[225]

[Vol . 9. No. 30. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 25, 1901. No. 30.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna

Le Iain.

CAIB. VIII.

BLIADHNA no dha roimhe sid, phòs an t-uachdaran. Agus an uair a thainig e fhein agus a bhean air chuairt don dùthaich, thug iad leotha mòran aodaichean a dhionnsuidh nan daoine bochda. Bha bean an uachdarain, ged bu Bhann-Sasunnach i, ’na boirionnach cho còirs cho caoimhneils cho truacanta ri boirionnach a burrainn a bhith. An uair a chuala tuath na h-oighreachd gun robh an t-uachdaran gus Bann-Sasunnach a phòsadh, bhan àireamh bu mhò dhiubh an dùil nach freagradh a leithid idir air an uachdaran. Bu choma leotha dhe na Sasunnaich. Bha iad an dùil nach robh annta gu léir ach daoine coimheach, cruaidh-chridheach, an-iochdmhor a bhiodh ag amharc sìos air daoine bochda na dùthchadh. Ach an uair a chunnaic iad gun robh bean an uachdarain anabarrach còir, ciùin, iriosal, siobhalta, thuig iad gun robh cuid dhe na Sasunnaich cho math ri daoine eile agus ma dhfhaoidteadh mòran na bfhearr.

Thug bean an uachdarain le a làmhan fhein seachad an t-aodach do na bochdan, agus bainneamh neach nach robh glé riaraichte leis an dòigh anns an do roinn i an t-aodachnam measg. O nach robh i comasach air labhairt ris an t-sluagh anns aGhàiligan aon chànain a thuigeadh iadrinn an t-uachdaran fhein gach eadar-theangaireachd a bha feumail.

An ath bhliadhna, ge be air bith rud a thainig anns an rathad, cha dthainig an t-uachdaran agus a bhean don dùthaich idir. Ach cha do dhichuimhnich iad cuid mhath de dhaodaichean dhe gach seòrsa a chur dhachaidh gus a bhith air an roinn air bochdan na dùthchadh.

Bann air cùram amhaoir a chuireadh na h-aodaichean dhachaidh. Agus thainig litir ga ionnsuidh a dhiarraidh air fheins air a mhnaoi an roinn air na daoine bochda cho ceart agus cho cothromachs a ghabhadh deanamh.

Bann mu shamhainn a thàinig na h-aodaichean; agus thachair gun robh Aonghas Fionn agus Domhull Beag mac Sheumais mun cuairt an àite éiginn air taigh amhaoir an oidhchethàinig na h-aodaichean. Bha toil aca le chéile beagan comhraidh a bhith aca ri dithis dhe na h-igheanan an déigh don mhaors don mhnaoi a dhol a laidhe. Ach ged a bha fhios glé mhath aig na h-igheanan gun robh toil aig na gillean a bhith greis acomhradh riutha, mar is minic a bha iad, cha dthug iad misneach sam bith dhaibh gu fuireach. Ghabh te dhiubh mar leith-sgeul, gun robh aig a h-athair ri mòran chunntasan a chur air dòigh, agus gum biodh e uairs amhadainn mum burrainn da crìoch a chur orra. An uair a chuala na gillean so, thuirt iad a beul a chéile, gum bfhearr dhaibh falbh dhachaidh, agus tighinn an ath oidhche.

An uair a ghabh na gillean ceum air falbh on taigh, thuirt Aonghas Fionn, “Cha teid mo chas dhachaidh an nochd gus am bi fhios agam ciod e an dìomhaireachd a tha fa near do mhuinntir amhaoir. Tha rud eiginn fos laimh dhaibh nach fhuiling an solus fhaicinn, ar neo tha mise gu mòr air mo mhealladh. Ciod e na cunntasan a bhiodh aigesan ri chur air doigh? Chaneil an sid ach leithsgeul a ghabh i gus toirt oirnne dhol dhachaidh?”

Chaneil gnothach againne bhithg iarraidh fios air ni sam bith a tha toil aca chumail an cleith. Is fhearr dhuinn gu mòr gabhail dhachaidh, agus a dhol a laidhe,” arsa Domhull.

Tha gnothach againne riutha gun teagamh, a Dhomhuill. Is ann againn a tha. Ma tha dùil aig fear seach fear dhinn dhe na h-igheanan a phòsadh, is e ar gliocas fios a bhith againn an toiseach air iomadh rud mu thimchioll an teaghlaich. Chaneil fadon a thàinig iad don dùthaich. Agus creid thusa mise, chaneil acheart teaghlach cho furasda rin tuigsinns a tha iomadh neach an dùil,” arsAonghas.

Ciod e thanad bheachd a dheanamh?” arsa Domhull.

Innsidh mi sin dhut. Théid sinn a dhionnsuidh uinneag an t-seòmair, agus bidh ar cluas ri claisneachd feuch ciod a chluinneas sinn. Bidh fios againn co dhiubh dhinnis no nach dinnis an nighean an fhirinn duinn. Ma tha aig a h-athair ri cunntasan a chur air dòigh mar a thubhairt i, falbhaidh sinn dhachaidh; ach ma tha rud sam bith eile fos laimh aca, fanaidh sinn, gus am bi fhios againn ciod a bhios iad adeanamh. Chaneil fhios nach bi Tearlach Ruadh acordadh ris an nighinn mhòir anochd. Ma chumas e suas cleachdadh na dùthchadh, mar a tha min dòchas a e, feumaidh e tighinn lebhotul do thaigh amhaoir gus gun suidhich iad eatorra fhein co an oidhchebhios an réiteach ann,” arsAonghas.

Gun tuilleadh a radh, thill na gillean gu taigh amhaoir. Sheas iad greis aig achruaich mhònadh, far am faiceadh iad corachadh am mach no steach air an dorus. Bhan oidhche gu math dorcha le ceòs le uisge, agus chan fhaiceadh neach sam bith iad, nas lugha na thigeadh e glé dhlùth dhaibh.

Cha robh iad fadaig achruaich mhònadh an uair a dhfhosgladh an dorus, agus thainig dithis dhe na h-igheanan am mach. Ghabh iad ceum gu socair, sàmhach mor thimchioll an taighe, mar gum biodh iad ag amharc feuch an robh streatharlaich sam bith agabhail fabhuir mun taigh. Thug iad ceum no dhà gus a dhol thun na cruaiche mònadh; ach thill iad mun do ràinig iad i. Agus cho luaths a chaidh iad a steach, chrann iad an dorus gu maths gu ro mhath.

An ceann beagan mhionaidean ghabh na gillean a null thun an taighe. An uair a ràinig iad an uinneag, chualiad cath bruidhne anns an t-seòmar. Bha aodach air a chur gu cùramach ris an uinneig, agus shaoil Aonghas an toiseach nach robh rathad aige air dad fhaicinn dhe na bha muinntir an taighedeanamh anns an t-seòmar.

Cha robh anns an uinneig ach lòsain bheaga; agus chuimhnich Aonghas gun robh fear dhiubh air a chur innte beagan ùine roimhe sid. An uair a bha e fheing a chur innte, cha do thachair gun robh potaidh rifaotainn an àite sam bith dlùth dhaibh; agus bann le ceithir tàirnean beaga a bhan lòsan air a theannachadh anns achéis. On a bha toil aig Aonghas fios fhaotainn air a h-uile car a bhan fheadhainn a bhanns an t-seòmar acur dhiubh, thug e an lòsan as an uinneig gun uireads am fuaim bu lugha dheanamh. Bha toll beag mu leud sgiath faochaig air an aodach dìreach mu choinneamh an lòsain, agus an uair a chuir eshùil ris, chunnaic e a h-uile car a bha iad acur dhiubh anns an t-seòmar. Agus mu dheidhinn na bha iad ag radh, bha Domhull Beagga chluinntinn acheart cho maths ged a bhiodh ena shuidhe anns an t-seòmar comhladh riutha.

Cha mhòr nach do stad an shùil shuas aig Aonghas an uair a chunnaic e an obair a bhacas an t-seòmar. Bha na h-aodaichean a chuir an t-uachdarans a bhean dhachaidh gus a bhith air an roinn air daoine bochda na dùthchadh, ’nan torran an sids an so air feadh an t-seòmair, agus am maors a bheans a cheathrar nighean ataghadh nan seòrsachan a bfhearr dhiubh gus an cumail aca fhein.

