[Vol . 9. No. 31. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 1, 1901. No. 31.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. IX.
“CHA ’N ’EIL FALACH AIR AN OLC ACH GUN A DHEANAMH.”
NA biodh cùram oirbhse nach fhaigh sibh a h-uile rud a bhios feumail dhuibh an uair a bhios sibh a’ dol a phosadh,” ars’ am maor ’s e tionndadh ris an triùir a b’ òige dhe na h-igheanan. “Tha mise ’creidsinn gu ’n cuir bean an Uachdarain plangaidean agus aodaichean gu leòr eile dhachaidh a h-uile bliadhna. Cha ’n fhaodar Anna ’leigeadh air falbh as an taigh ro lom a dh’ aodach-laidhe. Feumar an nighean a’s sinne a chur air a taigh ’s air a taigheadas cho math ’s cho dòigheil ’s a ghabhas deanamh. Cha bhiodh meas aig daoine oirnn mur deanamaid so.”
Thionndaidh am maor ri Seonaid, agus thuirt e, “A nis, a Sheonaid, ma rinn thu dhe ’n t-saoghal e, dean greim air Aonghas Fionn air aon dòigh no dòigh eile, agus theid mise am bannadh dhut nach bi do thochradh dad air dheireadh air an tochradh a gheibh Anna.”
An uair a chuala, Seonaid so, dh’ fhas a h-aodann gu math ruighteach. Ach ge b’ e air bith freagairt a thug i air a h-athair, cha chuala na fir a bh’ aig an uinneig ceart ciod a thubhairt i.
Fhreagair Mòrag, an te a b’ òige dhe ’n teaghlach, agus thuirt i, “Bha Aonghas Fionn agus Domhull Beag aig an taigh mu thràth suipearach. Bha toil gu leòr aig Aonghas a bhith greis a’ comhradh ri Seonaid; ach o’n a dh’ iarr sibh fhein gun leigeadh le daoine a bhith mu ’n cuairt an taighe, b’ fheudar do Sheonaid iarraidh air a dhol dhachaidh. Tha mise cinnteach nach do chòrd sid ris idir.”
“Fan samhach, a chreutair mhosaich. Cha teid fosadh air do bheul ach ag innseadh a h-uile rud a chi agus a chluinneas tu. Cha stad thu dhe d’ innseagan gus an cuir thu thu-fhein agus daoine eile ann an crois,” arsa Seònaid.
“Cha ruig thu leas, a Sheònaid, a bhith ’g a àicheadh; bha mi fhein ’s an éisdeachd an uair a bha e ’bruidhinn riut, agus dh’ aithnich mi air nach robh e toilichte,” arsa Mòrag.
Cha d’ éisd Seònaid an corr; ach thug i buille mhath do Mhòraig anns a’ cheann. Thòisich Mòrag ri caoineadh. O’n a b’ i a b’ òige, bha ’n teaghlach gu léir a’ deanamh mòran dhith.
“Is beag orm fhein Aonghas Fionn,” arsa bean a’ mhaoir. “Cha teid fois no dìobradh air a latha no dh’ oidhche ach a’ magadh air cuideiginn—cleachdadh cho suarach ’s a b’ urrainn a bhith aig duine sam bith, biodh e òg no sean.”
“Na bi thusa ’g ràdh a leithid sin idir, ’Una,” ars’ am maor. “B’ fhearr leamsa greim a dheanamh air na air Tearlach. Nam pòsadh e Seònaid, cha bu mhisde sinn idir e. Tha ’athair ann an seirbhis an Uachdarain o chionn ùìne fhada, agus tha meas mòr aig an Uachdaran air. Faodaidh an t-Uachdaran sin; oir bha, agus tha, e ro dhìleas dha. Far am bheil seirbhiseach dìleas, bidh meas aig a mhaighstir air an comhnuidh.”
“Ma tha e cho math agus cho dìleas ’s a tha thu ’g ràdh, is neonach an gnothach gu ’m bheil daoine ’gearain air cho tric ’s a tha iad,” arsa bean a’ mhaoir.
“Nach iongantach leamsa na beachdan a th’ agadsa, ’Una. Nach math a dh’ fhaodadh fios a bhith agad gur ann mar is dìsle a bhios seirbhiseach dh’ a mhaighstir is mò a ni daoine eile de chàineadh air. Tha ambrus laidir agam gu ’m bheil muinntir na dùthchadh so anabarrach math gu bhith ’faotainn beum do gach coigreach a thig a dh’ fhuireach ’nam measg. Is ann a tha cuid dhiubh mar gu ’m biodh iad a’ smaointean nach bu chòir fear sam bith a bhith ann an dreuchd ach fear dhiubh fhein. Tha mise ’creidsinn gu ’m bheil iad ’g ar ruithne sìos mar a tha iad a’ ruith sios dhaoine eile. Ach is e feuchainn ri cur suas leis a h-uile dìmeas is cùl-chàineadh a ni daoine oirnn gnothach a’s glice dhuinn gu mor. A dh’ aon chuid, cha ’n ’eil sinn ’nan taing. Is e ar gliocas cumail ann an dlùth chairdeas ri Domhull Hearrach. Ma bhios sinne réidh ris, bidh sinn réidh ris an Uachdaran. An uair a bhios an t-Uachdaran agus Domhull Hearrach comhladh ’s a’ bheinn-sheilg, bidh moran comhraidh eatorra mu thimchioll gach ni a tha ’tachairt air an oighreachd. Agus ge b’ e neach air am bi meas aig Domhull, faodar a bhith cinnteach nach cuir e dad cearr as a leith ris an Uachdaran. Tha Domhull Hearrach a nis greis mhath aoise; agus bha e ’g innseadh dhomh an latha roimhe, gu ’m bheil a fhradharc a’ dol air ais glé mhòr. Ann am bliadhna no dhà eile, cha bhi de fhradharc aige na dh’ aithnicheas na féidh seach na creagan. Faodaidh tusa ’bhith cinnteach gur e Aonghas a chuireas an t-Uachdaran a shealg nam fiadh an àite ’athar. Cha ’n aithne dhomhsa teaghlach eile air an taobh so dhe ’n dùthaich a’s fhearr dheth na teaghlach Dhomhuill Hearrach. Tha taigh math, seasgair aca, agus tha biadh is annlann gu leor aca aig gach àm dhe ’n bhliadhna; agus cha ’n aithne dhomhsa teaghlach eile a’s fhearr aodach laidhe agus éirigh na iad. Ged is mòr am facal e, tha mi ’creidsinn gur i bean Dhomhuill Hearraich an aon té a’s fhearr gu calanas a tha eadar dà cheann na dùthchadh. Bidh i trang aig calanas moch is anamoch is meadhain latha. Cum thusa suas ri Domhull, a Sheonaid. Ma gheibh thu greim air, bidh d’ aran fuinte. Ged a tha Tearlach ’na dhuine òg cho dreachar ’s a th’ anns an dùthaich, cha ’n ’eil e faisge cho glic ’s cho deanadach ri Aonghas. Dean greim air gun dàil, a Sheonaid. agus cha ’n eagal nach fhaigh thu do chuid dhe na h-aodaichean a thig dhachaidh an ath bhliadhna.”
Cha robh na briathran so a labhair am maor mu Thearlach Ruadh a’ còrdadh ris a’ mhnaoi idir, agus thuirt i, le guth frithir, “Fan samhach, Alastair. Na bi ri bruidhinn gun tùr air an dòigh sin. Cha do ghlaodh mo chridhe riamh ri Aonghas Fionn. Mar a thuirt mi mar tha, cha teid dùnadh air a bheul ach a’ deanamh spòrs is fanaid air cuideiginn. Esan an cabairneach gun toinnisg! C’ aite am bheil e coltach ri Tearlach ann an dòigh sam bith?
“Sin agad gille air am bheil meas mor agamsa—Domhull Beag mac Sheumais. Cha ’n ’eil aon fhear eile ’tighinn rathad an taighe cho modhail ’s cho iomchuidh ris. Na ’m bithinnsa ’nam nighinn òig, dheanainn roghainn dheth air thoiseach air fear sam bith eile a’s aithne dhomh. Cha chluinnear e a’ cur buille air neach sam bith. Cha ’n fhaicear piob thombaca ’na bheul, agus idir cha ’n fhaicear e ag òl anns an taigh-òsda. Gille glic, deanadach mar a tha e, theid mi an urras nach bi éis air té sam bith a phòsas e, fhad ’s a sheasas a shlàinte ris.”
“So, so; foghnaidh dheth an drasta. Bithibh a’ gabhail a laidhe. Is leasg leibh eirigh. Feumaidh mise na h-aodaichean so a phasgadh,” ars’ am maor.
Gun dàil sam bith dh’ fhalbh Aonghas is Domhull o’n uinneig. Bha Aonghas an dùil gu ’m faigheadh e cothrom air an lòsan a chur ’san uinneig mar a bha e roimhe; ach bha eagal air gu ’n cluinneadh an fheadhainn a bh’ anns an t-seòmar e.
An uair a bha iad a’ dol seachad air cùl an taighe, thug iad an aire gu ’n robh solus á uinneag na clòsaid. “Tilleamaid feuch am faic sinn ciod e tha na h-igheanan a’ deanamh,” ars’ Aonghas.
