbhadh le leabhraichean nam Manach Franciscan, a tha dol air ais àireamh cheudan bliadhna.

Chaidh Sipido, an t-oganach a thug ionnsuidh air beatha Phrionnsa Wales ann am Brussels air an earrach sa chaidh, a thoirt gu Cùirt toiseach a mhios so. Rinneadh a mach gu robh e car beag as a rian, agus gun dthug e an ionnsuidh air comhairle chompanach, agus air an aobhar sin cha drinneadh peanaist sam bith a chur air ach e bhi air a chumail ann an tigh smachdachaidh fad choig bliadhaa. Agus cha bu luaithe chaidh a chur dhan ionad sin na fhuair e teicheadh, agus dhfhàg e an duthaich. Tha e ro choltach nach robh luchd acheartais ro gheur gus a pheanaisteachadh; nam bitheadh dheanadh iad na bfhearr na rinn iad.


BAS.

Ann an Sidni, maduinn Di ciaduinn, an 17mh latha dhen mhios, an deigh tinneas fada air a ghiùlan le mor fhoighidin, Caitriona, bean ghradhach Chaptain Alasdair Dhomhnullaich, 59 bliadhna dhaois.


Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.

Luach airgeid cho mathsa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonnsa dhuachdar.

Tha prisean arn aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.

Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhen t-seorsas fhearr, ’s dhen deanamh as uires as fasanta.

H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad. Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[22]

[Vol . 9. No. 3. p. 6]

shluaigh, agus ghrad thainig e mach a bhruidhinn ris. Be a cheud cheisd a chuir Giafar air, an robh Nouredin beo, agus ma bha, a thoirt gun dailna lathair. Thuirt an righ gun robh e beo, agus thug e ordugh a thoirt a steach. Anns amhionaid thugadh a steach e mar a bha e, agus e ceangailte le cuird. Dhordaich Giafar a ghrad fhusgladh, agus a chead fhein a thoirt dha, agus dhordaich e Saoudhaidh a ghlacadh, agus a cheangal leis na ceart chuird a bhair Nouredin.

Cha dfhan Giafar agus a chuideachd a bha maille ris ann am Balsora ach aon oidhche. Gu math trath air an ath mhadainn, dhfhalbh iad gus a dhol gu ruige Bagdad; agus a reir an orduigh a fhuair e, thug e leis Saoudhaidh, righ Bhalsora, agus Nouredin.

Fad no goirid gun robh iad air an t-slighe, rainig iad Bagdad, agus chuir enan triuir iad an lathair an righ. An uair a dhinnis e don righ a h-uile car mar a thachair dha eadar falbh is tighinn, agus gu sonraichte an suidheachadh truagh anns an dfhuair e Nouredin, agus an droch dhiol a rinn Saoudhaidh air, dhiarr an righ air Nouredin an ceann a chur bhar Shaoudhaidh. “A cheannaird nam fior chreidmheach,” arsa Nouredin, “a dhaindeoin na rinn an duine aìngidh so de dholc orm, agus na dhoidhirpich e a dheanamh air mathair nach maireann, bhithinngam mheas fhein mar an aon as suaraiche dhen chinne-daon nan salaichinn mo lamhanna fhuil.”

Bhan righ gle thoilìchte an uair a chuale na briathran so, agus dhordaich e don chrochadar Saoudhaidh a chur gu bas.

Bhan righ toileach Nouredin a thilleadh air ais gu ruige Balsora, gus a bhithna righ ann. Ach ghuidh Nouredin gu h-umhail air gun eg a chur air ais idir. “A Cheannaird nam fior chreidmheach,” arsa Nouredin, “an deigh na thachair dhomh de mhi-fhortan ann am Balsora tha leithid do ghrain agam air a dhol anns gum bheil miguidhe oirbh gun leig sibh leam cumail ris na mionnan a thug mi; oir mhionnaich mi nach tillinn ann gu brath tuilleadh. Agus bidh mig a mheas mar aobhar toileachaidh agus gairdeachais ro mhor ma bheir sibh a dhurram dhomh gun leig sibh leam a bhithghnath dluth dhuibh.”