An uair a dhfhosgladh am poca anns an robh na plangaidean, thuirt bean amhaoir, “Tha plangaidean Sasunnach an so cho briaghas a chunnaic duine riamh. Ben call am faicinn air leapannan salach nan daoine air son an do chuireadh dhachaidh iad. Cha bhiodh iad aon seachdain glan aca. Is e peacadh a thann an leithidean de phlangaidean mìne, geala, glanathoirt seachad do dhiolacha-deirce truagha do nach aithne an aire thoirt dhaibh.”

Innsidh mise dhut, Una, mar a ni sinn,” arsam maors ena sheasamhs a chùl ris an uinneig, “cuiridh sinn an fheadhainn as fhearr dhiubh air leith gus am faigh Anna iad an uair a phòsas i fhein is Tearlach.”

Thainig aoidh air gnùis Anna an uair a chuala i so; ach bha càchnan tosd, agus iad mar nach biodh iad idir toilichte. Cha bu mhò na sin a a bha iad. Bha farmad gu leòr aca ri Anna, araon a chionn gun robh idol a phòsadh gun dail, agus mar an ceudna, a chionn gun robh idol a dhfhaotainn plangaidean Sasunnach.

Thug am maors a bhean an aire gun robh an triuir nighean mi-thoilichte, agus thuirt iad a beul a chéile, gum faigheadh gach dhen triuir plangaidean a cheart cho math riutha sid an uair a bhiodh iad adol a phosadh.

(Ri leantuinn.)



[226]

[Vol . 9. No. 30. p. 2]

Sgeul air Gaolus Gaisge

(Air a leantuinn.)

FHUAIR e mar so de bheatha mhath air an oidhche so, deoch an deigh dighegan toirt da, agus be sin a mhiann; agus adol da gu math dian agus gu math dana air an ibh, bha a chuid maoidheadh da reir. Shaoil le cach, an am dhaibh mac-na-braiche fhaicinnga chuirna dheann le slighe na firinn nach bfhada a nis gus an tigeadh an sgeul rùin air lom agus gum faigheadh iadshios ciod chuige a chaidh an leomhan acheannach. Ach mar a bu treise dan deoch bu treise do ghreim Nessius air run Bhassuis, agus cha tug iad air sgeul a dheanamh air a mhaighstir. An uair a bu leir daibh nach rachadh leo, be beum agus sgeig a bha aca dha, agus thug esan sin fanear, agus ma thug, dhatharraich a chruth, agus dhfhalbh an suairce agus an cairdeas leis aghaoith. “Chan fhaigh sibh cead dol an sas annamsa nis mo,” arsesan, de phreab, “ni sibh gaire air an fhear air an tainig an da la, ach a fhianuis oirbhse gur urrainn do shean leomhan teumnadh a bharrachd air a dheudach a rusgadh.”

Air dha sin a radh, thug e leum as a chorp agus tharruing a chuinnsear agus shiud e air an duine a bfhaisge da a mharbhadh. Ach bha an dothain aca fein ann, agus cha bu lion catha do na bhann esan agus sul an robh uine aige air dioghbhail a dheanamh, bha e air an taobh bu bhoidhche den chomhla aca a dhaindeoin mar a rinn e de spairn agus cha bu bheag e.

Thig air dais an uair a thraoigheas an deoch,” dheubh iad, an àm an doruis a ghlasadh air.

Chaidh ena cheumannan breisleach sios an t-sraid. Bha de ro mheud na daoraich agus na corruich air agus gun do shìn e air ursanan nan tighean abhualadh, agus sgal eagallach agus sgreuch thar innseadhna cheann. ’Nuair a chuala na bha de dhaoine air an t-sraid e, shaoil leo nach beagal bàs seach ruaig. ’Nuair a chunnaic enan ruith iad, thug e ruatharnan deigh, agus bu luath leis tilleadh dhachaidh gus am faigheadh e a shath fola. Bha an sin an ruith air an ruaig agus an ruaig air an ruith. Mar sin da troimh shraid an deigh sraide, agus e gun amais orra ach a bhi an ionad fradhairc daibh. Ghreannaich air agus las air agus dhfhas e ni bu mhiosa uile agus sannt fola ag eiridh air agus gun a shasuchadh aige fein, o chionn cachbhidol as air cho soirbh.

Ach fa dheireadhs fa dheoidh, ri linn da dol seachad air buth far an robhas areic mheasan, bhuail smuainna inntinn.

Nach ann ann an so a tha an te sin acomhnuidh a thana ceann-fath don naire dol orm? Biodh gur theab orm teachd suas leo sud nach faod mi tighinn uirre-se? Cha lughaide gur ann a tha i a nis!”

Sios an t-sraid leisna dheann, na bothannangan leagail agus am batharga sgapadh aige, agus an luchd-malairt ateicheadh roimhe. Nuair a bu lugha bha duil aige ris thachair e air an oigh a bha aigega sireadh. Chlisg i, ach cha robh àm no farsuingeachd di gluasad.

Tha thu an sin, am bheil?” arsesan. “Foghnaidh mise dhut!” —agearradh leum da h-ionnsuidhach leis an astar a bha air agus athair na poit’, thuit e air a mhargarsanaich agus e gun stad adol air a bheul ach abuaileadhs acasadh rithe.

Ghlaodh iseCobhairard a guth, agus bha siud aice a thiotadh. Cha dfhag a leannan i ach mionaid roimhe agus cha robh alt-ghalarna ghluintean atighinn chuice. Chuir e a chas air lamh an fhir eile agus spion e aisde an claidheamh gun dragh, oir chan ionann eiridh agus tuiteam do mhisgear.

Nessius á Byzantium,” arsesan, “athràill a chuireadh saor le Bassus, is cunnartach dhut a leithid so de amaideachd. Cuimhnich air na Criosduidhean, gum bheil iad lionmhor, agus gur mairg a thogadh am fearg.”

Chunnacas gun do bheanadh ri smior an duine. Bha achuis adol anns amhuileann air. Chaidh e ann an ceo. Agus a bharrachd cha robh claidheamh no claidheamh aige a nis.

Is fhearr striochdadh an uair nacheil tuilleadh air.

Co thusa, ashaoidh?” arsesan, “agus ciod e baill leat?”

Caraid do Chandida a thannam, agus is leoir dut sin. Am bheil thu an duil gum faigh thu ceartas o do mhaighstir ma ni thu sgeul air?”

Bu bheag nach tug na briathran mu dheireadh gu ceill e. Is math a bha fhios aige nach deanadh a mhaighstir ach fior dhroch cheann don fhear nach deanadh a riar no a dheanadh sgeul air. Labhair e gu h-athaiseach, leithsgeulach, ag iarraidh air Arsacius gun ghearan a chuir asteach air, agus ag radh nach robh dad aige fein no aig a mhaighstir an aghaidh Chandida. Ach is e amhisg a thug air an uiread sin a radh. Thog e rithe, agus sathadh a null agus sitheadh a nall aige leis an iomcheist agus aphoitearachd. Chan fhacas a rithisd e le ar cairdean, agus cha robh ionndrainn mhor acair.

Coma co dhiu bha fhios aig Arsacius gun robh na thubhairt am poitear bun os cionn air fad leis an fhirinn; mur robh, ciod o a thug air a radh nach robh dad aig a mhaighstir an aghaidh Chandida, an uair nach deach ceisd sam bith a chuir air da thaobh sin? Chuir Arsacius roimhe gun deanadh e curam agus freiceadan air a mhaldaig gach uair a burrainn da. Bu bhliadhna leis gach la mar a thigeadh e an àm da an tighfhagail anns amhaduinn gu freasdal do a dhleasdanas, agus cha bioghnadh dha.