“Tha mi coma ged a thilleadh. O’n a tha sinn ris an olc o’n thainig an oidhche, tha e cho math dhuinn an t-earball a leigeadh leis a’ chraicionn,” arsa Domhull.
An uair a ràinig iad faisge air an uinneig, ciod a b’ iongantaiche leotha na an ceathrar nighean agus am màthair fhaicinn ann am meadhain torr mòr de dh’ aodaichean agus de sheadhlaichean dhe gach seòrsa, agus iad a’ cur air leith dhaibh fhein a h-uile pìos aodaich, agus a h-uile seadhail a b’ fhearr na chéile a chitheadh iad. O nach robh aodach ris an uinneig, cha b’ urrainn do na gillean a dhol cho dlùth oirre ’s gu ’n cluinneadh iad ciod e bha na boirionnaich ag ràdh. Chuir a h-uile rud a bh’ ann a leithid de mhi-chiataibh orra le chéile ’s nach b’ urrainn daibh fuireach far an robh iad na b’ fhaide.
An uair a choisich iad greis air adhart ’s gun iad ag radh facal leis a mhi-chiataibh a chuir gnothaichean a’ mhaoir ’s a theaghlaich orra, thuirt Aonghas, “Ciod i do bharail a nis air a’ mhaor ’s air a theaghlach?”
“Bha barail mhath gu leòr agam orra gus an nochd; ach ma bha, cha bhi tuilleadh. Mur b’e na chunnaic ’s na chuala mi o thuit an
[Vol . 9. No. 31. p. 2]
oidhche, cha robh anns an t-saoghal na bheireadh orm a chreidsinn gur e sid seòrsa daoine a th’ annta.”
“Ach smaoinich thusa air cho stòlda ’s a shuidheas iad sid anns an eaglais air Di-domhnaich. Saoilidh tu nach ’eil daoine air an talamh cho naomha ’s cho beannaichte riutha. Gabh thusa beachd air a’ mhaor a’ cheud latha bhios tu anns an eaglais, agus chi thu mar a chrathas e a cheann a h-uile uair a chluinneas e briathran a chòrdas ris, ma ’s fhior—direach ma ’s fhior. Sid an dòigh a th’ aige air a bhith ’feuchainn ri toirt air daoine a chreidsinn gu ’m bheil e ag éisdeachd le toil ’s le tlachd ri facal Dhé air a leughadh ’s air a shearmonachadh. Ach ma tha e ’na fhear-éisdeachd an fhacail, tha e soilleir gu leòr dhomhsa agus dhutsa nach ’eil e ’na fhear chur an gniomh an fhacail. Tha mi fhein dona gu leor, agus tha fhios aig a’ Chruithfhear gu ’m bheil; ach cha ghoidinn aodaichean nam bochd ged a gheibhinn an saoghal mu ’n iath a’ ghrian. Tha mise ag ràdh riut, a Dhomhuill, nach pòsainn té seach té de nigheanan a’ mhaoir ged a gheibhinn peighinn agus leith an domhain leatha. An latha ’phòsas mise agus tusa, tha mi ’n dòchas gu ’n toir gach fear dhinn eun a nead ghlain. Is e am fortan fhein a chuir rathad an taighe sinn an nochd. An cual’ thu fhein mar a bha ’n truilleach suarach duine ud ag iarraidh air Seonaid greim a dheanamh ormsa? Ged a bheireadh a mathair a’ chomhairle ud oirre, cha chuireadh e ioghnadh sam bith orm; oir tha màthraichean, mar is trice, anabarrach math gu iasgach ghillean do ’n cuid nighean. Feumaidh tusa, ’Dhomhuill, a bhith air d’ fhior fhaicill. Tha meas mòr aig bean a’ mhaoir ort, agus ma chuireas i fhein agus Catriona na dubhain annad, cha rachainn an urras nach glacadh iad thu.”
(Ri leantuinn.)
Sgeul air Gaol ’us Gaisge
(Air a leantuinn.)
CHAS Arsacius ’fhiaclan air a cheile. Dh’ fhairich e a chridhe ag eiridh air. Mhothaich a’ bhean-tighe da agus crith anns gach ball air. Dh’ fheoraich i mar a bha. “Cha teic olcas,” ars’ esan; agus mallachd agus eascaoin ’gan guidhe aige eadar na fiaclan. Ach cha robh feum dha teannadh ris na guidheachan, agus cha b’e am fear nach d’ aithnich e. Cha d’ rinn e dad ach asteach leis agus breth air claidheamh Nessuis a bha am braigh an doruis. Bhuail e a mach air an dorus, a’ dol ’na dheann an taobh a bha tigh Bhassuis, a’ cuir roimhe gur esan a nis a bhuaileadh dorn air thapachd, agus gu ’n toireadh e a mach dioghaltas, oir cha bu lag an duine e ri uchd cruadail mar a dh’ innseadh cheana. Cha robh ann ach anam aon neach a mhain, ach nan robh anam agus fichead aige dh’ iomaireadh e iad uile ris, sul an leigeadh e an aisge leis an gniomh uamharra. Cha sàruichear agus cha ’n fhairtlichear air an fhìor-ghaol, agus bha an claidheamh ri thaobh a’ cuir misnich agus spionnaidh ann agus e a’ dararaich ri ’acfhuinn eile.
Rainig e. Mar a bha duil aige bha an ard dorus dùinte. Thug e cuairt air an tigh. Cha robh ri fhaicinn ann ach uinneag bheag agus ceithir croinn uirre, agus i mar fhad seachd troidhean o’n lar. Ghearr e leum an àrd chuice so, claidheamh eadar fhiacail, chuir e a neart ris na croinn, ach cha robh stath dha. Tharruing e iad agus spiol e iad, ach ged a bhiodh e ’gan tarruing fathast, cha tigeadh iad leis. Fa dheireadh thuit e gu lar air bhainidh agus gun ruigsinn aige air Candida.
Thug e an ath-chuairt air an tigh. Ciod e a th’ agad air ach gu ’n robh an ard-dorus fosgailte. Dhil-bheachdaich e air, agus shaoil leis nach bu chomharradh math air a ghnothuch e. Ciod a bu bhrigh da? Ribe gun teagamh, ach cha robh tiom fuireach ann. Chaidh e air a chorpagaibh thar na sraide. Cha robh fios no eolas an tighe idir aige. Ghabh e suas an staidhre—an dorchadas a’ comhdachadh gach ni. Cha chualas guth no cagar. Stathuinn bheag eile air aghaidh da. —Aite na marbhan. Dhruid e tamull eile anios. Chuir e dheth an “atrium” (no an talla) agus ghabh e an t-urlar an sin suas roimhe. Rainig e trannsa agus an sin chuala e am fuaim sin air an robh e cho eolach o chian—gearan an leomhain. Ged a bu mhanadh na h-eiginn e bu rabhadh gu fuasgladh, ach b’e cùram a b’ fhearr feum fathast. Gach feith agus rudan air a theinnead, an claidheamh togarrach agus a roinn deas, ealamh, furachair. Dranndan seoganach an leomhan ’na chrith chruaidh a rithisd. Theann e goirid do ’n chuirt mheadhonaich. Dh’ fhosgail e an dorus. Sealladh na dunach! Candida ceangailte ri colbh-eas agus cuideachd leomhan mor, aidhbheil ceangailte ri bacan le slabhraidh, agus bha de fhad an t-slabhraidh gu ’m faodadh e, cha mhor, ise ’sgriobadh le ’ionga.
Cha bu ruith da ach leum a sios chuice. Chuala e aig a cheart àm an dorus mor ’ga dhunadh le gleang. Bha e ’na phriosunach aig Bassus! Cha b’ ionnan dol gu a thigh agus teachd as, agus bu bheag duil a bha aige gu ’n diongnadh e as a sin gu brath.
Chuala e an gaire sgeigeach, an-iochdmhorach; cha robh fhios aige cia as da, ach dh’ aithnich e gu math gur e gaire a namhaid e, mu ’m faodadh a radh:—
“Na gheibh e ’na dhorn,
Cha reic e air or;
Ri gul no ri deoir
Cha ’n eisd e.”
Chaidh an duine bochd ’na ruith ann an sas a leannain, agus an duil gu ’m b’e siod an oidhche mu dheireadh dha a faicinn. Cha bu luaithe a rainig e i na thuit i seachad ann an neul, agus gun suim aige ’ga chuir anns an leomhan dh’ fhuasgail e i agus leig e ’na luidhe gu seimh sios air an urlar mharmhor i.
“Do bheatha, ’Arsacius,” arsa glaodh ard a thug air sealltuinn suas; b’e Bassus a bh’ ann, ’na sheasamh air grianan no lobhta air aon taobh de ’n chuirt. “La na dunach,” ars’ Arsacius ris fein, ged nach do leig e dad air ris an fhear eile. “Is fada o’n a bha mi ag altachadh le slainte dhut, ach rainig mo chothrom air fa dheireadh. Ciod e thug ort an uinneag ’fhiachainn, agus gu ’m bheil dorus agam fein ri m’ thigh? Cha ’n e an uinneag rathad duine chòir.” “Is briagha an la an uair a ni am madadh-ruadh searmoin,” arsa Arsacius ris fein. “Cha b’ iongnadh leam ach thu,” arsa Bassus, a’ leantuinn roimhe. “Ach mar is mo a’ chuideachd is ann is fearr an lan-aidhear. Bu truagh, craite gun thu shios agam an sin gus gu ’n cuirteadh oidhche chridheil seachad leat aig an leomhan, agus an uair a bu leir dhomh do dheigh air faighinn asteach, thainig orm an dorus ’fhosgladh agus cuireadh balbh a thoirt dhut mar sin.”