Dhaontaich an righ gun deanadh e so; agus air dha a chur ann an suidheachadh aon de mhaithean na cuirte, thug e Bean na Maise dha air ais. A bharrachd air so, thug e dha fortan gu leor; agus bha e fhein is Bean na Maise beo uine fhada comhladh, agus iad cho sonas a bhan latha cho fad.

A thaobh righ Bhalsora, thug righ Bhagdad cead dha a dhol air ais da rioghachd, agus dhaithn e dha an aire mhath a thabhairt na comhairlichean a bhiodh aige a thaghadh a measg nan daoine bu ghlice agus bu chothromaiche, a bhiodh anns an rioghachd.

(Achrioch.)


Ceithir-La-Deug ann am Fion-Lios.

Air tilleadh don Urr. Dr. Guthrie, aig aon àm, o chuairt-shamhraidh air tir-mòr na Roinn Eorpa, thuirt e nach fac e fhadsa bha e air falbh, ach dithis dhaoine ann an tri seachduinean a theireadh e bha deur beag den deoch orra, agus eadhoin den dithis sin cha robh e uile gu léir cinnteach, dhfhaodadh ebhi gur tinneas na tuainealaich a thainig orra. Ach ann am Baile-mòr na h-Alba, thuirt e, air acheud fheasgar a chaidh e mach an déigh tighinn dachaidh, bha daoine ri fhaicinn thallsa bhos air an dallanaich.

Leugh mi so uiles a phaipeir-naigheachd, agus òg ged a bha mi aig an àm, loisg e mi gu mchridhe gun gabhadh a leithid a ràdh mu dhùthaich mo ghràidh. Ach thòisich mi ri reusanachadh ann am inntìnn féin mar so—“ ’Se ministeir, agus duin-uasal a thann am Dr. Guthrie. Chaneil e ach beagan ùine aig aon àm ann an àitair bith thalls na rioghachdan sin. Chaneil fhios aige ciod a thadol air adhart os iosal, agus tha e féin ag aideachadh nacheil e ro eòlach air càinean an t-sluaigh am measg an robh e. Ma gheibh mise gu bràth an cothrom feuchaidh min fhìrinn fhaotainn a mach. Théid mi air feadh nan daoine cumanta, agus, leis aGhàidhlig a bhi agam, chan eagal nach bi e furasda gu leòir Frangaich na Gearmailtich a thuigsinn ri beagan ùine.” Mar so chum mi air thoiseach orm an fheum a bhagam air a bhi deas an uair a thigeadh an cothrom.

Chaidh bliadhnan déigh bliadhna seachad, ach thainig an cothrom an uair a bu lughabha fiughair ris. Bha mi dlùth air bliadhna air chuairt anns an tìr chéin mun do chuimhnich mi na chuir mi romhan Goirid na dhéigh sin fhuair muinntir an tighe, agus mise comhla riu, cuireadh seachduin na dhà a chur seachad ann am fiòn-liosam mios dheireannach an fhoghair.

A nis cha banns an Fhraig nas a Ghearmailt a thachair dhomhbhi, ach ann an dùthaich a tha fada nas fhaide ris an ear, tìr nan Roumànach, aig am bheil rioghachd nan Hùnnach ris an taobh an iar, le Rusia ris an tuath, agus an Fhairge Dhubh ris an ear. Ris an deas tha na Bulgaraich, a tha fo chìs aig na Turcaich. Bha na Roumànaich fo chìs aig na Turcaich fad ceithir cheud bliadna, ach thilg iad dhiubh i o chionn a nis fichead bliadhna.

Cha robh a bheag de eòlas againn air an tìr so, na mòran iomradh air, gus an do phòs ogha na deadh Bhanrighinn againn am Prionnsòg a tha ri tighinn a stigh air an righ-chathair


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.