Mar a bha an cunnart anns an robh i asior tighinn fouidh anns an latha, cha robh na h-oidhchean agabhail seachad air gun an cuid de an smuaireanus an iomluasg. Oidhche de na bhann agus gun aige ach cadal luaineach, mi-shuaimhneach, dheirich aisling fa chomhairinntinn. Chunnaic e, air leis, an eaglais anns an robh ise ag aoradh air a sgrios agus air a leagail gu lar agus ise an iochdar, suaicheantas air droch mhanadh, agus rabhadh an eagail. Dhuisg e. Chaidh e an ceann a dhleasdanais la. An uair a bha sin seachad thug e an t-easbuig air on a bha gnothach aige ris, agus dhinnis e da am bruadar a chunnaic e. Rinn an t-easbuig snodha-gàire, ag radh ris tamh aghabhail agus gun cus oibre a dheanamh fad la no dha, aig meud an teas a bhann aig an àm. Ationndadh ceum da on easbuig agus acuir aghaidh air a chomhnuidh fhein, rainig e aite mor ceithir chearnach a bha an lar abhaile far am babhaist daibh comhdhail a chumail ri cheile, agus be so feasgar abhaisteach achomhdhail. Ach cha robh i ann roimhe. Chuir e cuairt air an àite agus dhamharc e gu dluths gu geur sios gach sraid. Chuairtich e uair eile e, ach cha robh i ra faotainn thall no bhos. Bhuail esan inntinn aige gun do thachair an tubaist. Thug eaghaidh a rithisd air a thigh fein. Thuit neoil inntinn air agus e gun fhios ciod a thainig rithe. Shaoil leis gun robh uairga luith, agus a bharra-mhanadh a mach air agus ena shuidh air fail chorraich. Bu treise air an oidhche na air an la a nis. Tharruing e a cheum agus gheuraich e gu dian air fein. Rainig e, ach ma rainig cha bi a bhana choinneamh ach seana bhean a bhacumail taighe da, agus litir aice air a shon. So na bha sgriobhte innte:

Failte agus mile o Bhassus gu Arsacius.

Chan fhuilear nach bi ena thogail-aigne fothad a thuigsinn gun dfhuair abhean oirdhearc ud Candida, litir bheagchaneil uair o sin air ruith fhathastacuir mar fhiachaibh uirre gun tainig e o a suiridhiche agus ena luidhena thigh fein leòinte gu dona aig mortairean-fasdaichte Bhassius, agus feum ro mhor aige air a frithealadh. Cha bu deacair an sgeul a chuirna luidhe uirre. Buaireas a dothain uirre. Chuir i uimpe agus thug i uirre, ach an deigh di an ard dorus a dhunadh, rugadh uirre le suiridhiche eile agus bfheudar di dol leis aill ar n-aill leatha. Nach ann ort bha amhearbhall an uair a bu doigh leat nach rachadh a mealladh air an t-seol so? Cha lughaide gur ann annad a tha a comhair fathasd. Nach curamach achuis e? Tha a da roghainn aice: faodaidh i gabhailna mnaoi-dhiolain aig Bassus, no dol an dail an leomhan aige.

Oidhche mhath, chiatach gun robh agad dheth, ’fhir mo chridhe!”

(Ri leantuinn).


Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh.

Rinn Comunn Ileach Glaschu gniomh ionmholta air an t-seachdamh latha deug de Nobhembersa chaidh nuair a thog iad clach-chuimhne air uaigh an t-sar Ghàidheil nach maireann, Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, an clo-Bhuailtear Gailig, a chaochail anns a bhaile sin o chionn faisg air da bhliadana. Tha a chlach-chuimhne ann an cumadh Croise air a gearradhs air a dealbhadh anns an t-seann dòigh Ghàidhealaich. Tha i air a deanamh de ghraineal glas, aon troigh deugs ceithir òirlich a dhairde. Air aghaidh na croise, air an gearradh ann an litrichean maireannach, tha na briathran a leanas:—

Mar Chomhara
air am meas air an ceann-suidhe gràdhach nach maireann,
GILLEASBUIG MAC-NA-CEARDADH,
Clò-Bhuailtear Gàilig an Glaschu,
Gàidheal Blàth-chridheach, Fialaidh,
Fìor Charaid,
Agus Sgoilear Gàilig Comharaichte,
Chuir an Comunn Ileach agus Càirdean suas aChrois so,
air a leabaidh shuain, far am bheil ena chadal le a athair agus le a mhàthair, le a bhràthair agus le a pheathraichean.
Na latha féin rinn e na burrainn da, air son Ghàidheal ann an Glaschu agus ann an Ile.
Molaidh Oibrean E.
Rugadh e am Mai 27, 1850; chaochail e am Februaraidh l, l899.
Fhuair iad so uile bàs ann an Creidimh. -Eabh. xi. 13

Air a cùl tha an sgriobhadh ceudna air eadar-theangachadh gu Beurla. Bha Mac-na-Ceardadh fad iomadh bliadhna na chlòdhadair Gàilig an Glaschu, mar a bha athair roimhe, agus mar a tha a mhac a dhfhàg ena dheigh. Bu mhath an airidh e air ainm a chumail air chuimhne. Bha e na fhios charaid don Ghàidheals don Ghàilig, agus na dhuine caoimhneil blàth-chridheach a choisinn meas nan uile. Bhuineadh e doIle ghlas an fheòir,” agus cha burrainn na h-Ileich gniomh a bfhearr a dheanamh na an t-urram so a chur air am fear-dùthcha.



[227]

[Vol . 9. No. 30. p. 3]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

Ganem.

CAIB. I.

BHA marsanta ann an Damascus a chuir, le curam agus le dichioll, moran beairteis cruinn. Bha ecaitheamh a bheatha gu measail, cliuiteach, agus bha meas mor aig gach neach air. Be ainm Abou Aidhoub. Bha aon mhac agus aon nighean aige. Be ainm a mhic Ganem. Bha ena dhuine og dreachar, tlachdmhorna phearsa, agus bha buaidhean inntinn neo-chumanta maiseach air am buileachadh air. Bha na buaidhean so gu mor air am meudachadh fo theagasg nan daoine foghluimte a fhuairathair gu bhithg a theagasg. Bainm na h-ighinn Alcolomb, ainm a thugadh oirre a chionn gun robh i cho fior mhaiseach anns gach doighs gun robh gach neach a chunnaic i agabhail tlachd dhith.

An uair a dheug Abou Aidhoub, dhfhag e anabarr saoibhreis. Am measg nan nithean eile a dhfhag e, bha ceud luchd camhail de shioda agus de dhobair-ghreis anns abhuthaidh, agus iad deas gus a bhith air an cur air falbh gu ruige Bagdad. Air gach paca dhiubh bha na briathran so sgriobhte, “Adol do Bhagdad.”

Be Mohamed, mac Sholimain, dom bu cho-ainm Sinebi, a bha rioghachadh anns an am ann an Damascus, ceanna-bhaile Shiria. Bha e riaghladh fo laimh a charaid, Haroun Alrashid, a bhana chomhnuidh ann am Bagdad.

Beagan uine an deigh basathar, bha Ganem acomhradh rimhathair mu dheidhinn nan gnothaichean a bhuineadh don teaghlach, agus am measg nan gnothaichean eile air an dthug iad iomradh, thainig aca air bruidhinn air na luchdan bathair a bhanns abhuthaidh. Agus dhfheoraich Ganem dhemhathair ciod bu chiall don sgriobhadh a bhair na luchdan bathair.

A mhic,” arsise, “bu ghnath le dathair a bhithfalbh uaireannan do dhaon duthaich, agus uaireannan do dhuthaich eile; agus bha e mar chleachdadh aige mum falbhadh e a bhith sgriobhadh ainm abhaile don robh duil aige dhol air a h-uile pacabha e gus a thoirt leis. Bha h-uile deisealachd aige deante gus a dhol gu ruige Bagdad an uair a bhuail galair a bhais e.”

Cha burrainn i an corr a radh an uair a thainig bas a fir cho laidir thun a cuimhne, ach thoisich i ri sileadh nan deur ga frasach.

An uair a chunnaic Ganem a mhathair cho tursach, thainig tioma air fhein mar an ceudna. Bha iad le cheile greis samhach; ach mu dheireadh an uair a dhfhalbh tomhas dhen bhron bharinntinn, agus a chunnaic e gun do sguir a mhathair de shileadh nan deur, thuirt e rithe, “On a shuidhich mathair gun rachadh e leis abhathar do Bhagdad, agus o nacheil e nis beo gus deanamh mar a bhana run a dheanamh, ni mise deas gu falbh leis abhathar do Bhagdad. Is e mo bharail gur fhearr dhomh falbh gun dail air eagal gun teid am bathar a dholaidh, no gun caill mi an cothrom air a reic ann an am gu buannachd mhath a dheanamh leis.”