“Cha ’n ’eil agad ach a bhi ’bruidhinn, a’ shlaoightire,” arsa Arsacius, “ach tha doigh agamsa nach ionnann.” Agus thionndaidh e cul ris gun an corr feart a thoirt air, ach a’ fiachainn ris an oigh mhaisich a thoirt chuice fein.
Ach cha robh Bassus buidheach sgeig fathast.
“Na bi cho baoghalta agus a h ath-dhusgadh sin,” ars’ esan, “leig leatha bàsachadh gun fhios ’fhagail aice idir. Thoir fanear fad mionaid mar a tha a’ chuis. Olc air mhath leat, is e thusa is culaidh-bhuird dhomh a nochd. Is math a bhuail e ’nad cheann tighinn. Cha bhitheadh an cluich iomlan mur bitheadh thusa ann. Feuch fein an t-slabhruidh! Chaidh a ceann (a tha ’na fhail iaruinn) a chuir mu ’n cholbh iaruinn a tha ’n sin. Cha ’n ’eil agam ach dol sios gus an t-seomar uachdrach agus an colbh sin a thoirt a bhan agus gheibh am beisd fuasgladh. Cha ’n fhaic duine sam bith thusa no ise a’ dol bas ach mise, oir thug mi air a h-uile traill agam an tigh ’fhagail fodham an nochd. Feuch riut a nis! Air ’fheobhas ge ’m faighear thu, cha mhor gaisge a ni thu an nochd. Rinneadh dearmad bidh agus dearmad dibhe air a’ bheisd fad seachduin, agus is e deoch de d’ fhuilsa a chaisgeas ’iotadh air tus. Theirig ris.”
An uair a chuala Arsacius gu ’n robh gach duine a mach thog e an og-bhean ’na ghairdean foghainteach, agus thug e an dorus air; ach ma thug, mo thruaighe, bu chianail a mhealladh e. Cha rachadh an dorus fhosgladh ach o’n taobh a muigh.
Ann an coileach an t-sruth daibh.
Bha an leomhan a’ toirt sineadh eagalach air an t-slabhruidh, agus an colbh a’ dol sios a lion beagan agus beagan.
“Ged a rachainn sios,” ars’ esan ris fein, “cha deanainn feum air an ainmhidh. Co shamhlaicheadh e fein ri a leithid de bheisd; ach dh’ fhaodainn te de na spogan a ghearradh dheth fhad ’s a tha e air an t-slabhruidh.”
Chaidh e beagan cheumannan air ’aghaidh.
Thuit an colbh as an t-sealladh agus dh’ fhuasgladh an leomhan.
Thainig am beist chuige, ach cha ’n ann da leum. Thog an laoch roinn a’ chlaidheimh ris. Ach an an aite ’fhiaclan a chuir ’na ghairdean is ann a rinn e sodail ris, chuir e a dhruim air bhogha, ag iarraidh a chniodachadh, agus a dh’ aon fhacal a’ leigeil air gach comharradh aithne agus aoibhneis is abhaisteach do na beistean.
B’e a bh’ ann fear de na beistean a bha aige fein ri ionnsachadh anns an àm a chaidh seachad.
Threoraich Arsacius an leomhan do ’n fhuaran, agus thoisich e cho dian sin air ol agus gu ’n do shaoil le a mhaighstir gu ’n robh an fhirinn aig Bassus a thaobh an dearmad dibhe a rinneadh air. Thog e Candida air fras-mhullach a ghuailnean agus cha robh bhuaithe a nis ach cia mar a rachadh an dorus ’fhosgladh.
(Ri leantuinn).
Ga Thoirt gu Ceill.
Aireamh mhath bhliadhnaichean air ais bha fear Rob Carruic a’ cumail banca ann an aon do bhailtean na h-Alba. Bha e ’na dhuine anabarrach beairteach, agus bha e cho cruaidh ’sa bha e beairteach. Bhatar a togail taigh-eiridinn anns a bhaile, agus thainig dithis dhaoine far an robh e aon latha dh’ fheuch ciod an t-suim a bheireadh e mar chuideachadh air son a thogail. Chuir e sios ’ainm air son da ghini. Thuirt fear de na daoine gu robh sin gle bheag. “Cha’n eil, cha’n eil,” arsa Carruic, “cha’n urrainn domh an còrr a sheachnadh!”
Chaidh na daoine an deigh sin gu Wilson, fear de na marsantan bu mhotha bha ’sa bhaile; agus air dha-san na h-ainmean ’s na suimeann a bha air an cur f’an comhair fhaicinn, thuirt e “An
[Vol . 9. No. 31. p. 3]
ainm an aigh! an e da ghini na thug Carruic dhuibh?”
Thuirt na daoine ris gu ’m b’e, agus dh’ innis iad dha mar a thuirt e nach b’urrainn e ’n còrr a sheachnadh. “Deanaibh stad beag, a chàirdean,” arsa Wilson, “bheir mise ’n duine gu thùr fhéin an ùine gle ghoirid.”
Sgriobh e an sin air paipear beag a thug e á leabhar òrduigh air banca Charruic, a’ tarruinn na h-uile sgilliun a bha aige air riabh ann, deich mile punnd Sasunnach.
An ceann choig mhionaidean bha Carruic far an robh iad ’s ’anail ’na uchd leis a’ chabhaig. “Ciod e tha cearr?” ars esan ri Wilson.
“Cha’n eil sion cearr ormsa,” arsa Wilson, “ach dh’ innis na daoine so dhomh nach b’urrainn dhut-sa sheachnadh air son togail an taigh eiridinn ach da ghini. Smaoinich mi air ball gu robh rud-eigin cearr, agus chuir mi romham mo chuid airgeid a thoirt as a’ bhanc’ agad gun dàil sam bith air eagal gu robh e gu bristeadh!”
Thug Carruic am peann as a laimh, ’s rug e air paipear nan ainm. Dhubh e as an da ghini, agus sgriobh e sios leth-cheud ’na àite. An sin shrac Wilson an t-òrdugh, thilg e dh’ an teine e, agus dh’fhag e ’chuid airgeid am banca Charruic mar a bha e roimhe.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Ganem.
CAIB. II
CHA bu luaithe a bha e shuas anns a’ chraoibh na chunnaic e, le cuideachadh an t-soluis a chuir an t-eagal air, triuir dhaoine tighinn do ’n ait’ adhlacaidh. Dh’ aithnich e air an eideadh a bh’ orra gu ’m bu sheirbhisich a bh’ annta. Bha fear dhiubh air thoiseach agus lainntear aige, agus bha ’n dithis eile ’falbh na dheigh agus ciste throm aca air an guaillean anns an robh mu choig no sia troidhean a dh’ fhad.
An uair a leig iad a’ chiste air lar, thuirt fear dhiubh, “A bhraithrean, ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, fagaidh sinn a’ chiste ann an so, agus tillidh sinn do’n bhaile.”
“Cha till, cha till,” arsa fear eile, “cha b’ e sin a dh’ aithn ar banamhaighstir dhuinn; mur dean sinn mar a dh’ aithneadh dhuinn, is docha gu’m bi aobhar aithreachais againn. Cuireamaid a’ chiste fo’n talamh mar a dh’ aithneadh dhuinn a dheanamh.”
Dh’ aontaich an da sheirbhiseach eile gu ’n deanteadh mar a dh’ aithneadh. Thoisich iad ri cladhach na talamhainn leis na h-innealan a thug iad leotha air son an aobhair. An uair a chladhaich iad domhain gu leor, chuir iad a’ chiste anns an t-sloc, agus an uair a chuir iad an talamh air a muin mar a bha e roimhe, thill iad dhachaidh.
Chuala Ganem ann am mullach na craoibhe a h-uile facal a bh’ eadar na seirbhisich, agus cha robh fhios aige ciod a theireadh e mu dheidhinn a’ ghnothaich a bh’ ann. Ach thuig e gu ’n robh ni eiginn luachmhor anns a’ chiste, agus gu’n robh aobhar sonraichte aig an neach do ’m buineadh i air son a tiodhlacadh anns a’ chladh ud. Ghrad chuir e roimhe gu ’m faigheadh e ’mach ciod a bh’ anns a’ chiste. Thainig e nuas as a’ chraoibh cho luath ’s a dh’ fhalbh na seirbhisich, agus gun eagal sam bith air. Thoisich e ri cladhach le ’lamhan ’s le ’chasan cho math ’s a b’ urrainn e, agus ann an uine gun bhith fada, leig e ris a’ chiste. Ach fhuair e gu ’n robh i glaiste le glas-chrochaidh. Chuir so dragh gu leor air, ach cha do chaill e a mhisneach. An uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, thug e an aire gu ’n robh cnapaich chlachan dluth dha. Thog e te dhiubh, agus bhrist e a’ ghlas leatha, agus ghrad dh’ fhosgail e a’ chiste.