[23]

[Vol . 9. No. 3. p. 7]

an déigh bràthair-athar, Righ Tearlach. Cha robh anns an rìgh achPrionnsaTearlach aig an àm ud, achs math a tha cuimhnagam an cagar a chluinntinn a ruith am measg an t-sluaighs an deur fhaicinnn an sùil, air an lathas an deachaidh mòr-chuideachd an airm agus an luchd-ceird riomhn bhaile le buaidh-chaithream an déigh blàrPhlevna,” “Ar Righ!” thuirt iad richéile os iosal, an uair a chunnaic iad Prìonnsa Tearlach a dol seachad, le seann Iompaire Ruisia. Tha mòran tuilleadh iomradh air Roumània a nis on a tha Ban-Bhreatannach ann an inbhe cho àrd an cùirt na rioghachd.

S iad buidheann de na seann Ròmanaich, a chaidh a phlanndachadh an sin leis an Iompaire Traian, air an cothlamadhmar a dhfhaodar a ràdhleis na Greugaich a bha riaghladh thairis orra fad ioma ceud bliadhna a bha nan sinnsear aig aphobull so.

Tha iad do nàdur ealamh, eutrom, neo-stéidheil, gu sonruichtesan taobh deas, agus gu math coltach ris na h-Eadailtich; ged a dhfheumar aideachadh gum bheil muinntir an taobh tuath, agus an luchd-dùthcha de atharrachadh gné.

Tha a chànain aca cho cothlamta ris a Bheurla fhéin. Mar an sluagh, tha deadh stéidh aice don Laidionns don Ghreugais, le mòran fhacal Turcach, agus Ruisianach. Ach tha deadh bhreacadh aice a cànainean eile, a chionns iad na Frangaich a tha thairis air anTelegraph,” agus tighean malairt an airgid: ’s iad na Gearmailtich, agus na Breatannaich a tha cumail air adhart nan slighean-iaruinn; tha tuilleadh is cheud mìle Iudhachnam measg; agus thairis air tri cheud mile de na ceàird. Tha aon sliochd de na ceàirdnan seirbheisichs na tighean; sliochd eile diubh ri spàinean, obair fhiodh, agus iarunn-geal, agus treasamh roinn diubh a tha leth-fhiadhaich, gun eagal , agus borbnan cleachduinean. Ged a tha eich bheaga ghreannach aig na Roumànaich tha e cho coitchionn na daimh a chur a tharruing na cairt, agus a dhoirbreachadh an fhearainn. Thug na cairteanam chuimhne na seann chairtean Gaidhealach a bhoidh againn a dol gu mullach a mhonaidh air son na mòine.

S in Eaglais Ghreugach Eaglais Stéidhichte na dùthcha. Bha Eaglais Chaitliceach na dithis anns a Bhaile-mhòr, far an robh ar còmhnaidh, agus Eaglais Phrotestanach; Eaglas nam Protestanach Ghearmailteach, agus bhacoinneamhair a gleidheadh anns an tigh-aoraidh cheudna le muinntir na Beurla de gach comunn, far an do leugh misionari na h-Eaglais Shasunnaich an t-seirbheis choitchionn aca-san, air an t-Sabaid.

Be so, matà, an seòrsa dùthaich, agus an sluagh am measg an robh mi air chuairt. Bham Bailemòr, Bucarestfacal Turcach a thaciallachadh Baile-an-aoibhneisair meadhon a chomhnaid. Bham fion-lios a dhionnsuidh an robh sinn a dol deich na dusan mile siar dheth sin, air cnuic agus bruthaichean a bhag éirigh mu 7000 agus 8000 troidh os an ceann.

Bha mòran de na nithean a chunnaic mi, a bhadeanamh an Sgriobtuir na bu shoilleire do minntinn, agus thug e toileachadh anabarrach dhomh cothrom fhaighinn air obair an fhìonlios fhaicinn le mshùilean féin, agus faighinn na bu dlùthe air am t-sluaigh.