Bha gradh mor aig a mhathair do Ghanem, agus ghabh i ioghnadh gu leor an uair a chuali gun robh ecur roimhe falbh. “A mhic mo ghraidh,” fhreagair i, “chan urrainn mi gun do mholadh a chionn gum bheil thurunachadh leantuinn air an obair a bhaig dathair. Ach feumaidh tu a thoirt fa near gum bheil thu fhathast gle og, agus air bheag eolais is cleachdaidh mu dheidhinn gach sgios is uidil a dhfheumas tu fhulang afalbh o dhuthaich gu duthaich. A bharrachd air so, am bheil thusmaointean mise fhagail, agus mar sin an tuilleadh a chur ri mo bhron-sa, agus bron gu leor agam mar tha? Nach fhearr dhut gu mor am bathar a reic ri marsantan Dhamascuis, agus gabhail le buannachd riaghailtich, na do bheathachur ann an cunnart le falbh air astar fada?”

Cha robh feum sam bith dhi tennadh ri cur an aghaidh Ghanem. Cha tugadh a comhairlean air fuireach o dheanamh mar a bha e cur roimhe. Bha toil mhor aige falbh a shiubhal an t-saoghail, a chum gum faiceadhs gun cluinneadh e iomadh rud a bheireadh eolas is fiosrachadh dha, agus air an aobhar sin cha robh buaidh sam bith aig comhairlean a mhathar air.

Chaidh e don mhargadh, agus cheannaich e seirbhisich cho maths a bha ri fhaotainn. Thuarasdalaich e ceud camhal, agus an uair a fhuair e gach deisealachd a bha a dhith air air son a thuruis, dhfhalbh e comhladh ri coignear no sianar eile de mharsantan Dhamascuis a bhadol a reics a cheannach gu ruige Bagdad.

Eadar na marsantan, agus na seirbhisich, agus aireamh de luchd-turuis eile a bha falbh comhladh riutha, bhan aireamh cho mors nach robh aobhar eagail sam bith aca roimh an luchd-reubainn a bha gu tric aspuinneadh luchd-turuis a bhiodh afalbh air an t-slighe gu Bagdad. Cha robh duiligheadas sam bith aca ri choinneachadh ach an sgios agus an uidil a bhatachairt ris gach uile sheorsa luchd-turuis a bhiodh agabhail an astair. An uair a rainig iad Bagdad gu sabhailte, leig iad air dichuimhngach sgios is uidil is allaban a thachair riutha air an t-slighe.

Stad iad aig an taigh-osda bu mho agus a bainmeile a bhanns abhaile. On a bha toil aig Ganem tamh a ghabhail far am biodh fois is samhchair aige, an aite fuireach anns an taigh-osda mar a rinn cach, is ann a ghabh e taigh mor maiseach, agus garadh timchioll air anns an robh moran chraobhan maiseach dhe gach seorsa, agus tobraichean uisge. Ach dhfhag e am bathar anns an taigh-osda a chum gum biodh e sabhailte.

Beagan laitheanna dheigh so, an uair a chuir Ganem dheth gach sgios is airsneul a bhair an deigh a thuruis, chuir e uime an deise cho maths a bhaige, agus chaidh e don mharagadh anns am biodh na marsantan areics aceannach. Bha seirbhiseach comhladh ris, agus paca aige dhen t-sioda, agus dhe na h-aodaichean bu ghrinne na cheile.

Ghabh na marsantan ris le mor urram. Agus cheannaich an t-ard mharsanta uaithe na bhanns aphaca gu leir, agus thug e dha aphris a dhiarr e air a h-uile pios dhen aodach. Lean Ganem mar so air reic o latha gu latha, gus mu dheireadh an do reic e a chuid bathair gu leir ach aon phaca.

Thug e fa near am paca so a thoirt don taigh anns an robh efuireach. Agus an uair a chaidh e don aite anns am biodh sluagh abhailecruinneachadh, thug e an aire gun robh na buithean gu leir duinte. Chuir so ioghnadh anabarrach mor air agus an uair a dhfheoraich e ciod a baobhar don chuis, dhinnseadh dha gun do dheug aon de na marsantan bu mho a bhanns abhaile, agus gun deachaidh na marsantan eile gu leir thun an tiodhlacaidh.

Dhfheoraich Ganem caitan robh an eaglais anns am biodh iad ag urnuigh, agus as an tugteadh an corp a dhionnsuidh na h-uaighe, agus an uair a dhinnseadh dha far an robh i, chuir e an seirbhiseach air ais leis abhathar, agus choisich e fhein a dhionnsuidh na h-eaglais mun do chuir iad crioch air na h-urnuighean, a bha air an cur suas ann an talla a bha comhdaichte le sioda dubh. An uair a thogadh an giulan, lean an luchd-daimh, agus na marsantan, agus Ganem e don aitadhlacaidh a bha astar mor am mach as abhaile. Bhan t-aitadhlacaidh air a thogail de chloich, agus bha mullach cruinn air. Bhuineadh e do theaghlach an duine a bha gus a bhith air a thiodhlacadh. O nach robh e mor gu leor gus na daoine gu leir a dhol a steach ann thogadh palliunnan mun cuairt air far am biodh achuideachd agabhail fasgaidh fhads a bhiodh an t-seirbheis adol air aghart. An uair a dhfhosgladh an t-aitadhlacaidh, agus a chuireadh an corp ann, dhruideadh suas a rithist e. An sin shuidh an sagart, agus an luchd-frithealaidh eile a bhuineach don eaglaisnan sreith mun cuairt air an lar-bhrat anns aphailliunn bu mho, agus rinn iad urnuigh. Leugh iad mar an ceudna caibidil dhen Choran a bha freagarrach air son an aobhair. Shuidh an luchd-daimh agus na marsantan air acheart doigh mun cuairt air an culaobh.

Bha e dluth air an oidhche mun do chuir iad crioch air an t-seirbheis. Thoisich Ganem ri gabhail fadachd dhen t-seirbheis, gu h-araidh an uair a chunnaic e bhithcur bidh fa chomhair na cuideachd, mar cuimhne air an fhear a bha marbh, a reir achleachdaidh a bhann am Bagdad. Dhinnseadh dha mar an ceudna gun robh na pailliunnan air an cur suas, cha bann a mhain a chum teas na greine a chumail on t-sluagh, ach mar an ceudna a chum driuchd na h-oidhche a chumail uapa, on a bhiodh amhadainn ann mum burrainn iad tilleadh don bhaile.

Chuir na briathran so dragh gu leor air Ganem. “Is coigreach mi,” thuirt e ris fhein, “agus tha mi fo ainm a bhithnam mharsanta beairteach; is docha gun gabh na meirlich cothrom air a dhol don taigh agam feadh a tha mi air falbh, agus gun toir iad leotha gach ni a bhuineas dhomh. Faodaidh e bhith gun gabh mo sheirbhisich an cothrom air teicheadh leis na fhuair mi dhor airson abhathair a reic mi, agus caite an teid mi air an toir?”

Air dha bhithsmaoineachadh mar so, dhith e gu cabhagach beagan dhen bhiadh a chuireadh fa chomhair agus dhfhalbh e gun fhios as achuideachd.

Choisich e cho cabhagachs a burrainn e; ach mar is tric a thachair, mar bu mho a chabhag, is ann bu lugha bha e deanamh a dhfheum. Chaidh e iomrall anns an dorcha, agus bha e dluth air amheadhain oidhche an uair a rainig e geatabhaile. Gu mi-fortanach bhan geata air a dhruideadh. Chuir so am barrachd draghair an inntinn aige, agus cha robh aige ach feuchainn ri aite freagarrach fhaotainn anns an cuireadh e seachad an oidhche gus am biodh an geata air fhosgladh anns amhadainn.