Ghabh Ganem ioghnadh anabarrach an uair, an aite airgiod fhaotainn anns a’ chiste, a fhuair e boirionnach innte cho maiseach ’s a chunnaic suil duine riamh. An uair a chunnaic e a dreach, an ruthadh a bha ’na gruaidhean, agus cho nadarra ’s a bha a h-anail am mach ’s a steach, thuig e gu ’n robh i beo; ach cha b’ urrainn e thuigsinn ma ’s ann ’na cadal a bha i, cia mar nach do dhuisg i leis an fhuaim a rinn e an uair a bha e ’bristeadh na glaise. Bha ’n trusgan a bha uimpe cho riomhach, agus bha na lamh-bhannan ’s na daoimein cho luachmhor, agus bha na neamhnuidean a bha m’ a h-amhaich cho mor ’s nach robh teagamh sam bith aige nach b’ e te de dh’ ard mhnathan uaisle na cuirte a bh’ innte. An uair a chunnaic Ganem am boirionnach maiseach so, cha b’ e mhain gu ’n do ghabh e truas dhith, agus gu ’n robh e gu nadarra toileach cobhair a dheanamh oirre ’na h-eiginn, ach dhuisg faireachdainean laidir eile suas ’na chridhe nach robh e aig an am a’ tuigsinn a thug air gach cuideachadh ’na chomas a dheanamh leis a’ bhoirionnach og mhaiseach a bha ’na laidhe anns a’ chiste fa chomhair.
Dhuin e an toiseach geata an ait’ adhlacaidh a dh’ fhag na seirbhisich fosgailte; agus an uair a thill e, thog e a’ bhean uasal as a’ chiste, agus leig e na sineadh air an talamh i. Cha bu luaithe a leigeadh ’na sineadh i, agus a dh’ analaich i an t-aile glan na thoisich i ri sreartaich, agus ri gluasad a cinn. An sin thoisich i ri cur am mach na deoch phuinnseanta a bh’ air a stamaic. Mu dheireadh thoisich i ri fosgladh ’s ri suathadh a sul agus ri gairm le guth a thaitinn gu mor ri Ganem, air an t-sianar mhnathan-frithealaidh a bh’ aice air an ainm, agus ri radh. “C’ar son nach ’eil sibh ’g am fhreagairt? C’ait’ am bheil sibh?”
Bha ioghnadh oirre nach robh na mnathan-frithealaidh ’g a freagairt. Ach mu dheireadh an uair a sheall i mu’n cuairt, agus a thug i an aire gur anns an ait’ adhlacaidh a bha i, bhuail an t-eagal i.
“Ciod is ciall dha so?” ars’ ise, le guth ard, “am bheil na mairbh air eirigh? Am bheil lath’ a bhreitheanais air tighinn? Nach iongantach an t-atharrachadh so o fheasgar gu madainn!”
Smaoinich Ganem nach bu choir dha a’ bhean uasal fhagail na b’ fhaide anns an iomacheist anns an robh i, ach gu’m b’ fhearr dha e fhein a dheanamh aithnichte dhi gu modhail, measail, iomchuidh.
“A bhaintighearna,” ars’ esan, “cha ’n urrainn domh innseadh cho toilichte ’s a tha mi gu ’n do thachair dhomh a bhith an so a chum seirbheis a dheanamh dhut, agus gus gach cuideachadh a tha ’nam chomas a thairgseadh dhut anns an t-suidheachadh eigionnach anns am bheil thu.”
A chum gu’n cuireadh a’ bhean uasal a h-earbsa ann, dh’ innis Ganem dhi an toiseach co e, agus cia mar a thachair dha bhith anns an ait’ ud. A rithist dh’ innis e dhi mar a thainig an triuir sheirbhiseach leis a’ chiste agus a thiodhlaic iad i.
Chuir a’ bhean uasal srol air a h-aghaidh cho luath ’s a chunnaic i Ganem, agus thuig i gu math gu ’n do chuir e fo chomain mhoir i, agus thuirt i ris, “Tha mi taingeil do Dhia a chionn gu ’n do chuir e neach cho fiughail riutsa gus mo shaoradh o’n bhas, ach o’n a thoisich thu air an obair charanta so, tha mi ’guidhe ort gn ’n cuir thu crioch gu math oirre. Guidheam ort rach do ’n bhaile, agus faigh fear aig am bheil miuileid a chum gu ’n toir e mi anns a’ chiste so do ’n taigh agad fhein; oir ma theid mi do ’n bhaile g’ am chois, aithnichear air mo thrusgan nach mi aon de mhnathan cumanta a’ bhaile, agus faodaidh neach eiginn an aire thoirt dhomh agus mo leantuinn. Tha e ro fheumail dhomh nach fhaigheadh sluagh a’ bhaile fiosrachadh sam bith mu m’ dheidhinn. An uair a bhios mi ’na do thaigh fhein, innsidh mi dhut co mi, agus mar a thachair dhomh gus a so. Aig a’ cheart am faodaidh tu bhith cinnteach gu ’n do chuir thu comain air neach a tha gle thaingeil dhut.”
Mu ’n d’ fhalbh Ganem, thug e a’ chiste as an t-sloc, agus chuir e an talamh air ais ann mar a bha e roimhe. Chuir e a’ bhean uasal anns a’ chiste, agus dhuin e i air a leithid de dhoigh ’s gu ’n saoileadh daoine nach do bhristeadh a’ ghlas riamh. Ach air eagal gu ’m biodh i air a tacadh, cha do dhruid e a’ chiste cho dluth ’s nach fhaigheadh an t-aile a steach innte. An uair a chaidh e mach as an ait’ adhlacaidh, dhruid e an dorus ’na dheigh. Agus o’n a bha geata ’bhaile air fhosgladh, fhuair e na bha dhith air ann an uine ghoirid. Thill e gun dail do ’n ait’ adhlacaidh, agus chuidich e am fear aig an robh a’ mhiuileid gus a’ chiste a chur tarsuinn air a muin. Agus air eagal gu ’n gabhadh e amhrus sam bith mu ’n chuis, thuirt e ris, gu ’n d’ thug fear eile a’ chiste do ’n ait’ ud an oidhche roimhe sid, agus o ’n a bha cabhag mhor air gu ’m b’ fheudar a fagail anns an ait’ adhlacaidh.
Fad na h-uine a bha Ganem ann am Bagdad roimhe sid, bha inntinn suidhichte gu buileach air a’ ghnothach a thug do ’n bhaile e, agus riamh gus a sid cha d’ fhairich e bioragadh dhe ’n ghaol. Ach a nis bhuail e gu trom e. Cha robh e an comas dha amharc air a’ mhnaoi uasail oig gun fhaireachadh gu ’n robh e air tuiteam ann an gaol oirre.
Fhad ’s a bha e air an rathad eadar an t-ait’ adhlacaidh agus a thaigh fhein, bha eagal air gu’n eireadh beud do ’n chiste, no gu’n tachradh tubaist sam bith dhaibh leis an cailleadh e a’ choir a bh’ aige oirre, agus thug so air gu ’n do thuig e gu’n d’ fhuair an gaol greim daingean air. Bha e anabarrach toilichte an uair a rainig e dhachaidh agus a chuireadh a’ chiste gu sabhailte steach do ’n taigh. An uair a dh’ fhalbh am fear aig an robh a’ mhiuileid, thug Ganem air fear dhe na seirbhisich an dorus a dhruideadh. Dh’ fhosgail e ’chiste, agus thug e ’bhean uasal aisde. Threoraich e air laimh i d’ a sheomar fhein, agus e leigeadh ris dhi gu ’n robh truas aige rithe air son na deuchainn a dh’ fhuiling i anns a’ chiste. “Ma dh’ fhuiling mi moran,” ars’ ise, “tha toileachadh gu leor agam anns na rinn thusa air mo shon, agus ann a bhith nis saor o chunnart.”
Ged a bha ’n seomar aig Ganem lan de dh’ innsreadh luachmhor, cha b’ ann air a bha ’h-aire ach air an duine ghrinn, thlachdar, mhaiseach a thug a saorsa dhi. Shuidh i air langsaid, agus a chum gu ’n leigeadh i ris do Ghanem gu ’n robh i ro thaingeil dha air son na seirbhis a rinn e dhi, thug i an srol bhar a h-aghaidh. Bha Ganem, air an laimh eile, a cheart cho taingeil air son na h-urram a chuir a’ bhean uasal mhaiseach air an uair a rinn i so, agus lan thuig e gu ’n robh e air tuiteam ann an trom ghaol oirre. Ciod sam bith cho mor ’s a bha i fo chomain dha, bha e ’smaointean gu ’n robh e phaighte gu leor le sealladh dhe ’h-aghaidh fhaotainn.
(Ri leantuinn).
[Vol . 9. No. 31. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 1, 1901.
Nach beag suim a thatar a’ gabhail de dhùthchannan America mu Dheas! Bha aimhreit agus cogadh eadar Chili agus Peru air a’ gheamhradh so, ach ’se àireamh gle bheag de luchd-leughaidh nam paipearan aig an robh fhios air. Feumaidh sinn aideachadh nach robh cuimhn’ againn fein air, agus gur e thug gu ar cuimhn’ aig àm so e, gu’n do thachair dhuinn fhaicinn gu robh iad a bruidhinn air cumhachan sithe dheanamh.