Tham fàidh Isaias a labhairt airbothan ann am fion-liostigh-fasgaidh ann an gàradh chluaran,” ach bhan tighein a bhair a chur air leth dhuinne beagan na bfheàrr na so. Bha e air a thogail gu diongmhalta le clachan creadha, aig ceann cùirt fharsuing, le balla an fhìon-lios air aon taobh, agus le tigh, agus sabhalls iche a ghàradair air an taobh eile. Bhan t-ùrlar os a cheann air son teaghlach a mharsannda Ghreugaich leis am bu leis e, gus an samhradh a chur seachad ann. Bha staidhir fhiodh air beulaobh an tighe, a dol a suas thun an urlair gu h-àrd, mar sin bhiodh tigh air leth againn dhuinn féin. Bha tobar, tri-fichead troidh air doimhnead, aig a gheata, le crann-tarsuinn, agus bucaid air ròpa an crochadh ris; agus bha mart na dhà aig a ghàradair, mar sin cha beagal duinn a thaobh bainne, na im, na uisge, agus a chinn nach robh àite-teine anns an tighein, bham biadh ri bhi air a dheasachadh ann an cidsinn a ghàradair.

Ach bfheudar cnapanach de dhimrich a dheanamh, a chionn, an taobh a mach de dhà bheingidh-leapa, agus gràinnean de chathraichean làidir cumanta, cha robh air thoiseach oirnn ach na ballachan aolta.

Bha na h-achan air a chòmhnarp buainte agus a chuid mu dheireadh do arbhar a choirce-Innseanaich a stigh air an latharainig sinn. Bha na cnuic air thoiseach oirnn comhdaichte gum mullach le fìonliosan, anns an robh, thalls a bhos, craobh mhòr chnò. Na bfhaide air falbh bha na beanntan caillteach, dachaidh nam mangan agus a mhadaidh-alluidh. Gu fortanach tha na madaidh-alluidh a togail orra gu Rusia air latha suidhichtes an Earrach, agus cha robh e fathast an t-am dhoibh tilleadh. Tha na mangain dubh anns na coilltibh is àirde, agus cha robh e fathast an t-àm ghabh am mangan donn gnothuch ri duine mar gabh duine gnothris; ged a ghoideas e mulachag chàise a bothan an àirdhn uair a gheibh en cothrom.

Bha sinn seachduins an àite mun do thòisich tional nan dearca-fìona. Bhan gàradair, dam bainm Sacharia leghillean, trang a cur an òrdugh deich togsaidean mòra, a gabhail aig na cearcaill, ’sgan deanamh diongmholta air gach dòigh. Sin thairis, thainig ùspair do dhuine cas-ruisgte, ann an léint shaic, agus briogais fharsuing den chcart seòrsa, agus dhfhadadh e teine fo choire mòr aig taobh aghàraidh. Thogadh e làn gogan de uisge goileach as a choire, agus le càbull iarruinn sgù radh e gach togsaid gu maths gu ramath, agus chuireadh e air a cliathaich i gu tormachadh tachduins aghràin. K. W. G.
(Ri leantuinn.)


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


L. L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


The Scotish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.



[24]

[Vol . 9. No. 3. p. 8]

Domhnallaich na Ceapaich.

Bha sia mic aig Iain Mac Dhomhnaill, tighearna nan eileinean; Iain, Raonall, Goiridh, Domhnall, Iain Mor, agus Alasdair Carrach. Is ann bho Raonall a thainig Clann Raonaill agus Domhnallaich Ghlinne-Garadh. Is ann bho Ghoiridh a thainlg Clann-Ghoraidh, no siol Ghoiridh. Rinneadhe na cheann-cinnidh air na Domhnallach. Is ann bho Iain Mòr a thainig Sliochd Iain, no Domhnallaich Ile agus Anntruim. Is ann bho Alasdair Carrach a thainig Domhnallaich na Ceapaich.