Chaidh e do dhaitadhlaic a bha cho farsuinns gun robh e ruighinn on bhaile a dhionnsuidh an aite as an dthainig e. Ghabh e air aghart gus an drainig e ballachan arda a bha timchioll air achadh beag, far an robh uaighean a bhuineadh do theaghlach araidh, agus anns an achadh so bha craobh phailme. Bha aireamh mhor de dhuaighean anns an aitadhlacaidh so, agus bha na dorsan aca gun druideadh. An uair a chunnaic Ganem gun robh dorus na h-uaighe aig an robh achraobh phailme fosgailte, chaidh e steach, agus dhuin e an dorusna dheigh. Leig e-fheinna shineadh air an urlar, agus dhfheuch e ri cadal, ach cha tigeadh norradh air, leis an dragh a bhair a chionn a bhith on taigh. Dheirich e bhar an urlair, agus bha ecoiseachd sios is suas seachad air an dorus. Mu dheireadh thachair dha air thuiteamas an dorus fhosgladh, agus thug e an aire do sholus astar uaithe, a bha, a reir coltais, atarruinn dluth dha. Chuir an sealladh so clisgeadh air. Dhuin e an dorus, agus gun dail dhirich e suas gu mullach na craoibh phailme, on a be aite cho sabhailte gus e fhein fhalachs a bha aig laimhs an am.

(Ri leantuinn).



[228]

[Vol . 9. No. 30. p. 4]

[Dealbh]

BAS BAN-RIGH VICTORIA.

Feasgar Di-màirt sa chaidh, thainig an sgeula muladach gu robh Ban-Righ Victoria air a cuairt anns an t-saoghal so a chriochnachadh. Bha i tinn o chionn còrr us seachdain ach cha robh iomguin sam bith air a h-iochdarain no air a dlùth-chàirdean da taobh gu deireadh na seachdain sa chaidh. Aig an àm sin thòisich i air a dhol ni bu mhiosa; lean i air tuiteam o latha gu latha an deigh sin, agus chaochail i aig leth-uair an deigh sia feasgar Di-màirt, a cheart latha den bhliadhna airn do chaochail a h-athair, Diuc Chent, ceithir fichead bliadhnasa h-aon air ais. Ged a bha i anabarrach lag on a thòisich a tinneas, bha a tùrsa h-aithne aice gus na mionaidean deireannach, agus ghabh i beannachd leis gach aon den teaghlach a bha ma timchioll, gu h-àraidh le Prionnsa Wales, a tha nise rioghachadhna h-àite.

Cha ruigear a leas a radh gun do chuir bàs am ban-righ ghradhach mulad mor air iochdarain Bhreatuinn anns gach cearna dhen t-saoghal, agus cha mhor cearna dhen t-saoghal anns nach eil iad. Ach chan ann a mhain am measg a cuid iochdaran féin a tha mulad; tha duilichinn air sluagh ann an iomadh dùthaich eile. Tha fhios aca gu ro-mhath gu robh ban-righ Bhreatuinn riamh air taobh na sithe agus acheartais, agus gum bi bu mheadhon air an t-sith a ghleidheadh caochladh uairean a bha rioghachdan na h-Eòrpa abagradh cogaidh. Chan eil teagamh air bith nach robh a bàs air a ghreasad leis achogadh aimhealach a tha dol air adhart ann an Africa mu Dheas. Chaidh a chur an ceill dhi, nuair a thòisich an cogadh sin, nach biodhte fadaga thoirt gu crich, agus nuair a lean e cho fadas a bha sgrios cho mor a tighn o àm gu àm air an arm Bhreatunnach, ghabh i gu cridhe e. Bha i dhen bheachd gu robhas acleth na firinn oirresa cheud dol am mach agus cha toireadh i mathanas idir dhaibhsan a rinn a mealladh.

Faodar a radh le firinn nach do shuidh riamh air cathair righ no ban-righ a choisinn, le deagh bheus agus le gliocas, urram agus meas sluagh ann an tomhas cho mor ri Ban-righ Victoria. Bha i air a chathair rioghail o chionn faisg air tri fichead us ceithir bliadhnaa chuid bu mhotha dhen naodamh linn deug, linn is iomraitiche ann an eachdraidh an t-saoghailbha i air a chathair na bfhaide na bha urra rioghail air cathair ann am Breatunn o thùs a h-eachdraidh, agus re na h-ùine sin cha dthug i aobhar oilbheum da h-iochdrain ann am facal no an gniomh. Tha an crùn talmhaidh a nis air tuiteam bhar a cinn, ach tha dòchas againn gu bheil i asealbhachadh crun nèamhaidh. Dhàsan a dhfhàg i mar oighrena deigh, agus a tha an diughna righ thairis oirnn, Righ Iomhar a Seachd, chan urrainnear guidhes fhearr a dheanamh na gum meal e an crùn re iomadh bliadhna, agus gum bi e anns gach dòighna righ cho glic agus cho mathsa bha a mhàthair òirdhearc nach maireannna Ban-righnn.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis achuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mun toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu tairgead air ais.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[229]

[Vol . 9. No. 30. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha New Zealand an deigh pris ghiùlan nan litrichean a thoirt a nuas gu sgillinn, agus an deigh so faodar litir a chur á Canada don dùthaich sin air son da shent.

Bha stoirmeannnan mora sneachda ann an Ruisia mu àm na BliadhnUire. Bha mu thri mile pearsa air an cumail air treineachan fad dha no thri lathaichean; bha aon trein gun fhaighinn ga h-ionnsuidh fad seachdain. Bha so faisg air Sebastopol. Ann an Odessa bha sia fichead air an reothadh gu bàs.

Thatar a togail soitheach-smùide ann an Sasunn gus a dhol air an aiseag aig Caolas Chanso. Bidh an soitheach sin cho mors gun giùlain i an t-each-iaruinn us ceithir carbadan cuide ris cruinn cothrom thar achaoil; agus cha chuir an làn no an deigh stad sam bith oirre. Thig pris an t-soithich so as an da mhillean dolair a tha gu bhi air a chosg an cur an rathaid-iarrinn an uidheam nas fhearr.

Tha an soirbheachadh a thainig air Sidni a reir coltais air deigh roinnean a dheanamh anns na h-eaglaisean. Tha paraiste na h eaglais Shasunnaich ri bhi air a roinn air a bhliadhna so, agus eaglais ùr ri bhi air a togail. Tha an coithional Baisteach air a roinn cheana; tha àireamh dhiubh acur mu dheibhinn eaglais ùr a thogail, agus tha iad aig an àm so a a cumail seirbheis ann an Talla nan DaoinOga, ’s an t-Urr. F. O. Weeks aca mar mhinistear.

Tha na Boerich a thacogadh fon t-seanalair De Wett a reir coltais atuigsinn nach eil ach aon chrioch gu tighn air achath a tha iad acur, agus chan eil iad ach afeuchainn ris gach call is urrainn iad a chur air Breatunn. Tha buidheann dhiubh a sior fheuchainn ri Capetown a ruigheachd. Chan eil fo De Wett uile gu leir ach mu sheachd mile fear, ach tha gach aon dhiubhna shaighdear treun, seòlta, agus mion-eolach air an dùthaich; tha mar sin cothrom mor aca air na saighdearan Breatunnach. Tha Citchener an deigh seachd mile saighdear a chur gan cumail air ais á Capetown. Tha coig mile saighdear deiseil gu falbh do Africa mu Dheas á Sasunn, agus tha deich mile eile ri bhi air an cur air falbh air an ath mhios.

Chan urrainn muinntir Chanada a radh le cogais ghlan gu bheil iad adeanamh an ni as fhearr a dhfhaodadh iad ris na Sineich a tha tighinn dan dùthaich. Tha an t-ard-riaghladhsa cheud àite a toirt air gach aon diubh ceud dolair a phàigheadh mun cuir iad cas air tir, agus an deigh sin tha aca ri seasamh ri corruich sluaigh agus ri ana-ceartas lagha ann am barrachd us aon roinn den dùthaich. Ann am Montreal thatar a cur càin throm air gach aon dhiubh a chuireas suas taigh-nighe, agus mur urrainn dhaibh achàin sin a phàigheadh, ’gan sparradh dhan phriosan. Chan eil teagamh nach eil na Sineich mar shluagh air deireadh oirnne ann an iomadh dòigh, ach ged a tha fhéin, bu chòir a bhi deiligeadh riutha beagan nas caoimhneile na thatar adeanamh. Chan ann le bhi cur uallaichean troma orra, no le bhi toirt ana-ceartas dhaibh a ghabhas iad toirt gu bhinan sluagh nas fhearr.