Tha muinntir Halifacs aig an àm so an dòchas gu bheilear a’ dol a thòiseachadh air togail shoithichean anns an acarsaid sin. Tha muinntir baile St. John ’san dòchas cheudna dha ’n taobh féin, agus faodar a radh gu bheil muinntir a’ bhaile so an dòchas gur ann a thoisichear air togail nan soithichean ann an Sidni. ’Se an duine bhios beò a chi, ach ’si bharail chumanta gu ’m bithear a’ togail shoithichean ann an aon air choireigin de na tri puirt sin mu ’n teid moran ùine seachad.
Dhiùlt Van Wyck, àrd-bhàillidh baile mor New York, a bhratach a chrochadh aig leth-chrann air talla a bhaile an deigh sgeula-bàis Victoria a chluinntinn. Chuireadh an duine so an dreuchd leis a chomunn dhroch-ainmeil sin a tha aig an àm so a riaghladh a bhaile, Tammany Hall. Cha’n eil Van Wyck a dheanamh mar a rinn e, air an aobhar sin, a cur miothlachd sam bith air na Breatunnaich. Tha iad a’ meas gur fhearr a bhi as aonais deagh-rùintean Thammany, agus nach b’urrainn esan a tha air an ceann urram bu mhotha chur air ar ban-righ nach maireann na nochdadh, mar a rinn e, gu robh e ’na dhearg nàmhaid dh ’i.
Tha Ban-righ Victoria ri bhi air a caradh fo’n fhòd am màireach (Di-satharna). Air a h-iarrtus féin bidh an tiodhlacadh air a dheanamh a reir nòs an airm. Bidh àireamh mhor mhiltean de na saighdearan a làthair, agus bidh an corp air a ghiùlan dh’ ionnsuidh na h-uaghach air carbad gunna-mhòir. Bidh an latha air a chumail air feadh na h-impireachd air fad mar latha bròin, ni a tha gle iomchuidh, oir ma bha urra rioghail riamh air thalamh a b’ airidh a caoidh, b’e ’n urra sin Victoria. Bidh an tòrradh air a dheanamh le greadhnachas nach fhacas ’àicheadh riamh roimhe, ach cha ’n iad-san a mhàin aig am bi àit anns na buidhnean greadhnach sin a bhios a cur urram oirre-se tha marbh. Bidh a cuimhne cùbhraidh ann an cridheachan mhilleanan anns gach cearna dhe’n domhan, agus cha ’n ann a chionn i bhi mor agus cumhachdach, ach a chionn i bhi, o thùs gu crioch a beatha ’sa rioghachaidh, mar mhnaoi agus mar bhan-righ, ’na deagh eisimpleir dhaibhsan a bha beò ri a linn fein agus dhaibhsan a bhios beò anns gach linn ri teachd.
Tha sinn an dochas nach ’eil am fathunn, gu bheil plàigh (bubonic plague) air bristeadh am mach ann an Africa mu Dheas, fior. Tha a phlàigh na nàmhaid moran na’s eagallaiche na ’n cogadh. ’Nuair a tha cogadh air a chumail suas ùine fhada ann an duthaich theth mar a tha Africa mu dheas, far a bheil an t-uisge gann, agus cuirp nan daoine agus nan each a grodadh fo theas laidir na greine cha’n ’eil dad a’s cinntiche na gu ’m bi tinneas am measg nan saighdearan. Bha e air aithris o chionn treis a dh’ uine gu robh a phlàigh ann an Durban agus ann an Capetown; agus ma tha e fior gu bheil i air bristeadh am mach an aiteachan eile dh’ fhaodadh gun tigeadh crioch gu h-aithghearr air a chogadh, agus sin ann an dòigh ris nach robh mor dhùil.
Tha Seumas Mac-Gilleain, Rathad a Chleirich, a sgriobhadh ugainn mar a leanas, agus tha sinn a creidsinn nach eil e ’g radh facal nach fhaodadh na ceudan de chinn theaghlaichean eile a radh mu ’n timchioll féin. Mar is motha ni MAC-TALLA ’s an dòigh so, ’s ann is fhearr, oir ’se beothachadh agus cumail suas na Gàilig is priomh aobhar air a bhi ’ga chur am mach, agus cha’n eil seòl a’s fhearr air sin a dheanamh na a bhi teagasg do ’n chloinn ’s do’n òigridh a bhi leughadh na cainnt mhàthrail ’sa gabhail tlachd innte. Tha Mr Mac-Gilleain ag radh:
“Tha ur paipear a’ deanamh feum mor na m’ theaghlach-sa. Tha ceathrar chloinne agam, an t-aon a’s sine ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus an t-aon a’s òige ochd bliadhna. Leughaidh gach aon dhiubh a’ Ghailig gu math, ged nach d’ fhuair iad leasan riamh, no cuideachadh o neach sam bith, ach le iad fhein a bhi feuchainn ri bhi leughadh a phaipeir Ghailig. Thòisich iad aig na Sanasan an toiseach, an sin thug iad dh’ ionnsuidh nan naigheachdan, agus an deigh sin an leughaidh eile, gus an nise nach eil àireamh dhe’n phaipear a tigh’n dh’ ionnsuidh an taighe nach eil iad a leughadh o cheann gu ceann.”
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Th an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 31. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha fear dhe na Vanderbilts—Alfred G. —air ùr-phòsadh, agus chuir e beagan lathaichean seachad o chionn ghoirid ann am Montreal. Nuair a bha e anns a’ bhaile sin cheannaich e còta-béin d’a mhnaoi air an do phàigh e ceithir mile dolair!
Chaochail duin òg a mhuinntir Cheap Breatunn, Iain M. Moireastan, ann anGrand Forks, B. C. ,Di-luain s’a chaidh. Fhuair e a bhreth us àrach ann an St. Peter’s. Bha e ’na fhear-lagha, agus chaidh e am mach do Cholumbia Bhreatunnach o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais.
Bha teine mor ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh, a loisg togalaichean a b’fhiach leis na bha ’n am broinn còrr us tri millean dolair. Chaidh aon togalach fiachail a losgadh—togalach Bord na Malairt, —bhatar an dùil nach b’urrainn do theine deargadh air an togalach so idir, ach ghabh e a cheart cho bras ri càch.
Ged a thatar a’ gabhail na deighe air an acarsaid, cha ’n eil i dad tuilleadh us sàbhailte. Chaidh Artar Ingraham troimpe Di-màirt s’a chaidh ’s e ’coiseachd thairis oirre as a bhaile. Bha e mu uair gu leth anns an uisge mu ’n d’ rainig cuideachadh e; bha e fad na h-ùine sin a greimeachadh ris an deigh. Air an latha sin fhéin chaidh gille beag a bha mach a sceatadh fodha, agus mur b’ e tapadh a chompanach bha e air a bhàtadh.
Cha ’n ann a mhàin air Loch Ainslie a thatar a’ cladhach air son, no a’ faotainn na h-olla. Bhuaileadh cuisle mhor ann an Texas air an t-seachdain s’a chaidh, agus thòisich an olla air spùtadh suas cho àrd ri leth-cheud troigh dh’an adhar. Bha e cho làidir ’s nach d’ fhuaireadh stad a chur air gu ceann choig no shia lathaichean, agus anns an ùine sin thatar a’ meas gu ’n d’ thainig ceud gu leth mile baraille dhe’n stuth a bh’ ann os cionn talmhainn.
Bha Iain Mac-Fhionghain, am fear a tha ’g obrachadh na drochaide tha thairis air na Narrows Mhora, air a thoirt gu cùirt ann an Sidni Di-mairt s’a chaidh. Bhatar a fàgail air gu robh e cur maill air na treineachan le bhi cumail na drochaide fosgailte nuair bu chòir i bhi dùinte; ach aig a’ chùirt cha robh fianuis ’na aghaidh a dhearbhadh sin air, agus chaidh a shaoradh. Tha e a nise ’maoidheadh an lagh a thoirt dhiubhsan a bha a’ toirt droch cliù air mar sheirbhiseach an rathaid-iaruinn.
Maduinn na Sàbaid s’a chaidh bha na seirbheisean ann an eaglaisean a’ bhaile air an cumail mar chuimhneachan air beatha agus bàs Ban-righ Victoria. Tha an togalach anns am bheil oifis a phuist agus tigh na cusbuinn air a chòmhdach ann an dubh, agus mar an ceudna an togalach anns am bheil oifis a’ bhaile. Tha na brataichean uile ’n crochadh ri leth-chrann gach latha o’n chaochail Victoria, ach a mhàin Di-ciaduin, an treas latha fichead, nuair a bha Prionnsa Wales air a mhionnachadh a stigh mar Righ Iomhar VII. —an latha sin bha na brataichean air an cumail ri ard-chrann gu dol-fodha na gréine. Bidh Di-satharna air a chumail mar latha bròin, agus bidhear a losgadh urchraichean leis na gunnachan mora aig àm an tiodhlacaidh.
Bha trioblaid anns na factoridhean-bhròg an Cuebec o chionn ghoirid, an luchd-obrach a’ cur an aghaidh innealan ùra bhatar a cur a stigh. Ach gu fortanach chaidh cùisean a cheartachadh, agus chaidh na daoine air ais a dh’ obair.
Tha moran tinneis air feadh a bhaile ’s na dùthcha aig an àm so. Tha an t-side gle mhi-fhallain. Tha an grippe a’ cur air moran ach cha ’n eil sinn an dùil gu bheil an cuslaint sin buileach cho dona ’sa bha i bliadhnaichean roimhe.