Tha Alasdair Carrach a tachairt ruinn ann an eachdraidh mar-thriath na Ceapaich sa bhliadhna 1394. Bha e aig blar Ionarlòchaidh an 1431. Be Aonghus na Fearside, Aonghus mac Alasdair Charraich, triath na Ceapaich an 1463. Bha da mhac aig Aonghus, Domhnall agus Alasdair. Thuit Domhnall mac Aonghais am blar an 1497. Chuireadh cùl ri a mhac, Iain Alainn, mar thriath. Chaidh Alasdair mac Aonghais na Fearside a mharbhadh aig Càrn Alasdair le fear de Chloinn Chamarain. Dhfhag e mac ris an abairteadh Domhnall Glas. Bha Domhnall Glas na thriath air a Cheapaich an 1498. Bha tri mic aig Raonall Mor mac Dhomhnaill Ghlais, Alasdair Bhothloinn, Raonall Og, agus Iain Dubh. Chaidh Raonnll Mor a dhith-cheannadh an 1547. Chuireadh blar Bhothloinn ann a Februari 1554. Chaidh Alasdair mac Raonaill Mhoir a leon gu goirt anns a bhlar so agus chaidh Eoghainn Beag mac Eoghainn, triath Chlann Chamarain, a mharbhadh. Choisinn Alasdair mac Raonaill Mhoir latha Bhothloinn, ach cha robh e beo fior fhada na dheidh. Thainig Raonall Og, no mar theireadh cuid Raonall Gorach, a bhrathair, a staigh air a Cheapaich na àite. Air do Raonall a bhith ann am Muile co a thachair air ach nighean Mhic Leoid, bean Ailean Mhic Iain. Bhon a bha bean a dhìth airs bhon a dhfhag an duine aice nighean Mhic-Leoid smaointich Raonall gum freagradh i dha gu math. Thug e leis don Cheapaich i agus lean e rithe. Bha mac aca a bha na dhuine ainmeil ri latha fhéin, Alasdair nan Cleas. Phòs Alasdair Seonaid, nighean Mhic Dhughaill Dhunalla, agus bha tri mic aige, Raonall Og, Domhnall Glas agus Alasdair Buidhe. Dheug Alasdair nan Cleas mun bhliadhna 1635. Be Raonall Og an nis triath na Ceapaich. Chaidh Aonghus, aon mhac, a mharbhadh aig Stron-a- Chlachainsa bhliadhna 1640. Anns a cheart bhliadhna loisg Gilleasbuig Gruamach, Iarla Earraghaidheal, taigh na Ceapaich, agus chreach e an duthaich. Ach bha latha Inibhir-Lochaidh ri teachd. Bha Raonall Og beo nuair a chaidh Aonghus a mhac a mharbhadh. Fhuair e bàs eadar 1640 agus 1644. Thainig Domhnall Glas, a bhrathair, a staigh air a Cheapaich na dheidh.

Gheibhear an rann a leanas ann an leabhar oran Iain Luim:
Nuair a rachadh tu am mach,
S ard a chluinnteadh do smachd,
Bhiodh Iain Mudeartach leats Mac-Leoid.

Bha e duilich do dhiomadh duine a thuigsinn ciamar a fhreagradh an rann so do Raonall Og na Ceapaich no do dh-Aonghus a mhac. Is iomadh ni a dhfhàgas an t-aineolas duilich do dhaoine a thuigsinn. ’S e iar-ogha do Mhac-Leoid a bhan Raonall Og.

Bha Domhnall Glas na thriath air a Cheapaich an 1644. Bha e aig blar Ionarlòchaidh an 1645. Chaochail e bliadhna no dha an deidh sin. Dhfhag e da mhac og, Alasdair Mor agus Raonall Og. Bha Alasdair Buidhe, brathair athar Dhomhnaill Ghlais, na thaoiteir air a Cheapaich an 1651, aguss es dòcha da no tri de bhliadhnachan roimhe sin. Rugadh Alasdair Mor mun bhliadhna 1639. Ghabh e an riaghladh sa Cheapaich na laimh féin an 1660. Mu dheireadh na bliadhna 1661 bha droch aimhreit air a bonn eadar e-féin agus Alasdair Ruadh mac Dhughaill an Ionarlàire. Chaidh Alasdair Mor agus Raonall Og a bhrathair a mhort an September 1663. Bha tri lotan deug air fichead air Alasdair, agus ochd lotan fichead air Raonall Og. An Iuin 1665 thugadh ordagh righ do Shir Seumas Mor Shleite na daoine so a ghlacadh airson a mhoirt; —Ailein Dearg mac Alasdair Bhuidhe, Domhnall Gorm mac Alasdair Bhuidhe, Alasdair Ruadh Mac Dhughaill, Dughall Mac Dhùghaill san Tulaich, agus Padruig Dunbar. Thainig Gilleasbuig Dubh, an Ciaran Mabach, as an Eilean Sgitheanach le buidhinn laidir de dhaoine gu Ionarlaire, agus mharbh e cuid de na mortairean. Chaidh ceann Alasdair Ruaidh Mhic Dhughaill, ceann Iain Ruaidh a hrathair, ceann Dhomhnaill Uidhir Mhic Dhughaill, ceann Dhughaill Mhic Dhughaill san Tulaich, agus ceann Phadruig Dhunbar a chur do Dhun-eideann mar dhearbhadh air an obair mhath a rinn an Ciaran Mabach, agus chaidh an cur suas ri croich anns a bhaile sin. Cha ruig mi a leas innse gur h-e Iain Lom a bha na mheadhon air na mortairean a thoirt gu peanas. ’S e brathair do Shir Seumas Shleite a bha sa Chiaran Mhabach.