Tha na Geancaich adeanamh an aon fheum de eilean a bhuineas daibh anns a Chuan Chiùinsa tha na Breatunnaich adeanamh de St. Helena— ’se singa ghnathachadh mar àite-fògraidh don fheadhainn sin a tha gluasad muinntir nan eileanan Philippianach an aghaidh na Stàidean. Tha iad mar tha air àireamh oifigearanus mhuinntir an eileanfhogradh do eilean Ghuam.

Tha Sir Tearlach Tupper air an t-seachdain so air a thurus don t-seann dùthaich far am bheil dùil aige fuireach gu deireadh an earraich. Dhfhàg e as a dheigh, an laimh caraide, litir a dhionnsuidh nan conservatives anns am bheil egabhail beannachd leotha agus atoirt chomhairlean orra. Cha bhi an litir so air a leughadh no air a fosgladh gus an cruinnich aphàrlamaid ann an Ottabha.

Tha riaghladh Chanada an deigh cur a dhiarraidh leth-cheud mile tunna guail do Philadelphia. Bha an guail ri fhaighinn air son an rathaid-iaruinn, agus aig an àm bha achuid mhor de mhèinneadairean Nobha Scotianan tàmh no abagradh a dholnan tamh na h-uile latha. Air sàileabh na strike mar sin bha luach an leth-cheud mile tunna guail sin de dhairgead na dùthcha so air a chur do na Stàidean.

Chaidh dithis dhaoine a mharbhadh ri taobh an rathaid iaruinn faisg air Grand Lake feasgar Di-luain sa chaidh. Bha iad ann an sgioba bhag obair an sin adheanamh taobh-rathad. Leis cho cruaidhsa bhan talamh air reothadh, bhatar ag uisneachadh dinamite gus a chur as a cheile, agus bann le cnapan dhen talamh reota a bha iadsan air am marbhadh. Bha fear dhiubh, Alasdair Dùghlach, air a mharbhadh air ball; bha am fear eile, Coinneach Morse, beò gu maduinn an ath latha. Bha an Dughlach a mhuinntir na Narrows Mhora, agus Morse a mhuinntir Newfoundland. Bu daoinòga iad le cheile. Bha an trein a dol seachad aig an àm a bhan spraidheadh ann; chaidh spealg cloiche troimh thé dhe na h-uinneagan agus chaidh caol thearnadh air fear no dithis den luchd-turuis.

Tha muinntir na h-Alba anns na bliadhnaichean so air fàs anabarrach trom air an òl. Chan eil dùthaich air an t-saoghal anns am bheilear ag òl uiread de stuth làidir, a reir àireamh an t-sluaigh; agus nuair a bheirear fanear an àireamh mhor nach eil a blasad air stuth làidir eadar da cheann na bliadhna, faodar a thuigsinn gu bheil iadsan a tha ris anabarrach trom air. Air abhliadhnan uiridh bha còrr us ceud us da mhile dheug duine air an glacadh air son daoraichs mi-riaghailt. Ann am baile Queensferry bha ceithir duine deug as acheud air an cur an greim. Tha sona ghnothuch muladach, agus ma leanas e, chan fhadan ùine gus am bi deagh ainm agus cliù na h-Alba air a thoirt gu làr; oir chan eil ni ann is luaithe bheir duine no dùthaich gu mi-chliùs gu neoni na misgeireachd. Ach tha dòchas againn nach lean an t-seann dùthaich air an dòigh so, ach gun eirich i suasna nearts gun cuir i as gu buileach don nàmhaid so a thaga bagradh. Cha do chisnich namhaid i riamh on thoisich a h-eachdraidh; cha chreid sinn gum fuiling i a bhi air a cisneachadh le mac-na-braiche.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


Tha againn air an rathad atighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fheins ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhadsa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.



[230]

[Vol . 9. No. 30. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXVII.

S acheart àm sin, cha robh na bu lugha na dèich mìle fichead pund-Sasunach air a thairgse le Diùc-Uilleam air son ceann Thearlaich, gidheadh, cha robh an Albainn gu léir, neach a shanntaich an duais, ach aon duine, agus be sin Iain Caimbeul a Mhaim-Mhòir, duin’ -uasal de theaghlach Mhic-Cailein, a bha na fhir nàmhaid don Phrionnsbhon chiad latha thainig e air tìr am Mùideart; air dhachluinntinn gun do theich am Prionnsagus a luchd-leanmhuinn do dhIrt, dh-fhalbh e le long-chogaidh agus ochd birlinnean làn feachda chum a ghlacadh. ’Nuair a chunnaic na h-Irtich an cabhlach a dlùthachadh ri tìr dh-fhalaich siad iad-féin ann an uamhannan nan creag agus cha bann gun spàirn a fhuair feachd a Chaim-beulaichn-an cainnt; achnuair a fhuair dh-fharraid iad:— “Càit an robh am Prionns’ ?” Thuirt na h-Irtich, “nach cual iad riamh iomradh air a lethid de dhuine, is nach chualiad facal mu chogadh, ach aon bhoireannach mòr Gallda dam bainm Mòrag a bha cogadh ri Mac-Leòid, agus gun cualiad gun do chaill im blàr.”

Feadh sadh-fhan Tearlach ann an Uidhist, bha baintighearna Shir Alasdair Mhic-Dhòmhnuill Shléibhtecur phàipeirean-naigheachd da ionnsaidh anns am faigheadh e naigheachd na rìoghachd, geda bann air taobh an Diùca bha Sir Alasdair féin. Fa-dheoigh thainig an t-am anns an dfhuair an t-arm-dearg brath gun robh Tearlach anns an Eilean-fhada agus rùinich iad pairtidhean lionmhor sluaigh a chuir air tìr ann an iomadaidh àite den eilean, agusgach cùil as cialla mhion rannsachadh a chum am fògarach rìoghail fhaotainn an làimh! ’Nuair a chuala baintighearna Shir Alasdair gun robh iad adol air a thì, chuir i fios gu Uisdean Bhaile-Sear ann an Uidhist a Chinne-Tuath. An deigh do dhUisdean an teachdaireachd so fhaotainn cha do leig e clò le rosg gus an dràinig e Gleann-Biasdail far an robh am Prionnsam falach. Tha mion-chunnas againn air an turas sin bho bhial Mhaistear Uisdean féin mar so sios:—

A thaobh an latha bhi fliuch agus ceòthach, thainig mi glé dhlù don bhothan mun tug iad an airre dhomh, dhinnis fear den chuideachd dom bàinm Ailean Dòmhnullach co as a thainig mi, agus co mi; anns amhionaid chuir am Prionnsafàiltas furan orm, agus thuirt e gun robh e ro thoilichte gnùis duine chòir fhaicinn an àite cho leth-oireach, aonrach. Bha e air èideadh ann an cota-gearr breacain agus siste-cota dheth an aodach chianda a fhuair e bho bhainntighearna Mhic- ’Ic-Ailein, feileadh goirid de bhreacan sgàrlaid, osanan de chatas garbh màdair agus brogan baltach, fraocharanach; bha churac-òidhche balla-bhreac le sile-sùithe, (no mar a theireir ann an cuid de dhàitean snithe-dubh) bha léine, aodann, agus a làmhun dubh leis an ni chianda, agus fhiasag gun bhearradh mu leth-oirleach air fad. ’Nuair a shuidh mi féin sabhothan dhiarr e drama chuir mun cuairt, an deigh dhuinn slige an fhir a sguabadh ás do réir cleachdadh nan Gàel, chureadh an dinnear air clàr. Mun robh sinn deis der biadh, co thigeadh a steach ach fear Bhaosdail agus be chiad seanachas a thuirt egun bfhearr deireadh cuirme na toiseach sabaid,” agus thòisich e air ithegun chuireadh gun altachadh.” Thaitin a chuis sin ris aPhrionnsgu fior mhath agus thuirt e nam be is gun dìreadh esan gu bràth a chathair, gum biodh aon dinnear Ghàelach aige maille ri chàirdean ann an Lunnainn. “Chan eil mi buileach cinnteach mun chùis sin,” arsa fear Bhaosdail; “chuir am fear bhon tàinig mise, Dòmhnull-Dòmhnullach (Mac- ’Ic-Ailein) seachd blàir ann an aobhar an fhir on bhuineadh tusa (Raibeart Brus) ach an deigh gach caoimhneis cha leigeadh Rìgh Tearlach air gu faiceadh se enuair a ruigeadh e lùchairt. “O, Fhir Bhaosdail,” arsam Prionns’, “na bi garbh suathadh seanna chreuchdan, ma gheibh mise mo chòir air ais cha tréig mi na Gàeil gu bràch.” An sin mun do thar mise mo theachdaireachd fhìn a chuir an céill dhinnis fear-Bhaosdail gun robh prasgan sluaigh a dol do Bharra air am Prionnsa cheapadh. Dhfharraid am Prionnsa, “Cia as a thainig an sluagh sin.” Thuirt fear-Bhaosdail gum bu Leòdaich agus Dòmhnullaich iad a thàinig as an Eilean Sgiathanach. Air dha sin a chluinntinn thuirt e nach robh eagal sam bith aige rompa a thaobh gum bu Ghàeil iad. An sin chuir misan céill le mòr shaidealtas mo theachdaireachd fhìn bho Bhaintighearna Shir Alasdair, oir bidh cuid de dhaoine leisg air droch sgeulinnse. Bham Prionnsa nise lan dhearbhta gun robh e ann an gàbhadh mòr agus gum biomchaidh dha Gleann-Biasdail fhàgail; gidheadh, cha robh fìos aige féin no aig a chàirdean ciod an làmh air an tionndaidheadh iad. Co-dhiù, chaidh iad ann am bàta, (air a cheathramh latha diag de mhìos mheadhonach an t-Shàmhraidh) agus dhiomair iad i gu ruig Eilean-Bhia far an dhfhan iad ceithir òidhche. Air an ochdamh latha diag den mhìos, chaidh am Prionnsa, ONeill, agus Imhear Burc, do Ros-Innis, agas dhfhàg iad Dòmhnull Mac-Leòid, agus OSuilibhan ann an Eilean-Bhia. Air an turas sin dhfhan Tearlach òidhche ann an Rosinnis, far an deach innse dha gun robh prasgan de Chaimbeulach Earra-


Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tighnn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn acumail. Tha againn aig an àm so:—

LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am barailleans am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.

R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[231]

[Vol . 9. No. 30. p. 7]

Ghàel a gabhail na slighe gu Beinne-Mhaol, uime sin smaointich e gumbfhearr dha pilleadh air ais do Choradal. A nise bu chruaidh-chest cia mar a dheanadh e sin; bha bàtaìchean Fineach nan Caimbeulach a dol air an ais agus air an aghaidh ann an caolas Bhia, far an dhfhàg am Prionnsa bhàta féin. Co dhiù, ’nuair a dhorchnaich an òidhche, thainig Dòmhnull Mac-Leòìd, agus OSuilibhan do Rosinnis, agus ghabh iad a staigh am Prionnsagus an dithis chompanach eile don bhàta. Air dhaibh a bhig iomradh suas gu Còradal, chunnaig iad long-chogaidh, agus a chum na nàimhdean a sheachnadh, chaidh iad a staigh don Acarsaid-shalaich, faisg air Uisinish far na ghabh iad tamh na h-oidhche. Chaidh am Prionnsa laidhe ann an lagan creige, air a shuaineadhna bhreacan agus a bhonaid air a tharruinn sios air a shùilean. Ghluais iad as a sin moch samhadainn an ath latha, agus dhimir iad suas gu ceanna-deas Uidhist, los dol a steach do loch-Baosdail, far an robh iad an dùil tachairt ri Fear-Bhaosdail a chum fuasgladh air pàirt de an uireasbhuidh, ach cha bfhada chaidh iad gus am fac iad long eile, agus chum iad sin a sheachnadh, ghabh iad tearmunn fad an latha ann an geobha creige, thaobh is nach bu chomas daibh a dhol na bfhaide air an aghaidh gu ciaradh na h-òidhche. Mu òidhche ghabh iad a cuan agus dhiomair iad gu math: ma mheadhon òidhche chaidh iad a steach bun Loch-Bhaosdail. Air dhaibh a dhol gu tìr, sgìth, fann, acrach, rainig iad làrach seanna chaisteil far na shònraich iad achuid a bha rompa den òidhche chur seachad. ’Nuair a bha iad a beothachadh teine air son na suipeireach a dheanamh réidh, thug Dòmhnull Mac-Leòid an aire do dhà long-chogaidh tacan beag a mach uapa. Thug Tearlach agus dithis de na daoine buinn às suas don mhonadh; agus ghluais càch leis a bhàta gu ceann shuas an locha. Ghabh an luingeas seachad gun tighinn an còir an fhearainn, agus thàinig na fògaraich bhochda aon uair eile an ceann a chéile, ach bha iad dha òidhche an deighe sin gun a dol fo dhruim taighe, achn-an laidhe fo fhasgadh bhun an tuim, agus seòl a bhàta tharais orra. An deigh sin chaidh Dòmhnull Mac-Leòid gu taigh Bhaósdail, agus phill e air ais ann an ùinro ghearr le naigheachd nach bu ro thaitneach le Tearlach achluinntinn; gun robh fear Bhaósdail an làimh aig na Sasunnaich, air son a bheagain caoimhneis a nochd e dha cheana: gidheadh, a dhain-deoin gach cùis chuir bean Bhaosdail, ceithir searragan branndaidh agus goireas eile a dhionnsaidh Thearlaich le Mac-Leòid. Air an treas òidhche chaidh iad na bfhaide air an aghard gu ceann shuas Loch-Bhaósdail far an dhfhan iad fad òidhcheile, ann an so chual iad gun robh an luchd-tòrachd air iathadh mun timchioll air gach làimh. Air ball thriall Tearlach gu Beinne-Mhaol agiùlan leine fo gach achlais, agus cha leigeadh e le duine dhe a luchd-leanmhuinn an t-slighe so a ghabhail maille ris, ach ONeill a mhainn. Réir mar bu chuimhne le Domhnull Mac-Leòid, bann air a cheathramh latha fichead de mhìos mheadhonach an t-Sàmhraidh a ghabh am Prionnsa (faodaidh mi radh) a chead siorruidh, den triùir dhaoine dealaidh a dhlù-lean ris fad ochd seachduinean fo iomadh gàbhadh agus dosgainn. Mun do dhealaich e riu thug e tastans an latha an fhir mar thuarasdal do na ràmhaichean. Do bhrigh nach robh do dhairgead aigair a shiubhal na phàigheadh Dòmhnull Mac-Leòid ass as, thug e dha dreachd air tri-fichead pistol, (bonn òir Spainteach a tha cho math ri sia-tastain diag as sia-sgillinn,) a bha gu bhi air a phàigheadh le duinuasal dan bainm Iain Hay; cha dfhuair Mac-Leòid cothrom riabh air an dreachd a nochdadh don duin’ -uasal sin a chum an airgeid a tharruinn; air an aobhar sin cha dfhuair Dòmhnull Mac-Leòid sgillinn fathast air son na dhfhuilig e chruadal maille ri Tearlach, gidheadh cha chualas e riabh agearan no caoidh air son a shaoithreach!


Am Fear-gnothuich.

Thigeadh e dhachaidh gu h-anmochsan oidhche, agus bhiodh e a mach gu mochsa mhaduinn, agus cha bhiodh latha dhen t-seachdain aigena thigh fhéin ach Di-dònaich, agus chaitheadh e achuid bu mho dhen latha sin aleughadh nam paipearan.

La àraidh thainig e dhachaidh ni bu tràithe na bàbhaist, agus chunnaic e achlann acleasachd mun dorus. Rinn fear de na gillean beaga rud eigin as an rathad, agus smachdaichathair e.

Thainig an gille stigh gu mhàthairs e acaoineadh. “A mhàthair,” ars esan, “bhual am fear ud mi.”

Co am fear ud?” arsamhàthair ris.

Tha am fear a bhios ann an so Di-dònaich,” ars an gille.


Chaidh fhaoighneachd de dhuine bhadol a dhionnsuidh na croicbe gu de acheud cheum a thug e air slighe na droch-bheairt. Fhreagair e gum be fear-deasachaidh a chur as a chuid fhéinpris da bhliadhna dhen phaipeir. Aon uairs gun drinn e sin, bha a leithid de ghreim aig an deamhan airs nach burrainn da a chrathadh dheth.

A reir àireamh na bliadhnan uiridh tha 76,295,000 sluaigh anns na Staidean, agus tha ainbhfhiach na dùthcha cho mors nam biodh i air a roinn eatorra gum biodh direach coig dolair dheug aig gach duine, bean us pàisde ri phàigheadh.