Thachair droch sgiorradh ann amBowmanville , Ontario,air maduinn na Sàbaid s’a chaid. Bha carbad a bha dol tarsuinn an rathad-iarruinn air a bhualadh leis an inneal-smùide, agus bha ’n triùir a bha ann, gille agus dithis nighean, air am marbhadh.
Aig cùirt a bha air a cumail ann am baile Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh, bha sianar air am faotainn ciontach de bhristeadh a stigh do thaighean air son meairle dheanamh. Fhuair fear dhiubh coig bliadhna, fear eile ceithir bliadhna, agus càch da bhliadhna ’n urra dhe’n tigh-obrach.
Bha side anabarrach briagha againn mu’n bhliadhn’ ùir, brata math sneachda air an làr, agus deagh roidean sleighe ann fad faisg air mios. Ach o chionn faisg air da sheachdain air ais, thainig caochladh mor air an t-side, agus uaithe sin tha’n t-uisge sileadh gu trice, agus tha an t-side fliuch, mi-fhallain.
Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh leth-cheud mile de dh’ eich ’s de mhiulaidean a cheannach ann an Staid Kansas air son an airm ann an Africa mu Dheas. Thòisicheadh air aiseag nam beothaichean a null air an t-seachdain so. ’S e coig ceud deug an àireamh a’s motha ghabhas cur a null air aon soitheach; bidh mar sin luchd tri soithichean deug air fhichead ann dhiubh.
Tha sinn duilich a chluinntinn gu bheil Domhull Mathanach, an ceannaiche, a fuireach ro-thinn. Tha moran chairdean aig Mr Mathanach am measg leughadairean MHIC-TALLA aig am bi co-fhaireachdain ris ’na thinneas. Tha Cailean Siosal, am fear lagha, gle iseal o chionn còrr us seachdain. Tha Seumas Patterson, aig na Forks, mar an ceudna gle thinn o chionn mios air ais. Tha an triùir dhaoine so gle mheasail aig na h-uile, agus b’ e ar dùrachd ’s ar guidhe dhaibh gu ’n biodh iad an ùine ghearr air an aiseag gu slàinte.
Tha taghadh luchd-riaghlaidh a’ bhaile ri bhi air a dheanamh Di-mairt s’a tighinn. Air son àrd-bhaillidheachd a’ bhaile tha Ualter Crowe, agus Cailean Mac-Fhionghain a ruith. Air son aiteachan-suidhe ’sa chomhairle tha ’ruith: —Anns a’ cheud roinn dhe ’n bhaile, W . A. G. Hill,agus Iain A. Young; anns an darra roinn, Tormad Domhnullach, Howard Caimbeal, agus Tearlach Hill; anns an treas roinn Domhnull Domhnullach agus D. A. Camaran; anns a’ choigeamh roinn, Ailean Mac Leoid, Alasdair Fyfe, Uilleam Fitzgerald, agus Niall A. Mac-a- Phearsain. Anns a cheathramh roinn tha H. S. Ros, agus Edward Keefe air an taghadh gu h-aon-ghuthach. Is roinnean ùra an ceathramh ’s an coigeamh, agus mar sin tha da chomhairleach air an taghadh leis gach aon dhiubh.
Reic-a- mach Mhor
DE
dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.
Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor.
H . H. Sutherland & Co.
SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Tha againn air an rathad a’ tighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 31. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXVIII.
Thriall am Prionns’ agus O’Neill gu Beinne-Mhaol gun stad: n-an turas thàrladh dhaibh tuiteam air bothan àiridh a bhunadh do dh’fhear Airidh-Mhuillinn, (bha e ’n tràth sin m’a
mheadhon òidhche.) Rinn am Prionnsa ’shìneadh ann an toman luachrach air cùl a’ bhothain, agus chaidh O’Neill a staigh; ach co a chitheadh e measg nighean na h-àiridh ach a
mhaighdean mhaiseach iomraiteach sin Fionnaghal Dhòmhnullach, nighean do shean fhear Airidh-Mhuillin, agus piuthar do ’n duin’ òg do ’m buineadh an àiridh chum an robh iad a nis air tighinn. Chunnaic O’Neill an ribhinn so roimhe ann an taigh Mhic- ’Ic-Ailein air dha bhi uair eigin roimhe sinn ann an Ormaicleit. Bha fios aige gun robh a mhaighdean so an deagh rùn do’n Phrionns’ agus dh’ fheòraich e dh’ i:— “An robh fios aic’ an robh luchd-torachd Thearlaich a dol a rannsachadh Beinne-Mhaol a màireach.” Thuirt Fionnaghal “nach rachadh iad ann a màireach, ach gn ’n robh iad gu bhi ann an earthar gu beachdaidh.” Thuirt O’ Neill a’ sin “gu ’n tug e caraide gu h-amharc,” dh’fheòraich Fionnaghal, “an e ’m Prionnsa.” Thuirt O’Neill gu ’m b’e; agus air ball chaidh e air toir Thearlaich, agus thainig e steach do ’n bhothan; chuir e fàilte shuilbhear air Fionnaghal, a’s rinn e suidh air fàilean a measg nan gruagaichean. Cha b’ fhada bha e na shuidh gus an tug a’ bhannarach dha làn mìos bheag Lochluinneach de ghruth ’s de dh’ uachdar, ni a thaitin ris, thasa gràdh, n’a b’fhearr no aon bhiadh air na bhlais e riabh.
Mu’n téid mi na ’s faid’ air m’ aghaidh le’m sgeula cuiridh mi sios Eachdraidh Fhionnaghail Nic-Dhòmhnuill ni’s mionaideiche, Bu Nighean i do shean fhear Airidh-Mhuillinn ann an Uidhist-a- chinne-Deas, chaochail a h-athair ma ochd bliadhna roimh ’n àm sin, agus bha a’ màthair air a h-ath phòsadh ri Uisdean Dòmhnullach, Fear Aramadail ’san Eilean Sgiathanach. Bha Fionnaghal mar bu tric a tuinich ann an Aramadal maille ri màthair agus r’a h-oide, Mr M’Dhòmhnuill, a bha air a’ cheart àm sin na cheannard air a h-aon dheth na cuideachdan a bha ’n tòir air Tearlach. Ged do thàrladh do dh’ Fhìonnaghal a bhi mu’n àm ud an Uidhist, cha robh i ach air ùr thighinn a nall as an Eilean-Sgiathanach do dh’ Airidh-
Mhuillinn a dh’ amnarc a bràthar a bha fathast a còmhnuidh sa’ bhaile sin ann a fearann athar. A nise, bha Fionnaghall agus baintighearna Mhic- ’Ic-Ailein anabharrach mòr ma chéile, agus a thaobh nach robh Ormaicleit ach tacan beag bho Airidh-Mhuillinn, bhiodh i mar bu tric’ anns a chisteaal maille ris a bhaintighearn. Thàinig i-féin agns caileag a bha còladh ridhe thun na h-àiridh so (anns na chòmhlaich i’ m Prionnsa) m’a bheul an anmoich air dhaibh a bhi air turas do dh’ ionad àraidh eile de’n dùthaich, agus a thaobh gun robh an òidhche fluich, chuir i roipe roipe fantainn ’san taigh-àiridh gu madainn.
Thuirt am facal “gur luaithe deoch na sgialachd,” air an aobhar sin cha do chuir am Prionns’ an céill do dh’ Fhionnaghal an cunnard agus an teanndachd ann an robh e gus na chuir e crìoch air a mhéis ghruth’ a’s uachdair, thuirt e’n sin gum bu chomasach dhise na’m bu deòin leatha ’fhòir bho làmhan nan eas-càirdean a bha cho dian an tòir air, dh’ fharraid Fionnaghal cia mar bu chomasach dhise, nach robh ach na boireannach air bheag cumhachd gniomh cho euchdach ris a’ sin a dheanamh ’s na dùthchannan uile fo luasgan le eagal an luchd-tòrachd? Thuird am Prionnsa gum faodadh i Litir-cead-siubhail dh’ i féin agus d’a mnaoidh-mhuinntir, fhaotainn bho h-oide fear Aramadail, agus gu’m falbhadh e lea fo ainm bean-mhuinntir air éideadh ann an trusgan mnà, a chum taigh a màthar san Eilean Sgiathanach far am faodadh i a chumail an cleth gus an rachadh gach cunnard uile tharais. Thuirt Fionnaghal chòir nach robh fios aice san àm cia mar fhreagradh sin d’i ach gu ’n cuireadh i comhairle ri bainn-tighearna Mhic- ’Ic-Ailein a bha i cinnteach a dheanadh dìcheall air còmhnadh leò chum na crìche sin na ’m faiceadh i chùis coltach: “air an àm” ars ise, cha ’n urrainn mi tuileadh a ràdh mun chùis ach leigidh mi fhios thugaibh tràth a màireach.” Air dh’ i sin a ràdh, ghuidh e soiridh lea air an òidhche sin, agus thriall e-féin agus O’Neill gu monadh Chòradail far an robh iad a’ cur rompa chuid eile de’n òidhche chur seachad.