An deidh do dh-Alasdair Mors do Raonall Og a bhith air am mort, thainig Alasdair Buidhe a staigh mar thriath air a Cheapaich. Bhàthadh e mun bhliadhna 1665. Be Gilleasbuig a mhac an ath thriath a bha air a Cheapaich. Bha Gilleaspuig na bhard maths na dhuine measail. Dhealaich e ris an t-saoghal so sa bhliadhna 1682.

A. M. S.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Uaireadairean
air prisean a tha ruith o $1 .75 gu $200 .00
AIG
Bezanson

ANNS AN
Stor Ur Sheudan
AIG
K . Bezanson
An Togalach Hanington,
SIDNI, - - C. B.
Ghibear an stoc as mothas as fhearr de dh
Uaireadairean, Seudan, Bathar Airgeid, agus Innealan Ciuil
a thann an Ceap Breatunn.
Bidh e thoilicht thu thaghal air a dhfhaicinn a chuid bathair.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


Tha e gu math nas cosgaile bhi cur am mach paipear am bhliadhna na bha en uiridh. Tha am paipear bàn nas daoire, tha màl air éiridh, tha tuarasdail moran nas airde na bha iad, agus tha gach cosgais eile air a dhol suas a reir, agus a dhaindeoin sin tha pris a phaipeir afuireach aig dolairsa bhliadhna. Cha bu chòir don luchd-gabhail, uime sin, dearmad a dheanamh air an dolair bheag shuarach a tha sinn ag iarraidh air son toradh gach saothair us cosguis fom bheil sinn adol.

Ged a gheibheadh ar cairdean agus ar dìslean bàs, chan fhaod sinn ar lamhan a phasgadh, agus cùl a chur ri ar n-obair. Mar is trice, is ann an uair a ghairmear air falbh ao luchd-dàimh, agus na daoine a bhanan cultaic dhuinn, ar dìchiollaiche agus is dlùithe a dhfheumas sinn a dhol an ceann ar dleasdanais.

An uair a bhios aghaoth agus an sruthnar n-aghaidh, is ann is a dhfheumas sinn ar spionnadh a churan geill gus am bàta iomradh. Chan fhaod sinn na raimh a shaoradh air chor sam bith fhads a theid againn air feum a dheanamh.

Gheibhear sanas bho K. Bezanson anns an àireamh so. ’S an aige than stor sheudan as motha than Ceap Breatunn, agus tha gach ni air a chreic gu saor.

Bu chòir dhaibhsan aig nach eil ach droch càil a bhig òl Union Blend Tea. Tha an Tea so glan, fallain; geuraichidh i càil, agus neartaichidh i an stamag. Tha ceithir seorsachan ann dhi, gach seòrsana luach airgeid as fhearr air an t-saoghal. Iuchair agus cairt anns gach pasg puinnd.

Na dean dearmad air Mac-Talla Cuir ugainn pris bliadhna dheth, agus chi thu tainn san ath àireamh.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.

titleIssue 3
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 3. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page