Chaidh tigh-eiridinn fhosgladh ann am Belgium air a bhliadhna dhfhalbh air son leigheas na caitheamh. Ben dòigh air an robhas a dolga leigheas gun bhiadh sam bith a thoirt dhaibh-san air an robh i ach feòilamh. An ceann beagan mhiosan bfheudar an tigh a dhùnadh; cha robh eifeachd sam bith anns an dòigh leigheis a bhatar a cleachdadh ann.

Ma tha thu air son do chàirdeas a nochdadh dha dcharaid, chan eil dòigh anns an fhearr an urrainn dhut sin a dheanamh na MAC-TALLA chur uige fad bliadhna. Cha chosg e dhut ach dolair agus bheir e do chàirdeas gu cuimhne do charaid gach uair a ruigeas e eleth-cheud uairsa dhasa bhliadhna.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[232]

[Vol . 9. No. 30. p. 8]

Rainn do Mhac-Griogair.

LE MR. SEUMAS MAC-GRIOGAIR, D. D.

Tha mo chiabhan air glasadh,
S mo ghruaidhean air casadh;
Gu bheil fiaras is airsneul ga mleon.

Mi bhithg iargain a chinnidh
Gus an trialladh gach filidh
A rinn màrachs mim ghille beag òg.

Bu sibh mairm, bu sibh maodach,
Is mo chuilbheirean caola,
Is mo bhoghachan daorair dheagh neoil.

Dheagh Mhic-Griogair nam bratach,
Gan robh gliocas is pailteas,
Tha thun ciste chaoil ghlaiste fon fhòid.

Bann dhe dfhasain air uairibh
Crùn datht’ ’thoirt do Ruairidh,
Agus aodach ùr, uasal, mar ròs.

Nuair a dhìreadh sibhm bruthach
S a ghlaodhsibh bàrr giubhais,
Gum biodh luchd nan ad dubha fo leon.

Bha min làthair an latha
N robh do bhràithrean is tathair
Far an dfhàg sibh nan laighe luchd-chleoc.

Ann an geata Rois-Duibhe,
Far an do sheasamh do bhuidheann,
S iad gun eagal, gun phudhar, gun leon.

Luchd bhualadh nam buillean,
Farm bu chruaidh air cach fuireach;
Bu leibh uachdar is urram gach gleois.

S e bu dual dhuit o dsheanair
Bhith gu buaidheil, deas, fearail;
Ann an cruadal gun leanadh sibhn toir.

Chaidh na laghannan cruaidhe a bha an aghaidh Chloinn-Ghriogair a chur air cùlsa bhliadhna 1734. Ghabh na Griogaraich an sin an ainm fein. Aig a cheart àm ghabh 824 dhiu ri Iain Mac-Griogair an Lanraic mar cheann-cinnidh. Chaochail an triath so sa bhliadhna 1852. ’S ann an sin a rinneadh na rannan a thug sinn seachad.


Oran Connsachaidh Eadar Fear agus Bean mun Ol.

LE BARBARA FHRISEAL.

ISE.

Is tric ag amharc sios mi,
Làn miothlachd mu fhear mu thaighe;
Ach ma chaidh thum fiadh orm,
M bhriathar cha mhath an naidheachd.
Gun dfhalbh thu moch Di-ciaduin
Dhòl fiona do Bhailna h-amhunn;
S gum faodadh tu bhith lionte
Is nàraichtair miad do phathaidh.

Mas tu bhacumail féill ann,
Bu gheur thu gu gnothach tapaidh;
S mas tu a bha ga h-eigheach
Bha feum ort ann o chionn seachdain,
A cumail sluaigh richeile,
S na ceudan diu ann rim marcaid;
S an àm dhaibh a bhith sgaoileadh
Gu saoithreachail a toirt pas dhaibh.

ESAN.

O, fire-faireBharbara,
S mi-dhealbhach dhuit a bhith fanaid,
S mig òl do dheoch-slàinte
S gach àitsam biodh i riceannach.
On a dhfhalbh gach tàbhairn,
S gach pàirtidhbhann o chionn tamuill,
S mithich teannadh làmh-riut,
Bi bàighail ri duine falamh.

ISE.

S mi nach h-fheil ga tiarraidh,
Chan fhiach leam do chaitheamh-beatha;
Gum faoduinn-sabhith eolach
Mun phòca nach deanadh gleidheadh.
Sud an rud a leon mi
Mo stòrasbhith feadh nan taighean,
Ga chaitheamh leat gu ròpach
An stòpan den uisge-bheatha.

ESAN.

A bhean tog dhiom de dthuaileas,
Cha chualas gun robh mi misgeach;
Is bheir mi rogha duaisdhuit,
S na luaidh e ged tha minis ann.
Nuairthachradh rium fir aoibhail
Bhiodh caoimhneil rium len cuid licair,
Mur ceannaichinn fhìns mur pàighinn,
Cha bàirde nan ceard am meas mi.

ISE.

O! cha do dhiarr mi riamh ort
Bhith crion ann an àite duine,
Achbhith mar fhear de chàch
Ged bu chàrt a bhiodh air gach urra.
Ach ons e tfhasan-spàigheadh
S gach aitesan dean thu fuireach;
S giorra gu morbu chàra dhuit
Tàmh am mach air do thuras.

ESAN.

Bhean tog dhiom de dghòraich’,
S mi brònach an déidh mo dhibhe;
S daor an ceannach dhomh-s
Air do stòras na ni thu bhruidhinn.
Chan fhaigh thu fear gun duais bhuait
Theid suas air Bealach-an-ruighe;
S machuireas tu a sios fear
Gun iarr e ort airgiod dibhe.

ISE.

Is mor a bfhasa dhomhs
Airgiod stoipthoirt do mo sgalaig
Na thusa a bhithn còmhnuidh
An seomricheang òl nan galan.
On tha thud dhuine pòsd
Cha bu choir dhuit a bhith ri breamas,
A cur cuid dhaoine coire
Le goraiche anns gach bairill.


Gleann-a- Mailidh.

LE CAIPTIN PADRUIG CAIMBEUL.

Fagaidh mim bailesan t-samhradh,
Is theid mi don ghleann againn fhìn;
S tillidh sinn dhachaidhsa gheamhradh
A chumail nam Frangach bho thir.

S ann againn than gleannantha uaigneach;
Chan fheil cho neo-luaineachsan tir,
Chan fhaicear leinn duinann ach buachaill’,
Is brogaich a cuartachna frìth.

sinn ann cur agus cliathadh,
S cha treabh sinn am bliadhna le crann;
A mhaduinn bidh againn gu iasgach,
S am feasgar gu fiadhach nam bean.

Gheibh sinn ann cnothan is caorann,
Is gheibh sinn ann braonain gu leoir;
Bidh dearcagan-fithich air fraoch ann,
S cha téid sinnn tràigh mhaoraich rir beo.

Bha Pàdruig Caimbeul nachaiptin anns an Reisimeid Duibh. Bha e na shealgair ro mhath. Chaochail e aig Gearasdan Ionar-Lòchaidhsa bhliadhna 1816. Cha do phòs e riamh.


Chaidh fear Seumas Scott, mèinneadair, a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia mu dheich uairean maduinn Di-luain sa chaidh. Thuit torr chlach air agus e aig obair. Bha e ann an suidheachadh gle iseal an deigh a thoirt dhachaidh, ach tha choltas air gum faigh e thairis air. Tha e leth-cheud bliadhna dhaois.

A dhuine, ’dhuine!” arsa Calum Ruadh, “nach iongantach leat an saoghal, ’s a h-uile rud a tha air uachdar. Chan fhaca tu riamh rud cho iongantach ris!”


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


GIBHTEAN NOLLAIG.
Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets , Lockets, Dressing Cases,Bataichean le cinn oir.
ANNS AN STOR AIG—K . BEZANSON.


Is ann againne a gheibhear an caiseart as fhearrs as saoire. Tha sinn acumail na h-uile seorsa, bhon t-seorsas saoire gus an seorsas fhearr.

Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.

Tha gach paidhir bhrog a tha sinn acreic ur; chan eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho isealsa ghabhas iad cur air son airgeid.

A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE, 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.

titleIssue 30
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 30. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page