Air madainn an ath latha thog Fionnaghal agus a bean-mhuinntir orra do dh’ Ormaicleit, chùm a còmhairle chur ri baintighearna Mhic- ’Ic-Ailein mu’n chùis; air dhaibh a bhi dol a null thar an fheoghail eadar Beinne-Mhaol a’s Uidhist a’ chinne-deas, a thaobh nach robh litir-cead-siubhail aig a h-aon aca ghabh an luchd-tòire an làimh iad nan dithis: Chuir na h-oifigich na h-urraid de cheisteachan cruaidhe air Fionnaghal, agus cha robh iad idir riaraichte leis na freagairean a bha i toirt seachad: air an aobhar sin chùm iad an làimh i anns an taigh-fhreiceadain rè na h-òidhche gus an tigeadh an ceannard sa’ mhadainn chum a ceasnachadh as ùr. Air madainn an ath latha thainig an ceannard, Fear Armadail, agus faigh ear a dhalta Fionnaghal an làimh anns an taigh fhreiceadain, ach a thaobh gun robh e na dhuine daontachachail, agus chomh-fhulanghas aige
Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:—
LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am baraillean ’s am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.
R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH.
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 31. p. 7]
ris a Phrionns’, ann an àite Fionnaghal a cheasnachadh, is ann a rinn e gach ni bha na chomas a chum còmhnadh lea ann an gniomh na tròcair, agus agrìobh e litir-cead-siubhail na h-ainm féin na mnatha-muinntir, agus ban-Eireannach, da’m b’ ainm Beti Burc, be sin an t-ainm a bha ’m Prionnsa gu fhreagairt ’nuair a chuireadh e uime an trusgan bainionn: sgrìobh e litir eile gu màthair Fhionnaghail a bha Beti Burc, (am Prionnsa) gu ghiùlan g’a h-ionnsaidh, anns an robh teisteanas Beti féin air a chur sìos gu cliuteach, da moladh mar deagh searbhant, thuirt e gum bu chaileag Eireannach i a bha ana-bharrach math air calanas, a chuireadh na h-uile ghoireas a bhunadh do thaigh tuathanaidh, no duin’ -uasail air aghaidh gu gasta.
Air do dh’ Fhionnaghal na litraichean so fhaotainn chaidh i gun stad do dh’ Ormaicleit a chur a comhairle ri Baintighearna Mhic- ’Ic-Ailein. Gun a bheag a mhaille dheanamh an sin dh’ fhalbh i féin ’sa bhaintighearn’ agus dithis na thriùir do bhaintighearnan òg eile a bha air seallach de’n Phrionns’ fhaicinn gu monadh Choradail; air daibh a dhol a steach do bhothan na beinne fhuair iad a mhòrachd rioghail a’ rostadh cridhe agus ghrùdan caorach air dealg seilich, thug an sealladh so air cuid dheth na bhaintighearnan òga bu mhaoth-chridhich’ na càch toiseachadh air gal. An sin thòisich am Prionnsa le falaghà air togail an cridhe, agus thuirt e ruitha gum bu mhath do gach rìgh air domhain gun tigeadh iad tro cho leugha deachainn ’sa thainig esan. Shuidh iad an deigh sin gun dinnear, Fionnaghal Nic-Dhòmhnuill air a dheis agus baintighearna Mhic’ -Ic-Ailein air làimh chlì. Mu’n àm sin bha bàta le làn sgioba air bhog aig a chladach ulamh gu seòladh léis ’s le Fionnaghal ge be uair a b’ àill leo.
Fòs, air dhaibh a bhi gabhail an dinneir thainig teachdaire, a’s anail na uchd, a dh’ innse do’n phairti gun tàinig an dearg-nàmhaid sin, Iain Caimbeul a Mhaim-Mhòir, do Bheinne-Mhaol le feachd lionmhor shaighdearan. Cha luaithe chuir an teachdaire sin an céill uirsgeul féin, na thainig gill’ eile ’g ràdh gun chuir long chogaidh pàirtich air tìr ann an Oirmicleit, agus nach robh iad a’ fàgail cùil no ciall gun rannasachadh, air tì an fhògaraich Rìoghail fhaotainn an làimh. Air cluinntinn sin do bhaintighearna Mhic- ’Ic-Ailein, mheas i iomchuidh tearnadh gu baile, air eagal gun dùisgeadh i bhi bho’n taigh an-amharas a measg na pàirtidh. Air dhi am baile ruidhinn dh’ fheòraich caiptin na luinge iomadh ceiste dh’ i ma dheighinn. C’ àit an robh i, thuirt ise gu’n robh i ’g amharc neach tinn uireasach a dh’ air taobh thall a bhealaich. Tacan an deigh sin chaidh Mac- ’Ic-Ailein agus a bhaintighearna a ghlacadh agus an giùlan air luing gu riuge Lunnainn air son a’ chaomhneis a nochd iad do ’n Phrionnsa.
B’ éigin do’n Phrionnsa nise dealachadh ris an fhear ma dheireadh dheth a chàirdean dealaidh O’Neill, ghuidh an gille bochd gu dùrachdach gu’n faodadh e dheagh mhaighistear a leantuinn n’a b’ fhaide air a thuras sgìth! ach thuirt Fionnaghal ris, gu’m b’fhearr dha deanamh air a shòn féin, mar dh’ fhaodadh e, gun deanadh gille Gallda mar bha e-san am brath gun teagamh, nan tarladh dhaibh a thighinn an àite cunnairt, gu h-àraidh, a thaobh nach robh facal ma dhéighinn anns an litir-cead-siubheil. Beagan ro mheadhon latha, air di-dòmhnaich an t-ochdamh latha fichead de mhios meadhonach an t-Shàmhraidh shonraich iad seòladh thar Chuan-sgìth, a dh’aon olc no éigin da’m faodadh tachairt. Air an aobhar sin sgeudaich Fionnaghal an Prionns’ ann an gùn do dh’anard soilleir cotabàn cùbhrainn, criosan geal air a bhial-thaobh, agus cleòca de chamaileid lachduinn air uchdar, air a dheanamh anns an fhasan Eireannach le cinneabharr do ’n cheann. Air dhaibh gach nìdh fhaotainn réidh ghluais iad chùm a’ bhàta, agus Niail mac Eachuinn Dhòmhnullaich, (comhdalta do sheana Mhac- ’Ic-Ailein,) mar ghille freasdail aig Fionnaghal. Ràinig iad a nis’ an cladach, (a bha gréis mhath air astar bho Thuineach Beinne-Còradail,) gu sgìth, fuar, fluich, bheothaich iad teine ann an glacaig dlù do’n lic aig an robh am bàta na laidhe a chum an cumail blàth gu ciaradh na h-òidhche, an t-àm a shònraich iad am bata chur fa-sgaoil agus an cuan a ghabhail, cha b’fhada bha iad da’n garadh ’nuair a chunnaic iad ceithir bàtaichean Fineach, làn de dhaoine fo àrmachd, a’ deanamh do réir coltais air tìr, far an robh am bàta aca féin na laidhe, thug eagal gum mothaìcheadh na nàimhdean do’n ceò orra teine chur ás. Ach gu sealbhach sheòl na bàtaichean suas gu deas gu ’n uidhir a’s amharc a dh’ ionnsuidh na tire ged nach robh iad ach ma thuaiream urchair gunna bho ’n àite robh am Prionns’ agus a phàirti ’n-an laidhe am measg an fraoich.
M’a ochd uairean ’san fheasgar, chaidh Tearlach agus a phàirti do ’n bhàta, agus sheòl iad bho eirthire Beinne-Mhaol, gun sùil nàmhaid da’m faicinn, agus ghabh iad thar Chuan-sgìth a dh’ionnsaidh an fhearuinn Sgiathanaich. Faodaidh sinn a nis’ a thoirt fa-near ged bu tric a chaol-thearainn am Prionnsa féin bho phainntrich a nàmhaid gu’n do thuit a luchd-leanmhuinn gu léir ach Imher Burc agus O’Suilibhan ’n-an làmhan. An ceann thrì latha an deigh do Thearlach am t-Eilean-fada fhagail thàinig long Fhràngach, le sia fichead fear Uidhist a Chinne-Deas, los a ghiùlan do’n Fhràing, chaidh O’Suilibhan air ball gu bòrd agus dh’ fhalbh e lea, thaobh gun sheòl i air an òidhche sin fein, air dhaibh a chluinntinn gu ’n dh’fhàg am Prionns’ an dùthaich. An ceann latha no dhà an deigh sin ghlacadh O’Neill, agus chaidh a chur gu prìosan an Tùir an Lunnainn. Bha Domhnull Mac-Leòid fad iomadh latha na fhear cùirn air feagh bheanntaichean an Eilein-Sgiathanaich; fadh-eòigh, air a’ chùigeamh latha de mhìos mheadhonach an t-Shàmhraidh, chaidh a ghlacadh, agus a ghiùlan a chùm an Tùir Lunnainnich far na chum iad e ’na phrìosanach fad iomadh latha. Bha Imher Burc n’a bu shealbhaiche, ghabh e didean ann an uamhaig ann an ionad uaighneach de na h-Earadh, a’ tighinn beò mar a bh’ fhearr a dh’ fhaod e air iasg a’s sithinn, gu àm nasgaidh na saorsa do gach fògarach sa’ bdliadhna 1747. Chaidh e ás na h-Earadh do Dhunéideann far an deach e’n séilbh na h-oibreach bu ghnàth leis ro’ àm a’ chogaidh. Chaith e deireadh a laithichean anns a’ bhaille-mhòr sin gu taingeil, toilichte ’g òl leanna agus ag aithris a sgeòil.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatunn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid.
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 31. p. 8]
Oran nan Cat.
Rinneadh na rannan a leanas le Niall Mac-a- Bhiocair (Niall Ruadh Mor) a rugadh ann a Bhallaidh, an Uidhist a Chinn-a- tuath. Thainig e do Cheap Breatunn mu thri fichead bliadhna air ais. Rinn e iomadh òran san dùthaich so. Ma tha gin dhiubh air chuimhne aig leughadair sam bith bhitheamaid gu mór na chomain na ’n cuireadh e ugainn iad; oir tha àbhachdas “Oran nan Cat” a toirt oirnn a chreidsinn gur math a b’ fhiach iad an cur an clò. Bha “Oran nan Cat,” ma ’s fhior, air a dheanamh aig banais fìdhleir. An deigh na bainnse chruinnich àireamh de chait an àite far an robh a phiob-mhor air a cur a thaobh, agus an deigh sabaid gu h-eagallach feuch co aca a gheibheadh an roinn bu mhotha de mhál na pioba, shrac iad as a cheile i. Anns a cheud rann tha am piobaire a caoidh sgrios na pioba, agus an deigh sin tha na cait a cur an ceill am barail fhein mu ’n chuis:—
Oidhche banais an fhìdhleir
Bha mi inntinneach eutrom,
Mo chridhe mire ri ’m inntinn,
’S bha gach ni leam a’ géilltinn;
Pìob nan dos ’s i fo m’ achlais,
’S dheanainn caismeachd do cheudan:
Mu ’n d’ thàinig deireadh na h-oidhche
Cha robh mìr dh’ i ri chéile.
SEISD—
Bheir mi o raill òho
Agus o raill éile,
Bheir mi o raill òho
Agus o raill éile,
Bheir mi o raill òho
Agus o raill éile,
Gur e mis’ tha gu tùrsach,
’S mo chruit-chiúil air mo thréigsinn.
Thuirt an cat a bha ’n Langais,
“Tha mo cheann air dhroch cìreadh,
’S tim dhomh féin a bhi sealltuinn
Ciod e ’n t-àm tha e dh’ oidhche;
’S mor gu ’m b’ fhearr leam bhi ’n còs
Aig amhuinn Lònaidh ’n am shìneadh,
No na fhuair mi ’phìob Dhòmhnuill,
’S chaidh an ceòl feadh na fìdhle.”
Thuirt an cat a bha ’n Cìrean,
“ ’S tim dhomh féin bhi dol dachaidh,
Ma ’s a maith cath nan ìongnan
Tha mi sgìth dhe ’r cuid sabaid.”
Thuirt cat mor Bun-na-dìge,
“Mo chluasan féin air an sracadh:
’S mor gu ’m b’ fhearr leam i Dhòmhnuill,
A’ bhi gu ceòlmhor fo d’ achlais.”
Thuirt an clot-cheannach duaichnidh,
An cat ruadh a bh’ aig Dòmhnull,
’S a dhà thaobh air an gualladh,
Mar chaidh fuachd ann le reòtachd:
“ ’S fad o’n chaill thu na cluasan
Mu ’n an truailleachd a’ d’ òige,
Bhiodh tu crògnadh an uachdair
A muigh aig buailtean na mòintich.”
“Eisd, a shiongaire lachduinn,
Mu ’n cuir mi asad an t-eanchainn;
De chuir thusa gu baile
’Chur na h-athais sin ormsa?
Ma chaill mise na cluasan,
Cha b’ ann mu ’n truailleachd a dh’ fhalbh iad,
Ach droch easalint a bhuail mi
’S thug iad uam gus mo theannacs’ iad.”
Thuirt cat Dhòmhnuill na Camairt,
“B’ fhearr domh fantail ’s a mhòintich;
’S daor a phàigh mi mo shuipeir
No na dh’ ith mi no dh’ òl mi.
’S ann a chaill mi mo shùilean,
Ge b’ e ’n cù bha ’g an sgròbadh,
Air son craicionn seann rùda,
’S gur e m-n thug a chlòimh dheth!”
Thuirt cat Thormoid* ’s e labhairt,
“Théid bhur sparradh am prìosan,
Bho ’n tha mise ’n a’ m’ Earraid,
’S duine daingean bho ’n Righ mi;
Théid bhur glacadh mar mheirlich
Bho nach tàmh sibh an oidhche,
’S dòch’ gu ’m faic mi ’n glas-làmh
Gu tigh guard am Port-righ sibh.”
* Bha Tormad ’na fhear dreuchd fo ’n righ, agus bha an cat aige, mar a bha nadarra gu leor, a gabhail ceannais os ceann chaich.
Seachran Seilg.
AM BARD LUIDEAGACH.
Chaith mi ’n latha ’n deigh na faoghaid,
Air feadh bheann ’us ghleann ’us dhoire,
Gus ’n a chaill mi anns a’ choille
Toirm nan gadhar ’s lorg an fhéidh.
’S bho’n bha’n oidhche air tigh’n frasach,
Sheall mi air son àite fasgach,
Far am faighinn leaba ’nasgaidh,
Am measg chama glas an t-sléibh.
Fhuair mi sid aig bun a’ bhruthaich,
Bothan àiridh air dhroch thubhadh,
Toll na ’mhullach air son luidheir,
Sgroth ’s an uinneig taobh na gaoith’;
Sgathach bheithe air son comhla,
Nach ceileadh a bheag de ’n dò-bheart,
’S a chuir eagail air na bòcain,
Rinn mi dòigh air teine fraoich.
Bha isean feannaig ann am phòca,
Air nach d’ amais moran clòimhtich,
Chuir mi car dheth anns a’ bheòlach,
’S bha e ròist’ agam gu m’ riar;
Choisrig mi an creutair neòghlan,
Le deur beag de shugh an eòrna;
’S ged nach robh a’ chuirm ro-shòghar,
’S mairg bhidh tonnasach ma’n bhiadh.
Mar is gnàth leam an déigh féisde,
Rinn mi ’phiob-thombaca ’ghléusadh,
Thug mi ’n taod á ceann mo réusain,
’S leig mi fad na sréin le m’ smuain.
’Ghabhail iolla ris na dealbhan,
A bha ’g éirigh suas ’s a’ ghealbhan,
Samhla faoin air nithe talmhaidh,
Faileis anfhann anns an luaith.
Anns a cheò ’bha ’snàmh ma’n cuairt domh,
Cruthan caochlaideach ag gluasad,
Ag cur m’ inntinn ann am buaireas,
Nach eil soirbh a luaidh ’an cainnt.
Cha robh buidseachd ag cur sgleò orm,
’S cha robh sgaoim orm romh bhòcain,
Ach bha riochd air bràigh na còmhla,
A chuir m’ fheòil air chrith ’s gach reang.
Dà shuil lasrach an clar aodainn,
Nach robh ’choimeas furasd’ fhaotainn,
Sròn cho fada ris an taobhan;
’S paidhir adhaircean air a cheann.
Dh’ éirich mi gu grad air m’ uilinn,
’S thug mi ionnsaidh air a’ ghunna,
Ach cha d’ thug e suim no umhail,
Mar gu ’m b’ iomhaigh umha bh’ ann.
Spion mi ’bhonaid bhar mo chlaiginn,
Dh’ aithris mi mo chréud ’s mo phaidir,
Ghearr e leum ’us rinn e sraitheadh
Mar fhuaim canain ann am chluais.
’Cheart cho fior ’s tha sròn air m’ aodann,
Chuala mi gu soilleir gleadhraich,
Mar gu ’m bitheadh tu a’ slaodadh
Slabhraidh thar nan clacha cruaidh.
’Righ gabh againn! sin e rithist!
Thog mi ’n gunna ’s leig mi ris i,
Dh’ eirich e mar eun air iteig
’S teine drillsneach as a dhéigh.
Le fàile pronnaisg ’s toit an fhudar,
Thuit mi seachad air an urlar,
’S ’nuair a dh’ fhosgail mi mo shuilean
Cha robh duil leam ach mi fhéin.
Bha ’n oidhche ’nis air fas ro-shalach,
Bhruchd na tuiltean troimh na gleannaibh,
Fhreagair creag ’us beinn le farum,
Fuaim na gaillinn air an raon.
Las an iarmailt suas mar fhuirneis,
Le tein’ -athair gathach, lubach,
Na ’dhearg still mu chinn nan stucan,
’Leum le sput o thaobh gu taobh.
Ach ma dheireach bhrist an latha,
’S thionndaidh mi mo cheum gu baile,
Thug mi suil air cul an tighe
Dh’fheuch am faighinn lorg am laoich;
Ach an àite crodhain Shàtain
Bhi ri fhaicinn anns a chlàbar,
’S ann a fhuair mi each a’ Ghàidsair,
Toll na ’mhaileid ’s fhuil ma’n fhraoch.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
GIBHTEAN NOLLAIG.
Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets , Lockets, Dressing Cases,Bataichean le cinn oir.
ANNS AN STOR AIG—K . BEZANSON.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE, 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
title | Issue 31 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 31. %p |
parent text | Volume 9 |